Skip to main content

Full text of "Co'chruinneachadh, air a chur r'a chle air iarrtas Comuinn Ard-Sheanadh Eagluis na h-Alba : arson an sgoilean, air feadh T-m agus Eileana na Gaeltachd"

See other formats


r  Macleod  (DrJN  orman,  oTCampsie) 
Gaelic  Collection  in  Prose  and  Verse, 
12mo  calf,  neat,  3s  Glasgow  1828 

A  collection,  Origiual  and  Selpct,  sf  considerable 
merit. 


EX-LIBRIS 


|HEW-MQRKlSON|l 


CO'CHRUINNEACHADIT, 

AIB 

A    CHUR    k'a    CHEILE 

AIR  lARRTAS 

COMUINN 
ARDSHEANADH  EAGLUIS  NA  H-ALBA; 

ARSON 

AN  SGOILEAN, 
Airfeadh  Tir-mòr  agus  Eikana  na  Gaeltachd. 


LE 

TORMAID  MACLEOD,  D.  D. 

MINISTEIR  AN  T-SOISGEIL  ANN  AN  CAMPSIE. 


GLASCHO: 

CLO-BHUAILTE    LE   A.  YOUNG. 

1828. 


LAURIST-ON  CASTI.E 
LIBRARYACCESSION 


AN  CLAR-INNSEADH. 


Taobh-dhuiUeag; 

1  Nithe  gu  bhi  air  an  teagasg  do  Oigridh, ~~ —     1 

2  Neo-bhàsmhoireachd, ,,,^„,~ 1 

3  Freasdal  De, : 3 

4  A  bhuannachd  a  th'  ann  a  bhi  diadhaidh  trathail, 5 

5  Mu  Dhiadhachd  Chriosd, 6 

6  Messsiah, 8 

7  Criosd  na  Dhia  agus  na  dhuine, H 

8  Latha  na  Sabaiclp, r 12 

9  Maduinn  na  Sàbaide, .~^,~>.~w>~.>.~>~..~.>.w.»>^~^„.,.~..w~-.  14< 

10  Tigh  Dhe, 15 

11  Laoidh  na  Sàbaide, ~~..~~~v~~ ~~. .~~„ .,~~  18, 

12  Beinn  Vesuvius, . ~....~  19 

13  Leabaidh  bhàis  an  Fhoirbhich, 22 

14)  Bàs  Altamond, 26 

15  Taisbean  Mhirsah 29 

16  Uile-lathaireachd  Dhe,  -~..: 3ò 

17  Mu  Mhòrachd  Dhe, . 36 

18  Dleasnas  cloinne  d'am  Parandan, ~.~  37 

19  Mo  Mhàthair, 40 

20  Mu  theachd  Chriosd  do'n  t-saoghal, 42 

21  Aiseirigh  Chriosd, „ 45 

22  Laoidh  mu  aiseirigh  Chriosd, 47 

23  Crann-ceusaidh  Chriosd, ~ ...,~~, 47 

24  Fulangais  Chriosd, 49 

25  Mu  Mhionnan  mi-naomha, 51 

26  Mù  sheinn  Shalm  agus  Laoidhean  do  Dhia, 54 

27  Dàn  mu'n  t-Sabaid 59 

28  Mu  bhreugan,  Earail  to  Oigridh, 61 

29  Laoidh  mu  bhreugan, ^ „ 64 

a  2 


Taobh.<ihuilleag. 
80  Mu  Aithreachas, ^ 65 

31  Co  freagarrach  'sa  tha'n  Soisgeul  do  chor  dhaoine, 68 

32  Mu  na  Drìiidhean, , 70 

33  Laoidh  Mhic  Cealair, 73 

34  Long  mhor  nan  Eil-thu'each,,.->™- ,. , ^  79 

35  Earrann  II., ..,<,«,, .„„...>...■—.  83 

36  An  Gaedheal  a'  fagail  a  Dhùthcha,.^ ^ 88 

.37  Mu  Chalum  Cille, -~  94 

38  I  Chalum  Chille, -104 

39  An  Claigeann, 111 

40  M'an  Ghrèin, ^ 113 

41  Oisein  do'n  Ghrèin, >^ ^..,. ~. — ^~.l  17 

42  Eirigh  na  fìn^-inp^  ^  —  119 

43  Dan  do'n  Ghrcin, ~-.120 

43  Mu  Ghrèin  na  Fireantachd,.^.-..,.^ > — 120 

44  Mu  thimchioll  a  Bhiobuill,  , 125 

45  Dan  mu  Chraobh-sgaoileadh  a  Bhiobuill, ™. 127 

46  Innseanach  America, 130 

47  Mubhàs  Màthar, 134 

48  Mu  cho-fhurtachd  mu  bhàs  Màthar, ^ 136 

49  Sgriobhadh  air  Hchd-lighe  'an  Clachan-an-dìseirt, 139 

.50  Marbhrann  do  Mr.  Beattie  a  bha'n  Obaireadhain,  140 

51  Mar  fhuaradh  a  mach  America, 144 

52  Lavinia,  149 

33  Mu  na  h-Aingil  Nuomha, lòO 

54  Mu  dhroch  Cuideachd  a  sheachnadh, 158 

53  An  Seillein, 139 

56  Na  Sochairean  Spioradail  a  tha  na  Gaedheìl  a  nis  a'  sealbh- 

achadh,  130 

•57  Craobh-sgaoileadh  an  t-Soisgeil, 162 

58  Mu'n  Chuideachd  a  ta  chum  Eolas  Criosduidh  a  sgaoileadh 

feadh  Gaeltachd,  &c 163 

59  Dàn  do'n  Chomunn  cheudna 163 

60  Cuideachda  mhòr  a  BhiobuiU  'an  Lunnuinn, 166 

61  Dàn  do'n  Chomunn  cheudna, 168 

62  Mu  chuideachda  nan  Sgoilean  Gaedhlach, 171 

63  Dàn  do'n  Chuideachda  cheudna, 173 

64  Mu  Sgaoilean  Ard-sheanadh  Eaglais  na  h-Alba, 174 


Taobh-dhuUleag. 

65  Dàn  air  an  t-sealla  thaitneach,  a  tha  'm  beachd  na'n  Gael,..179 

66  Mu  Urnuigh,  180 

67  Laoidh  na  h-Urnuigh, : 183 

68  Ma'n  t-suidheachadh  inntinn  a  tha  freagarrach  do  Urnuigh,  185 

69  Còmhnadh  an  Spioraid  ann  an  Urnuigh, 189 

70  Naomhachadh  an  Spioraid 194. 

71  Mu  Bhàs  Chriosd, 195 

72  Gairm  do  pheacaich  iad  a  theicheadh  chum  Chriosd,  197 

73  Lagh  Mhaois  air  a  chriochnachadh  le  Bàs  Cliriosd,  agus  an 

Soisgeul  a'  tòiseachadh,  198 

74  Criosd  a'  teachd  a  thoirt  breith  air  an  t-saoghal, 200 

75  Criosd  'na  Bhis,  a'  toirt  buaidh  air  uile  naimhdean  a  luchd- 

leanmhuinn,  201 

76  Criosd  a'  gairm  a  chuid  caorach  chum  a  dheas-laimh  air  là  a 

Bhreitheanais,  203 

77  Criosd  na  Bhas  a'  cur  suas  a  Rioghachd  Spioradail  air  nach 

d'  thig  crioch,  205 

78  Riarachd  inntinn, 207 

79  Mu  eadar-ghuidhe  Chriosd , 208 

80  Laoidh  mu  earbs'  a  Criosd, 212 

81  Ma'n  Chuan, 215 

82  An  Cuan  ùmhal  do  Dhia, 217 

83  Mu  Reull-iùil  na  h-àirde-tuath, 218 

84  Ma'n  truaighe  a  tha  sruthadh  o  Mhi-chreidimh, 219 

85  Steigh  ar  dòchais, , 221 

86  Duan, 222 

87  An  Garbh  mac  Staim, .223 

88  Briathran  Mala-mhin, 225 

89  Aishng  Mala-mhin 225 

90  Dànmu  Chonaltradb, 227 

91  Comhairlean  Easbuig  Carsvvell  d'a  Mhac, ....228 

92  Mu  Sheann  Dain  na  Gaeltachd,  230 

93  Amaideachd  a  bhi  fo  eagal  san  dorch, 234 

94  Mu  mhaitheas  De  d'ar  taobh,  235 

95  Teaghlach  Dhe, 237 

96  Failte  do  Mhnaoi  òig  le  ceud  bhrèid, 240 

97  Mu  na  Sìothaichean, 2H 

98  Sgeul  air  Coire  na  Slthe,  ...244 

a  3 


Xaobh.dhuiUeag. 
9!)  Mìann  a  Bhaird  a  fhuair  aois, 249 

100  A  bhi  striochda  do  Dhia, 250 

101  An  oighreachd  is  luachmhoire,  251 

102  Sgeula  mu  Easbuig  Butler, 252 

103  Mu  thimchioU  Dhe, 253 

104  Sealladh  air  Baile  Isrusalem,  le  fear-turuis, ib. 

105  Mu  chall  a  Bhàta  d'am  b'ainm  Màire  o  lona, 254 

106  Gliocas  air  a  tharruing  uaithe  sin, 256 

107  Laoidh, 260 

108  Mu  f  harsuingeachd  Cruthachadh  Dhe, ib. 

109  Cliu  o  Oibribh  Dhe,  263 

110  Mu  na  Laplannaich, 265 

111  Dàn  ma'n  Gheamhradh, 266 

112  Mu  Fhiadh  nan  Laplannach, 267 

113  Dàn;  'S  taitneach  guth  a  Bhaird 268 

114  Sealladh  air  dol  fodha  na  Greine  o  mhuUach  Beiim  àrd  'an 

Earra-ghael, 269 

115  Oisein  do'n  Ghrèin  an  am  luidhe, 273 

116  Eachdrai  mu  Mhàiri  nighean  Ailein,  ib. 

117  Earrann  II.,  ..277 

118  Laoidh,  ..280 

119  Mu  bhuaidh  Chriosd, 281 

120  Mar  bhàs  laila  Earra'ghael  sa  bhliadhna,  1685, 282 

121  Cumha  do'n  larla  cheudna, 284 

122  Mu  Imrich  nan  Eun, 285 

123  Mu  philleadh  an  t-Sàmhruidh,  287 

124  lainGilpin, 288 


CONTENTS. 


Author.  Translator. 

Lessons  to  be  taught  to  Youth, Dodiley  Dr.  M'Leod 

Immortality, Mrs.  Barbauld  ib. 

Providence, ib.  ib. 

The  goodness  of  God, ib.  P.  M'Far. 

The  familyof  God, «6.  ib. 

The  advantage  of  early  Piety, IFatts  Dr.  J.  Smith 

Omnipresence  of  God,  Siunn  Dr.  M'L. 

The  greatness  of  God, D.  Buchanan 

The  birth  of  Christ, Original  ib. 

The  Godhead  of  Christ,  Varims  ib. 

The  Messiah, Pope  E.  M'L. 

Christ,  God  and  Man, Du  Bosc  Dr.  M'L- 

The  adaptation  of  the  Gospel  to  the 

circumstances  of  Man Raffies  p.  M'F. 

The  sufferings  of  Christ — a  Poem,  ...D.  Buchannn 
The   cross  of  Christ,    an   object  of 

Glory, M'Lavrin  ìh. 

The  death  of  Christ, Dr.  Blair  ib. 

Christ's  invitation  to  Sinners;  a  Poem,  D.  Buchanan 
The  Mosaic  Dispensation  concluded, 

and  the  Gospel  commenced, Dr.  Blair  ib. 

Christ's  coming  to  Judgment, D.  Buchanan 

Christ  vanquishing  the  enemies  of  his 

followers Dr.  Blair  ib. 

Christ  in  his  death  erecting  his  spirit- 

ual  Kingdom, j6.  ib. 

The  resurrection  of  Christ,  Hardie  Dr.  M'L. 

A  Hymn  on  the  Resurrection Watts  Dr.  J.  Smith 

Christ  saluting  the  faithful  on  the  day 
of  Judgment, D.  Buchanan 


Vlll 


Author.  Translator. 

Duty  of  children  to  their  Parents,  ....Dr.ThomsonsCoU  Dr,  M'L. 

My  Mother — a  Poem,  Mrs.  Opic  ib. 

The  Sanctification  of  the  Sabbath,  ....Dr.  A.  T.  ib. 

The  Sabbath  Morn, Graham  ib. 

The  House  of  God,  Dr.  L,  Richmond         ib. 

The  Sabbath  Hymn, Walls  ib. 

Profane  Swearing, Varìous  ib. 

Caution  against  lying,  Hardys  Col.  P.  M'F. 

Hymn  against  lying, Ifalts  Dr,  M'L, 

Repentance, Original  ib. 

The  Bible, Dr.  A.  T.'s  Col.    J.  M'D. 

The  dififusion  of  the  Scriptures  through 

the  Islands  and  Highlands, Rev.  D.  M'Lean 

On  Prayer, Original  Dr.M'L. 

Prayer — a  Poem, Montgnmerie    '  ib. 

Disposition  suitable  to  Prayer, ...Thomton  ib. 

The  assistance  of  the  Spirit  in  Prayer,  nickcrstajr  P.  M'F. 

The  Sanctification  of  the  Spirit, Watts  Smith 

The  intercession  of  Christ, — the  foun- 

dation  of  hope  in  Prayer, Bickerstaff  P.  M'F. 

Trust  in  Christ — a  Poem, Dr.  J.  Smith 

Immensity  of  Creation, Varìous  D.  M'L. 

Praise   to   God   from  his   Works — a 

Hymn,  Watts  Dr.J.Smith 

The  triumphs  of  Christ — a  Hymn,....il/rs.  Camjìbell  of  Barr 
On  singing  of  Psalms  and  Hymns,  ...Dr.  GiUies  D.  Ken, 

Scotland's  Sabbath — a  Poem,  Graham  E.  M'L, 

Grief  for  the  loss  of  a  Mother, Belfrage  Dr.  M'L. 

Comfort  under  the  loss  of  a  Mother,         ib.  ib. 

Epitaph  in  the  Church-yard  of  Glen- 

lurchy, Anon. 

Elegy  on  Dr.  Beattie,  Aberdeen, E.  M'L. 

On  the  Holy  Angels, Dwight  Dr.  M'L. 

On  avoiding  evil  Company,  Dr.  A.  T.'s  Col.         ib. 

Contentment— a  Poem, D.  Buchanan 

On  the  advantages  now  enjoyed  by  the 

Highlanders,  Dr.  M'L. 

The  diflfusion  of  Spiritual  Knowledge 

— a  Poem, M'Gregor 


IX 

Aulhor.  Translator, 

The  Society  in  Scotland  for  propagat- 

ing  Christian  Knowledge,. Dr.  M'L. 

A  Poem  to  do M'Gregor 

The  British  &  Foreign  Bible  Society,  Dr.  M'L. 

A  Poem  to  do M'Gregor 

The  Gaelic  School  Society,  Dr.  M'L. 

A  Poem  to  do M'Gregor 

General  Assembly's  scheme  for  Schools 

and  Catechists, Dr.  M'L. 

The  happy  prospect  novv  opened  up  to 

the  Highlanders, M'Gregor 

The  Druids,  Toland^  Smilh      Dr.  M'L. 

M'Kellar's  Poem, 

The  Emigrant's  Ship, Dr.  M'L. 

The  Minister's  visit  to  do ib. 

The  Highlander's  farewell  to  his  Coun- 

try, Anon. 

The  Life  of  St.  Columba, Smilh,  ijc,  Dr.  M'L. 

Description  of  I  Colum  Cili, Pennant,  <^c.  ih. 

Moral  Reflections  on  the  present  state 

of  I  Colum  Cill, Dr.  M'L. 

The  Sun,  Dr.  A.  Thomson    J.  M'D. 

Ossian's  address  to  the  Sun, 

The  rising  of  the  Sun. Slurm  Dr.  M'L, 

Ossian  to  the  rising  Sun, 

The  Sun  of  Righteousness, Hervey  P.  M'F. 

On  discovery  of  America, Robertson  Dr.  M'L. 

Lavinia, Thomson  ib. 

The  industrions  little  Bee, Watts  ib, 

The  American  Indian, Fullon's  Cd.  P.  M'F. 

Mount  Vesuvius, Bishoi)  Berk.  Dr.  M'L. 

The  Eider's  Death-bed Anon.  ib. 

The  Death  of  Altamond, Young  ib. 

TheOcean, Varims  ib, 

The  Sea  obedient  to  God — a  Poem,    Watts  Smith 

The  Polar  Star,  Slurm  Dr.  M'L. 

The  evils  of  Iniìdelity,  Dr.  A.  T.  P.  M'F. 

The  foundation  of  Hope — a  tìymrì,. ..Watts  Smilk 


Author.  Translator. 

Aii  Elegy Anon. 

Garvo,  the  Son  of  Starna, Dr.  A.  S.'s  Gaelìc  Gramimr 

Fingal's  Advice  to  Oscar, Ossian 

Malvina's  Dream ib. 

Conversation — a  Fabie, E.  M'L. 

Bishop  Carswell  of  Argyle  to  his  Son 

— a  Poem, 

On  the  Ancient  Poetry  of  the  High- 

landers,  Anoìi. 

The  Bard's  salute  to  the  Kerchief,....    ib. 

The  Fairies'  Superstition, Br.  M'L. 

The  Tale  of  Corrie  na  Sithe,  ib. 

The  aged  Bard's  Wish, Anon. 

The  foliy  of  being  afraid  in  the  dark,      ib.  J,  M'D. 

Resignation  to  God, Pulpit  Dr.  M'L. 

The  best  estate — an  Ancudote, ib.  ib. 

Anecdote  of  Bishop  Butler, ib.  ib. 

Anecdote  of  Collins  the  Free-thinker,     ib,  ib. 

A  vievv  of  Jerusalem, Rae  Wilson  ib, 

On  the  loss  of  the  Mary  of  lona, Anon.  ib. 

Moral  reflection  on  the  loss, ib.  ib. 

A    Hymn,  Mrs,  Campbell  of  Barr 

The  Laplanders,  Various  Dr.  M'L. 

Winter — a  Poem, A.  M'Donald 

The  Rein-deer,  Various  ib. 

Pleasant  the  voice  of  the  Bard,  Ossiaìi 

A  view  of  the  Sunsetting Dr.  M'L. 

Ossian  to  the  setting  Sun 

Mary,  the  daughter  of  Alhm — a  Moral 

Tale, S.  Cam^ron 

A  Hymn  on  the  Grace  of  Christ, M'Gregor 

On  the  death  of  the  Earl  of  Argyle,...^non.  ib. 

Lament  for  do. — a  Poem,  M'Keich 

On  the  migrations  of  Birds,  Various  ib. 

On  the  returu  of  Summer,  A.  M'D. 

John  Giipin, Cowper  ib. 


Mearachdan  a  Chlo  •hhualaidh. 


raabhdhuillcag. 

Sreith. 

33 

18 

arson  mac  aon  duine, 

leugh  mac  an  duine. 

32 

13 

—     builich, 

—     bhuilich. 

Q5 

2 

—    saoghalta, 

—     foghluimte. 

— 

4 

—    mothaich. 

—     mhothaich. 

'     273 

3 

—     fein. 

—     rèidh. 

165 

16 

—    cliiteach, 

—     ch'ùiteach. 

CO'-CHRUINNEACHADH 

ARSON  SGOILEAN 

ARD-SHEANADH  EAGLAIS  NA  H-ALBA. 

1.  Nithe  gu  bhi  air  an  teagasg  do  ùigridh. 

Ulluich  do  Dihac  arson  teagasg  tiàthaiJ,  agus 
cleachd  inntinn  ri  briathraibh  na  firinn.  Dean  faire 
thairis  air  aomadh  agus  air  rùn  inntinn ;  cuir  ceart 
e'an  àni  òige;  agus  na  ceadaich  droch  cleachda  sam 
bith  fàs  agus  neartachadh  le  bhliadhnuibh.  Mar  so 
cinnidh  e  raar  ghallan  àluinn  air  uchd  na  beinne; 
agus  chithear  a  cheann  ri  ùine  os  ceann  uile  chraobh- 
an  na  coille.  Tha  raac  aingidh  na  chulaidh-mhas- 
laidh  d'a  athair,  ach  esan  a  ghiulaineas  e  fein  gu 
ceart  tha  e  na  urram  d'a  cheann  liath.  Teagaisg 
umhlachd  do  d'  mhac,  agus  beannaichidh  e  thu ; 
teagaisgmacantas  dha,  agus  cha  bhi  nàir  air;  teag- 
aisg  dha  taingcalachd,  agus  builichear  sochairean  air; 
teagaisg  seirc  dha,  agus  cosnaidh  e  gràdh;  teagaisg 
dha  raeasarrachd  a's  bithidh  aige  slainte;  teagais^  dha 
gliocas  agus  bithidh  àgh  agus  cinneas  air;  tcagaisg 
dha  ceartas,  agus  cosnaidh  so  dha  meas  an  t-saogh- 
ail ;  teagaisg  dha  treibh-dhireas,  's  cha'n  agair  a 
chridhe  fein  e;  teagaisg  dha  bhi  adhartach,  agus 
meudaichidh  a  mhaoin ;  teagaisg  dha  fiughantachd, 
agus  bithidh  inntinn  air  a  h-àrdachadh ;  teagaisg 
dha  àrd-ealdhain  agus  fòd,  agus  bithidh  a  bheatha 
feumail;  teagaisg  dha  diadhachd,  agus  bithidh  a 
bhàs  sonadh.  Dodsley. 


2.  Neobhàsmhoireachd. 


Chunnaic  mi  'm  blàth  a'  seargadh  air  a  phreas,  le 
dhuilieagaibh  boidheach  sgapta  air  an  làr. — Dh'  amh- 


aìrc  mi  rìs :  thog  e  cheann  as  ùr ;  bhrùchd  a  mach 
am  maothan  òg  na  bharr,  thainìg  fhàileadh  cùbh- 
raidh  orm  'an  uchd  na  gaoithe. 

Chunnaic  mi  ghrian  a'  dol  fodha  san  iar,  neoil 
chiar-dhubhnah-oidhchea'sgaoileadh  m'  an  t-saogh- 
al :  cha  robh  dalh,  na  dealbh,  na  àilleachdj  na 
ceol ;  ach  an  aon  duibhre  dhorch  a'  tuineachadh 
m'an  cuairt. — Dh'  amhairc  mi,  dh'èirich  a  ghrian 
a  ris  san  ear  ann  an  àilleachd  a  neart,  a'  sgaoiieadh 
a  gathan  òr-bhuidh  air  àirde  nam  beann;  a  neadan 
còinich  dh'  èirich  an  riabhag  a  chur  fàilte  oirre;  agus 
theich  an  oidhche  na  ciar-imeachd  air  falbh.  Chunn- 
aic  mi  'n  durrag,  air  teachd  gu  làn  mheadachd, 
dh'  fhàs  i  fann,  dhiult  i  lòn ;  shniamh  i  uaigh  dh'  i 
fein,  is  chunnaic  mi  i  air  a  righe  na  leine  bhàis 
shioda;  luidh  i  gun  chosan,  na  dealbh,  no  lùths  no 
comas  gluasaid. — Dh'  amhaircmi  rìs,  bhrist  i  cuibh- 
reach  a  bhais,  thainig  i  beo  as  ùr,  air  a  sgiathaibh 
deargbhreachd  àillidh,  ghabh  i  mach  air  blàs  chèit- 
ein  na  gaoithe;  rinn  i  gairdeachas  'na  h-ùr-bheatha. 

'S  amhuil  mar  so  a  thacharas  dhuitse,  O  dhuine  ! 
Mar  so  ath-ùraichear  do  bheathasa.  Cinnidh  àill- 
eachd  as  an  ùir,  agus  beatha  as  an  duslach.  Tam- 
uU  beag  agus  luidhidh  tu  fo'n  fhòid,  mar  luidheas 
an  siol  san  fhonn;  ach  togar  thu  na  dhiaigh  so,  is  a 
chaoidh  cha  bhàsuich  thu. 

Cò  esan  a  tha  teachd  a  bhristeadh  cuibhreach  na 
h-uaighe,  a  dhùsgadh  nam  marbh,  's  a  chruinneach- 
adh  a  mhuinntir  shaorta  fein  o  cheithir  airdibh  an 
domhain.  Tha  e  tùrluing  air  neul  Lasarrach,  tha 
fuaim  na  gall-truimp  a  dol  roimhe,  milte  de  ainìglibh 
air  a  dheas  laimh. — 'S  e  losa  mac  Dhe  ath'ann; 
Fear-saoraidh  a  chinne-dhaonna;  caraid  nan  ion- 
racan.  Tha  e  teachd  ann  an  gloir  Athar;  fhuair 
e  cumhachd  os  àird. 

A  mhic  na  neo-bhàsmhoireachd  na  bi  fo  bhròn  ! 
oir  tha  am  milltear,  am  militear  neo-iochd'ar  a  thug 
sgrios  air  oibribh  Dhe,  air  a  cheannsachadh.     losa. 


3 

tliug  e  buaidh  air  a  bhàs,— a   mhic  na  neo-bhàs- 
mhoireachd !  na  bi  ni  's  faide  fo  bhròn  ! 

Mrs.  Barbauld. 


3.  Freasdal  De. 

Tha  ghrian  ghlormhor  air  dol  gu  clos  san  iar;  tha 
drùchd  an  anamoich  a*  braonadh  gu  làr;  tha  'n  àile 
bha  teith  air  fàs  fionnar;  tha  na  blàithean  a'  pas- 
gadh  an  duiUeagan  rìomhach,  tha  iad  ga'n  cruin- 
neachadh  fein  a  suas,  ag  aomadh  an  cinn  gach  aon 
air  a  chois  mhaoth. 

Chruinnich  a  chearc  a  h-àl  fo  a  sgiathan,  tha  iad 
aig  fois;  tha  mhàthair-ghuir  aig  clos  raar  an  ceudna. 

Phaisg  na  h-eoin  bheag  an  ribheid ;  sguir  au 
ceilearan  binn,  tha  iad  nan  codal  air  na  geugaibh,  a 
h-uile  h-aon  's  a  cheann  fo  sgèith. 

Cha  chluinnear  srann  an  t-seillein  ma  'n  choinn- 
eag,  no  a'  measg  nam  blàithean  milis:  chrioch- 
naich  iad  an  obair,  agus  tha  iad  nan  luidhe  gu  dlù 
nan  sèomraichibh  cèire. 

Tha  na  caoraich  fo  thamh  air  an  rùsgaibh  tla, 
's  cha  chluinnear  an  àrd-mhèilich  ni  's  faid  air  a 
bheinn. 

Cha  chluinnear  fuaim  nan  ioma  guth,  no  sùgradh 
na  cloinne  bige,  na  dian-thailmrich  chos,  no  cona- 
gbair  sluaigh  a  null  's  a  nall. 

Cha  chluinnear  òrd  a  ghobhadh  air  an  innein, 
no  tuireasg  an  t-saoir  le  thoirm  sheirbh. 

Tha  gach  aon  sinnte  air  a  leabuidh  thàimh,  's 
tha  an  naoidhein  na  shuain  air  broilleach  a  mhàthar. 

Tha  dorchadas  air  aghaidh  nan  speur,  is  tiugh- 
dhorchadas  air  an  talamh;  tha  gach  sùil  dùinte, 
agus  gach  làmh  gun  ghluasad. 

Cò  tha  gabhail  cùram  de  'n  t-sluagh  's  iad  trom 
A  2 


nan  suain;  an  uair  uach  urra  iad  iad  fein  a  diiion, 
na  cunnart  fhaicinn  a  tlia  dlùthacliadii. 

Tha  sùil  ann  air  nach  aom  suain ;  tha  suil  ann  a 
chi  ann  an  dorchadas  na  h-oidhche,  mar  air  aird-a- 
mheadhon-là. 

An  uair  nach  'eil  solas  grein  no  soillse  gealaich, 
'nuair  nach'  eil  lòchran  san  tigh,  no  aon  reull  ruith- 
teach  ag  amharc  amach  roi  dhuibhre  neoil ;  chi  an 
t-sùil  sin  anns  gach  ionad,  agus  tha  e  do  ghnà  a* 
faireadh  thairis  air  uile  theaghiaichibh  an  domhain. 

'S  !e  Dia  an  t-sùil  nach  coidil;  tha  a  làmh  do 
ghnà  m'  an  cuartduinn.  An  uair  a  bha  sinn  sgìth 
dh*  ath-bheothaich  e  sinn  le  codal  na  h-oidhche. 
Chruthaich  e  'n  oidhche  chum  fois  a  ghabhail  'an 
8Ìth. 

Mar  tha  mhàthair  chaomh  a'  gluasad  gu  sèimh 
sàmhach  feadh  an  tighe,  a'  cur  cosg  air  gach  fuaìm, 
m'  an  dùisgear  am  maothran  as  a  shuain;  mar  tha 
i  le  sgàile  a'  dùnadh  a  mach  an  t-soluis  o  shùilibh 
maoth ;  mar  sin  tha  Dia  a*  tarruing  ciar-bhrat  an 
dorchadais  m'ar  timchioll ;  's  ag  àithne  sàmhchair 
agus  fois,  chum  gu'n  coidleadh  a  mhòr  theaghlach 
fein  ann  an  sìth. 

Sibhse,  dhaoine,  a  tha  air  ur  claoidh  le  saothair, 
's  a  leanaba  òga  's  gach  creutair  is  faoine  agus  is 
iaige,  coidlibh  gu  sàmhach,  tha  Dia  a'  faire  thairis 
oirbh. 

Faodaidh  sibhse  codal,  oir  cha  chaidil  esan;  dùin- 
ibhse  ur  sùilean  ann  an  tearuinteachd,  oir  tha  a 
shùii-san  do  ghnà  fosgaiUe  chum  ur  dìon. 

'Nuair  a  theid  an  dorchadas  thairis,  's  a  bhristeas 
an  òg-mhaduinn  air  ur  sùiiibh,  tcMsichibh  an  là  le 
moladh  Dhe,  a  ghabh  cùram  dhibh  trid  dorchadas 
na  h-oidhche. 

A  bhlàithean  àiliidh,  an  uair  a  dh'  fhosglas  sibhse 
a  mach  as  ùr,  sgaoilibh  ur  duilleach  agus  thugaibh 
ur  fàile  is  cùbhraidh  mar  mholadh  d'  a  ainm. 


Eoiii  is  moich  a  dhùisgeas,  tairgibh  dhàsaa  ur 
ceileirean  taingeil  air  gheug  nau  craobh !  seinnibh 
dha-san  m'  an  seinn  sibh  ur  n-òran  gaoil, 

Biodh  moladh  Dhe  air  ar  cridheachaibh  'nuair  a 
luidheas  sibh  sìos,  biodh  a  cliliu  air  ar  biUbh  'nuair 
a  mhosglas  sibh  gu  moch. 


4.  A  bhvunnachd  a  iKann  a  hhi  Dladhaidh  tràthail. 

Is  sona  'n  leanabh  dh'eisdeas  trà, 

Ri  teagasg  neamhaidh  fior  ; 
'S  le  'm  fuath  an  t-slighe  pheacach,  chlaon, 

Gu  h-ifrinn  dh'aomas  sios. 

Ma  bheir  sinn  suas  sinn  fein  do  Dhia, 

'N  uair  tha  sinn  òg  is  fann, 
Bheir  Esan  neart  dhuinn  gu  bhi  triall, 

'Na  shlighe  fein  gach  àm. 

Ma  ghabhas  sinn  's  an  diadh'achd  tlachd, 

'N  uair  tha  sinn  sgairteal  òg, 
Ni  so  ar  dion  o  mhile  lochd, 

'S  ar  cumail  ceart  ri  'r  beo. 

Ni  so  sinn  beusach,  ciallach,  stuam, 

'S  gach  ni  'an  cuir  sinn  làmh ; 
Is  togaidh  e  ar  n-inntinn  suas, 

Le  buaìdh  os  cionn  gach  nàmh. 

Thoir  oirn'  gu'n  coisrig  sinn,  a  Dhe, 

Dhuit  fein  ar  làithean  og : 
S  bheir  so  dhuìnn  sòlas  agus  sith, 

An  cian  a  bhios  sinn  beo. 

Oir  bithidh  tu  do  d'  chloinn  a  ghnd, 

Mar  Athair  lan  de  thruas; 
Is  anns  gach  triobluid  chruaidh  is  càs, 

Do  ghràs  ni  'n  cumail  suas. 
A  3 


Thoir  orms'  bhi  'g  urnuìgh  agU8  seinn, 
'S  bhi  cinntinn  ann  an  gràs, 

Ni  so  mi  feumail  annam  linn, 
Is  deas  air  chionn  a  bhàis. 


5.  Mu  Dhiadhachd  Chrìosd. 

Tha  Diadhachd  Chriosd  air  a'  leige  ris  duinn  gu 
soilleir  anns  na  Scriobtuire  naomha.  'Nuair  a  dh' 
fhosglas  mi  nio  Bhiobull,  'sa  bheir  mi  fainear  na  h- 
ainmean  a  th'air  an  toirt  da, — na  buaìdhean  a  th'air 
an  cur  as  a  leth — agus  na  gniomharan  a  rinn,  agus 
a  tha  e  deanamh,  cha'n'eil  e  ann  am  chomas  a  I^hi 
ann  an  teagamh  sam  bith  a  thaobh  na  puing  chud- 
thromaich  so.  'Se  Dia  is  ainm  dha.  An  Dia  mòr ; 
an  Dia  cumhachdach;  lehobhah;  Tighearna  nam 
feart. — Tha  uil'  àrd-bhuaidhean  agus  iomlaineachda 
an  nàduir  dhiadhuidh  air  an  cur  as  a  leth.  Tha  e 
o  shiorruidheachd  gu  siorruidheachd ;  tha  e  Uile- 
chumhachdach,  uil'-fhiosrach,  uile-làthaireach,  agus 
neo-chaochlaideach.  Tha  uile  ghniomhara  na  diadh- 
achd  mar  an  ceudna  air  nn  cur  as  a  leth;  cruthach- 
adh  gach  saoghail,  's  na  bheil  annta,  a  chùram  agus 
a  fhreasdal  thairis  air  an  iomlan  ;  aige-san  tha  cumh- 
achd  na  mairbh  a  dhùsgadh, — maitheanas  peac- 
aidh, — sìth  coguis, — buaidh  air  an  t-saoghal, — agus 
beatha  shiorruidh  a  bhuileachadh.  Dhàsan  buinidh 
e  breith  a  thoirt  air  an  t-saoghal,  agus  binn  aingle 
agus  dhaoine  a  thoirt  a  mach.  Cha'n'eil  aon  dàimh 
eadar  Dia  agus  a  chreutairean  anns  nach  'eil  Criosd  a' 
seasamh  dhoibh  maraon.  Mar  a  chruthaich  e  iad, 
*s  ann  ann  a  tha  iad  a  co'-sheasamh,  agus  air-san 
tha  iad  a'  teachd  a  suas:  Uime  sin,  tha  focal  De  ag 
àithneadh  aoradh  a  thoirt  da  mar  Dhia,  agus  thug- 
adh  aoradh  dha  le  fàidhibh,  agus  le  abstolaibh; 
daoine  làn  de  chreidimh,  agus  de'n  Spiorad  Naomha, 
dh'    asluìch  iad    stiuradh   a   fhreasdail,    a   chumh- 


achd,  a  ghràs,  agus  a  bheannachadh  fhad  's  bu  bheo 
iad;  's  an  àm  bàis  ghuidh  iad  gu'n  gabhadh  e  an 
spioraid  d'a  ionnsuidh  fein  gu  bhi  maille  ris  na 
ghloir.  Shuas  ann  an  neamh  tha  e  air  a  leige  ris 
duinn  na  shuidh  air  cathair  a  mhòrachd,  na  làthair 
tha  aingle  gan  sleuchda  fein,  a'  tilgeadh  an  coroin 
aig  stol  a  choise,  a'  foiach  an  gnùis  Je'n  sgiathaibh, 
agus  a  dh'  oidhche  a's  là  gun  sgìos  gun  airsneiil  à* 
seinn  's  Naonih,  naomh,  naomh,  an  Tighearna  Dia 
Uile-chumhachdach,  a  bha,  a  iha,  agus  a  bhitheas. 
Agus  tha  uiie  f heachd  f hlaitheas,  d'an  àireamh  deich 
mìle,  agus  mìle  de  mhilte  a'  seinn  le  chèile  an  aon 
orain  shiorruidh,  Beannachadh  agus  urram,  agus 
gloir,  agus  cumhachd,  gun  robh  dhasan  a  ta  na 
shuidh  air  a  chathair,  agus  do'n  Uan  gu  suthain 
siorruidh. 

'Se  diadhachd  Chriosd  a  chlach-stèigh  air  a'bheil 
aitreabh  na  fìrinn  air  a  togail :  Thoir  air  falbh  i, 
agus  tuitidh  an  togail  dhreach-mhor  so  gu  làr ;  dubh 
a  mach  an  teagasg  so  a  creidimh  a  Chriosduidh, 
agus  cha'n  e  mhain  gu  bheil  thu  cur  as  a  h-aon  de 
na  reulta  dealrach  a  tha  na  iarmailt,  ach  's  ann  a 
tha  thu  a'  smàladh  na  grèine  glormhor  mu  bheil  iad 
gu  leir  a'  gluasad,  's  o  bheil  iad  a'  faotainn  an  àil- 
leachd  agus  an  soluis.  Thoir  uam  mo  chreidimh 
ann  an  Diadhachd  mo  Shlannighear,  agus  an  sin 
faodai  mi  gu  dearbh  mo  chlàrsach  a  chrochadh  air 
na  geugaibh  seilich,  's  a  bhi  fo  bhròn,  oir  tha  mi 
fhathast  ann  am  pheacaibh, — faodai  mi  mo  dheoir  a 
shileadh,  agus  aràdh,  le  barrachd  aobhair  na  thuirt 
Muire.  J^hug  iad  airfalbh  mo  Thighearn^  's  cha'n- 
'eil/hios  agam  c'àit  'n  do  chuir  iaà  e.  Ach  co  cinn- 
teach  's  is  urrainn  teisteas  an  Athair  mo  dheanamh, 
tha  mi  creidsian  gur  esan  an  Dia  beo  agus  siorruidh. 
Air  a  chloich  so,  an  t-aon  is  priseile  san  aitreabh  gu 
leir,  togaidh  mi  mo  dhòchas,  agus  leigidh  mi  taic 
m'  anama,  ag  ràdh,  Ann  an  lan-chreidimh,  mar 
thuirt  Tòmas,  Mo  Thighearna,  agus  mo  Dhia. 


6.  Am  Mesiah. 

A  nigheanan  Shaleim  !  tionnsgnaibh  òran  rèiclh, 
'S  na  puinnc  is  àirde  gluaisear  dàn  nan  speur. 
Na  fuarain  bhlair,  le  sgàil  na'n  gorm-choill  ùr, 
'S  na  bruadair  Ghreugach, — theich  gu  leir  fa  'r  cùl. 
A  Righ  thug  càil  do'n  Fhaidhe  ghleusadh  ceòil  ! 
Le  cibhleig  naomh  !  cuir  blàths  an  laoidh  mo  bheoil. 

Mu  linn  na  slaintesheinn  am  Bard  o  chian  ; 
Bidh  Mac  aig  Oigh,  aig  Oigh  is  torrach  sioi; 
Ofhreumhaich  lesse  faic  le  teas  a'  fàs 
A  suas  san  speur  a  Gheug  is  cùbhraidh  blàth  ! 
Bidh  Spiorad  De  'ga  ghluasad  fein  mu  barr ; 
'S  san  dos  neo-sheargta  tearnaidh  Calaman  Nèamh. 
SiUbh,  a  neoil,  an  dealto'n  àird  gu  dlùth, 
Trom-shàmhach,  maoth-bhog,  frasach,  braonach, 

ciùin ! 
Sann  duibhs  'tha  an-fhann,  tinn  gun  neart,  gun  trè- 

oir, 
A  bhrùchdas  driùchd  na  slaint  air  bharr  gach  meoir ; 
Le  tamh  fo  sgàil  gu  brath  cha  loisg  a  ghrian ; 
'S  o  stoirm  nan  gaoth  ni  'm  fasgath  caomh  ur  dion. 
Trèigeadh  an  t-olc, 's  gach  ceilg  a  lotan  sluagh, 
'S  air  slighe  pheacaidh  coisnidh  ceartas  buaidh  ; 
Bidh  Oilibh  ghràis  na  sìochaimh  sìnnt  a  mach, 
'S  thig  neo-chiont  àigh  o  nèamh,  san  deis'  is  ailli 

dreach. 
A  lìnntean  fada,  sìubhlaibh  as  gu  luath  ! 
Grad  èireadh  fiamh  na  maidne  'nios  o  'n  chuan, 
A  bheir  gu  crìch  do  bhreithsa;  Righ  nan  slogh  ! 
O  Leinibh  uasail !  dùisg  a  suas  gu  'd  ghlòir  ! 
Faic  Nàdur  fein,  's  gach  flùr  an  ceud  am  fàis 
Fo  chòmhdach  èibhinn  !  mil  a'  sèideadh  tlàth  ! 
Faic  !  Lebanon  gu  h-àrd  mar  thog  e  cheann, 
'S  gach  dos-chrann  ard  's  na  coilltibh  àigh  a'  danns' ! 
Faic !  smùidreadh  spìsridh  Sharoin  suas  's  na  neoil, 
Is  Charmeil  ùr  nan  seud  is  drùchdach  ceò  ! 
Nach  cluinn  thu  luath-ghair  àit  san  fhàsach  chèin, 


9 

"  Thig  Dia,  thig  Dia  gar  còir  !"  gach  ròd  biodh 
rèidh  ! 

*'  Thig  Dia,  thig  Dia  !"  co'-fhreagraidh  fuaim  nam 
beann ! 
Gach  creag  ni  gàir  m'  aft  Ti  is  àirde  t'  ann  ! 
Tha'n  saoghal  ag  èiridh ;  lùb  an  speur  a  nìos, 
Gach  ni  le  gràdh  'cur  fàilt  air  teachdan  TriathI 
Na  seudair  rìomhach  cromadh  sios  an  ceann  ! 
Fodhana  sleibhtean  !  èireadh  làr  na'n  gleann! 
Gach  creag  biodh  mìn!  biodh  sìth  air  thuiltibh  luath  I 
Roimh  sholuis  gnùise  Slanuighir  chiùin  nam  buadh  ! 
Faiceadh  na  doill !  a  bhodhair,  cluinn  do  Dhia  ! 
Sid  Righ  nan  gràs  mar  sheinn  na  Baird  o  chian; 
Fògraidh  e  'n  oidhche  dhuibhreach  o  gach  sùil, 
Is  chi  na  doili  a  Ghrian  is  boiilsgeil  iùl ; 
Grad  fhosglaidh  fhocal  toll  na  claisneachd  suas; 
'S  o  cho'-sheirm  ciùil  thig  sòlas  ùr  do'n  chluais. 
Bidh  teang'  a  bhalbhain  deas  a  dhealbh  nan  rann, 
'S  mar  mhang  nan  stùchd  gun  leum  an  crùbach  mall. 
Cha  chluinnear  èubh  na  csnaich  chràidh  ni's  mò, 
'S  o  ghruaidh  gach  creutair  suathar  deur  a  bhròin; 
'An  geimhlibh  praise  glaisear  suas  am  bàs; 
'S  gheibh  pruinns'  an  t-sluichd  an  lot  nach  dùin  gu 
bràth. 

Mar  bhiathas  Aodhairefeumail  treud  nan  rùsg 
'S  na  loin  is  fearr  tha  fàs  fo'n  bhlàth-ghaoith  chiùin, 
Shireas  le  sùl-bheachd  dùrachd  na  th'air  chall, 
'S  a  ghleìdheas  càch  o  thriall  roi  ràidean  càm  ; 
'Nuair  bhrùchdas  sgàil  an  dorcha,  's  e  ni'n  dion, 
'S  an  taic  san  là,  ged  chaochlas  àrdan  shion ; 
Thogas  na  h-uain  na  uchd  gu'n  cumail  blàth, 
Toirt  doibh  gu  caomh  nam  fann-Ius  maoth  o  laimh; 
Mar  sid  ni  Ti  nan  gràs  a  ghealla  dhuinn 
Ar  dion  gu  bràth  leàithn  is  gràsmhor  iùl. 
Cha  ghluais  na  sloigh  ni's  mo  gu  còmhrag  arm  ; 
'S  na  gaisgich  threin  cha  chath  ri  chèil  am  feirg ; 
Co'-ghair  nan  trompaid  phrais  cha  chluinnear  aiin; 


10 

An  t-sleagh  na  cruaidh  cha  bhoisg  an  strigh  nan 

lann; 
Cromar  gu  speala  feoir  an  gath  gun  fheura, 
*S  gu  sochd  a  chroinn  bidh  ruinn  a  chlaidhimh  ghèir. 
Grad-èiridh  aitribh  uasal  suas  's  gach  tir, 
'Sna  thionnsgain  athair,  bheir  am  macgu  crìch. 
Sgaoilidh  an  fhìonain  àrd  a  dosrach  gheug 
Foiomlain  blàth  mar  sgàil  do'n  t-sliochd  na  dhèigh  : 
Na  làmhan  fial  a  sgap  an  siol  san  fhonn, 
Gum  buain  an  t-arbhar  sguabach,  reachd'ar,  trom ; 
Ischi  na  buachaillean  gach  cruaidh  dhruim  fàis 
Ur-bhog  le  feur,  's  le  liligh  's  ceutaich  bàrr. 
Le  ìoghnadh  èibhinn  èsdidh  iad  ri  toirm 
An  uisge  'steaUraich  feadh  na'n  craim-chreag  garbh. 
Mu  nead  na  nathrach  bàis  bu  chràiteach  beum, 
Tha  chuilc  air  chrith  's  an  luachair  thric  nadèigh. 
'S  a  ghleann  bha  fàs  fo  bharr  de'n  sgitheach  dhoirbh 
Tha'm  bocsa  grinn,  's  an  giubhas  sniomhain  gorm. 
An  àite  chuiseag  sheisg,  is  luibhean  searbh, 
Ni  mirtiol  fàs,  's  am  pailm  is  àiUi  dealbh. 
Bidh  iarmad  sgrios  a  mhada-allaidh  ghairg, 
'S  na  h-uain  nam  measgag  ith  air  shlios  gachleirg: 
CaiUidh  an  Tiger  guineach,  ciùrrach,  fhearg, 
*S  an  srèin  nam  flùr  do  chloinn  cho  diult  e  falbh: 
Ni'n  damh  's  an  leomhanu  san  aon  phrasaich  tàmh, 
'S  bidh  naith'r  gun  bheum  ri  cois  fir-chèilidh  tlàth. 
Togaidh  an  leanaban  ciche  bhèisd  o'n  làr, 
Si  bheithir  bhreachdachleachd  an  ruinn-ghath  bàis; 
Le  gàir  thoil-inntinn  chi  e  lith  nan  lann, 
'S  m'an  teangaidh  ghobhlaich  cluichidh  an  t-òggun 

fheall. 
A  Bhan-righ  Shaleim  !  àrduich  gloir  do  chrùin  ! 
Am  Mòrachd  t-uaiUse  tog  a  suas  do  shùil ! 
A'd'  chùiriibli  rioghail  seall  na  mìllte  slòigh, 
'S  na  h-àil  nach  d-thainig,  's  àill  leo  teachd  a'  d' 

chòir  I 
Tha  linn  air  linn  a'  tairgs'  am  breith  guu  dàil, 


11 

Gun  fhusgais  gus  am  faic  iad  soills'  an  là; 
An  sliochd  gun  chunntas  seall  tu  dùsgadh  suas, 
Thoirt  modh  do'n  Ribhinn  àigh  is  ailiidh  snuagh  ! 
Gabh  beachd  air  feachd  nan  rioghachd  fad  o  laimh, 
Air  ghlùinibh  lùbt'  ag  ùrnuigh  d'  theampuU  àigh  ! 
Sna  ceudan  righ  a'  tuiteam  sios  gu  dlùth, 
'S  gun  diol  iad  iobairt  cheart  do  Thi  nan  dùl ! 
Nach  seall  tha  'n  luchd  th*  air  t-altairean  gun  smal, 
De  'n  spìosraidh  phrìseil  thig  o'n  àird  an  Ear  ! 
Tha  dosraich  Edom  dhuits'  a'sèideadh  blàth, 
'S  do  dhearg  an  òir  tha  slèibhtean  Ophir  làn. 
Seall !  Geata  boisgeil  rionnagach  nan  speur 
A'  fosgladh  suas  ort !  sid  a  ghloir  nach  treig  ! 
A  mhaduinn  chiùin  ni's  mò  cha  dealraich  grian, 
'S  cha  'n  èirich  gealach  shèimh  fo  sgàil  nan  nial; 
Grad-bhruchdaidh  tuiltean  soillse  'nuas  o  nèamh ; 
Làn-dealruidh  sruth  na  glòir  ad  chùirt  gach  tràth  1 
Mu  d'  thimchioU  dearsaidh  àird  an  t-soLUis  fhein  ; 
'S  gu  saoghal  nan  saoghal  gur  leatsa  là  do  Dhe  ! 
Ni  'n  fhairge  triall,  's  an  iarmailt  theid  na  smùid  ; 
Gun  leagh  na  slèibhte  as  mar  chèirroi  Ghnùis; 
Na  creagan  siorruidh  tuitidh  sìos  'nan  ùir; 
Ach  seasaidh  firinn  dhileas  Righ  nan  dùl ! 
Riaghluidh  tu  fein  's  Mesiah  'n  èibhneas  nèamh, 
'S  air  gloir  ur  rioghachd  ni  'm  faicear  crioch  gu  bràth. 


7.  Criosd  na  Dhia  agus  na  Dhuine. 

'S  FHEUDAR  aideachadh,  'nuair  a  thainig  am  Focal 
san  fheoil  nach  dthainig  caochladh  no  atharrachadh 
aìran  dà  nàdur;  cha  d-atharraicheadh  an  Diadhachd 
gu  daonnachd,  's  cha  mhò  a  dh'  iompaicheadh  daon- 
nachd  chum  Diadhachd ;  ach  dh'  fhuirich  iad  le 
chèile  eadar-dhealuichte  nam  buaidhibh  mar  bha  iad. 
Ge  nach  'eil  e  comasach  dhuinne  a  thuigsinn  cionnas 
a  tha  an  dà  nàdur  a'  co'-aontachadh  san  aon  phear- 
sadh;  gidheadh  cha'ne  mhàin  gubheilanfbirinn  so  air 


12 

a'teagasgdhuinn  gu  soilleir  ann  am  focal  De,  ach  tha 
e  foUaiseach  dhuinn  ann  an  uilo  eachdruidh  Chriosd. 
Beachdaich  gu  suidhichte  air  losa  Criosd,  agus  moth- 
aichidh  tu  soilleir  na  phearsadh,  Dia  agus  duine; 
annsan  nach  do  chaiU  an  Dia  a  bheag  ga  Dhiadhachd; 
agus  nach  'eil  an  duine  air  chor  air  bith  air  a  dheal- 
uchadh  o  fhìor  dhaonnachd.  'An  àm  a  bhreith  chi 
thu  'n  duine  air  a  ghear-leanmhuinn  le  Herod,  agus 
auns  a  cheart  àm  chi  thu  daoine  glice  na  h-aird  an  ear 
a*  toirt  aoraidh  dha  mar  Dhiu;  'an  àm  a  bhaistidh  le 
Eoin,  chi  thu  'n  duiìie  a'  teachd  a  nìos  o  lordan,  agus 
an  Dia  air  a  ghairm  o  neamh  le  guth  o'n  Athair  shior- 
ruidh,  ag  ràdh,  'S  e  so  Mac  mo  ghràidh  anns  a'  bheil 
mo  mhòr  thlachd.  Anns  an  Luing  chi  thu  'n  duine 
air  a  chlaoidh  agus  na  throm-shuain,  agus  Dia  a  tha 
smachdachadh  na  gaoithe  agus  na  fairge,  's  a  chuir 
gu  tosd  iad  le  aon  fhocal.  Aig  uaigh  Lasaruis  chi 
thu  'n  duine  a'  sile  nan  deur,  agus  Dia  a  thug  a  char- 
aid  a  bha  ceìthir  laithe  marbh,  le  focal  a  chumhachd 
chum  beatha.  Ann  an  gàradh  Ghetsemane  chi  thu'n 
duine  air  a  ghlacadh  leis  na  saighdeara,  agus  Dia  a 
tha  leanail  a  bheoil  a'  bualadh  nan  saighdeara  dalma 
3Ìn  gu  làr.  Air  a  chrann-cheusaidh  chi  thu'n  duine 
a'bàsachadh,  agus  Dia  a  iha  'n  san  àm  sin  a'  toirt  air 
andomhan  criothnachadh,  airchor  's  gun  doghluais 
an  talamh,  gun  dthainig  dorchadas  air  aghaidh 
nan  speur,  gun  do  dhiult  a  ghrian  a  solus,  gun  do 
sgoilt  na  creagan,  agus  gun  robh  an  saoghal  air  fad 
fo  uabhas,  mar  gum  biodh  e  air  a  dhùsgadh  gu  moth- 
achadh  le  bàs  a  Chruthai'ear  agus  Fhir-shaoraidh. 


8.  Là  na  Sàbaid,  hy  A.  Thomson,  D.  D. 

CuiMHNiCH  là  na  Sàbaid  a  choimhead  naomha.  Js 
culaidh  smaointean  agus  fà  bròin,  a  thoirt  fainear  uir- 
ead  's  a  tha  'nlatha  beannuichteso  air  a  mhi-naomh- 
achadh  leis  an  òigridh,  agus  leis  an  aosmhor.     Cba 


13 

soirbhich  diadhachd  am  feasd  leis  a  mhuinntir 
a  tha  caitheadh  an  là  sin  ann  an  dionihanas  af^us 
ann  am  faoin-shùgradh.  Ma  tha  thus'  a'cleachda 
bhi  ga  mhi-naomhachadh  tha  thu  le  d'  làn-fhiosrach- 
adh  a'  bristeadh  aon  de  àiiheanta  Dhe.  Agus  am 
feadh  a  tha  dearmad  air  a  dheanamh  air  a  h-aon  air 
bith  de  nah-àitheanta  a'  larruingdhaoine  chum  càch 
a  chur  'an  suarachas,  niar  tha  buaireadh  a'  teachd 
san  rathad,  tha  bristeadh  na  h-àithne  so,  gu  h-àr- 
aidh,  cunnartach  agus  ro-mhuladach,  do  brìgh  gur 
e  Dia  na  mhòr  ghliocas  a  shùnraich  an  là  so,  anns 
am  faod  sinn  fiosrachadh  agus  fòghlum  fhaotainn, 
co'-naltradh  a  chumail  ris  fein,  chum  mar  so  gum  bi 
sinn  iomchuidh  fa  chomhair  uile  dhleasnuis  na  ^each- 
duin  a  leanas,  gum  bi  sinn  air  ar  neartuchadh  'an 
aghaidh  buairidh  an  t-saoghail,  agus  gum  faodamaid 
cùram  a  ghabl.uil  mu  thimchioU  ar  leas  spioradail. 
A  rèir 's  mar  tha  daoine  dearmadach  air  coimhead  na 
sàbaid,  tha  iad  anns  a  cheart  tomhas  na'n  caithe- 
beatha  's  na  'n  giulan  a'teachd  'an  dèigh  laimheanns 
gach  dleasnas  eile.  Cha  mhòr  nach  faodar  a  ràdh, 
mu  thimchioll  gach  aon  a  chaidh  air  an  aghaidh  ann 
an  slighe  an  uilc,  gus  an  do  tharruing  e  sgrios  orra, 
a  dh'  fhuiling  fo  laimh  ceartais  arson  an  droch-bheirt, 

's  a  chaochaii  gun  aithreachas  na  gun  dòchas, 

gun  d-aidich  a  chuid  bu  phailte  dhiubh  gur  ann  le 
briseadh  na  sàbaid  a  thuit  iad  sa  cheud  nihearachd; 
agus  gun  do  tharruing  a  cheart  pheacadh  so,  a  tha 
co  cumannta,  's  da'm  bheil  daoine  gabhail  co  bcag 
suim,  ni's  mò  na  aon  ni  eiie,  a  bhinn  mhaslach  so  a 
nuas  air  an  cinn.  O,  mo  chlann  ionmhuinn  !  guidh- 
eam  oirbh  an  t-Sàbaid  a  naomhachadh.  Bha  e  air 
a  naomhachadh  le  Dia,  a  ghabh  tàmh  air  an  là  sin 
o  oibribh  uile.  Tha  e  air  a  naomhachadh  le  Criosd, 
le  bhi  na  chuimhneachan  air  an  là  a  dh'èirich  e  o  na 
marbhaibh.  Tha  e  air  a  naomhachadh,  le  dòchas 
Neamh,  a  tha  air  achumail  a  mach  fo  'n  t-samhladh 
shòlasach  air  Sàbaid  deshuaimhneas  siorruidh,  Tha 
B 


14 

e  air  a  naomhachadh  le'r  n-uile  uireasbliuidii  spior- 
adail  san  t-saoghal  so,  agus  le'r  dòchais  ri  sonas  san 
t-saoghal  a  ta  ri  teachd.  Uime  sin  na  mi-naomh- 
aichibh  e.  Buiiichibh  e  gu  dùrachdach  chum  na 
ceann-crìche  arson  an  do  chuireadh  air  leth  e. 
Seachnaibhgachobair  shaoghaha  ghabhas  cur  seach- 
ad,  na  dh'fhaodar  air  doigh  sam  bith  a  sheachnadh. 
Na  smaoinichibh  air  feala-dhà  na  faoin-shùgradh. 
Caithibh  an  là  aiin  an  saothair  chràbhach — 'an 
leughadh  nan  Scriobtuire — a'  con'altradh  mu  nithe 
naomha,  a'feitheamh  air  aoradh  follaiseach — ri  ùr- 
nuigh  dhiomhair — a'toirt  fainear  gu  tùrail  suidhichte 
cò  sibh,  agus  ciod  mar  bu  chòir  dhuibh  a  bhith — 's 
a'  gnàthachadh  gacii  cothrom  a  bhuilich  am  Freas- 
dal  oirbh,  chum  cinneachadh  ann  an  eolas,  ann  an 
diadhachd,  agus  ann  an  naomhachd. 


9.  Madui7m  na  Sàbaide. 

Nach  sàmhach  maduinn  chiùin  an  latha  naom.h  ! 
Tha  fuaim  an  t-saoghail  balbh;  Cha  chluinnear  fòs 
'Sa  bhuailidh  luinneag,  na'n  fhcad  air  raon. 
Tha'n  speal  'na  shìneadh  anns  an  fhcur  fo  dhrùchd 
Na  blàithean  niaoth  a'seargadh  anns  an  spadh, 
Ga  b'  ùrail  ait  iad  anns  a  ghaoilh  an  de. 
Cluinnear  an  fhuaim  is  faoine, — eadhon  srann 
An  t-seillein  rahoich,  is  braona  tlà  an  drùchd, 
A's  roèilich  chaorach  's  iad  air  uchd  an  t-sleibh. 
Tha  fìath  mar  bhan-righ  anns  na  speuraibh  shuas. 
Dhasan  tha  mach  air  feadh  nam  bruachan  àrd 
Tha'n  lon-dubh,  a'seinn  ni's  binne,  air  leis,  o'n 

ghleann ; 
An  riabhag  dh'ìrich  i  an  diugh  gu  neamh, 
Le  leadan  ceolmhor;  tha'n  t-alltan  fein 
Gu  mòr  ni's  rèidhe  a'  siubhal  sios  roi'n  ghleann ; 
O'n  bhothan  bheag  ud  as  am  faicear  smùid 
Ag  èiridh  gu  caòl  os  ceann  a  cheo,  iha  fuaim 


15 

Nan  saìma  milis — iaoidhean  naomha  binn. 

Thasìth  os  ceann  a  bhaile  bhig  ud  thall, 

An  t-innein  chlos;  tha  h-uile  ni  na  thàmh. 

Tha  mhaidheach  fein,  ga  fiamhach  i,  a'  stad 

Le  sùil  na  dèigh,  a'  beachdacha  gun  gheilt 

Air  duine,  a  nàmhuid  borb.     Tha'n  gearran  trom 

Gun  taod  no  teothair  'g  ionaltradh  gu  saor 

Air  leud  a  dhroma  a'  cur  nan  car  le  strìgh 

A'  baoisgeadh  a  chrùidhean  os  a  cheann  ri  grèin. 

Ach  's  leats'  a  dhuine  an  suaimhneas  so  raar  sheilbh. 

Failt'  air  an  là  naomh,  latha  chur  sgìos  nam  bochd  ! 

Rè  laithean  eile  air  an  claoi  gu  goirt, 

Nan  aonar  ilhidh  iad  gu  grad  an  iòn 

Air  an  lòm  bhlàr,  fo  dhìon  o  theas  no  fhuachd, 

Am  fasgadh  craige,  no  fo  dhubhar  chraobh ; 

Ach  dhachaidh  thig  iad  air  an  latha  naomhs', 

Gu  ii-ait  le  Iiichd  an  gràidh  gun  suidh  iad  sios 

A'  roinn  an  lòin,  'sa  thogail  suas  ie  chèil' 

An  altacha  do  Dhia — cha'n  ann  gu  faoin 

Le  focal,  no  le  glunsad  beoil,  ach  fòs 

Le  sùii  gu  neamh,  's  an  cridhe  an  sàs  gu  diù. 

Fàilt  air  an  latha  naomh  !  fàiit  air  là  nam  bochd! 

Fhuair  am  fear-ceirde  gias  an  diugh  a  chead, 

'Se  falbh  o  smùid  a  bhaile-mlioir  gu  tràth, 

lli  bruaich  na  h-aibhne  dli'  iarr  e'm  fàiie  gian: 

A'  beachdachadh  gutaingeil,  annan  àird  nan  craobh 

Nan  duilleach  uaine  's  anns  na  blaithibh  maoth 

Cumhachd  glormhor  Dhe. — 'SIe  sòlas  ait 

Mar  tha  e  breithneacha  gu  stòld'  leis  fein 

Tha  e  fo  dhòchas,  (ga  nach  ann  gun  fhiamh) 

Gur  sàbaid  shiorruidh  bhios  fadheoidh  air  neamh. 


10.   Tigh  Dhe. 

Bu  bhòidheach  rèidh  an  fhaich  air  an  robh  'n  tigh- 
aoraidh  so  air  a  shuidheachadli ;  àite  sàmhach  grian- 
ach  an  uchd  beinne,  air  achuairteachadii  ie  craobh- 

B  2 


16 

aibh  àrda,  air  bruaich  aibhne  a  bha  siubhal  seachad  gu 
sèimh  sàmhach.  Bha  e  uile  gu  leir  na  àite  co  tìorail 
uaigneach  's  a  b'  urrainnear  fhaicinn.  Bha  ioma 
sHghe  a'treorachadh  chum  na  h-eagluis  so,  agus 
cha'n'eil  e  furasd  a  ràdh  cò  dhiu  bu  taitniche.  Bha 
aon  slighe  a'  dìreadh  o  thaobh  na  fairge,  na  iùban 
bòidheach  roi'  choillidh  òig,  a  bha  fàs  gu  dosrach 
nadurra  air  na  bruachaihh  grianach  sin.  Bha 
slighe  eile  ag  iathadh  mu  ghuala  na  beinne,  's  a' 
tearnadh  a  dh'  ionnsuidh  na  h-aibhne  roimhchluan- 
aibh  lusrach  feurach,  air  an  robh  ti'eudan  lionmhor 
de  chaoraich  ag  ionaltradh,  le'n  uain  bheaga  gheala 
a'mireag  m'an  cuairt  doibh,  Bha  mar  an  ceudna, 
ioma  ceum  monaidh  agus  frith-rathad  aith-Ieathain 
tre'n  f  hraoch,  fo  dhubhar  a  bheitheagusa  bharraich, 
a'treorachadh  chum  an  àite  cheudna. — B'àbhaist 
domh  air  uairibh  suidhe  air  uchd  tuim  a  bha  dlù 
do'n  eagluis,  o'n  robh  agam  sàr-bheachd  air  nio  cho'- 
thional  nuair  bha  iad  a'  cruinneachadh  o  gach  taobh 
a-dh'  ionnsuidh  tigh  an  Tighearn  air  a  latha  naomh* 
Bha  cuid  dìubh  fad  ann  am  shealladh; — agus  is 
iomad  smaointin  àghmhortheas-chridheach  adhùisg- 
eadh  ann  am  inntinn,  mar  a  chithinn  iad  a'tighinn 
air  an  adhart,  'sa  diùthachadh  uidh  air  uidh  gu  tigh 
na  h-ùrnuigh. — Aon  là'nuair  shuidh  mi  sanlite  sin, 
tamuli  beag  m'an  do  thòisich  an  t-aoradh,  smaoin- 
tich  mi  air  an  deaias  àrd  a  dh'  fhiosraich  Righ 
Daibhidh  'nuair  a  ghlaodh  e  "  Bha  aoibhneas  orm 
an  uair  a  thubhairt  iad,  do  thigh  an  Tighearna 
theid  sinn.  Seasaidh  ar  cosan  an  taobh  a  stigh  do 
d'  gheataibh,  O  lerusalera.  Tha  lerusalem  air  a' 
togail  mar  chaithir  a  tha  air  a  coimh-cheangai  ri 
chèile;  d'an  tèid  na  treubhan  suas,  treubhan  an 
Tighearna,  gu  teisteas  Israeil,  a  thoirt  buidheachais 
do  ainm  an  Tighearn."  Smuaintich  mi  air  a  iiugha 
beannachd  priseil  a  tha  fuaighte  ri  mòr  cho'-chruin- 
neachadh  an  t-sluaigh  arson  aoradh  follaiseach.  Cia 
lionnhor  anam  neo-bhàsmhor  a  tha  air  a  cheart  àm 


17 

so  a'  cruinneachadh  arson  an  aon  obair  mhòr  agus 
chudthromaich,  gu  ùrnuigh  agus  moladh, — a  dh' 
èisteachd  focail  De,— chuni  bhi  air  ar  beathachadh 
le  aran  na  beatha !  Tha  iad  a'  fàgail  an  àiteacha 
còmhnuidh  fa  leth,  ann  an  ùine  ghearr  bithidh  iad 
uile  cruinn  ann  an  tigh  an  Tighearna.  Cia  àillidh 
an  soilleireachadh  tha  againn  ann  an  so  air  an 
tairbhe  àghmhor  a  tha  fuaighte  ri  guth  an  deagh 
bhuachaiJle,  a'  gairm  a  chuid  caorach  fein  o  gach 
cearna  de  'n  fhàsach  !  Mar  tha'n  t-slighe  ud  shios 
na  cluaintean  ud  thall,  agusna  monaidhean  ud  shuas 
a'  giulan  dhaoine,  mnathan,  agus  clann,  o  ioraad 
cearna,  's  iad  a'tarruing  ni  's  dlùithe  air  a  chèile,  's 
aircionfath  an  turuis;  niar  sin  thig  mòran  o'n  àird- 
an-ear,  an  àird-an-iar,  o  'n  àirde-tuath  agus  deas, 
agus  suidhidh  iad  sios  ann  an  rioghachd  an  Athar. 
Cò  is  urrainn  a  leithid  so  de  àmannaibh  prìseil  a 
mheas  mar  bu  chòir? — Amanna  air  an  cuir  seachad 
ann  am  fòghlum  slighe  aghairdeachais  naomha,  agus 
ceuma  beannaichte  na  sìth, — Amanna  air  an  coisrig- 
eadh  do  Dhia  agus  do  leas  anamaibh;  a'toirt  rabhadh 
do'n  pheacach  teicheadh  o'n  f heirg  a  tha  chum  teachd, 
ann  an  teagasg  do'ii  aineolach  cionnas  a  chaitheas  e  a 
bheatha  agus  mar  is  còir  dha  bàsachadh;  ann  an 
searmonachadh  an  t-soisgeil  do  na  bochdaibh,  ann 
an  slànachadh  a  chridhe  bhriste,  ann  ao  searmon- 
achadh  saorsa  do  na  braighdibh,  agus  sealladh  nau 
sùl  do  na  doill, — "  Is  beannaicht'  iadsan  a  thuigeas 
an  fhuaim  aoibhneach,  imichidh  iad,  O  Thighearn, 
ann  an  iolus  glan  do  ghnuis,  ann  ad  ainms'  ni  iad 
gairdeachas  rè  an  là,  agus  ann  ad  fhireantachd 
bithidh  iad  air  an  àrduchadh."  So  na  srauaintin  a 
dhùisg  air  uairibh  a'm'  inntinn  le  mòr  churahachd, 
'nuair  a  chunnaic  mi  'n  sluagh  ceudna  cruinn  ann 
an  tigh  Dhe,  air  an  robh  mi  beachdachadh  le  m' 
ùrnuigh  as  an  leth  gu  neamh,  nuair  bha  iad  o  cheann 
ghoirid  a'tarruing  air  an  aghaidh  ga  ionnsuidh. — An 
so,  smaointich  mi,  tha  'm  bochd  's  am  beartach  a' 
B3 


18 

coìnneachadh,  agus  ag  aideacha  le  cheile,  'nuair  tha 
iad  cruinn,  gur  e  an  t-aon  Diaa  chruthaich  iad  uile; 
gu  bheil  iad  uile  tighinn  suas  air  an  aon  chairdeas, 
agus  gur  e'n  t-aon  Dia  a  tha  freasdal  d'an  uireasbh- 
uidh  aimsireil  agus  spioradail  fa  leth, — Agus  air  a 
mhodh  cheudna  coinnichidh  iad  fhathast  san  uaigh, 
àite  còmhnuidh  an  àird  agus  an  iosail, — Agus  aon 
uair  eile,  aig  cathair  bhreitheanais  Chriosd  coinnich- 
idh  an  t-iomlan  a  chèile,  chum  fhaotainn  o  Dhia  a 
rèir  's  mar  rinn  iad  anns  a  cholainn,  co  dhiu  bha  e 
math  na  olc, — Nach  dlù-cheangailte  ri  cheiie  ann 
an  eachdruidh  mhic  an  duine,  na  tri  còmhailean 
mòra  coitchionn  so,  an  tigh-aoraidh,  tigh  cumhang 
dorch  a  bhàis,  agus  an  tigh  nach  do  thogadh  le 
làmhaibh,  siorruidh  anns  na  neamhaibh  ? — Na  deal- 
aicheamaid  iad  o  chèile  'n  ar  smuaintibh,  ach  coimh- 
ideamaid  iad  ann  an  ceangal  naomh  agus  tarbhach 
ann  an  uaigneas  ar  cridheacha !  Mar  sin  bithìdh 
ar  coithionaian  aoraidh  air  talamh  na'n  co'-shamh- 
ladh  air  làn  choithional  coitchionn  agus  eagiais  nan 
ceud-ghin,  a  tha  sgriobhta  an  neamh. 


11.  Laoidh  na  Sàbaide. 

A  Dhe !  'se  so  an  sealladh  ait 

Co'-thional  mòr  ag  aoradh  dhuit ! 

A'  seinn  do  chliu,  'sri  ùrnuigh  naomh 

'Foghlum  na  sligh  tha  triall  gu  neanih ; 

Bha  mis  a  làthair,  is  bitheam  fòs 

Tha  e  mar  fhlailheas  beag  a  bhos; 

Le  sugradh  faoin  no  feala-dha 

Cha  dearmad  mi  gu  bràth  do  là. 

O  sgriobh  a  Dhe  air  clàr  mo  mheo'air 

Naomh  bhriathra  priseil  glan  do  bheoil, 

'S  do  d'  lagh  bheir  mis'  am  barrachd  fiamh 

A's  gràdh  dhuit  fein  na  thug  mi  riamh. 


19 


12.  Beinn  Vesuvìm. 

Ann  am  bliadhna  1717,  ann  am  meadhon  a  chèitein, 
rainig  mi  (arsa  Easbuig  Berkley)  muUach  beinn 
Vesuvius,  anns  ara  faca  mi  fosgladh  farsuing  as  an 
robh  sraùid  co  niòr  a'  teachd  a  nìos,  's  nach  robh  e 
arachomasdoimhne  nacumadh  an  t-sluichd  fhaicinn. 
Anns  an  dubh-aigean  oiUteii  so  chuala  mi  fuaim 
eagallach,  a'  teachd  a  nìos,  raar  gum  b'  ann,  a 
meadhon  na  beinne,  agus  air  uairibh  cosmhuil  ri 
tairneanaich  no  fuaim  ghunnacha  mòra,  no  leachd- 
an  creadha  a'  tuiteam  o  mhuUach  thighean  air  a 
chausair.  Mar  dii'  atharraich  an  soirbheas  air  uair- 
ibh  dh'  fhàs  an  toit  ni  bu  lughadh,  a'taisbeanadh 
lasair  dhearg,  a  bha  m'an  cuairt  do  bheul  an 
t-sluichd  ballach  dearg,  agus  air  uairibh  buidhe. 
An  deigh  dhuinn  fuireach  còr  is  uair,  's  an  smùid 
a  bhi  air  a  h^itharrachadh  leis  an  t-soirbheas,  bha 
againn  air  uairibh  sealladh  aithghearr  air  an  t-slochd 
mhòr  so;  ann  an  iochdar  an  t-sluichd  bu  leir 
dhomh  gu  h-àraidh  dà  àite  teine  dlù  ga  cheile; 
bha  'n  t-aon  air  an  laimh  chli  ma  thuairmes  tri 
slatan  air  leud,  as  an  robh  lasair  ruadh,  agus  a' 
tilgeadh  os  a  cheann  doirneagan  chlach  a  bha  dearg 
theith,  le  toirm  anabarraich :  agus  an  uair  a  thuit 
iad  air  an  ais,  rinn  iad  an  stairirich  choimheach  sin 
adh'  ainmich  mi  cheana. — Air  an  ochdamh  là  de 
cheud  mhìos  an  t-sàmhruidh,  dhìrich  mi  moch  sa 
mhaduinn  an  dara  h-uair  gu  muUach  na  beinne  so, 
agus  fhuair  mi  beachd  agus  sealladh  ùr  air  an  àite. 
Bha  'n  toit  ag  èirigh  suas  co  direach  rèidh,  's  gun 
d-fhuair  mi  làn-shealladh  air  beul  an  t-sluichd,  a 
bha  a  reir  mo  bharalach  mìle  m'an  cuairt,  agus  mu 
cheud  slat  air  doimhneachd.  O'n  a  bha  mi  'n  so 
ma  dheireadh,  bha  carn  mor  cruinn  air  cruinneach- 
adh  ann  an  iochdar  an  t-sluichd.  Thachair  so  o 
na  clachaibh  a  bha  air  an  tilgeadh  suas,  agus  a 
thuit  a  rìs   air  aa  ais  do  'n  t-slochd.     'S  ann  sa 


20 

inheall  ùr  so  a  bha  'n  dà  theine  a  dh'  alnmich  mi. 
Bha  'n  dara  h-aon  diu  a  h-nile  tri  na  ceithir  de 
mhionaide  a'  tilgeadh  an  àird  lo  fuaim  uabhasaich, 
anabharradh  de  clocha  dearg  theinnteach,  air  a 
chuid  bu  iugha  tri  cheud  troigh  os  mo  cheann  ;  ach 
do  bhrìgh  nach  robh  gaoth  ann  thuit  iad  sios  anns 
a  cheart  àit  as  an  dthainig  iad.  Bha  'n  t-aon  eile 
làn  de  stugh  leaghta  dearg  theith  mar  chi  sibh  ann 
an  tigh  dheanamh  ghloineachan,  air  ghoil  agus  tre 
a  cheile  ag  at  's  a'gluasad  mar  thonnaibh  na  tairge, 
le  toirm  bhras  ghoirid.  Air  uairibii  chuir  an  stugh 
goileach  so  thairis,  agus  ruidh  e  sios  air  taobh  a 
chuirn,  dearg-theith  mar  thainig  e  mach,  ach 
chaochail  e  dhatli  's  a  choslas  mar  chruadhaich 
agus  mar  chinn  e  fionnar.  Nan  atharraicheadh  a 
ghaoth  's  gun  sèideadh  è  chum  na  taobh  air  an  robh 
sinne,  bha  sinn  an  cunnart  bhi  air  ar  marbhadh  leis 
na  miU  leaghta  a  bha  air  an  tilgeadh  o  'n  aigean ; 
ach  o  'n  a  bha  ghaoth  freasdalach  fhuair  sinn  cothrom 
air  sealladh  beachdaidh  a  ghabhail  air  an  àit  iong- 
antach  sin  car  uair  gu  leth  a  dh'ùine.  Air  a  chùige 
là  de  mhios  meadhoin  au  t-samhruidh,  chunnacas 
an  sliabh  so  fad  an  rathaid  o  bhaile  mòr  Naples,  a' 
brùchdadh  thairis;  agus  tri  laithean  na  dhiaigh  sin 
dh'  ath-ùraicheadh  an  fhuaim  thoireannacha  thainig 
as,  air  chor  's  nach  e  mhàin  gun  do  chrithich  gach 
uinneag,  ach  mar  an  ceudna  gach  tigh  a  bha  sa 
bhaile,  chriothnaich  iad  o'n  stèigh.  O'n  àm  sin  dh* 
at  e  thairis,  agus  air  uairibh  san  oidhche  chithte 
mìll  theinnteach  air  an  tilge  fad  os  a  ceann  anns  na 
speuraibh.  Air  an  deicheamh  là  'nuair  a  shaoil 
leinn  gun  do  sguir  i,  thòisich  i  as  ùr  ag  at  agus  a' 
beucaich  gu  h-oillteil.  Cha'n'eil  e'n  comas  do  neach 
beachd  is  firinnich  a  bhi  aige  air  an  fhuaim  a  thain- 
ig  uaipe,  'nuair  bu  choimhiche  i,  na  smuainteachadh 
mar  gum  biodh  doinionn  ghailbhich  a  gheamhruidh, 
toirm  atmhor  a  chuain  mhoir,  torran  speur,  agus 
callaid  ghunnacha  mòra,  air  an  aon  àm,  a'  deanarah 


co'-fhuaim  eagallach  le  cheile.  Gad  a  bha  sinne  da 
mhiledheugairasdar,  buchulaidh-uabhaisan  fhuaim. 
Cliuir  sinn  romhainn  dol  ni  bu  dlùithe  air  an 
t-sliabh,  thug  triuir  na  chearthar  againn  bàta  leinn, 
agus  chaidh  sinn  air  tir  aig  bun  na  beinne.  Mharc- 
aich  sinn  an  sin  ceithir  mile  m'an  d'thainig  sinn  a 
dh'ionnsuidh  an  stugh  leaghta  a  bha  sruthadh  a 
nuas  na  chaoiribh  dearga  air  slios  na  beinne;  's  ann 
anis  a  chinn'  an  stailmrich  agus  an  fhuaim  uabhas- 
ach  thar  tomhas.  Anns  an  neula  bha  os  ceann  beul 
an  t-sluichd  mhothaich  mi  gach  dath  a  bhiodh  ann 
ara  breacan.  Bha  maraon  rugha  dearg  uabhannach 
anns  an  speur,  os  ceann  an  àite  lar  an  robh  'n 
stugh  teinnteach  a'tearnadh.  Bha,  mar  gam  biodh, 
abbuinn  mhòr  de  stugh  leaghta  a  ruidh  a  nuas  o 
mhullach  gu  bonn  na  beinne,  agus  le  neart  nach 
b'  urrainnear  a  chosg,  a'niilleadh,  a'  losgadh,  agus 
a  lom  sgrios  gach  fìon-lios,  gach  craobh  ola,  agus 
gach  tigh  a  thainig  na  rathad,  agus  sgoilt  am 
maolni-slèibhe  so  as  a  cheile  na  shruthaibh  air  gnch 
taobh  mar  bha  creagan  agus  cnuic  a'  cur  grabaidh 
air  na  dheann-ruidh  millteach.  Bha  'n  sruth  bu 
mhò  dhiu  mu  leth  mhìle  air  leud  agus  cuig  mile  air 
fad.  Dhirich  mi  suas  beagan  ri  taobh  na  h-aibhne 
teinntich  s-o,  ach  b'  eiginn  domh  grad  theicheadh 
air  m'  ais,  a  thaobh  's  nach  mòr  nach  do  thachd 
fàile  a  phronnuisc  mi.  Am  feadh  a  bha  sinn  a'  dol 
air  ar  n-ais  mu  thri  uairean  sa  mliaduinn,  chuala 
sinn  beucaich  na  beinne,  a'  rànaich  gu  h-oillteil  fad 
na  slighe.  Agus  chunnaic  sinn  i  tilge  os  a  ceann 
steallan  lasrach  agus  clachan  teinnteach,  a  bha  mar 
a  thuit  iad  air  an  ais  cosmhuil  ri  rionnagan  drilean- 
nach  a  thuiteas  o  theine  ealanta  a  ni  daoine  le 
fùdar.  Air  leam  gun  robh  na  clachan  teinnteach 
sin  air  an  tilgeadh  mile  troigh  dìreach  anns  an 
athar  os  ceann  mullach  an  t-sleibhe.  Anns  an  t- 
suidheachadh  so  dh'  fhuirich  e  rè  sheachd  no  ocbd 
de  làithean.     Air  an  ochdamh-Ià-deug  de'n  mhios 


22 


cheudna,  sfruir  gach  coslas  dhe'n  t-seorsaso,  agus 
bha  beinn  Vesuvius  fa  dheireadh  gu  ciùin  sàmhach, 
gun  sraùid  gun  lasair. 


1 3.  Leabaidh  bhais  an  Fhoirhhich. 

Sguir  an  seann  duine  a  labhairt — agus  bha  oghadh 
a  nis  comasach  air  na  bha  e  faicinn  fhulang — theann 
e  gu  sàmhacli  a  null  a  chum  a  bhuird  far  an  robh  a 
chùngaidh-leighis  a  dh'  uimicheadh  arson  a  shean- 
athar,  's  ga  ghiulan  a  nall  ann  an  soire  beag,  chum 
e  suas  e  le  laimh  chaoimh  ri  beul  an  t-seann-duine. 
Dh'  òl  e,  's  an  sin  thuirt  e,  "  Thig  ni  's  dlùithe 
dhomh  a  Sheumais  bhig,  agus  thoir  dhomh  pòg  air 
do  shon  fein,  agus  air  sgàth  t-athar;"  agus  niar  a 
dhlùlhaich  an  leanabii  gràdhach  a  bhilean  cùbh- 
raidh  air  beul  seachdai  a  shean-athar,  thuit  na  deoir 
gu  frasach  o  shùil  an  aosda,  agus  shil  iad  air  ceann 
leadanach  an  leinibh,  a  bha  nis  na  shìneadh  's  ag  os- 
naich  aira  bhroillcach. — "  A  Sheumas  bhig,  arsesan, 
dhi-chuimhnich  t-athair  fcin  thusa  ad  leanabas,  agus 
mise  am  shean  aois^  ach  na  di-chuimhnich  thusa  t- 
athair  na  do  mhàthair,  oir  tha  fhios  agad  agus  is 
aithiie  dhuit  gur  i  sin  àithne  Dhe." — Bha  cridhe  an 
leinibh  an  iiibh  sgàine,  's  cha  robh  e  na  chomas 
Jabhairt.  Dhruid  e  ni  bu  dlùithe  is  na  bu  dlùithe 
ris  an  t-seann-duine  ghràdhach,  agus  bha  e  nis  gu 
brònach  na  slihieadh  air  uchd  a  shean-athar.  Thuit 
a  mhàthair  sios  air  a  glùinibh,  agus  dh'  fholaich  i  a 
gnuis  le  làmhaibh.  "  O!  a  deir  ise,  Nam  bidh  fios 
aig  ni'  fhear-pòsda  air  so  cha'n  fhàgadh  e  athair  air 
leabuidh  a  bhàis."  Agus  bha  fhios  agam  a  nis  gun 
robh  am  foirfeach  agùrnuigh,  arson  amhic  easumhal 
agus  aingidh.  'S  an  àm  dh'  fheuchainnich  so  ghlac 
am  ministeir  am  Biobull  air  a  ghlùn,  agus  thuirt,  e 
Seinneamaid  chuni  clìu  agus  moladh  Dhe,  earrann 


23 

de'n  chùigibh  salm  deug,  agus  leugh  e  le  cridhe  iàn 
agus  le  guth  bristeacii  na  rannan  taitncach  sin, 

Cò  dh'fhanas  ann  ad  phailHun  shuas? 

a  Thighearna,  cò  e  ? 
Air  do  chnoc  naomh  cò  'n  ti  sin  leat 

a  chòmhnuicheas  gach  rè? 
An  ti  a  ghluais  gu  treibh-dhireach, 

is  ionracas  a  chleachd, 
Labhras  an  fhirinn  sin  a  mach 

a  ta  na  chridhe  steach. 

M'  an  gann  a  sheinn  iad  an  t-sahn,  dh'fho.sgladb 
an  dorus;  agus  thainig  duine  àrd  tlachdmhor  a 
steach ;  ach  bha  gruaim  air  a  mhaluidh,  agus  a 
thaobh  coslais  bha  e  fo  bhròn,  fo  dhoilghios,  agus 
fo  agartas  goirt.  Air  a  ghiuasad,  fo  amhluadh,  agus 
air  a  bhualadh  le  dubhachas  ri  cluinntinn  a  cheoil 
thìomhaidh  chràbhaich  a  chual  e,  shuidh  e  sios  air 
ionad-suidhe,  agus  le  aghaidh  ghlas-neulaich  throm 
thug  e  sùil  air  leabuidh  bhàis  athar.  'Nuair  a  sguir 
na  sailm,  thuirt  am  foirfeach  le  guth  tùrsach  tròm, 
"  A  mhic,  thainig  thu  san  àm  a  dh'fhaighinn  bean- 
nachd  deireannach  t-athar.  Gun  dthugadh  na  tha 
ri  tachairt  san  t-seomar  so  air  an  oidhche  nochd, 
ortsa  pilleadh  o  d'  dhroch  shlighibh  !  Tha  thu  'n 
so  gu  fianuis  a  thogail  air  tròcair  do  Dhe  agus  Shlan- 
uighir  air  an  d-rinn  thu  co  fada  dearmad."  Dh'  amh- 
airc  am  ministeir,  le  gnùis,  mar  robh  i  le  gruaim,  a 
bha  air  a  chuid  bu  lugha,  achmhasanach,  air  an 
òganach,  a  bha  fhathast  na  thosd,  agus  thuirt  e, 
"  Uilieam  !  o  cheann  tri  bliadhna,  clia  do  dhorch- 
aich  t-fhaileas  stairsneach  tighe  an  Tighearna.  lad- 
san  a  chuireas  an  suarachas  an  tàirneanach,  faodaidh 
iad  criothnachadh  ris  a  ghuth  chiùin  shàmhach — 
Anis  àm  an  aithreachais — gun  giulaineadh  spiorad 
t-athar  a  suas  do  neamh  sgeul  ait  air  aon  anam 
aithreachail  a  thearnadh  o  chuideachda  pheacach." 
Le  mòr  shaothair  dhlùthaich  an  an  t-òganach  gu 


24 

taobh  na  leapacb,  agus  fa  dheireadh  fhuair  e  comas 
a  ràdh,  "  Athair,  cha'n'eil  mis  as  eug'ais  bàigh 
nàduir;  agus  ghreas  mi  dhachaidh  co  luath,  'sa  chuala 
migun  robh  am  ministeir  a'marcachd  a  dh'ionnsuidh 
an  tighe.  Tha  dochas  agam  gum  faigh  thu  chuid  is 
fearr  dheth  so  fathast;  agus  ma  chuir  mi  campar 
riamh  ort,  tha  mi  'g  aslucha  maitheanais — oir  tha 
cridhe  daonnachdaii  agam — Athair  !  bha  mi  mi- 
dhleasnach,  ach  cha'n  'eil  mi  mi-chneasta.  Tha  mi 
'guidhe  maitheanas." — Thig  a  nali  ni's  dlùithe  orm, 
Uilliam  ;  lùb  do  ghlùn  ri  taobh  mo  leapach,  agus 
faireadh  nio  làmh  ceann  mo  mhic  ghràdhaich;  oir 
tha  dòrchadas  gu  dian  a'  tighinn  thairis  orm.  Bu 
tu  mo  cheud-ghin,  's  an  diugh  cha'n'eil  mac  beo 
agam  ach  thu.  Tha  do  bhràthairean  agus  do  phear- 
aichean  geala  gaolach  fo'n  fhòid  'sa  chladh  ud  thall, 
dlù  dh'ise,  cèilidh  mo  gliràidh,  a  thug  t-eudan  fein, 
Uilliam,  gu  tric  gu  m'  chuimhne.  Is  fada  bha  thu 
ad  chulaidh-aoibhneis  agus  ad  aobhar-uaill;  oir  cba 
robh  anns  an  sgìreachd  uile  aon  duine  no  mac  col- 
tach  ri  m'  UiUiam  fein.  Ma  thainig  atharachadh 
air  do  chridhe  o  'n  àm  sin,  's  rèidh  do  Dhia  smuain- 
tean  ceart  aiseag  air  ais  duit.  Ghuil  mi  gu  goirt  air 
do  shon — seadh,  Uilleam,  'nuair  nach  robh  aon  am 
chòir — eadhon,  mar  ghuil  Daibhidh  arson  Absalom 
— air  do  shonsa,  "a  mhic,  O  mo  mhac  !" — B'e'm 
freagradh  a  thug  UiIIeam,  aon  osna  throm  dhomh- 
ain.  Bha  a  cholann  gu  leir  fo  throm  spairn,  'se 
fhathastair  aghlùn;  ach  b'fhurast  fhaicinngun  robh 
e  fulang  fo  aithreachas,  agartas  coguis,  agus  ann- 
dòchas  anama.  Thuirt  am  ministeir  le  guth  bu 
sgaitiche  agus  le  aogas  bu  ghruamaiche  na  b'àbhuist 
da,  *'  A'  bheil  fhios  agadsa,  cò  'n  lamh  a  tha  nis 
na  luidhe  air  do  cheann  ceannairceach  ?" — '*  O  na 
buin  ro  chruaidh  ris,"  ars'  a  chèilidh  brònach,  's 
i  tighinn  am  follais  o  chùil  dhorcha  san  t-seomar, 
far  an  dthug  i  oirp  air  i  fein  fholach  fo  mhulad  agus 
fo  nàire,     "  O  !  caomhainn  m'fhear  pòsda— caomh- 


25 

naibh  e,  ars'  ise,  bha  e  do  ghnà  dleasnach  caoimh- 
neil  domhsa.''  Agus  le  so  a  ràdh,  thuit  i  air  a 
giùinibh  làmh  ris,  aguschuiri  agairdeana  fada  geala 
gu  bàigheil  cianail  mu'n  cuairt  d'a  mhuineal.  "  Falbh 
thusa  cuideachd,  a  Sheumais  bhig  ghràdhaich,"  ars' 
am  Foirfeach,  "  falbh  eadhon,  o  m'  bhrollach,  agus 
leig  fothad  do  ghlùn  làmh  ri  d'  athair  agus  de  mhàth- 
air,  Chum  gum  beannuicheam  sibh  uile,  le  aon  ùr- 
nuigh  dhùrachdaich  m'an  dealaich  sinn."  Rinn  an 
leanabh  mar  a  dh'  iarradh  air,  agus  chaidh  e  air  a 
ghlùn  le  cail-eiginn  de  sgàth  ri  taobh  athar;  cha 
d-rinn  an  duine  truagh  dearmad  air  an  leanamh  a 
nis  a  ghabhail  'na  ghlacaibh,  a  dhi-chuimhnich  e 
tuille  's  fada;  bu  toigheach  leis  fhuil  fein  a  dh'  ain- 
deoin  cumhachd  marbhanta  a  mhi-chreidimh  a  fhuair 
gus  a  so  buaidh  air.  "  Cuiribh  focal  De,"  ars'  am 
Foirbheach,  *'  ann  an  làmhaibh  mo  mhic,  agus 
leughadh  e  mach  d'  a  athair  a  tha  dlù  air  a  chrich, 
an  23,  26,  27»  rann  de'n  1 1  Caibdeil  de  shoisgeul 
Eoin."  Chaidh  am  ministeir  d'an  ionnsuidh-san  a 
bh'air  an  glùinibh,  agus  thuirt  e  le  guth  truacanta, 
cìùin,  caoimhneil — "  Is  cuimhne  leam,  Uilleam, 
'nuair  nach  robh  a  h-aon  a  b'fhearr  a  leughadh 
focal  De  na  thusa — Am  faod  e  bith  gun  do  dhì- 
chuimhnich  mac  mo  charaid  fòghlum  òige  ?"  Cha 
do  dhi-chuimhnich  e  e — Cha  ruigeadh  am  peacach 
truagh  aithreachail  a  leas  a  shùilean  a  thogail  o 
thaobh  na  leapach.  Chaith  sruth  naomh  an  t-sois- 
geil  clais  na  chridhe,  's  bha  na  h-uisgeachan  a  ris 
a'brùchdadh  a  mach.  Le  guth  fann  tachdta,  labhair 
e — "  Thuirt  e  rithe,  is  mis  an  aiseirigh  agus  a 
bheatha;  an  ti  a  chreideas  annamsa,  ged  gheibh  e 
bàs  bithidh  e  beo,  agus  ge  b'e  neach  a  ta  beo  agus 
a'  creidsinn  annamsa,  cha'n  fhaigh  e  bàs  am  feasd* 
A'  bheil  thu  creidsinn  so  ?  thuirt  e  rithe,  tha  a  Thigh- 
earna,  tha  mi  creidsinn  gur  dthusa  Crìosd  mac  Dhe 
a  bha  gu  teachd  chum  an  t-saoghail." — "  Cha'n  e  so 
guth  ana-creidich,  ars*  an  seann-duine,  gu  buadhar 
C 


26 

air  leabaidh  a  bhàis;  is  ni  bheil  agads'  Uilleam 
cridhe  an  ana-creidich,  Aidich  gu  bheii  thu  creid- 
sinn  na  leuf^h  thu  air  an  àm,  agus  gheibh  t-athair 
bàs  ann  an  sith." — "  Tha  mi  creidsinn.  Agus  mar 
tha  thus'  a'toirt  maitheanas  domhsa,  gun  dconaich- 
cadh  m'  athair  a  ta  air  neamh  dhonih  maitheanas 
mar  an  ceudna" — Bha'm  Foirfeach  mar  neach  air 
ath-bheothachadh  gu  h-obann  le  beatha  as  ùr.  Las 
a  shùilean  fann — thainig  ruiteag  na  ghruaidh  bhàin 
— air  leat  gun  d'fhàs  a  làmhan  critheach  iaidir,  agus 
bha  a  ghuth  guglan  soiileir  mar  ann  an  àird  a  neart. 
"  A  d  làmhaibhse,  O  mo  Dhia,  tha  mi  tiomna  suas 
nio  spioraid  !"  Agus  le  so  a  ràdh,  thuit  e  gu  ciùin 
seachad  air  ceann-adhait  na  leapach.  agus  air  leam 
gu'n  cuala  mi  osann  !  Bha  sàmhchair  fhada  ann,  na 
dhiaigh  so,  bha  gach  aon  nan  tosd — Dh'èirich  an 
t-athair,  a  mhàlhair,  agus,  an  leanabh  o'n  glùinibh. 
Bhasùil  gach  aon  air  aogas  ciùin  a  chuirp  sin  a  bha 
nis  sinnte  ann  am  fois  shiorruidh,  agus  gun  bhas- 
bhualadh  no  àrd-chumhadh,  ach  ann  am  brònsàmh- 
ach  an  anama  striochdta,  sheas  sinn  m'  an  cuairt 

air  LEABAIDH  BHAIS  AN  FHOIRBHJCH. 


l*.  Bàs  Altamond. 


Am  feasgar  muladach  m'an  d'  fhuair  an  t-òganach 
àrd-uasai  so  am  bàs  sin  a  dhùisg  na  smaointe  a  b* 
eagallaich,  bha  mise  maille  ris.  Cha  robh  aon  neach 
eile  a  làthair  ach  an  lithich'  a  bha  feilheamh  air, 
agus  fior  chompanach  d'an  tug  e  mòran  spèis,  agus 
a  bha  e  na  impidh  air  a  mhilleadh  le  dhroch  bhar- 
ailibh  mi-chreideach.  Air  dhomhsa  teachd  a  stigh, 
thuirt  e,  "  Tha  thus'  agus  an  lithiche  tuiile  's  fada 
gun  tighinn.  Cha'n'eil  aona  chuid  beatba  no  dòchaa 
agam.  Tha  fiughair  agaibhse  ri  miorbhuilean  oib- 
reachadh.  Thogadh  sibh  na  mairbh  !"  Fhreagair 
mi,  gun  robh  nèamh  tròcaireach— "  Mar  bitheadh" 


27 

ars'  esan,  "  cha  bhlthinnse  co  ciontach.  Ciod  nach 
d-rinn  nèamh  chum  mis'  a  bheannachadh  agus  a 
thearnadh  !  Bha  mi  tuiile  's  laidir  arson  an  Uile- 
chumhachdaich  !  Tharruinn;  mi  sgrios  orm  fein." 
— Thuirt  mi,  am  Fear-saoraidh  beannuichte. — Stad  ! 
stad  !  Tha  thu  gam'  leon  !  ars'  esan,  's  e  sin  a  tha 
ga  m'  dhitcadh;  dh'  àicheadh  mi  ainm  !" 

Dhiult  e  èisdeachd  riumsa,  r.gus  cha  ghabhadh  e 
aon  ni  o'n  lithiche,  bha  e  na  shineadh  gu  tosdach, 
co  fad  's  a  leige  saighdean  goirtis  leis,  gus  an  do 
bhuail  mòr  uaireadair  an  tighe.  An  sin  le  dian- 
dhùrachd,  ghlaodh  e,  "  O  aimsir !  is  ceart-bhreitheach 
dhuitse  t-fhear-millidh  a  bhuala  mar  so  gu  goirt ! 
Cionnas  a  theich  thu  uam  gu  buileach  ! — O!  nach 
robh  agam  aon  mhìos,  seadh  aon  seachduin! — 
Cha'n'eil  mi  'g  iarruidh  bhliadhnaichean ! — gad  a 
bhiodh  linn  ro  ghoirid,  arson  an  anabharr  a  th'agam- 
sa  r'a  dheanamh."  Le  dhomhs'  a  ràdh  nach  b'  urra 
dhuinn  tuille  's  a  chòir  a  dheanamh :  gun  robh 
nèamh  na  àite  beannuichte — "  'Sann  raar  sin  is 
measa  dhomhs'  e — "  Tha  e  caillte  !  tha  e  caillte! 
'Si  nèamh  dhomhsa  a  chuid  is  claoidhtiche  de  ifrinn  !'* 
An  deigh  so,  thairig  mi  ùrnuigh  chur  suas,— "  Dean- 
adh  sibhse  sin  is  urrainn  a  dheanamh. — Air  mo 
shonsa,  cha  d'  rinn  mi  ùrnuigh  riamh* — Cha'n  urra 
dhomh — 's  cha  ruig  mi  leas.  Tha  nèamh  fein  a 
co'-dhaineachadh  na  tha  mo  chogus  a'tagradh  am 
aghaidh.  Cha'n'eil  e  ach  ag  aontachadh  ri  aidmheil 
mo  chridhe  fein."  Air  dha  mothachadh  gun  do 
chuir  so  mi-ghean  air  a  charaid,  a  bha  nis  a'  sileadh 
nan  deur,  (agus  cò  b'  urra  gun  an  sileadh  ?  Cha  b' 
urrainn  domhsa)  le  sealladh  làn  caoimhneis,  thuirt 
e,  "  Caomhainn  do  dheoir  air  do  shon  fein.  Thug 
mise  sgrios  ort. — A' bheii  thu  'gul  air  mo  shonsa.'' 
'S  neo-iochdmhor  sin.  Ciod  is  mò  is  urra  mo  ruigh- 
eachd  ?" 

Bha  a  charaid   air  a  chlaoidh  cho  mhòr  leis  na 
C2 


2Q 

chunnaic  agus  na  chual'  e,  's  gun  robh  e  los  fhàgail. 
— "  Na  fàg  mi,  ars'  esan — faodai  tusa  fathast  a  bhi 
fo  dhòchas;  uime  sin  èisd  rium.  Cia  ana-ceillidh 
cuthaichte  's  a  labhair  mise  !  Cia  ana-cèillidh  cuth- 
aichte  's  a  dh'  èisd,  agus  a  chreid  thusa !  ach  amh- 
airc  a  nis  agus  thoir  fainear  mo  staid,  agu3  bithidh 
6  na  làn  fhreagradh  dhuitse  agus  dhomhsa.  Tha 
cholainn  so  air  a  riasladh  le  dòruinn  agus  an-shocair; 
ach  m'  anam  mar  gum  biodh  e  air  ath-bheothachadh 
leis  na  tha  e  a'  fulang,  chum  am  barrachd  neart: 
tha  e  lan  chomasach  gu  co'-riasunachadh:  tha  e 
làn  chomasach  gu  fulang — agus  an  ni  sin  a  tha  mar 
so  a'  buadhachadh  air  stairsnich  a  bhàis,  gun  teag- 
amh  cha  'n  fhaod  e  fein  gun  bhi  neo-bhàsmhor. — 
Agus,  a  thaobh  Dhe,  cha  b'  urra  ni  bu  lugha  n'  an 
t-Uile-cumhachdach  a  leagadh  ormsa  na  tha  mi 
fulang." 

Bha  mi  nis  a'  dol  a  dheanamh  co'-ghairdeachas 
leis,  anns  an  aìdmheil  a  rinn  e  mar  so,  gun  fhios  da, 
anns  an  dà  phuinc  chudthromach  sin  d'  ar  creidimh, 
a  chaidh  èigneachadh  uaith  le  meud  a  chlaoidh : — 
'Nuair  a  ghlaodh  e  mach  gu  dian — "  Stad,  stad ! 
leig  leam  labhairt.  Cha'n  fiiad  a  th'  agam  gu  bhi 
labhairt. — A  charaid  air  an  d-rinn  mi  eucoir  mhòr 
èisd  rium,  tha  m'  anam,  mar  mo  cholann,  a'luidhe 
fo  dhìth  air  tuiteam  nan  nochd-Iàraich  thruagh,  ann 
am  bloighdibh  de  smaointean  briste. — Tha  geur- 
agartas  oillteil  le  cuinihne  air  na  thachair,  a'  tilge 
mo  smaointean  romham  chum  nan  nithibh  a  tha  ri 
teachd. — Agus  tha  uabhas  ni's  eagallaiche  mu  na  tha 
ri  tachairt  gan  grad  sgiùrsadh  a  rithist  air  an  ais. 
Tha  mi  tionndathairis  agus  thairis,  's  cha'n'eil  agam 
aon  ghath  sòlais  no  dòchais.  O  nam  mothaicheadh 
tusa  leth  chudthrom  na  h-uallaich  mhoir  a  tha  nis  na 
luidhe  ormsa,  dheanadh  tu  cruàidh  spàirn  a  bhi  ann 
an  àite  an  Naomh-fhianuis  a  tha  air  a  cheangal  san 
teine  ann  an  geimhlibh   arson   a  chreidinib,   agus 


29 

chliuthaicheadh  tu  Dia  arson  nan  lasraichean  ! — Cha 
lasair  shiorruidh  sin,  's  cha  teine  nach  bi  chaoidh  air 
a  mhùchadh." 

O  mar  lainig  so  sinn  !  gidheadh  an  ùine  ghearr, 
bha'm  barrachd  cionfath  againn.  Le  colg  buaireas- 
ach  air  a  shùil,  agus  le  eadòchas  na  ghnuis,  ghlaodh 
e  mach  !  Rinn  mo  dhroch-bharailean  mor  eucoir 
air  mo  chairdean;  rinn  m'  ana-caitheamh  stròghail 
diol-deirce  de  m'  mhac!  thug  mo  mhi-charthanachd 
agus  mo  neo-chneastachd  m'an  cuairt  bàs  mo  mhnatha  I 
Àn  e  gu  bheil  ifrinn  eile  ann  ?  Och,  a  Dhe  d'an 
dthug  mi  toibheum,  ach  gidheadh  a  bha  bàigheil 
rium  !  Bithidh  ifrinn  fein  domh  na  h-ionad-dion, 
ma  dh'  fhoiaicheas  i  mi  o  d'  ghruaim  !"  Beagan  an 
diaigh  sin  dh'fhàillnich  a  tiiuigse.  Dh'  aithris  a 
smuaintean  eagaliach,  nithe  uabhasach  air  nach  faod- 
ar  tighinn  thairis,  's  nach  urrainnear  a  dhi-chuimh- 
neachadh.  Agus  m'an  d'  èirich  a  ghrian,  (is  ain- 
mig  a  dh'  èirich  i  air  a  leithid,)  an  t-òganach  oir- 
dheirc,  fialuidh,  ard-inntinneach,  uasal  so,  an  t-ògan- 
ach  bu  truaighe  a  chunnacas  no  chualas,  Ahimond, 
thug  e  suas  an  deo  ! 


15.  Taishean  Mhirsah. 

AiR  a  chùigeadh  là  de'n  ghealaich  a  choimhead  mi 
naorah,  a  rèir  gnà  rao  shinnsir,  an  dèigh  dhomh  m' 
ionnlad,  agus  m'  urnuigh  mhaidne  a  chur  suas, 
dhìrìch  mi  'ri  beanntaibh  àrda  Bhagdat,  chum  a 
chuid  eile  de'n  là  a  bhuileachadh  ann  an  co'-chainnt 
ri  m'  chridhe  fein,  agus  ann  an  ùrnuigh  dhiomhair. 
Nuair  a  bha  mi  a'mealtuinn  fiunnachd  an  t~soirbheis 
air  mullach  na  beinne,  thuit  mi  ann  an  doimhne 
smaointean  mu  dhiomhanas  beatha  mhic  an  duine; 
agus  a'  dol  mar  so  o  aon  smuain  gu  smuain  eile,  gun 
amharus,  thuirt  mi,  cha'n'eil  ann  an  duine  ach  faileas, 
's  tha  bheatha  mar  aisHng  na  h-oidhche.  'Nuair  bha 
C3 


30 

mi  mar  so  a'  smaoineacha  thionndai  mi  mo  shùil  gu 
mullach  craige  nach  robh  fada  uam;  far  am  faca  mi 
neach  ann  an  dreach  buachaiUe  chaorach,  agus  inn- 
eal  ciùil  na  laimh.  Mar  dh'  amhairc  mi  air,  chuir 
e  r'a  bhilibh  e  agus  thòisich  e  air  ceol  a  sheinn. 
Bha'n  fhuaim  anabarrach  milis,  agus  chluich  e  ioma 
port  a  bha  ceolmhor  taitneach  r'a  chluinntinn,  agus 
air  na  h-uile  doigh  neo-chosmhuil  ri  aon  ni  'chuala 
mi  riamh.  Thug  iad  am  chuimhne  an  ceol  nearah- 
uidh  sin  a  tha  failteachadh  anama  nan  naomh  air  an 
ùr  theachd  a  steach  do  fhlaitheas,  chum  am  fulangas 
deireannach  agus  acain  a  bhàis  fhuadach  air  falbh, 
's  iad  fein  uimeachadh  fa  chomhair  sòlais  an  àite 
shonadh  sin.  Leagh  mo  chridhe  an  taobh  a  stigh 
dhiom,  ann  am  mòr  shubhachas  diomhair.  Chuala 
mi  gun  robh  Urra-ghlic  gu  tric  a'taghall  na  craige 
so,  gu'n  cualadh  iomad  aon  acheol-sìth-bhruth,  ach 
cha  b'fhiosrach  mi  gu'm  facas  riamh  roimhe  e.  An 
uair  a  thog  e  mo  smaointean  leis  a  cheol  bhinn  a 
sheinn  e,  gu  tlachd  a  ghabhail  d'a  sheanachas,  air 
dhomh  beachdachadh  air  mar  fhear  fo  ìoghnadh, 
smèid  e  orm,  agus  le  aomadh  a  làimhe,  sheol  e 
dhomh  dol  far  an  robh  e.  Tharruing  mi  ga  chòir 
leis  an  urram  sin  a  dhlighear  do  ard-ghne,  agus  mar 
a  thugadh  buaidh  iomlan  air  mo  chridhe  leis  a  bhinn- 
cheol  a  chuala  mi,  thuit  mi  sios  aig  a  chosaibh,  agus 
thòisich  mi  ri  caoineadh.  Dh'  amhairc  e  orm  le 
fiamh  ghàire,  le  caoimhneas  agus  caomhalachd  co 
mòr  'na  choslas,  's  gun  do  chaill  mi  air  ball  am 
fiamh  leis  an  d-thainig  mi  na  làthair.  Thog  e  suas 
mi,  agus  gam'  ghlacadh  air  laimh  thuirt  e,  a  Mhir- 
sah,  chuala  mi  do  cho-sheanchas. — Thig,  ars' 
esan,  lean  mise.  Thug  e  mi  'n  sin  gu  àrd-bhinnein 
na  creige,  agus  le  m'  charamh  aìr  a  muUach,  thuirt 
e,  Tionndai  do  shùil  ris  an  aird-an-ear  agus  innis 
dhomh  na  tha  thu  faicinn.  Fhreagair  mi,  gun  robh 
mi  faìcinn  gleann  mòr  domhain,  agus  sruth  mòr 
msge  ruidh  gu  bras  troimhe.     An  gleann  sin  a  tha 


31 

thu  faicinn,  ars'  esan,  's  e  sin  gleann  na  truaighe, 
agus  an  amhuinn  a  tha  dol  troimhe,  is  earrann  i  de 
shruth  mòr  na  siorruidheachd.  Dh'  fhiòsraich  mi 
dheth,  Cionnas  a  bha  tuil  na  h-aibhne,  a  bha  mi 
'faicinn  a'  sruthadh  a  mach  a  ceo  tiugh  dorchadais 
aig  an  darna  ceann,  agus  gu  grad  a'  dol  as  an 
fhradharc  ann  an  ceo  a  bha  co  dorch  aig  a  cheann 
eile  ?  Na  tha  thu  faicinn,  ars  esaìi,  'se  sin  a  chuibh- 
rionn  de  shiorruidheachd  ris  an  can'  iad  aimsir,  air 
a  thomhas  le  gluasad  na  grèine,  agus  a'  ruigheachd 
o  thoiseach  gu  deireadh  an  t-saoghail.  Rannsuich  a 
nis,  tìrrs'  esan,  le  d'  shùil,  an  fhairge  sin  a  th'  air  a' 
criochnachadh  le  tiugh-dhorchadas  aig  gach  ceann, 
agus  innis  domh  ciod  a  tha  thu  a'  faicinn.  Chi  rai 
drochait  am  meadhon  an  t-srutha;  an  drochait  a  tha 
thu  faicinn,  ars  esan^  'S  i  sin  beatha  mhic  an  duine, 
— rannsuich  i  gu  mion.  Air  dhomh  am  barrachd 
beachd  a  ghabhail,  mhothaich  mi  gun  robh  aice 
deich  a's  tri  fichead  bogha  slàn,  a  bharrachd  air  iom- 
ad  bogha  briste;  ionnas  gun  robh  eadar  shlàn  agus 
bhriste  mu  cheud  bogha  ann  air  fad.  An  uair  a  bha 
mi  'g  àireamh  nam  boghachan  dh'  innis  an  Urra- 
ghlic  dhomh  gun  robh  mile  bogha  air  tùs  san  droch- 
ait,  ach  gun  dthug  tuil  mhòr  air  falbh  an  còrr,  agus 
gun  d'  fhàg  i  'n  drochait  san  staid  bhreoite  sa  bheil 
thu  nis  ga  faicinn.  Ach  innis  domh  a  thuiUeadh 
ciod  tha  thu  faicinn  oirre.  Chi  mi  mòr  shluagh,  a' 
deir  mise^  a'  dol  a  nunn  oirre,  agus  is  leur  dhomh 
neul  dorch  an  crochadh  os  gach  ceann  di.  Mar 
bheachdaich  mi  gu  furachair,  chunnaic  mi  iomad 
aon  de  luchd-turais  a*  tuitean  tre'n  drochait,  san  t- 
sruth  bhras  a  bha  ruidh  gu  dian  foidhpe;  agus  le 
barrachd  mothachaidh,  thug  mi  fainear  gun  robh 
àireamh  mhòr  de  ghne  dhorsan  air  urlar  na  droch- 
ait,  air  an  cleth  gu  h-innleachdach  o'n  t-sùil,  air 
nach  luaithe  shaltuir  na  coisichean,  na  dh'fhosgail 
iad  fodhpa,  ionnas  gnn  do  thuit  iad  sios  rompa  do'n 
t-sruth,  's  air  ball  chaidh  iad  as  an  t-sealladh.     Bha 


32 

na  tuill  fo  làr  so  ro  lionmhor  aig  ceann  na  drochaìte, 
far  an  deach  an  sluagh  a  stigh,  airchor 'snach  luaithe 
thainig  dùmhladas  dhaoine  'mach  as  an  neul  tiiiugh 
na  thuit  mòran  sios  annta.  Dh'fhàs  iad  ni  b'  ain- 
ueamh  mu  mheadhon  na  drochait,  ach  mheudaich 
an  àireamh  gu  mòr,  agus  bha  iad  ni  bu  dlùithe  aig 
ceann  nam  boghachan  a  bha  slàn. 

Bha  gun  amharus  àireamh  eiginn,  ach  bu  tearc 
iad,  a  ghabh  greis  air  an  aghaidh  air  na  boghachan 
briste  le  ceum  turamanach  neo-chòmhnard;  ach  thuit 
iad  a  h-aon  an  dèigh  a  chèile,  air  dhoibh  a  bhi  air 
an  claoidh  leis  an  turus  shaothaii-eachail. 

Builich  mi  tamuU  beag  a'  smaoineachadh  air  a 
ghnothach  iongantachso,  agus  a  liuthad  ni  a  b'  fhiach 
fhaicinn  agus  a  thuigsinn  a  bh'  ann  am  fhradharc. 
Mheataich  mo  chridhe  le  bron,  ri  bhi  faicinn  mòran 
a*  sleumhnachadh  airfalbh  as  moshealladh,  gun  dùil 
r'a  leithid,  agus  sin  ann  am  meadhon  an  sùgraidh 
agus  am  fleadhachais,  's  a'  deanamh  greim  bais  air 
gach  ni  a  dh'  f  haodadh  iad  a  ghlacadh  chum  an  teas- 
raiginn.  Bha  cuid  ag  amharc  ri  neamh  mar  ann  an 
trom  smaoineachadh,  agus  ann  am  meadhon  an 
smaointe,  thuislich  iad  agus  thuitiad  as  mo  shealladh. 
Bhaàireamhlionmhora'saothaireachadh  gu  dian  ann 
an  tòir  air  faileis,  no  air  faoineachd  nach  b'  f  hiu,  a 
bha  baoisge  gu  boidheach  fa  chomhair  an  sùl,  's  a 
mireag  rompa;  ach  gu  tric  'nuair  a  shaoil  iad  gun 
robh  e  na'n  glaic,  dh'  f  hosgail  an  drochait  fo  bhonn 
an  coise,  agus  fodha  a  chaidh  iad.  Anns  an  ùbrait 
choimhich  so  chunnaic  mi  cuid  de  dhaoine,  le 
claidhean  agus  lannan,  air  an  ais  agus  air  an  aghaidh 
air  an  drochait,  gam  fòirneadh  air  na  tuill  fo  làr  so, 
a  dh'  f  haodadh  iad  a  sheachnadh,  mar  rachadh  an 
cur  a  dh'  aindeoin  orra. 

Air  do'n  Urra-ghlic  m'  f  haicinn  a'  buanachadh  fad 
ni  's  leoir  air  an  t-sealladh  mhuladach  so,  thuirt  e 
rium  nach  bu  teichd  fhad  'sa  bha  mi  'g  amharc  air. 
Tog  do  shùil  bharr  na  drochaite,  ars  esan,  agus  innis 


33 

domh  a'  bheil  thu  faicinn  ni  air  bith  f  hathast  nach 
'eil  thu  tuigsinn.  Air  dhomh  amharc  suas,  thuirt 
mi,  ciod  is  ciall  de'n  sgaoth  mhor  eun  a  tha  mi  faic- 
inn  do  ghnà  ag  itealaich  m'  an  drochait,  agus  a' 
luidhe  oirre  o  àm  gu  h-àm  ?  Is  leur  dhomh  'm  fith- 
each  's  am  fang  agus  iomad  eun  creiche  eile  nach 
urra  dhomh  ainmeachadh.  Sid  agad,  ars  esan, 
farmad,  sannt,  saobh-chràbhadh,  eadòchas,  's  a  h- 
uile  cùram  agus  an-togradh  eile  a  tha  *n  dual  do 
bheatha  mhic  an  duine. 

An  so  tharruing  mi  osna  throm.  Mo  thruaighe, 
thuirt  mi,  Chaidh  an  duine  a  chruthachadh  an 
diomhain  !  Cionnas  a  tha  e  air  a  thoirt  thairis  do 
thruaighe,  agus  do  neo-chinnteachd  beatha!  air  a 
chlaoidh  nabheatha,  air  ashlugadh  suasannam  bàs! 
Air  do'n  Urra-mhath  truas  a  ghabhail  diom,  fàg,  ars' 
easan,  an  taisbean  muladach  so.  Na  h-amhairc 
tuille  air  mac  aon  duine  ann  an  ceud  thoiseach  a 
làithean,  'na  ùr-imeachdchum  siorruidheachd.  Ach 
beachdaich  air  a-  cheo  dhorcha  sin  chum  a'  bheij  an 
srùth  gu  dian  a'  giulain  uile  linnibh  dhaoine  a  tha 
tuiteam  ann.  Dh'  amhairc  mi  mar  dh'  àithn  e 
dhomh,  agus  (co  dhiu  a  neartaich  esan  mo  f  hradh- 
arc,  air  mhodh  nach  do  thuignii,  no  dh'  fhuadaich 
e  cuid  de'n  cheo  a  bha  roimhe  so  tuille  's  deachdair 
do'n  t-sùil  amharc  troimhe,)  chunnaic  mi  ceann 
thall  a  ghlinne  a'  fosgladh  gu  farsuing,  agus  a 
sgaoileadh  a  mach  'na  chuan  raòr,  anns  an  robh 
cruaidh  sgeir  a'  dol  tre  a  mheadhon,  agus  ga  roinn 
na  dha  earrainn  co-ionnan.  Bha  na  neoil  a'  sior 
shocrachadh  air  an  dara  h-earrainn,  air  chor  's  nach 
b'  urra  dhomh  aon  ni  f  haicinn  ann :  ach  bha  'n  t-aon 
eile  na  chuan  mòr,  anns  an  robh  eileinean  gun 
àireamh  a  bha  làn  meas  agus  bhlàithean,  ioma  mile 
muir  bheag  agus  lochan  boidheach  ag  iathadh  gu 
sèimh  sàmhach  nam  raeasg.  Chunnaic  rai  sluagh  air 
an  èideadh  ann  an  earradh  ghlòirmhoir,  le  blà- 
leasgaidh  air  an  cinn,  ag  imeachd  feadh  nan  craobh 


34 

a'  luidhe  sios  ri  taobh  nan  tobraichean,  a'  gabhail 
fois  air  an  leabaichibh  tlàtha;  agus  chuala  mi  co'- 
sheirm  aig  eoin  cheòlmhor,  tormàn  nan  ailt,  guth 
dhaoine,  agus  inneil  chiùil.  Dh*  fhas  mi  aìt  le 
sealladh  co  taitneach  fhaicinn.  Mhiannaich  mi 
sgiathan  iolair  a  bhi  agam,  chum  gun  rachainn  air 
iteig  do  na  h-ionadaibh  taitneach  sin;  ach  dh'  innis 
e  dhomh  nach  robh  doigh  gu  ruigheachd  far  an  robh 
iad  ach  tre  dhorsa  a  bhàis,  a  chunnnaic  mi  gach 
mionaid  a'  fosgladh  air  an  drochait.  Tha  na  h-eilean- 
an,  a  dcir  e,  a  iha  co  ùr'ar  ghorm  fa  d'  chomh- 
air,  agus  leis  a  bheil  aghaidh  a  chuain  air  a  bhreac- 
adh  co  fad  's  a  chi  thu,  ni  's  lionmhoire  na  gaineamh 
na  fairge;  tha  iomadai  eilean  air  chùl  na  tha  thus  a' 
faicìnn,  agus  a  ruigheachd  gu  mòr  ni  's  faide  na  's 
urrainn  do  shùil  f  haicinn,  no  eadhon  do  d'  inntinn  a 
smuaineachadh.  'Siad  sin  flath-innis  nan  naomh  an 
diaigh  am  bàis,  a  tha  a  rèir  tomhas  am  maitheis  air 
an  roinn  air  feadh  nan  eileanan  sin,  anns  a  bheil 
gach  aon  diubh  a'  sealbhachadh  sòlais  a  tha  co'- 
f  hreagradh  d'an  càil  agus  do'n  tomlias  foirfeachd  air 
an  d-rainig  iad.  Tha  h-uile  eilean  na  fhlaitheas  air 
a  dheasachadh  fa  chomhair  an  luchd-àiteachadh  a 
th'  air  an  socrachadh  ann.  Agus  a  nis,  O  !  Mhirsa, 
nach  aithrigh  na  h-ionadan-còmhnuidh  sin  spàirn  a 
dheanamh  chum  an  cosnadh  ?  A'  bheil  a  bheatha 
sin  tàireil  a  tha  toirt  cothrom  gu  ruigheachd  air 
luigheachd  co  àrd  .''  A'  bheil  am  bàs  sin  na  chulaidh 
eagail  a  ghiulaineas  tu  gu  beatha  co  sonadh?  Na 
smaointich  gundochruthaicheadh  anduineandìomh- 
ain,  aig  a'  bheil  siorruidheachd  mar  so  'na  bheachd. 
Dhlù-bheachdaich  mile  h-anabharra  tlachd  air  na  h- 
eileainibh  sonadh  sin.  Fàdheoidh,  thuirt  miris^  Nochd 
dhomh  a  nis  an  diomhaireachd  a  ta'n  cleth  fo  na 
neoil  dhorch  a  tha  os  ceann  a  chuain  taobh  thall  na 
creige  mòire.  Cha  tug  e  freagradh  dhomh,  thionn- 
da  mi  a  rìs  a  labhairt  ris,  ach  dh'fhàg  e  mi.  Thion- 
daidh  mi  a  rithist  a  dh'fhaotainn  ath-shealladh  de'n 


35 

taisbein  air  an  robh  HìÌ  bc  ichdacliadh  ;  acii  an  .aile 
an  t-srutha  chais,  na  drocliaid  le  boghachaihh,  's  na 
h-eileanan  sonadh,  cha'n  fhacadh  mi  bheag  ach 
gleann  domhain  Bhagdait,  Je  dhaimh,  le  chaoraich, 
's  gach  sprèidh  eile  ag  ionaltradh  air  uachdar. 


16.  Uile-làthaireachd  Dhe. 

Tha  an  Dia  uile  chumhachdach  a  làthair  anns  gach 
àite.  Tha  e  aig  mo  dheas-laimh;  tha  e  fad  air 
falbh;  tha  e  lionadh  an  t-saoghail  m'an  iadh  ghrian. 
Ann  an  so  tha  neonain  na  machrach  a'  fàs,  agus 
tha  esan  an  so  maraon  ;  shuas  os  mo  cheann  tha 
ghrian  a'  dealradh,  a's  tha  esan  'an  sin  mar  an 
ceudna.  Tha  e  san  oiteig  chiùin,  tha  e  san  doininn 
gharbh;  anns  an  t-solus  agus  anns  an  dorchadas; 
anns  an  neo-ni  is  faoine,  agus  anns  an  t-saoghal 
mhòr.  Tha  e  sa  ghleann  iosal  so,  tha  làthaireachd 
air  mullach  nambeann;  san  uaigneas  is  sàmhaiche 
san  eilean  fhàs,  'sa  bhaile  mhòr.  Eisdidh  e  mo 
ghuth  fann-sa,  mar  dh'  èisdeas  e  ri  co'-sheirm  nan 
aingeal  a  tha  le'n  clàrsaichibh  òir  m'an  cuairt  d'a 
chathair  rioghail.  'Se  Dia  nan  àrd-aingeal  e,  agus 
is  e  mo  Dhias'  e.  Eisdidh  e  ruinn  le  chèile;  agus 
bheir  e  èisdeacbd  mar  an  ceudna  do  cheol  na  h- 
uiseige,  agus  srann  an  t-seillein  ag|  iathadh  mu  na 
blàithibh  maotha.  O!  thus'  a  Dhe  Uile-Iàithreach! 
èisd  rium,  agus  freagair  mo  ghuth ;  na  ceadaich 
dhomhsa  gu  bràth  a  dhì-chuimhneachadh,  gu  bheil 
mi  fo  bheachd  do  shùl,  anns  gach  àit,  agus  air  gach 
àm.  Cuidich  leam  mi  fein  a  ghiulan  mar  ann  ad 
làthair;  chums,  's  an  uair  a  ghairmear  mi,  le  co'- 
thionalan  t-saoghail  gu  leir  fa  chomhair  mo  Bhreith- 
eamh,  nach  eiginn  domh  teicheadh  o  làthaireachd  an 
Ti  is  Airde. 


36 


17.  Mu  Mhòrdhachd  Dhe. 

Ciod  e  Dia,  no  ciod  e  ainm  ? 

Cha  tulg  na  h-aingil  's  àird  'an  gloir. 

Tha  e  na  sholas  deah'ach  glan, 

Far  nach  ruig  sùil  no  smuain  na  chòir, 

Uaith  fein  a  ta  a  Bhith  a'  sruth, 
Neo-chruthaichte  na  uile  bhuai'bh ; 
Neo-chriochnaichte  na  nàdur  fein, 
'S  fein-dhiongmhalta  ga'n  cuniail  suas. 

Cha  robh  e  òg  is  sean  cha  bhi, 
O  shìor  gu  sior  gun  chaochla  staid ; 
Cha  tomhais  grian  na  gealach  aois, 
Oir  's  nithe  caochlach  iad  air  fad. 

'Nuair  thaisbeanas  e  ghloir  na  ghràs, 
Bi'dh  là  neo-bhàsmhor  teachd  o  shùil ; 
'S  grad  chuiridh  sluagh  nan  nèamha  àrd, 
Le'n  sgiathaibh  sgàile  air  an  gnùis. 

'S  ma  thaisbeanas  e  ghnùis  'an  gruaim, 
Grad  sgaoilidh  uamhunn  feadh  nan  speur : 
Roi  achmhasansa  teichidh  'n  cuan, 
'S  le  geilt-chrith  gluaisidh  'n  cruione-cè. 

Ta  obair  nàduir  searg  's  a'  fàs, 
O  chaochladh  tha'd  gu  caochladh  ruidh ; 
Ach  uile  thionnsgans  tha'd  nan  aon, 
Gun  traogh  na  lionadh  air  a  Bhith. 

'Nuair  chuala  neo-ni  guth  a  bheil, 

Ghrad  leum  'na  bith  a  chruitheachd  mhòr, 

An  cruinne  so  le  uile  làn; 

'S  na  nèamha  àrd  le'n  uile  shlòigh. 

'N  sin  dhearc  air  oibrichibh  gu  leir, 
'S  gach  creutair  bheannuich  e  nan  staid; 
'S  cha  d'  fheum  ath-leasachadh  air  ni 
Am  measg  a  ghniomharaibh  air  fad. 


37 

Air  clàr  a  dhearn'  tha  dol  m'an  cuairt 
Gach  reuU  a  ghluaiseas  anns  an  speur; 
An  cruthach  gu  leir  tha  stìgh  na  ghlaic, 
'S  a'  deanamh  thaic  da  ghairdean  treun, 

Cia  chuairticheas  do  Bhith  a  Dhe  ! 
An  doimhne  shluig  gach  reusan  suas; 
'Nan  oirpibh  tha  aingil  's  daoin 
Mar  shligibh  maoraich  glacadh  chuain. 

O  bhith-bhuantachd  tha  thus'  a  d'  righ, 
'S  ni  bheil  san  t-saoghal  ach  ni  o'n  dè; 
O's  beag  an  eachdruidh  chualas  diot, 
'S  cha  mhòr  de  d'  ghniomh  a  tha  fo'n  ghrèin. 

Ged  thionndadh  ghrian  gu  neo-ni  ris, 

'S  gach  ni  fa  chuairt  a  soluis  mhoir, 

'S  co  beag  bhiodh  t-oibre 'g  iunndrain  uath, 

'S  a  bhiodh  an  cuan  ag  iunndrain  sil'  a  mheoir. 

An  cruthach  cha  dean  le  uileghlòir, 
Làn  fhoillseachadh  air  Dia  nam  feart, 
Cha'n'eil  's  na  h-oibre  ud  gu  leir, 
Ach  taisbein  earlais  air  a  neart. 

Le'r  tuigse  thana  's  diomhain  duinn 
Bhi  sgrùdadh  chuain  a  ta  gun  chrioch; 
An  litiris  lugha  dh'  ainm  ar  De, 
Is  tuille  'g  luchd  d'  ar  reuson  i. 

Oir  ni  bheil  dadum  cosmhuil  riut, 
An  measg  na  chruthaich  thu  gu  leir ; 
'S  a  measg  nan  daoine  ni  bheil  cainnt 
A  labhras  t-ainm  ach  t-fhocal  fein. 


18.  Dleasnas  cloinne  d'am  Parandaibh. 

A  MHUiNNTiR  òg, — is  cudthromach  na  dleasnais  a 

tha  mar  fhiachaibh  oirbh  a  thaobh    ur   pàrandan. 

D 


38 

Tha  na  dleasnais  so  air  an  earaluchaclh  oirbh  air  a 
mhodh  is  laidire  aiin  ani  focal  De.  Tha  iad  a'  co'- 
sheasamh  anns  a  cheud  àite  ann  am  niòr  mheas  agus 
urram  a  bhi  agaihh  dhoibh  'nar  cridhe.  ladsan 
nach  'eil  ag  aitrum  urram  d'am  pàrandaibh  nan 
smuainlibh,  cha'n  urrninn  doibh  a  bhi  dleasnach 
iia  'n  giulan.  Chàirich  Dia  iad  thairis  oirbh,  agus 
fo  Dliia  rein  's  ann  doibh-san  a  tha  sibh  fo'n  chomain 
is  àirde.  Is  tràthai!  a  bha  sibh  an  carbsa  riu  arson 
altrum  agus  tearuinteachd,  faicill  agus  cùraim  :  agus 
buinidh  dhnibhKe  air  an  aobhar  sin  amharc  suas 
d'an  ionnsuidh  niar  ur  càirdean  is  caomhaile  agus  is 
fearr;  aig  a'  bheil  an  gràdh  is  blàithe  agus  is  buaine 
d'  ar  taobh.  A  rìs,  bithibh  dleasnach  dhoibh  mar 
an  ceudna  'n  ar  cainnt,  a'  labhairt  riu  le  nieas,  le 
modh,  agus  le  ùinlilachd;  gun  fhreagairt  chas,  no 
fhrionasach  a  tiioirt  dhoibh  air  am  sam  bith.  Ach 
cha  leoir  a  bhi  dlcasnach  ann  an  smaoiutean  agus 
'an  cainnt,  feumaidh  sibh  a  bhi  mar  so  'nar  giulau 
cuideachd.  'Se  dleasnas  pharandan  an  teaghlach  a 
dheagh  riaghladh,  agus  na  cloinne  gèill  a  thoirt  d'an 
smachd.  Co  fad  's  nach  'eil  iartas  nam  parandan  an 
aghaidh  reachd  Dhe  feumaidh  sibhse  geille  dhoibh. 
Nan  tachradh  e  gu  dearbh  gum  biodh  parandan  ann 
a  tha  co  peacach  aineolach  'sa  dh'  iarradh  air  an 
duinecloinne  ni  sam  bi  a  dheanamh  nach  robh  cead- 
aichte  le  Dia,  cha'n'eil  teagamh  nach  e  dleasnas  an 
leinibh  toil  an  Athair  neamhuidh  a  dheanamh,  agus 
toil  athair  talmhuidh  a  dhiultadh:  'nuair  a  thig  toil 
De  agus  iarrtas  dhaoine  'an  aghaidh  a  chC'iIe,  cha'n'eil 
teagamh  co  dlià  gam  bu  chòir  gèiU  a  ihoirt.  Cha'n 
fhaod  an  saoghal  a's  na  bheii  air  uachdar  teachd 
eadar  sibh  agus  ur  dleasnas  do  Dhia.  Ach  an  uair 
nach  'eil  ur  parandan  ag  iarruidh  ni  air  bith  oirbh 
ach  ni  ceart  is  iomchuidh  dhuibh  gèill  a  thoirtdoibh 
gu  cridheil  togarrach ;  agus  gad  a  dh'  circadh  dhoibh- 
san  dol  am  mearachd,  agus  dearmad  a  dheanamh  air 
an  dleasnas  fein,  's  eiginn  duibhse  na  dheigh  sin  uile 


39 

bhi  ionmhuinn  umpa,  gar  <TÌulan  fein  tl'an  taobh  le 
caoimhneas  agus  foi<rhidinn.  Tha  cuid  de  leanab- 
aidh  fior  dhleasnach  ann  an  hìthair  am  parandan, 
ach  dearmadach  air  an  toil  co  luath  'sa  tha  iad  as 
am  fradharc;  ach  thugaibhse  fainear  mo  chairdean 
òga  gu  bheil  Dia  a  làthair  air  gach  àm,  a'  toirt 
fainear  a  leithid  so  de  ghiulan,  agus  ga  chomharach- 
adh  a  mach  mar  ni  a  thoilleas  a  dhiomb  agus  a 
chorruich.  Ma  thachras  d'  ar  parandan  a  bhi  lag, 
uireasbhui'each,  no  tinn,  sann  an  sin  gu  h-àraidh  a 
thig  dhiubh  ur  gràdh  a  th nisbeanadh,  ann  an  cainnt 
agus  an  giulan;  agus  an  uair  a  thig  sibh  air  ur  n- 
aghaidh  ann  an  neart,  'se  ur  dleasnas  saoithreach- 
adh  air  an  son  le  Fallas  ur  gruaidh  ma  tha  sin  feum- 
ail,  a'  cuimhneachadh  nach  'eil  peacadh  is  graineile 
anns  am  faod  sibh  tuiteam  na  bhi  cosg  ann  an 
riomhadh,  ann  an  (M  n'  an  gòrraich  air  bith  na  tha 
Dia  a'  toirt  comas  duibh  a  choj^padh,  fhad  'sa  tha 
iadsan  a  thug  sibh  chum  an  t-saogliail  a'  s^loiadh  as 
fo  euslainte  agus  fo  bhochduinn. 

Chum  ar  brosnuchadh  gu  bhi  mar  so  dleasnach 
d'  ar  parandaibh,  cuimhuichibh  ciod  a  thuirt  Dia, 
Tabhair  iirram  do  t-athair  agus  do  d'  mhàthair.  A 
leanabana,  arsan  t-abstol,  bithibh  ùmhal  d'ar  parand- 
aibh.  Dh'  fhàg  Criosd  samhladh  agaibh  sa  chàs  so. 
Bha  esan  na  òige  ùmhal  da  pharandaibh,  a  thaobli 
na  feola,  air  a  chiann-cheusaiuh,  fo  dhòruinn  bàia 
chunuaic  e  mhàlhair,  agus  lamh  ria  na  sheasamh  an 
deisciobuil  a  b'  ionmhuinn  leis,  dh' earb  e  i  r'a 
chaoimhneas,  A  bhean^  adeirCriosd,  Feiich  do  mhac, 
agus  ris  an  deiscìobuily  Feuch  do  mhàthair!  ladsan, 
uime  sin,  nach'eil  dleasnach  d'  am  parandan  tha  iad 
buailteach  do  fhearg  Dhe,  tha  iad  a'  bristeadh  àith- 
ne,  agus  a'  dol  an  aghaidh  samhladh  Chriosd.  Ach 
a  lis,  thugaibh  fainear  a  liughad  comain  fo 'm  bheil 
sibh  d'ar  paranda  arson  a  chùraim  agus  an  caoimh- 
ntas  leis  an  do  thrcasdail  iad  oirbh  ann  an  laithibh 
ur  'n  òigc.  'Nuair  bha  sibh  lag  agus  anfhann,  's  iad- 
D2 


40 

san  a  dh*  draich  agus  a  thog  sibh,  a  dhìon,  agus  a 
ghleidh  sibh  o  ioma  cunnart  d'an  robh  ur  leanabas 
buailteach.  Thug  iad  duibh  lòn,  aodach  agus  fasg- 
adh,  shaothraich  iad  air  ur  son  a  là  agus  a  dh'  oidh- 
che;  rinn  iad  faire  thairisoirbh  an  àm  ur  n-euslainte, 
le  caomhalachd  nach  do  ghabh  air  àm  air  bith  sgios. 
Ghuidh  iad  as  ur  leith  ri  Dia,  thug  iad  duibh  fogh- 
lum  agus  ionnsachadh  a  reir  a  chothrom  a  bh'aca; 
chuir  iad  focal  De  'nar  làmhaibh,  agus  tha  iad  a  nis 
ag  oirpeachadh  ur  cuir  a  mach  air  ur  laimh  fein  mar 
is  fearr  a  dh'fhaodas  iad.  Agus,  O  !  nam  b'  aithne 
dhuibhse  an  iomaguin  agus  an  cùram  a  dhùisg  sibh 
riamh  nan  uchd,  agus  na  dh'  fhuiling  iad  air  ur  son, 
thuigeadh  sibh  gur  cruaidhe  na  clachan  na  h-aibhne 
ur  cridheachan,  mar  e  miann  ur  n-anama  bhi  dleas- 
nach  dhoibh.  Aon  fhocal  eile,  mo  chairdean  òga, 
Nam  bu  mhiann  libh  cinneachadh  san  t-saoghals; 
meas  dhaoine  matlja  chosnadh  dhuibh  fein,  sìth  cog- 
uis  a  shealbhachadi),  agus  thar  gach  ni  deadh-ghean 
ur  n-Athar  neauihuidii  fhaolainn,  thugaibh  an  airc 
do  na  chaidh  a  ràdh,  a'  cuimhneachadh  gu  bheil 
malluchd  Dhe  air  a  bhagradh  an  aghaidh  na  h-òig- 
ridh  sin  a  tha  mi-dhleasnach  d'  an  athair  no  d'  am 
màthair,  agus  far  a'  bheil  malluchd  Dhe  cha'n  ion 
fiuthair  a  bhi  ri  sonas  na  àgh.  Tabhair  urram  do 
t^  athair  agus  do  d'  mhathair^  chum  gum  bi  do  Idithean 
huan  air  anfhearann  a  gheall  an  Tighearna  do  Dhia 
dhuit. 


19.  Mo  MMtJiair. 

Cò  thog  mi  air  a  cìochaibh  tlà, 

'Sa  thàlaiclh  mi  gu  suain  le  bàidh, 

'Sa  dh'  aitrum  mi  na  h-uchd  le  gràdh  ? 

Mo  mhàthair. 


41 


'Nuair  a  theicli  an  codal  fatlauam, 
Cò  thog  an  f^uth  bu  bhinne  i'uaim 
Air  chors  gun  thuit  mi  ann  am  shuain  ? 

Mo  mhàlhair. 

Cò  dh'fhair'  thairis  orm  gu  caomh, 

*S  mi  'm  luidhe  anns  achreidhil  fhaoia 

'Sa  shil  na  deoir  le  bàigh  co  caoin  ? 

Mo  mhàthair. 

Fo  easlainte  'nuair  bha  mi'n  sàs, 

O  àm  gu  h-àm  ni's  iaige  'fiis, 

Cò  ghuil  le  geilt  gum  t'aighinn  bàs  ? 

Mo  mhcàthair. 

Cò  ruidh  gu  dian  ga  m'  tliogail  suas, 
'Sachogair  sgeula  beag  a'm'  chluais, 
'Sa  phòg  air  talbh  mo  leòn  le  truas  ? 

Mo  mhàthair. 

Cò  air  ùrnuigh  dhùi^g  mo  dhèigh, 
Do  fhocal  naomh  is  iatha  Dhe, 
Gu  triall  'na  shlighe  dhìrich  rèidh? 

Mo  mhàthair. 

Am  faod  e  bith  nach  deanar  leam, 
Caidreamh  is  caoimhneas  riut  gach  àm, 
A  bha  cho  bhàigheii  chaoimhneil  rium  ? 

Mo  mhàthair. 

Cha'n  fhaod — b'e  sin  a  bhi  gun  truas, 
'S  ma  chumas  Dia  mo  bheatha  suas, 
Cha  bhi  do  chaoimhneas  dhomh  gun  duais? 
Mo  mhàthair, 

'Nuair  a  dh'fhàsas  tusa  lag  sa  cheum, 
Gheibh  thu  lorg  o  m'  ghairdein  fein, 
'S  bithidh  mi  m'  thaice  dhuit  a  d'  f  heum  ? 
Mo  mhàthair. 
D  3 


42 


'Nuair  chailleas  tu  do  lùths'  's  do  threòir, 
Ni  mi  faireadh  ort  le  deoir, 
A  dh'  oidhche  's  latha  bi'dh  mi  d'  chòir  ? 
Mo  mhàthair. 


20.  3Iu  theachd  Chriosd  ddn  t-Saoghal. 

'S  MocH  a  thuirt  am  Fàidh  Micah  agus  e  air  a  shoill- 
eireachadh  le  Spiorad  De,  "  ^gus  thusa  Bhetleh- 
em  an  tir  ludaih,  cha  tu  idir  is  lugha  am  measg 
cheannard  luda:  oir  asadsa  thig  Uachdaran  a  stiùras 
mo  shluagh  Israel."  Thainig  an  t-àm  sin  a  nis  m'an 
cuairt,  lànachd  na  h-aimsir  anns  an  robh  'n  fhàidh- 
eadoireachd  so  ri  bhi  air  a  coiHonadh,  agus  am  Me- 
siah,  miann  nan  uile  chinneach  gu  bhi  air  a  bhreith. 
Agus  tharladh  anns  na  làilhibh  sin,  gun  deachaidh 
òrdugh  a  mach  o  Chesar  Augustus,  an  domhan  uile 
a  mheas.  Thachair  so  chum  gun  rachadh  loseph 
agus  Muire  suas  gu  bhi  air  am  meas,  air  dhasan  a 
bhi  do  ihigh  agus  do  shliochd  Dhaibhidh.  Agus 
tharladh  am  feadh  a  bha  iad  an  sin  gun  do  choiliona 
làithean  a  h-inbhe  do  Mhuire,  agus  gun  bhana-char- 
aid  gun  chobhair,  rug  i  a  ceud  ghin  mic,  phaisg  i  e 
ann  ara  brat-speilidh,  agus  striochdta  fo  laimh  Dhe, 
mar  thige  dhi  na  staid  uireasbhui'ich,  chuir  i  na  luidh 
e  ann  am  prasaich,  do  bhrigh  nach  robh  àit  aca  san 
tigh-òsda.  'S  ann  an  so  a  bha'n  sealladh  iongantach! 
Oighrcachan  tighe  rioghail  ludaih  ann  an  cathair 
Dhaibhidh,  choiosaiuireasbhui'each  'snachd-fhosgail 
dorus  doibh,  ni  mo  thuirt  teanga  'nuair  bha  iad  a* 
siubhal  seachad,  le  ceum  trom,  Gum  fuasgla  Dia 
oirbh.  Ach  tha  sealladh  ann  ni  's  iongantaiche  na 
so  fhathast,  Cruthai'ear  an  domhain  na  luidhe  ann 
am  prasaich  !  An  t- Athair  siorruidh  na  leanabh ! 
Aosda  nan  làithean,  na  naoidhean  maoth  !  Ach  gad 
is  ann  mar  so  gun  ghreadhnachas  agus  gun  a  bheag 


43 

de  àilleachd  thalmhuidb  a  chàramh  an  naoidhean  so 
sa  phrasaich,  tha  uimeachadh  a'  dol  air  aghaidh  ann 
an  cearnaibh  eile  de'n  domhan  chum  iobairt  mhol- 
aidh  a  thairgse  do  Fhear-saoraidh  a  chinne-dhaonna. 
Tha'n  àird  an  Ear  ag  uimeachadh  a  tiodhlacan,  a  h- 
òr,  a  tùis  agus  a  mirr  chum  an  càramh  aig  cosan  an 
leinibh  eo.  Tha  druidhean  glice  na  dùcha  sin  air  an 
dùsgadh  gu  mothachadh.  B'  eolach  iadsan  air  agh- 
aidh  nan  speur,  agus  coslas  nan  lòchrann  àiUidh  a 
tha  deah-adh  annta,  ach  feuch,  air  ball,  chunnaic  iad 
solas  ùr,  reull  air  nach  robh  iad  roimhe  so  eolach,  a' 
gluasad  air  slighe  dhi  fein,  thuig  iad  gur  i  reull  lacoib 
a  bh'  ann,  dh'  imich  i  rompa,  air  teachdoireachd  an 
àigh  gus  an  d'thainig  i,  agus  gun  do  stad  i  os  cionn 
an  ionaid  san  robh  an  naoidhean  na  luidhe.  Rinn 
na  Drùidhean  gairdeachas  le  aoibhneas  ro-mhor; 
chaidh  iad  a  stigii,  fhuair  iad  an  naoidhean  le  Muire 
a  mhàthair,  thuit  iad  sios  agus  rinn  iad  aoradh  dha. 
Ach  thugadh  teist  a  b'  àirde  air  gloir  an  leinibh  so, 
theiring  aingle  Dhe,  na  spiorada  àiUidh  a  tha  cuairt- 
eachadh  cathair  an  Ti  is  àirde,  thainig  iadsan  a  thoirt 
sanus  do  dhaoinibh  air  mòralachd  an  leinibh  sin  a 
bha  nis  na  mhaothran  lag  fann  ann  am  prasaich 
Bhetleheim.  Bha  san  tir  sin  buachaiilean  a'fantuinn 
a  muigh  a'  deanamh  faire  oidhche  air  an  treud.  B'  i 
so  oidhche  'n  àigh  do  na  buachailiibh  bochda ! — 
Thainig  aingcal  an  Tighearna  orra,  air  èidìdh  le  solas 
a  shoiilsich  dorchadas  a  mheadhon-oidhche,  agus 
dhealruich  gloir  an  Tighearna  m'an  timchioll.  Am 
b'  ioghnadh  gad  a  ghabh  iad  eagal  mòr;  ach  an  t- 
aingeal  caomh  labhair  e  riu  le  briathraibh  bàigheil  a 
dh'fhògair  gach  eagal,  Na  hiodh  eagal  oirhh^  a  deir 
e,  oirfeuch^  tha  mi  'g  innse  dhuihh  deagh  sgeul  a  mhòr 
aoihhneis,  an  sgeula  is  aoibhnich  a  chualas  riamh,  ach 
cha'n  ann  duibhs'  a  mhàin,  mar  g'an  abradh  e,  cha'n 
ann  do  aon  teaghlach,  na  do  aon  dùthaich  na  fineadb, 
ach  deagh  sgeul  mhòr  aoihhneis  a  hhitheas  do  na  h-uìle 
shluagh :   do  Chinnich  co  math  's  do  ludhaich,  do 


44 

gach  rioghachd  fo'n  ghrèin,  Ach  ciod  i  'n  teachd- 
oireachd  a  bli'  aig  an  aingeal,  Hugad/i  dìmihh  an 
diugh  Slanuig/iear  aìin  am  baile  D/iaibhidh^  ncach  is 
eCriosdan  lighearna.  Rugadh  dhuibhse!  a  pheac- 
aich  bhochda,  adhaoine  bàisnihor,  Slanui<fhear,  Slan- 
uighear  o  pheacadh  agus  o  thruaighe,  o  bhàs  agus  o 
leir-sgrios  neach  is  e  Criosd  an  Tighearna,  ani  Mes- 
iah  a  ghealladh  gu  moch,  air  ùngadh  leis  an  Spiorad 
Naonih,  's  air  a  chiiir  air  leth  o  siuorruidheachd 
chum  dreuchd  Fir-shaoraidh.  Ilugadh  e,  deir  an  t- 
aingeal,  chu'n'eil  e  ni's  mò  air  a  leige  ris  duinn  Ìo 
shamhlachas  dorcha,  ach  thainig  e  dh'  ionnsuidh  an 
t-saoghail.  Rugadh  e^n  diugh,  thainig  an  là  m'an 
cuairt  faidheoidh,  an  là  a  dh'iarr  righrean  fhaicinn 
agus  nach  fac'  iad.  Rugadh  e  ann  am  Bellehem, 
cathair  Dhaibhidh,  agus  uaithe  so  do  thigh  agus  do 
shliochd  Dhaibhidh  a  reir  mar  giiealladh.  Cha'n 
fhaodadh  teachdoireachd  nan  aingcaì  gun  mhisneach 
agus  i^òlas  a  thoirt  do  na  buachaillean.  Dh'  innse 
dhoibii  na  comharan  leis  am  faigheadh  iad  a  mach 
Criosd.  Bithidk  so,  deir  an  t-aingeal,  na  chom/iara 
d/iuib/i:  GheibJi  sibk  an  naoid/iean  paisgte  a?m  am 
hrat-speilid/i^  ^yia  liiidhe  am  prasaich.  Cò  a  shaoii- 
eadh  gur  ann  mar  so  a  ihigeadh  am  Mesiah  ?  'S  ann 
an  so  a  tlia'n  taisbean  a  tha  doirbh  r'a  tliuigsinn, 
màthair  bhochd  uireasbhuidheach  gun  charaid — 
naoidhean  fann  —  prasach  na  chrcidheil  dha  —  am 
facas  rianih  irioslachadh  cosmhud  ris  aso?  ach  feuch 
air  an  laimh  eile,  cathair  rioghail  os  cionn  nan  ueamha, 
—  umhlachd  dhaoine  glice  o  dhùdiaich  chèin  — 
reull  ùr  a'  comharachadh  a  mach  na  slighe — feachd 
neamh  a'  teachd  a  nuas,  gairdein  an  Tighearn  air 
fhoillseacha — ciod  an  ni  ach  saorsa  dhaoine,  agus 
breith  an  t-Slanuighear  a  b'urrainn  a  leilhid  so  de 
ahloir  agus  de  mhoralachd  a  dhùsgadh  ?  An  deigh 
do'n  aingeal  a  iheachdoireachd  a  chur  'an  cèill  do 
na  buachaillibh  dh'fhàg  e  iad,  agus  gu  grad  b/ia 
maille  ris  cuideac/ida  m/iòr  de  armailtibh  neamh  a' 


45 

moladh  Dhe.  Cho'-aontaich  iad  anns  an  aon  fhonn 
le  co'-sheirm  bhinn  a'  seinn,  Gloir  do  Dhia  anns  na 
h-àrdaibh,  air  talamh  sìth^  agus  deadh-ghean  do 
dhaoinibh.  'Nuair  a  chunnaic  iad  gun  do  thachair 
an  ni  a  ghealladh  o  cheann  cheithir  niìle  bliadhna, 
anns  an  robh  beachd  ùr  air  a  thoirt  doibh  air  gliocas 
agus  tròcair  Dhe,  thog  iad  an  laoidh  sin  anns  an 
cubhaidh  dhuinne  le  dealas  naomh  co'-aontachadh. 

Seinnidh  gach  sluagh  gu  h-aon-sgeulach, 
gloir  ion-mholt'  Dhe  bhith-bhuain  ; 

*S  do'n  chaithrcam  èibhinn  agus  throra 
co'-fhreagradh  fonn  is  cuan. 


21.  Aiseiiigh  Chriosd. 

B'Esinstaid  àrd  luchd-riaghluidh  nan  ludhacb,  agus 
deisciobuil  Chriosd,  agus  is  ann  mar  sin  a  bha  gach 
ni  ann  an  lerusalem,  am  feadh  'sa  bha  Ceannard  an 
slainte  na  luidhe  ann  an  sàmhchair  na  h-uaighe.  'S 
an  àm  sin  cha  b'  iad  na  saighdirean  Roimheach  a 
mhàin  a  bha  'nam  freiceadan  air  an  uaigh;  bha  feachd 
nan  neamh  fo  ghluasad,  dh'èide  armailte  nam  flaith- 
eas  a  dhion  a  chuirp  naomha.  Bha  gach  uimeachadh 
a  nis  air  a  dheanamh  san  dà  shaoghal,  agus  gach  ni 
deas  air  son  an  àm  san  robh  gairdein  an  Tighearna 
ri  bhi  air  fhoillseachadh.  Dà  uair  chaidh  a  ghrian 
fodha  air  an  t-saoghal,  is  bha  gach  ni  fhathast  sàmh- 
ach  aig  an  uaigh  :  Bhuadhaich  am  bàs  air  Mac  Dhe; 
gu  ciùin  tosdach  chaidh  an  ùine  seachad ;  bha  na 
saighdeirean  gu  furachair  a'  faire;  dhealruich  galh- 
an  na  gealaich  mu  mheadhon  oidhche  air  an  clogaid- 
ibh  cinn  agus  air  an  airm-chatha.  Rinn  naimhdean 
Chriosd  uaiU — bha  gach  ni  mar  a  b'àill  leo;  thuit 
cridheachan  a  chairdean  fo  dliiobhail  misnich  agus 
fo  bhròn ;  bha  spiorada  na  glòire  a'  feitheamh  gu  h- 


46 

iomaguineach,  a'  toirt  fainear  do  na  biia  taciaaìrt, 
agus  a'  smaointeacliadli  le  mòr  iongantas  air  doimli- 
neachd  dòighean  an  Tighearna.  Fadheoidh,  dh'èir- 
ich  reult  na  maidne  san  àird  an  ear,  a'  toirt  sanus 
do'n  t-saoghal  gun  robh  'n  solus  a'  dlùthachadh; 
bha  fàir'  an  treas  ià  a'  bristeadh,  'nuair  gu  h-obann 
a  chriothnaich  an  talamh,  eadhon  gu  mheadhon, 
agus  bha  cumhachda  nan  neamh  air  an  gluasad; 
thainig  aingeai  De  a  nuas ;  chiisg  na  saighdirean  air 
an  ais  roimhe  ie  uabhas,  agus  tluiit  iad  sios  gu  iàr: 
"  Bha  ghnùis  mar  an  dealanach,  agus  èididh  geal 
mar  an  sneachda;"  charuich  e  air  falbli  an  leachd  o 
bheul  na  h-uaighe,  agus  shuidh  e  oirre.  Ach  cò  esan 
a  tha  mar  so  a'  teachd  a  nìos  o'n  uaigh,  le  thrusgan 
dàite  o  leabuidh  a  bhàis?  Esan  a  ta  glùrmhor  na 
choslas  ag  imeachd  ann  am  mòrachd  a  neart?  'Se 
do  cheannard  fein,  C)  Shion,  a  ta  ann  !  A  chriosd- 
uidh  'se  do  Thriath  fein  a  th'  ann  !  "  Sliaitair  e  an 
t-amar-fiona  na  aonar;  llia  chulaidli  daitlite  le  fuil;" 
ach  a  nis  mar  cheud-ghin  o  leaba  ns  h-uaighe,  tha  e 
cur  fàilte  air  maduinn  aiseirigh  fein.  Tha  e  'g  èirigh 
na  ghaisgeach  buadhar  o'n  uaigh;  tha  e  tilleadh  air 
ais  le  beannachdan  o  shaoghal  nan  spiorad ;  tha  e 
toirt  saorsa  do  chloinn  nan  daoine.  Cha  dthug 
èiridh  na  grèine  riamh  là  co  glormhor  a  steach — b'e 
so  là  ait-shaorsadh  p.ndomhaiu  mhoir.  Sheinn  reulta 
na  maidne  le  cheile,  's  rinn  uile  nihic  Dhe  iolach 
a;hairdeachais.  Dh'amhairc  Athair  na  trocair  a  nuas 
o  chathair-rioghail;  le  mòr  tlilachd  chunnaic  e  a 
shaoghal  fein  air  a  tliearnadh  ;  chunnaic  e  gun  robh 
obair  uile  math.  An  sin  rinn  am  fòsach  gairdeachas; 
bha  aiteas  air  a  chruthachadh  gu  leir  na  làthair, 
'nuair  a  theirinn  beannachdan  an  Ti  is  àirde  mar 
dhrùchd  nan  neamh,  a  dh'  alh-bheothacha  nara  fìn- 
eachan. 


47 


22.  Laoidh  mu  Aiseirigh  Chriosd. 

Dh'  èirich  Criosd  a  nios  o'n  uaigh  I 
Seinnibh,  na  tha  bhos  is  shuas  ; 
Seinn  a  thalaimh,  seinn  a  nèimh, 
Cuiribh  uile  chliu  ara  meud. 

Obair  chriochnaich,  's  chaidh  e  suas, 
Chuir  e'n  calh,  is  fhuair  e  bhuaidh  ; 
Dh'  fhalbh  an  smal  a  bh'  air  a  ghrein, 
Is  deah-aidh  i  gu  sìor  na  dhèigh. 

B'  fhaoin  a  chlach,  's  gach  innleachd  dhaoin', 
Chuir  e  croinn  na  h-uaigh  mu  sgaoii ; 
B'  fhaoin  de'n  bhàs  a  ghabhuil  sios, 
Dh'  èirich  e  le  buaidh  a  ris. 

Feuch  a  nis  tha  losa  beo, 
Ghabh  e  còmhnuidh  ann  an  gloir ; 
Thug  a  bhàs  an  gath  o'n  bhàs, 
ChaiU  an  uaigh  a  buaidh  gu  bràth. 

Aig  Criosd  a  nis  tha  neart  is  gloir, 
Is  riaghladh  an  domhain  nihoir; 
Neamh  is  ifrinn  tha  f 'a  laimh 
'S  gach  ni  is  neach  ri  bheil  ar  daimh. 

A  Righ  na  gloir  !  'se  so  an  t-àgh, 
Geill  is  cliu  ihoirtduit  gu  bràthj 
Sìth  is  rèite  riut  gu  sior, 
So  a  bheatha  shuthainn  fhìor. 


23.   Crann-ceusaidh  Chriosd. 

Tha  crann-ceusaidh  Chriosd  os  cionn  coimeas  na 
chuspair  co  dealrach,  's  gu  bheil  e  'sgaoileadh  gloir 
m'an  cuairt  da,  thairis  air  gach  rioghachd  air  thal- 


48 

amh,  air  feadh  gach  earrann  de'n  chruinne-ce,  air 
gach  ginealach  a  bha,  'sa  tha,  's  air  uile  Hnnibh  sior- 
ruidheachd  a  tha  ri  leachd.  Na  gniomhara  is  mò, 
's  na  nitlie  is  ainraeile  a  thachair  riamh  air  talamh, 
cha  do  lion  iad  le  'n  cumhachd  's  le  'm  maise,  ach 
tiota  beag  de  aimsir  agus  cuibhrionn  bheag  de'n  t- 
saoghal :  tha  dealradh  àrd  a  chroinn-cheusaidh  do- 
ihomhas  a'  lionadh  aimsir  agus  siorruidheachd.  Ma 
làn-bheachdaicheas  sinn  air  a  ghloir,  mothaichidh 
sinn  e  a'  sgaoileadh  a  chumhachd,  's  a  dlù-tharruing 
ga  ionnsuidh  aire  agus  beachd  o  linntibh  a  bha,  a 
tha,  agus  a  bhitheas. — O  neamh,  o  thalamh,  agus 
ifrinn,  o  ainglibh,  o  naomhaibh,  agus  o  dheamhan- 
aibh. — Chi  sinn  gur  e  so  àrd-chuspair  an  iongantais 
as  mò  o  dhaoinibh,  's  gur  sealladh  e  anns  a  bheil 
Dia  fein  ag  gabhail  làn  tlachd  :  chi  sinn  a  chuid  is 
fearr  de'n  chinne-dhaonna,  eagluis  Dhe,  rè  cheithir 
mìle  bliadhna,  ag  amharc  le  fiuthair  ris  m'an  do 
thachair  e;  àil  nach  d-rugadh  fhathast  ag  èiridh  suas 
a  bheachdachadh  air  le  h-urram,  o  linn  gu  linn  gus 
nach  bi  aimsir  ann  ni's  mò:  tha  aingle  agus  naoimh 
dho-àireamh  ag  amharc  air  an  ais  air  le  dealas 
naomha  gu  linnibh  iomallach  na  siorruidheachd. 
Faillnichidh  gach  gloir  eile  uair  na  uair-ciginn:  ma 
dh'  atharraicheas  gloir  a  chuspair  so  's  ann  a  mhàin 
a  raheudachadh.  A  ghrian  fein  cha'n'eil  a  solas 
buan,  fàsaidh  i,  mar  gum  b'  ann,  doilleir  le  h-aois; 
ach  aig  a  chuspair  àrd  so  mu  bheil  mi  labhairt,  tha 
co  liugha  galh  glormhor  's  nach  culr  siorruidb- 
eachd  fein  as  doibh.  Fhad  'sa  tha  naoimh  agus 
aingle  a'  cinneachadh  an  eolas,  bithidh  dealradh  a 
chroinn-cheusaidh  a'  sior-mheudachadh.  'Se  mi- 
chreidimh  a  mhàin  a  tha  curgrabadh  air  a  shoillse; 
*s  ann  air  thalamh  a  mhàin  a  tha  mi-chreidimh  a' 
buadhachadh, — cha'n'eil  a  bheag  dheth  air  nearah 
no  'an  ifrinn.  Cha'n'eil  teagamh  nach  cuibhrionn 
mhòr  de  shonas  nam  flaitheas  a  bhi  toirt  fainear  an 
doigh  air  an  do  chosnadhe;  agus  antromaichidh  e 


49 

gu  mòr  peanas  ifrinn  bbi  toirt  fainear  a  cbuspair  sin 
a  tbairig  an  saoradh  uaitbe.  Bbeir  e  beolbachadh 
ùr  do  ghathan  a  gbràidh  air  neamh,  agus  bheir  e 
air  lasraichean  ifrinn  losgadh  leis  a  bharracbd  uabh- 
ais ;  cha'n  e  mhàin  gun  diboir  a  dbearsadh  bar- 
rachd  àilleachd  do  ionadaibb  na  soiUse,  ach  ruigidh 
a  gbatban  riogbachd  an  dorchadais;  bithidh  e  na 
chulaidh-iarrtuis  do  na  naoimh  san  t-solus,  bithidh 
e  na  chulaidb-oillt  do  chumbachdaibh  an  dorchadais 
ann  an  riogbachd  na  truaighe. 

Tba  ghloir  a'  toirt  atharracha  cumhacbdach  m'an 
cuairt  anns  gach  ionad  's  a  bhcil  i  a'  dealradb.  Tha 
iad-san  a  tha  toirt  fainear  na  gloir  so  "  air  an  atb- 
chrutbacbadh  chum  na  h-iombaidb  cbeudna."  Faod- 
aidh  an  duine  dubb  ambarc  fada  ni  's  leoir  air  a 
gbrèin  m'an  atbarraicb  i  a  dhuitbead;  acb  ni  so  e: 
leaghaidh  e  cridheachan  cruaidhe  rèodhte,  spealg- 
aidh  e  creagan,  bristidh  e  stigh  roi  thiugb  dhorch- 
adas:  nach  ceart  a  tbeirear  ris  "  an  sokis  iongant- 
acb  !"  Bbeir  e  sùilean  do'n  dall  gu  beacbdacbadh 
air,  cha'n  e  mbain  do  na  doill  ach  do  na  mairbb  ;  'se 
solus  na  beatha  e,  solus  cumhachdach;  tha  chumh- 
achd  fada  thar  neart  na  tairneanaicb,  tha  e  ni  's  tlàithe 
n'  an  drùcbd  air  an  fbeur  mbaoth. 


24.  Fulangais  Chriosd. 

'S  e  fulangas  mo  Shlanuighir 
A  bbios  mo  dbàn  a'  luaidh ; 
Mor-irisleachd  an  àrd  Righ  sin, 
'Na  bhreith,  's  na  bhàs  ro-chruaidh: 
'S  e'n  t-iongantas  bu  mbiorbhuilich 
Chaidh  innse  riamb  do  shluagh; 
Ann  Dia  bha  ann  o  shiorruidheachd, 
Bhi  fàs  'na  chiochran  truagh. 


50 


'Nuair  ghabht'  am  broinn  na  h-Oigh  e, 
Le  comhnadh  Spioraid  De, 
Chum  an  nàduir  dhaonna  sin 
A  dheanamh  aon  ris  feiii ; 
Ghabh  e  sgàil  mu  Dhiadhui'eachd 
'S  do'n  Bhriathar  dhearnadh  feòil ; 
A's  dh'fhoillsich  an  rùn  dìomhair  sin 
'Am  pcarsa  Chriosd  le  glòir. 

Rugadh  an  stàpull  dìblidh  e 

Mar  dhìlleachdan  gun  treòir; 

Gun  neach  a  nochda  cairdeas  ris 

No  bheireadh  fàrdach  dho. 

Gun  mhuinntir  bhi  'ga  fhritheala, 

Na  uidheam  mar  bu  chòir; 

Ach  eìch  is  daimh  ga  chuairteachadh 

D'an  dual  gach  uile  ghlòir. 

Mu'n  gann  bha  fios  gun  d'thainig  e, 
Do  dhùisg  dha  naimhdean  mòr; 
B'fheudar  teich  do'n  Eiphid  leìs, 
Roimh  Herod  bh'air  a  thòir; 
Is  e  co  naimhdeil  dhìoghaltach 
Chum  losa  chur  gu  bàs, 
'S  gur  mharbha  leis  gach  cìochran 
A  bha  na  rioghachd  gun  dàil. 

Bha  tuill  aig  na  sionnachaibh 
Gam  folachadh  o  theinn, 
Bha  neid  aig  na  h-èunlaithe 
'An  geugaibh  ài'd  na'n  crann, 
Ach  esan  a  rinn  uile  iad, 
'S  gach  ni  sa  chruinne-chè, 
Bha  e  fein  na  fhògarrach, 
Gun  chòmhnuidh  aig  fo'n  ghrèin. 

Am  feadh  sa  ghabh  an  Slanuigh'ear 
Mar  ionad  tàinih  an  saoghals', 


51 


Mar  leigh  ro-iochdmhor  fàbharrach 

Bha  leigheas  clann  nan  daoin  : 

'N  aon  eucail  riamh  bu  ghàbhuidh  bh'  ann, 

'S  gach  galar  cràiteach  geur, 

Do  thionnda  e  chum  sldnuchaidh 

'Nuair  labhradh  e  o  bheul. 

Thug  teanga  do  na  balbhanaibh, 

'S  do'n  bhacach  mhall  a  lùgh; 

Do'n  bhodhar  thug  e  chlaistineachd 

'S  do  dhaoinibh  daU  an  iùl; 

Na  lobhair  bhrein  do  ghlanadh  leis, 

Cur  fallaineachd  nam  feòil ; 

Is  leighis  gach  eucail  anama  leis, 

'S  na  mairbh  do  thug  e  beo. 


25.  Mu  inhionnan  mi-naomha. 

De  gach  droch  cleachda  da  bbeil  muinntir  shean 
agus  òg  buailteach,  's  iad  mionnan  mi-naomha  an 
t-aon  is  an-diadhaidh  agus  is  dalma — an  t-aon  is 
masluiche  agus  is  tàireile, — an  t-aon  is  lugha  tuigse 
agus  is  lugha  dh'fhaodai'  ga  lelthsgeul  a  ghabhail. 
Gidheadh,  mo  thruaigh  !  c'àit  an  dtheid  sinn  nach 
cluinn  sinn  a  chaiunt  ghràineil  sgreitidh  sin.  Nach 
tric  a  chluinneas  sinn,  cha'n  e  mhàin  clann  òg  ara- 
aideach,  ach  muinntir  a  th'  air  teachd  ga  h-aois,  a 
chuir  Dia  os  ceann  theaghluichean  a  tha  fo  ainm 
agus  fo  aidmheil  chriosdui'ean,  a  luadh  nan  cainnt 
ghnàthaichte,  ainm  urramach  an  De  is  àirde,  gun 
suim  gun  umhail;  a  leige  gu  fianuis  an  ainm 
ghlormhor  sin  na  nithe  is  faoine;  ga  mhi-naomhach- 
adh  fo'n  bhrosnuchadh  is  lugha,  a'  guidhe  mhalluch- 
dan  air  an  cinn  fein  agus  dhaoin'  eile,  ann  an  cainnt 
nach  faod  gun  sgreimh  a  chuir  air  ncach  air  bith 
aig  a'  blieil  am  meas  is  lugha  air  mòralachd  agus 
gloir  an  Ti  a  chruthaich  e. 
E2 


52 

Is  furasd  olc  agus  cunnart  a  pheacaidh  so  fhaicinn. 
Tha  e  taisbeana  naimhdeas  an  aghaidh  Dhe;  faodar 
barail  a  thoirt  air  staid  a  chridhe  leis  a  chainnt  a 
thig  o'n  bheul.  Mar  tha'n  tobar,  's  arahuil  a  bhios 
na  sruthain  a  thig  uaithe.  Thà'n  inntinn  fheobnhor, 
ars  an  t-abstol,  na  naiìnhdeas  an  aghaidh  Dhe ;  ach 
cha'n'eil  aon  pheacadh  a  nochdadh  an  naimhdeis  so 
ni's  mò  na  a  cheart  aon  mu  bheil  sinn  a'  labhairt. 
Tha  luchd  nam  mionn  air  èiridh  mar  gum  b'  ann 
ann  an  ceannairc  an  aghaidii  Righ  nan  righre. 
Leis  a  chleachda  so  tha  iad  a'  cur  a  mhòralachd,  a 
chumhachd,  agus  ughdarras  gun  dùlan.  Fo'n  t- 
seann-tiomnadh  agus  fo'n  Tiomna-nuadh,  tha  Dia 
ann  am  briathraibh  laidir  a'  toirmeasg  a  pheacaidh 
so.  'S  moch  a  thuirt  e  le  guth  o  neamh,  ann  an 
cainnt  a  sgriobh  e  le  mheur  feio  air  clàr  cloiche, 
Na  toir  ainm  an  Tighearna  do  Dhia  an  dioìnha^ias, 
agus  tha  'n  àithne  cheudna  air  a  toirt  dainn  air  ioma 
doigh  anns  an  t-soisgeul.  Tiia  Criosd  ag  ràdii,  Na 
mionnaich  idir,  aon  chuid  air  ncamh  no  air  an  tal- 
amh,  nole  mionn  air  bith  eile;  agus  thug  e  rabliadh 
follaiseacli  dhuinn,  nach  ìneasar  iadsan  neo-chiontach 
a  hheir  ainm  'aìi  diomhanas;  ach  arson  gach  focal 
diomhain  a  labhrar,  gun  dthoirear  breith  oirn  air 
chionn  an  latha  mhòir.  'Nuair  tha  Dia  ag  ràdh 
nach  meas  e  neo-chiontach  esan  a  bheir  ainm  an 
diomhanas,  tha  sin  co'-ionann  sa  ràdh,  gum  meas 
e  ciontach  e— — 'se  sin,  nach  di-chuimhnich  e  iad  : 
taisgidh  e  suas  iad  na  mheoghair,  sgriobhaidh  e  iad 
na  leabhar.  Bheir  e  aon  là  chum  breitheanais  iad; 
bheir  e  iad  gu  cunntas  air  an  son  an  làthair  saogh- 
ail  co'-cbruinnichte,  'nuair  a  thig  am  binn  a  mach, 
agus  a  thaosgas  e  oirrefhearg  chum  a  chuid  is  faide. 
'S  gu  dearbh  anns  an  t-saoghai  so  fein,  's  tric  a  chi 
sinn  breitheanas  De  a'  teachd  orra,  ionnas  gu  bheil 
moran  a  tha  comharaichte  arson  a  pheacaidh  so  air 
an  gearradh  as  ann  am  meadhon  an  guidheachain 
fein;  air  an  sguabadh  gu  h-obann  do  shiorruidh- 


53 

eachd,  le  malluchadh  nam  beul,  a'toirt  toibheum  do 
Dhia ;  agus  trom  uallach  an  ciont,  gun  aithreachas, 
gun  mhaitheanas,  air  an  cinn.  Ann  an  ifrinn  si  so 
cainnt  an  deamhain  agus  a  chuid  aingeal,  agus  is 
O  !  's  uabhasach  an  ni  e,  bhi  fòghlum  na  cainnte 
so  air  thalamh,  agus  'na  lorg  so  a  bhi  'g  ullachadh 
fa  chomhair  ionad  na  dòrainn.  Tha  'm  peacadh  so, 
abradh  daoine  mar  thogras  iad,  na  làn-dearbhadh 
air  iad  a  bhi  an  taobh  a  mach  do  Dhia,  agus  iad  a 
bhi  neo-iompaichte.  Tha  eagal  De  ann  an  cridh- 
eachan  a  shluaigh,  ach  iadsan  a  tha  ciontach  de'n 
pheacadh  so  tha  iad  a  leig  fhaicinn  nach  'eil  eagal 
nan  cridheachaibh.  Tha  fiamh  orra  an  lathair 
dhaoine,  agus  fuirghidh  iad  o'n  pheacadh  so,  'nuair 
a  shaoiieas  iad  gu  bheil  e  sgreamhail  le  aon  duine 
measail  san  cisdcachd ;  ach  clia'n  'eil  fiamh  aca  roì 
Dhia,  is  tairgidh  iad  easurram  dha  as  an  eudann. 
Buidheachas  do  Dhia,  cha  chluinnear  a  chainnt  so 
a  nis  ann  an  cuideachda  mheasail  air  bith.  'S  i  is 
cainnt  a  mhain  do'n  chuid  is  suarraiche  de'n  chinue- 
dhaonna,  a  tha  smaoineacha  gum  builich  e  am  bar- 
rachd  snas  air  an  seanachas;  mionnachadh  agus 
malluchadh  a  bhi  do  glinà  aig  bun  's  aig  barr  an 
teanga.  Ma  se  so  gne  agus  cunnart  a  pheacaidh  so, 
ma  tha  e  co  sgreamhail  ann  an  beachd  dhaoinibh 
math,  ma  tha  e  co  fuathach  le  Dia,  cha'n  fhaod  e 
bith  nach  'eil  am  buaireadh  a  tha  teumadh  dhaoine 
ga  ionnsuidh,  cumhachdach  air  mhodh  sonraichte, 
no  gu  bheil  tairbhe  ro  mhòr  na  lorg;  ach  ged  is 
iongantach,  gidheadh,  's  fior,  nach'eil  aon  bhuair- 
eadh  a'  tarruing  ga  ionnsuidh,  agus  ni  mò  bheil 
toileachas-inntinn  na  meas,  na  tairbhe  sam  bith  a' 
sruthadh  uaithe;  ach  air  an  laimh  eile,  mulad,  nàire 
agus  bàs.  Agus  a  nis,  a'  bheil  a  h-aon  agaibhse 
ciontach  anns  a  pheacadh  ghraineil  so, — a'  saltairt 
gu  h-easurramach  air  ainm  an  ti  naomha  sin,  a  tha 
sibh  ag  aidmheil  mar  ur  Dia  agus  ur  Slaniughear, 
agus  d'am  bheil  na  h-aingil  is  àirde  air  neamh  a'toirt 
E3 


54 

aoraidh,  le  faicill  agus  le  urram  naomha?  Guidh- 
eam  oirbh,  bithibh  air  ur  n-earalas  an  aghaidh  a 
pheacaidh  mhallaichte  sin.  Thugaibh  fainear  ma 
tha  ur  cogaisean  air  an  àm  so  gar  'n  agairt  air  son 
a  pheacaidh  so,  cia  eagallach  an  staid  anns  a  bheil 
sibh,  leis  an  dearbhadh  a  th'  agaibh  anns  a  cheart 
chleachda  so  gu  bheil  sibh  fathast  ann  an  staid  neo- 
iompaichte, — fo  mhalìachd  Dhe,  abuich  arson  sgrios 
— agus  gu  cuthaichte  a  ruidh  gu  leir-sgrios,  agus 
le'r  làn-fhiosrachadh  fein  buailteach  do  pheanas 
siorruidh.  Dh'  aslaichin  oirbh,  ann  an  càirdeas 
d'ar  n-anamaibh  rabhadh  a  ghabhail  na  thrà;  faod- 
aidh  sibh  a  nis  uaili  a  dheanamh  as  ur  teomachd, 
ann  an  cainnt  a  mhalluchaidh,  ach  tha  là  a'tarruing 
dlu  'nuair  nach  bi  e  'n  ar  comas  mashidh  a  chur  air 
Dia  ni's  faide.  Là  anns  an  tionndar  ur  gàire  gu 
bròn,  agus  ur  gairdeachas  gu  dòlas.  Faodai  luchd 
nam  mionn  dol  as  o  dhaoinibh,  ach  an  Dia  ris  a' 
bheil  ur  gnothach,  thuirt  e  nacli  meas  e  neo-chion- 
t?tch  esan  a  bheir  ainm  an  diomhanas. 


26.  Mu  sheinn  Shalm  agus  Laoidhean  Spioradail  do  Dhia. 

'S  E  seinn  moladh  do  Dhia  aon  de  na  gniomhaibh  is 
àirde  de  aoradh  diadhaidh,  agus  thar  chàch  uile  is 
cosmhuile  ri  aoradh  nèimhe.  Tha'n  gniomh  so 
sòlasach  agus  tarbhach,  'nuair  tha  daoine  ga  ghnàlh- 
achadh  le  urram  naomha,  tlachd  cridhe,  agus  aoibh- 
neas  anama.  Cò  nach  d-fhiosraich  an  cumhachd  a 
tha  aig  ceòl  naomh,  's  aig  dànaibh  spioradail  air  an 
anam  ?  Cò  nach  do  mhothaich  an  dòigh  air  a'  bheil 
an  tuigse  mar  so  air  a  soilleireachadh  ?  Na  h-aig- 
neadh  air  an  dùsgadh,  an  inntinn  air  a  hàrdach- 
adh,  's  an  cridhe  air  a  leaghadh.  'Nuair  tha'n 
inntinn  air  a  suidheachadh  gu  ceart  san  obair  so, 
affus  aff  aomadh  leis  na  briathraibh,  agus  an  cridhe 


55 

'gabhail  air  aghaidh  maille  ris  an  dàn,  le  fior  dhiadh- 
achd,  'an  sin  tha'n  tairbhe  a  tha  na  lorg  air  a  thuig- 
sinn  ;  's  tha'n  t-anara  an  siii  air  a  lionadh,  an  dara 
cuid,  le  àrd  urram  no  le  suaimhneas  ciùin  ;  tha  e 
leaghadh  as,  ann  an  doimhne  irisleachd,  fo  bhròn 
tiòmhaidh,  no  lasadh  an  àird  ann  an  gairdeachas 
buadhar.  Ciod  an  ni,  gu  dearbh,  is  curahachdaiche 
gus  an  t-anam  àrdachacJh  os  cionn  an  t-saoghail  so, 
fhasgnadh  agus  a  ghlanadh  o  thruailli'eachd  agus  o 
anabas  na  beaiha  so,  na  co'-àontachadli  le  càch  a 
cheile  ann  an  aon  cho'-shcirm  cheòlmhor,  le  fonn 
cràbhach,  agus  an  t-anam  ann  a:i  gleus  diadhaidh, 
gu  moladh  Dhe  a  sheinn,  A'  bheil  aon  ni  ei!e  a 
tha  gar  n-àrdachadh  ni's  dlùithe  do  nèamh,  'gar  n- 
uimeachadh  arson  cuideachd  nam  flaitheas,  na  bhi 
cleachda  sa  bheatha  so  an  ni  sin  o  bheil  iadsan  a' 
tarruing  na  h-urrad  shòlais.  'Se  righ  Daibhidh  bha 
'gabhail  tlachd  san  obair  so;  's  tric  esan  a'  gìaodh- 
aich  r'a  anam  moladh  a  sheinn  do  Dhia.  "  Tha 
mo  chridh,"  deir  esan  "  ann  am  fonn,  seinnidh  rai 
oran  nuadh  do  Dhia," 

Mosgaiì  mo  ghlòir,  's  a  shàltair  fòs, 

a  chlàrsach  dùisg  an  àird  : 
Air  maduinn  mosglam  fein  gu  moch, 

is  seinneam  ceòl  gu  h-àrd. 

Dhia  measg  a  phobuill  molam  thu; 

dhuit  seinneam  measg  an  t-shiaigh: 
Oir  t'fhirinn  is  do  thròcair  mhòr, 

gu  nèamh  nan  ncul  chaidh  suas. 

"  Tha  na  Sailra,"  a  deir  Raibeard  Kirke^  "  tait- 
neach,  tarbhach  ;  's  beag  nach  cosmhuil  ri  flaitheas 
air  thalamh  làn  de  ainglibh,  Cill  fhonnmhor  le  ceòl 
naomha.  Mar  abhall-ghort  Edein,  làn  de  chrannaibh 
brìgh'ornabeatha,  agus  de  luidhibh  ioc-shlainteach, 
amhluidh   an  leabhar    Sailm    Dhaibhidh,    a   ta  na 


56 

lcigheas  air  uile  an-shocair  an  anama.  Tha'n  saogh- 
al  agus  gach  beo  chreutair  a  ta  ann,  na  chlàrsuich; 
an  duine,  '&e  is  Clàrsair  agusduanaire,  chum  raoladh 
do'n  mhòr-Dhia  nihiorbhuileach  a  sheinn ;  agus  tha 
Daibhidii  do  ghnà  mar  fhear  de'n  chuideachd  a 
bhios  mar  so  a'  caoin-chainnt  gu  cèolmhor  m'an 
àrd-Righ." — Ma  rinn  Daibhidii  naomha  fo  'n  t- 
Seann-tiomnadh  urrad  ghairdeachas  ann  an  reachd- 
aibh  agus  am  mailheas  De,  nach  math  a  bhuineas 
e  dhuinneaoibhneas  a  dheananih  fo'n  Tiomna-nuadh, 
aig  a  bheil  a  nis  a  liuthad  taisbein  glòrmhor  mu 
Chriosd  agus  a  shochairean,  agus  na  beannachdan 
sin  a  ta  sruthadh  uaith  d'ar  n~ionnsuidh.  Biia  fàidh- 
ean  agus  naoimh  an  t-Seann-tiomnaidh  ag  geur- 
rannsachadh  gu  dìchcallach  le  togradh,  agus  b'f  hada 
leo  a  bha  iad  gun  na  nithe  sin  fhaicinn,  a  tha  sinn 
a  nis  a'  faicinn.  Cunnaic  iadsan  na  nithe  sin  fad 
uatha,  agus  trid  sgàile  fàidheadoireachd  agus  cosamh- 
lachda  dorcha  a  tha  sinne  nis  a  faicinn  neo-chòmh- 
daichte  agus  làn-fhoiUsichte;  air  a  shon  so  tha  sinn 
gu  bràth  ceanguilte  gu  buidheachas  a  thoirt,  agus 
moiadh  Dhe  a  sheinn.  A  nis  o'n  thugadh  dhuinn 
tomhas  co  ro-mhòr  de  eolas,  agus  a  liuthad  taisbein 
soiileir  mu  Chriosd,  agus  an  t-saorsa  choisinn  e 
dhuinn ;  gu  deimhin  cha'n'eil  e  ni  's  faide  mar 
fhiachaibh  oirn,  na  beannachda  sin  a  sheinn  a 
mhàin  do  reir  co'-samhlachd  dhoilleir  faidheadoir- 
cachd,  am  feadh  's  a  tha  iad  againn  ann  an  cainnt 
shoiUeir,  ann  an  làn  fhrithealadh  an  t-soisgeil.  A 
ta  e  cosmhuil  gun  robh  'n  t-abstol  Pòl  san  inntinn 
so,  'nuair  a  dh'  àithn  e  dhuinn,  cha'n  emhàin  feum 
a  dheanamh  de  shalmaibh,  ach  mar  an  ceudna  de 
laoidhibh  agus  de  dhànaibh  spioradail,  chum's  mar 
sin  gum  faodamaid  seinn  ni's  trèibh-dhiriche,  agus 
ni's  iomlaine,  mu  ghràdh,  fulangas,  agus  toilltinnis 
Chriosd. 

Tha  seinn   Shalm  agus  Laoidhean  air  a  bhean- 
nachadh  le  Dia  mar  mheadhon  chum  ceangal,  dùs- 


57 

gadh,  leaghadh,  agus  ath-nuadhachadh  cridheachan 
agus  beatha  dhroch  dhaoine  feolmhor.  Tha  mòran 
leis  an  òrdugh  so  air  an  tarruing  gu  feitheamh  air 
aoradh  diadhuidh,  aguschumsmaointeach  air  saogh- 
al  eile,  a  bha  caoin-shuarach  mu  leithid  so  de 
smaointean,  agus  de  ghniomharra,  mar  labhair 
Diadhair  àraidh  ann  an  laoidh  naomha, 


Nach  cuimhnich  searmoin,  ach  mar  osag  fhann ; 
'Sa  smaointidh  feolmhor  iompachadh  gu  luath, 
Chum  iobairt  mholaidh  thoirt  do  Dhia  nan  sluagh. 

Seadh,  's  ioma  droch  dhuine  a  mhothaich  anam  air 
a  bheothachadh,  air  a  dhùsgadh,  agus  air  a  neart- 
achadh  ann  an  diadhachd  le  bhi  seinn  Laoidhean, 
agus  dàna  spioradail;  mhothaich  iad  an  cridh- 
eachan  a'  leaghadh  arson  peacaidh,  agus  an  cridhe 
a'  fàs  blàth  le  gràdh  d'an  Slanuighear,  an  uair  a 
sheinneas  iad  mu  fhulangas  agus  mu  bhàs  air  an  son, 
'nuair  a  ni  iad  sin  nan  aonar  no'an  cuideachd  dhaoin 


Am  aonar  seinneam  anns  an  fhàsach  chian, 
Far  nach  robh  guth,  na  glaodh,  na  aoradh  riamh. 
'San  eireachd  seinneam  cliu  le  laoidhibh  binn, 
Mar  nuadh  lerusalem  biodh  làr  gach  glinn. 

Is  soilleir  ri  fhaicinn  gu  bheil  an  dleasnas  agus  an 
gniomh  so  ann  bhi  seinn  do'n  Tighearna,  cha'n  e 
mhàin  air  òrducha  ach  mar  an  ceudna  ro-chomhar- 
aichte  air  a  bheannachadh  le  Dia,  bu  chòir  dhuinn 
uime  sin  misneach  ni's  mò  a  ghabhail  anns  a 
ghniomh  so,  an  àite  bhi  fo  nàire  daoin'  eile  gar 
cluinntinn.  Sheinn  Pòl  agus  Silas  gu  h-àrd  mu 
mheadhon  oidhche  an  uair  a  bha  iad  ann  am  prios- 
un,  agus  'an  geimhlibh.  Seadh,  co  àrd  's  gun  robh 
a  chuid  eile  de  na  prìosunaich  air  an   dùsgadh  leis 


58 

an  fhuaim;  agus  chuala  Dia  an  luath-orhair  mar 
thaisbean  e  na  thròcair  dhoibhsan  agus  do  na  bha 
mailie  riu.  'Slionmhor  iadsan  a  sheinneis  orain 
diomhain,  salach  agus  mi-naomha,  'sa  ta  coma  cò 
chluinneas  iad,  agus  an  nàr  leinne  moladh  a  sheinn 
d'ar  Fear-saoraidh  gràdhach  ?  Tha  e  air  a  radh, 
gun  seinn  na  naoimh  le  lualhghair  air  an  leabuidh 
do  Dhia, 

Biodh  air  na  daoinibh  naomh  an  sin 

ùr-ghairdeachas  'an  glòir: 
Is  air  an  leabuidh  seinnidh  iad 

do  Dhia  le  h-iolaich  mhòir. 

Nach  truagh  gumbiodh  e  feuniail  aon  fhacal  a  labh- 
airt  chum  daoin'  a  bhrosnachadh  gutlachd  a  ghabh- 
aii  san  obair  so.  Gidheadh  cia  liuthadh  h-aon  a 
chìtear  air  latha  sabaid  'an  tigh  Dhe,  tha  dearmad- 
ach  air  a  chleachda  so,  nach  tog  an  guth,  's  nach 
fosgail  am  beui,  gu  moladh  Dhe  a  sheinn,  a  nochda 
leis  an  t-sùil  luainich,  's  an  aghaidh  neo-shuidhichte 
nach  'eil  an  cridhe  sa  ghniomh,  nach  'eil  iad  a'  faot- 
ainn  tlachd  sa  cho'-sheirm  naomha.  Agus  cialiuth- 
adh  fardocli  'sa  bheil  luchd-aidmheil  a  Chreidimh 
Chriosduidh  as  nach  d-eirich  riamh  fuaim  nan  salm 
na  fonn  spioradail. 

Nior  leige  Dia,  ars  am  fior  Chriosduidh,  gur  ann 
mar  so  a  thachras  dhomhsa, 

Oir,  am  fad  is  beo  mi  molaidh  mi, 

àrd  righ  mo  bheatha  's  m'iùil ; 
'S  an  dèigh  mo  bhàis,  an  saoghal  cèin 

cuiridh  mi'n  cèiU  a  chliu. 

Tra  thrèigeas  nèamh,  is  muir,  is  tir, 

's  thig  crioch  air  là  is  oidhch', 
Mo  chridhe  taingeil  seinnidh  cliu 

do  Dhia  nan  dùl  a  chaoidh. 


59 


Feadh  linnte  bith-bhuantachd  gu  ieir 

togaidh  mi  òran  binn ; 
Ach  O  !  's  ro-ghoirid  bitii-bhuantachd, 

Gu  moladh  Dhe  a  sheinn. 


27.  EARRANN 
De  Dhàn  mun  t-Sàbaid. 

"  Fàilte  dhuit  a  Shàbaid  cliaoimh  ! 

'S  tlàth  do  thàmh  do'n  t-saoitlireach  bhochd, 
A  chuir  na  sca  làithean  cian, 

'Ga  bhuan-chlaidreach  le  gniomh  goirt ! 

Aonarach  tròm  dh'ith  e  'lòn, 

A  shuidhe  'sa  bhord  am  fèur; 
Geug  fo  blàth,  no  callaid  chrion, 

Ga  dhidein  o  shion  nan  spèur. 

Faic  e'n  diugh  gu  seasgair  sèimh, 

Ri  fois  air  an  làraich  ghaoil; 
A'  furan  cuirme  gun  stràichd, 

An  coraunn  r'a  chàirdibh  caoin. 

'An  comunn  muintireach  a  rùin,  ^ 

'S  èibhinn  e  toirt  cliu  d'a  Righ; 
Còmhdach  mu  ghnùis,  sùil  ri  nèamh; 

'S  cha'n  fhuar-chràbhadh  a  ghnàs  gun  bhrìgh. 

Is  fois  do  fhear  cèird  an  droch  neoii; 

Daingean  a  dhòigh,  ga  mòr  fhiamh, 
Gum  buannaich  e'n  aimsir  ghearr, 

Rioghachd  's  nach  faic  Sàbaid  crioch." 

Feuch !  mar  thill  e  sud  roi'n  rèidh, 
Is  fuaim  na  chluasaibh  o'n  teis  bhinn ; 


60 


Beumadh  chlag  bu  ghleadhrach  pong, 
O  thùr  an  t-seann  aitribh  dhuinn. 

A'  siubhal  troi  'n  ailbhinn  chiùin, 

Fiamh  ait  ga  dhùsgadh  's  gach  cliabh; 

'S  th'  air  còmhnard  leachdach  nan  uaigh 
Tiugh  dhòrtadh  an  t-sluaigh  a'  trialJ. 

An  t-aosda,  'san  crom,  's  an  dall, 
'S  gille  nan  teum  baoth  'na  cheann; 

Euslaint  ag  àinich  le  pèin, 

A  lamh  critheach,  'sa  cheum  mall ! 

Lc  farmad  tha  bcachd  a  shùl, 

Air  leabuidh  ghuirm  ùr  nam  f òid ; 

'Se  snàgan  gu  àros  De, 

Mar-ri  sreud  nan  treum,  's  nan  òg. 

Ge  tùrsach  iad  sud  's  ge  tròm, 
Lasaidh  nan  cuim  fonn  gu  ceol, 

A'  direadh  a  steach  faraon. 

Le  balbh  aoradh  do'n  Bhith-mhòr. — 

Feuch  tha  na  mìltean  nan  tosd, 

Seall  ga  nochdadh  Abstol  De  ! 
Dh'fhosgail  e'n  Oighcam  le  gràdh  ; 

'S  gun  d'  luaidh  e  reachd  àigh  nan  speur! 

Eiridh  mar  chòladh  na  slòigh, 

Lie  salin  nuaidh  's  le  clursaich  ghrinn, 

Cridh  a's  beul  a'  gleusadh  phong, 
A'  coimeasgadh  nam  fonn  binn. — 

Albuinn  !  gun  deanainn  riut  faoilt; 

'S  tiorrail  jeam  raointcan  do  ghleann, 
Feasgar  Dòmhnuich  th'  air  gach  tràth, 

A'  ciaradh  mu  àrd  nam  beann. 

A  ghrian  a'  tearnadh  do'n  chnochd, 
Soiils'  òir  air  choillidh  gach  bachd ; 


61 


Mis  a'  falbh  an  lòin  am  thosd, 

Lion'ar  m'  ioghnadh,  niòr  mo  thlachd : 

Bhi  cluinntinn  co'-sheirm  na'n  gràs 
'G  eiiidh  o  fhàrdaich  a  chaoil, 

Taing  ga  dhiol  do  Righ  nan  lligh 
Le  rùn  cridhe  o  dhream  gun  ghaoid. 

'S  ionmhuinn  leam  sud  'nuair  theid  tàmh 
Air  gniomh  nach  àrd-chùiseach  gloir, 

lall-chadha  ga  tarruing  siar 

Roi'n  fhear  liath,  'sa  ghluasad  foill. 

An  sagart,  's  an  t-athair  gràidh 
Ag  èuladh  roi'n  bhlàr  leis  fein, 

Gu  bruaich  'an  iomall  a  raoin, 

No  ghàrradh  beag  chraobh  nan  sèud. 

A  chòmhradh  r'a  Dhia  le  cliu, 
Gu  cràbhach,  dùrachdach,  teann, 

A  chionn  gu  bheil  a  chròilein  cruinn, 
Seal  mu'm  faic  a  iàithean  ceann. 


28.  Mu  BHREUGAN.     Earail  do  Oigridh. 

Tha  e  anabarrach  feumail,  mo  chàirde,  gun  labhair 
sibh  do  ghnà  an  fhirinn.  Ma  tha  sibh  co  sonadh 
is  gun  do  ghnàthaich  sibh  an  cleachda  so  an  àm  na 
h-òige,  is  dual  da  gun  lean  e  ribh  an  deigh  laimhe; 
ach  ma  ghnàthaicheas  sibh  san  àm  breugan  agus 
mealltoireachd,  ciod  ris  an  ion  fìuthair  a  bhi,  ach 
gum  fàs  sibh  ni's  cealgaiche  mar  theid  sibh  an  aois? 
'Nuair  a  dh'èireas  duibh  aon  olc  a  dheanamh, 
theagamh  gur  matli  libh  a  chleth,  Je  breug  innse  d'ar 
parandaibh  no  d'ar  maighstiribh.  Ach  bithibh  air  ur 
faiciU  roi  a  leithid  sin  do  cheilg.  Cha  bhiodh  ann 
ach  aon  chiont  a  chur  ri  ciont  eile,  agus  raar  sin 
F 


62 

bhiodh  ur  giulan  ni  bu  mheasa  na  bha  e  rolmhe. 
Ach  ma  ni  sibh  aideacha  saor  soilleir,  's  dòcha  gur 
lughaid  an  aire  a  bheirear  d'ar  mearachd ;  ach  ma 
gheibhear  a  mach  gun  d-rinn  sibh  coire,  agus  gun 
d-oirpich  sibh  a  chleth  le  brèig,  is  dù  gum  bi  ur 
peanas  ni  's  truime.  Ma  b'àill  Ìibh  a  bhi  saor  o  bhì 
cleth  ur  lochdan  le  breugan,  thugaibh  oirp  air  bhi 
co  neo-lochdach 'sa  dh' fhaodas  sibh.  Bithibh  cùr- 
amach  m'ar  fòghlum  agus  murn-obair.  Seachnaibh 
droch  chleasachd  agus  giulan  mi-shuairce;  agus  bith- 
ibh  cùramach  gu  bhi  ùmhai  d'ur  pàrandaibh  agus 
d'ur  maighisliribh. 

Ma  tha  ur  coinpanaìch  olc  agus  mi-bheusach, 
theagamh  gun  iarr  iad  oirbh  am  mearachdan  a  chleth 
le  brcugan  innse;-agus  mar  dean  sibh  e,  bheir  iad 
beum  dhuibh,  agus  their  iad  ruibh  luchd  mnse-tuail- 
eis.  Ma  dh'eircas  duibh  a  bhi  ann  an  tigh  far  a' 
bheil  seirbhisich,  theagamh  gun  oirpich  iad  a  thoirt 
oirbh  a  shaoilsinn  gur  ciatach  an  ni  am  mearachdan- 
san  a  chleth,  le  brèig  innseadh.  Gun  teagamh,  is 
neo-fhiachaii  agus  mi-chiatach  a  thig  e  bhi  do  ghnà 
air  ur  faicill  gu  mearachdan  fhaotainn  a  mach,  's  an 
uair  a  gheibhear  a  mach  iad,  a  bhi  ro  dheonach  air 
an  leige  ris;  ach  'nuair  a  dh'fhcòruichear  dhibh  mu 
ghiulan  dhaoin'  eile,  is  còir  dhuibh  a  bhi  'n  ar  tosd, 
no  an  fhirinn  shoilleir  innseadh  umpa.  Ma  theirear 
luchd  innse-tuaileis  ribh  air  a  shon  sin,  cha'n'eil 
àrach  air.  Bithidh  do  thoiieachadh  agaibh  a  smaoint- 
eachadh  nach  do  thoill  sibh  sin  a  làdh  ribh;  agus 
gur  mòr  is  tàire  a  bhi  'g  innse  bhreug,  na  bhi  'n  ar 
Juchd  innse-sgeoil. 

A  dh'  aon  fhocal,  ga  b'e  ni  a  bhrosnaicheadh  sibh 
gu  breug  aithris,  na  gèillibh  dhà.  Is  comharadh  air 
inntinn  mhiuthair  agus  neo-fhiachail  a  bhi  'g  aithris 
bhreug.  Gad  a  dheanadh  e  air  uairibh  ur  dìon  o 
ana-goireas,  agus  theagamh  càil-eiginn  de  bhuann- 
achd  a  chosnadh  dhuibh,  cha  b'  fhiach  an  gnoth- 
ach  an  dragh.     'S  eiginn  gum  faighear  a  mach  an 


ùine  ghearr  luchd  aithris  bhreug,  's  an  sin  cha 
d'thoirear  creideas  doibh.  A  thuilleadh  air  so,  tha 
breugan  nam  màlhair-aobhair  air  ioma  droch-bheirt 
eile;  tha  iad  a'  fàgail  a  ghiulain  gu  h-iomlan  mi- 
mheasail;  agus  chuireadh  iad  fodha  sibh  ma  dheir- 
eadh  ann  am  beag-toirt  agus  mi-chliu. 

Air  an  lainih  eile,  thugaibh  fainear,  a  bhuaidh  a 
th'air  a  bhi  'g  innse  na  firinn.  Ciod  an  toileachadh 
a  bheir  e  d'ur  n-inntinn  fein?  Nach  taitneach  an  ni 
dhuibh  a  chuimhneachadh  nach  robh  sibh  ciontach 
de  ni  co  mi-chliùiteach  ri'bhi  'g  aithris  bhreug? 
Tha  gnùis  a  bhreugaire  ga  bhrath ;  tha  a  shealladh 
iosal,  tha  e  fo  iomaguin,  tha  sgàlh  air  do  shùil  a 
choinneachadh,  tha  a  choslas  air  fad  a  leige  ris  co 
iomaguineach  sa  tha  e,  agus  cia  fiosrach  'sa  tha  e  air 
a  chionta.  Ach  cha  ruig  an  neach  a  labhras  an  fhir- 
inn  a  leas  eagal  a  bhi  air,  agus  tha  sòlas  aig  a  chridhe, 
a  chionn  gu  bheil  e  fiosrach  air  a  thrèibh-dhireas. 
Nach  taitneach,  ma  ta,  an  ni  meas  fhaotainn  o  chàch  ? 
agus  ciod  is  luachmhoire  n'an  fhirinn  ?  Ciod  is  urr- 
amaiche  is  urrainn  duinn  a  ràdh  mu  ghille  na  mu 
nìonaig  òig,  mu  aon  duine  no  mu  mhnaoi,  na  'nuair 
a  their  sinn,  is  aon  so  a  dh'fhaodar  a  chreidsinn 
anns  gach  ni,  agus  leis  nach  b'  fhiu  breug  a  dhean- 
amh? 

Tha  sibhse  fhathast  òg,  agus  theagamh  nach  aith- 
ne  dhuibh  an  sòlas  agus  an  t-sochair  a  tha  'g  èiridh 
o  dheagh  chliu;  ach,  faodaidh  sibh  mo  chreidsinn, 
ma  bhithtas,  tre  bheannachadh  Dhe,  an  stèigh  air  a 
suidheachadh  gu  bhi  ionraic  agus  firinneach  nar 
giulan  trid  ur  cuairt  sa  bheatha  so,  bithidh  aobhar 
agaibh  gairdeachas  a  dheanamh,  gun  deachaidh  gu 
tràthaii  a  theagasg  dhuibh  tàir  a  dheanamh  air  a 
bhrèig,  agus  gràdh  a  thoirt  do'n  fhirinn. 

Thar  gach  ni,  tliugaibh  fainear  na  tha  air  a  ràdh 

ann  am  tocal  De  mu  thimchioll  bhreug.     Ma  sheall- 

as   sibh    air   eachdrui    nan    ludhach,    chi  sibh   gur 

breugan  agus  mealltoireachd  a  b'  fhìor  chionfath  air 

F2 


64 

na  truaighibh  cràiteach  a  dh*  fhuiling  iad.  "  Meall-' 
aidh  gach  neach  a  choimhearsnach,  gun  bhi  labhairt 
na  firinn;  dh'  fhòghhim  iad  d'an  teangaidh  breugan 
a  labhairt,  agus  iad  fein  a  sgìdieachadh  ann  an  dean- 
amh  uilc. — Arson  nan  nitlie  so  nach  tig  mise  g'an 
amharc?  deir  an  Tighearna;  air  a  leiihid  so  de  chin- 
neach  nach  dean  m'  anam  dioghaltas?"  *  Tha  e  air 
innse  dhuibh  ann  an  Gnàih-t'hocail  Sholaimh,  gur 
grainealachd  leis  an  Tighcarna  bilean  nam  breug; 
agus  ann  an  leabhar  an  FhoiIIseachaidh,  ge  b'e  air 
bith  a  ghràdhaicheas  agus  a  ni  breug  nach  faod  iad 
dol  a  steach  do  nèamh.  Smaoinichibh  gu  dùrachd- 
ach,  mo  chàirdean  òga,  air  na  niihibh  cudthromach 
sin,  agus  na  di-chuimhnichibh  am  feasd,  niur  dthoir 
sibh  speis  do'n  fhirinn,  agus  fliath  a  tlioirt  do  gach 
slighe  chealgaich,  nach  comasach  dhuibh  Dia  a  thoil- 
eachadh,  no  bhi  air  ur  gabhail  a  steach  d'a  rioghachd. 
ffhlòrmhor. 


29.   Mu  BJireugan. 

CiA  maiscach  taitneach  ann  an  cloinn 
Bhi  iriall  gu  tràth  san  t-slighe  cheirt, 
Bhi  seasmhach  anns  an  fhirinn  ghk)in 
A  chosnas  creideas  agus  feairt. 

Am  breugairecha'^n  earbar  ris, 
Gad  's  i  an  fhirinn  tha  e'g  ràdh; 
Esan  a  ni  aon  olc  le  fhios 
Le  breig  ga  chleth  gun  dcan  e  dhà. 

Nach  cualadh  sibh,  's  nach  d-fhuair  sibh  fios, 
Gur  gràin  le  Dia  gach  cealg  'n  ar  sgeu! ; 
'S  gun  mharbhadh  Ananias  Icis 
'Nuair  ghlacadh  e  le  breug  na  bheul. 

t  Faic  ler.  ix.  1—16.  Isa.  lix.  1—4..  Hos.  iv.  1—3.  Mic.  vi.  10—14. 


6& 

Mar  so  a  bhean,  Sapphira,  dh'  eug, 
'Nuair  thainig  i  a  stigh  co  mear, 
'Sa  dhaighnich  i  co  dalm'  a  bhreug, 
Thug  bàs  an  uabhais  air  a  fear. 

Luchd  gaoil  na  firinn  's  ait  le  Dia, 
A  labhras  i  gun  cheilg  an  gràdh, 
Ach  luchd  nam  breug  gum  fuadaich  e, 
Gu  piantaibh  siorruidh  bròin  is  cràidh. 

Do  ghnà  air  m'  fhaicill  bithidh  mi, 
M'an  d'thoir  mi  leir-sf^rios  air  mo  cheann 
Oir  cunntas  cruaidh  tha'n  leabhar  Dhe, 
Air  gach  breug  a  dh'innseas  clann. 


30.   Mu  Aithreachas. 

'S  e  aithreachas  a  thaobh  Dhe,  agus  creidimh  anns 
an  t-SIanuighear,  suim  an  t-Soisgeil  gu  leir.  Ach 
ciod  anns  a  bheil  aithreachas  a'  co'-sheasamh?  Is 
cùis  ro-chudthromach  so;  oir  tha  gnè  aithreachais 
ann,  anns  nach'eil  slainte  a'  dol  na  cho'-imeachd.  Tha 
bròn  ann  a  tha  'g  oibreachadh  aithreachais  chum 
beatha,  as  nach  ion  aithreachas  a  ghabhail;  agus  tha 
bròn  ann  a  tha  'g  oibreachadh  bàis.  Rinn  Peadar 
aithreachas,  chreid  e,  agus  fhuair  e  maitheanas: 
Rinn  ludas  aithreachas,  thuit  e  'an  eadòchas,  agus 
chaidh  e  da  àite  fein.  Ghabh  Ephraim  aithreachas, 
ghabh  e  nàix'e,  bha  e  fo  amhluadh,  agus  fhuair  e 
tròcair:  ach  cha  dojìhill  ludah  riumsa  le  h-uile  chridhe^ 
ach  gu  cealgach,  a  deir  an  Tighearna,  Tha  aithreach- 
as  tràthail  ann,  mar  rinn  losiah ;  tha  aithreachas  an- 
amoch  ann  mar  bh'  aig  a  ghadhuich  air  a  chrann- 
cheusaidh;  agus  tha  aithreachas  ro-anamoch  ann 
mar  bh'  aig  an  duine  shaibhir  an  ionadaibh  na  dòr- 
uinn.  Chur  Ahab  saic-aodach  uime,  dh'  irislich  e 
F  3 


e  fein  an  làihair  an  Tighearna;  ach  bha  e  'na  chealg- 
oir.  Rinn  Heseciah,  air  an  lainih  eile,  bròn,  ghuil 
e,  rinn  e  ùrnutgh,  agus  ghabh  Dia  ris. 

Ciod,  ma  ta,  anns  a  bheil  aiihreachas  neo-chealg- 
ach  a'  co'-sheasamh  ?  'Se  clieud  cheum  ann  an  aith- 
reachas  slainteil,  mothachadh  ceart  a  bhi  againn  air 
ar  peacadh,  agus  air  ar  staid  chaillte  a  thaobh  nàd- 
uir.  Tha  esan  a  th'air  a  dhùsgadh  ie  Spiorad  na'n 
gràs,  air  ath-nuadhachadh  na  inntinn.  Tha  sùilean 
a  thuigse  air  an  soillseathadh,  air  chor  's  gur  leur 
dha  dionihanas  an  t-saoghail,  cunnart  a  pheacaidh, 
agus  mòr  luach  nithe  siorruidh.  Tha  beachd  fir- 
inneach  aig  air  Dia:  tha  e  nis  a'  tuigsinn  cia  glòr- 
mhor,  cia  gràsmhor 'sa  thae;  agus  co  aithrigh 'sa 
tha  e  air  a  ghràdh  agus  air  an  urram  is  àlrde,  o  gach 
creutair  air  nòamh  agus  air  talamh.  Tha  e  'g  aid- 
eachadh  gu  bheil  an  lagh  naomha,  fìrinneach  agus 
math  ;  agus  eadhon,  'nuair  a  tha  e  ga  dhiteadh  f'ein 
nach'eii  e  air  mhodh  sam  bith  tuille  's  cruaidh.  Tha 
barailean  ceart  aig  an  aithreachan  air  a  Sblanuighear 
beannuichte;  aon  uair  bha  edha  mar  fhreumh  a  tal- 
amh  tioram,  cha  robh  sgeimh  no  grinneas  aige  gun 
amhairccadh  c  air,  no  maise  gun  iarradh  e  e:  ach  a 
nis,  tha  e  faicinn  dealradh  gloir  an  Athar  ann,  fìor 
iomhaigh  a  phearsadh,  agus  iomlaineachd  na  diadh- 
achd.  Tha  e  ga  thilgeadh  fein  aig  a  chosaibh,  's  a' 
beachdachadh  air  mar  Aodhaire,  Urras,  Slanuighear, 
agus  Fear-saoraidh  glòrmhor  a  phobuill  fein.  Tha 
chridhe  air  àt  le  ghràdb,  *s  tha  deoir  a'  sruthadh  o 
shùilibh,  's  e  mar  so  le  creidimh  ag  amharc  air  losa. 
Cha'n'eii  e  comasach  do'n  aithreachas  so  a  bhi  air 
oibreachadh  sa  chridhe,  gun  bhròn  agus  gun  mhulad 
anam  a  bhi  na  lorg.  Uime  sin,  tha  e  gu  tric  air 
ainmeachadh  san  scriobtuir,  an  cridhe  briste,  san 
spiorad  brùite.  B'aithreachan  brònach  Daibhidh, 
Is  dùrachdach  tha  esan  a'  guidhe,  gum  biodh  e  air 
ionnlad  o  pheacaidh,  agus  gun  togadh  Dia  air  deal- 
radh  sòjasach  a  ghnùis,  a   bha  co  fad  a  dh'  eas- 


67 

bhuidh  air.  'Se  deoir  oighreachd  airsùl;  faodaidh 
iadsan,  gu  dearbh,  a  bhi  far  nach  'eil  aithreachas, 
ach  cha'n  fhaod  aiihreachas  a  bhi  as  an  eugais-san. 
Bu  fhrasach  a  shil  deoir  na  mnà  bochda  sin  aig  cos- 
an  losa,  a  nigh  iad  le  deuraibh  a  sùl  agus  a  thiorm- 
aich  iad  le  folt  a  cinn.  Cha'n  e  eagal  a  tha  dùs- 
gadh  a  bhròin  so;  'si  'n  t-saighead  is  geire  tha  ruigh- 
eachd  cridhe  an  aithreachain,  gun  do  chuir  e  cor- 
ruich  air  Dia,  agus  gu  bheil  Dia  trocaireach.  Agus 
cha'n'eil  na  tobraichean  bròin  sin  a  ruith  air  àm  sam 
bith  co  siùbhlach  's  a  tha  iad  a'  deananih  sa  cheart 
àm  anns  a  bheil  an  t-aithreachan  le  creidimh  a' 
cluinntinn  Chriosd  ag  eadar-ghuidhe  as  a  lcth,  air 
deas  laimh  an  Athar,  agus  anns  a'  bheil  Dia  ag 
ràdh  ris,  a  mhic  bi  fo  dheagh  mhisneach,  tha  do 
pheacaidh  air  am  maitheadh  dhuit.  Ach  thugaibh 
fainear  gum  faod  mulad  agus  bròn,  ann  an  tomhas 
niòr,  a  bhi  sa  chridhc,  's  gun  an  t-aithreachas  slain- 
teil  so  a  bhi  na  lorg.  Faodaidh  a  chogusa  bhi  air  a 
dùsgadh,  agus  agartas  laidir  a  bhi  air  neach  arson 
peacaidh,  's  gidheadh  a  bhi  gun  aithreachas.  Faod- 
aidh  neach  ard  dhòchas,  agus  subhachas  anama  a 
bhi  aige,  agus  na  dhèigh  so  uile  gun  bhi  na  aith- 
reachan  treibh-dhireach.  Thugaibh  libh,  ma  ta, 
gur  eiginn  do'n  fhior  aithreachan  a  pheacaidh  a 
threigsinn,  agns  gur  e  so  an  dearbhadh  firinneach. 
Na  bithibh  air  ur  mealladh,  thugaibh  a  mach  tor- 
adh  iomchuidh  chum  aithreachais.  'S  ann  air  a 
meas  a  dh'  aithnichear  a  chraobh ;  's  gus  am  bi  an 
dearbha  so  agaibhse,  na  smaoinichibh  gun  d'rinn 
sibh  aithreachas.  Treigibh  gach  peacadh,  ach  gu 
h-àraidh  am  peacadh  a  tha  gu  furasd  ag  iathadh 
m'an  cuairtduibh;  sguiribh  o  olc,  foghlumaibh  math 
a  dheanamh,  a'  cuimhneachadh  far  a'  bheil  gràs  an 
aithreachais  ag  oibreachadh,  gu  bheil  e  do  ghnà  ga 
dhearbhadh  fein  ann  an  daoin'  a  tharruing  gu  cùl  a 
chur  ri  ann-diadhachd  agus  ana-mhiannaibh  saogh- 
alta,  agus  chum  an  làithean  a  chaiiheamh  gu  meas- 


68 

arra,  gu  cothromacb,  agus  gu  stuama  anns  an  t- 
saoghal.  Am  bu  nihiann  libhse  aithreachas  a  dhean- 
amh?  cleachdaibh  na  meadhona  iha  Dia  na  fhreas- 
dal  a'  cuir  nar  caramh;  leughaibh  focal  De,  feith- 
ibh  air  aoradh  naomh,  agus  air  uile  òrduighibh  an 
t-soisgeil;  biihibh  gu  tric  aig  cathair  n'an  gràs,  a' 
cuimhncachadh  gur  e  aithreachas  saor-thiodhlac  an 
Spioraid  Naoimh,  a  tha  e  gealltuinn  doibhsan  a  dh' 
iarras  gu  neo-chealgach  e,  le  mothachadh  ceart  air 
an  anmhuinneachd  fein,  agus  an  lànearbsadh  a  toill- 
tinneas  Chriosd. 


31.   Cofreagarach  'sa  tha'n  Soisgeul  do  chor  dhaoine. 

Ma  ghabhas  sinn  beachd  air  an  duine  mar  chreutair 
a  thuit,  's  e  'n  soisgeul  an  t-aon  mhcadhon  a  tha 
freagarrach  d'a  staid;  tha'n  diadhachd  o'n  dthainig  e 
a'  buileachadh  air  gach  ùghdarras  a  tha  meadhon  a 
chum  na  crìche  sin,  ag  iarruidh,  am  feadh  a  tha  na 
dearbhannamudhiadhachdgamholadhgucumhachd- 
ach  chum  gu'n  creid  an  duine  e.  Mar  is  mò  a 
gheur-bheachdaicheas  e  air,  's  ann  is  mò  a  ihuigeas 
e  fhior  fhreagaruichead  d'a  chor  truagh;  tha  e  na 
sholus  do  dhorchadasa  thuigse,  na  shith  do  bhuair- 
eas  a  choguis,  na  aoibhneas  do  iomaguin  inntinn, 
na  dhòchas  do  dhubhachas  ea-dòchais.  A'  bheil  e 
ciontach  ?  Tha  e  cur  an  cèiU  Fear-saoruidh  uil- 
fhoghainteach,  iobairt-rèitich,  Dia  a  bheir  maithean- 
as  da.  A'  bheil  e  truaiUidh  ?  Tha  e  fosgladh  suas 
da  tobar  arson  peacaidh  agus  neo-ghloine — tuil 
naomha,  a  tha  sruthadh  o  chrann-ceusaidh  an  Fhir- 
shaoruidh — anns  am  faod  an  duìne  duhh  e  fein  ionn- 
lad  o  shalachar  is  doirche  na  a  chraicionn  dubh. 
A'  bheil  e  fada  o  Dhia  ?  ro-fhada  o  aon  tobar  an 
t-sòlais  agus  an  t-suaimhneis?  An  so  tha  dòigh  gu 
teachd  am  fagus,  rathad  gu  tighinn  da  ionnsuidh ; 


tha  balla  meadhoin  an  dealachaidh  air  a  bhriseadh 
sios — tiia  àirde  a  pheacaidh  air  ìsleachadh  san  dus- 
lach;  tha  'ni  mac  stròghail  air  pilicailh,  air  a  ghabh- 
ail  a  steach,  maitheanas  saor  air  a  thoirt  da,  agus 
air  aiscag  chum  an  ionaid  a  bh'aige  roimhe  ann  an 
teaghlach  Athar  nèamhuidh,  agus  nach  robh  idir  air 
chall  o  chridhe  Athar  nèamhuidh.  A'  bheil  e  lan 
aineolais  agus  mearachd  ?  An  so  tha  e  air  a  theag- 
asg  ie  fàidh  nèamhuidh  ;  tha  Spiorad  Dhe  dha  mar 
chaomh  fliear-teagaisg;  agus  tha'n  t-allamharrach 
neo-fhoghluimte  air  a  dheanamh  ni's  glic  nan  draoidh 
oileanaichte,  glic  cìmm  slainte.  A'  bheil  e  gà  mhoth- 
achadh  buailteach  do  an-tograidh  a  tha  do  ghnà  ga 
tharruing  air  scachran  o  Dhia?  Tha'n  Spiorad 
ceudna  a'  gabhail  còmhnuidh  na  uciid  chum  an-tog- 
raidh  a  cheannsachadh,  chum  ana-mianna  a  smachd- 
achadh,  chum  a  thoil  a  riaghladh,  agus  an  nàdur  a 
dh'  ath-nuadhaich  e  air  tùs,  a  naomhachadh,  agus 
a  bhitheas  faidheoidh  air  a  ghlòrachadh  maille  ri 
Criosd.  Anns  gach  seadh,  tha  'n  soisgeul  freagar- 
rach  dha.  A'  bheil  e  na  pheacach  ?  Tha  e  tairgse 
dha  maitheanas.  A'  bheil  fiachan  air?  Tha  e  buil- 
eacha  saorsadh  air.  A'  bheil  e  an  ciomachas?  Tha 
e  ga  chur  fa  sgaoil.  An  do  thuit  e  o  bhi  na  oighre 
air  gloir  ?  Tha  e  ga  aiscag  chum  a  righ-chaithreach, 
agus  ga  dheanamh  a  ris  'na  ripji  agiis  na  s/iagart  do 
Dhia.  A'  bheil  e  tartmhor?  Tha  e  na  amhuinn  na 
beatha.  A'  bheil  e  sgìth  ?  Is  culaidh-fhois  thait- 
neach  e.  A' bheil  e  aineolaclì?  Tha  e  na  fhear- 
teagaisg  diadhuidh.  A'  bheil  e  euslainteach?  Is 
slainte  neo-bhàsmhor  agus  beothalachd  da  anam  e. 
A'  bheil  e  a'  bàsachadh  ?  Tha  e  na  bheatha  shior- 
ruidh  dha.  Tha  gach  cuircadh  san  t-soisgeul  fo'n 
chliu  so,  mar  a  chi  sibh  ! — "  Ho  !  gach  neach  air  a 
bheil  tart,  thigibhse  chum  nan  uisgeachan;  agus 
esan  aig  nach  'eil  airgiod,  thigibh,  ceannaichibh 
agus  ithibh;  seadh,  thigibh,  ceannaichibh,  gun  airg- 
iod    agus    gun    luacb,    fion    agus    bainne.     Tha'n 


70 

Splorad  agus  a  bhean  nuadh-phosda  ag  ràdh,  Thig, 
agus  ge  b'e  neach  leis  an  àill,  gabhadh  e  uisge  na 
beatha  gu  saor.  Thigibh  a  m'  ionnsuidhse,  sibhse 
uile  a  ta  ri  saothair,  agus  fo  throm  uallaich,  agus 
bheir  mise  suaimhneas  dhuibh.  Pillibh,  pillibh ; 
c'arson  a  bhàsaicheas  sibh?"  Tha;  tha'n  lagh  air 
a  choilionadh,  tha  ceartas  riaraichte,  tha  iomlain- 
eachdan  Dhe  a'  co'-chòrdadh  ann  an  saoradh  an 
duine,  agus  tha  Dia  ann  an  Criosd  a'rèiteachadh  an 
t-saoghaii  ris  fein. 


32.  3Iu  na  Drùidhean. 

B'  lAD  na  Drùidhean  rè  ioma  lìnn  Sagairt  agus 
Feallsanaich  na  Roinn-eòrpa.  'Se  's  ciall  do'n  fhoc- 
al  Druidh,  duine  glic.  Bha'n  òigridh  a  bh'  air  an 
gabhuil  a  stigh  chum  na  dreuchd  so,  'sa  cheud  dol 
a  mach  air  an  ainmeachadh  Eubagcs^  no  na  deagh 
phàistcan,  bha  air  an  taghadh  a  mach  o  na  teagh- 
Juichibh  bu  mheasaile  san  dùthaich,  a  mhuinntir 
dhiubh  a  nochd  am  barrachd  spèis  mu  fhòghlum, 
agus  gliocas  'nan  gìulan.  Mar  thainig  iad  so  air  an 
aghaidh  bha  chuid  bu  teoma  dhiubh  air  an  àrduch- 
adh  gu  bhi  nan  Seanachaidhean  :  riu  so  bha 
eachdruidh  na  dùchadh,  agus  sloinnteireachd  gach 
teaghlaich  'an  earbsa ;  agus  asda  so,  a  rèir  mar 
dhearbh  iad  fein  a  bhi  nan aithrigh  air an  urram,  bha  na 
Baird,  an  treas  ceum  am  measg  nan  Drùidhean^  air 
an  taghadh.  B'e  gniomh  nam  Bàrd  bhi  seinn  cliu 
ghaisgeach,  agus  a  mosgladh  an  t-sluaigh  gu  treubh- 
antais.  B'iad  an  Dàin  toilinntinn  gach  cuirm  agus 
cò'-dhail.  Bha  iad  so  ann  am  meas  mòr  anns  gach 
dùthaich  ;  's  gu  h-àraid  ann  an  Gaeltachd  Alba.  'S 
ann  a  mach  o'n  chuid  a  b'  ainmeile  de  na  Bàird  a 
bha  na  Drùidhean  air  an  taghadh ;  's  o'n  àireamh  a 
b'   urramaiche  dhiu   so   bha   Coibhi   no'n   t-ARD- 


71 

Dhruidh  air  a  thagliadh.  B'esan  Ceann-suldhe 
gach  cuideachd,  àrd-bhreitheamh  gach  cùis;  o  bhinn 
cha  robh  dol  as:  bha'n  t-urrani  a  b'àirde  air  a  bhuil- 
eachadh  air,  agus  an  earbsa  bu  nihò  air  a  chur  'na 
chàirdeas  agus  'na  cheartas.  Uaithe  so  tha  sean 
ghnà-fhocal  againn, 

Ge  fagus  clach  do  làr 

'S  faisge  na  sin  cobhair  Choihhi, 

Bha  ùghdarras  aig  na  Drùidhean  thairis  air  gach  ni; 
os  cionn  laghanna,  cleachduinnean,  fòghlum  agus 
creidimh  na  dùthacha.  Bha  òigridh  na  tiire  gu  leir 
air  an  àrach  fòdhpa;  b'e  miann  clann  righre  a  bhi 
dhiubh ;  agus  bha  na  righrean  fein  gu  mòr  fò'n 
smachd.  'Nan  laimh  ghiuJain  iad  slat  na  drùidh- 
eachd:  m' am  muineail  bha  cloch  bhoisgeil  riomh- 
ach  air  a  suidheachadh  ann  an  òr,  gus  an  dthug  iad 
air  an  t-sluagh  a  chreidsinn  gun  robh  èifeachdagus 
buaidh  àraidh  innte.  Nam  breacain  bha  sèa  dathan, 
an  fheadh  nach  robh  aig  na  righre  fein  ach  seachd. 

Rinn  iad  aoradh  do  aon  Dia  fo  ainm  Beil^  no 
Bea^uil,  tùs  beatha  gach  ni;  ach  ge  nach  d'  aidich 
iad  ach  aon  Dia  fo'n  ainm  sin,  cha  b'  urrainn  doibh 
smaointean  freagarrach  àrach  mu  nàdur  spioradail 
na  Diadhachd.  Ghabh  iad,  uime  sin,  a  ghrian  mar 
an  samhladh,  air  leo,  bu  riochdaile  air  a  Chumh- 
achd  mhòr  sin  a  tha  toirt  beatha  do  gach  ni.  'Natn 
beachd,  b'i  ghrian  an  cuspair  a  b'  àillidh,  agus  bu 
ghlòrmhoire  'sa  chruitheachd  air  fad.  Chreid  iad 
mar  an  ceudna  ann  an  droch-spiorad,  nàmhuid  an 
Ti  is  àirde,  ris  an  abradh  iad  an  t-abhairseiry  no  am 
fear-millidh.  Chreid  iad  mar  an  ceudna  an  an  neo- 
bhàsmhoireachd  an  anama;  agus  gum  faigheadh 
daoinc  san  ath-bheatha  a  rèir  mar  thoill  iad  san  t- 
saoghal  so.  Thug  iad  Flath-innis  mar  ainm  air  an 
àite  d'an  rachadh  spioradaibh  nan  deagh  dhaoine  an 
diaigh  bàis.     'S  an  àite  shona  so  bha  samhradh  do 


72 

jTVinà  ajTus  òige  gun  sean  aois. — Bha  ghiian  *na  h- 
àilleaclid  —  Bha  oiteag  chiùin  a  cheitein  agus  uisg- 
eachan  fiuiinar  ri  torman, — Cha  robh  gaoth  air  na 
sleibhtibh,  is  cha  robh  neul  air  aghaidh  nan  speur. 
— Bha  ccol  binn  anns  gach  doire,  agus  gach  craobh 
a'  lùbadh  ì'o  bhlàth. — (Jha  chluinnte  osna  na  caoidh 
ach  fianih-ghàir  air  gach  gnùis,  agus  buan  shòlas  a 
chaoidh  ga  shealbhachadh.  Calg-dhireach  an  agh- 
aidh  so,  bha  'n  t-ionad  ris  an  abradh  iad  Jfrinn, 
"aite  dorcha,  ùdlaidh,  mi-thaitneach,  air  nach  ruig 
dearladh  soluis  na  gatha  greine.  Far  an  robh  gach 
creutair  a  b'  oillteile  agus  bu  sgreimhile,  's  a  h-uile 
ni  a  b'  urrainn  an  inntinn  a  smaointeachadh  gu 
uabhas  adhusgadh  sa  chridhe. 

Bha'n  t-àit  anns  am  b'àbhaist  do  na  Drùidhean 
cruinneachadh  arson  aoraidh,  air  a  chomharachadh 
a  mach  le  cuairt  de  chlacha  mòra,  ris  an  abradh  iad 
an  Clachan.  Tha  mòran  diu  so  ri  fhaicinn  feadh  na 
rioghachd,  agus  's  ann  uaith  so  a  iha'm  focal  Clach- 
an  air  a  ghnàthachadh  gus  an  là  'n  diugh,  mar  ainin 
air  an  ionad  aoraidh.  Ann  am  meadhon  na  cuairte, 
bha  gu  minic  aon  chlach  nihòr  a  bh'aca  mar  ahaìr, 
ris  an  abradh  iad  Crom-leachd,  no  clach'SÌileuchdaidh. 
Bha  cuid  diu  so  anabarrach  mòr. 

Bha  aig  na  Druidhean  an  laithean  fèille;  b'  iad 
an  dithis  a  b'  ainmeile  dhiu  so  latha  Bealtainn  agus 
Sàmhna.  Air  là  Bealtainn,  mar  tha'm  focal  a'  cial- 
luchadh  (Beil-teinc,  no  teine  Bhaaii)  Bha  gairdeach- 
as  mòr  air  a  dheanamh,  bha  teintean  air  an  lasadh 
air  gach  cnochd  a  b'àirde,  a  chur  fàilt  air  teachd 
na  greine  'na  teas  agus  'na  blàs,  a  bha  aca  mar 
shamhladh  air  an  Dia  Beil.  B'e  'n  t-ath  là  fèill  a 
bh'ac'  an  t-Samhuinn,  an  sàmh-theine,  no  teine  na 
sith. 

Bha  mar  fhiachaibh  air  muinntir  na  tir  air  fad 
air  oi'che  Shamhna  gach  teine  a  chuir  as  gu  buil- 
each,  agus  tighinn  a  dh'ionnsuidh  nan  Drùidhean 
a  dh'  iarruidh  èibhl-bheothachaidh  o'n  tèine  naomh 


73 

a  bha  air  a  lasadh  agus  air  a  choisrigeadh  leo-san^ 
Ma  bha  aon  neach  san  dùthaich  ciontach  de 
ghnothach  olc  air  bith  'sa  bhliadhn'  a  chaidh  seach- 
ad,  cha'n  fhaigheadh  e  srad  de'n  teine  naomha  so, 
gus  an  dthigeadh  e  tb  mheachainn  nan  Drùidhean. 
Nan  èireadh  dha  bhi  co  dàna  's  gu'n  cuireadh  e'n 
aghaidh  so,  bha  e  air  a  sgaradh  a  mach  o  bhean- 
nachd  nan  Drùidh,  binn  a  b'  eagallaich  n'am  bàs. 
Thòisich  aoradh  follaiseach  nan  Drùidhean  le  dol 
tri  uairean  deiseal  m'an  charn,  a'  leantuinn  mar  so 
slighe  na  grèine,  chum  gun  soirbhicheadh  leo  anns 
gach  cuis:  agiis  cha  robh  peanas  bu  chruaidh  a 
dh'fhaodadh  an  Drùidh  a  leagadh  air  neach  na  thoirt 
2L\v  òoXtuathael  m'an  Clachan. 

Bha  na  Di  ùidhean  ro  chàirdeil  ri  coigrich ;  dhoibh- 
san  bha  gach  dorus  fosgailte,  agus  gach  aoidheachd 
air  a  thaisbeanadh.  Chum  na  Drùidhean,  mar 
luchd-riagliluidh  na  dùcha,  gach  coinneamh  air 
cuirn  a  bha  air  an  càramh  thairis  air  ciontaich  a 
dhit  iad  aig  am  mòd,  agus  a  chuireadh  gu  bàs  le'n 
reachd.  'S  ann  o'n  chleachda  so  a  tha  iadsan  fo 
bhinn  an  lagha  air  ammQiic\\?idhfearfocharn}  agus 
's  ann  o  so  iha'n  guidheachan  ag  èiridh,  '5  oil  leam 
nach  rohh  thu  fo  charn  ;  UJhearr  leaìu  a  hhi  fo  charn 
chlach. 

Mar  dhearbhadh  air  a  mbcas  mhòr  a  bh'aig  daoin' 
air  na  Drùidhibh  anns  na  h-àmaibh  dorcha  sin,  bha 
iad  am  barail  gun  robh  rionnag  air  a  cuir  a  nuas  o 
neamh  a  choimhneachadh  an  anama  aig  àm  bàis; 
*s  ann  uaith  so  tha  'm  focal  dreug  no  drui-eug,  ag- 
ainn  sa  Ghaelic;  agus  tha  cuid  de  dhaoin'  amaid- 
each  fhathast  an  dùil  nach  luaithe  chi  iad  teine 
drithleannach  de'n  ghne  so  na  dhian-shiubhal  o'n 
speur,  na  smaointicheas  iad  gu'n  cluinn  iad  ann  an 
ùine  ghoirid  bàs  duine  mhòir,  no  chumhachdaich. 

Bha  na  Drùidhean  fòghluimte  ann  am  Feallsan- 
achd  nàduir,  mu  ghluasad  na  grein  is  na  gealaich, 
agus  mu  imeachd  nan  reultan.  Bha'n  t-eolas  so  ro- 
G 


fheumail  's  na  lìnnibli  sin,  an  uair  nach  robh  riagh- 
ailt-sdiùraidh  eil'  aca:  'sa  b'èiginn  doibh  an  gabhail 
a  dheanamh  air  reul,  mar  tha'm  focal  reul  (no  ruith' 
iuilj  a'  cialluchadh.  Cha'n'eil  aon  ni  is  mò  a  leig- 
eas  ris  duinn  innleachd  agus  eolas  nan  Drùidhean, 
na  an  dòigh  anns  an  do  ghiulain  iad  anns  na  h-àm- 
aibh  sin  clochan  a  bha  co  mòr  's  gu'n  gabhadh  iad 
corr  agus  ceud  each  gan  tarruing:  agus  bha  iad  air 
an  giulan  do  ionadaibh  anns  nach  b'urrainn  eich 
imeachd,  agus  air  an  càramh  gu  socrach  os  cionn  a 
chèile:  Bha  cuid  diu  so  air  an  toirt  sèa  mìle-deug 
air  asdar,  air  uairibh  feadh  garbhlaich  agus  ri  cas- 
bhruthach. 

Tha  daoine  fiosrach  'am  barail  gun  robh  iad  làn- 
eolach  air  èifcachd.  luibhean,  leis  an  d-oibrich  iad 
ioma  leigheas  iongantach.  Ann  an  aon  fhocal,  cha 
robh  ni  sam  bith  air  a  mheas  os  cionn  an  cumhachd, 
ach  cuid  de  ghniomhara  mòr  agus  uamhasach  nàduir 
a  chuirear  amhàin  as  leth  an  Uile-chumhachdaich, 
uaith  so  tha  'm  focal  Mior-Bhcil  no  Meur-Bheil  ag- 
ainn  anns  a  Ghnelic,  arson  aon  ni  a  tha  os  cionn 
cumhachd  cruthaichte. 

'Nuair  a  bheachdaicheas  sinn  air  a  chreìdimh 
Dhrùidheach,  am  meas  gus  an  dthainig  e,  mar 
bhuadhaich  e  ann  an  ioma  rioghachd  o  lìnn  Noaih, 
gu  inbh  bhig,  a  nuas  gu  laithean  Juliuis  Chesair,  tha 
e  na  aobhar  iongantais  cia  mar  thilgeadh  bun  os 
ceann  e.  Chuir  e  cumhachd  na  Ròimhe  ga  dùlan, 
rinn  e  fanoid  rè  ioma  linn  air  am  feachdaibh  ainmeil ; 
ach  fadheoidh,  thainig  solas  an  àigh  do'n  Eilean 
Bhreatunnach,  agus  thàr  na  Drùidhean  as  do  na 
cùiltibh  a  b'  iomallaiche,  is  do  na  h-eileanaibh  a  b' 
uaigniche.  Airara  fògradh  as  gach  earrainn  de  Al- 
buinn,  thuinich  iad  fa  dheireadh  ann  an  I  culaobh 
Mhuile,  ris  an  ahradh  iad  san  àm  sin  Eilean  nan 
Drùidheach.  Dh'èirich  an  ùr-mhaduinn  o'n  àird  air 
I  a^us  air  Uonmhoireachd  nan  eilean  :  shearg  iad  as 
fo  ghathaibh  glormhor  Grian  na  fireantachd.     Anns 


75 

an  àtn  sin  thainig  Calum  Cille  na  churach,  le  dha- 
fhear-dheug  maille  ris;  thug  esan  am  buille-bàis  do 
Chreidimh  nan  Drùidheach,  agus  las  e  àrd-iochran 
an  t-Soisgeil,  o'n  d-fhuair  dùthcha  agus  rioghachd- 
an  solas  agus  eolas  a  bha  roimh  so  ann  an  dorchadas 
ao;us  fo  sgàile  bhàis. 


33.  Laoidh  Mliie  Cealair, 

MoLAMAiD  Tighearna  na  glcVir, 
An  Ti  is  mò  na  gach  neach, 

Cruthai'f  hear  an  t-saoghail  gu  leir, 
Da  'n  cubhaidh  dhuinn  gèill  air  fad. 

'Stu  rinn  an  domhan,  's  na  bheil  ann, 
Na  cuantai  domhainn,  's  am  fonn  : 

Chuir  thu  iasg  ga  aitrum  ann, 

Is  thug  thu  ciall  gu  ghlacadh  dhuinn. 

Rinneadh  leat  gealach  is  grian, 
Thogail  fianuis  air  do  ghloir. 

Cha  'n  aithris  mi  am  mìle  trian, 
De  chruthachadh  an  Dia  is  mò. 

'S  tu  rinn  na  h-aingil  air  fad ; 

An  droch-spiorad  fo  smachd  gu  mòr, 
Air  slabhruidh  laidir  aig  do  mhac, 

Chumaii  ain-neart  o  theachd  oirn. 

*S  tu  rinn  na  reultan  air  fad, 

'Riaghlachadh  gu  ceart  nan  tràth ; 

Gheall  thu  faraon  fuachd  agus  teas, 
Foghar  m'  an  seach  agus  màrt. 
G2 


76 


Rinneadh  leat  an  iluine  ris. 

Do  reir  t-ìomhaigh  chum  ào  ghloir : 
Chaill  e  'n  oij>hreach(J  tlhuinn  gun  luach, 

Is  cha  'n  f  huasglar  i  le  h-òr. 

'S  tu  chuir  am  fradharc  'stlgh  sa  cheann, 
Is  folt  thcachd  troi  'n  chlaigeann  lom; 

Thug  thu  chluas  gu  èisdeachd  dhuinn, 
Is  gluasad  a  chuirp  air  fonn. 

Chuir  thu  Adhamh  'an  codal  trom, 
Chaidh  Lèigh  na  'n  gràs  os  a  cheann; 

Agus  de  aisne  ihàin'  o  thaobh,  rinn 
A  bhean  o  'n  do  ghin  gach  clann. 

A  stigh  ann  an  Gàradh  ciùin  nan  sèud, 
Far  an  robh  aoibhneas  ro  àrd : 

An  uair  a  dh'  ith  a  bhean  am  meas, 
Dh'  fhuiiing  i  's  a  siiochd  am  bàs. 

Cha  robh  a  teasargain  aìg  neach, 
O'n  chùmhnant  a  rinn  i  bhrist'; 

'N  trà  rùisgeadh  an  sgeudacha  ceart, 
Bha  chùis  na  h-ion  eagaii  a  nis, 

Ach  moladh  do  Ard  Righ  nam  feart, 
Leis  nach  b'àill  teachd  d'ar  sgrios; 

'Nuair  cliunnaic  e  Adhanili  'na  airc, 
Rinn  e  cùmhnant  na'n  gràs  ris. 

Criosd  a  thainig  a  nuas  le  thoil, 
'Sa  thug  suas  mar  iobairt  fhuil ; 

Mac  na  firinn  ghloin.  Uan  gun  lochd, 
Mar  mhòr  chiontach  fhuair  e  ghuin. 

Cheusadh  e  air  a  chrann  an  àird, 
'S  an  t-sleadh  sàtliait  ann  na  chorp; 

Crùn  geur  na  pèin  a  bha  ma  cheann, 
Fhuair  Mac  Dhe  le  naimhdibh  lot. 


77 

Tàirnean  gu  teann  ga'n  cuir  an  sàs, 
'Am  bosaibh  a  làmh  le  h-òrd ; 

Is  fuil  a  chridhe  ruidh  o  thaobh, 
Ceannachd  bu  daoire  na'n  t-òr. 

'Nuair  chaidh  Criosd  gu  pèin  a  bhàis, 

A  dh'fhulang  arson  an  t-sluaigh, 
Sgoilt  brat  an  TeampuiU  sios  gu  làr, 
Dhùisg  na  niairbh  an  àird  o'n  uaigh. 

Chriothnaich  an  talamh  trom  lo  crith, 
Is  air  a  ghrèin  gun  dthainig  smal; 

Le  feirg  Dhe  a  chrath  e  'n  sin ; 

Dh'  fhuiling  Criosd  am  bàs  rè  seal. 

Dh'  adhlaic  iad  an  t-UAN  fo  lichd  ; 

Thug  e  buaidh  ;  's  an  uaigh  chà  d'fhan 
As  a  bhàs  thug  e  a  gheur  ghuin  ; 

Is  dh'èlrich  air  an  treas  là  gun  smal. 

'Na  shuidh  aig  deas-laimh  Athar  'ta, 

Criosda  le  gràs  os  ar  ceann ; 
A'  cur  Oifig  Sagairt  'an  gniomh, 

A  dheasachadh  rioghachd  dhuinn. 

Ach  thig  an  t-àm  an  dthig  Mac  Dhe, 
Creidibh  mi  gur  fior  an  sgeul; 

Le  mìltibh  mìle  dh'ainglibh  treun, 
Thoirt  oirm  breith  a  rèir  ar  beus. 

Sèidear  an  Tromp  'an  sin  gu  h-àrd, 
Leis  na  h-ainglibh  's  àille  snuadh. 

Eirigh  na  mairbh  an  àird  o'n  ùir, 
Is  gabhar  cunntas  teann  o'n  chuan. 

Liùbhraidh  an  uaigh  na  f  huair  i  fein, 
Cha  bhi  neach  dhe'n  treud  air  chall ; 

Nochdar  iad  uil'  am  fianuis  De, 
'Se  Mhac  fein  is  Breitheamh  ann. 
G3 


78 


Bithidh  iadsan  soilleir  an  sin, 

Mar  sholus  dealrach  ann  an  dreach; 

Thig  Criosd  na'n  coinneamh-san  le  geanj 
'S  bidh  sìth  ann  an  comunn  nam  flath. 

Ni  thu  'n  sin  tearbadh  air  gach  neach, 
Is  tearmunn  do'n  ionmhuinn  leat, 

Mheud  's  a  tha  air  an  dearbhadh  dhuit, 
Cuirear  fo  dhion  do  chaomh  iochd. 

Cuirear  na  gabhair  air  do  laimh  chli, 
Triallaidh  gu  priosun  a  bhròin; 

Druidear  fòs,  is  gur  cruaidh  an  sgeul, 
Flaitheanas  De  air  an  sròin. 

Mallaichidh  *nighean  a  mhàthair, 
Mallaichidh  mhàthair  a  chlann  ; 

Mallaichidh  'n  t-athair  am  mac, 
Nach  do  ghabh  mu  smachd  na  àm, 

Is  iomad  sgairteachd  is  gul  geur, 

Ri  cluinntinn  doibh  sgeul  a  chràìdh  ; 

A*  malluchadh  a  chèile  gu  leir, 

Gan  sgarachduinn  o  Uan  a  ghràidh. 

Ann  an  teach  gam  milleadh  cuirear  iad, 
'S  iad  fo  dhioghahas  an  Ard  Righ; 

Gun  dùil  ri  furtachd  no  ri  bàs, 
Gu  bràth  cha  dthig  iad  a  nios. 

Fàsaidh  an  cuirp  co  cruaidh  ri  pràis, 
Mar  iarunn  an  làmh  's  an  cas, 

Ga'n  cumail  beo  ann  an  sìor-phein, 
Teine  dian  gun  fhurtachd  as. 

Aon  latha  dhoibh  mar  bhliadhnaibh  buan, 
An  lagan  loisgeach  cruaidh  an  sàs, 


79 

Gan  liodairt  le  teas  agus  fuachcl; 
'S  ud  an  duais  cia  fhad  an  dàil. 

M'  athchuinge  riuts'  air  sgàth  do  Mhic, 
Meudaich  mo  ghliocas  le  gràs; 

Thoir  fuasgladh  saor  dhomh  anns  gach  cùis, 
Seal  m'an  druid  mo  shùil  le  bàs. 


3-i.  Long  mliòr  nan  Eil-ihireach. 

AiR  pilleadh  dhomh  air  m'  ais  o  I  Chalum  Chille, 
thainig  s'inn  air  an  aon  fheasgar  shàmhruidh  a  b' 
àillidh  a  chunnaic  mi  riàmh,  do  àite  tearuinte  fasg'- 
ach,  a  tha  ann  an  ceann  mu  thuath  dhe'n  eilean 
Mhuileach  !  Air  leani,  nach  faca  mi  cala  loingeas 
idir,  a  tha  air  a  dhìon  o  èirigh  fairge  agus  o  chumh- 
achd  soirbheis  mar  tha  e.  ìha  eilean  fada  caol  ga 
chuairteachadh  air  an  taobh  a  muigh,  a'  sgaoileadh 
a  sgiathan  gu  cairdeil,  m'an  cuairtair  gach  soitheach 
beag  agus  long,  a  tha  'g  ìarruidh  fasgaidh  na  thaic, 
o  dbruim  a  chuain,  no  tha  feitheamh  ri  sìde  mara 
gus  an  rugha  mòr  a  ghabhail.  Air  an  laimh  dheis 
mar  chaidh  sinn  a  stigh,  tha'm  fearann  ag  èiridh  gu 
corrach  cas ;  bha  sinn  a'  seoladh  ri  bile  nan  creag, 
agus  geuga  nan  craobh  a'  lùbadh  dlù  dhuinn,  thain- 
ig  fàileadh  a  bharraich  oirn  air  oiteig  an  t-sàmh- 
ruidh,— -agus  bha  mìl'  eun  beag  le'n  ceileiribh  binn 
a'  seinn  air  gach  preas,  a'  cur  fàilte  oirn  'nuair  a  bha 
sinn  a'  seoladh  seachad  oirre  gu  rèidh  sàmhach. 
Cha  robh  taobh  a  thionndain  mo  shuil  nach  robh 
'n  sealladh  taitneach,  na  beannta  àrda  Morchuanach  's 
iad  uaine  gu'm  mullach,  Suaineart  le  chnoichd  's  le 
thulaichean  boidheach — 's  an  leathar-Morthairneach 
a'  sineadh  uainn,  a'  deanamh  gairdeachas  ann  an 
blàs  an  fheasgair  shàmhruidh.  Aig  ceann  shuas  a 
chaoil  chi  mi. 


80 

■  Bhelnn  mhòr  is  àiUidh  sniamh, 

Ceann-feadhna  nam  mile  beann; 

Bha  aisling  nan  damh  na  ciabh, 
'S  i  leaba  nan  neul  a  ceann. 

An  uair  a  dhlùthaich  sinn  a  stigh  cha  robh  ri  fhaic- 
inn  ach  crainn  nan  loingeas,  am  brataichean  a' 
snàmh  gu  fann  ris  an  t-soirbheas,  's  cha  robh  ri 
chluinntinn  ach  fathram  ràmh,  is  torman  nan  alld 
agus  nan  eas,  a  bha  tuiteam  o  iomad  sgàirneach  àrtl 
de'n  chaladh  a  bha  nis  a'  fosgladhgu  farsuing  romh- 
ainn.  O  thaobh  gu  taobh  de'n  tràigh  air  an  dara 
laimh,  tha  sràìd  de  thighean  mora,  co  geal  ris  an  t- 
sneachd,  's  gu  grad  air  an  cùl  tha  uchdach  chorrach 
chas,  far  a'  bheil  an  calltuinn,  an  caorrann  agus  an 
t-uinsean,  a'  fàs  gu  dosrach,  co  dlù  dhìreach,  os 
ceann  nan  tighean  tha  fòdhpa,  *s  gu  bheil  an  geug- 
an,  air  leat,  a'  lùbadh  m'  am  mullach.  Air  bràighe 
a  bhruthaich  chi  thu  chuid  eile  de'n  bhaile  eadar 
thu  's  fàire,  ionnas  gur  doilich  dhuit  àit'  is  bòidhiche 
agus  Ì3  neo-chumanta  fhaicinn.  Ach  's  ann  a  mach 
sa  chaladh  a  bha  'n  sealiadh  a  b'fhiach  fhaicinn,  na 
fichcadan  soitheach  eadar  mhòr  agus  bheag,  iomad 
eithear  chaol,  ie'n  ràimh  uaine,  a  bhìorlainn  riomh- 
ach  le  siùil  gheala,  's  an  long-chogaidh  le  croinn  àr- 
da,  's  le  brataich  rioghail;  ach  nam  measg  uile 
chomharraich  mi  aon  long  mhòr  a  thug  barr  orr*  air 
fad;  bhaiomad  bata  beag  a'  gabhail  da  h-ionnsuidh, 
is  mhothaich  mi  gun  robh  iad  a'deanamh  deas  gu 
cur  fa  sgaoil.  Bha  aon  duine  leinn  a  thainig  oirn  aig 
culthaobh  Mhuile,  is  gann  a  thog  a  cheann  fad  aa 
latha,  a  bha  nis  a'g  amharc  gu  h-iomaguineach  air 
an  luing  mhòir  so.  An  aithne  dhuit,  t/ncirt  mi  rts, 
ciod  i  an  long  mhòrso?  Mo  thruaighe,  a  deiresan, 
's  ann  domh  is  aithne;  's  duilich  leam  gu  bheil  bar- 
rachd  'sa  b'àill  leam  de  m'  luchd-eolais  innte.  Innte 
tha  mo  bhràithrean  agus  mòran  de  m'  chaomh  chair- 
dean,  a'  dol  thairis  air  imirich  fhada  mhuladaich  do 


81 

America  mu  thuath;  agus  is  bochd  nach  robh  agams^ 
na  bheireadh  air  falbh  mi  cuideachd. 

Tharruing  sinn  a  nunn  gan  ionnsuidh,  oir  tha  mi 
'g  aideachadh  gun  robh  toil  agam  na  daoine  bla- 
chridheachs'  fhaicinn,  a  bha'n  diugh  a'  dol  a  ghabh- 
ail  an  cead  deireannach  a  dh'  Albuinn,  air  tòir  dùch- 
adh,  far  am  faigheadh  iad  dachaidh  bhunailteach 
dhoibh  fein  agus  d'an  teaghluichibh.  Cha'n'eil  e 
comasach  a  thoirt  air  aon  duine  nach  robh  a  làthair, 
an  sealladh  a  chunnaic  mi'n  so,  a  thuig-sinn. — Cha 
dthig  an  là  a  thèid  e  as  mo  chuimhne,  Bha  iad  an 
go  eadar  bheag  agus  mhor,  o'n  naoidhein  a  bha 
seachduin  aois  a  dh'  ionnsuidh  an  t-seann  duine  a 
bhi  tri  fichead  bliadhna  'sa  deich.  Bu  dèistinneach 
ri  fhaicinn  an  trom-mhulad — an  iarguin  inntinn — 
an  imcheist,  's  am  briste-cridhe  a  bha  air  a  dhearg- 
adh  gu  domhain  air  agliaidh  a  chuid  bu  mhò  dhiubh 
a  bha  'n  so  cruinn,  oiomad  eilean  agus  earrann  de'n 
Ghaeltachd. 

Bheachdaich  mi  gu  h-araid  air  aon  duine  dall  aos- 
mhor,  a  bha  na  shuidhe  air  leth,  is  triùir  no  cheath- 
rar  de  chloinn  ghillean  m'an  cuairt  da,  a  shean 
ghàirdeana  thairis  ori'a,  iad  a'  feuchainn  co  bu 
dlùithe  a  gheibheadh  a  stigh  r'a  uchd — a  cheann 
crom  os  an  cionn,  fhalt  liath  agus  an  cuaileana  dual- 
ach  donn-san  ag  amaladh  na  chèile, — a  dheòir  gu 
trom  frasach  a'tuiteam  thairis  orra.  Dìù  dhà  aig  a 
chosaibh  bha  bean  thlachd-mhor  na  suidhe,  ag  os- 
naich  gu  trom  ann  an  iomaguin  bròin,  agus  thuig 
mi  gum  b'e  a  fear-pòsda  a  bha  spaisdearachd  air  ais 
agus  air  adhart,  le  ceum  goirid,  le  lamhaibh  paisg- 
te,  sealladh  a  shùl  luaineach  neo-shuidhichte,  agus 
aghaidh  bhuairte  ag  innse  gu  soilleir  nach  robh  sith 
na  inntinn.  Tharruing  mi  dlù  do'n  t-seann-duine, 
agus  dh'fheoraich  mi  dheth  ann  an  caoimhneas 
cainnte,  an  robh  esan  ann  am  feasgar  a  làithean  a' 
dol  a  dh'fhàgail  a  dhùthchadh?  Mis,  a  deir  esan, 
a'  dol  thairis  !  cha'n'eil,  cha'n'eil !     Air  imirich  cha 


82 

dtheid  mise  gus  an  dthig  an  imirich  a  tha  feitheamh 
oirn  air  fad ;  agus  an  uair  a  thig,  cò  an  sin  a  theid 
fo  m'  cheann  do'n  ChiU?  Dh'fhalbh  sibh !  dh'fhalbh 
sibh  !  dh'fhàgadh  mis  am  aonar  an  diugh,  gu  dall 
aosda,  gun  bhràlhair,  gun  mhac,  gun  chul-taic;  agus 
an  diugh  ]à  mo  dhunach,  Dia  thoirt  maitheanas 
domh,  tha  thus'  a  Mhairi,  mo  nighean,  m'  aon  duine 
cloinne>  le  ni'  ògliaìchean  geala  gaolach  a'  dol  ga  m' 
fhàgail.  Tillidh  mis  an  nochd  do'n  ghleann  ud  thall, 
ach  cha'n  aithnich  mi  an  lamh  a  tha  ga  m'  threor- 
achadh;  cha  tig  sibhse,  a  leanaba  mo  ghràidh,  a 
mach  an  coinneamh  an  t-seann-duine;  cha  chluinn 
mi  tuiUe  briagail  ur  beoil  ri  taobh  na  h-aibhne,  's 
cha  ghlaodh  mi  tuiile,  ge  nach  bu  leir  dhomh  'n 
cunnart,  fuiribh  air  ur  n-ais  o'n  t-sruth ;  'nuair  a 
chluinncas  mi  tabhunn  nan  con,  cha  leum  mo 
chridheni's  faide,  's  cha'n  abair  mi,  tha  mo  leanab- 
ain  a'tighinn.  Cò  a  nis  a  sdiùias  mi  gu  fasga  'n 
tuim,  's  a  leughas  dhomh  an  leabhar  naomha — c'ait, 
an  ath-oidhche,  'nuair  a  theid  a  ghrian  fodha,  am 
bi  BÌbhse  a  chlann  mo  rùin,  agus  cò  a  thogas  leamsa 
laoidh  an  anmoich?  O!  athair,  ars^  annighean,  'si 
dlùthachadh  ris,  na  bris  mo  chridhe. — A'  bheil  thu 
'n  so,  a  Mhàiri,  a  deir  e,  c'àit  a'  bheil  do  làmh  ? 
thig  ni  's  dlùithe  dhomh,  m'fheudail  thu  de  mhnài 
an  domhain,  is  sòlasach  leam  do  ghuth.  Tha  thu 
dealachadh  rium — cha'n'eil  mi  cur-iomchair  ort,  's 
cha  mhò  tha  mi  'gearan :  falbl),  tha  mo  làn  chead 
agad,  tha  beannachd  do  Dhe  agad.  Bi  thusa  mar 
bha  do  mhàthair  romhad,  dleasnach;  air  mo  shonsa, 
cha'n  fhada  bhitheas  mi ;  chaiU  mi'n  diugh  mo 
gheugan  àillidh,  agus  's  faoin  an  oiieag  a  leagas  mo 
cheann;  ach  fhad  's  is  beo  mi  seasaidh  Dia  mi,  bha 
e  riamh  leam  anns  gach  cruaidh-chas,  's  cha  treig  e 
nis  mi: — dall  's  mar  tha  mi,  tha  e  fein,  buidheachas 
da  ainm,  a'  toirt  domh  sealladh  air  mo  charaid  is 
fearr  air  a  dheas-laimh,  agus  'na  ghnùis  's  leur 
dhomh  caorahalachd  agus  gràs.     Tha  mi  sa  cheart 


83 

àms  a'  faotainn  neart  uaithe.  Tha  gheallainne 
tighinn  dachaidh  gu  m'  chridhe — faodaidh  meang- 
lain  eile  failhieadh,  ach  craobh  na  beatha  cha  searg 
i.— Am  bheil  sibh  air  fad  làmh  rium,  a  deir  e,  èis- 
dibh,  tha  sinn  a  nis  a'  dealachadh,  sibhse  a'  dol  do 
dhùthaìch  fad  as,  is  math  a  dh'fhaoidte  m'an  ruig 
sibh,  gum  bi  mis  'an  dùthaich  àrd  ghrianach,  far  a' 
bheil  dòchas  agam  gu'n  coinnich  sinn  fhathast  a 
chèile,  far  nach  bi  imirich  na  dealachadh  a  chaoidh, 
cha  bhì,  oir  cha'n'eil  sannt  no  ciocras  òir  air  neamh. 
Bithidh  sinn  an  sin  gu  siorruidh  le  chèile,  agus  gu 
siorruidh  le  Dia ; — siabar  gach  deur  o'n  t-sùil,  agus 
bithidh  là  a  bhròin  thairis.  Bithibh  cuimhneach  air 
Dia  ur  n-aithriche,  's  na  tuitibh  o  aon  deagh 
chleachdadh  a  dh'  fhòghluim  sibh ;  moch  agus  an- 
moch  lùbaibh  an  glùn  mar  b'abhuist  duinn,  agus 
togaibh  an  laoidh.  Agus  sibhse,  mo  leanaba  a  bha 
mar  shùilean,  mar  luirg  dhomh,  sibhse  a  shaoil  mi  a 
chàireadh  am  fòid  ghorm  tharam,  an  èiginn  duinn 
dealuchadh. — Dia  a  chuideachadh  leam — Chab'  ur- 
radh  dhomh  fuireach  ni  b'fhaide,  bha  gheola  bha 
gus  an  seann  duine  a  'thoirt  gu  tir  a'tarruing  suas 
ri  chathach  na  luinge,  chaidh  iadsan  a  bha  feith- 
eamh  air  a  dh'innse  dha  gum  feumadh  e  falbh — 
theich  mi  uatha,  cha  robh  e'm  chomas  a  bhi'm 
fhianuis  air  an  dealachadh  bhochd. 


35.  EARRANN  II. 

Ann  an  deireadh  na  luinge,  bha  buidheann  dhaoine 
a  thuig  mi  bu  luchd-dùcha  air  an  earradh,  agus  mhoth- 
aich  mi  o'n  cainnt  gur  ann  e  aon  de  na  h-eileana 
tuathach  a  thainig  iad.  Bha  iad  gu  geur  iomaguin- 
each  ag  amharc  a  mach,  arson  bata  beag  a  bha  a 
tighinn  a  stigh  an  rugha  fo  shiùii  's  fo  ràimh ;  is  co'- 
luath  's  a  ghabh  i  steach  do'n  chaladh,  's  a  rinn  i 


84 

arson  na  luìnge,  ghlaodh  iad  amach,  'Sefhèinath' 
ann, — pìseach  air  a  cheann.  Bha  aon  neach  a'  nieasg 
nan  daoine  so  a  bha  a  reir  coslais  na  bu  mheasaile  na 
càch;  'nuair  a  dh'  aithnich  e  'm  bàta  beagsa,  chaidh 
e  far  an  robh  'n  sgiobair,  agus  mhothaich  mi  'n  sin 
gun  do  ghairmeadh  orrasan  a  bha  shuas  anns  na 
crannaibh,  'sa  mach  air  na  slataibh  siùil,  teachd  a 
nuas,  agus  gun  deachaidh  stad  air  an  uimeachadh  a 
bha  dol  air  aghaidh  chum  an  long  a  chur  fa  sgaoil. 
Dhlùthaich  am  bàta,  dh'«5irich  seann  duin'  àrd  uasal 
dreachmhor  a  bha  na  deireadh,  agus  le  ceum  daigh- 
nean  laidir,  ged  a  bha  a  cheann  co  geal  ris  a  chain- 
ichean,  dhìrich  e  suas,  gun  cliuideacha  sam  bith,  ri 
taobh  na  luinge.  Chuir  an  sgiobair  fàilt  air  le  mòr 
urram.  Dh'  amhairc  e  m'an  cuairt  da  agus  gu  grad 
nihothaich  e  bhuidheann  ghaolach  a  bha'n  deireadh 
na  luinge,  agus  ghabh  e  gan  ionnsuidh.  Dia  bhi 
maille  ribh,  ars  esan,  'nuair  dh'eirich  gach  aon  diubh 
le'm  boineid  nan  laimh,  a  chur  failte  air.  Shuidh  e 
nam  measg,  air  an  luirg  a  bha  na  laimh  leig  e  car 
tamall  taic  a  chinn  ;  agus  mhothaich  mi  gun  robh  na 
deòir  mhòr  a'  sruthadh  a  nuas  air  an  aon  aodann  bu 
taitniche  leam  fhaicinn  a  chunnaic  mi  riamh.  Tharr- 
uing  gach  aon  diu  m'an  cuairt  da,  agus  shuidh  cuid 
de'n  chloinn  aig  a  chosaibh.  Bha  ni-eiginn  ann  an 
coslas  an  duine  bheannaichte  so  nach  faodadh  gun 
daoine  a  tliàladh  ris;  bha  de  mhaitheas  agus  de 
chaomhalachd  m'an  cuairt  da,  's  nach  faodadh  gun 
mhisneach  a  thoirt  do'n  aon  bu  lag-chridhiche,  agus 
anns  an  àm  cheudna,  bha  de  smachd  àrd  na  shùil 
agus  na  bhalhais,  a  bheireadh  air  an  spiorad  bu 
dalraa  meatachadh  'na  làthair.  Thainig  sibhse,  le'r 
cead,  ars  iadsan^  mar  a  gheall  sibh :  cha  d'rinn  sibh 
dearmad  riamh  oirn  ann  an  là  ar  teinn;  tha  sinn  an 
nochd  a'  dol  a  ghabhail  a  chuain  fo'r  ceann,  's  m'an 
èirich  a  ghrian  air  na  beanntaibh  ud  thall,  bithidh 
sinne  gu  bràth  as  an  sealladh.  Is  culaidh-thruais 
fiinn  an  diush — là  ar  dunach  ! — Na  cluinneam,  ars 


85 

am  ministcir,  a  leithid  so  de  chainnt;  bithibh  mis- 
neachail,  cha'n  e  so  an  t-àm  dhuibh  meatachadh; 
cuiribh  ur  n-earbsa  ann  an  Dia,  cha'n  ann  gun  fhios 
dà-san  a  iha  sibh  a'  dol  air  an  turus  so;  's  ann  na 
fhreasdal  fein  a  tha  gach  ni  tighinn  m'an  cuairt;  is 
ann  a  tha  sibh  a  labhairt  mar  gum  biodh  sibh  a'  fàg- 
ail  rioghachd  an  Uile-chumhachdaich,  agus  a' dol  far 
nach  ruigeadh  a  chaoimhneas  athaireil  oirbh.  Mo 
tbruaighe  !  bhochd,  an  e  so  ur  creldimh  ?  Tha  sin 
^fior,  thuirt  iad.  Ach  an  fhairge,  an  cuan  mòr  fars- 
uing ! — An  ihan^e,  fhreagair  e^ — c'arson  a  chuireadh 
sin  sibh  fo  dhiobhail  misnich,  nach  'eil  Dia  ri  fhaot- 
ainn  sa  chuan  co  math  's  air  tìr-mòr,  fo  stiùradh  a 
ghliocais,  fo  dhìon  a  ciiumhachd,  nach'eil  sibh  co 
tearuint  air  a  chuan  'sa  bha  sibh  riamh  ann  an  gleann 
tiorail  ?  An  Dia  a  chruthaich  an  cuan  nach'eil  e  dol 
a  raach  air  a  thonnaibh  uaimhreach,  cha'n  èirich  a 
h-aon  diu  roimhibh  gun  fhios  da;  'se  fein  a  chaisg- 
eas  onfha  na  fairge,  tha  e  mach  air  a  chuan  ann  an 
carbad  na  gaoithe,  co  cinnteach  's  a  tha  e  ann  an 
neamh  shuas,  O!  sibhse  air  bheag  creidimh,  c'ar  son 
a  ta  sibh  fo  eagal  ? 

Tha  sinn  a'  fàgail  ardùthcha,  fhreagair  iad — Tha 
gun  teagamh,  ars  esan,  tha  sibh  a'  fàgail  an  eilein 
san  d-fhuair  sibh  ur  togail  's  ur  n-àrach  ;  gu  cinnt- 
each  tha  sibh  a'  dol  air  imirich  fhada;  cha  ruigear  a 
leas  a  chleth,  gu  bheil  ioma  cruadal  a'  feitheamh 
oirbh,  ach  cha  d'thainig  so  oirbh  gun  fhios  diubh. 
A'  fàgail  ur  dùthchadh,  an  dubhairt  sihh,  a'  bheil 
ceangal  seasmhach  aig  mac  an  duine  ri  aon  dùthaich 
seach  dùthaich  eile.  Cha'n'eil  dùthaich  bhunailteach 
againn  air  thalamh ;  cha'n'eil  sinn  air  fad  ach  'nar 
n-eilthirich;  cha'n  anns  an  t-saoghal  chaochlaideach 
so  a  tha  e  air  a  cheadachadh  dhuinn  le  Dia,  an  dach- 
aidh  sin  iarruidh  as  nach  bi  imirich. 

Gun  amhB.r\jL?,,J'hreagair  iad,  tha  sin  fior;  ach  tha 
sinn  a'  falbh  mar  chaoraich  bhochda  gun  bhuachaille, 
gun  a  h-aon  ris  an  cuir  sinn  ar  comhairle,  's  a'  dol 
H 


86 

fada,  fad  air  falbh.  O  nam  biodh  sibhse — bìthihh 
nar  tosd,  dcir  esan,  na  duinneam  a  leithid  so  de 
chainnt,  a'  bheii  sibh  a'  dol  ni's  faide  o  Diiia,  na  bha 
sibh  riamh ;  nach  e'n  Dia  ceudna  dh'fhosgail  rosga 
do  shùl  an  diugh,  's  a  dhùisg  thu  a  suain  na  h-oidh- 
che,  a  tha  'g  oibreacha  taobh  thall  an  t-saoghail  ? 
Cò  sheas  le  Abraham  'n  uair  a  dh'  fhàg  e  thìr  's  a 
dhaoine?  Cò  a  thaisbein  e  fein  do  lacob,  'nuair  a 
dh'fhàg  e  tigh  athar,  'sa  chaidil  e  mach  airan  raon? 
Mo  nàire  a  dhaoine  c'àit  a'  bheil  ur  creidimh  ?  An 
dubhairt  sibh  gun  robh  sibh  mar  chaoraich  bhochda 
gun  bhuachaille;  a'  bheil  aon  leanabh  beag  lamh 
rium  'an  so,  nach  aithris  na  briathran  sin,  'Se  Dia 
fein  is  buachall  domh^  cha  bhi  vii  aim  an  dì;  nach  esan 
àrd-bhuachaille  a  chuid  caorach  fein,  a  thuirt,  na 
hiodh  eagal  ort  a  threud  bhig,  bifo  dheagh  mhisneach^ 
oir  's  mise  do  Dhia.  Cha'n'eil  gu  dearbh,  deir  easan^ 
tighean  aoruidh  far  a  bheil  sibh  a'  dol,  agus  's  dòcha 
nach  'eil  ministeirean  ann,  ach  cuimhnichibh  sibhse 
]à  an  Tighearna,  cruinnichibh  fo  sgàile  na  creige,  na 
fo  dhubhar  nan  craobh,  agus  togaibh  le  cheile  laoidh- 
ean  Shioin,  a'  cuimhneacha  nach  'eil  làthaireachd 
Dhe  fuaidhte  ri  àite  seach  àite,  gu  bheil  e  ri  fhaot- 
ainn  anns  gach  àite,  leosau  a  dh'  iarras  e  gu  treibh- 
dhireach  ann  an  ainm  Chriosd:  air  mullach  na  beinne 
is  àirde — air  bonn  a  ghlinne  is  isle,  no  ann  an  dubhar 
na  coilleadh  is  uaigniche,  co  math  is  ann  am  meadh- 
on  a  bhaile  mhòir,  na  san  teampull  is  dreachmoire 
a  thogadh  riamh  dha  le  làmhaibh,  Tha  gach  aon 
agaibh  comasach  air  focal  De  a  leughadh,  mar  bith- 
eadh,  bu  trom  mo  chridhe,  da  rireadh,  's  bu  bhron- 
ach  an  dealacbadh.  Tha  fìos  agam  gu  bheil  Biob- 
uill  nar  cuideachda,  ach  gabhaibh  uamsa  an  diugh 
Biobuill  ùra,  air  an  ùr  chlo-bhualadh,  ann  an  tomad 
beag,  soirbh  r'an  giulan,  agus  cha  shuaraiche  libh 
iad  gu  bheil  ur  n-ainme  sgriobhta  orra,  leis  an  laimh 
sin  a  bhaist  an  earrann  is  mò  dhibh,  a  thogadh  iomad 
uair  ann  an  asluchadh  as  ur  leth  gu  neamh  ;  agus  a 


87 

thogar  fhathast  ann  an  deagh  dhòchas  ann  an  ainm 
Chriosd  air  ur  son,  gus  an  dthig  marbhantachd  a 
bhàis  thairis  orra.  Agus  sibhse,  mo  leanaba  beaga,  am 
badan  lurach  de  m'  chuid  uan,  a  tha  nis  ga  m'  fhàg- 
ail,  thug  mi  d'ar  n-ionnsuidhse  cuimhneachan  beag 
air  mo  mhòr  ghràdh  dhuibh,  Dia,  gar  beannachadh. 

O!  ars  iadsaìi,  cia  taingeil  a  tha  sinne  gum  faca 
sinn  sibh  aon  uair  eile,  agus  gu'n  cuala  sinn  fhathast 
ur  guth.  Bha  muinntir  na  luinge  gu  leir  a'  tarruing 
ni  bu  dlùithe  air  an  àite  san  robh  e  na  sheasamh ; 
ma  's  iad  na  seoladairean  fein,  ge  nach  do  thuig  cuid 
diubh  a  chainnt,  thuig  iad  gur  gnothach  anama  a 
bha  dol  air  aghaidli;  bha  uiread  de  dhùrachd, — 
de  bhlàths,  de  chaoimhneas  na  choslas  agus  'na 
chainnt,  's  gun  do  sheas  iad  gu  ciùin  sàmhach,  agus 
chunna  mi  ioma  h-aon  diubh,  a'  cleth  nan  deur  a 
bha  tuiteani  a  nuas  air  na  gruaidhibh  as  an  dthug 
iomad  Jalhagarbh  o  chionn  fhada  an  leanabas. 

Thug  an  duine  beannaichte  a  chòmhdach-cinn 
deth,  agus  sheas  e  suas ;  thuig  gach  aon  na  bha  na 
bheachd.  Thuit  cuid  diubh  air  an  glùinibh,  is  dh'- 
amhairc  gach  aon  air  an  iàr,  'nuair  a  thuirt  e  le  guth 
glan  fallain,  larramaid  beannachd  Dhe,  Deanamaid 
ùrnuigh:  O  bu  chruaidh  an  cridhe  nach  leaghadh,  agus 
cha  chùisfharmaid  an  spiorad  sin  nach  gabhadh  suim, 
fhad  'sa  bha  'n  ùrnuigh  dhùrachdach  theas-chridh- 
each  ga  cur  suas  leis  an  duine  mhath  so,  a  bha  a  nis 
e  fein  air  àrdachadh  os  cionn  an  t-saoghails'.  Is  ioma 
dùilebhochd  lag-chridheach  a  f  huair  misneach ;  thuit 
a  bhriathra  mar  dhrùchd  an  fheasgair,  is  fhuair  na 
meanglain  laga  fhann  fionnachd  agus  sòlas.  Bu  trora 
acàin  an  cleibh  'nuair  bha  iad  air  an  glùinibh,  's  na 
li-osnaichean  a  dli'fhiach  iad  ri  chumail  fodha;  ach 
'nuair  a  dh'  èirich  iad  air  leam  gun  robh  misneach 
ùr  ri  fhaicinn  'nan  sùilibh  roi  cheo  nan  deuran  goirte 
a  bha  iad  a  nis  a'  tiormachadh  air  falbh.  Dh'  fhosg- 
ail  e  leabhar  nan  Salm,  is  thogadh  an  t-aon  naomh- 
H2 


cheol  bu  tùrsalche,  bu  deuchainniche  aìr  gach  doigbi 
gidheadh  bu  shòlasaich  a  chuala  mi  riamh. 

Rainig  an  f  huaim  thìomhaidh  gach  long  agus  gach 
soitheach  sa  chaladh — cha  robh  ràmh  a  mach  nach 
robh  air  a  phasgadh,  cha  chluinnte  fead  no  farum, 
ach  an  aon  sàmhchair  bheannaichte,  raar  a  sheinn 
iad  an  dara  Salm  thar  an  dà  f  hichead,  aig  a  cheith- 
rearah  rann, 

Tha  m'  anam  air  a  dhortadh  mach, 

Trà  chuimhnicheam  gach  ni ; 
Oir  chaidh  mi  leis  a  chuideachd  mhòir, 

Dol  leo  gu  teampull  De. 

Seadh  chaidh  mi  leo  le  gairdtachas, 

Is  moladh  fòs  le  cheil', 
'S  ann  leis  a  chuideachd  sin  a  bha 

A'  coimhead  làithe  feiii'. 

O  m'  anam  !  c'uim  a  leagadh  thu 

Le  diobhail  raisnich  sìos? 
Is  c'uim  am  bheil  thu'n  taobh  stigh  dhiom 

Fo  thrioblaid  is  fo  sgìos  ? 

Cuir  dòchas  daingean  ann  an  Dia, 

Oir  fathast  molam  e; 
Arson  na  furtachd  is  na  slaint' 

Thig  dhomh  o  eudan  reidh. 


36.  An  Gaedheal  a  fàgail  a  dhùthcìiadh. 

A  Ghlinn  mo  ghràidh,  rinn  m'  àrach  òg, 
An  èiginn  t-fhàgail,  's  mi  gun  treòir ; 
An  èiginn  domh,  's  do  chloinn  mo  ghaoil, 
Falbh  gun  dùil  ri  tionndadh  chaoidh  ? 

An  èigin  domhs'  fa  dheireadh  triall, 
Is  falt  mo  chinn  'na  dhualaibh  liath : 


89 

Earr  mo  laithean  ruith  gu  luatb, 

Mar  chloich  na  deann  o  àird  na  cruaich. 

Ceò  na  h-aois  m'am  shùilean  dall; 
Mo  chosan  lag  nach  gluais  ach  mall; 
Air  chàileachd  f  hiodha  nacii  tog  fonn, 
'S  mo  chridhe  fann  air  fàs  ro-throm. 

Is  faoin  domh  fein  bhi  'g  èisdeachd  ceoil, 
Cha  dùisgear  tuille  mi  o'n  bhròn  ; 
Luidh  mo  ghrian-sa  siar  fo  stuaigh, 
'S  cha  till  i  dhomhsa  chaoidh  le  buaidh. 

A  bhean  mo  ghaoil,  's  nam  beusa  cùin, 
Na  biodh  do  dheoir  a'  ruidh  co  dlùth; 
Oir  claoidhidh  bròn  do  neart,  's  do  chàil, 
Gun  neach  bheil  iochd  no  dàirah  a  d'  dhàil. 

Is  goirt  le  m'  chridhe  do  chor,  a  ghaoil, 
Aois  ga  d'  chlaoidh,  's  mi  fein  gun  fheum: 
An  t-àit  an  d'  fhuair  sinn  riamh  ar  leoir, 
Cha  'n  ionad  taimh  dhuinn  e  ni  's  mò. 

Tha  muinntir  eil'  air  teachd  d'  ar  tir, 
Is  sìol  nan  treun  ga'n  cur  a  dhi, 
Siol  nan  treun  a  ghieidh  le  buaidh, 
Ar  beanntan  àrd,  a's  tràigh  a  chuain. 

Ach  threig  iad  fein,  's  gach  euchd  a  rinn  ; 
'S  tha  sinn,  an  diugh,  an  sliochd  gun  sgoinn, 
Mar  chuiseig  fhaoin,  fo  thaom  gach  sian, 
Air  call  ar  neart,  ar  meas,  's  ar  miagh. 

Gluaisibh  chlann  na  muinghinn  threin, 
'S  gum  faigh  sibh  iochd  fo  chaochla  grèin  : 
Ge  caomh  libh  beanntan  àrd  ar  n-òig, 
'S  gann  gum  faic  sibh  iad  r'  ar  beo. 

Triallaibh  dh'  ionnsuidh  cuan  nan  stuagh; 
Ach,  Och  !  mo  chreach !  cha  b'e  mo  luaidh ; 
H3 


90 

B'  annsa  luidhe  sìos  gu  ciùin, 
Mar  ri  m'  dhàimhich  anns  an  ùir. 

'S  tric  o  'm  shùil  na  deura  tròm. 
'S  mi  sealltuinn  air  gach  làrach  lòm, 
Am  facas  uair  mo  chairdean  treun, 
Ga  fad  an  diugh  gach  aon  o  chèil', 

Cha  chiuinn  mi  tuille  'n  còmhradh  gaoil, 
Moch  no  feasgar  air  an  raon ; 
Tha  'n  gleann  a  b'  aobhaich  fuaim  is  ceoi, 
Gu  tosdach  balbh,  mar  ueach  ri  bròn. 

C'  àit  an  deach  na  h-ògain  thrèin  ? 
C'  àit  an  deach  na  h-òighean  chaoin  l' 
C'  àit  a'  bheil  an  aois  gun  ghruaim  ? 
C'  àit  an  ceol  a  b'  àirde  fuaim  ? 

C*  àit  a'  bheil  am  bord  bha  fial, 
Bheireadh  do  gach  acrach  biadh  ? 
Sgapadh  iad  le  foirneart  geur, 
'S  cha'n'eil  a  h-aon  an  diugh  le  cheil.         i 

Fhir  a  shiùbhlas  gleann  mo  ghaoil, 
Na  meallar  thu  le  briathraibh  faoin ; 
Oigh  cha  ghlac  do  làmh  gu  bràth, 
*S  cha'n  iar  i  thu  gu  h-ionad  tàimh  : 

Cha'n  fhaic  thu  i  le  cuaich  fo  chròichd 
Moch  no  feasgar  teachd  o'n  chrò, 
Ni  mo  a  chluinn  thu  'ceòlan  binn 
'Tional  ghabhra  breachd  sna  glinn. 

'S  faoin  bhi  'g  iarruidh  'n  aosda  chòir 
A  shuidh  gu  tric  ri  taobh  an  ròid ; 
Sgeul  cha'n  iarr  e  uait,  no  dàn, 
Cuirm  no  fleàgh  cha  sgaoil  gu  bràtb. 

Ga  fann  do  cheum,  's  ga  faoin  do  dhòigh, 
Caomh  cha'n  fhaic  thu  anns  an  ròd ; 


91 


Tha  àit  an  tàimh  'na  làraich  fhuair 

Fo  fhionndaig  ghlais,  's  fo  chòinnich  uain. 

larr  san  fheur  an  teach  bha  fial 
Is  gheibh  an  stairsneach  caitht'  gu  trian ; 
Leachd  an  tein',  's  a  h-aogas  ruadh, 
Fraoch  is  còinneach  fàs  mu  bruaich. 

Tha'n  cnochdan  glas  gun  ail  na  dhruim 

Far  an  tric  a  shuidh  na  Suinn  ; 

Far  an  rùis'geadh  iad  le  chcil 

An  rùn,  's  am  beachd,  gun  tlachd  'am  beud. 

Far  an  labhradh  iad  gu  fial, 
Air  gach  treun  a  bh'  ann  o  chian; 
Sa  nihacraidh  òg  le  ìoghnadh  gràidh 
A'  snàmh  san  sgeul  a  b'  euchdaich  càil. 

Ach  ciod  e  fìlth  an  fhògraidh  gheir? 
An  d'fhuaradh  clontach  sinn  'am  beud  ? 
No  'n  do  thoill  sinn  gràin  an  righ 
'Nuair  nach  faod  sinn  tàmh  'n  ar  tir  ? 

Ruinn  cha'n  fhaodar  sin  a  luaidh, 
Bha  sinn  riamh  a'  triall  'an  uaill ; 
'S  gad  a  thàinig  sinn  fo  thàir, 
Cha  b'  e  ar  coireadh  b'  aobhar  dha: 

Ach  sliochd  ar  trèin  air  caochladh  nòis, 
An  gaol  d'  an  càirdibh  thug  do'n  òr ; 
An  uaiU  cha'n'eil  an  Laochruidh  thrèin, 
Tha  reachd  san  àm  gan  dion  o  bheud. 

Ach  faodaidh  caochladh  teachd  ri  àm, 
'S  gun  iarrta  sinn  air  feadh  nam  bennn ; 
Ach  beann  na  gleann  cha  d-thoir  a  h-aon 
A  leanas  Armunn  dh'  ionnsuidh  'n  raoin. 

Aonaranach  fann  gun  trèoir, 

Bithidh  gach  triath  gun  dàimh  'na  chòir, 


92 

Trèigear  e  le  brosgul  baoth, 

Na'n  gealtair  cealgach  ghlac  a  mhaoin. 

Trèigear  e  'na  àmhghar  geur, 
Gun  aon  r'a  thaic  d'a  chinne  fein : 
Fada,  fada,  thall  th'  ar  chuan, 
Sgaoilte  gheibh  e  'm  fuigheall  truagh. 

Chi  e'n  sin  le  deòir  na  shùil, 

Am  beud  a  chinnich  leis  an  tùs, 

'Nuair  a  dh'fhògair  e  o  sgeith, 

An  Laochruidh  b'  fhearr  a  bha  fo'n  ghrèin. 

Ach  gad  a  shil  an  deoir  gach  ial, 
Aon  cha  dthig  a  chaoidh  gan  dion  : 
Is  cuimhne  leo  gach  cràdh  a's  spìd, 
A  dh'fhuiling  iad  m'an  d'fhàg  an  tìr„ 

Dubhach  cianail  biodh  an  gleus, 
Mar  eun  na  h-oidhche  'n  còs  leis  fein  ; 
Gus  an  claoidhear  annt  le  bròn, 
Gaol  an  airgid  ghlais  san  òir. 

Gus  ann  tiU  an  gràdh  san  t-iochd, 

Is  dual  do  alhair  thoirt  d'a  shliochd ; 

'S  gum  faic  gach  triath  gur  fearr  na  trèin, 

Na  mìUte  uan  a  mìle  treud.  Ì 

Ach  's  cian  m'an  lìonar  rìs  na  glinn, 

A  dh'òigridh  ghlan,  mar  bh'ann  ri  m'  linn; 

Amhluidh  darag  a  thuit  le  gaoith, 

Is  fad  m'am  fàs  a  faiUein  maoth. 

Faodaidh  samhla  teachd  ri  àm, 
Ach  's  lag  an  gaol,  's  is  faoin  an  làmh, 
Sliochd  nan  treun  cha'n  èighear  dhiubh, 
'S  san  dàn  cha  chluinnear  chaoidh  an  cliu. 

Ach  cò  a  chi  mi  thar  an  raon  ? 
Cò,  ach  bràthair  ciùin  mo  ghaoil; 


93 

Sgeul  gu  beachd  aige  o'n  tràigh, 
Cluinneamaid  e  uaith  gun  dàil. 

An  èiginn  duinn  bhi  triall  a  ghaoil, 
Na  sgaoileadh  suas  na  seoil  ri  gaoith  ? 
No  'ni  faod  sinn  tàmh  a  nochd  sa  ghleann, 
'S  an  d-àraicheadh  sinn  fein,  *s  ar  clann  ? 

Tha  siùil  ri  croinn  gan  sgaoileadh  shuas, 
Is  gaoth  nani  beann  ag  iarruidh  chuain; 
Tàmh  ni  's  faid'  cha'n  fhaodar  leinn, 
Ach  iarramaid  gun  dàil  na  tuinn. 

A  chlann  mo  ghràidh  cha  dàil  ni's  mò; 
'S  èiginn  falbh  's  cha'n  ann  d'ar  deòin; 
Ar  cnuic,  ar  glinn,  's  ar  beanntaidh  àrd, 
Fhàgail  faoin  gun  chaoimh  'n  an  dàil. 

Slàn  le  fèidh  nam  fraoch-bheann  àrd, 
O'n  suain  cha  ghluais  mi  iad  gu  bràth; 
Slàn  le  earbag  bheag  o'n  raon, 
'S  faoin  a  geilt  mu  meannan  maoth. 

Slàn  le  eoin  is  moiche  seinn, 
Slàn  le  beanntan  àrd,  's  le  coill, 
Slàn  le  gabhra  breac  nam  bruach. 
Slàn  le  caoraich,  is  le  uain. 

Slàn  le  m'  theach  bha  farsuing  fial, 

'Sa  chòmhladh  nach  do  dhruideadh  riamh ; 

Slàn  le  leacan  far  na  h-uaigh, 

Fo  bheil  mo  dhaimhich  ciùin  nan  suain. 

Slàn  le  Albuinn  ghleann  is  chnochd, 

Oir  's  eiginn  dhomhsa  triall  an  nochd, 

Gim  dùii  am  feasd  ri  cois  air  t-fheur, 

Mo  chreach !  mo  chràdh  !  's  e  fàth  mo  dheur. 


94 


37.  Mu  Chalum  Cille. 


RuGADH  an  duln'  ainmeil  so  ann  an  Eirinn  ;  thaìnig 
e  o  theaghlach  rioghail  na  Dùthcha  sin,  agus  bha  e 
mar  an  ceudna  'an  d!ù-dhaimh  do  righribh  na  h- 
Alba.  B'e  athair  Felini  mac  Fhearghuis,  is  b'  odha 
e  do  Niall  uaibhreach,  righ  mòr  na  h-Eirionn. 
Rugadh  e  anns  a  bhliadhna  521.;  a  nuas  o  òige 
thaisbean  e  urrad  tùir  agus  toirt-fainear,  urrad  de 
dhiadhachd  agus  de  thuigse  cheart,  's  gun  chuireadh 
air  leth  e  o  àm  a  leanabais  arson  ministireachd  an  t- 
soisgeil ;  agus  ghnàthaicheadh  na  h-uile  mheadhon 
chum  foghlum  iomchuidh  a  thoirt  da,  freagarrach 
arson  na  h-oifig  chudthromach  sin.  Bha  e  air  a 
chàramh  fo  na  daoine  b'  fhòghluimte  r'a  linnj  thug 
e  bàrr  gu  luath  air  gach  aon  a  bha  maille  ris;  's 
bha  chliu  gu  moch  a  niach  air  feadh  na  tìre.  Bha  e 
greis  fo  chùram  an  naoimh  ainmeil  sin  Ciaran;  esan 
a  thainig  na  dhiaigh  sin  a  nall  do  Albuinn  a  shear- 
monachadh  Chriosd,  ann  an  Ceann-tire  Earra- 
ghael,  an  duine  math  sin  o  bheil  Loch  agus  sgireachd 
Chille-ciarain  san  dùthaich  sin  air  an  ainmeachadh. 
Man  robh  Callum  Cille  ochd-bliadhna  fichead  a 
dh'  aois  shuidhich  e  eaglaisean  'an  Eirinn,  'na  dhiaigh 
sin  chaidh  e  thairis  gu  tir-mòr  na  h-Eorpa.  Bha 
e  ainmeil  san  Eadailt  agus  san  Fhraing,  arson  f  hogh- 
lum  agus  a  bheusan.  Dh'  fheuch  righre  na  Fra- 
inge  ri  chumail  aca  fein,  agus  anns  an  dòchas 
sin  rinn  iad  geallaine  mòra  dha;  ach  thuirt  esan 
riu,  B'  fhearr  leam  gu  mòr  a  bhi  feumail  ri  m'  linn 
na  bhi  saibhir,  air  sgàth  Chriosd,  agus  arson  mo 
ghràidh  dha;  dhealaich  mi  ri  m'  bheartas  fein; 
chuir  mi  cùl  ri  m'  oighreachd  fein,  's  cha  bu  shuar- 
rach  i,  's  cha  dùgh  dhomh  nis  gun  sanntaichean 
beartas  dhaoin'  eile. 

Cha'n'eil  fios  cinnteach  c'  uin  a  phill  e  air  ais  do 
Eirinn.     Bha  'n  t-eilean  san  àm  sin  a  sealbhachadh 


95 

solus  an  t-soisgeil  ann  an  lomhas  àrd;  bha  e  làn  de 
dhaoine  diadhaidh  saoghalta,  am  fad's  a  bha  Albuìnn 
sa  cheart  nm  sin  na  fàsach  fiadhaich,  ann  an  aineolas, 
agus  fo  shaobh-chràbhadh  muladach.  Mothaich  an 
Naomh  Calum  dha  so  )e  truas,  agus  ge  nach  robh 
fàth  a  dhòchais  ro-mhòr,  chuir  e  roimhe  dol  a  mach 
mar  abstol  do  na  cearnaibh  dorcha  sin.  Leis  a 
bheachd  sin  dh'  f  hàg  e  dhùthaich  anns  a  bhliadhna 
563.  agus  ann  an  curach  beag,  le  dhà-dheug  de  luchd- 
leanmhuinn  thaghta  ghràdhaich,  rainig  e  'n  t-eilean 
uaigneach  sin  cvilthaobh  Mhuile,  ris  an  abair  iado'n 
àm  sin  I  Chalum  Chille.  Bha  'n  duine  math  mu 
bheil  sinn  a*  labhairt  a  nis  dà  bhliadhn'  agus  dà 
fhichead  a  dh'  aois,  bu  chudthromach  an  obair 
a  ghabh  e  os  laimh,  agus  b'  uabhasach  na  doilghidis 
a  bha  'na  rathad,  cha  'n  ann  gu  dearbh  gun  anabh- 
arra  neart  inntinn  agus  colladh  a  thigeadh  dha  an 
oirp  idir  a  thoirt.  Bha  muinntir,  na  h-Alba  san  àm 
sin  ann  an  staid  choimheach  bhorb;  bhaiad  suarach 
m'a  naomhachd  an  duine  bheannuicht,  's  gur  tric 
a  shùnraich  iad  a  chur  gu  bàs.  Bha  righ  na 
Dùthcha  cosmhuil  r'a  chuid  daoine.  A  cheud  uair 
a  thainig  Calum  CiUe  dh'  ionnsuidh  a  Lùth-chuirt, 
a  bha  san  àm  sin  aig  ceann  nB  h-aird-an-ear  de 
Loch-nis,  dh'  àithn  e  'n  dorus  a  dhruideadh  na 
aodunn,  's  gun  an  aoidheachd  choitchionn  a  thoirt 
da  fein  no  dhoibhsan  a  bha  maille  ris.  Bha  sagartan 
nan  Druithneach  adhartach  saoithreach  ann  an  cur 
na  aghaidh,  bha  iad  teoma,  seolta,  innleachdach, 
agus  cumhachdach,  agus  bha  uachdarain  na  dùthcha 
air  an  taobb.  Bha  'n  dùthaich  fein  san  àm  sin  mar 
aon  f  hàsach  mhòir,  gun  slighe  no  rathad  tearuinte 
tre  na  coiUtibh  tiugha  dorcha;  agus  bha  na  mon- 
aidhean  farsuing,  làn  de  bheathaichean  fìadhaich  a 
bha  'n  iompais  iomad  agus  ioraad  uair  an  Naomh  so  a 
mhilleadh  agus  a  sgrios,  mar  a  bha  e  'g  imeachd  o 
chearna  gu  cearnadh  ann  an  obair  a  Thighearna.  A 
thuiileadh  air  so,    bha  e  fein  na  ghiulan  agus  na 


96 

clilcachda  cho  fada  dealaichte  o  mhuinntir  na  dùth- 
cha  's  nach  faodadh  egun  bhi  mi-thaitneach  leo.  B' 
abhuist  dà  trosg  fad  làithean,  a  bhi  na  chaithris  ri 
ùrnuigh  fad  oidhchean;  bha  e  air  a  cheusadh  do'n  t- 
saoghal,  agus  bu  shuarach  leis  toileachas-inntinn  na 
beatha.  Chuir  e  cùl  ris  na  nithe  sin,  a  tha  daoin' 
eile  a'  meas  neo-chiont  agus  feumail.  'Nuair  bha  e 
Sea-bliadhn-deug  agus  tri  fichead  b'e  'n  t-ùrlar  fuar 
bu  leaba  dha  's  a  chiach  chruaidh  bu  cheann-adhart 
dha.  Ach  a  dh'  aindeoin  so  uile  bhuadhaich  e  na 
shaothaii-,  agus  sin  ann  an  tonihas  miorbhuileach. 
Fad  cheithir-bliadhn'-deug-thar  f  hichead  shaoithrich 
e  a'socrachadh  eagluisean,  agus  a'  craobh-sgaoileadh 
eolas  Chriosd.  Ra  linn  fein  chunnaic  e  creidimh 
nan  Druithneach  air  a  chur  fodha,  rioghachd  na  h- 
Alba  air  a  h-iompachadh  gu  aidmheil  an  t-soisgeil. 
Bha  eaglaisean  air  an  socrachadh  ann  an  iomad 
cearna,  agus  thairis  orra  air  fad  eadar  Albuinn  agus 
Eirinn  bha  e  fein  na  uachdaran. 

Tha  daoine  foghluimte  ag  innsc  dhuinn  gun  do 
shocraich  e  na  latha  fein  tri  cheud  euglais,  agus  gun 
do  steighich  e  ceud  tigh  Manaich,  agus  ann  an 
eachdruidh  na  h-Eirionn  tha  e  air  a  ràdh  ruinn  nach 
robh  aon  duine  riamh  a  rinn  na  h-urrad  de  chraobh- 
sgaoileadh  an  t-soisgeil  ann  an  Eirinn  ris  ach  Giile- 
Pàdraic  àrd  Naomh  na  Dùthcha  sin.  Bha  meas  mòr 
air  anns  gach  àit  an  deachaidh  e,  fad  as,  agus  dlù 
do  làimh;  'nuair  a  dh'  fhàgadh  e  eilean  fein  's  a 
rachadh  e  mach  air  feadh  na  tìre,  chruinnicheadh 
sluagh  na  dùlhcha  'na  dhèigh,  ag  iarruidh  a  bhean- 
nachd  's  a  dh'  èisteachd  r'a  theagasg.  Ma  's  e  eadhon 
an  t-àit  an  robh  e  chòmhnuidh  bha  e  air  a  mheas 
naomh ;  agus  b'e  iarrtas  deireannach,  ugus  miann 
righre  fad  linne  a  bhi  air  an  adhalacadh  ann,  agus 
codal  a  bhàis  a  ghabhail  ann  an  ùir  an  eilean  shonadh 
sin.  Gu  cinnteach  bha  e  na  lochrann  mòr  nn  latha 
fein,  bha  beannachd  Dhe  air  mhodh  ro-àraidh  an 
cois  a  shaoithreach. 


97 


EARRANN  11. 

Ann  an  eachdruidh  Chaluni  Chille  tha  sinn  a'  leugh- 
adh  gun  robh  e  air  mhodh  àraidh  misneachail  agus 
làn  de  eud  naomh.  'Nuair  a  thainig  e  nall  a  h- 
Eirinn  bha  e  làn  eolals  air  gach  cunnart  agus  doil- 
ghiodas  a  bha  roimhe;  ach  cha  do  tharruing  e  air  ais, 
ghuidh  e  air  Dia  deich-bliadhna  fichead  a  chur  r'a 
bheatha,  chum  saoithreacha  'na  obairtein;  agus  bha 
dòchas  aige,  trid  còmhnadh  an  Uile-chumhachdaich, 
anns  an  ùine  sin  gum  buadhaicheadh  e  anns  na  bha 
na  bheachd.  Bha  e  comharraichte  arson  a  ghliocai?, 
cha'n  f  haodar  dearbhadh  ni  's  laidir  a  bhi  againn  air 
so,  n'  an  dòigh  iongantach  air  an  do  choisinn  e  sìth, 
agus  càirdeas  nan  righrean  uaibhreach,  borb  a  bha 
r'a  linn.  An  dòigh  san  do  chum  e  suas  uachdran- 
achd  thairis  air  ceudaibh  eaglais  a  bha  fo  riaghladh, 
ann  an  rioghachdaibh  a  bha  dealaichte  o  chèile  ann 
an  cainnt  agus  'an  cleachda;  mar  an  ceudna,  an 
doigh  anns  an  d-àraich  e  a  choliutha  òigridh  thainig 
a  ghabhail  fòghlum  fodha;  agus  am  modh  anns  na 
thagh  e  aodhairean  arson  co  liutha  eaglais  'sa  bha  'n 
earbsa  ris.  Cha  'n  ann  gun  ghliocas  mòr  a  bha  so 
r'a  dheanamh,  air  dhoigh  a  chosnadh  meas  agus 
urram  dha  o  gach  tìr,  a  bha  meudachadh  fhad  's 
bu  bheo  e. 

Leis  gach  beus  eile,  iha  e  air  innse  dhuiun,  gun 
robh  aige  cruth  àrd  dreachmhor,  aghaidh  shuilbh- 
earra,  thaitneach  ;  guth  smachdail  cumhachdach,  a 
b'  urrainn  da  air  uairibh  a  thogail  marthoirm  tairn- 
eanaich:  is  tha  Abdomnan  ag  aithris  ann  an  eachd- 
ruidh  a  bheatha,  gu 'n  cluinnt  e  gu  soiUeir  dlù  do 
mhil'  air  astar  a'  seinn  shalm. 

Ach    's  ann    arson   a    chràbhuidheachd,    agus   a 

dhiadhachd  a  bha  'n  duin'  ainmeil  so  cocomharaicht. 

'Na  uile  chainnt  agus  'na  ghiulan  gu  leir  bha'n  spior- 

ad  so  'n  uachdar.     Ghiulain  e  air  inntinn  anns  gach 

I 


98 

cò'dhail  agus  gach  àni  mothachadh  daighnean  beo 
air  gnà  làthaireachd  agus  sùil-choimhead  an  Tigh- 
earna.  An  àì\[  leat,  arsa  Coibhai  an  t-Ard-dhrùidh 
ris  air  co'-dhail  àraidh,  seòladh  a'  màireach,  air  an 
treas  là,  fhreagair  Calum,  m'  as  deonach  le  Dia  's 
gum  bi  mi  beo.  Cha  'n  urrainn  duit,  a  deir  an 
Drùid/i,  bheir  mis  air  an  stoirm  èirigh,  agus  air  a 
ghaoith  seide  ann  ad  aghaidh, — sgaoilidh  mi  ceò 
agus  dorchadas  m'  an  cuairt  duit :  Fhreagair  an  duìne 
naomh  e,  Tha  na  h-uile  ni  fo  smachd  an  Uile- 
chumhachdaich,  'na  ainmsan  tha  mi  gabhail  gach  ni 
os  laimh;  fo  stiùradh  a  fhreasdail  thèid  mi  mach's 
cha  bhi  eagal  orm. 

Bha  spiorad  na  diadhachd  r'a  fhaicinn  'na  uile 
ghiulan.  Bha  bheatha  air  a  caitheamh  ann  an  ùr- 
nuigh  agus  ann  am  moladh ;  moch  agus  anmoch,  ge 
b'e  àit  am  bitheadh  e,  cha  do  leig  e  aon  là  seachad 
gun  ùrnuigh  fhoUaiseach  a  chur  suas — a'  raeasg 
naimhdcan,  luchd-fochaid  agus  maguidh,  bhuadh- 
aich  e  sa  chleachda  so.  'Nuair  nach  robh  fardoch 
os  a  cheann,  na  fasgadh  thairis  air,  ghlòraich  esan 
Dia  le  aoradh  riaghailteach  agus  follaiseach;  a  bharr 
air  so,  bha  ìlmaibh  àraidh  aige  arson  ùrnuigh 
dhìomhair — 'na  sheomar  fein — 'na  euglais  fein,  anns 
an  lagan  uaigneach,  ann  an  sàmhchair  na  h-oidhche, 
's  gach  aon  m'an  cuairt  da  nan  suain,  b'  àbhuist 
dha-san  anam  a  dhòrtadh  a  mach  ann  an  ùrnuigh 
do'n  Dia  a  chruthaich  e.  Tha  aon  àit  ann  an  eilean  I 
far  am  bu  ghnà  do'n  duine  naomh  so  mòran  da  ùine 
a  chaitheamh  ann  an  co'-chomunn  ri  Dhia  agus  ri 
Shlànuighear.  Tha  'n  t-àit  air  a  chomhrachadh  gus 
an  là  'n  diùgh  fo  ainm  Cnochd  nan  aingeal,  a  thaobh  a 
bharail  a  bh'  aig  daoin  air  a  chuideachda  ghlormhoir 
a  bha  'g  iathadh  mu  thimchioll  air  na  h-àmannaibh 
naomha  sin.  Cha  do  ghabh  e  riamh  ni  air  bith  os 
laimb,  ni  mò  thòi&ich  e  air  obair  sam  bith  gus  'n  do 
ghuidh  e  air  lùs  soirbheacha  o  Dhia.  'M  an  rach- 
adh  e  stigh  na  charbad  beag  dh'  asluicheadh  e  bean- 


nachd  an  Ti  sin  a  b'  urrainn  a  chumail  o  thuisleadh. 
Ma  chaidh  bainne  na  buaile  seachad  air  gach  là,  cha 
(leach  e  riamh  seachd  air  gun  a  bheannuchadh. 
'Nuair  chitheadh  e'n  t-arbhar  a'  teachd  fo  dhèis,  gu 
ma  beannuichte,  ars  esan,  gun  robh  Dia  arson  a 
mhaitheas:  ge  b'e  àird  as  an  sèideadh  a  ghaoth,  bha 
esan  taingeil,  oir  bha  caraid  èiginn  na  bheachd  gan 
robh  i  freagarrach.  Cha  deach  e  riamh  a  stigh  a  dh' 
amharc  caraid  caomh  nach  robh  h-alelui  na  cheud 
fhàilte;  agus  bha  cuirm  spioradail  aig  anam  m'  an 
d-fhuair  a  cholainn  lòn.  Tha  e  againn  uime  ann 
an  eachdruidh,  gun  deachaidh  e  air  àm  àraidh  a 
dh'  amharc  an  naoimh  urramaich  sin  Kentigern,  a 
bha  chòmhnuidh  san  àite  sin  far  a  bheil  Baile  mòr 
Ghlaschu  air  a  thogail;  'nuair  a  dhlùthaich  e  air  an 
tigh  san  i*obh  na  Manaich  a  chòmhnuidh,  chaidh  iad 
uile  mach  ga  choinneachadh,  le  laoidhibh  naomha, 
is  thainig  esan  'sa  chàirdean  air  an  adhart  a'  seinn 
h-aleluia  bhinn.  An  ioghna  ge  do  chinnich  obair 
an  Tighearna  ann  an  laimh  an  duine  so,  a  bha  co 
dùrachdach,  eudmhor,  sheasmhach  ann  an  ùrnuigh. 
Am  fear-teagaisg  a  tha  mar  so  a'  caithearah  a  làith- 
ean  dhàsan  tha  gach  ni  comasach. 


EARRANN  III. 

Bha  Calum  Cille  'na  chonaltradh  co  stòlda  moth- 
aichte  's  gu  bheil  e  air  aithris  uime,  nach  cualas 
riamh  e  labhairt  focal  faoin,  *s  nach  deachaidh  e 
riamh  a  nuil  no  nall  o'n  fhirinn  ghloin,  ann  am 
feala-dha  na  da  rìreadh.  Mar  so  choisinn  e  meas 
righrean;  sodul  no  miodal  cainnte  cha  do  chleachd 
e  riu  air  àm  sam  bith.  Dli'  fheòraich  Aogh  righ 
Eirinn  deth,  '  An  saol  thu,'  deir  esaìi,  '  am  bi  rais 
air  nio  thearnadh:'  'S  gann  duit,  arsa  Calum  Cille, 
12 


100 

mar  atharaich  thu  do  chaithe-bhcatha;  mar  dean  thu 
aithreachas  trà  agus  trèibh-dhireach,  's  mar  bi  thu 
'd  dhuine  nuadh  o  so  a  mach.  Mar  bha  conaltradh 
Chalum  Chille  spioradail,  bha  a  chaithe-beatha 
feumail.  Na  uiie  ghniondiaraibh  thaisbein  e  gura  bu 
duine  le  Dia  e:  bha  naomhachd  do  Dhia,  agus 
feumalachd  do  diiaoinibh  follaiseach  na  uile  dhean- 
adais.  Bha  meas  so  aig  daoin'  air.  Dh'  fheoraich 
Aidan  aon  de  righre  na  h-AIba  dheth,  '  Cha  lcir 
dhomh,'  a  dcir  esa)i,  *  lochd  na  mearachd  a'  d* 
ghiulan,  ni  mò  blieil  faoineachd  a'  d'  chainnt;  ach 
innis  domh  a'  bheil  aon  togradh  chum  peacaidh  ann 
ad  chridhe?'  Fhreagair  Calum  CiIIe  e  mar  bhuin- 
eadh  do  Chriosduidh,  Is  duine  mi,  agus  mar  thach- 
ras  do  gach  duine,  tha  m'  an-tograidh  agus  m'  ana- 
mhianna  fein  a  dùsgadh  an  taobh  a  stigh  dhiom;  ach 
cha  ghabhain  do  rioghachd,  seadh,  an  saoghal  's  na 
bheil  air  uachdar,  agus  le  m'  fhiosrachadh  geilleachd- 
uin  do  a  h-aon  diubh. 

Bha  chaoimhneas  agus  a  chàirdeas  do  gach  aon 
comharaichte,  d'an  anamaibh  agus  d'an  corpaibh ; 
bha  e  co  fialuidh  's  gum  faodadh  aon  neach  leis  am 
b'àill  teachd  a  dh'  ionnsuidh  thighe  gun  chuireadb 
gun  sgàth,  agus  fuireach  maiile  ris  am  fad  's  bu 
mhiann  leis.  Cha  robh  ni  sam  bith  a  chuir  triob- 
luid  air,  ach  dìorras  agus  cruadhs'  a  pheacaidh;  na 
h-osnaich  is  doimhne  dh'  èirich  o  chridhe,  's  ann  an 
uair  a  chluinneadh  e  mu  bhàs  peacaich  gun  iomp- 
achadh;  ach  do'n  aithreachan  thruagh,  do  luchd  a 
chridhe  bhriste,  bhrùite,  bha  anam  do  ghnà  làn  de 
thruacantas. 

B'e  gràdh  do  anama  dhaoine  an  togradh  bu  laid- 
ire  blia  na  chridhe,  agus  scirc  agus  caoimhneas  do 
na  bochdaibh  an  t-aon  a  b'  fhaigàe.  Thog  Naomh 
urramach  eaglais  àrd  dhreachmhor,  agus  'nuair  bha 
i  criochnaichte  thug  e  a  thriuir  chaomh  chompanaich 
ga  faicinn,  Ciaran,  Coinneach,  agus  Calum,  '  Inns- 
ibh  dhomh,'  deir  esan,  '  Cò  leis  bu  mhiann  libh  an 


101 

eaglais  so  a  bhi  làn,  nam  faigheadh  sibh  ur  n-iarrtas.' 
Fhreagair  Ciaran  air  tùs,  B'  f  hearr  leam  gum  biodh 
i  làn  agam  de  dhaoine  naomh.  a  sheinn  moladh  do'n 
Dia  bheo:  *  Air  mo  shons,'  a  deir  Coinneach^  '  bu 
mliiann  leam  i  bhi  làn  de  ieabhruiche  naomh,  a 
gheibheadh  mòran  de  dhaoine  fòghluinte  r'an  leugh- 
adh,  chum  gum  biodh  an  sluagh  air  an  teagasg,  agus 
air  an  dùsgadh  gu  seirbhis  a  dheanamh  do  Dhia.' 

*  Agus  bu  mhiann  leamsa,'  deir  Calumj  '  gun  robh  a 
làn  agam  de  airgiod  agus  de  òr,  leis  an  togainn  eag- 
Jaisean,  agus  tighean  do  na  Manaich,  agus  leis  am 
fuasgluidhean  air  uireasbhuidh  nam  bochd  ;'  '  agus 
dhuitse,'    deir    an    naomh    a   chuir   a   cheist    orra, 

*  dhuitse  bheir  Dia  cumhachd  a  dheanamh  raar  is 
àill  leat." 

Bha  iochd  agus  a  chaoimhneas  comharaichte,  cha'n 
ann  a  mhàin  do  dhaoinibh,  ach  do  na  h-ainmh'ibh  a 
b'  isle.  Thainig  Ceann-feadhna  àraidh  latha  d'a 
ionnsuidb,  agus  d*  asluich  e  air  a  bhiodag  aig'  a 
bheannachadh.  Ghabh  Calum  i  'na  laimh,  agus 
thuirt  e,  Deònaich  a  Dhe  nach  dthig  an  latha  a 
dhòirtear  leatha  fuil  duine  na  beathaich.  Bha  e  na 
sheasamh  là  air  cnochd  àrd  ann  an  /,  agus  chunnaic 
e  ian  ag  itealaich  a  nall  o  Eirinn,  's  e  air  a  chlaoidh 
co  mòr  's  gum  b'eiginn  da  luidhe  air  uchd  na  tuinne 
m'an  d'  fhuair  e  gu  tir :  imich,  arsa  Calum,  ri  h-aon 
de  na  Manaich  a  bha  maiUe  ris,  far  a'  bheil  an  t-ian 
bochd  ud,  thoir  a  dh'ionnsuidh  an  tighe  e,  beathaich 
e  gus  am  fàs  e  laidir  gu  dol  air  ais  da  dhùthaich. 
Rinn  am  Manach  mar  dh'  iarradh  air;  agus  thuirt 
Calum  caomh  ris,  arson  do  chaoimhneis  agus  t- 
aoidheachd  do'n  ian  bhochd  ud,  Gum  beannaicheadh 
Dia  thu,  mo  bhràthair  gràdhach. 

Ach  cha'n  ann  an  duilleaig  na  dha  de  leabhar 
beag  mar  so,  a  dh'  fhaoidte  cachdruidh  an  duine 
mhath  so  a  chur  sios.  Tri  bliadhna  m'an  d-eug  e, 
thuig  e  gun  robh  e  dlù  air  a  chrìch, — thug  e  ioma 
sanus  mu  so  d'a  chàirde:   Aon  là,  gu  h-àraidh,  ann 


102 

an  toiseach  an  t-samliruidh,  chaidh  e,  'se  laj/,  'na 
charbad  beag,  gu  ceann  eil'  an  eilean  far  an  robh  na 
Manaich  ag  obair,  dii'innis  e  dhoibh  gun  robh  e  gu 
dealuchadh  riu  an  ùine  ghearr;  agus  air  dha  fhaic- 
inn  gun  robh  iad  fo  thriubluid,  thug  e  na  h-uile  mis- 
neach  a  dh'  fhaod  e  dhoibh.  Bha'n  t-eilean  gu  ieir 
na  shealladh ;  ghairm  e  iad  nia  thimchioU,  an  sin 
chuir  e  suas,  air  an  son,  ùrnuigh  dhùrachdach,  a' 
guidhe,  Gum  beannaicheadh  Dia  an  t-eilean  gràdh- 
ach  so  agus  na  iha  air  uachdar;  agus  a  deir  esa)i, 
bithidh  e  aira  bheannachadh,  agus  soirbhichidh  hbh 
am  feadh  sa  bhios  sibh  cuimhneach  air  Dia.  Ochd 
laithean  an  diaigh  sin,  chaidh  e  le  Diarmad  a  stigh 
do'n  t-sabhal,  far  am  fac  e  cnatag  mhòr  shìl  ;  Taing 
do  Diiia,  ars'  esan,  a  dh'òrduich  paiiteas  air  a  bliliadh- 
na  do  m'  Mhanaich  ghiàdhach,  agus  mi  gam  fàgail. 
Air  ]à  a  biiàis  thuirt  e  ri  Diarmad,  'S  e  'n  diugh  ià 
na  sàbaid,  's  e  sin  là  na  fois:  's  gu  cinnteach  bithidh 
e  na  là  fois  dhomhsa, — 'se  'n  diugh  ià  ma  dheire  de 
m'  thurus  sgìth — tha  cuairt  mo  chèilidh  dlù  air  bhi 
seachad.  A  noclid  air  mheadhon  oidhche,  theid  mis 
air  turus  mo  shinnsir.  Dheonaich  thus'  a  Dhe  uile 
ghràsmhoir  am  fiosrachadh  so  dhomh;  agus  'se  uile 
iarratas  m'  anama  a  bhi  maille  riut.  Ghuil  Diarmad 
gu  goirt:  tiota  beag  an  diaigh  sin,  thill  e  stigh  ga 
sheòmar,  agus  chuir  e  seachad  beagan  da  ùine  ann 
an  leughadh  leabhar  nan  Salm.  Chaidh  e  san  fheasg- 
ar  a  stigh  do'n  eagiais  an  àm  na  h-ùrnuigh  ;  thìll  e 
na  dhiaigh  sin  a  dh'ionnsuidh  a  thighe,  agus  shuidh 
e  air  taobh  a  leapacb,  a'  toirt  earail  air  Diarmad  a 
bhriathra  deireannach  innse  do  na  bràithribh.  'Se 
rao  ghuidhe  as  ur  lcth,  a  chlann  ionmhuinn,  gum  bi 
sibh  beo  ann  an  sith,  gun  gràdhaich  sibh  a  chèile 
ann  an  seirc  anama;  agus  ma  ni  sibh  so  mar  is  cubh- 
aidh  do  naoimh  a  dheanamh,  an  Dia  sin  a  tha  na 
thaice  d'a  mhuinnlir  fein,  seasaidh  e  sibh  anns  gach 
càs,  cha  dìobair  e  sibh  a  chaoidh.  Tha  niis  a  nis  a' 
dol  a  chònìhnuidh  maille  ris,  agus  's  i  m'  ùrnuigh'an 


103 

glac  a  bhàis  gun  deònaiclieadh  e  fein  duibh  cuibh- 
rionn  iomchuidh  de  nithe  na  bealha  so,  agus  co'- 
i'oinn  àrd  de'n  t  subhachas  shiorruidh  a  dh'  uidh- 
eamaich  e  dhoibbsan  a  bhios  dileas  gu  bàs. 

Na  dhiaigh  so  bha  e  na  thosd,  gus  'n  do  bhuail  an 
clag  air  mheadhon  oidhche,  an  t-àm  a  b'  abhaist  de 
na  Manaich  cruinneacha  chum  ùrnuigh.  Dh'èirich 
e  gu  grad,  rainig  e  'n  eaglais  roi  chàch,  agus  leig  e  e 
fein  sios  air  a  ghlùinibh  aig  an  altair,  bha  Diarmad 
na  dheigh,  chaidh  e  stigh  m'an  do  lasadh  an  solus, 
a'  glaodhaich  le  guth  ard  muladach,  O  Athair!  Ath- 
air!  c'àit  a  bheil  thu?  Athair  chaoimh!  c'àit  a  bheil 
thu?  Fhuair  se  e  na  shineadh  air  aghaidh  aig  an 
altair.  Shuidh  e  laimh  ris,  agus  thog  e  cheann  air 
uchd ;  thainig  na  bràithrean  a  stigh  le  solas,  's  an 
uair  a  chunnaic  iad  an  athair  spioradaii  a'  toirt  suas 
an  deo;  thog  iad  suas  aon  tuireadh  mhuladach, 
thìomhaidh.  Bha  e  mothachail  fathast.  Dh'amh- 
airc  e  m'an  cuairt  da  le  sith,  agus  àrd  shòias  na 
ghnùis,  dh'fheuch  e  ri'm  beannachadh,  agus  le  còmh- 
nadh  Dhiarmad  thog  e  a  làmh  ri  nèamh. — Dh'fhàili- 
nich  a  chainnt — Thill  anam  chum  an  De  o'n  dthain- 
ig  e.  Gad  a  bha  e  marbli,  bha  chosias  mar  neach  a 
bhiodh  an  an  suain  chiùin.  Sheinn  iad  iaoidh,  agus 
ghiuiain  iad  a  chorp  chum  an  tighe,  Chum  iad  an 
uachdar  e  fad  thri  làithean,  iaithean  a  chaidh  iad 
ann  an  aoradh  tiomhaidh  milis  do  Dhia.  Bha  corp 
an  duine  naomh  so  air  a  chàramh  ann  an  anart  geaÌ, 
air  a  chur  ann  an  caisil'chì-ò,  no  mar  theirear  ciste- 
rahairbh,  a  dh'  uimicheadh  air  a  shon;  bha  e  na 
dhiaigh  sin  air  a  chàramh  anns  an  ùir,  gu  èiridh 
fadheoidh  chum  gioir  shiorruidh  air  là  na  h-aisèirigh. 
Mar  so  chaochaii  Calum  Cille  air  an  naothamh  ià 
de  mliios  meadhon  an  t-sàmhruidh,  sa  biiadhna  597, 
air  dha  bhi  seachd-bliadhna-deug  agus  trì  fichead  a 
dh'  aois.  Tha  e  nis  maille  ri  Aithrichibh,  Fàidhean, 
agus  Abstoii,  agus  na  niilte  de  naoimh,  a  iha  air  an 
èididh  ann  an  trusgain  gheala,  air  an  nigheadh  ann 


104 

am  fuil  an  Uain,  'sa  tha  ga  leantuinn  ge  b'e  taobh  a 
thèid  e. 

Gun  dthugadh  Dia  dhuinn  uile  gràs  gu  feum  a 
dheanamh  de  eachdiuidh  an  duine  so,  chum  bhi  air 
ar  brosnuchadh  gu  bhi  'nar  luchd-leanmhuinn  orra- 
san  a  tha  nis  tre  chreidimh  a'  sealbhachadh  nan 
ofeallainne.     Amen. 


38.  /  Chalum  Chil/e. 

BuiNiDH  an  t-Eilean  ainmeil  so  do  Sgìreachd  an 
Rois  Mhuilich.  Tha  e  tri  mìl'  air  fad,  agus  mìl'  air 
leud.  Chaidh  sinn  gu  tir  aig  camus  nam  Martir- 
eac/i,  an  t'-àit  anns  am  b'  àbhuist  doibh  cuirp  nan 
daoine  a  dh'  adhlaiceadh  san  eilean  so  a  chuir  air 
tìr.  Beagan  os  cionn  a  Phuirt  so  tha  àit  air  a 
chuairteachadh  le  seana  bhalladh  cloiche,  ris  an  ab- 
aìr  iad  Clachan  nan  Druidhneach,  far  am  bu  ghnà 
do  na  Druidhnich  bhi  air  an  adhlacadh,  ri  linn  an 
eilean  so  bhi  aca,  m'  an  dthainig  Calum  Cille,  'sa 
luchd  leanmhuin  ann ;  oir  ann  an  sean  eachdruidh 
Eirinn,  'se  eilean  na  Druidhneach  a  b'  ainm  dha. 
Ghabh  sinn  air  ar  n-aghaidh  a  dh'  ionnsuidh  tighe 
nan  Cailleacha-dubha.  Bha'n  eagluis  aca  so  ochd- 
troighe-deug  agus  dà  f  hichead  air  fad,  agus  fichead 
troigh  air  leud.  Tha  leachd-lighe  na  ban  Aba  a  bha 
ma  dheireadh  san  eilean  so  ri  f  haicinn  a  stigh  air 
ùrlar  na  h-eagluìs;  tha  a  cruth  air  a  shnaithe  air  an 
lichd :  tha  aingeal  air  gach  taobh  fo  thaic  a  cinn : 
air  ceann  eiie  na  lichde  tha  dealbh  na  h-Oighe 
Muire,  le  coron  air  a  ceann,  an  Naoidhean  Iosa  'na 
gàirdeanaibh,  a  ghrian  agus  a  ghealach  os  a  cionn, 
ga  comharrachadh  a  mach  mar  bhann-righ  nèamh  ; 
agus  air  a  sgrìobhadh  aig  a  cosaibh,  tha'n  ùrnuigh 
6o  ann  an  Laidinn,   A  IMhuire  naomh,  Guidh  air  mo 


105 

sho7i.  M'an  cuairt  air  an  liclid  tha  air  a  chuir  sìos 
sa  chainnt  cheudna,  'Na  luidhe  'an  so  tha  Ban-tigb- 
earn  Anna  ni  mhic  Dhòmhnuill  'ic  Thearlaich,  a  b' 
àrd  bhan-Aba  ann  an  I,  's  a  chaochail  am  bliadhna 
1511,  a  h-anam  tha  sinn  a'  tiomna  do'n  Ti  is  àirde. 
— Tha  leachdan  na'n  Cailleacha-dubha  eile  air  taobh 
a  muigh  na  h-eagluis  ;  agus  astar  beag  uatha  ann  an 
cùil  leatha  fein,  tha  piuthar  bhochd  na  luidhe  nach 
do  sheas  dileas  da  bòid. 

Air  an  t-slighe  chum  na  h-eagluis  àirde, 
tha  crois  Mhic-a-Ieathain,  clach  eireachdail  air  a 
snaithe  gu  h-innleachdach,  Bha  e  'na  chleachda 
cumannta  anns  na  linnibh  sin,  croisean  dhe  'n  t- 
seorta  so  a  thogail,  math  a  dh'  fhaoidte  chum  an 
ainm  agus  an  cuimhn'  a  chumaii  suas;  agus  is  dòcha 
mar  thaisbeanadh  air  meud  an  urram  dhàsan  a  cheus- 
adh  air  a  chrann.  Tha  e  air  a  ràdh  gun  robh  tri 
cheud  agus  tri  fìchead  dhiu  so  aon  uair  san  eilean ; 
ach  gun  do  mhilleadh  a  chuid  bu  mhò  dhiu  le  òrd- 
ugh  ard-sheanadh  Earra-gha'el,  agus  a  chuid  nach 
do  mhilleadh  mar  so  dhiu,  thugadh  air  falbh,  agus 
chithcar  iad  gus  là  'n  diugh  ann  an  iomad  àite  feadh 
na  rioghachd. 

Rainig  sinn  roilig  Orain,  cladh  farsuing  làn  de 
leachda-Iighe,  fo'm  bheil  righre  agus  cinn-fheadh- 
na,  agus  ceatharnaich  a  bha  cumhachdach  agus  ainm- 
eil  nan  latha  fein,  a'  cadal  taobh  ri  taobh  ann  an 
suain  a  bhàis.  Ann  an  so  tha'n  t-àit'  ris  an  abair 
iad  icmaire  nan  righ,  far  a'  bheil  ochd  agus  dà  fhich- 
ead  de  righre  na  h-Alba;  cearthar  de  righre  na  h- 
Eirinn,  ochdnar  de  righre  Lochlann,  agus  a  h- 
aon  na  dhà  de  righre  na  Frainge.  Air  cuid  de 
na  leachdan  tha  ainm  nan  daoine  tha  fòdhpa  sa 
Ghaelic,  mar  air  iichd  DhòmhuiII  fhad-chosaich,  air 
cuid  eiie  dhiu  tha  na  h-ainmean  sa  chainnt  Eirion- 
naich,  mar  air  lichd  Mhurchaidh  a  Ghuinn.  'S  i 'n 
eagluis  bheag  a  tha'n  roilig  Orain  a  cheud  tigh  a 
thog  Calum  Cille  san  eilean  so.     Aig  ceann  na  h- 


106 

àìrde  deas  dhi,  tha  crùiste  Lachuinn  'ic  lonmhulnn 
athair  an  Aba;  agus  leachd  Aonghuis  òig'ic  Dhòmh- 
uill,  tighearn  Isla  agus  Chìnntire,  an  triath  urram- 
ach  sin  a  chuir  an  cath  le  buaidh  le  Itaibeart  de 
Bruce,  air  blàr  ainmcil  Bhanocburn;  dlù  dha  so  tha 
uaigh  agus  leachd  Aìlein  nan  sop,  ceatharnach  de 
Chloinn-an-Ieathain,  o'n  dthainig  teaghlach  Thor- 
loisg.  Tha  leachd  Thighearna  Chola  an  so  mar  an 
ceudna,  le  chlogaid  's  le  lùirich,  's  Mac-an-Ieathain 
Dhubhairt  agus  Lochabuidh,  Mac  Guaire  Ulbha, 
agus  lain  Beaton  an  t-olla  Muileach  le'n  suaicheant- 
as  's  an  airm  chatha  os  au  cionn.  A  bharr  orrasan 
tha  àireamh  mhòr  de  laoich  thrèin  leis  am  bu  mhiann 
an  ainm  a  bhi  air  chuimhne,  ach  bha  'm  beatha  mar 
shlighe  na  saighid  o'n  speur,  a  shiubhlas  gu  lualh 
seachad,  agus  air  ball  tha  air  a  dhruideadh  a  suas. 
An  iar-thualh  de  dhorus  na  h-eagluis  so  tha  leachd 
mhòr  anns  a  bheil  dòirneagan  cruinn  ris  au  abair  iad 
clacha-bràth,  a  b'àbhuist  doibh  ann  an  laithibh  an 
dorchadais  a  thionnda  m'an  cuairt  air  mhodh  àraid, 
gu  li-amaideach  a'  creidsinn  nach  dthigeadh  latha 
bhràth  na  deireadh  an  t-saoghail  gus  am  biodh  an 
leachd  sin  air  a  caitheamh  gu  buileach  roimpe. 

Tha'n  eagluis  àrd  taobh  na  h-àirde  tuath  de'n 
chladh  so,  tha  i  cuig-troighe  deug  agus  cuig  lichead 
air  fad,  agus  tri  troighe  fichead  air  ieud.  Tha  tùr 
àrd  dreachmhor  ag  eiridh  na  meadhon,  is  tha  na  h- 
uineagan  air  an  snaidhe  gu  h-ealanda.  Air  cuid  de 
chlachan  barra-bhailadh  an  tighe  so,  tha  dealbhan 
agus  cuid  de  eachdruidh  a  Bhiobuill  air  a  ghearradh 
gu  ro-innleachdach.  Bha  altair  de  mharmor  geal 
aon  uair  san  eagluis  so,  ach  bhristeadh  i,  agus  thug- 
adh  gu  buileach  air  falbh  i,  le  bhi  gu  faoin  a'  smaoint- 
eachadh  gun  robh  buaidh  agus  èifeachd  ùraid  fuaighte 
ris  a  mhìr  bu  lugha  dhi.  Lamh  ris  an  altair  tha 
uaigh  an  Aba  Mhic  lonmhuinn,  air  a'  bheil  leachd 
a  thug  barr  air  gach  aon  eile  ma  thimchioll.  Air 
ùrlar  na  h-eagluis  tha  leachd  Mhic  Leoid  Dhun- 


lOT 

bheagain,  agus  iomad  aon  eile  air  nach'eil  eachdruidh 
aguinn.  Aircùlaobhna  h-eagluis  so,  tha  làrach  tigh 
nam  Manacb,  far  a'  bheil  na  clacha  dubha  a  bha 
aon  uair  co  ainmeil  ann  an  Gaeltachd  Alba  air  am 
b' àbhaist  d'an  uaislibh  an  cumhnantan  a  nasgadh  le 
mionnan  os  cionn  uaigh  Chalum  Chille.  I3Iù  do 
thigh  nam  Manach  tha  tigh  an  Easpuig,  far  an  do 
ghabh  Easpnigean  Earraghael  còmhnuidh,  an  dèigh 
do'n  eilean  Mhanach  a  bhi  air  a  dhealachadh  uailhe. 
Tha  ri  fhaicinn  an  so  iarmad  nan  liosan  a  bh'  aig  na 
Manaich  far  an  robh  mòran  de  luibhean  ìocshlaint- 
each.  Tha  làrach  a  mhuilinn  agus  na  h-àthadh 
fhathast  air  a  chomharachadh  a  mach;  tha'n  t-àite 
san  robh  'n  linnidh-mhuilinn  a  nis  gun  uisg'  ann, 
agU3  's  ann  aisde  tha  iad  a  nis  a'  tilgeadh  na  mòine 
tha  iad  a'  lo?gadh.  Tha  e  cosmhuil  gun  robh  callaid 
àrd  chloiche  ma  thimchioll  na  h-aitreabh  naomh  so, 
gu  h-àraid  aig  an  taobh  mu  thuath,  chum  an  dion 
o'n  luchd-creachaidh  a  thainig  orra  o'n  àird  sin,  aig 
nach  robh  ach  beag  suim  de dhiadhachd  na  de  dhaoine 
math  a  bha  thàmh  san  àite  sin. 


EARRANN  IL 

Is  tìomhaidh  muladach  na  smuaintean  a  dhùisgear 
anns  an  inntinn  'nuair  ghluaisear  tre  na  làraichean 
aosmhar.  Is  firinneach  a  labhair  esan  aig  an  robh 
'n  cridhe  gu  so  athuigsinn,  agus  a  chainnt  bu  shnas- 
mhoire  gu  chur  an  cèill.  "  Bha  sinn  anis,  a  deir 
an  t-Olladh  Sasunnach,  "  a'  seasamh  air  an  Eilean 
"  ainmeil  sin,  a  b'  àrd-lòchran  fad  linnte  do  Ghael- 
"  tachd  nah-Alba;  as  an  d-fhuair  Cinnich  fhiadhach, 
♦'  agus  ceatharna  bhorb  sochairean  eolais,  agus 
"  beannachdan  na  saorsadh, — Cha  bu  chomasach 
*'  ged  a  dii'  fheuchta  ris,  an  inntinn  a  thogail  o  na 
"  smaointean  a  dbùisg  an  t-àite  so,  agus  b'  amaid- 
"  each  an  oirp,  ged  a  bhiodh  e  comasacb.     Ge  b'e 


108 

*«  ni  a  thàirneas  sinn  air  falbh  o  chumhachd  ur  ceud- 
*'faithean;  ge  b'e  ni  a  bheir  do  na  tha  seachad  o 
*'  chian,  na  de  na  tha  fhathast  ri  tachairt,  làmh-an- 
"  uachdar  air  na  tha  Pathair,  tha  so  ag  àrdachadh  ar 
"  n-inbh  mar  bbithibh  tu'gseach.  Gu  ma  fada 
"  uamsa  agus  o'm  chàirdibh  an  Flieallsanachd  reòta 
**  a  dh'  aomadh  mi  gu  gluasad  gu  caoin-shuarrach  eat- 
*'  rom  thairis  air  aon  àite  a  dh'  fhàgadh  urramaichte 
"  le  gliocas,  lefearalachd,  na  maise.  Cha  chulaidh- 
"  fharmaid  an  duine  sin  nach  mothaichcadh  a 
"  ghràdh  ga  dhùthaich  air  a  ncartachadh  air  blàr 
"  catha  Marathon,  no  a  chràbhadh  a  blàlhachadh 
"  measg  làraichean  briste  lona."  Agus  co  esan  a 
bha  riamh  san  àite  so,  agus  aig  an  robh  cridhe,  nach 
do  mhothaich  so.  Tha  chuid  is  mò  de  na  ieachdan 
a  nis  gu  dearbh  air  am  folach  fo'n  ùir ;  ach  tha  gu 
leoir  fhathast  ri  fhaicinn  chum  gliocas  a  tharruìng 
aatha.  Chi  sinn  an  oirp  a  thug  daoin'  uaibhreach 
gus  an  ainm  a  chumail  air  chuimhne,  ach  mo 
thruaigh,  cha  'n  i  'n  eachdrui  tha  air  a'  deargadh  air 
leachd-iighe,  a  chosnas  an  cliu  nach  dtheid  as,  no 
a  dh'  fhàgas  an  t-ainm  neo  bhàsmhor;  's  iad  na  h- 
ìonracain  a  mhàin  a  chumar  an  cuimhne  shiorruidh. 
ladsan  aig  a'  bheil  an  ainm  sgriobhta  air  neamh,  is 
coma  c'àit  an  càirear  corp  na  daoine  sin,  cò  dhiù  's 
i'n  leachd-h"ghe  riomhach  na  fòid  ghorm  a  chuirear 
thairis  orra; — faodaidh  daoin'  an  di-chuimhneachadh 
ach bìthidh  iad  ann  an  cuimhne  shiorruidh  fa  chomhair 
Dhe.  'Se  so  a  chosnas  an  cliu  nach  searg.  Cha'n- 
'eil  gach  cuimhne  thalrahaidh  ach  gearr :  bithidh 
gach  teangadh  a'  luaidheas  ar  cliu  ann  an  latha  na 
dhà  balbh.  Na  litrichean  a  tha  air  an  gearradh  air 
a  chloich  is  buaine,  no  air  an  deargadh  le  peann  iar- 
uinn  air  a  chreig  is  maireannaich,  ann  an  linn  na  dha, 
cha  bhi  ann  an  comas  na  sùil  is  gèire  a  leughadh: 
tuitidh  an  leachd  na  smùr,  agusfàilÌnichidh  a  chreag 
fein,  ach  cliu,  agus  ainm  nan  naomh  a  chaoidh  cha 
chaochail. 


109 

'Nan  luidhe  sa  chladh  so,  's  cinntich  nii  gu  bheil 
ìomad  aon  a  bha  suarraclj  m'a  chède  fhad  sa  bha  iad 
beo,  seadh,  a'  co'  strìgh  'sa  cath  an  aghaidh  a  chèile; 
Cinn-fheadhna  threin,  le'n  ceatharnaich  ghaisgeil,  a 
sheas  air  an  aon  bhlàr-chatha,  agus  tirieagamh  a 
thuit  le  claidhcamh  nan  ceart  daoin'  a  tha  nis  nan 
luidhe  san  ùir  r'an  taobh.  'S  i  so,  gu  deimhin, 
thuirt  mi,  Tìr  ria  dì-cìiuimlin\  far  nach'eil  othailno 
strigh. — Ma  bha  leapuichean  na  h-uaighe  riamh  tos- 
dach,  sàmhach,  's  ann  an  uaigneas  fàsail  lona  ! 

Tha  lag  is  laidir,  beag  is  mòr, 

Co'-shlnte  'n  so  le  chèil' ; 
Tha  naimhdean  sàmhach  taobh  ri  taobh» 

Is  luchd  na  co'-stvìgh  rèidh. 

Co'-ionann  coidlidh  iad  air  fad, 

Fo  ghlasaibh  teann  a  bhàis, 
Gu'n  uair  a  ghairmear  iad  le  Dia, 

Na  fhianuis  là  a  bhràth. 

O  chionn  ioma  lìnn  bha  'n  t-eilean  ainmeil  so  far  an 
robh  a  choilion  duinenaomh,  agus  diadhair  urram- 
aichte,  agus  a  cho'-pàirtich  solas  an  t-Soisgeil  do 
dhùchaibh  agus  do  rioghachdaibh  eile,  air  fhàgail  e 
fein  gun  eaglais,  gun  fhear-teagaisg  suidhichte,  no 
aoradh  follaiseach,  ged  a  tha  àireamh  mhòr  shluaigh 
a  chòmhnuidh  ann.  Bu  chianail  an  t-atharracha  so 
do  I,  is  bu  neo-chliùiteach  e  ri  aithris;  ach  tha  linn 
is  fearr  a'  teachd  m'an  cuairt.  Tha  e  air  innse  gun 
dubhairt  Calum  Chille,  tamul  beag  roi  àm  a  bhàis, 

I  mo  chridhe,  I  mo  ghràidh, 
'An  àite  gulh  Manaich  bi'dh  gèim  bà; 
Ach  m'an  d-thig  an  saoghal  gu  crìch, 
Bithidh  I  mar  a  bhà. 

Thainig  a  cheud  chuid  de'n  fhàidheadoireachd  gu  hr 
K 


110 

eagnuidh  m'an  cuairt,  ach  codhiù  bhlos  I  gu  bràth  co 
urramaichte  's  a  bha  i,  tha  e  deacair  a  ràdh.  Ann  an 
atharraichean  an  t-saoghail  chaochlaidich  so,  cò  is  ur- 
rainn  innse  clod  a  dh'fhaodas  tachairt;  ach  ge  nach 
'eil  e  ro  choslach,  gum  bi  I  gu  bràth  mar  bha  i  ri 
linn  Chalum  Chiile,  gidheadb,  is  sòiasach  ri  thoirt 
fainear  gu  bheil  sa  cheart  àm  so  eagluis  a  rìs  ga  tog- 
ail  ann  an  I,  agus  an  ùine  ghearr  gum  bi  Neach  ann 
ris  an  canar  Ministeir  Iona!  'Se  dùrachd  m'  an- 
araa  gum  bi  esan,  agus  gach  aon  a  tha  saoithreacha 
san  obair  cheudna,  anns  na  cearnaibh  gràdhach  sin, 
nan  spiorad  agus  'nan  giulan  cosmhuil  ris-san  air  an 
d-ainmichidh  an  t-Eilean  so;  air  an  lasadh  le  gràdh 
do  Dhia,  dìieas  do  Chriosd,  dùrachdach  arson  math 
anamaibh.  Nach  mòr  an  t-aobhar  taing  a  th'  againn 
leis  an  obair  bheannuicht'  a  tha  nis  a'  dol  air  a  h- 
aghaidh  saGhaeltachd  agus'an  Eileanaibhnah-Aiba. 
Cha'n'eil  gleann  tìorail  no  innis  uaigneach  anns  nach 
bi  fuarain  f  hionnar  de  uisge  beo  ar  fhosgladh:  Air 
a  shon  so  ni  am  fàsach  gàirdeachas  agus  lionmhoir- 
eachd  nan  Eilean  bi'dh  iad  ait. 


Canaibh  do'n  Tighearn  òran  nuadh : 
Air  ainm  biodh  luadh  's  gach  àit'; 

Feadh  muir,  is  tir,  is  innse  cian, 
Biodh  moladh  Dhe  gu  bràth. 

A  chaithir  mhòr!  is  fhàsach  fhaoin  I 

Molaibh  araon  ar  Dia; 
'Sa  mhachair  thugaibh  moladh  dha, 

'S  na  bheil  'n  ar  tàmh  feadh  shliabh. 

Seinnidh  gach  sluagh  gu  h-aon-sgeulach, 
Glòir  ionmholt'  Dhe  bhith-bhuain; 

'S  do'n  chaithream  aoibhinn  agus  throra, 
Co'-fhreagradh  fonn  a's  cuan  ! 


111 


39.   An  Claigeann. 

*S  mi  m'  shuidh  aig  an  uaigh, 

Ag  amharc  mu  bruaich, 

Feuch  !  Claigeann  gun  snuagh  air  làr; 

Do  thog  mi  e  suas,  ag  tiomach  gu  truagh, 

Ga  thionndadh  mu'u  cuairt  a'  m'  làimh. 

Gun  àille  gun  dreach, 

Gun  aithne  gun  bheachd, 

Air  duine  theid  seach  'na  dhàil; 

Gun  fhiacail  'na  dlieud,  no  teanga  'na  bheul, 

No  slugan  a  ghleusas  càil, 

Gun  ruileag  'na  ghruaidh. 

'S  e  ruisgte  gun  ghruag; 

Gun  èisdeachd  'na  chluais  do  m'  dhàn, 

Gun  anail  'na  shròin,  no  àile  de'n  f  hòid, 

Ach  lag  far  'm  bu  chòir  bhi  àrd. 

Gun  dealradh  'na  shùil, 

No  rosg  uimpe  dùn, 

No  fraclharc  ri  h-iùl  mar  b'àbh'st, 

Ach  durraga  crom,  a  chleachd  bhi  's  an  tom 

Air  cladhach  dà  thoU  'nan  àit. 

Tha'n  t-eancliainn  bha  d'  chùl, 

Air  tionndadh  gu  smùr, 

Gun  tionnsgal  ri  sùrd  air  d'f heum ; 

Gun  smuainteach'  a'  d'  dhàil 

Mu  phiHeadh  gu  bràth 

A  cheartach'  na  dh'f hàg  thu  d'  dheigh. 

Cha  'n  innis  do  ghnùis,  a  nise  cò  thù 
Ma  's  righ  no  ma  's  diùbhc  thu  fèin  ; 
'S  ipnann  Alastair  mòr  is  tràille  dh'ith  lòn, 
A  dh'  eug  air  an  òtrach  bhreun, 
K  2 


112 

Fhir  deanamh  na  h-uaigh 

Nach  cogair  thu  m'  chluais 

Cò  'n  claifjeann  so  fhuair  mi  m'  laimh, 

'S  gu'n  cuirinn  ris  ceisd  mu  ghnà  mu'n  do  theasd"; 

Gar  am  freagair  e  'm  feasd  mo  dhàn, 

'M  bu  mhaighdeann  deas  thii, 

Bha  sgiamliach  a'  d'  ghnùis, 

'S  deadh  shuidheach'  a' d'  shùi!  da  rèir? 

Le  d'  mhaise  mar  lion,  a  ribeadh  niu  chrldh' 

Gach  òganaich  chì  thu  fèin, 

Tha  nise  gach  àgh  bha  coisinn  duit  gràidh 
Air  tionndadh  gu  gràin  gach  neach; 
Marbhasg  air  aii  uaigh  a  chreach  thu  do*n  bhuaidh 
Bha  ceangailt'  ri  snuagh  do  dhreach. 

No  'm  breitheamh  ceart  thu  le  tuìgs'  agus  iùl 
Bha  reiteach'  gach  cùis  do'n  t-sluagh; 
Gun  aoniaclh  le  pàirt,  ach  dìteadh  gu  bàs 
Na  h-eucoir  bha  dàicheil  cruaidh? 

No  'n  do  reic  thu  a'  chòir,  air  ghlacaid  do'n  òr, 
O'n  dream  'gan  robh  stòras  pailt? 
Is  bochdan  an  t-sluaigh,  fo  fhòirneart  ro  chruaidh 
Ag  fulang  le  cruas  na  h-airc. 

'S  mur  robh  thusa  fìor,  ann  a  d'àifig  am  binn', 
'S  gun  d'  rinn  thu  an  dìreach  fiar; 
*S  co  chinnteach  an  nì,  'nuair  ihainig  do  chrìoch 
Gu'n  deachaidh  do  dhìi'  le  Dia. 

No  *n  robh  thu  a'd'  lèigh,  ag  leigheas  nan  creuchd 
'S  a'  dcanamh  gach  eucail  slàn  ? 
A'  d'  ìoc-shlàintibh  mòr,  ag  dcanamhdo  bhòsd, 
Gu  dìbreadh  tu'  chòir  o'n  bhàs. 


IIS 

No  'n  seanaileir  thù,  a  choisinn  mòr  chiiù, 

Le  d'  sheoltachd  a  stiùradh  airm  ? 

Air  naimhde  toirt  buaidh,  'gan  cur  ann  san  ruaig, 

'S  'gam  fàgail  'nan  cruachaibh  marbh. 

*N  robh  do  chlaidheamh  gun  bheart,  no'n  d'fhàg 

thu  do  neart, 
'Nuair  choinnich  thu  feachd  na  h-uaigh, 
*Nuair  b'èiginn  duit  geill,  a  dh'aindeoin  do  dheud 
Do  armailt'  a  bhèistibh  truagh  ? 

No  'm  fear  thu  bha  pòit',  gu  tric  a  stigh  òsd', 
'S  tu  cridheil  ag  òl  an  dram  ? 
Nach  iarradh  dhuit  fèin,  do  fhlaitheanas  De 
Ach  beirm  a  bhi  'g  èiridh  d'  cheann. 

No  'n  duin'  thu  bha  gluasd,  gu  cionalta  suairc, 
(tu  measarradh  stuam'  mu  d'  bhòrd  ; 
Le  miannaibh  do  chre,  fo  chuibhreachadh  geur, 
*N  àm  suidhe  gu  fèisd  's  gu  sògh  ? 

No  'm  morair  ro  mhòr,  a  ihachair  a'  m*  dhòrn, 
Neach  aig  an  robh  còir  air  tìr  ; 
Bha  iochdmhor  ri  bochd,  a'  cluthach  nan  nochd', 
Rèir  pailieas  a  thoic  's  a  nìth'? 

No  'n  robh  thu  ro  chruaidh,  a'  fìonnadh  do  ihuath, 

*S  a'  tanach'  an  gruaidh  le  màl ; 

Lo  h-agartas  geur,  a'  glacadh  an  sprèidh, 

'S  am  bochduinn  ag  eigheach  dàii? 

Gnn  chridh  aig  na  daoin'  bh'  air  lomadh  leh-aois, 
Le  'n  claiginnibh  maola  truagh  ; 
Bhi  seasamh  a'  d'  chòir,  gun  bhoineid  'nan  dorn, 
Ge  d'  thoUadh  gaoth  reot'  an  cluas : 

Tha  nise  do  thràill,  gun  urram  a'  d'  dhàil, 
Gun  ghearsom  gun  mhàl  gun  mhòd ; 
K  3 


114 

Mor-mholadh  do  'n  bhàs,  a  chasjrair  thu  tràth 
'S  iiach  d'  fhuiling  do  stràic  fo  'n  fhòid. 

No'm  ministeir  thù,  bha  tagradh  gu  dlù, 
Ri  pobuil  an  ùghdaras  De; 
'Gam  pilleadh  air  ais,   bha  'g  imeachd  gu  brais 
Gu  h-ifrinn  na  casgradh  dhèin? 

No  'n  robh  thu  gun  sgoinn,  mar  mhuime  mu  chloinn, 
Gun  chùram  a  h-oighreachd  Dhe 
Nam  faigheadh  tu  'n  rusg'  bha  coma  co  dhiubh, 
Mu  'n  t-sionnach  bhi  stiùradh  'n  treud ; 

Leam  's  cinnteach  gu  'n  d'  fhuair  do  dheanadas  duais, 
'Nuair  ràinig  thu'm  Buacliaill  mòr: 
'Nuair  chuairtich  am  liàs  a  steach  thu  'na  làth*r 
Thoirt  cunntas  a'  d'  thàlainn  dò. 

No  'n  ceann  thu  'n  robh  ciall,  is  eòlas  air  Dia, 
'S  gu'n  d'  rinn  thu  a  riar'  sa'  chòìr; 
Ge  d'  tha  thu'n  diugh  riùsgt',  gun  aithne  gun  iùl, 
Gun  teanga,  gun  sùil,  gun  sròin. 

Gabh  misneach  san  uaigh,  oir  eìridh  tu  suas, 

'Nuair  chluinneas  tu  fuaim  an  stuic; 

'S  do  thruailleachd  gu  lèir,  shìos  fàguidh  tu  d' 

dhèigh, 
Aig  durraga  breun  an  t-sluic. 

Oir  deasaichidh  Dia  do  mhaise  mar  ghrian, 
Bhiodh  'g  èiridh  o  sgialh  nam  beann ; 
Cur  fradharc  ro  gheur,  's  na  sùile  so  fèìn, 
'S  iad  dealradh  niar  reulta  'd  cheann. 

Do  theanga  's  do  chàij,  ni  ghleusa  gun  dàil, 
A  chantuinn  'na  àros  cliù ; 
Is  fosglaidh  do  chluas,  a  dh'  eisdeachd  rlfuaim, 
A  mholaidh  th'  aig  sluagh  a  chùirt. 


115 

'Nuair  dhealraicheas  Criosd,  'na  thigheachd  a  ris, 
A  chruinneach'  nani  firean  suas, 
'N  sin  bheir  thu  do  leum,  thoirt  coinneamh  dhafein, 
Mar  iolair  nan  speur  aig  luaths. 

'Nuair  dh'  èireas  tu  n'  àird,  grad  chuiridh  ortfàilt, 
A  nihealtuinn  a  chàirdeas  fèin, 
Gun  dealach'  gu  bràth,  r'a  chomunn  no  'ghràdh, 
A  steach  ann  am  Phàras  De. 

Fhir  chluinneas  mo  Dhàn,  dean  ailhreachas  Iràtb, 
'M  feadh  mhaireas  do  shlàint'  ^s  do  bheachd; 
Mun  d'  thig  ort  am  bàs,  nach  leig  thu  gu  bràth 
Air  geata  nan  gràs  a  steach. 


40.  Man  Ghrèin. 

Tha  a'  ghrian  do'n  t-saoghal  nadurra,  niar  a  ta 
spiorad  na  bcatha  do  mhac  an  duine.  'Se  a  teas  a  ta 
toirt  fàis  do  luibhibh  na  macharach  ;  agus  an  uair  a 
sgaoileas  i  a  caomhalachd  na  glòir-mhaidne  mu'n 
cuairt  di,  bithidh  gach  creutair  sunndach  ie  a  làthair- 
eachd, — suilbhir  agus  aidhireach  le  a  tiodhlacaibh. 
Le  a  teas  eiridh  mìlte  do  chuileagaibh  sgiathach  gu 
beatha.  Clisgidh  na  h-eoin  o'n  codal,  agus  dòirtidh 
iad  a  mach  an  ceileirean  ceolmhor  ann  an  co-sheirm 
chiùil  'nuair  a  mhothaicheas  iad  a  blàthas.  Le  mèil- 
ich  bheir  na  treuda  buidheachas  air  son  teachd  na 
maidne  ciùine,  agus  innsidh  am  buar  le'n  àrd-gheum- 
naich  an  taingeileachd.  Aithrisidh  na  gleanntan  an 
ceòl  ceudna,  agus  freagraidh  na  cnuic  do'n  fhonn. 
Bheir  teas  na  grèine  air  gach  luibh  iha  air  aghaidh 
na  talmhainn  fàs  gu  h-ùrar  agus  gorm  ; — còmhdaich- 
idh  e  na  craobhan  le  duiileach, — a'  mhachair  le 
arbhar  agus   meas, — na    slèibhtean   le    buar    agus 


116 

treudaibb,  agus  cridhe  an  duine  le  gairdeachas,  agus 
taingeileachd. 

A  rèir  cunntais  nam  feallsanach  no  nan  daoìne 
tbghluimte  tha  a'  ghriandeich  ceud  nùle  uair  ni's  mò 
na  an  talamh,  agusceithir  fichead 'sa  deich  muilliona 
do  mhìltibh  air  astar  uaith:  Tha  a'  ghrian  a'  tionn- 
dadh  mu'n  cuairt  d'a  rotha  fèin  aon  uair  'sa  bhliadh- 
na,  a'  siubhal  o  dheas  gu  tuath,  agus  air  a  h-aìs  a 
rìs.  'Nuair  tha  i  fada  gu  deas  tha  an  là  goirid,  agus 
an  aimsir  fuar  againn  san  eilean  so;  ach  an  uair  tha 
i  pilltinn  gu  tuath  tha'n  là  a'  fàs  fad,  agus  tha  blàthas 
an  t-samhraidh  ag  ath-ùrachadh  gach  luibh  mhaoth  a 
shearg,  agus  gach  craobh  a  lom  gaoth  reòtadh  a' 
gheamhraidh.  Smuainichidh  sluagh  neo-fhoghiuimte 
gu  blieil  a'  ghrian  ag  èirigh  san  àird  an  ear  agus  a* 
dol  fodha  san  àird  an  iar,  do  bhrìgh  nach  'eil  iad  a' 
tuigsinn  gu  hheil  an  talamh  a'  tlonndadh  mu'n  cuairt, 
no  a'  cur  car  dheth  air  a  roth  aon  uair  sna  ceithir  uaire 
fichead ;  agus  le  so  a'  nochdadh  na  grèine  do  shùilean 
an  duine  mar  gu'm  biodh  i  ag  eirigh  san  àird  an  ear, 
agus  a'  luidhe  san  àird  an  iar  gach  uair  a  ta  an  tal- 
amh  e'  cur  car  dheth  air  an  dòigh  so. 

Tha  cuid  do  na  reultaibh  tha  sgeadachadh  aghaidh 
nèimh  le  sgèimh  ghrinn,  mòran  ni's  mò  na  an 
saoghal  so,  agus  tba  daoine  foghluimte  am  barail  gu 
bheil  iad  uile  air  an  àiteachadh  le  creutairaibh  tuig- 
seach  cosmhuil  riunn  fein.  Comhairichidh  am  feall- 
sanach  le  innil-seallaidh  beanntan  agus  uisgeachan 
air  aghaidh  na  greine  agus  na  gealaich — chi  e  air 
uairibh  cuid  do  na  h-àrd-bheantaibh  a'  brùchdadh 
niach  teine  agus  luaithre  amhuil  a  ni  beinn  Etna 
ann  an  Sicili;  agus  cha'n'eile  eu-cosmhuil  gu'mfeud 
na  h-inneala-seallaidli  bhi  air  an  leasachadh  chomòr, 
agus  gu'n  comharaich  iad  fathast  an  sluagh  gun  àir- 
eamh  tha  'g  àiteachadfa  gach  mìle  saoghal  a  ta  mu'n 
cuairt  duinn. 

Tha  oibre  Dhè  ro-Uonmhor  agus  iongantach. 
Cha'n  urraina  do  chreutair  cruthaichte  an  tuigsinu 


117 

no  an  àlreamh.  Tha  an  cunntas  os  ceann  gach  ni 
air  an  urrainn  da  smuaineachadh,  agus  tha  an 
gliocas  a  dhealbh,  agus  an  cumhachd  a  ta  'gan 
cumail  suas,an-àrd  os  ceann  eòlas  chloinn  nan  daoine. 
'Nuair  a  dh'-amhairc  Daibhidh  air  oibribh  iongan- 
tach  agus  glormhòr  an  Tighearna,  thubhaìrt  e, 
"Cuiridh  na  nèamha  an  cèill  glòir  Dhe,  agus  nochd'- 
aidh  na  speura  gniomli  a  iàmh.  Tha  là  a'  deanamh 
sgèil  do  là,  agus  oidhche  a'  fuillseachadh  eòlais  a  dh* 
oidhche.  Cha'n'eil  cainnt,  cha'n'eil  briathra  anns 
nach  cluinnear  an  guth.  Air  feadh  na  tahnhainn 
uile  chaidh  am  fuaim  a  mach,  agus  am  focail  gu 
iomall  an  domhain.  Do'n  ghrein  chuir  e  pàilliuin 
annta ;  agus  tha  i  mar  fhear  nuadh-pòsda  a'  teachd 
a  mach  a  'sheòmar:  ni  i  gairdeachas  mar  ghaisgeach 
a'  ruith  a  shlighe.  Tha  dol  a  mach  o  chrìch  nan 
speur,  agus  a  cuairt  gu  ruig  an  criochaibh  ;  agus 
cha'n'eil  ni  air  bith  a  dh'  fholaichear  o  a  teas." 


41.  Osian  ddn  Ghrèin. 

O  THUSA  fein  a  shiubhlas  shuas, 
Cruinn  mar  lan-sgiaih  chruaidh  nan  triath  ! 
Cia  as  tha  do  dhearsa  gun  ghruaim, 
Do  sholus  tha  buan,  a  Ghrian? 

Thig  thu  ann  ad  àille  threun, 
Is  fol'chidh  reultan  uainn  an  triall; 
A'  ghealach  'g  a  dubhadh  san  speur, 
'Ga  cleith  fein  fo  stuaidh  san  iar ! 

Tha  thusa  na  'd  astar  a  mhàinl 
Co  tha  dàn  a  bhi  na  d'  chòir? 
Tuitidh  darag  o  n'  chruaich  àrd, 
Tuitidh  carn  fo  aois  is  corr! 

Tràighidh  agus  lionaidh  'n  cuan, 
Fol'chear  shuas  an  reult  san  speur; 


118 

Tha  thus'  a'  d'  aon  a  chaoidh  fo  bhuaidh, 
An  aoibhneas  bhuan  do  sholuis  fein  ! 

*Nuair  dhubhas  m'  an  domhan  stoirm, 
Le  torrann  borb,  is  dealan  luath; 
Seallaidh  tu  n'  ad  àille  o'n  toirm, 
Fiamh  <2,hàir  ort  am  bruaiilean  nan  speurl 

Ach  dhomhs'  tha  do  sholus  faoin, 
*S  nach  fhaic  mi  a  chaoidh  do  ghnùis, 
A'  sgaoileadh  cul  is  or-bhuidh  ciabh 
Air  aghaidh  nan  nial  san  ear. 

A'  fogradh  na  h-oidhch'  o  gach  àit, 
Ach  sùii  a'  Bhaird  cha  'n  fhaic  do  sholus; 
No  'nuair  a  chritheas  anns  an  iar, 
Aig  do  dhorsaibh  ciar,  air  lear. 

Ach  ainhuil  so,  aosda,  lag,  liath, 
Bidh  tusa  fhathast  'n  ad-aonar; 
Do  shiubhal  sna  speuraibh  mall, 
'S  tu  mall  mar  mis'  air  an  aonacb. 

Doilleir  mar  ghealach  nan  trath, 
Bidh  d'  annra  's  tu  siubhal  nan  speur; 
Caismeachd  na  maidne  cha  chluinn  thu, 
Mar  na  suinn  bhios  gun  luaidh  air  èiridh. 

An  sealgair  sealladh  fo'n  raon, 
Ach  cha  'n  fhaic  e  d'  aogas  air  teachd; 
Bruchdaidh  'dheoir,  is  e  piileadh  fo  smalan. 
A  mhadaidh  mo  ghràidh,  threig  a'  ghrian  sinn. 

'S  maith  dh'fheudt'  gu  bheil  thu  mar  mi  fein, 
San  àm  gu  treun,  's  gun  fheum  air  am ; 
Ar  bliadhnan  a^  tearnadh  o'n  speur, 
A  siubhal  le  chèile  gu'n  ceann. 

Biodh  aoibhneas  ort  fein,  a  ghrian, 
'S  tu  neartmhor  a'  triall  a'  t'  òige; 
Is  bronach  mi-lhaitneach  an  aois, 
Mar  ghealach  fhaoin  san  speur, 

A'  ruith  fo  neul  air  an  raon, 
'S  an  liath-cheo  ri  taobh  nan  carn; 


119 

An  Osag  o  thuath  air  an  reidhlinn, 
'M  fear-siubhail  fo  bheud  's  e  mall : 
Bidh  aoibhneas  air  soluis  na  h-oidhche, 
'N  tra  bhios  mac  na  soills'  air  triall. 


42.  Eirigh  na  Grèine. 

Cha'n'eil  aon  sealladh  eile  air  aghaidh  an  t-saogh- 
ail  gu  leir  is  àillidh  na  eiridh  na  greine!  Tha  briste 
na  h-òg-mhaduinn  a  leige  ris  duinn  crulhachadh  ùr; 
thug  dorchadas  na  h-oidhche  air  falbh  o'n  t-sealla  an 
talamh  a  bhos  agus  na  speuran  shuas,  ach  air  pille 
na  maidne  tha  sinn  a'  leirsinn  nadur  gu  leir  mar 
gum  biodh  e  air  ath-nuadhachadh  le  sgèimh  dhreach- 
mhor.  Ann  an  camhanaich  na  maidne  tha  nial  iiath- 
ghorm  nan  speur  ag  atharrachadh ;  chìtear  rugha 
fann  a'  dùsgadh  san  aird  an  ear,  tha  na  reultan  a' 
teicheadh  as  an  t-sealladh,  's  a'  folach  an  cinn;  tha 
àilleachd  òrbhuidh  a'  direadh  nan  speur  uigh  air 
uigh,  a'  toirt  rabhadh  gu  bheil  a  ghrian  a'  tighinn. 
Chìthear  an  saoghal  a'  teachd  a  ris  san  fhradharc  na 
làn  mhaise;  tha  na  neoil  shuas  a'  gabhail  dath  an  òir 
is  deirge  dreach:  tha  na  beanntai  mòr  a'  togail  an 
cinn  le  aoibhneas  ;  a  choille  'g  èiridh  gu  dosrach 
ùr'ar;  tha  na  machraichean  fein  fo'n  drùchd  ghorm, 
a  tha  air  gach  feoimein  maoth  a'  dealradh  le  soillse 
àghmhor.  Ceum  air  cheum  mar  tha'n  solas  a'  meud- 
achadh,  tha'n  sealladh  a'  cinntinn  ni's  maisiche,  gus 
faidheoidh  o  shoillse  gu  soillse,  a  bheil  an  aon  chus- 
pair  is  gloirmhoire  r'a  fhaicinn,  èirigh  na  grèine! 
Tha'n  solus  a'  meudachadh,  gnùis  fhlathaii'  na  grèin 
a'  teachd  am  fraodharc;  dh'èirich  i  nis  air  chul  nam 
beann  'na  làn  mhaise.  Suas  ghabh  i  air  siubhal  an 
àigh  ann  an  gloir  cho  dealrach,  agus  solasco  boisgeil  's 


120 

nach'eil  e'n  comas  beachdachadh  oirre  le  sùil  chruth- 
aichte. 

Nan  tigeadh  an  sealla  so  air  neach  o  mhullach 
beinne  gun  fhaicinn  riamh  roimhe  giis  a  sin,  ciod  a 
smaoinicheadh  e,  anus  ciod  a  dheanadh  e  ?  Gun 
teagamh  air  bith  thilgeadh  e  e  fein  sios  ann  an  ùmh- 
lachd  iriosal,  làn  de  urram  agus  de  iongantas  naomha, 
a'  tairgse  moiaidh  do  'n  Dia  mhor  cruthai'ear  na 
grèine.  Cha'n  fhaodadh  e  gun  èigheach  a  mach, 
O  thus,  a  Dhe  ghloirmhor!  Ann  an  àilleachd  na 
h-ùr-mhaduinn,  tlia  mis  ag  aideacha  do  chumhachd, 
do  ghliocas,  agus  do  mhòralachd.  Maille  ris  an 
riabhaig  a  dhirich  an  diugh  gu  àirde  nan  speur,  a 
chur  fàìlt  air  an  là,  tha  mis  a'  togradh  a'd'  ionnsuidh. 
Tha  gairdeachas  an  t-saoghail  m'am  thimchioll,  agus 
gach  beo  chreutair  a  ta  air  uachdar  gam'  aomadh 
gu  m*  anam  a  thogail  a'  d'  ionnsuidh  le  deothas 
naomha.  Tha'n  cruthacha  gu  leir  air  an  àm  so  ga 
d'  mholadh,  agus  an  e  guni  bi  mis  a'm'  thosd.  Tabh- 
air  O  m'  anam  cliu  do  Dhia  I  ruigeadh  laoidhean 
mu  chliu  na  neamha  àrd  far  a  bheil  thus  a  chòmh- 
nuidh,  a  tha  'g  àithne  do'n  ghrèin  èiridh,  agus  a  tha 
le  d'  laimh  ga  stiura  na  h-astar  hrd. 


43.  Don  Ghrèin  le  Trathail. 

A  GHRiAN  na  h-òg-mhaidne  !  'g  eirigh 
Air  sleibhte  soir  le  d'  chiabhan  òr  bhuidh; 
*S  ait  ceuma  do  theachd  air  an  aonach, 
'S  gach  caochan  sa  ghleann  ri  gàire. 
Tha  croinn  uaine,  do  dhrùchd  nam  fras, 
Ag  eiridh  gu  bras  a  d'  chòdhail, 
Is  fìlidh  bhinn  nan  coiUte  fàs 
A'  cur  fàilt  ort  gu  moch  le  'n  òran. 

Ach  c'àit  am  bheil  ciar-imeachd  na  h-òiche 
(Ro  d'  ghnuis)  air  sgiathaibh  an  fhirein? 


121 

C'àit  am  bheil  aig  duibhre  a  còmhnuidh, 
'S  uamh  chòsach  nan  reulta  soillae? 
Traleanas  tu  'n  ceuma  <tu  luath, 
Mar  shealgalr  gan  ruaga  san  speur; 
Thus'  a'  dìre'  nan  aonach  ard, 
'S  iadsan  air  faoin-bheannta  fàs  a'  leum'. 

'Saoibhin  do  shiubhal  a  sholuis  àigh, 
A  sgaoileas  le  d'  dbearsa  gach  doinionn ; 
'S  is  maiseach  do  chleachdan  òir 
A'  snùmh  siar  's  do  dhòigh  ri  pille'. 
Le  seachran  an  dall-cheo  na  h-òiche, 
Cha  ghlacar  thu  choidh'  ann  ad  chùrsa  ; 
'S  doinionn  nan  cuanta  gàbhaidh 
Cha  sèid  gu  brath  as  d'  iul  thu. 
Le  gairm  naciuin-mhaidne  bidh  t-èiridh, 
^S  do  ghnùis  fhèilidh  a'  dusga'  gean, 
A'  fògra  na  h-òich'  o  gach  àit 
Ach  suil  a  bhàird  nach  faic  do  sholus. 

Ach  amhuil  so,  aos-Iiath  lag, 
Bidh  tusa  fathasd  a  d'  aonar  : 
Do  shiubhal  's  na  speuraibh  mall, 
'S  tu  dall  mar  mis'  air  an  aonach. 
Doilleir  mar  ghealach  nan  trà, 
Bidh  t'ànra  's  tu  siubhal  nan  speur; 
Caiseamachd  na  maidne  cha  chluinn  thu, 
Mar  na  suinn  gun  luadh  ri  èirigh. 
An  sealgair  seallaidh  o'n  raon 
Ach  cha  'n  fhaic  e  taogas  a'  tighinn  ; 
Brùchdaidh  a  dheoir's  e  pille'  fo  smalan; 
"  A  mhadai'  mo  ghraidh  !  threig  a  ghrian  sìn" 
— Bidh  aoibhneas  an  sin  air  soluis  na  h-òiche, 
Tra  bhios  mac  na  soillse  mar  Thrathuil. 


43.  Mu  Ghrian  na  Fireantachd. 

An  uair  a  bheir  sinn  buidheachas  do  Dhi  arson 
aimsire  shuidhichte  na  bliadhna,  thugamaid  gu  tain- 
geil,  moladh  dha  arson  gun  d-èirich  Grian  na 
Fireantachd  oirn,  agus  gu'n  cuaha  sinn  a  Shoi^geul 
glòrmhor.  Ni  as  eug'ais  a  bhiodhamaid  gus  an 
t-àm  so  air  seachran,  ann  an  dorchadas  spioradail, 
agus  fo  sgàil  a  bhàis ;  as  eug'ais  b'  èiginn  duinn  a 
bhi  air  iomrall  ann  an  neo-chinnteachd  dho-rann- 
sachaidh,  gus  an  tuisHcheamaid  air  slcibhtein  dorch 
a  nihearachd,  agus  dol  Ibdha  ann  an  slochd-gun- 
ìochdar  an  leir-sgriosaidh. 

As  eug'ais  na  grèine  nàdurra,  ciod  a  bhiodh  san 
domhan  so,  ach  tòrr  gun  beatha,  meall  mòr  gun 
bheoihalachd?  Cha'n  fhàsadh  duilieach  air  na 
craobhan,  na  blàithean  air  na  luibhean.  Cha'n 
fhaiceamaid  na  machraichean  stràchdta  le  h-arbhar 
craobhach,  na  na  glinn  gu  h-ùrar  gorm  le  feur 
nòs'ar.  No  le  ràdh  ann  an  cainnt  mhaisich  an 
fhàidhe,  Hab.  iii.  1 7.  Cha  d-lhugadh  an  cranne-fìge 
uaith  blàth,  agus  cha  bhiodh  cinneas  air  an  fhìonain; 
dh'  fhaillnicheadh  meas  a  chrainn-ola,  agus  cha 
d-thugadh  na  machraichean  uatha  lòn :  bhiodh  na 
treudan  air  an  gearradh  as  o'n  mhainnir,  agus  cha 
bhiodh  buar  air  bith  anns  na  buailtibh. — Tha  ghrian 
a'  cur  a  gathan  dealrach  air  uile  luis-bheo,  agus 
mheacanna  na  machrach,  a'  cur  àilleachd  chiatach 
air  an  earrach,  agus  a'  cur  tarbhaichead  air  an 
fhogharadh.  Tha  a  teas  a'  diùghadh  air  an  fhìon- 
lios  agus  air  an  adhall-ghart ;  's  a'  cuir  gluasad  fo'n 
t-snothach  shùghmhor,  a  tha  dìreadh  tre  na  cuis- 
libh  dìomhair  o  bheil  am  pailteas  fiona,  agus  meas 
a'  sruthadh.  —  Cha'n  e  gu  bheil  a  gathan  àigh 
air  an  cuibhreachadh  ri  aghaidh  na  cruinne  so,  ach 
tha  iad  a'  ruigheachd  air  a  chuid  is  doimhne  de  'n 


123 

Chruitheachd.     Tha  a  cumhachd  a'  drùghBdh  agus 
a'  sgiamhachadh  na  Cruitlieachd  air  fad. 
♦<  Cha'n'eil  ni  folaicht'  o  a  teas." 

Dìreach  air  a  mhodh  cheudna  bha  'n  Cinne- 
daonna  marbh  'an  euceartaibh  agus  'am  peacaibh, 
as  eug'ais  cumhachd  beothachaidh  losa  Criosd. 
'»S  esaìi  an  ais-cirig/i  agìis  a  h/ieai/ia,  tobar  saibhir  an 
dara  aoin,  agus  aobhar  uile-chumhachdach  an  ni 
eile.  Tha'n  dara  Adhamhna  spiorad  beothachaidh, 
agus  's  ann  trid-san  a  tha  a  naoimh  uile  beo.  Tha 
e  dealradh  air  aa  ceudfaithibh,  agus  tha  iad  a'  fàs 
suas  'n  an  gràsa  neamhuidh,  agus  a'  sìor-mheud- 
achadh  ann  an  toraibh  na  fireantachd.  'S  iad 
creidimh  neo-chealgach,  agus  gràdh  neo-chlaon  an 
toradh  is  àghmhoire  a  tha  srùthadh  o'n  nàdur  ath- 
nuadhaichte,  agus  is  iad  toraidh  oibreachaidh  air  an 
inntinn.  Cha  robh  urrad  agus  aon  rùn  diadhuidh, 
na  aon  chleachda  Criosduidh,  nan  urrainn  sgaoil- 
eadh  na  fàs,  as  eug'ais  cumhachd  càirdeil  a  ghràis. 

Mar  nach  'eil  tarbhaichead  na  suilbhearachd  as 
eug'ais  na  grèine. — 'Nuair  dh'  èireas  i  gu  flathail 
baoisgeil,  's  a  sgaoileas  i  a  gathan  àigh,  tha  i  'g 
ath-bheothacha  subhachais  nach  gabh  cur  an  cèill. 
Tha  na  mìlte  creutair  sgiamhach  a'  mosgladh  suas 
gu  bith  le  a  teas,  agus  ga'n  grianra  'na  blàths.  Tha 
na  h-eoin  a'  dùsgadh  o'n  clò-chodal,  's  a'  taosgadh  a 
mach  an  ceileirean  ceolmhor  ann  an  co'-sheirm 
bhinn.  Tha  mheanbh-sprèidh,  le 'm  meilich  chiùin, 
a'  cur  fàilt  air  an  òg-mhaduinn.  Tha  'm  buar  le  'n 
sruth  gheimnich,  a'  cur  an  cèill  an  ait-shòlais. 
Tha  na  glinn  air  chrathadh  le  canntaireachd;  ihana 
h-aonaich  le  'm  mac-talla  ag  aithris  an  co'-cheileir- 
ean.  Tha  cheòlairidh  air  fad  a'  co'-aontachadh  leis 
a  choisheirm !  tha  gach  ni  anns  a'  bheil  beatha  ri 
gairdeachas  anns  an  drùghadh  shòlasach ! — Ach 
nam  biodh  gathan  dealrach  na  grèine  air  call  an  teas, 
thigeadh  gruaim  neo-èibhinn  air  gach  ni.  Ni  h-e 
mhàin  sin,  ach  thigeadh  sgàil  oirre  car  ùine  bheug, 
L2 


124 

agus  chulreailh  nàdurairfad  uime,  mar  gum  b' ann 
culaidh-bhròin.  Tha  na  neamha  fein  dubhach.  Tha 
na  creutairean  is  sunndaich  a'cromadh  an  cinn  lebròn. 
Thacòisridh  chcolmhor  an  doire'nan  tosd  :  chaidh  a 
ghlas-ghuib  oirr'  airfad.  Thafiadh-bheathaichean  an 
fhàsaich  ag  ulfhartaich  arson  an  creich;  tha  na  h- 
eòin  le  'm  fios-fithich  a'  sìor-scriachail ;  tha  cridhe 
an  duin'  a  fàillne,  no  tha  cràdh  obann  ga  ghrad 
bhualadh. — 'Samhuil  a  chùis  'nuair  dh'  fholachais 
Criosd  a  ghnùis,  'nuair  chailleas  creidimh  sealladh 
air  sòlas  Israeil !  nach  dubhach  neo-shubhach 
beachd  an  anama!  Air  leinn  gu  bheil  ar  Dia  na 
theine  dian-loisgeach,  agus  gu  bheil  ar  peacaidh  gu 
h-àrd  labhrach  ag  èigheach  dioghaltais.  Tha  na 
smuainte  cràiteach  o'n  leth  a  stigh,  tha'n  Criosduidh 
ag  imeachd  gu  tùrsach  ;  tha  gach  ni  o'n  leth  a  muigh 
màidheanach,  gach  ni  o'n  leth  a  stigh  brònach. 
Tog  suas  mata,  losa  ghràsmhoir,  an  ùr-mhaduinn 
is  àghmhoire  o'n  ionad  is  àirde  oirnn:  O  I  tog  suas 
solus  do  ghnùis  air  do  phobuli  !  Leig  ris  doibh  uil- 
fhothaìntichead  t-eadar-mheadhonaireachd,  dean  ar 
còir  air  an  tsaovsadh  mhòir  so  lan-shoilleir  dhuinn. 
Leanaidh  mi  fhathast  air  a  cho'-samlilachd  sin, 
Tha  a  ghrian  a  'sgaoileadh  a  dealradh  m'a  timchioU, 
air  gach  àird.  Gu  fialuidh  fiughantach  tha  i  soiU- 
seachadh  agus  a'  deanamh  ait  uile  chriocha  na  tal- 
mhuinn,  agus  uile  chuairt  nan  speur.  Tha  rughadh 
san  àird-an-ear  an  àm  dhi  èiridh,  agus  tha  bcanntai 
na  h-àird-an-iar  air  an  òradh  le  dealradh  boillsgeil. 
Tha  dùchanna  fuar  na  h-àirde  tuath  air,  am  blàit- 
eachadh  le  gathan  niathasach,  am  feadh  a  tha  *n 
àirde-deas  le  dian  theas  air  an  claoidh. — Mar  sin  tha 
cumhachd  Grian  na  Fìreantachd  rùn-phàirteach 
neo-chuibhrichte.  Bha  na  lìnne  a  bh'  ann  o  chian 
gam  faireachduinn,  agus  ni  na  h-àil  a  tha  fhathast 
gun  bhreilh  gàirdeachas  annta.  Bha  toilltinneis  a 
bhàis  hiachmhoir  a'  ruigheachd  air  a  cheud  mhuinn- 
tir,  agus  craobh-sgaoileir  iad  do  lìnne  deireannach  a 


125 

chinne-dhaonna.  Gun  ruig  iad,  'an  ùine  ghearr,  air 
iomall  crìch  gach  tìr  !  Ailhn  do  d'  shoisgcul,  O 
Shlanuighir  bheannichte,  e  ghabhail  sgiathan  na 
maidne,  an  co'-imeachd  ris  a  ghrein.  Rachadh  e 
air  sgiathaibh  laidir  a  dh'  ionnsuidh  gach  sluaigh, 
dùthaich  agus  cainnt;  chum  gum  bi  eolas  umad 
fhad  'sa  tha  teas  na  grèine  a'  ruigheachd,  agus  am 
fuachd  a'  reothadh;  chum  gum  bi  thu  air  t-aidmheil 
agus  aoradh  air  a  thoirt  duit:  chum  gum  bi  iadsan 
a  tha  aineolach  air  t-ainm,  agus  naimhdean  do  d' 
theagasg,  air  an  soillseachadh  le  eolas,  agus  air  an 
tàladh  ris  le  gràdh  do  d'  fhirinn !  O  !  gun  d-thig- 
eadh  an  t-àm  taitneach  sin;  an  t-àm  ion-mhiannuichte 
sin;  an  uair  a  chuimhnicheas  gach  sluagh  orra  fein, 
agus  gum  pill  iad  ris  an  Tighearna;  agus  gun  dean 
gach  cinneach  aoradh  dhuit ! 


44.  Mu  thimchioll  a*  JBhiobuil. 

Tha  am  focal  Biohiil  a'  ciallachadh  Leabhar;  do 
bhrigh  gur  e  an  t-aon  leabhar  e  is  airidh  bhi  air  a 
leughadh  gu  dùrachdach,  agus  air  a  chreidsinn  gu 
h-iomlan  leis  gach  neach  aig  am  bheil  curam  d'a  an- 
am  neo-bhasmhor.  Tha  e  da  rìreadh  'na  leabhar 
priseil,  oir  tha  e  teagasg  dhuinn  gach  ni  a  ta  feumail 
gu'r  deanamh  glic  san  t-saoghal  so,  agus  sona  san  t- 
saoghal  ri  teachd.  Tha  an  sluagh  nach  cuala  riamh 
iomradh  air,  a  dhith  eòlais  air  an  Dia  a  chruthaich 
iad,  air  a  lagh  naomh  agus  fior-ghlan,  air  staid 
thruaigh  an  duine  a  thaobh  naduir,  agus  air  slàinte 
tre  an  Tighearna  losa  Criosd.  Agus  air  dhoibh  bhi 
aineolach  air  na  nithibh  sin,  cha'n  urrainn  iad  Dia  a 
thoileachadh,  agus  cha'n'eil  e  'n  comas  doibh  dol  as 
o'n  pheanas  sin  iha  a  cheartas  ag  iarraidh  o  gach 
neach  nach  'eil  air  a  shaoradh  o  thruaillidheachd  na 
L  3 


126 

feòla,  agus  air  a  sgeudachadh  le  fìreantachd  an  t- 
Slànuighir. 

Cia  cho  taingeil  is  còir  dhuinne  a  bhi  nach  d'fhàg 
Dia  sinn  an  aincolas;  agus  ciod  an  t-aobhar  buidh- 
eachais  agus  molaidh  a  ta  againn  gu'n  tug  e  dhuinn 
am  BiobuU  anns  am  bheil  e  a'  foiUseachadh  dhuinn 
ciod  i  a  thoil  bhcannaichte,  agus  ciod  an  dòigh  air 
an  dionar  sinn  o  f  hcirg  shiorruidh,  agus  air  am  faigh 
sinn  sealbh  air  rioghachd  nèimh.  Gun  teagamh  is 
còir  dhuinn  bhi  ro-chùramach  mu'n  leabhar  so  osceann 
gach  leabhair  eile,  do  bhrìgh  gu  bheil  e  a'  foillseach- 
adh  dhuinn  focail  na  beatha  maireannaich  ;  agus  tha 
e  mar  fhiachaibh  oirn  a  nochdadh  le  'r  creidimb 
agus  le  'r  giulan  gu  bheil  sinn  'ga  mheas  mar  an  ni 
a's  luachmhoire  tha  sinn  a'  sealbhachadh  san  t-saogh- 
al  so.  Cha'n  urrainn  e  bhi  gu  bheil  sinn  deanamh 
so  'nuair  nach  'eil  mòr-thlachd  againn  bhi  g'a  leugh- 
adh  gu  minic, — 'nuair  nach'eil  sinn  a'  creidsinn  gach 
ni  tha  e  foillseachadh  dhuinn  mu  thimchioU  ar  Slàn- 
uighir, — no  'nuair  nach  'eil  sinn  a'  gluasad  a  rèir 
lagh  ar  Tighearna,  agus  a*co-chumadh  ar  beatha  r'a 
thoil  naomh  agus  fhior-ghloin. 

Gliabh  sluagh  aosda  aithreachas  gu  minic  gu'n  do 
dhi-chuimhnich  iad  am  Biobull  a  rannsachadh  ann  an 
làithibh  an  òige.  Ach  cha  chuala  sinn  riamh  iom- 
radh  air  duine  a  ghabh  aithreachas  'nuair  a  bha  e 
aosmhor,  no  'na  luidhe  air  leabaidh  a'  bhàis,  gu'n  do 
chaith  e  tuiUe  sa  choir  d'a  aimsir  a'  rannsachadh  an 
leabhair  so, — no  neach  air  bith  arinn  gearandobhrìgh 
gun  do  thaisg  e  a  bhriathra  faliain  'na  chridhe,  agus 
gu'n  do  chuir  e  an  gniomh  iad  'na  chaithe-beatha. 

Is  caraid  fior  agus  dìleas  am  BiobuU  ann  an  là  ar 
triobluid ;  agus  'nuair  a  threigeas  gach  dòchas  saogh- 
alta  sinn,  agus  a  bheir  doilgheasan  na  beatha  so  ar 
cos  gu  bruaich  na  h-uaighe,  eadhon  an  sin  bheir  e 
misneach  do  'r  cridhe,  agus  altrumaidh  e  dòchas  an 
taobh  a  stigh  dhuinn  a  ghiulaineas  sinn  an  taobb 
thall  do'n  uaigh.     Bithidh  e  'na  lòchran  do  'r  cos- 


127 

aibh  ajrus  'na  sholus-iùil  do  'r  ceumannaibh :  soill- 
sichidh  e  an  dorchadas  tha  cuairteachadh  ghlinn 
sgàile  a'  bhàis,  agus  ath-bheothaichidh  e  ar  spiorad 
le  dòchas  na  beaiha  maireannaich  'nuair  a  tha  am 
bàs  a'  teachd  'nar  dàil,  agus  a'  criochnachadh  ar 
beatha  son  t-saoghal  so.  O  ma  ta  gu'n  deanadh 
sean  agus  òg  focal  an  Tighearn  'na  riaghailt  stiùr- 
aidh  dhoibh, — gu'm  bitheadh  iad  a'  beachd-smuain- 
eachadh  air  an  còmhnuidh, — gu'n  tairneadh  iad 
sòlas  uaith  ann  an  là  an  trioblaid,  agus  gu'm  biodh 
an  dòchas  ri  sonas  siorruidh  air  a  shuidheachadh  air 
na  geallannaibh  prìseil  agus  tròcaireach  tha  e  cumail 
a  mach  dhoibh. 


45.  CTaobh-sgaoileadh  a  Bhiobuill  feadh  Mòr-thir  agus 
Eileana  ìia  Gaèaltachd. 

Tha  sgeul  r'a  sheanchasair  feadh  na'n  Garb-chriocb, 

*S  cha  sgeul  tha  searbh  e  gun  tairbh  gun  bhrigh, 
Cha  sgeul  gun  bhlas  e,  cha  sgeul  gun  snas  e; 

Ach  sgeul  ro-thailneach  cur  ncart  sa  chri: 
Cha  sgeul  no  eachdruidh  air  spùinn  na  creach  e, 

Cha  sgeul  air  gaisge,  na  tap',  na  strìgh ; 
Cha  sgeul  air  caonnaig,  na  liodairt  dhaoine, 

An  sgeul  ro  aobhach  tha  sgaoil'  san  tir. 

'Se  sgeul  is  binne,  'se  sgeul  is  grinne, 

Tha'm  beul  gach  fine'  th'an  Innse-gall: 
An  sgeul  tha'n  drasta  aig  lag  a's  laidir, 

A  sgaoil  's  gach  àite  os  a's  thall ; 
Air  neart  an  càileachd,  's  a  dh*  aisig  slainte 

Do  dhaoinibh  sàruicht  le  easlaint  chruaidh  j 
Ag  aiseag  sith  dhoibh,  'sa*  fògra  stri  uath, 

Am  briathraibh  mìne,  ro  shiobhalt,  shuairc. 


128 

Bu  truagh  ar  càramh,  mar  uain  gun  mhàthair, 

Sior  dhol  air  fàrsang  o'r  leas,  's  o'r  sìth; 
Gu  doilleir  ànnrach,  a'  siubhal  fàsaich, 

Gun  ionad  tàniha,  gun  àite  dìon; 
Air  udal  daonnan,  sìor  dhol  air  faondra, 

Gun  aodhair*  gaolach  againn  'nar  còir, 
A  nochda  gràdh  dhuinn,  'sa  ghabhail  bàigh  ruinn, 

'Se  strìgh  gur  sàbhal  o'r  namhuid  mòr. 

Bu  bhuan  ar  n-oidhche,  gun  reull  gun  solllse 

'Nuair  dh'èlrich  baoisg'  oirn  o  ghrian  an  àigh. 
Bu  bhuan  ar  geamhradh,  ach  thain'  ar  samhradh, 

'S  bidh  meas  nach  gann  air  gach  crann,  is  blàth. 
Luidh  dubhar  's  ceò  airgach  àrd  is  còmhnard; 

Bu  chianail  brònach  ar  dòigh  's  ar  n-àird; 
Air  bhcagan  eolais,  air  bheagan  dòchais, 

A  bheireadh  sòlas  ri  dòruinn  bàis. 

Ach  nis  o'n  dhealruich  àrd-ghrian  an  àigh  oirn, 

Thig  là  is  fearr  oirn  le  blàs,  is  sith; 
Thig  solas  uaithe  a  sheolas  suas  sinn, 

Is  blàs  a  dh'  fhuadaicheas  fuachd  o'n  chri. 
Bidh  'n  cridhe  seachdta,  bidh  'n  cridhe  meata, 

'S  an  cridh'  a  chleachd  bhi  gun  neart  gun  chli, 
Mar  chraoibh  san  t-samhradh,  air  triall  do'n  gheamh- 
radh, 

Le  meas  nach  gann  orr',  's  cha'n  fhann  a  bhrìgh. 

Bidh  snuadh  air  aonach,  bidh  feur  is  fraoch  ann, 

Bidh  truscan  caoin  air  gach  aodann  lòm; 
Bidh  sgeudach  uain'  air  gach  àite  duaichni, 

Bidh  aoidh  gun  ghruaman  air  glaic  is  tom; 
Bi  'm  fonn  nach  geilleadh  do  phor  na  sheason 

Ach  luibhean  brèine  gun  fheum  gun  stà, 
Toirt  stràchd  nach  suarrach  de  thoradh  luachmhor, 

San  àm  am  buainear  e  nuas  gu  làr. 


129 

Bì  'm  fonn  bha  tartmhor,  ged  thigeadh  dealt  air 

A'  bruchd  gu  pailtair  le  uisge  beo — 
Na  sliruthain  shiùbhlach  a'  ruith,  's  ag  ùrach 

Gach  luisean  cùbhraidh  a  chaill  an  deo. 
Tha  beath'  is  tàbhachd  san  uisg'  nach  failing, 

Tha  neart  is  slaint  ann  gu  bràth  nach  trèig; 
Cha  reò  an  geamhr'  e,  's  cha  tràigh  an  samhr'  e, 

Ri  teas  na  cranntachd  cha  d'  theid  e  eug. 

Sam  fonn  bha  fuaraidh  a  ghnà  fo  ghruaman, 

Thig  caochla  luath  air  o  fhuachd  gu  blàths; 
Thig  teas  o'n  ghrèin  air  a  bheir  gu  feum  e, 

'Sa  bheir  air  gèiHeadh,  's  cha  bheag  an  stràchd : 
Bi  priomh  gach  pòir  ann,  bi  cruineachd  's  eòrn  anii, 

'S  na  h-uile  seorts  ann  ach  pòr  gun  bhrìgh; 
'S  'nuair  thig  an  tuathanach  'an  àm  na  buana, 

Cha  bhi  aon  ghruaman  san  uair  'na  chrì. 

Tha  'n  ceo  a'  sgaoileadh  a  dhall  'sa  chlaon  sinn, 

'S  tha  'n  la  ag  aoma  le  aoidh  m'  an  cuairt ; 
'S  am  beachd  ar  sùla  tha  nilhe  ùra, 

Nach  b'  eol  's  nach  b'  fhiu  leinn  bhi  gan  luaidh: 
Tha  focal  De  nis  'nar  laimh  's  'riar  n-èisdeachd, 

A'  toirt  sgeul  duinn  air  feum  an  t-sluaigh; 
A  nochd  an  gàbhadh,  'sa  toirt  sgeul  air  slainte, 

Na  'n  gabht  an  gràdh  ris  bu  daor  a  luach. 

Mar  sgloba  bàta  feadh  thonnaibh  gàbhuidh, 

Gun  stiùir  gun  ràmh  ac'  gu  snàmh  gu  tìr; 
Gun  chairt  thoirt  iuil  doibh,  gun  neull  gan  stiùradh 

Gu  cala  rùnach  na'n  ciùin  uisg'  min : 
Am  buillsgein  oidhche  gun  dears'  gun  soiUse, 

Lan  geilt  is  oillte  le  cridhe  brùit; 
Bha  clann  na'n  Gaidheal  ùin  fhad  aìr  ànnradh; 

Ach  bhris  an  là  orr'  's  tha  'n  traigh  dhoibh  dlù. 

Tha  'n  cala  prìseil,  an  cala  rioghail, 
Cala  sìochail  nam  mìn  uisg  ciùin; 


130 

An  cala  luachmhor  gun  stoirm  gun  bhruailleiny 
A'  teachd  san  uair  so  'am  beachd  an  sùl ; 

Is  air  an  tràigh  ud  tha'n  comunn  gràdhach, 
Buidhinn  àluinn  rao  ghràidh,  's  mo  rùin ; 

A'  smèid  le'n  laimh,  is  ie'n  sealla  'g  ràthainn, 
Grad  thigibh  'n  cairdeas  àrd  Righ  nan  dùl. 


46.  Innseanach  America. 

Dh'èirich  fear  de  Innseanaich  America  gu  moch  aon 
là  a  dhol  a  shealg.  Tha  mis,  a  deir  e  r'a  mhnaoì^ 
a'  dol  do'n  choillidh  a  shealg,  'nuair  a  mharbhas  mi 
fiadh,  thig  mi  dhachaidh  a'd'  ionnsuidhs'  'nuair  thèid 
a  ghrian  lodha  air  cùl  na  beinne.  Rainig  e  choill- 
eadh,  agus  rè  ùine  mhòr  cha  do  thachair  fiadh  air, 
ach  m'a  dheireadh  chunnaic  e  damh-fèidh,  chuir  e 
ghunna  r'a  shùil,  loisg  e  air,  agus  thuit  andamh; 
ach  cha  robh  e  ach  air  a  leon;  dh'  èirich  e  agus  thàr 
e  as.  Lean  an  t-Innseanach  e,  a'  cumail  seallaidh 
air,  ach  cha  robh  e  na  urrainn  teachd  am  fad  urch- 
air  dlia.  Mar  so  lean  e  air  a  thòir,  gus  an  d'fhàg  e 
choilleadh,  agus  thug  e  car  mu  thom  dha,  agus  chaiU 
e  fradharc  air.  Bha'n  t-Innseanach  ga  lorgachadh 
mar  b'fhearr  a  dh'fhaodadh  e,  ach  dh'  fhartluich  air 
cur  ris.  Bha  e  o  chnochd  gu  cnochd,  agus  o  bhearra 
gu  bearradh,  ach  cha  b'urra  dha  f  haotuinn.  'Nuair 
bha  e  gu  h-airsneulach  sgith,  rinn  e  suidh,  agus  le 
h-aimheal  smuaintich  e  air  a  mhi-shealbh.  'Nuair 
a  leòn  e'm  fiadh,  shaoil  e  gum  bu  chùis  da  fèin  e; 
agus  am  feadh  a  bha  e  ga  ruagadh,  bha  fiuthair  laid- 
ir  aige  gun  dthigeadh  e  suas  ris,  agus  gum  biodh 
aige  fein  agus  aig  a  chairdean  cuirm  shòlasach  air 
an  co'-chaidreamh  a  chèile.  Luidh  mothachadh  a 
challdaich  gu  trom  air.  Bha  rè  seal  h-urrad  iom- 
aguin  air  uime,  agus  nach  dthainig  e  na  aire  gun 
robh  e  ann  an  cearna  de'n  dùthaich  air  an  robh  e  tur- 


131 

aineolach;  *s  gun  robh  dovcha  nan  tràth  ag  iathadh 
uime.  Fadheòidh  mhosgladh  as  an  neo-shunnt  so  e 
le  sgriachail  nan  eun  a'fàgail  na  lòmbair  a  ghabhail 
am  fois  sa  choillidh.  Ghrad  dh'èirich  e,  a'  gabhail 
beachd  air  an  tìr  ma  thimchioll,  agus  a  ghrian  air 
dol  fodha,  thuig  e  'n  cunnart  anns  an  robh  e.  Ba 
chunnartach  dha  fuireach  far  an  robh  e;  agus  a 
thuille  air  sin,  bha'm  beagan  lòin  a  bh'aige  air  teir- 
eachdain,  agus  bha  e  gu  fann,  sgìth,  acrach. 

Chuir  e  roimhe  pille  dhachaidh,  agus  ge  nach 
robh  aon  fhiulhair  aige  gum  b'urrainn  e  bhothan 
fein  a  ruigheachd  an  oidhche  sin,  air  leis  gu  faodadh 
e  tighinn  gn  tigh  fialuidh  eiginn  far  am  faigheadh  e 
biatachd  car  na  h-oidhche  sin.  Leis  an  dòchas  so, 
chaidh  e  air  aghaidh;  ach  cha  deachaidh  e  fada  gus 
an  d-fhàs  an  oidhchero-dhorca,  's  gun  do  mhothaich 
e  gnn  robh  e  ann  an  gàbhadh  mòr,  le  dol  a  stigh 
feadh  cuilce  ann  am  feur-lochan  ann  an  làthaich 
dhomhain.  Ach  fhuair  e  as  a  chunnart  so  le  faiciU 
agus  le  teomachd;  agus  cha  luaithe  thainig  e  as,  na 
thilg  se  e  fein  na  sbìneadh  air  an  talamh,  gun  fhios 
ciod  an  taobh  a  rachadh  e. 

Bha  tigh  tuatlianaich  dlù  do'n  àit  air  an  robh  'n 
sealgair  na  shìneadh.  Chunnaic  e  rionnag  sholuis  o 
aon  de  na  h-uinneagan,  'nuair  a  sheall  e  thaobh  tuit- 
eamas  san  àird  sin.  Dh'èirich  e,  's  a'  cumail  an  t- 
soluis  'na  bheachd,  dh'fhalbh  e,  le  làn-f  hiuthair  gu'n 
gabhadh  muinntir  an  tighe  ris  le  fialachd.  Clia  b' 
ann  gun  strigh  a  ràinig  e,  agus  chaidh  e  gu  neo- 
sgathach  astigh.  Bha  acrasmòr  air,  agus  dh'iarregu 
luath  greim  arain;  ach,  ni  a  chuir  mòr  ìoghnadhair, 
f  huair  e  gu  gruamach  an  diùltadh.  Chuir  e'n  cèiU  gu 
snasmhor  an  cunnart  as  an  dthainig  e,  agus  am  bàs 
eagallach  bha  feitheamh  air,  mar  deonaicheadh  iad 
cobhar  dha;  ghnàthaich  e  gach  deas-chainnt  a  bha 
*na  chomas;  ach  cha  dihug  iad  feachd  as  an  tuath- 
anach ;  ni  h-e  mhàin  sin,  ach  's  ann  a  thug  e  lamh 
air  gunna,  agus  dh'iarr  e  air  gu  h-iargaha  e  theann- 


132 

adh  a  mach  no  gun  spadadh  se  e.  Dh'  fhalbh  an 
sealgoir  bochd;  b'fhaoin  da  tuille  brìodail  a  ghnàth- 
achadh;  agus  le  oirp  a  thoirt  air  fuireach  leis  an 
laimh-laidir,  cha  deanadh  e  ach  sgrìos  obann  a  thar- 
ruing  air  fein.  Làn  feirge,  dh'  fhàg  e  'n  tuathanach 
an-iochdmhor,  agus  dh'  oirpich  e  choiU'  a  ruigh- 
eachd,  agus  leig  se  e  fein  na  shìneadh  aig  bun 
craoibhe.  Bha  a  chridhe  duineil  ag  aomadh  fo 
mhulad,  'n  uair  achual  e  fuaim  dìreach  os  a  cheann. 
Thainig  so  o  dha  èun  mhòr  a  bha  gabhail  tàmh  'na 
geugaibh.  Chuir  e  gu  sàmhach  urchair  'na  ghunna, 
agus  leag  e  fear  dhiu.  Ghrad  thug  e  leis  e,  agus 
chaidh  e  ni  b'  fhaidea  stigh  sa  choiUidh,  air  eagal  nan 
cluinneadh  an  tuathanach  an  urchair  gum  faodadh 
e  teachd  air  a  thòir.  Bheothaich  e  teine  agus  ròist 
e'n  t-eun ;  's  an  deigh  a  shàth  itheadh,  choidil  e  gu 
trom  gu  roaduinn.  Dh'  eirich  e,  agus  gun  tuiUe 
sgiorraidh  ràinig  e  dhachaidh. 

Mu  thimchioU  da  mhios  an  dèigh  so,  bha  gnòth- 
aichean  aig  an  tuathanach  a  thug  air  dol  fad  air  astar 
o  thigh  fein,  agus  an  uair  a  bha  e  air  a  thuras  dhach- 
aidh  chaìdh  e  air  seachran  ann  an  coillidh.  Bha'n 
t-Innseanach  a  mach  a'  sealg,  agus  thachair  e  air  a 
thaobh  tuiteamais,  agus  dh'aithnich  e  gu  grad  am 
fear  a  bhuin  co  mi-chneasta  ris.  Thainig  e  na  aire 
gu  h-obann  dioghaìtas  a  dheanamh  air;  ghrad 
sraaontich  e  gum  bu  neo-fhiachail  an  cothrom  a 
ghabhail  air  duine  nach  robh  fo  armaibh.  Cha  d' 
aithnich  an  tuathanach  e,  agus  dh'  asluich  e  gum 
biodh  a  co  math  'sa  sheoladh  air  a  shlighidh. 
Thuirt  an  t-Innseanach  gu  ciùin  ris,  gum  bu  chun- 
nartach  dha  oirp  a  thoirt  air  a  thuras  an  oidhche  sin ; 
ach  nan  rachadh  e  leis-san  chum  a  thighe,  agus  fuir- 
each  an  nochd  gum  b'e  a  bheatha  gus  an  ni  a 
b'  fhearr  a  bha  na  bhothan  bochd-san.  Dh'  aontaich 
an  tuathanach  gabhail  ris  a  chuireadh,  air  dha  bhi 
feumach  air  gabhail  mu  thàmh,  a  thaobh  sgìos  agus 


I3S 

acrais.  Chaidh  e  leis  an  Innseanach  a  dh'  ionnsuidh 
a  thighe,  ajrus  bhuin  e  ris  le  sàr-bhiatachd. 

Air  a  mhaduinn  a  niàireach,  thairig  e  coileasach- 
adh  dha  arson  a  dhragha;  ach  cha  ghabhadh  an  t- 
Innseanach  ni  air  bith  na  èirig,  ag  ràdh,  gun  robh 
toileacha  gu  leoir  aige  a  chionn  gun  dthug  e  aoidh- 
eachd  do  dhuine,  a  dh'  t'haodadh,  le  bhi  as  eug'ais, 
bhi  air  a  chall  sa  choiih'dh.  Agus  an  àit  luach- 
saothaireach  a  ghabhail  uaith,  thairig  e  dha  dol  leis 
uidhe  àraidh  air  a  thuras. 

An  diaigh  dol  greis  air  an  aghaidh,  thainig  iad 
gu  mullach  àrd,  an  seaila  tighe  an  tuathanaich. 
Sheas  an  t-Innseanach  gu  grad,  agus  thuirt  era  cho'- 
fhear  turais,  A'  bheii  tha  ga  m'  ailhneachadh  ?  Mu 
thuaiream  da  mhios  roi  so,  thainig  mi  air  eiginn  a 
chum  do  ihighe  gu  fann  sgìtli.  Ghrad  aithnich  aa 
tuathanacli  e,  mhothaich  e  agartas'coguis,  agus  bha 
-e  dol  a  ghabhaii  a  leiih-sgeil  arson  mar  rinn  e ;  ach 
chuir  an  t-Innseanach  na  thosd  e,  agus  thuirt  e  ris: 
Dh'  iarr  mi  ort  greim  arain;  dhiult  thu  mi.  Dh' 
innis  mi  dhuit  gun  robh  mi  dlù  air  a  bhàs ;  thug  thu 
do  ghnà  an  diultadh  dhomh.  Dh' iarr  mi 'n  sin  ort 
6  ann  an  ainm  do  Dlie;  ghlac  thu  do  ghunna.  B' 
oillteil  do  ghnùis.  Dh'  amhairc  mioirre:  Dh' fhàg 
mì  do  ihigh.  Thionndai  mi  o  d'  dhorus,  ag  ràdh, 
Feuch  so  far  a  bheil  an  duine  geal  a  chònihnuidh, 
nàmhuid  a  choigrich !  Am  bheil  a  nis  eagal  ort 
gun  tog  mi  mo  làmh  a'  d'  aghaidh?  Cha  ruig  thu 
ìeas;  na  biodh  eagal  ort,  sud  agad  do  thigh;  their- 
ig  dhachaidh,  agus  bi  subhach  maille  ri  d'  mhnaoi 
agus  ri  d'  chloinn;  ach  cuimhnich  nach  cuir  thu  'm 
feasd  an  t-acrach  air  falbh  o  d'  dhoras;  oir  cha'n 
fhios  duit  ciod  a  thàrlas  duit  fein. 


M 


134* 

47.  Mu  hhàs  MàìJmr, 

Is  miiladach  do  mhuinnlir  òig,  os  cionn  aon  ni  eile, 
bàs  màthur.  Isc,  a  bhana-cliaraid  is  dlùitho,  is  dìsle 
a  bh'  ac'  air  thalamh,  ris  ani  bu  chleachda  dhoibh 
amharc  suas  leis  an  urram  a  b'  àirde,  d'  anì  b'àbhuist 
doibh  an  ioman;uin  innseadh,  an  cridhrachan  fhosg- 
ladh,  is  air'n  do  chàirich  iad  an  làn  earbsa  jjun  eagal 
gun  sgàih.  Cha'n'eil  deuchainn  eileisurrainn  leachd 
an  caranih  muinntir  òig  da'n  dù  bariachd  biòin  a 
dhùsgadh  na  bàs  mùihar  chaoimh.  Tha  so  soillcir  nia 
bheir  sinn  (ainear  nach  'eil  gràdh  snn  t-saoghal  a  dh* 
fhaodar  a  choimeas  ri  gràdh  màthar  d'a  sliochd, 
Faodai  foill  a  bhi  aniìs  gach  càirdeas  eile,  ach  foill 
cha  robh  's  cha  bhi  sa  chàirdeas  so.  Faodai  gràdh 
muinnlir  eile  bhi  blà  ach  cha'n  fhaodar  a  choimeas 
ri  blàs  a  gluàidh  sin  a  iha  ann  an  uchd  na  màlhar. 
Is  suarach  lcithesa  fois  agus  tàmh,  suain  na  h-oidh- 
che,  agus  saolhair  an  là  air  sgath  a  cloinne.  Ma 
tha  iadsan  ceart,  tha  ise  toilichte.  Nach  dù  do'n 
leanan)h  a  bhi  brònach  le  bàs  na  niàthar  !  Bu  tait- 
neach  ieamsn,  a  deir  e,  is  e  ga  caoidh,  cainnt  a 
caoimhneis  agus  uirigleadh  a  giàidh;  ach 's  l'uar  a 
nochd  anns  an  ùir  an  cridhe  leis  am  b'  ionmhuinn 
mise;  ajjus  na  gairdeinibh  leis  an  tric  a  dh'  altrum  i 
mi  lo  gràdh  ;  na  bile  sin  as  am  minic  a  thainig  còmh- 
radh  a  chaoimhneis,  agus  comhairle  na  cèille,  tha 
iad  a  nis  nan  tosd  ann  an  suain  a  bhàis. 

Ann  am  bàs  màthar  tha  clann  a'  call  a  chin-aim 
fliaicillich  nach  moihaich  iad  am  feasd  tuillc.  Cha'n- 
*eil  e  comasach  an  imcheist  a  tha  màthair  a'  fulang 
arson  na  cloinnc  a  thuigsinn  ach  leo-san  a  dh'  fhios- 
raich  e.  A'  bheil  gu  dearbh  aon  aobhar  imcheist 
eile  aig  mùthair  ach  a  teaghlach;  agus  cha'n  iom- 
guin  thulgach  a  bhios  aice,  ach  a  là  'sa  dh'  oidhche 
fhad  's  is  beo  i,  agus  gu  tric  ann  an  glaic  a  bhàis, 
anns  san  osna  leis  a  bheil  an  deò  a'  fàgail  a  chuirp, 
tha  h-ùrnuigh  dheireannach  a'  dol  suas  as  an  leth. 


135 

'Nuair  dh'  fhalbhas  ise  an  ìofrhnadh  iad  a  bhi  fo 
bhròn  !  Cò  ris  a  nis  a  cbiiireas  iad  an  comhairle, 
ann  an  là  na  h-airce;  agus  cò  hheir  dhoibh  misneach 
ann  an  àm  am  bròin?  Dh'  Hìalbh  ise  a  rinn  faire 
orm  mar  aingenl  frithealaidh  ;  dh' fhalbh  i  air  an 
t-slighe  as  nach  piil  i;  's  nàdurra  dhoibh  gun 
iunndrainn  iad  a  bàiiih.  An  àin  linneis  cò  bha  co 
furachair?  An  robh  làinh  eile  ann  a  laimhsicheadh 
a  chreuchd  gun  a  leon  mar  dheanadh  isc?  Cò 
a  ciieartaicheas  a  chliiasn(r  air  adhart  leaba  na  h» 
euslai'.ite  mar  dheanadh  ise  i*  Riandi  cha  d'  ihug  i 
dùil,  £>ad  a  bha  a  sùil  a'  sileadh,  cha  chualas  a  gearan. 
Gad  a  thigeadh  achlann  gu  bochduinn  cha'n  fhaicte 
caochladh  air  a  gnùi>.  Roinneadh  i  riu  an  greini  fa 
dheireadh,  ga  nach  biodh  aice  ach  làn  an  dùirn  de 
mhin  bu  leosan  e  fhad  'sa  mhaireadh  e.  Gad  a 
bheireadh  teang  a  mhi-ruin  beum  dhoibh,  cha 'n 
èisdeadh  i  ri  tuaileas,  's  cha  chreideadh  i  droch 
egeul. 

Ann  am  bàs  màthar  tha  muìnntir  òg  a'  call  a 
cbomhairl  is  f>riseile.  Tha  clann  òg  aineolach  ma'n 
t-saoghal,  agus  mu  chuilbheairtean  an  t-sluaigh; 
iad  gach  àm  ann  an  cunnart  a  bhi  air  am  mealladh 
le  baoth-chairdeas  mi-dliìleas;  ach  cealg  cha'n'eil 
ann  an  comhairle  màthar.  Cha  ruigear  a  leas  ni 
sam  bith  a  chlcth  uaipe;  agus  bheir  i  a  comhhairle 
ann  au  caoimhneas  cainnte  le  caomhalachd  agus 
bàigh.  Nach  d'  fhiosraich  cuid  agaibh  so  ann  an 
làithibh  ur  n-òige,  agus  nacli  brònach  ri  smaoin- 
teachadh  nach  'eil  a  gliocas  ni  's  fjxide  agaibh,  Cò 
sdiùir  sibh  gu  cathair  na'n  gràì  'nar  leanabas  ?  Cò 
theagaisg  dhuibh  an  glùii  a  lùbadh,  's  a  chuir 
briaihra  freagarach  'nar  beul  ?  Cò  labhair  ribh  mu 
ghrà'.lh  ur  n-Aihar  neamhuidh,  a  dh'  innis  duibh 
mu  Chriosd,  agus  a  dh'  aom  sibh  gu  cobhair  agus 
sdiùradh  Spiorad  na'n  giàs  aslachadh  ?  A  chaoidh 
cha'n  fhcoraich  i  dhibh  luille  'n  do  chuimhnich  sibh 
an  diugh  air  Dia?  Ciia  tog  i  libh  luille  an 
M2 


136 

laoidh — cha  d'  theid  i  tuile  romhaibh  do  thigh 
Dhe — cha  suidh  sibh  tuiile  leatha  a  dh'  èisdeachd 
an  fhocail.  Tha  'n  t-àit  am  b'  àbhuist  di  suidh 
aig  bord  a  chomanaich — am  biobull  as  am  bu 
ghnà  leatha  focal  na  slaint'  a  ieuyhadh, — an  leabadh 
as  an  do  chuir  i  suas  a  choilion  ùrnuigh  air  mo  shon, 
air  an  do  ghabh  mi  an  cead  deireannach,  nach  di- 
chuimhnicii  mi  a  chaoidh,  tha  so  uile  a'  toirt  am 
chuimhne  na  chaill  mi,  gun  d'  thugadh  Dia  comas 
domh  feum  iomchuidh  a  dheanamh  dheth. 


48.  Mu  chofhurtachd  mu  hhàs  Màthar. 

Tha  bàs  màthar,  da  rireadh  na  aobhar  bròin;  ach 
buidheachas  do  Dhia,  cha'n'ei!  clann  air  am  fàgail 
gu  bròn  mar  mhuinntir  aig  nach  'eil  dòcljas.  Tha 
sòlas  a'  sruthadh  o'n  fhiosrachadh  gur  h-ann  o  laimh 
Dhe  fein  a  tha  'n  deuchainn  so  a'  tighinn.  'Se  so  a 
thug  air  righ  Daibhidh  a  ràdh  ann  an  là  a  bhroin, 
*'  Tha  mi  balbh,  cha'n  fhosgail  mi  mo  bheul,  oir  is 
tusa  fein,  a  Dhe  a  rinn  e."  Is  amaidcach  faoin  an 
ni  do  chreutairibh  gearr-sheallach,  mar  a  ta  sinne,  a 
bhi  ri  monmhor  fo  bhuintinneas  freasdail  an  ti  naomh 
sin,  tha  glic  na  chomhairle,  agus  glormhor  ann  an 
neart.  'S  ann  ris  fein  a  tha  sinn  an  earbsadh  arson 
gach  sochair  agus  sòlas  a  th'  againn.  Nach  m^ 
chiatach  a  thig  e  gearan  a  dheanamh,  agiis  diuita 
striochda  'nuair  is  deònach  leis-san  aon  bhennnachd 
a  bhuilich  e  fein  oirn,  a  ghairm  air  falbh.  O! 
b'  fliearr  giin  robh  e  againn  mar  chainnt,  'Stu  fein  a 
rinn  so,  Ò  mo  Dhia,  gu  ma  beannuichte  t-ainm  ! 

Thigcadh  dhuinn  a  chuimhneachadh  nach  Bith 
feargach  gun  iochd  a  tha  toirt  gach  atharrachadh 
de'n  ghne  so  mu'n  cuairt;  ach  esan,  Athair  caomh  nan 
uile  thròcair,  aig  a'  bheil  an  gràdh  is  àirde  d'a  mhòr 
theaghlach.  'S  e  Dia  a  thug  mu'n  cuairt  an  ni  a 
dh'fhàg  mise  co  cianail ;  's  e  fein  a  dh'  àithn  an  t-àm 


137 

san  dòi^h  bu  fhreagaraich.  Ann  an  gliocas  neo- 
mhearachdach,  ann  am  maitheas  neo-chriochnach, 
bha  e  uile  air  a  shocrachadh ;  agus  uair  no  uair- 
eiginn  san  t-saoghal  so  no  san  t-saoghai  ri  teachd 
tuigidh  sinn  gur  ann  mar  so  a  bha.  Tog  uime 
sin  do  nihisneach,  thus  a  tha  fo  bhròn  ;  bi  tainn;eil 
gun  robh  ise  dh' fhalbh  aìr  a  caomhnadh  co  tad  ; 
abair  ann  an  creidimh  slriochdta  mar  thuirt  lob, 
'Se  Dia  tlìug  dhomh^  'sefein  a  thug  uamy  gu  ma  bean- 
nuichte  gun  robh  ainm  an  Tighcarna, 

Nach  culaidh  shòlais  dhuit  a  thoirt  fainear  nach 
robh  a(m  sochair  a  thainig  riamh  a'd*  ionnsuidh  o 
d'  mhàthair  a  dh'fhalbh,  nach  'eil  ri  fhaotninn  o 
Dhia,  anns  an  tomhas  is  àirde  agus  is  iomlaine.  Bu 
mhòr  gradh  do  mhàthair  do  d'  thaobh  ;  ach  an 
coimeas  e  ri  gràiih  Dhe  a  tha  dol  thar  gach  uile 
eolas.  Ann  an  oidhche  bhròin  tog  do  ghuih,  agus 
seinn  moladh  agus  cliu  na  tròcair  sin  a  mhair- 
eas  gu  bràlli;  agus  an  gràdh  caoimhneil  sin  is  fearr 
na  beaiha.  B'i  so  laoidh  bhàis  do  mhàthar,  agrus 
am  bi  i  air  a  di-chuimhneachadh  leatsa  ann  an  là  do 
bhochduinn  ? 

An  rohh  bàigh  aig  do  mhàthair  do  d'thaobh,  agus 
an  do  ghabh  i  cùram  dhiotf"  tilg  gach  cùram  aìr 
Dia,  oir  cha  dìobair  esan  thu  's  cha  trèig.  Eadhon  a 
nise  fein,  'nuair  tha  thu  'n  impis  faillneacha  tha  esan 
a'  togail  suas  air  do  shon  càirdean,  agus  tha  s(Mais 
aige  air  an  tasguidh  fa  d'  chomhair  'na  àm  math 
fein.  Aon  osna  cha'n  èirich  o  d'  uchd  gun  fhios 
da;  dean  do  ghearan  ris,  gheibh  thu  faobhachadb, 
agus  sòlas. 

Gheibh  thu  co'-f  hurtachd  ann  am  bàs  màthar  le 
bhi  coilionadh,  niar  bheir  Dia  cothrom  dhuit,  gach 
deagh  rùn  a  bha  'na  cridhe.  Smaointich  leat  feia 
ciod  an  ni  a  bheireadh  am  barrachd  sòlais  d'ise  nata 
biodh  i  làihair;  oirpich  sin  adheanamh,  agus  gheibh 
thu  toilcachas-inntinn  mòr  ann  an  là  a  bhròìn. 
'Bheil  bràiihre  no  peathraiche  òga  niaoth  agad,  ciod 
M  3 


138 

air  leat  mar  bu  mhatli  le  d'  mhàthair  thu  ga'n  gnàth- 
achadh  ?  Oirpich  so  a  dheanamh,  's  ga  d'  à  robh 
doilghiodais  san  rathad,  cha  bhi  do  shaothair  gun 
duais.  'N  robh  iomaguin  orraise  mu  muirighinn  an 
àm  dealachadh  riu  ?  as  uchd  na  rinn  ise  rianih  air  do 
shonsa,  bi  thusa  mar  is  urra  dhuit  an  àite  pàranda 
dhoibhsan.  An  robh  sonas  an  anama  os  cionn  gach 
ni  eile  a'  dùsga  suas  cùram  na  cridhe  ?  saoithrich 
thusa,  cicachd  a  h-uile  dichealJ  gum  bi  ìomhaigh 
Chriosd  air  a  chruthachadh  annta.  Mar  so,  cha'n- 
'eil  uair  a  smaointicheas  ta  oirres  a  dh'fhalbh  nach 
faigh  thu  sòlas;  cha'n'eil  uair  a  shuidiieas  tu  air  an 
fhòid  ghuirm  a  tha  thairis  oirre,  nach  mothaich  thu 
subhachas  inntinn;  's  an  uair  a  choinnicheas  sibh  air 
neamh  cuiridh  i  fàilte  ort  le  deòthas  co  àrd  's  nach 
'eil  e  nis  comasach  do  d'  chridhe  a  thuigsinn. 

A'  bheii  thu  fo  bhròn  arson  bàs  màthar  chaoimh, 
's  am  bu  mhiann  leat  co'-f  hurtachd  fhaotainn  ?  Bi 
thusa  mar  biia  ise,  cuimhneachail  air  Dia,  gràdhach 
mu  d'  Shlanuighear,  is  do  ghnà  thaic  leagta  air  an 
Spiorad.  Cha'n'eil  aon  sòlas  is  àirde  na  bhi  strìgh 
gu  ruigheachd  air  na  gràsa  is  na  beusan  arson  an 
robh  na  daoinc  math  o'n  d'thainig  sinn  co  ainmeil. 
Am  bi  sinne  'nar  cealgoirean,  agus  iadsan,  math  a 
dh' f  haoide  a' tnirt  fainear  ar  giulain  ?  Nior  leige 
Dia  gun  d'thugamaid  tàmailte  air  cuimhne  no  deagh 
ainm  nam  pàrandan  math  o'n  d'thainig  sinn.  Nach 
brosnaich  e  sinn  gu  bhi  faicilleach  an  dòcbas  àrd  gu 
bheil  an  t-àm  a'  tighinn  anns  an  abair  iads^an  's  iad 
gar  tiomna  suas  do  Dhia,  Feuch,  a  Thighearn,  an 
so  tha  mis  agus  na  leanabain  a  thiig  thu  dhomh. 

Anns  an  àite  ma  dheireadh,  tha  co'-fhurtachd  fo 
bhàs  niàthar  o  chreidsinn  gu  bheil  ise  sonadh,  gu'n 
coinnich  sinn  fadbeoidh  ann  an  dùthaich  aghmhoir 
bheannuichte,  far  nach  bi  dealachadh  ni's  mò;  far 
nach  bi  airsneul,  no  caoidh,  no  bàs  tuille. 

Dh'f  hàg  spiorad  do  mhàthar  a  cholainn,  ach  c'àit 
an  deachaidh  e?     Fosgail  Soisgeul  Chriosd  agus  chi 


139 

thu  gu  bheil  spioraid  nam  fìrean  maille  ri  Dia;  agus 
am  teadh  a  tha  thusa  ri  bròn,  gu  bbeil  iadsan  a' 
sealbhachadh  sòlais  bi)uan  mhaireannach.  Dh'  ise 
dh'fhalbh,  tha  gach  cùram  agus  othail  shaoghalta 
am  feasd  seachad.  Tha  i  maille  ri  Criosd,  tàr  an 
deachaidh  e  dh'  uimeachadh  àite-còinhnuidh  ga 
luchd-leanmhuinn.  Chuala  tu  i  'g  ràdh  riut  gun 
robh  fìuthair  aice  do  choinneachadh  air  neamh;  agus 
chuir  i  mar  fhiachaibh  ort,  a  bhi  dìleas  gu  bàs.  A 
cholann  sin  achunnaic  thus'  air  a  càramh  fo'n  fhòid, 
san  ùir  far  am  bu  mhiann  leals  an  diaigli  bàis  codal ; 
èiridh  an  corp  sin  fatliast,  neo-lhruaillulh  agus  neo- 
bhàsmhor.  Buailidli  an  cridhe  sin  bu  bhlàithe,  ni's 
blàithe  na  rinn  e  riamh;  agus  na  sùilean  ein  a  bha 
làn  de  chaoimhneas,  fosglaidh  iad  an  deigh  so  ni 's 
carthannaiche  na  bha  iad  riamh.  Na  gairdeana  sin 
a  ghiulain  thu  a'd'  òige  le  bàigh,  paisgidh  iad  thu 
fhathast  na'n  glacaibh;  agus  canaidh  na  bilean  sin  le 
fàilt  an  aigh — Gun  robh  Dia  gràsmhor  dhuit,  O  ! 
mo  mhac ! 


49.  Sgriobhadh  air  Lichd-lighe  an  Clachan-an-dìseirt. 

An  so  na  liiidh  tha  te  san  Innis 

Bean  bu  duilich  Jeam  bhi  ann; 
Beul  a  chiùil,  is  lamh  a  ghriiinis, 

Tha  iad  a  nis  an  so  nan  tamh. 

Tuille  cha  toir  am  bochd  ort  beannachd 
An  lomnochd  cha  chòmhdaich  thu  ni's  raò, 

Cha  tiormaich  deur  o  shùil  na  h-ainnis, 
Co  tuille  O  iag  a  bheir  dhuit  treoir. 

Cha'n  f  haic  sinn  tuille  thu  sa  choinneamh, 
Cha  suidh  sinn  tuille  aig  do  bhord, 


140 

Dh'fhalbh  uainn  suairceas,  seirc  is  grinneas 
*  Tha  bròn  is  bith-mhulad  air  teachd  oirn. 


50.  Marhhran  don  Ard-urramach  Mr,  Seumas  Beattie 
a  hlia  'n  Obaireadliain. 

Och  nan  Och  !  mar  a  ta  nii  ! 

Thrèi<5  mo  shujrradh,  mo  mhàran,  's  mo  cheol ! 

'Strom  an  aiceicl  iha  ni'  cbràdh-lot, 

'S  goirt  ani  bcum  a  rinn  siràinteach  am  fheoil. 

Mi  niar  annracli  nan  cuaintean, 

A  chailleas  astar  feadh  stuaghaibh  sa  cheò; 

O'n  bhuail  teachdair  a  bh-àis  ihu, 

A  charaid  chaoimh  bu  neo-f  hailteumach  gloir. 

A  Ghaoil !  a  Ghaoil  de  na  fearaibh  ! 
'S  fuar  a  nochd  air  an  darach  do  chrèubh, 
'S  fuar  a  nochd  air  a  bhord  thu, 
Fhiurain  uasail  bu  siòild  ann  ad   bheus  ! 
An  lamh  gheal,  fhuranach,  chàirdeil, 
Is  tric  a  Htuair  mi  le  failie  wun  phlèid, 
Ri  d'  thaobh  san  anart  na  sineadh, 
Na  meall  fuar  creadha,  fo  chìs  aig  an  eug. 

Amhiog-shuil  donn  bu  tlàih  sealladh, 
A  nis  air  tionnda  gun  lainnir  a'd'  cheann  I 
'Sàmhach  binn-giiuth  na  h-ealaidh  ! 
'Sdùint  am  beul  ud  o'm  b'annasaich  cainnt! 
An  cridhe  fìrinncach  soilleir, 
Leis  'm  bu  spìdcil  duais  foille,  no  sainnt; 
An  nochd  gi»n  phlo?g  air  an  dèilidh, 
Sian  nio  dhosgain,  nach  breugach  mo  rann. 

Gun  smid  tha'n  ccann  anns  na  thàrmaich 
Bladh  gach  eolais  a  b'àird  ann  am  miagh; 


141 

Gliocas  eaf^nui  na  Grèifre, 

'S  na  thuig  an  Eadailt  bu  frheur-f  hoclaich  brigh  I 

'S  balbh  fear-reitich  gach  teagamh 

Anns  a  bheurla  chruaidh,  sprei^rcarra,  ghrinn  ! 

'Nuair  bhios  luchd-fòiThluini  fo  dhubhar, 

Cò  nad'  ionads'  a  dh'fhuasglas  an  t-snuim? 

'S  balbh  an  labhruiche  pòngaii, 

Bu  tearc  r'a  f  haotainn  a  chompanach  beoil ; 

'Am  briathraibh  snaidhte,  sgèimh-dhealbliach, 

A  chur  na  h-ealaidh  no'n  t-seanchais  air  neoil; 

Ge  b'e  Bàrd  an  dàin  cheutaich, 

Ma  chian-astar  Eneais  o  Thròidh; 

'S  firinn  cheart  nach   bu  diù  leis, 

E  fein  thoirt  mar  Ughdair  do  sgeoil. 

Gun  smid  tha'n  Giiocair  a  b'  eolaich, 

Air  fad  na  cruitheachd  a  dh'òrduich  Mac  De  ! 

Gach  gne  an  saoghal  na  Fairge, 

'Sa  mhachthir  chòmhnaird,  no'n  garbhlaich  an  t- 

sleibh  : 
Gach  bileag  ghorm  a  tha  lùbadh, 
Fo  throm  eallaich  nan  drùchd  ris  a  ghrèin: 
'S  an  rioghachd  mheatailteach  b'àf^hmhor, 
Do  phurp  ag  innse  dhuinn  nàdur  gach  seud. 

'S  balbh  fear  aithne  nan  ràidean, 

A  shoillsich  Aingil  a's  P'àidhean  o  thùs  ; 

A's  Soisgcul  glormhor  na  slainte, 

Thug  fios  air  tròcairean  Ard-Righ  nan  dùl: 

An  stèigh  gach  teagaisg  bu  ghràsmhoir, 

'S  tearc  Pears-eaglais  ihug  barr  ort,  a  Rùin  ! 

Dòchas  t-anama  bu  laidir, 

'S  an  fhuil  a  dhoirteadh  gu  Pharrais  thoirt  dhuinn. 

Riaghluich  t-eolas  do  ghiulan, 

Modh  na  foirfeachd  a  b'  iùl  duit  's  gach  ceum  : 

Do  mhor  chridh  uasal  gun  tnùth  ann, 

Gun  ghoimh,  gun  uabhar,  gun  lùban,  gun  bhreug. 


U2 

Cha  b'e  uailse  tholgach  an  f  hai5ain, 
Cha  dealradh  saibhreis  a  thatadh  do  spèis; 
*Si  'n  innfnn  rhior-ghlan  a  b'  fhiu  leat, 
A'a  foghlum  dìchiU  ga  siiùradli  le  cèill. 

Mo  chreach  leir  an  tigh  mùirneach, 

*S  am  faict'  a  ghreadhain  gu  sunndach  m'an  bhòrd, 

Dreois  na  ccir  a  toirl  soillse, 

Gach  fion  bu  taitniche  faoileas  fo  chròichd: 

Dochuirmbu  choniiltrach,  fàilteach, 

B'  aise.ig  slainte  dhuinn  niànran  do  bheoll ; 

Bu  bhinn  a  thogail  na  teis  thu, 

'Sa  chruit  f  honnmhor  ga  gleusadh  gu  ceol. 

'Nuair  a  dh'eirgheadh  còisridh  bu  choinnealt, 

A  dhanns'  <ru  luih'ar  ri  pronnadh  nom  pong; 

Gum  b'  cibhinn  crìJh  do  mhnà-comuinn, 

Do  chròiililcin  maoih  's  iad  gu  tomanach,  donn  ; 

A  ghcarradh  leum  air  bhòrd  loma, 

Dol  seacli  a  clieile  mar  ghoireadh  am  fonn; 

Ach  dh'  fhalbh  sid  uile  mar  bhruadar, 

No  bristcadh  builgein  air  uachdar  nan  tonn. 

A  Righ  !   gur  ciatiail  mo  smaoìntean, 

Ri  linn  do  t-aros  bhi  faontrach  gun  mhuirn  I 

Sguir  a  chuirm  's  an  ccol  gàire, 

Chaidh  meodhail  glircadhiiach  a's  mànran  o'r  cùl: 

Chinn  an  talla  fuar  fàsail  ; 

'Se  chuir  mullach  na  fàrdoich  'na  sraùr, 

Ceann  na  didinn,  's  na  riaghuilt, 

A  bhi  sa  chadal  throm  shiorruidh  nach  diàisg  I 

Do  bhantrarh  bhochd  niar  eun  tiomhaidh, 

Ri  truagh-ihùrsa,  's  a  sgialhan  mu  h-àl ; 

A  neadan  crcaclita,  'si  dòincach, 

Mu  gaol  a  sholair  an  lòn  doibh  gach  tràth; 

O'n  dh'  imich  Fir-eun  na  h-caliainn, 

Tha'n  t-searbh-dliìle  'iighinn  thart  as  gach  àird  ! 


143 

A  Righ  nan  Aingeal  !  bi  d'  dhion  doibh, 
'S  tionndaidh  abcaoin  na  s-ìne  gu  tlàihs. 

*S  ioma  sùil  a  ta  silteach, 

A  thaolih  Uigh  nan)  fcar  glic  gun  bhi  buan: 

Tha  niìlte  urnuigh  ga  d*  lcjuiailt, 

Le  niìlle  dùrachd,  a's  bcannachd  gn  t-uaigh; 

A  h'ulhad  diùiannach  ainnis, 

A  dh'  àrduich  t-ionnsachadh  ainncamh  gu  h-uaill; 

'S  gach  là  bhins  càirdcas  air  faoineacbd, 

A  Bheatlie  chliùitich  !   bidli  cuinihn  air  do  luach. 

Rinn  t-eug  sinn  uile  gun  sò'as, 

Tha  teach  nnn  innleachd,  's  an  Oigridh  fophràmh; 

Chaidh  Albuinn  liuilcach  fo  eislean, 

Sguir  na  CeoIraidlie:in  Greugach  de'n  dàn: 

Thainig  dall-blirat  na  h  oidhch'  oirn, 

O'n  chaidh  Lochrann  na  soillse  nasmàl; 

B'e  sid  an  crilli-reoilifulh  ceitcin, 

AmhiU  am  fochaun  bu  cheulaiche  bàrr  I 

Bu  tu  craobh  abhulj  a  gliàraidh, 

A  chaoidh  cha  chinnich  i>i  's  àillidh  fo'n  ghrèìn ! 

Dealt  aiì  t-i-amliruidh  mu  b  àthaibh, 

Lùisrcadh  dhuilleag  air  chraclidaibh  a  geug  : 

Ach  thilg  dubli-iihoireann  a  gheamhruidh, 

A  bheiihir  thcinndi  le  srnnn  as  an  speur ; 

Thuit  an  Galian  ùr  lìomhach, 

'S  uile  mhaise  ghrad-clirion  air  an  fheur  ! 

A  Thi  tha  stitàradh  na  cruinn  e  ! 

*Stu  leig  d'ar  n-ionnsuidh  am  buille  bha  cruaìdh  ! 

'S  sinnechaill  an  t-.-àr  Ulaidh, 

Neonaid  phriseii  nan  lomadai  buaidh  ! — 

Dh'fhalbh  a  chombaisd,  's  na  siùil  oirn, 

Chaidh  an  gaisreadh  's  an  fhiuhhai  *n  am  bruan; 

Gach  creug  na  cunnait  do'n  fhiùraich, 

O  laiuh  duibhr'  air  ReuU-mtl  an  taobh  tuath. 


144 

Och  nan  och  mar  a  ta  mi ! 

Mo  chridhe  'n  impis  blii  swàinte  le  bròn  ! 

Tha'n  caraifl  cùirtan  dèifrh  m'  fhàgail, 

A  sheasadh  dùrachdach  dàn  air  mo  chòir  : 

Bidh  sid  am  chhabh  mar  bheum  cnàmhain, 

Gus  an  uair  anns  an  tàr  mi  fo'n  fhòid  ; 

Ach  's  glic  an  t-Aon  a  thufT  cis  dhinn, 

'S  daòrdugh  naomh  biomaid  strìochdtagach  lò. 


51.  Mar  fhuaradh  a  mach  America. 

An  toiseach  an  fhogluair  sa  bhliadhna  1492  chuir 
Columbus  fa  sgaoil  mu  èirigh  na  grèine  ann  an  làth- 
air  sluagh  mòr,  a  ihog  an  ùrnuigh  suas  as  a  leth 
gu  neamh,  a'  guidhe  gu  dùrachdach  gun  soirbhich- 
eadh  leis,  ga  nach  robh  dùii  sam  bilh  aca  gum 
buadhaicheadh  e  na  bhana  bheachd.  Cha  robh  aige 
ach  tri  loingeas  agus  cha  robh  iad  sin  fein  ach  beag. 
Bha  annta  so  ceiihir  fichead  pearsa  sa  deich,  a  chuid 
bu  mhò  dhiu  nan  seoladairean ;  a  bharr  "air  àireamh 
bheag  eile  a  chaidh  leis  air  tòir  na  dh'  fhaodadh  iad 
a  bhuannachd;  agus  cuid  de  uaislibh  na  Spàinde 
chuir  a  bhan-righ  a  mach  maille  ris.  Rinn  eghabh- 
ail  gu  direach  arson  na  n-eileanan  sin  ris  an  canar  na 
Canarics;  's  an  dèigh  dhoibh  an  loingeas  agus  gach 
acfhuinn  a  biiuineadh  dhoibh  a  cheariachadh,  agus 
gach  uidheamachadh  eile  bha  feumail  a  dheanamh: 
ghabh  e  chead  deireannach  de'n  àite  sin,  air  an  t- 
sèatha  là  de  mhìos  meadhoin  an  fhogharaidh.  'S  ann 
a  nis  a  ihòisich  e  air  an  turus  fairge  bha  na  bhcachd; 
stiùir  e  gu  direach  an  iar,  threig  e  gach  àird,  agus 
gach  slighe  fairge,  air  na  sgaoile  gus  a  sin  seol,  agus 
ghabh  e'n  cuan  mòr  fo  cheann.  Cha  deachefad  air 
aghaidh  air  a  cheud  là,  oir  cha  robh  deò  shoirbhis 
ann,  ach  air  an  ath-là  rinn  e  folach  cuain  air  na  h- 


145 

eileanan  a  dh'  fhàg  e;  bha  iada  nis  gu  buileach  as  a 
shealladh.  Thuit  na  seoladairean  a  nis  gu  diobhail 
misnich,  'nuair  a  thug  iad  fainear  an  ni  eagallach  a 
bha  'm  beachd  an  duine  so,  ag  iarruidh  saoghal  ùr 
air  nach  cualas  riamh  iomradh  ;  bhuail  iad  air  an 
uchd  le  uabhas,  shil  an  deoir  gu  frasach,  a'  smaoin- 
eacha  nach  d'  thigeadhan  là  a  chitheadh  iad  cladach 
tuille.  Bhrosnuich  Columbus  iad  gu  misnich,  a' 
toirt  cìnnte  dhoibh  gun  soirbhicheadh  leo,  agus  a'  cur 
an  cèill  doibh  an  saibhreas  mòr  a  chosnadhiad  dhoibh 
fein  anns  na  dùchaibh  tarbhach  ùr  chum  an  robh  e 
nis  gan  treòrachadh.  Thuig  Columbus  gu  tràth  o 
ghiulan  gealtach,  meith-chridheach  a  luchd  lean- 
mhuinn,  gun  robh  aige  ri  strìgh,  cha'n  e  mhàin  an 
aghaidh  na  doilghiodais  a  bha  fuaighte  ris  an  turus 
chunnartach  air  an  robh  e  dol,  ach  mar  an  ceudna 
an  aghaidh  cuir-iomchuir  agus  gearan  nan  daoine 
meata  a  bha  maille  ris :  agus  mhothaich  e  gun  robh 
seoltachd  agus  toinisg  co  feumal  chum  inntinn 
dhaoin'  a  cheannsachadh  'sa  bha  eolas,  tuigse  agus 
teomachd  ann  an  toirt  na  loingeas  gu  tearuinte  as 
gach  gàbhadh.  Bu  mhath  dhàsan  agus  ga  dhùthaich 
nach  do  sheas  ceannard  air  luing  bu  fhreagaraich 
air  gach  dòigh  na  esan  chum  cuir  an  aghaidh  gach 
cruaidh-chas.  Bha  e  innleachdach,  àrd-thogarrach, 
dàn'  agus  cruadalach,  agus  air  an  laimh  eile,  bha  e 
foighidneach,  stuama,  agus  seas'ach;  eolach  air  an 
t-saoghal  agus  air  nàdur  dhaoine,  suairce  modhail 
na  chainnt,  agus  fearail  na  ghiulan,  ionnas  gun 
robh  aige  gach  buaidh  a  bha  feumail  a  chum  urram 
a  chosnadh,  agus  smachd  a  sheasamh:  os  cionn  gach 
ni  cha  d'  amharc  maraiche  riamh  ann  an  cridhe 
fuaraidh  a  thug  barr  air,  ni  nach  faodadh  gun  a  thoirt 
air  daoine  làn-earbsa  chur  ann  ann  an  àm  cunnairt 
na  gàbhuidh.  An  dèigh  dhoibh  bhi  mìos  aig  fairge, 
agus  an  sgioba  an  impis  fairtleachadh  air  le  'n  geait- 
achd  cheannairceach,  mhothaich  iad  fa  dheireadh 
comharan  a  dhearbh  dhoibh  gun  robh  iad  a'  dlùth* 


146 

acha  gìi  tir.  Rainig  an  luaidh-thomhais  a  thilg  iad 
a  mach  grinneal  na  fairge,  agus  thuig  iad  air  cos- 
las  na  làthaich  a  thainig  a  nios  nach  robh  am  fear- 
ann  fad  air  falbh.  Bha  sgaoth  eun  a'  teachd  dlù 
dhoibh  air  gach  taobh,  's  a'  fàs  ni  's  lionmhoire  o 
àm  gu  h-àm:  cha  'n  e  mhàin  eoin  mharaach  mar  an 
ceudna  eoin  tìre  nach  b'  urrainn  itealaich  fad  o'n 
tràigh.  Mhothaich  sgiob  a  h-aon  de  na  soitheachan 
cuilc  a'  snàmh  air  an  fairge  a  ghearradh  do  rèir  cos- 
lais  o  cheann  là  na  dhà,  agus  mar  an  ceudua,  mir 
maide  air  a  shnaidhe  gu  h-innleachdach.  Thog 
muinntir  a  h-aon  eile  de  na  loingeis  geug  craoibhe 
air  a  h-ùr  bhuain  air  an  robh  dearcan  dearga.  Bha 
coslas  ùr  air  na  neoil  mu  thimchioU  na  grèin  an  am 
dhi  dol  fodha,  bha'n  oiteag  ni  bu  chiùine  agusni  bu 
bhlàithe — rè  na  h-oidhche  bha  'n  soirbheas  air  ais 
agus  air  adhart  o  gach  àird,  thuig  Columbus  air  a 
so  gun  robh  iad  dJù  do  thìr.  Bha  e  co  dearbh- 
chinnteach  as  a  so,  's  gun  d'  àithn  e  air  feasgar  an 
aon-là-deug  de  mhios  deireannach  an  fhoghair,  'an 
dèigh  ùrnuigh  fhollaiseach  a  chur  suas,  na  siùil  a 
phasgadh,  agus  luchd-amhairc  fhurachair  a  chur  air 
freiceadan,  an  earalas  nach  dlùthaicheadh  iad  gun 
fhios  doibh  air  tir.  Fad  na  h-oidhche  sin,  anns  an 
robh  dochas  agus  dùil  gach  aon  co  àrd,  cha  d' 
thainig  codal  air  sùil.  Bha  gach  aon  air  clàr  uach- 
drach  na  luinge;  cha  do  theiring  duine. — Bha  h- 
uile  sùil  gu  dian  iomaguineach  ag  amharc  a  mach 
ris  an  àird  o'n  robh  dùii  aca  a  cheud  sealladh  air 
tìr-mòr  fhaotainn,  miann  an  cridhe  agus  dùrachd 
an  anama.  Tamuil  beag  roi  mheadhon  oidhche, 
'nuair  a  bha  Columbus  na  sheasamh  ann  an  toiseach 
na  luinge,  mhothaich  e  solus  fada  uaithe,  agus 
chomharaich  e  a  mach  e  do  dhithis  dhaoine  bha 
nan  seasamh  laimh  ris.  ^^lhunnaic  iad  nan  triùir  an 
solus  a'  gluasad  o  àite  gu  àite,  agus  beagan  an  dèigh 
sin  chualas  o  a  h-aon  de  na  loingeais  a  bha  sa  chuid- 
eachd,    an    iolach    aoibhneach    Tir,    Tir.      Ach 


UT 

mhealladh  iad  co  tric  le  baoth-choslais,  's  gun  robh 
iad  a  nis  an-amharusach  nan  inntinn.  Dh'  t'huirich 
ìad  uime  sin  ann  an  iarguin  iomaguineach  ri  tilleadh 
an  hì.  Cha  luaithe  bhris  fàire  na  maidne  na  dh' 
fhalbh  gach  aobhar  eagail  agus  amharus:  chunnaic 
iad  eilean  sea  mìle  mu  thuadh  dhoibh,  le  mhachraich- 
ibh  lurach  uaine,  le  choilltibh  àrd  dosrach,  air  uisg- 
eachadh  le  aibhnichibh  fionnar,  nithe  a  thug  gne 
bheachd  dhoibh  air  maise  na  dùthchadh  àluinn  a 
bha  rompa.  Thog  sgioba  na  luinge  sin,  a  fhuair  a 
cheud  seailadh  air  tir,  laoidh  mholaidh  do  Dhia, 
agus  cho'-fhreagradh  an  fhuaim  o  gach  aon  de 
chàch,  ie  deuraibh  an  aoibhneis,  agus  àrd  cho'- 
ghairdeachas  anama.  Cha  luaithe  chuir  iad  an 
taingealachd  do  neamh  an  cèill,  na  thaisbein  iad  an 
àrd-mheas  do  'n  Clieannard.  Thilg  iad  iad  fein 
aig  a  chosaibh,  air  an  irioslachadh  le  cuimhn  air 
an  aineolas  agus  am  mi-shuairceas  d'a  thaobh,  a 
choisinn  doibh  fein  agus  d'  an  Ceannard  cho  liutha 
triobluid.  Dh'  amhairc  iad  a  nis  air  mar  dhuin  air 
a  shoiUeireachadh  o  neamh,  aig  an  robh  eolas  agus 
misneach  thairis  air  a  chuid  eile  de  'n  chinne 
dhaonna,  trid  an  robh  comas  aige  na  bha  na  bheachd 
a  thoirt  gu  crich.  Co  luath  's  a  dh'  èirich  a  ghrian 
bha  gach  geòl  a  mach,  agus  an  sgiobadh  annta  fo'n 
armaibh;  dh'  iomair  iad  air  falbh  a  dli'  ionnsuidh  an 
eilean,  le  'm  brataichibh  riomhach,  le  ceol  curanda 
buadhar,  agus  leis  gach  mòralachd  cogaidh  eile  a  b' 
urrainn  doibh  a  nochdadh.  'Nuair  a  dhlùthaich  iad 
air  an  fhearann  mhothaich  iad  gun  robh  àireamh 
mhòr  shluaigh  rompa,  a  chruinnich  'nuair  a  chun- 
naic  iad  na  loingeis,  a'  taisbeana  na'n  giulan 
gu  leir  an  t-iongantas  agus  an  t-uabhas  leis  an  do 
mhothaich  iad  gach  sealla  coimheach,  agus  cuspair 
ùr  a  bha  nis  nam  beachd.  B'e  Coluinbus  a  cheud 
duine  o'n  Roinn-Eorpa  a  sheas  riamh  air  an  t- 
saoghal  ùr  so  a  fhuair  e  fein  mar  so  a  mach :  bha  e 
air  èididh  ann  an  culaidh  dhreachmhoir  eireachdail, 
N2 


148 

claidheatnb  rùisgte  na  laimh,  lean  a  chuid  daoine  e, 
's  a'  tuiteam  air  an  glùinibh,  phòg  iad  am  fearann  a 
bha  na  h-urrad  fhadail  orra  chum  a  ruigheachd; 
thog  iad  crois,  agus  gan  sleuchda  fein  thug  iad  taing 
do  Dhia  a  thug  ceann-criche  co  sòlasach  air  an  turus. 
Ghabh  iad  an  sin  seilbh  san  dùthaich,  ann  an  ainm 
bann-righ  na  Spàinde,  leis  gach  cleachda  bha 
cumanta  san  linn  sin.  Chuartaich  muinntir  na 
dùthchadh  iad,  a'  inothachadh  le  ìoghnadh  agus  le 
urram  fiamhach  do  na  nithibh  a  bha  na  Spainndich 
a  deanamh,  ged  is  beag  a  bha  fios  aca,  mo 
thruaighe !  ciod  bu  chiall  da.  Bha  èididh  nan 
Spainndeach — gilead  an  craicinn,  am  fèusagan — an 
airm  agus  gach  ni  eile  nan  aobhar  ioghnaidh 
dhoibh.  Na  soithichean  mòr  air  an  d'  thainig  iad 
o'n  chuan,  a  bha  air  lco,  a'  gluasad  air  an  fhairge 
mar  gum  b'  ann  le  sgiathalbh,  agus  o'n  d'  thainig 
fuaim  co  uabhasach  lasrach,  le  tairneanach,  le  deal- 
anach,  agus  le  smùid  co  eagallach,  iion  so  iad  le 
mùiseag  agus  uabhunn  :  smuaintich  iad  nach  bith- 
ean  cruthaichte  a  bh'  annta,  ach  clann  na  grèine,  a 
theiring  c'ar  tamuill  a  dh'  ionnsuidh  an  t-saoghails'. 
Ma  bha  iongantas  air  na  h-Innseanaich  bhochda,  's 
gann  bu  lugha  bha  air  na  seoladairean,  bha  h-uile 
craobh,  a  h-uile  lus  annasach  dhoibh.  Bha  'm 
fearann,  do  reir  coslais,  tarbhach  ga  nach  do 
threabhadh  riamh  e.  Bha  chearna  so  de'n  domhan 
teith  leis  na  Spainndich,  ach  na  dhiaigh  so  uile,  ro 
ihaitneach.  Bha  'n  luchd-aitich  gu  lòm  rùisgte  ann 
an  neo-chionteis  nàduii".  Am  falt  fada  dubh  a' 
snàmh  air  an  guaillnibh,  no  air  fhidhe  na  chaisreag- 
aibh  dualach  mu  thimchioll  an  cinn.  Bha  neul  nan 
daoine  ruadh;  bha  'n  aogas  neo-choslach  ri  aon  ni 
riamh  a  chunnaic  iad  san  Roinn-Eorpa,  ach  na 
dhiaigh  sin  gun  bhi  idir  mi-thaitneach;  bha  seailadh 
an  gnùis  caoimhneil,  caomh,  agus  fiamhach.  Ga 
nach  robh  iad  àrd,  bha  iad  air  dheagh  chumadh, 
iasguidh,    fuasgailteach.     Bha  'n  aghaidhean  agus 


U9 

earrannan  eile  d'  an  cuirp  air  an  dath  gu  guanach 
amaideach,  bha  iad  nàrach  athach  air  tùs ;  ach  ann 
an  ùine  ghoirid  chinn  iad  ro  ionmhuinn  mu  na 
Spainndich,  agus  le  gairdeachas  anabarrach  ghabh 
uatha  cnaipeanan,  aigeailean  gloine,  agus  faoineachd 
eile  dhe  'n  t-seorsa  sin,  ann  an  iomlaid  arson  aon  ni 
a  bh'  aca  r'a  bheachnadh.  Thill  Columbus  mu 
fheasgar  a  dh'  ionnsuidh  na  luinge,  ]ean  mòran  de 
na  h-Innsinich  e,  ann  an  sgothan  fhada  chaoladh  a 
chladhaich  iad  a  mach  o  chalpa  chraobhan  mòr  a 
leag  iad,  a  shnaith  iad  gu  cumadh,  agus  a  dh'  iom- 
air  iad  gu  h-eutrom  seolta. 

Mar  so  fhuaradh  amach  America;  agus  mar  so 
ann  an  càirdeas,  agus  deagh  rùn,  choinnich  luchd-àit- 
ich  an  t-sean  saoghail  agus  an  t-saoghail  ùir  làn  thoil- 
ichte  taobh  air  thaobh  le  chèile.  Bha  na  Spainndich 
fiosrach,  eolach,  agus  sanndach ;  thuig  iad  chean  co 
luachmhor  'sa  bhiodh  na  cearnaidh  so  de'n  dùthaich; 
ach  na  h-Innseinich  bhochda  aineolach,  gad  a  bha 
iadsan  sòlasach,  is  beag  fios  a  bh'  aca  co  liutha 
àmhghar,  uabhas  agus  foirneart  a  bha  na  lorg  so  ri 
èiridh  dhoibh. 


52.  Lavinia. 


Bha  cairdean  aon  uair  aig  Labhinia  òig, 
An  ainnir  àiilidh  dh'  fhàg  iad  ì  gu  moch, 
'Na  naoidhein  chaiil  i  h-uiie  earbs'  is  taic, 
A  h-uile  muinghinn  ach  neo-chiontas  is  neamh, 
Le  màthair,  banndrach  uireas'each  is  lag, 
Am  bothan  iosai  chòmhnuich  iad  le  chèil; 
Folaicht'  o  dhaoinibh  'an  diomhaireachd  nan  gleann, 
Fo  dhubhar  chraobh  an  uaigneas  sàmhach  sèirah, 
Gu  mòr  ni  's  raò  le  raacantachd  is  beus; 
Le  chèile  sheachain  iad  mar  so  an  tàir, 
N  3 


150 

Tha  daoin'  a'  deanamh  th'  air  an  at  le  uaill, 

Air  mais'  is  beausaichead  ann  an  là  an  airc. 

Bu  ghann  an  lòn,  's  cha  mhòr  nach  b'  ionnan  fòs 

Iseoin  nan  geug,  a  thàlaidh  iad  gu  suain, 

lad  sona  'n  diugh,  suarrach  m'an  àtn  ri  teachd. 

Bu  chùbhraidh  a  dealbh  na  blàth  a  chèitein  ùir 

Fo  dhealt  na  maduinn  mhoich^  bu  ghloine  snuadh, 

N'an  canach  fein,  na'n  sneachd  air  uchd  nam  beann. 

A  sùil  ghorm  am  macantas  co  caoin, 

Gur  gann  a  thog  i —  a'  dearcadh  sìos  le  bàigh, 

Air  snuadh  nan  neònain  's  air  blàithibh  maoth ; 

No  an  uair  a  dh'  eisdeadh  i  ri  sgeul  a  bhròin, 

Ma  chaochladh  dòchais  a  bha  aon  uair  co  àrd, 

Mar  reul  an  anmoich  dh'  aomadh  iad  a  sios, 

Fo  dhealta  tlà  nan  deur. — B'  àillidh  a  dealbh 

A  mhaigbdean  dhreachmhor  so  bu  mhaisich  fiamh; 

Le  trusgan  eatrora  dh'  èididh  i  gu  grinn, 

Gun  bheag  de  riomhadh  àrd. — A  h-àilleachd-sa 

Cha'n  iarraidh  sgèimh  na  snas  o  riomhadh  fòs; 

Gun  riomhadh  idir  's  ann  bu  rìomhaich  i. 

Suarrach  m'a  h-àiUeachd,  b'  àilieachd  i  air  fad, 

An  ribhinn  aonar'ach  ann  an  uaigncas  ghleann. 

Mar  ann  'an  doimhneachd  dhìomhair  tir  nam  beann, 

'An  coire  fasg'ach,  no  ann  an  glacaibh  blàth, 

A  chinneas  sòbhrach  fad  o  shealladh  sùl, 

Le  fàile  fallain  mach  air  feadh  an  raoin; 

Mar  sin  gu  cùbhraidh  is  gun  f  hios  do'n  t-saoghal, 

Gu  lurach  àluinn  chinn  Labhinia  suas. 


63.  Mu  na  h-Aingil  naomha. 

Tha  na  h-aingil  naomh  air  an  leige  ris  duiiiù  ann 
am  focal  De  mar  bhithean  àrda  a  tha  àluinn,  glic, 
cumhachdach,  math  agus  sonadh  os  cionn  aon  ni  is 
urrainn   duinne  a  thuigsinn   no  a  siuaoineachadh. 


151 

'Se  seadh  an  fhocail  so  Aingeal,  teachdoire.  Tha 
iad  air  an  ainmeachadh  nan  àrd-chaithrichean,  tigh- 
earnais,  uachdaranachda,  agus  cumhachda;  tha  iad 
mar  an  ceudna  air  an  ainmeacha  Cherubims  anns  a 
bheil  lànachd  eolais,  agus  Seraphims,  no  bithean 
lasarach,  ainmean  a  tha  leige  ris  duinn  gu  soilleir 
an  inbh  àrd  anns  a  bheil  iad  air  an  càramh  le  Dia. 
Tha  iad  air  uairibh  air  an  ainmeachadh,  Reulta  na 
maidne,  a'  leige  ris  duinn  àilleachd  agus  maise  nam 
bithean  naomha  so,  teachdoirean  Chriosd,  àrd 
Ghrian  na  fireantachd.  Tha  na  bithean  cruthaichte 
eile  fòdhpa  ann  an  urram,  's  nan  iochdrain  doibh 
ann  an  inbh.  Tha  so  soiUeir  ma  bheir  sinn  fainear 
an  t-ionad  anns  a'  bheil  iadsan  a'  gabhail  an  naomh 
chòmhnuidh.  Is  mis  Gabriel,  deir  an  t-aingeal  a 
thainig  a  dh'  ionnsuidh  Shecharias  san  teampuli,  Is 
mis,  a  deir  esan,  a  sheasas  an  làthair  Dhe;  agus 
tha'n  Diadhair  Eoin  ag  ràdh,  ann  aui  meadhon  na 
righ-chaithreach,  agus  mu'n  cuairt  de'n  righ-chaith- 
ir,  sheas  na  h-aingil,  agus  cha  do  sguir  iad  a  là  no 
dh'oidhche  ag  ràdh,  "  naomh,  naomh,  naomh,  an 
Tighcarna  Dia  uile-chumhachdach,  a  bha,  ata,  agus 
a  bhitheas;"  agus  ann  an  àit  eiie  "  Sheas  na  h-aingil 
uile  timchioll  na  righ-chaithreacli,  agus  rinn  iad 
aoradh  do  Dhia."  Tha'n  ni  ceudna  air  a  leige  ris 
duinn  ann  an  iomad  àite  de  na  Scriobtuire  naomh, 
mu  thimchioll  nan  aingeal,  gu  bheil  iad  a'  seasamh 
ann  an  làthair  Dhe,  a'  cuairteachadh  a  chaithir- 
rioghaii,  agus  do  ghnà  ag  aoradh  aig  a  chosaibh. 
'S  fhurasda  thuigsinn  uaithe  so  gur  h-àrd  agus  ur- 
ramach  an  inbli  anns  a  bheil  iad  air  an  càramh, 
agus  gur  ann  doibhsan  a  bhuineas  an  t-urram  is 
àirde  a'  measg  nan  uile  bhithibh  cruthaichte.  Tha'n 
fhirinn  cheudna  soilieir  o  dhealradh  gloir  nan 
aingeal  sin,  a  chunnacas  air  uairibh  san  t-saoghai 
so,  an  uair  a  thainig  an  t-aingeal  a  thogail  air  falbh 
na  hchde  a  bha  air  uaigh  Chriosd,  "  Bha  ghnùis 
mar  dhealanach,  agus  eudach  geal  mar  shneachda." 


152 

"  Chunnaic  mi,"  a  deir  an  diadhair  Eoin,  "  aingeal 
cumhachdach  eile  a'  teachd  a  nuas  o  neamh,  air  a 
sgeudachadh  le  neul,  agus  bogha-frois  air  a  cheann, 
agus  aghaidh  mar  a  ghrian,"  B'i  so  a  ghloir,  agus 
a  mhaise  a  chòmhdaich  na  bithean  arda  so,  air  dhoibh 
a  bhi  mach  air  teachdoireachd  Dhe,  a*  cur  ann  an 
cèill  a  thoil. 

Tha  na  buaidhean  is  àirde  is  urra  creutairean 
cruthaichte  a  chleachda  air  a  bhuileachadh  air  na 
h-aingil.  Oir  anns  a  cheud  àite,  Tha  cumhachd 
iongantach  aca,  tha  iad  air  an  ainmeachadh  "  cumh- 
achda"  neimh,  mar  tha'n  Salmadoir  ag  ràdh,  aingle 
treun  an  neart.  Is  iomad  soilleireachd  a  th'  againn 
air  cumhachd  nan  aingeal,  as  na  leabhruichibh 
naomh.  Thug  aingeal  sgrios  ann  an  tri  laithean  air 
deich  mile  's  tri  fichead  de  mhuinntir  ludaih,  agus 
Israeil  arson  peacaidh  Dhaibhidh  ann  an  àireamh  an 
t-sluaigh :  Thug  aingeal  sgrios  air  armailt  mhor 
Shenacherib  ann  an  aon  oidhche.  Tha  aingeal  air 
a  nochda  dhuinn  ann  leabhar  taisbein  Eoin,  a'  glac- 
adh  ceithir  ghaothan  an  aidheir  na  dhearnaidh,  agus 
a'  toirt  a  mach  breitheanals  an  Tighearna  ann  an 
aghaidh  saoghail  aingidh.  Anns  an  leabhar  cheud- 
na  tha  ioma  soilleireachd  againn  air  cumhachd  nan 
aingeal,  mar  chi  iadsan  leis  an  àiil  a  rannsachadh. 

Tha  na  h-aingil  naomh  siubhlach,  ealamh,  ull- 
amh  ann  an  tomhas  a  tha  do-thuigsinn  dhuinne. 

"  'Se  fein  a  rinn  na  h-aingil  fòs, 

*nan  spioraid  laidir  thrèin ; 
'Se  rinn  'nan  teine  lasarach, 

a  theachdairean  gu  leir." 

Tha'n  luaths  air  a  choimeas  ri  luaths  na  gaoithe 
ag  oibreacha  le  cumhachd  teine  lasaracb.  Tha 
eachdruidh  againn  ann  an  leabhar  Dhaniel  ix.  Caib. 
far  a'  bheil  e  air  innse  dhuinn  gun  do  chuir  Daniel 
aghaidh  ris  an  Tìghearna  Dia,  ga  iarruidh  le  traisg. 


153 

a'  deanamh  ùrnuigh  agus  aidraheil;  am  feadh  's  a 
bha  e  labhairt,  tha  sinn  a'  leughadh  gun  d'thainig 
an  t-aingeal  Gabriel  a  nuas  mu  àm  na  h-iobairt 
fheasgair  a  thoirt  gliocas  agus  tuigse  dha,  eadhon  o 
neamh  nan  neamh  an  fheadh  'sa  bha  e  ri  ùrnuigh, 
luaths  a  tha  fada  os  cionn  aon  ni  is  comasach  dhuinn 
a  thuigsinn. 

Tha  òige  shiorruidh  nach  searg  's  nach  fàiUnich 
raar  bhuaidh  àrd  aig  na  h-aingil  naomh.  Na  h- 
aingil  a  chunnaic  Muire  aig  uaigh  Chriosd,  gad  a 
bha  iad  san  àm  sin  ceithir  mìle  bliadhn  a  dh'  aois, 
bha  iad  mar  dhaoin  òg  air  nach  d'thainig  atharracha 
na  caochla  cruth.  Bha  orra  blà  àluinn,  bha  ùr'or, 
òg,  's  a  mhaireadh  mar  sin  gu  bràlh.  Riamh  cha 
d'  fhiosraich  iad  uireasbhuidh  no  dì — cha  do 
dhochainne  riamh  iad  \e  tinneas,  cha  mho  dh'f  hair- 
ich  iad  dòlas;  air  goirteas  tha  iad  aineolach,  agus 
tha  aoibhneas  agus  sith  a'  gabhail  tàmh  'nan  uchd. 

Tha  eolas  àrd  aig  na  h-aingil  naomh;  thugadh 
cumhachda  inntinn  doibh,  freagarach  do  mhic  Dhe, 
a  chruthaicheadh  gu  seasamh  mu  thimchioll  a 
chaithir-rioghail,  agus  an  t-àit  is  àirde  a  lionadh  na 
rioghachd  sliiorruidh.  Bha  iadsan  do  ghnà  a  chòmh- 
nuidh  san  t-saoghal  sin  far  a'  bheil  firinn  gun  truail- 
leadh  a'  riaghladh,  far  a'  bheil  eolas  neo-mhearachd- 
ach  aig  gach  aon,  anns  a'  bheil  gach  dìomhaireachd 
air  a  dheanamh  soilieir,  agus  uile  bhuintinneas  Dhe, 
ann  an  lionmhoireachd  oibribh,  air  feadh  farsuing- 
eachd  an  domhain  mhòir  gu  h-uile  air  a  thuigsinn. 
'S  an  àite  bheannuichte  sin  tha  na  h-aingil  a  nis  a 
chòmhnuidh  os  cionn  sèa  mìle  bliadhna,  a  là  'sa  dh' 
oidhche  a'  breithneachadh  air  oibribh  glòrmhor 
Dhe:  fadal  no  sgìos  cha'n  aithne  dhoibh,  neart  agus 
càii  an  inntinne  cha  'n  f  hàillnich,  tha  iad  a'  sìor 
mheudachadh  ann  an  eolas,  a'  dol  air  an  aghaidh 
o  linn  gu  linn;  uii  oibre  an  Dia  mhòir  a'  fosgiadh  a 
mach  ni's  farsuinge  rompa,  air  chor  's  gur  soirbh 


164 

dhuinn  a  thuigsinn  gu  bheil  eolas  àrd  raar  bhuaidh 
aig  na  h-aingil  naomh. 

Cha  lugha  'n  tomhas  anns  a'  bheil  naomhachd 
aca.  Cha  ruigear  a  leas  so  a  dhearbhadh,  an  iolach 
ait  a  thog  iad  'nuair  a  chruthaicheadh  an  saoghal — 
an  laoidh  bhinn  a  sheinn  iad  'nuair  a  rugadh  an 
Slanuighear — an  gairdeachas  caomh  a  tha  nam 
measg  co  luath  'sa  ni  peacach  aithreachas,  tha  so 
uile  a'  soilleireacha  dhuinne  naomhachd  agus  àill- 
eachd  anama  nan  aingeal.  Tha  iad  air  an  ainm- 
eacha  nam  bithibh  lasarach,  a'  leige  ris  duinn  an 
gràdh  siorruidh  a  th'  air  fhadadh  'nan  uchd,  nach 
mùch  's  nach  d'  theid  as,  ach  a  tha  sior  ghabhail  le 
lasair  dhealraich  an  taobh  a  stigh  dhoibh.  So  an 
gràdh  gun  chaochladh  a  f  hreagras  dhoibhsan  a  tha 
seasarah  an  làthair  Dhe,  a  tha  chòmhnuidh  raailie 
ris,  a  sealbhachadh  a  chairdeis,  'sa  cuir  an  cèili 
dreuchdan  glòrmhor  a  rioghachd.  'S  ann  doibh 
fein  a  thig  an  t-òran  binn  sin  a  sheinn,  's  naomh  thus, 
O!  Thighearna  is  a  Dhe;  tha  neamh  agus  talamh 
làn  de  d'  ghlòir,    O  Thighearna  nam  feart ! 

Mu  thimchioll  gnàthachadh  nan  aingeal,  agus  an 
obair  anns  a  bheil  iad  a'  saoithreachadh,  faodar  a 
ràdh,  gu  bheil  iad  a'  seasamh  an  làthair  Dhe  a'  toirt 
gloir  da  ainm,  's  ag  aoradh  dha.  'Nuair  a  leag  e 
steigh  an  domhain,  bha  na  reulta  maidne  so,  ann  an 
toiseach  am  bith,  maille  ris ;  's  an  uair  a  bha'n  obair 
criochnaichte  sheinn  iad  le  chèile  agus  rinn  iad 
gairdeachas  mor.  Bha  iad  a  làthair  'nuair  a  thug- 
adh  seachad  an  lagh  air  Sinai,  lean  iad  Criosd  a 
dh'  ionnsuidh  an  t-saoghail  so,  bha  iad  leis  ann  an 
ioma  cruaidh-chas;  dh'èirich  iad  raaille  ris  'nuair  a 
thug  e  buaidh  air  a  bhàs,  'sa  chaidh  e  suas  do  nearah, 
a'  toirt  bruid  am  braideannas;  an  deireadh  an  t- 
saoghail  'nuair  thig  e  thoirt  breith  air  bheothaibh 
agus  air  mharbhaibh,  cuiridh  e  aingil  a  raach  roimhe, 
a  dhùsgadh  nam  marbh  o'n  ieapuichibh  tàmha,  agus 
dealaichidh  iad  na  h-ionracain  o  na  h-aingidh,  ceart 


155 

niar  ihearbas  buachaille  na  caoraich  o  na  gabhair. 
Tha  Dia  'ga  'n  gnàthachadh  ann  an  oibribh  a 
fhreascJail  san  t-saoghals',  a  nuas  o'n  là  sin  san  d'fhàg 
ar  ceud  sinnsir  gàradh  Edein.  Gu  h-àraidh  tha  iad 
a'  freasdal  do  mhuinntir  dhileis  Dhe.  Tha  iad  mar 
tha  Pòl  ag  ràdh,  nan  spiorada  frithealaidh  air  an  cur 
a  mach  a  fhritheala  do  oighreachaibh  a  gheallaidh ; 
a'  direadh  's  a'  tearnadh  o  neamh  gu  talamh,  'so  thal- 
amh  gu  neamh,  mar  chunnacas  le  lacob  iad,  a'  coi- 
lionaidh  an  dleasnuis  mhoir. 

Agus  a  nis,  nach  sòlasach  bhi  smaointeachadh  air 
na  h-aingiibh  naomh  ;  tha  gach  ni  tha  air  a  leige  rìs 
duinn  umpa  taitneach,  m'as  e  na  h-ainmean  a  bhuin- 
eas  doibh  tha  so  fein  a'  dùsgadh  smaointean  àrd. 
Na  spiorada  àluinn  sin  a  dh'èirich  gu  bith  fo  chumh- 
achd  Grian  na  fireantachd,  ann  an  òg  mhaduinn  an 
]à  shiorruidh,  a  dh'  èirich,  a  dh'  fhosgaii  suas  's  a 
thainig  fo  bhlàth  fo  na  gathan  neo-chruthaichte,  aig 
bruaich  abhuinn  na  beatha,  's  a  dh'  àraicheadh  a 
suas  fo  dhrùchd  na  neo-bhàsmhoireachd.  Is  spior- 
ada  iad  a  tha  siubhal  gun  sgios  ie  cumhachd  nach 
d'fhiosraich  airsneul,  's  nach  iarr  tàmh.  Tha'n 
còmhnuidh  ann  an  neamh  nan  neamh,  a  cheud 
shaoghal,  an  saoghal  is  fearr  a  chruthaichear  gu 
bràth,  ionad-còmhnuidh  an  De  bheo,  far  a'  bheil 
sìth  agus  gràdh  agus  sòlas  buan,  nach  caochail  air 
feadh  linnte  na  bith-bhuantachd.  Is  iadsan,  ma  ta, 
da  rìreadh  maithibh,  armuinn,  agus  flaithibh  an 
domhain. 

Ach  's  feumail  dhuinn  fheòraich  ciod  anns  a  bheil 
maise  nan  aingeal  a'  co'-sheasamh  ?  Tha  cheist 
soirbh  r'a  freagradh,  Tha  nan  naomhachd  ;  'se  so 
an  tobar  o  bheil  sruthaibh  an  àiUeachd  agus  an  gloir 
gu  h-uile  ag  èiridh.  Tha  aingil  ann  nach'eil  naomh, 
a  bha  aon  uair  co  àrd  dhealrach  riusan  mu  bheil  sinn 
a'  làbhairt,  aig  an  robh  ion-buaidhean  riusan,  agus 
aig  a'  bheil  fhathast  mòran  d'an  cumhachd  's  d'an 
eolas;   ach  chaill  iad  an  naomhachd:  thuit  iad  o  so, 


156 

'nuair  a  dh'èirich  iad  ann  an  ceannairc  an  aghaidh 
Dhe.  Chinn  iad  suas  o'n  àm  sin  nan  deamhanaibh, 
agus  'se  ifrinn  is  àite  còmhnuidh  dhoibh.  'Se  peac- 
adh  a  dh'fhàg  an  t-àite  sin  co  dubh  dhorcha,  cho  oiU- 
teil  agus  cho  eagallach.  'Se  pcacadh  a  lion  e  le 
dòlas,  le  bròn,  agus  ea-dòchas.  'Se  peacadh  a 
chruthaich  ifrinn,  a  thog  balladh  a  phriosuin  dhòin- 
ich,  a  chuir  na  croinn  air  na  dorsaibh  iaruinn,  a 
sgaoil  neoil  an  dorchadais  thairis  air,  a  dh'fhadadh 
an  teine  nach  miìch,  a  dhùisg  na  h-osnaichean  eag- 
allach,  san  tath-ghairm  malluichte  a  tha  air  an  aith- 
ris  ann  an  ionadaibh  na  dòrainn,  agus  air  nach  d' 
theid  casg  gu  suthain  no  gu  siorruidh.  'Se  peacadh 
a  rinn  na  h-aingil  sin,  a  bha  aon  uair  a'  cuairteach- 
adh  caithir  Dhe,  nam  breugairean,  nan  luchd-ditidh, 
nan  naimhdibh,  nan  luchd-sgrios  agus  miUidh.  Nach 
iongantach,  nach  uabhasach  an  t-atharrachadh!  Cia 
sgreimheil.  eagallach  an  ni  a  thug  so  uile  mu  'n 
cuairt  ? 

Mothaicheamaid  cia  mòr  an  dealachadh  a  th'eadar 
na  h-aingil  naomh  agus  clann  nan  daoine.  Cha'n'eil 
e  comasach  dhuinn  smaointeacha  mar  bu  chòir 
dhuinn  orrasan  gun  bhi  air  ar  n-ireaslachadh  nar 
barail  fein.  Aingil  agus  daoine !  is  uabhasach  an  t- 
eadar-dhealuchadh  !  ladsan  co  àrd,  co  beusach,  co 
sonadh ;  clann  nan  daoine  co  suarrach,  co  peacach, 
co  truaillidh  !  'S  math  a  thig  dhuinn  a  bhi  iriosal, 
gabhamaid  nàire  'gar  n-ionnsuidh  fein  as  leth  ar 
cealgoireachd,  ar  n-an-diadhachd,  ar  n-uaill,  ar  n- 
àrdan,  agus  ar  n-amaideachd  !  Ga  h-iosal  ar  n- 
inbh  san  t-saoghal  so,  gidheadh  tha  sinn  uaibhreach, 
fein-spèiseil.  Ard  gad  a  tha  na  h-aingil  cha'n'eil 
uabhar  annta,  a  chionn  nach  'eil  iad  peacach,  oir  is 
ann  o  pheacadh  a  tha  àrdan  agus  uaill.  DIù  mar 
tha  na  h-aingil  air  caithir  Dhe,  cha  suarach  nam 
beachd  an  t-ionracan  is  isle  air  talamh,  is  cha  leisg 
leo  fritheala  dha ;  bu  bhochd  Lasarus  truagh,  rinn 
daoine  dìmeas  air;  ach  co  luath  'sa  thilg  e'n  deo, 


157 

thcirin^  na  h-ainoil  a  dh'iomchar  anama  do  thigh 
agus  do  làthaireachd  a  Dhe. 

Agus  a  nis,  nach  bu  bheannuicht  an  t-atharrach- 
adh  a  thigeadh  air  an  t-saoghal,  na  'n  cinneadh 
daoine  cosmhui!  ri  ainghbh :  nan  ruigeadh  iad  air 
an  spiorad,  's  nan  leanadh  iad  an  giulan  ?  Cha'n'eil 
eolas  aig  na  h-aingil  air  leisg,  air  cealg,  air  foill, 
eud,  farniad  no  mi-run ;  cha  mheall  na  h-aingil,  cha 
thruaill,  's  cha  bhrath  iad.  Cha  chleachda  leosan 
an  aimsir  a  chaitheamh  ann  am  faoineachd  gun  stà, 
no  ann  am  baoih-shùijradh ;  cha  dean  iad  tarcuis  air 
a  chèile,  cha'n  aithne  dhoibh  co'-strigh  no  iorghuill, 
agus  sannt  cha  d'  fhiosraich  iad  riamh.  O  nam 
biodh  muinntir  an  t-saoghail  mar  so,  bhiodh  an  tal- 
amh  na  shanihladh  air  neamh;  oir  ciod  anns  a  bheil 
an  t-eadar-dhealuchadh  a'  co'-sheasamh,  ach  gu 
bheil  fior  naomhachd  san  dara  àite,  agus  peacadh 
san  àit  eile?  Tha  na  haingil  naomba,  ach  tha  sinne 
peacach;  tha'n  t-ionad-còmhnuidh  acasan,  uime  sin, 
sona,  subhach:  's  an  t-ionad-còmhnuidh  againne 
dubhach  brònach. 

Cia  glòrmhor  cor  nam  fìrean  air  chionn  là  a 
bhreitheanais,  biihidh  iad,  deir  Criosd,  cosmhuil  ris 
na  h-aingil,  agus  dealraichidh  iad  mar  a  ghrian  ann 
an  rioghachd  an  Athar ;  cosmhuil  ris  na  spiorada 
àiUidh  eile  sin,  nam  mic  agus  nan  rìghre,  's  nan  sag- 
arta  do  Dhia,  a'  co'-riaghladb  maille  riu  gu  suthain 
agus  gu  siorruidh. 

Dùisg,  Ol  m'anam,  gairm  air  do  Dhia,  agus  oirp- 
ich  ann  an  neart  an  Spioraid  do  làn-thaic  a  chàramh 
air  Criosd,  agus  ruigheachd  air  an  oighreachd  a  tha 
feitheamh  air  na  naoimh  ann  an  rioghachd  na  gloir. 
Amen. 


158 


54.  Mu  dhroch  Cuideachd  a  sheachnadh. 

Seàchainn  droch  cuideachd.  Labhrainn  na  briath- 
ra  so,  agus  bheirinn  a  chonihairle  do  frach  duine  ge 
b'e  air  bith  is  ai.is  da ;  ach  tha'n  earaii  so  gu  h-àr- 
aidh  feumail  dhuibhse  a  tha  òg.  Tha  sibh  aineolach 
air  an  t-saoghal,  agus  ullamh  gu  bhi  air  ur  tarruing 
air  falbh  gu  gòrraich  agus  peacadh.  Ma  ni  sibh 
companas  leis  an  aingidh  fàsaidli  sibli  co  aingidh  ris 
fein.  Labhruidh  sibh  an  cainnt,  Jeanaidh  sibh  an 
giulan,foghlumaidh  sibhambeusan,ni  naciifaod  luath 
na  niall  gun  ur  sonas  agus  ur  cliu  san  t-saoghal  so  a 
mhiUeadh;  agus  fadheoidh  sgrios  a  thoirt  air  an  an- 
am  neo-bhasmhor.  'S  iomad  dearbha  niuladach  a 
th'againn  air  a  chùis  so;  agus  òg  's  mar  tha  sibhse 
's  dearbh-chinnteach  mi  gun  do  mhotliaich  sibh  fein 
dha  so  iomad  uair.  Uime  sin,  seachnaibh  mar  am 
bàs  gach  companach  a  tha  taisbeineadh  dhuibh  na 
chainnt  no  na  ghiulan  gu  bheil  e  as  eug'ais  eagail 
De.  Seachnaibh  iadsan  a  tha  tìtheach  air  mionn- 
achadh,  air  breugan,  co'-strigh,  briste  sàbaid,  na 
droch  cainnt,  na  aon  ni  eile  tha  air  a  thoirmeasg  ann 
am  focal  De.  Cronaichibh  am  mearachdan  le  thoirt 
orr'  a  thuigsinn  gun  do  chaill  iad  ur  cairdeas  agus 
ur  meas  mar  treigeadh  iad  an  gnàthachadh.  Tagh- 
aibh  ur  companaich  a  àireamh  na  muinntir  a  tha 
deagh-bheusach,  a  tha  gluasad  gu  stuama,  neo- 
choireach,  agus  ionraic;  a  mhuinntir  sin  is  urrainn 
deagh  chomhairl'  a  thoirt  oirbh,  agus  a  nochdas 
deagh  chaith-beatha  dhuibh;  iadsan  a  tha  gabhail 
tlachd  ann  an  àitheanta  Dhe,  agus  a  bheir  misneach 
dhuibh  gu  gluasad  air  an  t-sliglie  a  tha  treorachadh 
gu  sìth  agus  gloir.  Cuimhnichibh  briathia  Dhe, 
"  An  ti  a  shiùbhlas  le  daoinibh  glic,  bithidh  e  glic; 
ach  sgriosar  conjpanach  nan  amadan." 


159 


55.  An  iSeillein. 

Nach  saoithreach  gleust  an  seillein  beag, 

Rè  blàs  is  teas  an  là, 
A'  deothal  nieal'  a'  measg  nam  bruacb, 

A'  cuachaibh  maoth  nam  blàth. 

Nach  innleachdach  a  chòinneag  chruinn, 

Le  ciribh  meala  bàn; 
'S  nach  dichiollach  an  seillein  beag, 

Gan  deananih  loma  làu; 

Mar  so  gu  tarbhach  dichiollach, 
Gun  saothairicheam  maraon  ; 

Oir  buairidh  an  t-Abhaisteir  gu  h-olc, 
A  mhuinntir  dhìomhain,  fhaoin. 

A'  fòghlum  ceaird  no  sgoileireachd, 
Gun  caithinn  làithean  m'  òig'; 

Gun  dthugainn  air  gach  là  mar  so, 
Deagh  chunntas  ait  fa*dheoidh. 


56.  Na  sochairean  Spioradail  a  iha  na  Gaedhil  a  nis  a' 
sealbhachadh. 

Cha'n'eil  e  comasach  do  neach  aig  a'  bheil  gràdh 
ga  dhùthaich  smaointeachadh  air  an  atharrachadh 
bheanuichte  a  thainig  air  Gaeltachd  agus  air  Eil- 
eana  na  h-Alba,  leis  a  chothrom  a  tha  nis  air  a 
bhuileachadh  orra,  chum  fòghlum  feumail  fhaotainn, 
gun  a  chridhe  bhi  air  a'  lionadh  le  sòliis  Is  fada 
gu  dearbh  o  sbearmonaicheadh  soisgeul  Chriosd  san 
dùthaich  sin.  'S  ann  a  mach  a  aon  de  Eileana  na 
Gaeltachd  a  chraobh-sgaoileadh  Soisgeul  Chriosd 
O  2 


160 

air  feadh  Bhreatuinn  agus  iomad  cearn  eile  de'n 
Roinn  Eorpa.  Na  Cùildich,  luchd-leanmhuinn  Chal- 
um  Chille,  a  sgaoil  o  lona  a  niach  air  feadh  na  tìre, 
sheas  iad  gu  duineil  fad  ioma  linn  an  aghaidh  dealas 
PapnaRòinihe;  ach  bhuadhaicheadh  faidheoidh  nan 
aghaidh.  Dh'  fhògradh  na  Cùiidich  as  an  dùthaich; 
sgaoi!  aineolas  gu  luath  a  mach  air  feadh  na  tìre  gu 
fada  farsuing.  Dhùineadh  suas  na  tobraichean  de 
uisge  beo,  a  bha  air  am  fosgladh.  Chinn  an 
droighinn  agus  an  dris  far  an  robh  'n  giubhas  agus 
am  miortui  air  a  shuidheachadh.  Sgaoil  ceò  an 
aineolasair  na  beanntaibh  sin  air  an  d'  èirich  roimhe 
6Ìn  Grian  na  fireantachd  ie  leigheas  fo  a  sgiathaibh. 
Dh' f hàs  an  dùthaich  gu  luath  mar  fhàsach  neo-thor- 
dhach  gu  dubh,  tiomhaidh,  dorcha.  Bha  mort  agus 
àr,  agus  foirneart  air  feadh  na  tìre;  bha  cinn- 
fheadhna  ag  èiridh  an  aghaidh  a  cheile,  cinneach 
an  aghaidh  cinnich;  agas  ni  bheil  e  comasach  dhuinn 
na  tìi'  againn  de  eachdruidh  nan  linn  sin  eisdeachd 
gnn  sgreamh  agus  dèistinn.  Bha  na  cinn-fheadhna 
borb,  agus  a  cheatharna  fiadhaich,  leis  a  sin  bha 
cho'-strigh  a  bh'  eatorra  fuileachdach,  agus  mill- 
teach. 

'Sioma  ni  a  cho'-aontaich  chum  a  Ghaeltachd  a 
chumail  ùine  mhòr  ann  an  dorchadas.  'Nuair  bha'n 
Creidimh  ath-leasaichte  air  a  shocrachadh  san  tìr, 
cha  do  ghabh  uachdarain  na  rioghachd  mòran  suim 
de  staid  na  Gaeltachd.  Ghabh  iad  gan  ionnsuidh 
fein  saibhreas  na  h-eagluis.  agus  dh'  fhàg  iad  minis- 
tirean  an  t-soisgeil  fo  bhochduinn  chràitich.  Chum 
gne  bheathachaidh  a  dheanamh  suas  dhoibh,  an 
àite  na  thug  iad  uatha,  cho'-cheangil  iad  ri  cheile  a 
dhà,  a  trì,  agus  mar  thachair  ann  an  Ceann-loch- 
ChiÌl-a-Chiarain  an  Earra-ghael,  ceithir  sgireachdan, 
far  an  robh  roimhe  sin  ceithir  eagluisean  agus  a 
choilion  pears-eagluis  a'  saoithreachadh.  Agus  air 
feadh  na  Gaeltaciid  air  fad,  tha'n  seorsa  sgireach- 
dan  a  rinn  iad  co  farsuing,    co  fiadhaich  le  mon- 


161 

aidhean  mòra,  beanntaidh  àrda,  coilltean  dorcha, 
aibhnichean  cas  gun  drochait,  Glinn  aimhreidh  gun 
slighe,  Eileana  fad  o  cheile  le  caoil  bhuan,  linntean 
salach,  sruthan  bras  cunnartach;  gur  beag  a  b'  ur- 
rainn  aon  mhinisteir  a  dheanamh,  ged  a  bhiodh 
dealas  ahstoil  aige,  agus  neart  os  ceann  cuimse,  na 
leithid  sin  de  sgìreachd.  Ach  os  ceann  gach  aobhar 
eiie  'se  cion  a  Bhiobuiil  a  b'  fhaide  bha'n  aghaidh 
nan  Gael,  cha  robh  iad  aca,  's  gad  a  bhiodh,  cha  b' 
urra  dhoibh  an  leughadb.  Cha'n'eil  ach  mu  thri 
fichead  bliadhn  o'n  a  bha'n  Tiomnadh-nuadh  air 
eadar-theangachadh  gu  Gaelic.  Roimhe  sin  cha  robh 
e  comasach  dhoibh  fhaotuinn,  gad  a  b'  àill  leo;  is 
cha'n'eil  ach  sèa  bliadhna  fichead  o'n  a  bha  leabh- 
raichean  an  t-Sean-Tiomnaidh  gu  h-iomlan  sa 
Ghaelic.  Feòraich  de'n  t-seann  duine  tha  gearan 
nach  ann  gu  math  a  tha  gach  caochladh  a  tha  teachd 
air  a  Ghaeltachd  a'  tionnda;  feòraich  dheth  cia  lion 
sgoil  a  bha  na  dhùthaich  r'a  linn  fein :  co  liutha  aon 
a  b'  urrainn  focal  De  a  leughadh;  agus,  ciod  na 
leabhruichean  a  bha  aca  r'a  leughadh? — èisd  ri 
fhreagradh,  agus  aidichidh  tu  gur  h-ann  air  a 
Ghaeltachd  a  thainig  an  t-atharacha  sonadh,  Ciod 
bu  chonaltradh  do  na  daoin'  a  dh'  fhalbh,  ri  fasgadh 
'n  tuim,  air  cùl  gaoithe  's  ri  aodann  grèine,  air 
làithe  seachduin  agus  sàbaid?  Ciod,  ach  aislingean, 
sgeulachd  nam  Fiann,  amaideachd  fhaoin  mu 
thaibhsireachd,  m'an  dà  shealladh,  eachdruidh  mu 
chogadh  agus  mu  chreachadh.  Cha  robh  beinn,  no 
dùn,  no  tulach  uaine  san  dùlhaich  aig  nach  robh  a 
shìthiche  no  a  bhan-sithiche;  cha  robh  gleann  dor- 
cha  no  doire  ùdlaidh  gun  a  thanasg  fein ;  cha  robh 
carn  no  crom-leachd  gun  ùbhraisgfein  aca;  clia  robh 
cladh  gun  uabhas  no  eas  gun  a  ghlaistig.  Bha  mar 
so  spiorad  brèige  no  fiosachd,  drùigheachd  agus 
buitseaclias  anns  gach  sgìreachd,  Bha  daoine  ceal- 
gach  cuilbheartach  a'  teachd  beoair  an  ais-innleach- 
dan  malluichte,  a'  mealladh  dhaoine  socharach 
O  3 


163 

baoghalta,  le'n  glsreagan,  le'n  dearnadaireacbd,  seun 
aca,  air  leo,  arson  gach  cunnart;  agus  soisgetil,  agus 
eòlas,  mar  theireadh  iad  ris,  arson  gach  urchuid  agus 
dosguinn.  Agus  ciod  an  gnàthachadh  a  b'  àbhuist 
a  bhi  aig  daoinibh  sna  linne  a  dh'  fhalbh,  an  robh 
coinneamh  mhòr  gun  tuasaid  ?  An  robh  tòrradh 
gun  mhisg  gun  cho'-strigh  ?  An  robh  caithris  nam 
marbh  fein  gun  chleasachd,  gun  òl,  gun  cheol,  gun 
dannsadh  ?  Am  faodar  a  nis  àicheadh  nach  d- 
thainig  caochla  beannuicht  air  Gaeltachd  agus  air 
Innse-gall  na  h-Alba?  Gu  truagh,  tha  mòran 
amaideachd  fhathast  a'  dol  air  aghaidh  sna  h-iona- 
daibh  sin,  agus  cò  'n  tìr  anns  nach'eil?  ach  tha  obair 
a  nis  a'  dol  air  a  h-aghaidh  san  dùthaich  sin  nach 
faod,  le  beannachadh  Dhe,  gun  tairbhe  èifeachdach 
a  bhi  na  co'-lorg;  niar  thuigeas  sinn  ni  's  soilleire 
'nuair  a  bheachdaicheas  sinn  air  saothair  gach  cuid- 
eachda  chàirdeil  a  tha  co'-oibreacha  le  chèile  chum 
leas  coitchionn  na  Gaeltachd. 


57.   Craobh-sgaoileadk  an  t-Soisgeil. 

Tha  aoibhneas  a'  lionadh  mo  chridh, 
'S  cha  tràghadh  do  shìth  mo  chuim. 
Tha  naigheachd  ni  's  taitnich  san  tir, 
Na  chualas  ri  linn  mo  chuimhn': 
Cha  naigheachd  air  Oisian  nam  Fiann, 
No  gaisgeach  bha  riamh  am  feachd; 
Cha  naigheachd  air  sealgaireachd  fhiadh, 
No  'giulan  am  bian  gu  teach. 

Cha  naigheachd  air  creachadh  na'n  Gall, 
Le  ceatharn  na'n  gleann,  's  nan  stùchd; 


I6d 

No  idir  air  sinbhal  nam  beann, 
San  èididh  nach  ceangladh  glun. 
Cha'n  naigheachd  air  lapa  na'n  Gaei, 
No  treubhantas  àrd  an  lann, 
A  leagadh  an  naimhdean  gu  làr, 
Na  sgoltadh  an  cnàmh,  's  an  ceann. 

Cha  naigheachd  air  fineacha  treun, 
A  chogadh  's  nach  geilleadh  beo: 
Clann  Ghriogair  bha  aineolach,  gleusd, 
'S  nach  tric  a  bha  rèidh  ri  còir; 
Clann  Dombnuill  le'm  b'  aiteas  lamh  dhearg; 
Clann  Chamshroin  bha  calma  gun  chèill; 
'S  mar  sin  's  gach  clann  eile  b'  fhearr  ainm, 
'S  gacb  ceannard  bu  ghairg  na  chèil. 

Ach  naìgheachd  air  Soisgeul  na'n  gràs, 
Bhi  sgaoileadh  's  gach  àird  mu'ncuairt: 
'S  am  Biobull  le  fucal  na  slaint, 
Bhi  ruigheachd  gach  àit  le  buaidh: 
Toirt  caochladii  air  inntinn  an  t-sluaigh, 
'Ga'n  ciùincach  mar  uain  gu  sith; 
A'  claoidheaclh  gach  àrdan  is  uaill, 
'S  a'  cur  irach  ciioch  bhuaidh  fo  chis. 


58.   Mic  '71  Chuìdeachd  a  ta  chum  Eolas  Criosduidh  a 
sgaoileadh  feadh  Gaeltachd  agus  Eileana  na  h-Alba. 

Ann  an  iabiiairt  niu  na  sochairibh  spicradail  a  tha 
na  Gael  a'  sealbhachadh,  bu  neo-shuairc  an  gnotii- 
ach  gun  a  cheud  iomradh  a  thoirt  air  a  chuideachd 
ainmeil  so.  Is  mòr  a  rinn  iad,  agus  is  mòr  a  tha 
iad  a'  deanamh,  mar  bhitheadh  iad,  bha  earrann 
mhòr  de  thìr  ar  sinnsir,  gus  an  là  'n  diugh  na  fàs- 


164 

ach  fiadhaich;  agus  is  aineolach  esan  air  eachdruidh 
a  dhùthacha  nach  dùraig  o  ìochdar  a  chridhe  gun 
èirich  gu  math  do'n  chomunn  so,  agus  gun  soirbh- 
icheadh  Dia  leo,  Tha  e  nis  corr  is  sèa  fichead 
biiadhna  o'n  a  thòisich  a  Chuideachd  chairdeil 
so.  Bheachdaich  iad  le  truas  air  staid  na  Gael- 
tachd,  far  an  gann  a  bha  aon  sgoil  san  àm  sin, 
no  idir  leabhar  gaelic  de  sheors  air  bith.  Bha  'n 
sluagh,  mar  is  furasd  a  thuigsinn,  aineolach  ann  an 
tomhas  mòr,  air  Dia,  agus  air  an  Slanuighear. 
Mu  theagasan  àraidh  an  t-soisgeil  bha  iad  gu  mòr 
ann  an  aineolas,  air  an  dalladh  !e  saobh-chràbhadh 
eaglais  na  Roimhe,  as  eug'ais  na  meadhona  chum 
focal  De  a  chluinntinn  air  a  shearmonachadh  ach 
math  a  dh'  fhaoidte  uair  san  ràidhe.  Dhùisg  so 
caomhalachd  an  deagh  Chomunn,  mu  bheil  mi  san 
àm  a'  labhairt.  Cha  robh  an  saibhreas  mòr  'nuair 
tJiòisich  iad,  ach  shoirbhich  Dia  leo,  agus  cha  d' 
fhiosraich  iad  gainne.  Thainig  gach  là  am  barrachd 
a  stigh  d'  an  ionnsuidh;  thòisich  iad  le  cùig  sgoil- 
ean,  ach  mheudaich  an  àireamh  gus  a  bheil  a  nis 
aca  tri  cheud.  Tha  e  doirbh  ann  am  beag  cainnt 
gach  math  a  rinn  a  Chuideachd  so  a  chur  an  cèill. 
Biia  miltean  air  am  fòghlum  leo;  anns  na  deich 
bliadhna  fichead  fa  dheireadh  chuiriad  a  mach  asan 
sgcilibh  sèa  mile  deug  sgoileir  foghlumte.  Tha  da 
shearmonaiche  dheug  a  mach  aca,  agus  sèa-fir-dheug 
nan  luchd  ceasnuchaidh,  a'  siubhal  o  àite  gu  àite, 
ann  an  Garbh-chriocha  farsuing  na  dùthcha  sin; 
agus  o'n  saothair  air  fad  tha  ioma  math  air  a 
dheanamh,  agus  mòran  anama  air  an  àrach  suas  fa 
chomhair  na  beatha  maireannaich.  Cha'n'eil  sinn  an 
so  a'  labhairt  mu  na  tha  Chuideachd  so  a'  deanamh 
ann  Dùthchaibh  cein;  ach  buinidh  e  dhuinn  a 
chuimhneacha  le  taing  meud  na  comain  fo  bheil  sinn 
doibh  arson  focal  De  a  thoirt  duinn  ann  an  cainnt  ar 
Dùthacha.  An  aon  fhocal,  cha'n'eil  doigh  air  am 
b'  urrainn  doibh  math  na  Gaeltachd  a  chur  air  ash- 


165 

aidh  nach  d*  rinn  ìad.  A  mach  a  sgoilean  na  Cuid- 
eachd  so  chaidh  o  àm  gu  àm  daoine,  trid  an  oilean 
a  fhuair  iad  annta,  a  lion  le  urram  agus  meas  àrd 
dhreuchdan  an  ioma  cearna  de'n  t-saoghal.  Tha 
iad  fhathast  beo  luchd-teagaisg  dhìleis  dhiadhaidh, 
ceannardan  airm,  sgoileirean  ainmeil,  agus  luchd- 
dùthcha  stuama  mheasail,  a  tha  'g  aideacha,  le  taing 
do  Dhia,  gur  ann  anns  na  sgoilean  so  a  fhuair  iad  a 
cheud  fhoghlum,  agus  fo  bheil  iad  an  comain  arson 
na  h-inbh  chothromaich  a  tha  iad  a  nis  a'  mealtuinn. 
Agus  tha  iad  san  àm  so  ann  an  Neamh  na  mìltean  a 
tha  toirt  gloir  do  Dhia  gun  robh  na  sgoilean  so  air 
an  cur  amach  r'an  linn-san  air  feadh  Gaeltachd  agus 
Eileana  na  h-Alba. 


59.  Dàn  don  Chomunn  cheudna. 

CiA  cliiteach  na  cuideachdan  còir, 
Is  seirceil,  's  is  oirdheirc  gnè; 
Ghabh  Freasdal  'na  laimh  chur  air  dòigh. 
A  ghnothaich  ud  's  bòidhche  sgèimh  ! 
Taid  dùsgadh  an  t-sluaigh  gu  bhi  fial, 
Thoirt  nihìltean  is  chiadan  seach  ; 
Tha  'd  caithe  gach  peighinn  le  ciall, 
Chur  a  Bhìobuili  an  iar,  's  an  ear. 

Tha  'm  freasdal  ag  obair  le  buaidh; 
Le  carthannachd  ghluais  an  tir, 
Chum  cosd  air  an  t-soisgeul  chur  suas, 
Anns  gach  àit  a'  bheil  sluagh  ga  dhì. 
Bi'dh  teachdoirean  endmhor  nach  mall, 
A'  siubhal  's  gach  ball  gun  chlos  ; 
A'  nochda  do  ihruaghanaibh  dall, 
Na  slighe  nach  cam  gu  fois. 


166 

Gu  ma  sona  do'n  cheud  chuideachda  chaoin, 
A  dh'  ullaich  le'n  saothair  e  dhuinn, 
Auns  a  chànain  d'  an  d'  thug  sin  ar  gaol; 
'S  nach  tuigteadh  a  chaochla  leinn. 
B'  iad  Stiùbhardich  fineadh  an  àigh, 
'S  niath  choisinn  iad  gràdh  gach  linn, 
A  ghnàthaich  an  ionnsachadh  àrd, 
Ga  thionnda  gu  Gaelic  ghrinn. 

Tha  chuideachd  ud  sior  dhol  am  meud, 
Gun  laisge  d'  an  eud,  no  sgios  : 
Tha'n  obair  a'  sgaoileadh  an  cein, 
Air  fad,  is  air  leud  gach  tir. 
Ri  !  gur  iomadai  mìl,  is  deich  mil, 
D'  an  d'  thug  iad  am  Biobull  seach  ; 
*Se  m*  earbsa  nach  teirig  dhoibh  cìs, 
Fhad  'sa  bhitheas  e  dhi  air  neach. 


60.   Cuideachd  mhòr  a  Bhiohuill  an  Lumiuinn, 

Shuidhicheadh  a  Chiudeachd  mhòr  sosa  bhliadhna 
1804.  'S  e'n  ni  àraidh  a  bha  nam  beachd  na 
Scriobtuire  naomh  a  chraobh-sgaoileadh  feadh  an  t- 
saoghail,  ann  an  cainnt  gach  dùthcha,  am  focal 
fiorghlan  fein  gun  mhìneachadh  sam  bith;  is  gniomh 
KO  mu  'm  b'  eiginn  do  gach  neach  a  bhi  aon-sgeul- 
ach.  Agus  thachair  e,  mar  bu  dùgh  dhuinn  a' 
smaointeachadh,  gun  do  cho'  aontaich  gach  gne 
Chriosdui'ean,  gu  b'e  caochla  barail  a  bh'  aca  mo 
nithibh  eile;  an  so  choinnich  iad  gun  stri  ann  an 
cairdeas  naomh,  mar  luchd-leanmhuin  an  aon 
Slanuighear,  agus  dèigheil  air  an  leabhar  sin,  a  bha 
dhoibh  fein  co  priseil,  a  chuir  a  mach  do  dhaoinibh 
aig  nach  robh  'm  beannachd  ceudna,  'sa  bha  siubhai 


167 

ann  an  dorchadas  agus  fo  sgàil  a  bhais.  Tha 
saothair  a  Comuinn  so  a  nis  a'  ruigheachd  air  cearn- 
aibh  iomallach  an  t-saoghail;  cha'n'eil  rioghachd 
nach  cual'  iomra  orra,  agus  is  gann  gu  bheil  càn- 
mhuinn  nach  'eil  a'  labhairt  an  cliu.  Cha'n'eil  baile 
mòr  san  rioghachd  so  air  fad,  's  cha  'n  e  sin  a 
mhàin,  cha'n'eil  baile  mòr  ainmeil  air  feadh  an  t- 
saoghail  anns  nach  'eil  cuideachda  dhe'n  t-seorsa 
cheudna  a  nis  air  a  suidheachadh,  agus  a  co'-oib- 
reachadh  leo  ann  an  spiorad  a  ghraidh,  agus  na  seirc. 
'S  gann  a  dh'fhaodar  àireamh  na  chuir  a  cliuideachd 
ann  an  Lunnuinn,  agus  gach  comunn-còmhnadh 
eile  a  tha'n  dlù-dhaimh  riu,  a  mach  do  Bhiobwill  o'n 
a  thòisich  iad.  Eadar  an  t-Seann-tiomnadh  agus  an 
Tioma-Nuadh,  chuir  iad  a  mach  cùig  muilleanaibh 
gu  leth  (5,500,000)  ann  an  ceud-gu-leth  cànmhuun, 
ach  'se  'n  ni  is  feumaile  dhuinne  thoirt  fainear  gun 
do  chuir  iad  a  mach  (mòran  diu  a  nasguidh,  agus  a 
chuid  bu  mhò  dhiu  air  an  leth-luach,)  lelh-cheud 
mìle  Biobull,  agus  an  àireamh  cheudna  de'n  Tiom- 
na-nuadh  ann  an  Gaelic.  Faodar  a  ràdh  ann  am 
fìrinn,  nach  'eil  cainnt  air  a  iabhairt  air  aghaidh  an 
domhain,  air  a'  bheil  colas  againne,  nach  'eil  focal 
De  air  a  thionndadh  innte,  no  nach  'eil  iad  a'  dean- 
amh  deas  fa  chomhair  a  dheanamh.  Is  culaidh- 
iongantais  mar  dh'  fhàs  a  chuideachda  so,  is  math 
tha  e  air  a  choimeas  ris  an  neul  a  chunnaic  am  fear- 
faire  air  sliabli  Charmeil,  ag  èiridh  as  an  fhairge,  beag 
nacheud  thoiseach,  ach  a'  meudachadh  uidh  air  uidh, 
gus  an  do  chòmiidaich  e  aghaidh  nan  speur.  Tha 
solus  an  t-Soisgeil  a'  buadhachadh  an  aghaidh  gach 
doilghidis,  tha  dorchadas  a'  teicheadh  roimhe,  tha 
rioghachdan  na  h-aird-an-ear,  le'n  sloigh  lionmhor 
a'  dùsgadh  a  chur  fàilt  air.  Tha  Innsinnich  fhiata 
America,  's  na  h-eileanaich  is  iomaliaich  air  agh- 
aidh  a  chuain,  na  Tartaraich  iuatha,  na  Rusianaich 
ghruamach,  no  Lochlanaich,  's  na  Lapanaich,  o'n 
dachaibh  reodhta   fuaraidh,    a'  fàiltcachadh  beatha 


168 

an  fhocal  sin  a  tha  toirt  co'-fhurtachd  agus  sòlas  do 
gach  rioghachd  agus  neach  a'  ghabhas  ris  mar  fhocal 
na  slainte. 

Tha  suidheacha  na  talmhuinn  san  àra  a'  nochda 
gu  bheil  Dia  ag  uimeachadh  an  t-saoghail  fa  chomh- 
air  na  h-aimsir  ghlormhor  agus  shona  so,  'nuair  a 
chi  criocha  iomallach  an  domhain  slainte  ar  De. 
Tha  gairdein  an  Tighearn  a  nis  air  fhoillseachadh  ; 
iha  ail  sgeul  aoibhinn  an  àigh  a' sìor  sgaoileadh,  tba 
eadhon  a  nis  fein,  "  Am  fàsach  agus  an  talamh 
tartmhor  a'  deanamh  gairdeachas,  bithidh  an  dìth- 
reamh  ait,  agus  thig  i  fo  bhlàth  mar  an  ròs  I  Greas 
a  Dhe  an  là  an  lion  eolas  sìainteil  Chriosd  an  saogh- 
al  mar  tha  na  h-uisgeachan  a'  còmhdachadh  aigeann 
na  fairgc;  anns  am  bi  aoradh  firinneach  air  a 
thairgse  dhuitse  o  èirigh  gu  dol  fodha  na  grèine. 

Moladh  am  pobuU  thus'  a  Dhe: 

moladh  gach  pobulj  thu. 
Biodh  gairdeachas  air  fineachaibh, 

gu  h-ait  a'  seinn  do  chliu. 

Oir  ceart-bhreth  bheir  thu  air  an  t-sluagh, 

riaghlaidh  air  thalamh  iad. 
Moladh  gach  pobull  thus',  a  Dhe : 

moladh  iad  thu  's  gach  àit. 


61.  Dàn  do  Chomunn  a  Bhiobuill. 

Gu  ma  mairionn  do'n  Chuideachd  is  uaisle, 
Fhuair  urram  is  buaidh  thair  chàch; 
Bhios  cruinn  ann  an  Lunnainn  an  t-sluaigh, 
'Nam  tighinn  m'an  cuairt  a  Mhàigh. 


169 

Sud  cuideachd  a  dh'eirich  'nar  n-airc, 
Chur  Bhiobull  am  pailteas  a  nall, 
Na  dhìolas  ar  bochdan  air  fad, 
'S  na  lionas  gach  srath  is  gach  gleann. 

Cuirear  Biobuill  am  pailteas  an  clò, 
An  cainntibh  nan  slògh  gu  lèir; 
Cainntean  coimheach  a  dh'iomadui  seòrs, 
Mu  nach  cuaia  sinn  sgleo,  no  sgeul. 
Theid  an  Scriobtur  gu  grad  do'n  taobh  tuath, 
Gu  Rusianaich  ghruamach  bhorb; 
Gu  Lochlainnich,  's  Laponaich  fhuar, 
Is  Tartaraich  luath  gun  cholg. 

Ni'n  fhirinn  iad  càllta  gun  dàil, 
Is  lionar  le  gràs  an  crì; 
Cha  mhair  iad  na'n  coigrich  air  gràdh, 
No  cleachdannaibh  blàth  na  sìth  ; 
Oir  trèigidh  iad  buirbeachd  an  gnè, 
Is  leanaidh  iad  sèimheachd  Chriosdj 
Thig  creidimh  gan  ionnsuidh  o  neamh, 
Chuireas  mais  air  am  mèin  gu  sìor. 

Ga  farsaing  tha  Asia  mhòr, 

Ga  lionar  a  slòigh  thair  meas; 

Ga  h-ìomadh  an  cànain,  's  an  dòigh, 

'S  ga  pailt  tha  gach  sògh  'nam  measg; 

Ga  daingean  ta  ceangal  an  crì, 

Ri  aoradh  nan  iodhal  balbh; 

Ruigidh  'n  sgriobtuir  gach  cearna  d'an  tìr, 

'S  bheir  e  leis  iad  le  sgrìob  air  falbh. 

Daoin  odhar  is  dubh  an  taobh  deas, 
An  Afric  fo  theas  na  grein  ; 
Gad  bha  iad  nan  tràillibh,  's  na'n  creich, 
Aig  muinntir  gun  seirc,  gun  chèill, 
Ni  'm  BiobuU,  's  an  soisgeul  iad  saor 
Is  bi'dh  iad  'nan  laoich  aig  Criosd ; 


no 

Gabhaidh  'n  anam  r'a  f  hirinn,  's  r'a  ghaol ; 
'S  bheir  a  Spiorad  dhoibh  naomhachd  fhior. 

Thèid  an  soisgeul  le  sholus  mar  ghrian, 
A  dh'ionnsuidh  an  iar  mu'n  cuairt; 
America,  's  Innseanaich  fhiat, 
Is  Eileanaich  cian  achuain; 
Tha  'd  aineolach,  allaidh  gun  chiall, 
Tha  'd  buaireasach,  fiadhaich,  coirbt, 
Tha  'd  diorrasach  dioghaltach,  dian, 
Bras,  àrdanach,  iargalt,  borb. 


'S  do  chumhachd  na'n  gràs  aig  Criosd; 

Bheir  mailheanas  saor  dhoibh  gun  dàil ; 

Is  creidimh  bhios  laidir  fìor; 

A  ghlanas  an  cridhe  gun  chàird, 

O'n  truailli'eachd  ghràineil,  bhrèin; 

A  cho'-chumas  ri  Dia  iad  le  gràdh, 

'S  le  naomhachd  'na'n  càil,  's  na'n  glèus. 

Bidh  gach  aidmheil  is  creidimh  'nan  aon, 

Gun  seachran,  gun  aomadh  clì; 

Thig  na  Pàpanaich  thugainn  gu  saor, 

An  ceangluichibh  gaoil,  is  sith. 

Thig  Arabaich,  's  Turcaich  ie  chèil, 

Is  èighear  Mahomet  a  sios; 

Thig  na  h-Iudhaich  le  durachd  'nan  dèigh, 

Thoirt  ùmhlachd,  is  geill  do  Chriosd. 

Cha  bhi  dùthaich  no  rioghachd  fo'n  ghrèin, 
No  fine,  no  treubh,  no  clann, 
Air  nach  soiUsich  an  Soisgeul  gu  rèidh, 
Mun  dìbir  an  f  hèill  a  th'  ann. 
Nach  aoibhinn  an  obair  do  dhaoin', 
Am  BiobuU  a  sgaoileadh  'an  cein  ? 
Bhi  gnàthach'  an  diochaill  's  am  maoin, 
Chur  innleachdan  gaoil  'an  cèill. 


m 

62.  Mu  Chuideachd  nan  Sgoikan  Gaedhlach. 

Tha  nis  còrr  is  seachd  bliadhna  deag  o  shocraich- 
eadh  an  Comunn  so.  Mhothaich  iad  le  mor  dhuil- 
ichinn,  gad  a  rinneadh  mòran  arson  na'n  Gael  leis 
gach  Cuideachd  eile,  gun  robh  anabharra  f  hathast 
r'a  dheanamh.  Gad  a  bha  *m  BiobuU  air  eadar- 
theangachadh  do'n  Ghaelic,  saor  r'a  cheannach  agus 
soirbh  ri  fhaotainn,  cha  robh  mòr  sheadh  dhoibh 
ann  do  bhrìgh  nach  robh  e  'nan  comas  a  ieughadh. 

'S  e  'n  ni  àraidh  a  tha  comhai'achadh  a  mach  na 
cuideachda  chairdeil  so,  agus  a  chuir  na  Gael  co 
mòr  'na'n  comain,  gum  b'iad  a  cheud  Chomunn  a 
thug  fainear  gur  i  a  chainnt  a  tha  daoine  iabhairt  is 
usa  dhoibh  f  hoghlum  ;  agus  thionnsguin  iad  air  na 
Gael  a  theagasg  a  reir  na  doigh  so.  'S  an  àite 
tòiseachadh  anns  na  sgoìlibh  le  leabhruichibh  beur- 
la,  mar  a  rinn  a  Chuideachd  urramach  eile,  agus  na 
sgoilean  sgireachd,  thòisich  iadsan  sa  cheud  dol  a 
mach  anns  a  Ghaelic;  agus  do  ihaobh  so,  an  ùine 
ghoirid  ihug  iad  dearbha  sòlasach  seachad,  air  a 
ghUocas  cho  matìi  's  air  a  chaoimhneas  leis  an  do 
thòisich  iad  air  an  obair  so.  Dli'ionnsuich  na  Gael, 
mar  dh'fhaoidte  smaointeachadh,  ann  an  trian  na  h- 
ùine  a  ghabhadh  iad  anns  an  doigh  ghnàthaichte. 
Thuig  iad  na  bha  iad  a'  leughadh  mar  bha  iad  a'  dol 
air  an  aghaidh;  bha'n  inntinn  san  obair;  bha'n  eolas 
aìr  a  meudachadh,  agus  bha  iad  air  an  deasachadh 
san  àm  cheudna  air  teachd  gu  dian  air  an  aghaidh 
anns  an  oilean  bheurla.  Tha  gach  aon  a  tha  mion- 
eolach  uime  so,  agus  as  am  faodar  earbs'  a  chàramh, 
a  dh'  aon-inntinn  sa  chùis  so.  Agus  bhuineadh  do 
Ghaedhil  a  thoirt  fainear  ga  nach  robh  luach-saoith- 
reach  a  b'airde  'an  lorg  an  doigh  theagaisg  so,  na 
ruigheachd  air  a  bheurla,  ni  gan  teagamh  a  tha 
feumail,  gum  bu  choir  diaoibli  co'-aontacha  leis. 
Ach  cha'n  ann  idir  chum  foghlum  saoghalta  thoirt 
P  2 


m 

seachad,  a  chuireadh  a  Chuideachds  airbonn:  'Se 
cor  spioradail  na'n  Gaedheal  a  dhùisg  bàigh  a 
Chomuinn.  B'e  miann,  gu  h-àraidh,  comas  a  thoirt 
do  dhaoinibh  focal  De  a  leughadh  anns  a  chàn- 
mhuinn  anns  an  deachaidh  an  teangaibh  an  tùs  air 
chòmhradh.  Man  do  thòisich  a  Chuideachda  so, 
b'ainnimh  an  ni  Biobull  fhaotainn  ann  an  tigh  air 
bith  sa  Ghaeltachd.  Is  mòr  gu  dearbh  a  rinn  an 
Comunn  Lunnuinneach  chum  an  sgaoileadh,  ach 
bha  iad  direach  dhoibh  mar  leabhar  glaiste  do-thuig- 
sinn  ;  ach  a  nis  anns  a  bhothan  is  neo-chuanta  tha'n 
leabhar  naomh  so  ri  fhaotainn;  agus  ma  shoirbhich- 
eas  Dia  leis  gach  saothair  a  th'  air  a  clileachda  cha 
bhi  'n  leanabh  is  bochda  san  dùthaich  gun  bhi  na 
urrainn  a  leughadb. 

Cha'n'eil  na  sgoilean  Gaelic  seasmhach,  suidh- 
ichte  ann  an  aon  àite,  mar  sgoilean  cile;  ach  o 
ghleann  ga  gleann,  'so  eilean  gu  eilean,  chum  coth- 
rom  a  thoirt  dhoibhsan  a  bha  ana-goireasach  air 
ruigheachd  air  foghlum  air  aon  doigh  eile.  'Nuair 
a  thòisich  iad  air  tùs,  bha  iad  mar  thobair  bheaga 
san  fhàsach,  ach  tha  iad  a  nis  mar  shruthaibh  laidir 
leis  a  bheil  tir  nan  Gleann  's  nam  beann  gu  pailt  air 
an  uisgeachadh.  'S  e'n  doigh  ghluasadach  san  robh 
iad  a  dh'f  hàg  iad  co  freagarach  do  chor  na  dùth- 
acha,  agus  bu  choir  dha  so  a  bhi  na  aobhar  bros- 
nachaidh  dhoibhsan  a  tha  sealbhachadh  sochairean 
nan  Sgoilean  Gaelic:  Feum  math  a  dheanamh 
dhiubh  am  feadh  's  a  tha  iad  aca.  'Se  miann  dùr- 
achdach  a  Comuinn  so  gun  deanadh  na  Gael  còmh- 
nadh  ri  càch  a  cheile  chum  am  foghlam  a  tha  iad  a' 
faighinn  uathasan  a  cho'-roinn  ri  muinntir  eile  aig 
nach 'eil  an  cothrom  ceudna;  agus  cha  b'ìoghnadh 
gad  a  dheanadh  iadsan  sin  'nuair  a  tha  coigrich  a' 
deanamh  na  h-urrad  air  an  son  fein. 

Tha  aon  ni  a  thachair  an  lorg  nan  sgoilean  so 
nach  faod  gain  sòlas  a  thoirt  do'n  chridhe  cheart; 
'se  sin  an  tlachd,  cha'n  e  mhàin  aig  an  òigridh,  ach 


178 

mar  an  ceudna  aig  a  mhuinntir  a  thainig  gu  aois, 
ann  am  fo2;hlum  na  Gaelic,  chum  cothrom  a  bhi  aca 
gu  focal  De  a  thuigsinn  na'n  cainnt  fein.  Chun- 
nacas  an  sean-athair  's  an  t-ogha  nan  seasamh  taobh 
ri  taobh  san  sgoil — chunnacas  an  seann  saighd'ear 
air  tilieadh  fo  chreuchdan  ga  dhùthaich,  a'  foghlum 
as  ùr  briathra  na  sìtb,  iocshiainte  gach  leon.  Chun- 
acas  an  seoladair  leis  an  aon  laimh  a  dh'fhàgadh 
aige  latha  bhlàir,  a'  togaii  an  leabhair  bheannuichte 
sin  os  cionn  an  t-sruth  tre'n  robh  e  dol  do'n  bhothan 
bheag  a  bh'  air  an  raon  chum  comas  fhaotainn  air  a 
leughadh,  ann  an  ciùineachd  an  leinibh,  agus  le  dùr- 
achd  fir  gan  robh  anam  mar  chùram! 

Agus  an  ion  duinn  so  a  bhi  na  ioghnadh  oirn  ? 
Nach  nàr  do  dhuine  a  bhi  aineolach  air  cainnt  a 
dhùthcha,  's  an  sàr  chothrom  a  th'  aca  aig  an  dorus; 
cha'n  abair  mi  a  bheag  san  àm  mu  shnas  na  gaelic, 
ceud  chànmhuinn  ar  dùthcha, 

'Si  labhair  Padruig  an  Innse-fàil  nan  righ, 
*S  am  fàidh  caomh  sin  Calum  naomh  'an  I. 

Ach  so  a  their  mi  gur  nàr  agus  gar  peacach  do 
dhaoinibh  a  bhi  eacomasach  air  teachdaireachd 
thròcaireach  Dhe  dhoibh  fein  a  leughadh,  am  feadh 
'sa  tha  daoine  iochdmhor,  ann  an  caoimhneas  nach 
f  haodar  a  chur  an  ccill  a'  cur  sgoilean  far  am  faod 
iad  ruiffheachd  orra  chum  na  ceart  chrìche  so. 


63.  Dàn  do'n  Chuideaclida  cheudna. 

Bithidh  Chuideachd  ud  eile  'am  sgeul, 
Tha  'm  Baile  Dhuneidin  cruinn, 
Tha  tarruing  gach  inneal  is  teud, 
A  dh'  ionnsachadh  leughaidh  dhuinn  ; 
Tha  'd  cruinneachadh  airgid  is  òir, 
O  dhaoinibh  tha  còire,  stuam ; 
P  3 


^  174 

'S  ga  chaìtheamh  le  cùram  ro  mhòr, 
Chuir  sgoilean  gu  h-òrdail  suas. 

Los  gum  faigbear  le  sean,  is  le  h-òg, 
Deagh  theagasg  is  fòghlum  suairc; 
*S  gun  leugh  iad  na  combairlean  còir, 
Thug  Dia  dhuinn  gu'r  seoladh  suas  ; 
Oir  gad  a  bbiodb  Biobuill  gu  leoir, 
Aig  big,  is  aig  mòir  an  t-sluaigb; 
Mar  b'aithne  dhoibh  'n  leugbadh  air  chòir, 
Cha'n  f  haiiiheadh  iad  eolas  uath. 


64.  Mu  Sgoilean  Ard  Sheanadh  Eagluis  na  h-AIha. 

*S  ANNS  a  bbliadhna  1824,  thugadh  cor  cianail  na'n 
Gael  a  thaobh  easbhuidhean  Sgoilean  agus  meadh- 
onan  eolaisfo  bheachd  Ard  Sheauadh  Eagiuis  na  h- 
Alba,  le  caraid  co  dileas  's  a  dh'  fhosgail  a  bheul 
riamh  as  an  ieith  ;  agus  aig  a'  bheil  an  leas  spiorad- 
ail  co  mòr  na  bbeaclid,  's  gad  a  bhiodh  e  air  a 
bhreith  nam  measg,  agus  air  àrach  ann  an  tir  nam 
beann  o  lailhibh  a  leanabais.  'Se  'n  Diadhair  ur- 
ramach  sin  G.  H.  Baird,  D.  D.,  Priomh  cheannai'd 
Ard  Oibtigb  Dhuneidin,  agus  aon  de  Mbinisteirin 
a  Bhaile  mhoir  sin,  neach  a  dli'  ainmichear  le  bàigh 
linntean  an  diaigli  so  'nar  Dùthaich,  a  tliarruing 
aire  na  h-Eagluis  agus  na  Riogbachd  a  dli'  ionns- 
uidh  staid  na'n  Gaedhal  ;  agus  am  feum  a  bb'  aca 
air  barrachd  sgoiiean  agus  meadhonan  eoiais  na 
chaidh  fhathast  a  gbnàtbacbadl),  gad  is  mòr  agus 
cliùiteach  an  t-saothair  a  ghabh  gach  Cuideachda 
chàirdeil  fhiachail  eile  chum  matb  spioradail  na 
Dùthcha  sin  a  chuir  air  aghaidh.  'Se  'm  freasdal 
fein  a  chuir  ann  an  cridhe  an  duinn  mhath  so  au 
obair  a  ghabhail  os  laimh.     Bba  e  air  gacb  doigb  ro 


175 

fhrea<Tarrach  chum  geath-math  na  h-EaoJuis  agus 
ra  Rioghachd  a  bhuannachc).  Bha  meas  aig  gach 
aon  air;  agus  bha  aige  fein  cridhe  agus  ceann,  rùn 
agus  comas  gu  soirbheachadh  le  dealas  agus  gliocas. 
Bha  anam  gu  mòr  san  obair,  agus  uime  sin  thòisich 
e,  agus  ihuige  so  chaidh  e  air  adhart  le  dùrachd 
agus  togradhj  a  dh'  fhartluich  air  doilghiodais  a 
lughadachadh,  no  saothair  a  chlaoidh.  Chruinnich 
e  eolas  mion  mu  gach  cearn'  agus  eilean  'sa  Ghael- 
tachd  ;  agus  mu  gach  ana-cothrom  fo'n  robh  muinn- 
tir  na  Dùthcha  sin  san  àm  achaidh  seachad  a'  luidhe. 
Thugadh  na  nithe  sin  uile  fa  chomhair  an  Ard 
Sheanaidh,  leis-san  agus  le  àireamh  de  Mhinisteir- 
ean  na  Gaeltachd,  a  thainig  air  an  aghaidh  san  àm, 
adhaighneachadh  le'n  eolas  fein,  na  chuir  esan  air  a 
chòdhail  sin  'an  cèill.  Chual'  an  Eagluis  an  eachd- 
ruidh  a  thugadh  seachad,  le  ìoghnadh  agus  truas. 
Dh'aidicheadh  gun  robh  'n  treud  spioradaii  sa 
Ghaeltachd  air  an  dcarmad  leo  tuille  's  fada.  Bha 
iad  san  aon  inntinn  gun  robh  e  iomchaidh  gun  dàil, 
oirp  a  thoirt  air  sgoilean  agus  foghlum,  a  bharrachd 
air  na  bh'ac',  a  chur  nam  measg;  agus  gum  biodh 
na  sgoilean  ùra  sin,  fo  ughdarras  agus  riaghladh  na 
h-Eagluis.  Bha  so  uile  dligheach  do  na  Gaedhail, 
chum  's  nach  biodh  sliochd  nan  laoch  treun  sin,  a 
choisinn  doibh  fein  agus  d'an  dùthaich,  meas  agus 
cliu,  ann  am  buiUsgein  gach  cruadail,  anns  gach 
cearna  de'n  t-Saoghal,  anns  an  do  sgaoileadh  brat- 
ach  Bhreatuinn  ri  crann,  air  deireadh  air  Gaill  no 
Sasunnaich,  ann  am  fiosrachadh  no  ann  an  eolas, 
ni's  lugha,  na  bha  iad  ann  an  deagh  bheus,  agus 
anns  gach  gniomh  fearail.  O'n  fhiosrachadh  a 
fhuaras  air  an  àm  sin  bha  e  soilleir  gun  robh  mòran 
sgoilean  a  dhi  air  an  dùlhaich,  air  tìi'-mòr  na  Gael- 
tachd,  agus  gu  h-àraidh  am  measg  nan  eilean.  Bha 
e  gu  soilleir  air  a  dheanamh  a  mach  gun  robh  os 
cionn  deich  mile  a  dh'  òigridh  fo  chuig-bliadhna- 
deug  a  dh'aois  comasach  air  foghium  a  ghabhail,  ach 


176 

aig  nach  robh  an  cothrom,  a  bhàrr  air  àireamh  mhòr 
a  thainig  gu  h-aois,  a  bha  dian-thogarrach  gu  urrad 
fhòghlum  fhaotainn  'sa  dh'  fhàgadh  comasach 
iad  air  focal  De  a  leughadh  ann  an  cainnt  an  dùth- 
cha.  Fhuradh  a  mach  gun  robh  sgireachdan  ann 
anns  nach  robh  trian  de'n  t-sluagh  comassch  air 
leughadh,  agus  gan  robli  focal  De  na  leabhar  glaiste. 
Cha  robh  e'n  comas  do  mhuinntir  na  rioghachd  so  a 
chluinntinn  gun  duilichinn  m'an  chùis.  Bha  meas 
mòr  san  àm  sin  air  na  Gaedhil,  mar  tha  dòchas  ag- 
ainn,  a  bhitheas  anns  gach  linn  :  cha  do  dhi-chuimh- 
nichcadh  an  cogadh  f  hathast,  anns  an  do  sheas  iad- 
san  ri  gualadh  an  righ  gu  calma  dìleas,  ann  am  iom- 
ad  latha  teith,  far  nach  b'e'n  àbhuist  a  bhi  air  deir- 
eadh  ;  bha 'n  cliu  ann  an  eachdruidh  gach  blàir; 
agus  a  nis  'nuair  a  chuireadh  an  uireasbliuidh  spior- 
adail  an  ceill,  thaisbein  Albuinn  o  ihaobh  gu  taobh 
an  deagh  rùn  doibh,  air  a  mhodh  a  b'fheumaile. 
'S  gann  a  bha  Baile  mòr  no  sgìreachd  san  riogh- 
achd  anns  nach  robh  airgiod  air  a  thional  chum  na 
sgoilean  so  a  chuir  a  mach.  Shonraich  Ard  Shean- 
adh  na  h-Eagluis  a  mach  buidheann  de  Mhinistir- 
ean  agus  de  Fhoirfich  gu  riaghladh  na  cùis  a  ghabh- 
ail  os  laimh  ;  agus  faidheoidh  thòisich  an  obair  a 
blia  ann  am  beachd  an  duine  mhath  a  dh'  ainmich- 
eadh  mar  tha,  agus  e  fein  air  ceann  a  ghnolhaich, 
shoirbhich  gus  a  so,  trid  beannachd  Dhe,  air  dhoigh 
nach  faod  gun  mhòr  shòlas  a  thoirt  do  gach  cridhe 
ceart.  Cha  robh  ac'  air  a  cheud  bhliadhn'  ach  dà 
sgoil,  agus  a  nis  fein  air  an  treas  bliadhna,  tha  aca 
còrr  is  leth-cheud,  anns  a  bheil  eadar  tri  agus  ceith- 
ir  mìle  air  an  teagasg !  Tha  so  gu  cinnteach  na 
aobhar  taingealachd  do  Dhia. 

Chuir  a  bhuidhinn  ris  an  d'earbadh  na  sgoilean  so 
a  cheana  os  cionn  fichead  mìle  leabhar  sgoile,  air  an 
ullachadh,  mar  tha'n  t-aon  so,  gu  sonraichte  air  an 
son  fein ;  agus  cha'n  e  leabhruichean  sgoile  arson  na 
h-oigridh  a  mbàin  a  tha  iad  a'cur  a  mach;  ach  chuir 


177 

iad  chean  air  bonn  ann  an  dà  fhichead  àite  air  feadh 
ua  Gaeltachd  Cruinneacha  leabhruichean  de  iomadai 
seorsa,  an  Gaelic  's  am  Beurla,  air  an  tagha  le  faic- 
ill  agus  cùram,  gu  bhi  air  an  toirt  chuni  an  leugh- 
aidh  do  gach  teaghlach  ann  an  coimhearsnachd  nan 
sgoilean,  o'm  faigh  na  Gaedhil  san  oidhche  gheamh- 
ruidh,  calaidh  f hiosrachaidh  agus  eolas  taitneach 
an  àite  bhi  suidhe  ma'n  ghriosaich,  ag  innse  no  'g 
èisteachd  sgeulachdan  faoin  ;  no  dol  air  cheilidh  o 
thigh  gu  tigh,  gun  tairbhe  no  buannachd  na  lorg. 

'S  ann  mar  so  a  thòisich  na  sgoilean  a  tha  mach  fo 
ughdarras  na  h-Eagluis.  Eadar  a  bhuidheann  ris  a' 
bheil  iad  so  an  earbsadh  ann  an  Duneidin,  agus 
gach  Cuideachda  chneasta  eile,  a  thasaoithreachadh 
arson  math  na  Gaehachd;  cha'n'eil  falachd  nafarraad, 
ach  farpuis  a  ghràidh  ann  an  obair  na  trocair.  'Se'n 
aon  ni  tha  nam  beachd ;  tha'n  urnuigh  ri  Dia  arson 
soirbheachadh  càch  a  chèile.  Tha  'n  dùthaich  d 'a 
bheil  iad  a'  dol  a  mach  farsuing,  agus  eadar  buach- 
aillean  Abrahaim  agus  Lot  cha'n'eil  cionfath  conn- 
sachaidh,  "  Thuirt  Abraham  ri  Lot,  Na  bitheadh 
guidheam  ort,  comhstrì  eadar  mis  agus  thusa,  agus 
eadar  mo  buachaillean  agus  do  buachaillean-sa;  oir 
is  bràithre  sinn.     Nach  'eil  an  tir  uile  romhainn." 

Am  faod  sinn  sa  chunntas  aithghearra  so  a  th' 
againn  air  na  sochairibh  spioradail  a  tha  na  Gael  a 
nis  a'  sealbhachadh,  gun  ghairm  air  ar  luchd-dùth- 
cha  ionmlminn,  a  bhi  dìleas  doibh  fein,  agus  feum 
iomchuidh  a  dheanamh  do  gach  cothrom  a  tha  gu 
saibhir  air  a  bhuileachadh  orra. 

Bha  là  ann  'nuair  nach  robh  mòr  bhàigh  eadar 
Gaill  agus  Gaeil,  ach  dh'  fhalbh  an  là  sin,  is  bu 
neo-shuairce  na  Gaeil  mar  falbhadh;  oir  gu  cinn- 
teach  bu  truagh  an  cor  mar  b'e  na  tha  daoin'  eile  a' 
deanamh  air  an  son.  O  !  's  prìseil  soisgeul  Chriosd 
a  tha  fògradh  gach  mi-run  air  falbh,  agus  a'  sgaoil- 
eadh  gràdh  bràithreii  agus  siih  air  fadh  gach  tìr! 

Le   dùrachd   ar  n-anama  dh'  asluicheamaid   air 


178 

parandan,  ma  thig  an  leabhar  so  na  'n  caramh,  iad, 
os  cionn  gach  ni,  a  dh'  oirpeachadh  foghlum  a  thoirt 
d'  an  cloinn.  Is  beag  is  urrainn  Gaeil  bhochd 
fhàgail  aca  do  shaibhreas,  ach  ma  tha  eolas  math 
aca,  tha  so  ni  's  luachmhoire  dhoibh  na  crodh  na 
caoraich.  Anns  na  sgoilibh  so  tha  Gaelic  agus 
Beurla  ri  bhi  air  an  teagasg ;  tha'n  da  chainnt 
feumail,  agus  faodar  an  teagasg  san  aon  àm;  ach 
le  'r  n-iomaguin  m'  an  Bheurl'  ionnsachadh  ni  a  tha 
ro-iomchuidh,  na  dcarmadaibh  a  Ghaelic;  fhad  si 's 
beo  sibhse,  's  ann  innt  is  fearr  a  thuigeas  sibh  focal 
De;  'Sann  leatha  ruigeas  luchd  teagasg  ur  cridhe, 
agus's  ann  leaiha  is  fearr  a  thaomas  sibh  a  mach 
diomhaireachd  ur  n-anama  aig  cathair  na'n  gràs. 

Sibhse,  òigridh  mo  ghràidh,  aig  a  bheil  an  coth- 
rom  na  deanaibh  dearmad  air.  Thugaibh  fainear 
gur  h-i  Ghaelic  a  chainnt  is  fearr  a  thuigeas  ur  n- 
athair  agus  ur  màlhair,  ur  coimhearsnaicii  aosda 
agus  ur  cairdean ;  'Si  so  cainnt  an  doill  agus  a 
bhacaich,  nach  faigh  gu  eagluis  agus  nach  d'  fhuair 
foghlum.  Cia  sòlasach  dhuibhse  am  focai  naomh  a 
leughadh  dhoibh,  agus  eolas  an  t-Slanuighear 
bheannuichte  a  rùn-phairteacha  riusan  a  tha  as 
eug'ais,  a'  dol  sios  do'n  uaigh  fa  chomhair  ur  sùl. 

Aon  fhocal  eile  labhruinn  ri  òg  agus  aosda; 
Guidhibh  aig  cathair  na'n  gràs  gun  soirbhicheadh 
Dia  leis  gach  comunn  a  tha  saoithreacha  san  obair 
bheannaichte  so;  tha  iadsan  a'  gnàihacha  nam 
meadhona,  ach  'se  Dia  bheir  am  fàs — Guidhibh  gu 
dùrachdach  ris — is  mòr  fàth  ur  dòchais,  oir  is  dìleas 
esan  a  thuirt,  Gumbi  lionmhoireachd  nan  eilean  ait, 
gun  seinn  luchd-aiteachaidh  na'n  creag,  agus  gum 
bi'n  taiamh  lan  de  eolas  an  Tighearna,  mar  tha'n  t- 
uisge  còmhdachadh  aigeann  na  fairge. 


179 


65.  Dàn  air  an  t-sealladh  thaitneack  a  ilia  'm  beachd  na 
Gael. 

Bha  na  Gaeil  ro-aineolach,  dhall, 
Bha  ionnsacha  gann  nam  measg, 
Bha'n  eòlas  co  tana,  's  co  mall, 
'S  nach  b'  aithne  dhoibh  'n  call  a  mheas: 
Cha  chreideadh  iad  buannachd  no  stà, 
Bhi'n  sgoileireachd  àrd  da'n  cloinn; 
Gad  dh'  fhaodadh  iad  fhaicinn  gach  là, 
Gur  i  thog  o  làr  na  Goill. 

Ach  b'  annsa  leo'n  airgiod,  's  an  òr, 
A  chaithe  gu  gòrrach  truagh, 
Ri  amaideachd,  òranaibh,  's  òl, 
Ri  bainnsibh  is  ri  ceol  da'n  cluais. 
Cha'n  ìognadh  ged  bha  iad  gun  chàil, 
Do  fhocal  na  slaint  aig  Dia: 
Gad  choisinn  an  nàmhuid  an  gràdh, 
'S  gad  bha  iad  toirt  da  a  mhiann. 

Ach  theid  aineolas  nìs  as  an  tìr, 

'S  gach  cleachda  neo-dhìreach  crom; 

Is  mealaidh  sinn  sonas,  is  sìth 

Gun  fharmad  no  strì  n'  ar  fonn. 

Thèid  sgoilean  chur  suas  anns  gach  cearn', 

Bidh  leabhraichean  Gaelic  paiit; 

Bidh  eolas  is  diadhachd  a'  fàs, 

Thig  gach  duine  gu  stà,  's  gu  rath. 

Nis  "  togaidh  na  Gaidheil  an  ceann, 
'S  cha  bhi  iad  am  fàng  ni  's  mò :" 
Bidh  aca  àrd  fhòghluiu  na'n  Gall, 
Is  tuigse  neo-mhall  'na  chòir: 
Theid  innleachdan,  's  oibre  air  bonn, 
Chuireas  saibhreas  'n  ar  fonn  gu  pailt; 


180 

Bidh  an  dìblidh  co  laidir  ri  sonn, 
'S  am  bochd  cha  bhi  lòm  le  h-airc. 

Thig  na  lìnnte  gu  cinnteach  ma'n  cuairt, 
Tha'n  Sgriobtuir  a'luaidh  thig  oirn : 
San  d'  theid  Satan  a  cheangal  gu  cruaidh, 
*S  nach  meall  e  an  sluagh  le  sgleò. 
Bidh  firinn,  is  siochchaint,  is  gaol, 
A'  ceangal  chloinn  daoin  ri  cheil ; 
Cha  'n  fhaicear  fear  dona  mi-naomh, 
Thèid  olc  as  an  t-saogh'i,  is  beud. 


66.  Mu  Umuigh. 

Cha'n  ann  ann  am  briathraibh  snasmhor,  air  an 
taghadh  le  cùram,  air  an  cur  gu  riaghailteach  an 
tàdh  a  chèile — air  an  labhairt  gu  stòlda,  le  fonn 
cràbhuidh,  a  tha  urnuigh  thaitneach  a'  co  sheasamh, 
ni  mò  is  ann  ann  an  lùbadh  na'n  glùn,  togail  suas 
nan  lamh,  no  ann  an  uirigleadh  beoil.  Faodai 
iad  sin  uile  a  bhith^  's  gun  ghne  de  urnuigh  thait- 
neach  a  bhi  nan  lorg.  Tha  urnuigh  a'  co'-sheasamh 
ann  an  cuir  an  cèill  ar  n-iarrtuis,  a'  dortadh  a 
mach  ar  cridheachan,  togail  suas  ar  n-anama  a  dh* 
ionnsuidh  Dhe,  le  'r  làn  earbsadh,  socraichte  aìr 
toillteannais  agus  eadar-ghuidhe  an  Tighearn  losa 
Criosd,  ar  Fear-saoruidh  beannuichte.  Cha  'n  ann 
an  saothair  meoghair  no  meamna  tha  urnuigh  air  a 
deanamh  suas,  ach  ann  an  saothair  dhùrachdach 
spiorad  neo-bhàsmhor  an  duine^  air  a  dhùsgadh,  air 
a  bheothachadh,  agus  air  ùngadh  le  tionnsgnadh 
agus  cumhachd  o  neamh.  Tha  urnuigh  air  a'  cur 
an  cèiU  mar  ag  iarruidh  Dhe,  ag  amharc  ri  Dia,  a* 
tarruing  dlù   do   Dhia,   a'   deanamh   greim  air  a 


181 

chumhnanta,  a'  dòrtadh  a  niach  a  chridhe  na  fhian- 
uis,  a'  gui  agus  a'  caoidh  'na  Jàthair.  Ann  an  ur- 
nuigh  's  e'n  cridhe  an  t-aon  ni;  oir  ciod  i  ùrnuigh 
ach  co'-choraunn  diomhair  an  anama  ri  Dia,  trid 
Chriosd;  agus  mar  'eil  ar  cainnt  a'  cur  an  cèiii  iarr- 
tuis  agus  imcheist  a  chridhe,  cha'n  urnuigh  a  tha 
sinn  a'  deanamh,  cha'n  aithrigh  eairan  ainm.  Mar 
'eil  an  cridhe  'san  inntinn  an  sàs,  cha'n'eil  ann  an 
iobairt  na  h-urnuigh  ach  amaideachd  fhaoin,  fanaid 
ladurn'  air  moralachd  an  Ti  is  àirde.  'S  fhiirasd 
fhaicinn  uaith  so  gur  i  sin  an  urnuigh  is  taitniche, 
anns  am  niugha  bheil  an  cridhe  air  a  tharruing  a 
mach  a  dh'  ionnsuidh  Dhe,  air  a  bhlàthachadh  le 
gràdh  agus  taingealachd  dha;  agus  air  àrdachadh  le 
bhi  cuimhneachadh  air  cionfath  a  mhisnich  a  tha  aig 
ann  an  Criosd  gu  tighinn  le  dànaehd  naomh  chum 
cathair  na'n  gràs.  Faodar  an  urnuigh  so  a  dhean- 
amh  gun  aon  fhocal  a  ghnàthachadh;  tha  cainnt  aig 
a  chridhe  a  thuigeas  Dia,  'nuair  nach  comasach  a 
lànachd  aithris;  an  uair  a  dh'  fheumar  an  gearan 
bochd  a  dheanamh  ann  an  osnaichibh  le  deuraibh 
goirt. 

'S  e  Dla  cuspair  an  fhior  aoraidh;  's  ann  dà-san  is 
cubhaidh  do  gach  glùn  lùbadh,  agus  do  gacli  beul 
aidmheil  a  dheanamh.  'S  esan  Iehobhah,  agus  na 
làthair's  eiginn  do  gach  neach  teachd.  Ach  an  uaìr 
a  thn  sinn  ag  ràdh  gur  ann  ri  Dia  a  mliàin  a  tha 
urnuigh  r'a  toirt  suas,  is  feumail  dhuinn  a  chuimh- 
neachadh  gu  bheil  tri  pearsaidh  anns  an  Diadhachd, 
an  t-Atliair,  am  Mac,  agus  an  Spiorad  Naomh,  an 
triùir  6Ìn  gur  aon  Dia  iad,  ionann  ann  an  nàdur, 
coimeas  ann  an  cumhachd  agus  an  glòir.  Tha  aor- 
adh  agus  urram  dligheach  do  gach  Pearsa  san  Trion- 
aid  ui!e-bheannuichte,  gun  an  eadar  dhealuchadh 
'nar  inntinn;  ach  an  cridhe  a  thogail  d'an  ionnsuidh 
mar  an  t-aon  Dia  beo  fior. 

'S  gann  a  ruigear  a  leas  a  dhearbhadh  gur  i 
urnuigh  a  dheanamh  dleasnas  an  duine;  tha  solas 
Q 


182 

nàduir  fein  a'  teajrasg  so;  tha'n  dleasnas  so  air  a 
dheargadh  air  clàr  cridhe  mhic  an  duine,  le  nieur 
dhìomhair  an  Uile-chnmhachdaich,  air  chor  's  gur 
doirbh  a  dhughadh  a  mach.  M'as  iad  na  Cinnich  a 
tha  aineolach  air  an  Dia  bhen,  m'as  iad  na  h-Inn- 
seanaich  fhiadhaich  a  tha  siubhal  gu  lom  rùisgte  tre 
choiiltibh  fàs,  teichidh  iadsan  an  àni  gàbhuidh  a  dh* 
ionnsuidh  an  diathan  brèige.  Tha  sinn  am  barail 
nach  deachaidh  aon  neach  riamh  tre  'n  t-saoghal  so, 
f;e  b'e  air  bith  co  dall  an-diadhuidh  's  a  bha  e,  nach 
do  choinnich  ni  eiginn  uair  no  uair-eigin  a  thug  air 
urnuigh  a  chur  suas.  Ach  cha'n'eil  sinn  air  ar  fàg- 
ail  ann  an  taice  ri  sf)lus  nàduir  ann  an  cùis  co  cud- 
thromach.  Gun  tighinn  air  gach  dàimh  anns  a  bheil 
Dìa  a  seasamh  do  thaobh  dhaoine,  a  tha  leige  ris 
duinn  Co  dleasnach  's  a  tha  urnuigh,  tha  so  air  àithne 
dhuinn,  anns  a  chainnt  is  laidire  agus  is  soilleire, 
ann  am  focal  De.  Do  thaobh  po  faodar  gu  firin- 
neach  a  ràdh  gu  bheil  àithn'  againn  air  àithne,  rann 
air  roinn,  beagan  an  sid  agus  beagan  an  so,  chums 
nach  biomaid  arin  an  amharusmu  thimchioll  ni  risa* 
bheil  ar  sonas  siorruidh  co  mòr  an  earbsa.  Bu  diomh- 
ain  a  chomharachadh  a  mach  gach  earrann  sa 
bheil  so  air  àithne,  "  larraibh,"  a  deir  Criosd, 
"  agus  bheirear  dhuibh,  siribh,  agus  gheibh  sibh ; 
buailibh  an  dorus,  agus  fosglar  dhuibh  e."  "  Dean- 
aibh  urnuigh,"  deir  an  t-abstol  Pol,  "  's  gach  àite, 
a'  togail  suas  làmha  naomh,  gun  fheirg  gun  amhar- 
us."  Tha  'n  dleasnas  so  air  a  sparradh  oirn  le 
samhladh  nan  daoine  math,  a  thug  gràdh  do  Dhia 
anns  gach  linn  de  'n  t-saoghal ;  bha  abstoil  Chriosd 
seasmhach,  dùrachdach  san  dleasnas  so;  ann  an 
lionmhoireachd  an  saolhair,  is  meud  am  fulangais, 
cha  d'  iarr  iad  riamh  leith-sgeul  a  ghabhail  gu  dear- 
inad  a  dheanamh  air  urnuigh.  Bha  fios  aca,  as 
eug'ais  so,  gum  biodh  an  saothair  gun  bhuaidh, 
agus  am  fulangas  gun  bhuannachd.  Ach  tha  samhla 
Chriosd  a'  sparradh   an  dleasnuis  so  oirn   air  an 


183 

doigh  is  cudthromaiche.  *S.  tric  a  th'àr  esan  air 
falbh  o  ùinich  dhaoinibh,  agus  o  othail  an  t-saoghail, 
chuin  silh  agus  suaimhneas  fhaotainn  ann  an  uaig- 
neas  na  h-urnuigh.  Is  iomad  oidhch'  a  chuir  esan 
seachad  a  muigh  air  an  t-sliabh  ann  an  diomhair- 
eachd  naomh,  a'  conaltradh  r'a  Athair  neamhuidh; 
"  dh'  eirich  e,"  deir  Marcus,  "  'sa  mhaduinn  fada 
roi  latha;  chaidh  e  mach,  dh'  imich  e  gu  àite  fàsail, 
agus  ann  an  sin  rinn  e  urnuigh.  Ma  ghabhas  sinn 
ris  mar  ar  Tighearn  agus  ar  Maighstir,  oirpicheam- 
aid  gluasad  mar  rinn  esan,  agus  urnuigh  a  dhean- 
amh  mar  sheol  e. 

Ach  's  bochd  cor  an  duine  sin  agus  is  aobhar 
thruais  e  gu  dearbh,  air  an  imirear  urnuigh  a 
sparradh  mar  a  dhleasnas;  oir  'si  urnuigh  an 
t-sochair  is  àirde  is  urrainn  do'n  Chriosduidh  a 
bhos  an  so  a  shealbhachadh  ;  oir  is  i  so  a  chuibh- 
rionn  is  àirde  ga  shonus,  do  bhrigh  gu  bheii  i  ga 
tharruing  dlù  do  Dhia,  's  ga  chàramh  ann  an  co'- 
chomunn  spioradail  maille  ris.  Is  sochair  so  bha  air 
a  ceannach  gu  daor  le  fuii  Chriosd;  is  soirbh  o  sin  a 
thuigsinn  cia  luachmhor  's  a  tha  i ;  oir  is  i  so  an 
saorsa  cloinne  so,  leis  a  bheil  a  luchd-leanmhuinn 
air  am  fàgail  comasach  air  teachd  dlù  dha.  So  sochair 
a  chall  na  h-anama  truagh  sin  a  tha  ann  an  ionadna 
dòrainn;  cha'n'eil  comas  aca  teachd  a  dh'  ionnsuidh 
Dhe,  's  a  chaoidh  cha  'n  èisdear  r'an  gearan  bochd. 
Agus  an  e  gun  dean  sinne  dcarmad  air  an  t-sochair 
is  prìseile  th'  aguinn  an  taobh  so  'n  uaigh. 


67.  Laoidh  na  h-Umuigh. 


'Si  ùrnuigh  iarratas  nan  naomh, 
'Sa  bheil  an  deigh,  san  tlachd  ; 
Q2 


184 

Fadadh  an  teine,  dhìomhair  ghràis 
Tha  lasadh  anns  an  uchd. 

'Si  ùrnuigh  suim  an  osna  bhròin, 
*Si  ùrnuigh  drùchd  nan  deur, 
Aomadh  na  sùl  a  n  àird  gu  neamh, 
'S  gun  neach  ach  Dia  'gan  leur. 

'Si  ùrnuigh  cainnt  an  leinibh  bhig, 
An  uirighleadh  ged  's  maoth, 
*Si  ùrnuigh  chainnt  isbuadhaire, 
A  ruigeas  cathair  Dhe. 

*Si  ùrnuigh  anail  beath'  nan  naomh, 
Fàiie  ait  an  dùcha  fein, 
An  deo  ma  dheireadh  'n  glac'  a  bhàis, 
Sgiath  an  an'ma  gu  neamh. 

'Si  ùrnuìgh  guth  an  aithreachain, 
'fSe  'g  iompachadh  air  ais; 
Is  aingle  'g  ràdh  le  gairdeachas, 
Feuch  e  ri  ùrnuigh  'nis. 

Na  naoimh,  an  ùrnuigh  tha  mar  aon, 
An  cainnt,  an  gniomh,  's  an  smuain  ; 
'Nuair  shealbhaicheas  iad  le  Dia  'sa  Mhac 
Co'-chomunn  càirdeil,  buan. 

Cha'n  anns  an  t-saogh'ls  tha  ùrnuigh  mhàin, 
Ag  guidhe  tha'n  Spiorad  Naomh  ; 
Is  losa  air  ar  son  gun  sgìos 
Ag  asluchadh  air  neamh. 

'S  esan  an  t-iul  tha  triall  gu  Dia, 

A  bheatha,  san  fhirinn  fòs, 

Slighe  na  h-ùrnuigh  dh'fheuch  thu  fein, 

O !  teagaisg  dhuinn  i  los' ! 


IBB 


68.  Mu'n  t-suidheachadh  inntinn  a  tha  freagarach  do 
Urnuigh. 

Is  cudthromach  an  dleasnas  agus  is  luachmhor  an  t- 
sochair  urnuigh.  Is  ro  iomchuidh  uime  sin,  a  thuig- 
sinn  an  suidheacbadh  inntinn  leis  am  buineadh 
dhuinn  diùthacha  ri  Dia.  M'an  tog  am  fear-ciùil 
am  fonn  le  càch,  's  eiginn  gum  bi  an  t-inneai-ciùil 
ann  an  deagh  ghleus,  agus  feumaidh  an  t-anam  a 
bhi  ann  am  fonn  iomchuidh  fo  ghleus  spioradail, 
m'an  urrainnear  dol  mu  thimchioil  an  dleasnais  so  le 
tlachd  no  tairbhe. 

'S  eiginn  a  bhi  treibh-dhireach  ann  an  urnuigh  ; 
is  Spiorad  Dia,  agus  's  eiginn  aoradh  a  ihoirt  da 
ann  an  Spiorad  agus  ann  am  firinn.  Cha'n'eil  ni  is 
fuathaiclie  le  Dia  na  ceaigoireachd.  B'  fhiosrach 
righ  Daibhidh  air  so  'nuair  a  ghuidh  e,  "  Thoir 
fa'near  mo  ghlaodh,  agus  cluinn  m'  urnuigh,  oir  ann 
am  bheul  cha'n'eil  breug  no  gò."  "  Rannsaich  mo 
chridhe,"  a  deir  e  ann  an  àit  eile,  "  agus  thoir  fain- 
ear  mo  smaointean,  a  dh'f  hiach  nach  'eil  olc  air  bith 
air  a  chieth  ann  am  chridhe."  'S  iomad  achmhasan 
geur  a  tha  Criosd  a'  toirt  do  na  Phairisich  arson  an 
cealgoireachd,  le'n  urnuighibh  fada  gun  an  cridhe 
bhi  sa  chùis.  Ma  's  àill  leinne  gun  èisd  Dia  ruinn 
's  eiginn  duinn  dlùchadh  ris  le  aigneadh  an  naoidh- 
ein,  a'  toirt  fainear  nach  labhair  am  beul  ach  na  th'ann 
sa  chridhe,  a'  càramh  Dhe  fa  chomhair  an  anama, 
a'  cuimhneacha  gu  bheil  gach  ni  soilleir  da  shùil  uile- 
leirsinnich,  a'  yuidhe  arson  nan  sochairean  a  tha  sinn 
da  rìreadh  ag  iarruidh,  agus  ag  aslucha  saorsadh  o 
na  peacaibh  is  fuathach  leinn,  agus  bu  mhiann  leinn 
a  threigsinn. 

Is  cubhaidh  dhuinn  tarruing  dlù  do  Dhia  leis  an 
urram  is  àirde.     "  Na  bi  bras,"  a  deir  an  duine  glic, 
"  le  d'  bheul,  agus  na  luathaicheadh  do  chridhe  gu 
Q  3 


186 

ni  a  labhairt  an  làthair  Dhe,  oir  tha  Dia  air  neamh, 
agus  thus  air  thalamh,  uime  sin  biodh  do  bhriathra 
tearc."  A'  bheil  e  comasach  dhuinn  smaointeach- 
adh  air  gloir  an  Ti  ris  a  bheil  sinn  a'  labhairt,  gun 
an  t-urram  is  àirde.  Bhuineadh  dhuinn  oirp  a  thoirt, 
trid  còmhna  grcàis,  an  saoghal  a  dhruideadh  a  mach, 
ar  smuainte  luaineach  a  chumail  fo  smachd,  'sa  bhi 
le  eagal  urramach  mar  arn  am  fianuis  De.  Na  h- 
aingil  naomh  a  tha  cuairteachadh  a  chathair  riogh- 
ail,  àrd,  agus  glormhor  mar  tha  iad,  's  ann  le  fiamh 
agus  urram  a  tha  iad  'gan  sleuchda  fein  na  lathair, 
a'  folach  an  gnùis  le'n  sgiathaibh,  le  mothachadh  air 
a  mhòralachd. 

*S  ann  le  irisleachd,  mar  an  ceudna,  a  bhuineas 
do  dhaoinibh  dlùthachadh  ri  Dia.  As  eug'ais  iris- 
leachd  cha  chomas  duinn  teachd  na  làihair.  Ciod  i 
urnuigh,  ach  athchuinge  bhochd  an  anama,  iarratas 
a  chridhe  leointe,  aideachadh  apheacaich  aithreach- 
ail.  'S  eiginn,  uime  sin,  gach  àrdan  agus  uaill  a  bhi 
air  isleachadh,  ma  bhcil  e  comasach  do  dhuine 
tairbhe  fhaotuinn  ann  an  urnuigh,  no  gairdeachas  a 
dheanamh  ann  an  solus  gnùis  an  Tighearna.  *'  Tha 
Dia  a'  cuir  an  aghaidh  luchd  an  àrdain,  ach  bheir  e 
gràs  dhoibhsan  a  tha  iriosal ;"  oir  mar  so  deir  an  "  Ti 
àrd  agus  uasal,  da'n  àite  àite  còmhnuidh  siorruidh- 
eachd,  da'n  ainm  an  Ti  naomh  ;  Anns  an  ionad  àrd 
agus  naomh  gabhamsa  còmhnuidh:  maille  ris-san 
fòs  a  ta  leònta  agus  iriosal  'na  spiorad."  Cuimh- 
nichibh  am  Phairiseach  agus  an  Cis-mhaor.  Gu 
ma  h-ann  leis  a  Chis-mhaor  a  gheibhear  sibhse  a' 
gul,  agus  ni  h-ann  mar  am  Phairisich  uaibhreach. 
Gu  ma  h-e  is  cainnt  duibhse,  A  Thighcarna,  ciod  e 
an  duine?  dean  tròcair  orm,  O  Dhe,  's  mi  'm  pheac- 
ach  ann  ad  làthair. 

Dlùthaicheamaid  ri  Dia  ann  an  urnuigh  agus 
ann  an  taingealachd.  Le  moihacliadli  ceart  air 
maitheas  agus  caoimhneas  a  fhreasdail,  agus  soch- 
airean  a  fjhràis  d'ar  taobh.     Am  feadh  a  ta  sinn  gar 


187 

n-irìoslachadh  fein  arson  ar  peacaidh,  na  carileamaid 
sealladh  air  aobhar  gach  sòlais;  cha'n'eil  sinn  air  ar 
gairm  gu  gul  ruar  mhuinntir  aig  nach  'eil  dòchas. 
Na  crochamaid  ar  clàrsaichean  do  ghnà  air  na 
craobhaibh  seiUchj  a'  gul  agus  a'  diùltadh  òrain 
thaingealachd  a  sheinn;  oir's  cubhaidh  an  gleusadh 
chum  nioladh  an  Ti  is  àirde  a  chur  an  cèiU.  Is  tait- 
neach,  tarbhach  an  ni  taingealachd  'nuair  is  ann  o 
ghràs  a  tha  e  sruthadh,  'nuair  is  e  Dia  a  th'  aige  mar 
chuspair;  na  ceadaicheamaid  air  àm  sam  bith  do'n 
teine  naomh  tha  air  f  hadadh  air  an  altair  bhi  air  a 
mhùchadh  leis  an  luaithre  a  tha  ma  thimchioU  ;  no 
dol  as  le  cion  brosnuchaidh ;  bithidh  e  air  a  bheoth- 
acha  le  urnuigh,  anns  a  bheil  an  t-anam  a'  cuimh- 
neachadh  air  sochairibh  a  choi'-cheangail,  agus  na 
nithe  mòr  a  tha  Dia  ann  an  Criosd  a'  deanamh  ar- 
son  an  anama;  agus  an  fheadh  a  tha  sinn  mar  so  a' 
seoladh  a  mach  air  a  chuan  mhòr  so,  maitheas  agus 
tròcair  Dhe,  aig  nach  'eil  cladach  na  crìoch,  canam- 
aid  ann  an  taingealachd  anama,  "  Beannuich  an 
Tighearn,  O  !  m'anam,  is  moladh  gach  ni  tha'n 
taobh  a  stigh  dhiom  t-ainm  naomh." 

Ann  an  urnuigh  is  iomchuidh  do  dhaoin'  a  bhi 
dùrachdach,  gun  bhi  fuar,  trom,  no  meadh-bhlàth ; 
fo  an-tlachd  no  marbhantachd  inntinn, 

Le  m'  uile  chridhe  fein  a  Dhe, 
do  iarr  mi  thu  gach  là. 

An  uair  a  ni  thu  urnuigh,  arsa  Diadhair  àraidh,  Gum 
b'f  hearr  leat  do  chridhe  bhi  gun  bhriathra  na  do 
bhriathra  bhi  gun  chridhe.  Cha  ghlic  an  ni  urnuigh 
raharbh  a  chuir  suas  ris  an  Dia  bheo;  uime  sin  their- 
ear  gu  bheil  iobairt  nan  amadan  na  gràinealachd  le 
Dia.     Mar  thuirt  aon  de  Ailhriche  na  h-Eagluis, 

Cha'n  e  gulh  binn,  ach  guidhe  thrèin : 
cha  teud  ach  cridhe  ceart; 


188 

Cha  ghlaodh,  ach  gràdh,  ni  fuaim  gu  geur, 
an  cluasaibh  Dhe  nam  feart. 

Tha  dùrachd  ann  an  urnuigh,  mar  bha'n  teine  do'n 
iobairt  ioisgte,  san  tùiseir  òir,  a'  toirt  air  eiridh  gu 
neamh,  agus  boltrach  ro-chùbhraidh  a  thoirt  seach- 
ad.  Is  cudthronriach  na  nithe  a  tha  sinn  ag  iarruidh 
air  Dia  ann  an  urnuigh,  mar  buannaich  sinn  iad  tha 
sìnn  cailite  gu  siorruidh  ;  agus  cha'n'eil  e  comasach 
dhuinn,  ma  smaoinlicheas  sinn  air  so  a  bhi  fuar  no 
saobh-chràbhach ;  'Nuair  a  tha  sibh  a'  dol  a  dhean- 
amh  urnuigh,  a'  deir  Baxter  diadhuidh,  cuiribh  ma 
timchioll  mar  gum  faiceadh  sibh  Dia  na  ghloir, 
neamh  agus  ifrinn  :  spiorada  nan  ionracan  agus  nan 
aingidh,  agus  losa  Criosd,  a'  tagradh  ur  cùis  air 
deas-laimh  an  Athair, 

Aon  uair  eile,  Bithibh  seasmhach  foighidneach 
ann  an  urnuigh,  fo  dheagh  dhòchas,  gun  d'thig 
beannachd  Dlìe  oirbh  mar  chi  e  fein  iomchuidh 
chum  ur  leas  a  chur  air  aghaidh.  Cuimhnichibh  a 
bhan-Sirophenisianach,  ga  nach  d'thug  Criosd  feart 
air  a  ceud  athchuinge,  gad  a  fhuair  i  innse  dhi  nach 
robh  e  ceadaichte  aran  na  cloinne  thoirt  do  na  mad- 
raidh,  gidheadh  cha  do  chaill  i  a  misneach,  ach  lean 
i  air  giiidhe  ni  bu  dùrachdaiche,  gus  an  dubhairt 
Criosd  ria,  O!  bhean  is  mòr  do  chreidimh,  bitheadh 
e  dhuit  mar  is  àill  leat !  Na  smaointaich  gu  bheil 
Dia  a'  diùltadh  t-urnuigh  èisdeachd,  'nuair  nach  'eil 
thu  mothachail  air  a  freagradh.  'S  ann  mar  so  a  tha 
esan  a'  dearbhadh  a  mhninntir  fein,  gan  deanamh 
ni's  dùrachdaiche  na  bha  iad  riamh,  le'n  tilleadh  air 
an  ais  a  rìs  chum  an  glùin.  Cuir  romhad,  nach 
dealaich  tha  ris  gus  am  beannaich  e  thu,  ag  ràdh 
maille  ri  Daibhidh, 

Ri  Dia  tha  mis  a'  feitheamh,  fòs 
Tha  m'anam  feitheamh  ris; 


m 

'Sna  f  hocal  naomha  fìrinneach 
Mo  dhòchas  cuiridh  mis. 

Tha  m'anam  bochd  nis  furachair 
A'  feilheamh  Dhe  do  ghnàth, 

Na  bhios  luchd-faire  maidne  fòs 
Ri  sgarachdain  nan  tràth. 

Nis  furachair,  a*  deìream  fòs, 
'Ga  fheitheamh-san  gun  ghò, 

Na  bhios  luchd-faire  anns  an  oidhch 
Ri  teachd  a  steach  an  lò. 


69.  Còmhìadh  an  Spioraid  ann  an  Urnuigh, 

Smaointich  leat  fein  fiath  air  a  chuan,  an  long  a 
raach  air  aghaidh  na  fairge,  gun  chomas  gluasad. 
Tha  gach  seol  air  a  sgaoileadh  chum  an  soirbheas 
fann  a  ghlacadh,  ach  h\i  diomhain  an  oirp.  Tha'n 
long  gun  ghluasad,  ach  mar  tha  i  air  a  tulgadh  a 
nunn  agus  a  nall  le  lunn  na  fairge.  Tha  na  seolad- 
airean  ag  amharc  a  mach  le  fadal  arson  an  t-soirbhis 
a  ghiulaineas  iad  air  an  turas :  agus  theagamh  gur 
ann  'nuair  bha  iad  a'  toirt  ceill,  agus  an  uair  is  mò  bha 
dh'  fheum  air,  tha  iad  a'  motliachadh  fa  dheireadh 
coslas  soirbheas  a'  tarruing  dlù  dhoibh.  Tha  neoil 
ag  èiridh  eadar  iad  is  fàire.  Tha  caitein  dubh  àir 
an  fhairge  a'  teannadh  ga'n  còir.  Tha  na  siùil  a' 
tarruing  a  mach,  agus  a  nis  làn  gaoithe,  's  an  soith- 
each  na  làn  uidheam  a'  gearradh  air  a  h  aghaidh 
gu  buadhar  chum  a  chala  bha  na  beachd.  Mar  so 
tha  e  air  uairibh  a'  tachairt  do'n  Chriosduidh.  Tha 
feum  aige-san  air  an  t-soirbheas  o  neamh  ;  as  eug'ais 
60  cha'n'eil  e'n  comas  da  dol  air  aghaidh  na  shlighe. 


190 

Air  uairibh,  an  diaigh  dha  uile  mheadhona  na'n  gràs 
a  ghnàthachadh  tha  anam  raar  bha'n  long  neo- 
ghluasadach  air  a  chuan,  tha  fadal  air  anam  arson 
àm  is  buadhaire.  Tha  shiùil  air  an  sgaoileadh,  tha 
e  feitheamh  a  chothrom,  tha  e  air  a  rathad,  fiuthair 
aige  ri  àile  fàbharrach  o  neamh.  Tha  dàil  air  a 
chur  an  so  c'ar  tamuill,  a  leige  ris  da  a  laigsinn  fein, 
agus  co  mòr  's  a  tha  e  'n  earbsa  ri  còmhnadh  an 
Spioraid,  saor-thiodhlaca  Dhe.  Ach  tha  e  feitheamh 
gu  fòill,  is  fadheoidh  tha  ghaoth  a'  tighinn,  tha  gach 
seòl  làn,  agus  uile  cheudfaiihean  agus  chumhachda 
an  anama  air  an  cuir  air  ghleus.  Tha  e  nis  a'  dol 
gu  sunndach  air  aghaidh  air  a  shlighe,  agus  tha  e  air 
a  ghiulan  air  adhart  chum  a  chaladh  a  bha  na  mhiann. 

As  eugais  còmhnadh  an  Spioraid  Naoimh,  tha 
Pòl  ag  innse  dhuinn,  nach  aithne  dhuinn  a  dhean- 
amh  mar  bu  choir  dhuinn.  Faodai  sinn,  gu 
dearbii  mothachadh  a  bhi  againn  air  ar  truaighe, 
gun  a  meud  na  a  leigheas  a  thuigsinn,  faodai  daoine 
dall  fios  a  bhi  aca  gu  bheil  iad  air  an  cuairteachadh 
le  cunnart,  's  a  bhi  aineolach  cionnas  a  dh'  fhaodas 
iad  a  sheachnadh.  Cha'n'eil  e  comasach  do  dhuine, 
as  eug'ais  soilleireachd  an  Spioraid,  truaill'eachd  a 
nàduir  gu  h-iomlan  a  thuigsinn,  no  idir  lànachd 
agus  gioir  an  Fhir-shaoruidh.  Ach  gad  a  bhitheadh 
fiosrachadh  againn,  cha'n  urrainn  duinn  ruigheachd 
air  an  t-suidheachadh  a  tha  feumail  ann  an  urnuigh 
as  eug'ais  còmhnadh  gràis.  Faodai  gne  na  h- 
h-urnuigh,  anns  gach  doigh  eile  bhi  freagarrach,  *s 
gun  an  cridhe  bhi  mar  bu  chòir  dha ;  's  e  Dia  a 
mhàin  is  urrainn  so  a  dheanamh,  agus  is  ann  ris-san 
is  cubhaidh  dhuinn  amharc  suas  air  a  shon. 

Tha'n  Spiorad  Naomh  gu  soiUeir  air  a  ghealladh 
do'n  Eagluis. — Tha  e  mar  so  air  a  roi'  innseadh, 
**  Dòirtidh  mi  mach  mo  Spiorad  air  do  shliochd, 
agus  mo  bheannachd  air  do  ghincil."  "  Agus  cuir- 
idh  mi  mo  Spiorad  an  taobh  a  stigh  dhiot." 

Tha'n    Spiorad   Naomh    air  a   ghealluinn  chum 


191 

còmhnadh  a  dlieanamh  ruinn  'nar  n-urnuighibh. 
Tha'n  gealladh  sin  a'  co'-chorda  ri,  *'  Dòirtidh  mi 
air  tigh  Dhaibhidh,  agus  air  luchd-àiteachaidh  ler- 
usaleim,  spiorad  na'n  gràs  agus  nan  athchuingean." 
Tha'n  t-Abstol  a'  cur  an  coiU  fein-fhiosracha 
Chriosdui'ean :  "  Tha'n  Spiorad  fein  mar  an  ceudna 
a'  deanamh  còmhnadh  le'r  n-annihuinneachd;  oir 
cha'n  aithne  dhuinn  ciod  a  ghuidheamaid  mar  bu 
chòir  dhuinn  ;  ach  tha'n  Spiorad  fein  a'  deanamh 
eadar-ghuidhe  air  arson  le  osnaibh  do  labhairt." 

Tha  còmhnadh  so  an  Spiorad  ann  an  urnuigh  na 
shochair  mhòr  a  bhuineas  do  uile  chloinn  Dhe.  "  A 
chionn  gur  mic  sibh,  chuir  Dia  a  mach  Spiorad 
a  Mhic  fein  nar  cridheachaibh,  ag  èigheacb,  Abba, 
Athair."  "  Fhuair  sibh  Spiorad  na  h-uchd-mhac- 
achd,  tre'n  glaodh  sinn,  Abba,  Athair." 

A'  bheil  sibh  a'  feòraich  cionnas  a  tha'n  Spiorad 
gar  còmhnadh  ?  Tha  na  Scriobtuire  gu  bitheanta 
ga  ainmeachadh,  mar  a  cuideachadh  le'r  n-anmhuin- 
neachd,  agus  a'  deanamh  eadar-ghuidhe  as  ar  leth, 
&c. 

Tha'n  Spiorad  Naomh  a'  deanamh  còmhnadh  le'r 
n-anmhuinneachd — le  earrann  de'n  uallaich  leis  a' 
bheil  sinn  luchdaichte,  a  ghabhail  air  fein,  agus 
cha'n  e  mhàin  gu  bheil  e  deanamh  còmhnadh  faoin 
Jeinn,  ach  tha  e  gu  h-èifeachdach  gar  cobhair,  le'r 
n-uallach  a  ghiulan  maille  ruinn. 

Tha  cumhachd  soillseachaidh  agus  naomhachaidh 
an  Spioraid  ro-chudthromach,  leis  mar  thaiad  feum- 
ail  a  dh'  ullachadh  ar  cridhe  fa  chomhair  co'- 
chomunn  naomh  a  chumail  suas  ri  Dia,  a  dh'  iar- 
ruidh  na  nithe  sin  a  chuireas  gloir  air,  agus  a  bhios 
feumail  d'ar  n-anamaibh  fein. 

Tha  eadar-ghuidhe  an  Spioraid  Naoimh  ag  eadar- 
dhealuchadh  o  eadar-ghuidhe  Chriosd. — 'S  ann  air 
neamh  a  tha  Criosd  ag  eadar-ghuidhe  aig  righ- 
chàthair  no  glòire,  leis  fein,  eadar-dhealuichte 
uainne.     'S  atm  a  tha'n  Spiorad  Naomh  ag  eadar-* 


192 

ghuidhe,  annainn  agus  maille  r'ar  cridheachaibh, 
aig  cathair  na'n  gràs.  'Se  eadar-ghuidhe  an  Spioraid 
Naomh  toradh  agus  tairbhe  eadar-ghuidhe  Chriosd, 
neach,  'nuair  a  chaidh  e  suas  do  neamh,  a  thug  bruid 
am  hraighdeannas,  agus  a  fhuair  an  t-sochair  so, 
eadhon,  do  na  ceannaircich. 

Gun  amharus  tha  mòran  de  obair  an  Spiorad 
diomhair.  Tha  sinn  aineolach  air  iomad  ni  a  tha 
na  thaic.  'S  ann  a  thaobh  a  thoraidh,  's  cha'n  ann 
a  reir  a  dhòigh  oibreachaidh  is  aithne  dhuinn  e. 
Tha  ghaoth  a  sèide  far  an  àill  leatha,  agus  tha  thusa 
ga  cluinntinn,  ach  cha'n  urra  dhuit  innse  cia  as  a 
thainig  i,  na  cia  'n  taobh  a  tha  i  dol,  is  amhuil  a 
tha  gach  neach  a  ghineadh  leis  an  Spiorad.  Tha 
fhios  aig  a  Chriosduidh  gur  tric  a  lùb  e  a  ghiùn  gu 
urnuigh,  gu  marbhanta,  neo-shunndach,  gun  tuigse; 
gu  inbh  bhig,  gun  dèighair  na  sochairibh  bu  chòirdha 
iarruidh.  Agus  an  diaigh  sin  uile,  'nuair  bha  fiuth- 
air  aige  ri  còmhnadh  an  Spioraid,  agus  urnuigh  a 
dheanamh  mar  rinn  Daibhidh,  "  A  Thighearna, 
fosgail  mo  bhilean,  agus  cuiridh  mo  bheul  an  cèiU 
do  chliu,"  agus  le  ghnà-bhuanachadh  ann  an  iar- 
ruidh,  ann  an  sireadh,  agus  a'  bualadh,  mhothaich 
e  air  mhodh  co  ro-chomharaichte  lathaireachd  Dhe, 
's  a  lion  e  le  aoibhneas  do-labhairt,  agus  le  dòchas 
làn  glòire.  Dh'  fhairich  e  air  uairibh,  's  gun  dùil 
aige  ris,  an  t-ùngadh  sin,  am  meudachadh  fiuthair 
sin,  a  bha  co  fada  thairis  air  an  ni  a  mheas  e  roimhe, 
an  co'-chuideachd  ris  na  tograidh  bheothail  agus 
<!hian  sin  a'  miannachadh  Dhe,  agus  naomhachd, 
agus  gloir,  a  bha  co  soiileir  da  inntinn,  a  comhar- 
achadh  a  mach  cumhachd  diadhuidh,  a  tha  deanamh 
eadar-ghuidhe  as  ar  leith. 

Cha'n'eil  e  air  a  chialluchadh  gum  faod  sinn  air  an 
àm  so,  no  gur  ion  duinn  fiuthair  a  bhi  againn  ri 
sochairean  ro-chomliaraichte  sin  an  Spioraid  Naoimh, 
a  neartaich  na  ceud  Chriosdui'ean  gu  urnuigh  a 
dheanamh  ann  an  cainnt  air  an  robh  iad  aineolach, 


19S 

no  a  sheol  doibh  gach  focal  a  ghnàthaicheadh  iad. 
Ach  tha'n  Spiorad  Naomh  a'  buileachadh  na'n  gràsa 
sin,  eadhon,  gràdh,  eagal,  dòchas,  agus  gairdeachas 
a  bhuineas  do'n  dìeasnas  so:  a'  brosnuchadh  tograidh 
naomha,  a  dhùisgeas  naomh  dhòchais,  's  a  dh* 
oibricheas  mianna  naomh  annainn :  tha  iad,  tha 
dearbh-chinnt  againn,  gu  minic  ag  aomadh  ar  n- 
inntinn  chum  urnuigh  a  chur  suas,  's  a*  deanamh 
còmhnadh  leinn  ann  an  urnuigh,  a'  toirt  duinn 
barailean  soilleir,  deas  labhairt,  agus  dànachd  iriosal: 
agus  tha'n  còmhnadh  so  glan  shaor  o  agus  fad  os 
cionn,  a  chòmhnaidh  choitchionn  sin  a  tha  freasdal 
De  a'  buileachadh  air  daoinibh  am  bitheantas,  chum 
gu'n  coilion  iad  gniomharra  eugsamhuil  na  beatha 
so. 

Nach  sòlasach  an  ni  gu  bheil  gealla  soiUeir  againn 
gun  d'  thòir  ar  n~Athair  neamhuidh  a  Spiorad 
Naomh  dhoibhsan  a  dK  iarras  air  e!  Cha'n  ion 
duibh,  uime  sin,  eagal  a  bhi  oirbh,  ge  b'e  air  bith 
co  neo-shunndach,  mharbhanta,  no  fhionnar  's  a 
tha  ur  cridhe,  gu  cuir  mu  thimchioll  an  dleasnais 
so.  larraibh,  agus  faodai  làn  fhiuthair  a  bhi  agaibh 
gum  faigh  sibh,  na  h-urrad  chòmhnaidh  o'n  Spiorad, 
a  chuidicheas  sibh,  's  a  bheir  air  ur  n-aghaidh  sibh 
'nar  n-uile  airc.  Bithibh  uime  sin  curamach  ann  an 
leughadh  ur  Biobuill,  ann  an  teachd  chum  Chriosd, 
agus  ag  asluchadh  gu  dùrachdach  tiodhlacadh  a 
Spioraid.  Ma  b'  àill  leibh  an  t-saibhireachd  de 
chumhachd  so  an  Spioraid  fhaotainn,  caithibh  ur 
beatha  ann  an  taice  r'ar  Slanuighear  aig  a  bheil  e 
r'a  phàirteachadh. 


194 


70.  Namnhachadh  an  Spioraid. 

O  THiG,  a  Spioraid  nan  gràs  ! 
Is  leasaich  ar  nàdur  claon; 
Oir  'se  do  chumliaclid-sa  mhàin, 
A  ni  an  nàdur  so  naomh. 

Tionndaidh  do  sholus  an  oi'che 
'San  duibhre  dorcha  gu  là; 
Is  ni  do  theagasg  ar  seoladh, 
Gu  aoibhneas  mòr  agus  àgh. 

Seall,  mata,  air  ar  cor  lc  truas, 
Is  tog  suas  ar  cridhe  ri  nèamh ; 
Oir  tha  e  leantuinn  gu  dlù 
Ri  nithibh  nach  fiù  dhuinn  gnè. 

Ma  bheir  sinn  oirp  gu  faoin 
Air  òrain  nan  naomh  a  sheinn, 
Mothaichidh  sinn  ar  n-aigne  trom, 
'S  cha'n  èirich  am  fonn  sin  leinn. 

'S  am  bi  sinn  mar  so  gach  là, 
Ann  an  cor  co  àmhgharach  thruagh  ; 
Do  rùn-sa  dhuinne  co  blà, 
Is  sinne  do  ghnà  co  fuar  ? 

O  thig  a  Spioraid  nan  gràs  ! 
Is  beothaich  ar  nàdur  marbh : 
Neartach  ar  dùrachd  's  ar  dìcbeall, 
'S  gu  bràth  bidh  sinn  dìleas  dearbht*. 


196 


71.  3Iu  Bhàs  Chriosd. 

B'  lAD  sìn  briathran  ar  Slanuigh'ear  bheannuichte 
air  àm  ro-choniharaichte.  Bha  cuirm  na  càisg  a' 
tarruing  dlù,  an  t-àm  a  bha  fios  aige  san  robh  e  ri 
fulang.  Thainig  an  oidhche  san  robh  e  ri  bhi  air  a 
thoirt  thairis  do  lamhaibh  a  naimhde.  Chaith  e'n 
oidhch'  'an  co-chainnt  r'a  dheisciobuiHbh;  mar 
chaomh  athair  air  leabuidh  a  bhàis,  a*  coimeasgadh 
sòlais  'na  chomhairlibh  deireannach  d'a  theaghlach. 
'S  an  uair  a  chriochnaich  e  na  h-earailean  a  bha  e 
toirt  doibh,  ihog  e  siias  a  shìiilean  gii  neamh,  agus 
thuirt  e,  Athair!  Thainig  an  uair,  Ciod  an  uair  ?  An 
uair  ris  am  mò  bha  de  ghnothaichibh  cudthromach  au 
earbsa,  o  theann  uairean  r'an  àireamh,  no  aimsir  ri 
ruith.  An  uair  a  bha  ri  crioch  a  chuir  air  saothair 
fheumail  beatha  luachmhoir  Mhic  Dhe,  le  bàs  bu 
ro-luachmhoire  agus  a  b'  ainmeile;  an  uair  san  robh 
e  ri  dioladh  a  thoirt  seachad,  trid  fhulangais,  air 
son  ciont'  a  chinne-daoine;  an  uair  san  robh  fàis- 
neachdan,  samhluidhean,  agus  comharran,  a  bha  air 
an  roi'-innse  rè  ioma  linn,  ri  bhi  air  an  coilionadh ; 
an  uair  a  bha  ri  crioch  a  chuir  air  an  t-sean  aid- 
mheil,  agus  san  robh  creidimh  ùr  r'a  fhoiUseachadh 
do'n  t-saoghal ;  an  uair  san  robh  e  ri  buaidh  a  thoirt 
air  an  t-saoghal,  alr  a  bhàs,  agus  air  ifrinn;  an  uair 
san  robh  e  ris  an  rioghachd  spioradail  sin  a  tha  ri 
mairsinn  am  feasd  a  chuir  suas. 

Bi  so  an  uair  a  bha  ro-chomharaichte  le  h-iong- 
antasibh  air  neamh,  agus  air  talamh.  Bha  obair 
nàduir  air  fad  ga  co-mliothachadh;  agus  thug  na 
beothaibh  agus  na  mairbh  co'-fhianuis  air  meud  a 
ghniomh.  Reubadh  brat-roinn  an  teampuill  na  dha 
bhloidh,  Chriothnaich  an  talamh.  Bha  dorchadas 
air  an  domhan  uile.  Dh'  f  hosgladh  na  h-uaighean, 
agus  dh^  èirich  mòran  a  hha  ';ì  an  codal,  agus  chaidh 
iad  a  steach  do'n  Bhaile  Naomh.  Cha  b'  iad  sin 
R  2 


196 

amhàin  mòr-iongantais  na  h-uaìre  uabhannaich  so. 
Bha  na  cridheachan  bu  chruaidhe  air  am  maothach- 
adh,  agus  air  an  atharrachadh.  Thug  am  Breith- 
eamh  a  dhìt  e  fianuis  fhollaiseach  air  a  neo-chiontas. 
Thug  an  ceannard-ceud  Roimheach,  a  bha  air  ceann 
an  airni  a  bha  Ireiceadan  aig  àm  a  bhàis,  glòir  do 
Dhia^  agus  dh'aidich  e  gun  robh  easan  a  bha  fulang 
os  cionn  bhi  na  dhuine.  ^Nuair  a  chunnaic  e  na 
nithe  a  thachair^  thuirt  e,  Gu  deimhin  b'  ionracan  an 
duine  so ,-  gu  Jìrinneach  Ue  so  Mcc  Dhe.  Labhair 
am  murt-fhear  ludhach  a  chaidh  cheusadh  maille 
ris,  ris  mar  Righ,  agus  dh'asluich  e  a  dheagh-ghean. 
Eadhon  a  mhòr-chuideachd  a  thainig  a  mach  a  dh* 
fhaicinn,  mar  g*  am  b'  ann  iongantas  coitchionn, 
agus  a  thòisich  ri  labhairt  ris  gu  spìdeil,  tàireil,  phill 
iad  dhathigh,  cC  hualadh  an  uchd. 

Bi  so  an  uair  san  d'thug  Criosd  làn-dioladh  seach- 
ad  air  son  peacaidh  a  chinne-daoine,  's  a  choilion  e 
ar  saorsadh  shiorruidh.  Bi  sin  an  uair  san  robh  an 
iobairt  mhòr  air  a  toirt  suas,  a  tha  a  h-èifeachd  a' 
drùghadh  air  ais  gu  ceud  chionta  an  duine.  'sa 
ruigheaclid  air  aghaidh  gus  nach  bi  ùine  ann  ni  's 
mò ;  an  uair  san  robh  'n  fhuil  a'  taosgadh  o'n 
chrann-cheusaidh,  mar  o  àrd  àltair,  a  dh'  ionnlaid 
air  falbh  cionta  nan  cinneach. 

Gidheadh,  tha  e  làn-shoilleir,  gum  b'e  innleachd 
so  na  saorsadh  aon  de  na  h-oibribh  is  ro-ghlormhor 
a  dhealbh  an  t-UiIe-chumhachdach.  Ma  bha'n  uair 
san  do  chruthaicheadh  an  saoghal  anabharra  ainm- 
eil  agus  mòr;  an  uair  sin,  a  ghairm  a  dorchadas 
agus  mi-riaghailt,  an  saoghal  sgiamhach,  maiseach 
so,  air  iarrtas  an  De  mhòir ;  'n  trà  sheinn  reidtan  na 
maidne  còmhlath,  's  a  rinn  nile  Mhic  Dhe  co-ghàir 
aoibhneis;  cha  lugha  's  ainmeile  an  uair  anns  deach- 
aidh  an  saoghal  aiseag  a  ris  mar  bha  e ;  an  uair  a 
chaidh  a  ghairm  o  dhìte  agus  o  leir-sgrios,  gu  sìth 
agus  mòr-shonus.  Ma  bha  e  ni  bu  lugha  do  mhòr- 
chùis  na  cho-chuideachd  o'n  leth-a  muigh,  tha  e  leis 


197 

a  BÌn  ni  's  ro-iongantaich,  a  chionn  fo  leithid  do 
choslas  sèimh  giin  d'  thugadh  gu  crìch  gnothaichean 
co  anbharra  chudthromach. 

Anns  an  uair  so  bha  gach  fàisneachd,  taisbein, 
agus  sàmhladh,  air  an  co'-lionadh.  B'e  so  an  cusp- 
air  còmhalachaidh  aig  an  iomìan  diubh.  Tha  sibh 
a'  faicinn  an  Lagh  agus  na  Fàidhean  nan  seasarah, 
ma  dh'fhaodar  a  ràdb,  aig  bun  a  chroinn-cheusaidh, 
a'  deanamh  ùmhlachd.  Tha  sibh  a'  faicinn  Maois 
agus  Aaron  a'  giulan  àirc  a  cho'-cheangail;  Daibh- 
idh  agus  Eliah  a'  taisbeanadh  oraicle  na  fianuis. 
Tha  sibh  a'  faicinn  gach  sagart  agus  iobairt,  gach 
deas-ghnàth  agus  òrdugh,  gach  sàmhladh  agus  riagh- 
ailt  creidimh,  air  co'-chruinneachadh  an  ceann  a 
chèile  chum  an  co'-lionadh.  As  eug'ais  bàis  Chriosd, 
bhuanaicheadh  aoradh  agus  deas-ghnàtha  an  Lagha 
nan  òrdugh  spleadhach  gun  seadh.  'Sa  cheart  uair 
a  chaidh  a  cheusadh,  chaidh  'n  leabhar  leis  na  seachd 
glasanfhosgladh.  Nochda  bladh  gach  deas-ghnath; 
thainig  gach  fàisneachd  gu  crich ;  agus  dh'  fhoillsich 
gach  samhiadh  a  bhrigh. 


72.   Gairm  do  plteacaich  iad  a  theicheadh  chum  Chriosd. 

A  lèughadoir  a  bheil  e  f  ìor, 
Na  chuir  mi  cheana  sìos  am  Dhàn? 
Ma  se  's  gu  bheil  thig  's  lùb  do  ghlùn 
Le  ùrnuigh  's  aithreachas  gun  dàil. 

A  dh'  ionnsuidh  losa  teich  gu  luath, 
Ag  gabhail  gràin  is  fuath  do  d'  pheac', 
Le  creideamh  fior  bheir  ùmhlachd  dhà, 
An  uile  àitheanta  naomh  a  reachd. 


R  3 


198 

Gabh  rls  'na  oifigibh  gu  lèir, 
'S  re  h-aon  diubh  na  cuir  fein  do  chùl : 
Mar  Fhjìidh,  mar  Shagart,  is  mar  Rìgh, 
Chum  slainte,  dìdean,  agus  iùil. 

Biodh  eiseimpleir  am  beachd  do  shùl, 
Chum  d'  uile  ghluasachd  sdiùr  da  rèir, 
'S  gach  meadhon  dh'  orduich  e  chum  slaint, 
Bi  fein  gan  gnàthachadh  gu  lèir. 

As  fhìrinteachd  dean  bun  a  mhàin; 
'S  na  taic  gu  bràth  re  d'  thoiltinneas  fèin: 
'S  mas  àiil  leat  èifeachd  bhi  na  ghràs, 
Na  h-altrum  peacadh  dàimh  a'  d'  chrè. 

Mar  sin  ge  d'  tha  do  chionta  mòr, 
Chum  gloir  do  Thighearn  saorar  thù, 
Is  chum  do  shonas  siorruìdh  fein, 
Air  feadh  gach  rè  a*  seinn  a  chUù. 


73.  I/igh  Mkaois  air  a  chriocJmachadh  le  Bàs  Chriosd, 
agus  an  Soi^geul  air  tòiseacJiadh. 

Bi  so  an  uair  san  deach  an  Lagh  air  chùl,  *s  a 
thainig  an  Soisgeul  am  follais;  bi  so  an  uair  a  chuir 
crioch  air  sean,  agus  a  thòisich  fritheaJadh  ùr,  air 
eolas  agus  air  aoradh  diadhuidh  air  feadh  an  domh- 
ain.  Ma  ghabhas  sinn  beachd-shealladh  air  san  t- 
seadh  so,  's  e  àm  is  buadhaire  gu  mòr  tha  air  aithris 
'an  eachdruidh  a  chinne-daoine.  'Nuair  bha  Criosd 
a'  fulang  air  a  chrann,  tha  e  air  innse  dhuinn  le  aon 
de  na  Soisgeulaichibh,  gun  dubhairt  e,  Tha  tart 
orm;  agus  gun  do  lion  iad  spòng  le  fion-geur,  's  gun 
do  chuir  iad  r'a  bheul  ì.     "  An  diaigh  dha  am  fìon- 


199 

geur  a  bhlasad,  air  dha  fios  a  bhi  aige  gun  robh  na 
h-uile  nithe  a  nis  air  an  criochnachadh,  agus  na 
scriobtuir  air  an  co'-lionadh,  thuirt  e,  Tha  e  crioch- 
naichte,"  Eoin  xix.  28,  29,  30 ;  's  e  sin.  Gu'm  bi 
'n  deoch  so  do  fhion-geur  a  thairgse  dha  an  ni  mu 
dheire,  a  bha  gun  cho'-Iionadh  a  rèir  fàisneachd  au 
Fhaidhe,  Saim  Ixiv.  21.  Tha 'm  foiUseachadh  agus 
an  f  hàisneachd  a  nis  air  an  nasgadh.  Tha  Lagh 
Mhaois  air  a  dhruideadh,  "  Agus  chrom  e  cheann, 
's  thug  e  suas  a  spiorad." 

Air  a  cheart  àm  sin,  sguir  an  Lagh,  agus 
thionnsgain  an  Soisgeul.  B'e  so  an  t-àm  ro-shon- 
ruicht'  a  chuir  eadar-dhealuchadh  eadar  an  seann 
agus  an  saoghal  ùr  o  cheile.  Air  an  darna  taobh 
chi  thu  'n  Lagh  le  shagairtibh,  le  iobairtibh,  agus  le 
dheas-ghnàthaibh,  a'  dol  as  an  f  hradharc ;  agus  air 
an  taobh  eile,  chi  thu'n  Soisgeul  le  shèimh  òrduigh- 
ibh  gun  mhòr-chùis  a'  teachd  'am  follais.  Bu  sheadh- 
ar  a  bha  brat-roinn  an  teampuill  air  a  reubadh  san 
uair  so;  oir  dh'  f  halbh  a  ghlòir  o  eadar  na  cherub- 
ims.  Liuthair  Ard-shagart  an  Lagha  seachad  Urim 
agus  a  Thumim,  uchd-èididh,  fhalluing,  agus  a 
thùis:  agus  sheas  Criosd  suas  mar  Ard-Shagart 
Mòr,  gach  iinn  a  tha  ri  èiridh  suas.  Leis  an  aon 
iobairt  sin  a  thug  e  nis  suas,  chuir  e  am  feasd  iob- 
airtean  o'r  cùl.  Na  h-altairean  air  an  robh  'n  teine 
a'  dearg  lasadh  o  chionn  ioma  linn,  cha'n  fhaicear 
orra  deatach  tuille  ni  's  mò.  Cha  robh  iobairtean 
tuille  r'an  iobradh.  "  Cha  b'  ann  le  fuil  tharbh  agus 
ghabhar,  ach  tre  fhuil  fein  a  chaidh  e  steach  aon 
uair  do'n  ionad  naomha,  chum  e  fein  a  nochda  'an 
làthair  Dhe  'an  sin  as  ar  leth-ne." 

Bi  so  an  uair  a  cho'-cheangail  ri  cbeil  ann  an  aon- 
achd  spioradail  uile  luchd-aoradh  Dhe.  'Nuair 
thuirt  losa,  Tha  e  criochnaichtet  leag  e  sios  am  ball- 
adh-dealachaidh  a  bha  co  fada  eadar  na  h-Iudhaich 
agus  na  Cinnich.  Chruinnich  e  r'a  cheile  na  h-ion- 
racain,  as  gach  cinneach  agus  as  gach  sluagh.  Thug 


200 

e  gairm  fhollaiseach  gun  d'thainig  an  uair  anns  nach 
biodh  eolas  air  an  Dia  fhior  na  b'  fhaide  air  a 
chuibhreachadh  aig  aon  shjagh,  no  aoradh  ann  an 
aon  teampull ;  acli  air  feadh  an  domhain  uile,  gun 
d'  thugadh  luchd-aoraidh  an  Athar  seirhhis  dha  ann 
an  spiorad  agus  ann  am  firinn.  O'n  uair  siu  thòis- 
ich  iadsan  a  bha  thàmh  "  aig  crioclian  iomallach  an 
domhain,  a  bha  aineolach  air  co'-cheangal  a  gheall- 
aidh,  air  an  toirt  dlù  do  laimh."  Anns  uair  sin  bha 
solus  an  t-soisgeil  a'  caomh  dhealradh  fad  as  air  eil- 
einibh  Bhreatuinn. 


74.   Criosd  d  teachd  a  thoirt  breilh  air  an  t-saoghal. 

Mo  smuaìntidh  talmhuidh  Dhe  tog  suas, 
*S  mo  theanga  fuasgail  ann  am  bheul ; 
Dochum  gu'n  labhrainn  mar  bu  chòir, 
Mu  ghlòir  's  mu  uamhunn  hì  Dhe. 

Air  meadhon  oidhch*  n'air  bhios  an  saogh'l, 
Air  aoniadh  thairis  ann  an  suain  ; 
Grad  dhùisgear  suas  an  Cinneadh  Daoin, 
Le  glaodh  na  trompaid  's  airde  fuaim. 

Air  neul  ro  ard  ni  f  hoillseach  fèin, 
Ard  aingeal  trèun  le  trompaid  mhòir ; 
Is  gairmidh  air  an  t-saogh'l  gu  leir, 
lad  a  ghrad  eiridh  chum  a  mhòid. 

'N  sin  fàsuidh  rugha  ann  san  speur 
Mar  fhàir  na  maidne  'g  èiridh  dearg; 
Ag  innseadh  gu  bheil  losa  fèin, 
A  teachd  na  dheidh  le  la  garbh. 


201 

Grad  fhosgladh  as  a  chèil  na  neòil, 
Mar  dhoras  seòmair  an  ard  Righ, 
Is  foillsichear  am  Brcitheamh  mòr, 
Le  gloir  is  greadhnachas  gun  chrìoch. 

Tha  'm  bogha-frois  mun  cuairt  da  cheann, 
'S  mar  thuil  nan  gleann  tha  fuaim  a  ghuth : 
'S  mar  dhealaineach  tha  sealladh  shùl, 
A'  boisgeadh  as  na  neulaibh  tiugh. 

A  ghrian  ard-lochran  nan  speur, 
Do  ghloir  a  phearsa  gèillidh  grad: 
An  dealradh  soillseach  thig  o  ghnùis 
A  solus  mùchaidh  se  air  fad. 

Cuirdh  i  uimpe  culaidh  bhròin, 
'S  bidh  ghealach  mar  gun  dòirt  or'  fuil, 
Is  crathar  cumhachdan  nan  spèur, 
A  tilg  nan  rèulta  as  am  bun. 

Bidh  iad  air  udall  ann  san  speur, 
ivlar  mheas  air  gèig  re  h-ànradh  garbh  ; 
Tuiteam  mar  bhraonaibh  dh*  uisge  dlù, 
'S  an  glòir  niar  shùile  duine  mhairbh. 


75.   Criosd  na  Bhàs  d  toirt  bmidh  air  uile  Naimhdean 
a  Luchd-leanmhuinn, 

Bi  so  an  uair  a  thug  Criosd  buaidh  air  uile  chumh- 
achdaibh  an  dorchadais,  an  uair  san  do  thilg  e  sios 
uachdranachd,  agus  righ-chathraichean,  san  d'thug  e 
hruid  am  hraighdeannas^  agus  tiodhlacan  do  dhaoin- 
ibh.  Bha  cho'-sttìgh  a  bha  rè  ùine  mhòr  eadar 
rioghachd  an  dorchadais  agus  rioghachd  an  t-soluis 


202 

air  teachd  gu  crìcli.  Thainig  an  t-'am,  'nuair  "bha 
sliochd  na  mnatha  rì  ceann  na  naihrach  a  bhruth- 
adh."  Ach  'n  uair  nochd  losa  e  fein  air  a  chrann, 
thugadh  buaidh  air  an  droch  spiorad,  agus  air  a 
rioghachd ;  Dhealaich  a  rioghachd  air  ball  ris; 
cliaidh  crioch  air  uachdranachd  lodlial-aoraidh. 
Chunnacas  e  'tukeam  viar  dhcalanaich  o  Neamh. 
Anns  an  uair  sin  chriothnaicli  steigh  teampull  nan 
Ana-creideach.  Bha  dealbh  gach  dia-brèige  air 
bhall-chrith  air  a  bhunait.  Theich  an  Sagart  le 
maoim  o  ionad  aoraidh,  a  bha  tuiteam  air  a  cheann; 
agus  chaidh  tosd  gu  siorruidh  air  oraicle  nan  Cin- 
neach  ! 

Trid  fhulangais,  mhòr-chliuthaich  e  amhghair, 
agus  tharruing  e  sgàil  air  greadhnachais  agus  diomh- 
anais  na  beatha  so.  Chomharraich  e  'mach  ga 
luchd-Ieanmhuinn  ari  t-sligbe  t'.ia  trèoruchadb,  trid 
triobluid,  chum  glòir  agus  buaidh;  agus  cho'-pairt- 
ich  e  riu  an  spiorad  ceudn'  a  neartuich  e  fein  gu 
buaidh  a  thoirt.  "  Cha'n'eil  mo  rioghachd  do'n  t- 
saoghal  so.  Anns  an  t-saoghal  so  bithidh  agaibh 
àmhghar:  Ach  biodh  deagh  mhisneach  agaibh ;  thug 
mise  buaidh  air  an  t-saoghal,"  Eoin  xvi.  33. 

Anns  an  uair  so,  thugadh  buaidh  air  a  bhàs  mar 
an  ceudna,  an  nàmhuid  ma  dheire  th'  aig  duine. 
Dh'  fhuirich  a  clioslas  uamhunnach  a  làthair,  ach 
thugadh  air  falbh  a  ghath.  Oir  an  uair  a  thug 
Criosd  Jàn-dioladh  airson  ciontai,  dhì-armaich  e 
'm  bàs,  le  aiseirigh  nan  ionracan  a  dheanamh  cinn- 
teach.  'Nuair  thuirt  e  r'a  cho'-fhear-fulaing  aith- 
reachail,  "  An  diugh  bithidh  tu  maille  riùmsa  ann 
am  Phàrras,"  chuir  e'n  ceill  d'a  uile  luchd-lean- 
mhuinn  dearbh-chinnte  air  sòlais  nèimh.  Nochd  e 
gun  deach  na  cherubich  o'r  cùl,  agus  gun  deach  an 
claidheamh  lasrach  'na  thruaill,  a  cliaidh  òrduchadh 
aigceud  thuiteam  an  duine,  "  ga  choimhead  oshlighe 
Craoibh  na  Beatha,"  Gein.  iii.  21.  Roimh  'n  àm  so 
b'fhann  an  dòchas,  agus  bu  doilieir  an  sealladh  a 


203 

bh'aig  na  daoine  diadhaidh  fein  air  an  rioghachd 
neamhuidh.  Ach  *'  a  nis  cliaidh  beatha  agus  nco- 
bhàsmhoireachd  a  tholrt  gu  solus."  O  shliabh 
Chalbhairi,  chaidh  cheud  sealiadh  soilleir  agus  cinn- 
teach  a  thoirt  do'n  t-saoghal  air  na  h-ionaid-chòmh- 
nuidh  bhith-bhuan.  O'n  uair  sin  tha  iad  nan  gnàth- 
cho'-fhurtachd  do  na  Criosduibh.  'An  àm  triob- 
luid  tha  iad  a  sìochaidh  ann  inntinn;  'an  àm  buair- 
idh  tha  iad  a'  cumail  suas  an  subhailc;  agus  aig  uair 
a  bhàis  gan  neartuchadh  gu  ràdh,  *'  O  Bhàis !  c'àit' 
a  bheil  do  ghath  ?  O  Uaigh  !  c'àit'  a  bheil  do 
bhuaidh  ?" 


76.   Criosd  a  gairm  a  chuid  caorach  chnm  a  dheas-laimh 
air  la  a  Bhreitheanais. 

'N  8IN  tearbainidh  e  chum  gach  taobh, 
Na  caoraich  o  na  gabruibh  lom  ; 
Ceart  mar  ni'm  buachaille  an  trèud, 
'N  uair  chuairteachais  e  spreidh  air  tom. 

'N  sin  labhruidh  e  ri  luchd  a  dheis, 
"  Sibhs'  ta  deasuicht  le  mo  ghràs, 
"  Thigibh,  sealbhuichibh  an  Rìoghachd, 
<«  Nach  faic  a  sonas  crìoch  gu  bràth. 

*'  Chum  crao'bh  na  beath'  ta'm  phàrais  De, 
*'  Le  h-aoibhnas  teannaibh  steach  da  còir: 
*'  'S  a  f  earta  iongantach  gu  Jèir, 
*'  Dearbhadh  ur  n-uile  chreuchd  's  ur  leon. 

«  Fuìdh  dosraich  ùrair  suidhibh  sios, 

*<  Nach  searg  's  nach  crion  am  feasd  a  blàth ; 


204 

*'  *S  mar  smeòraichlbh  a  measg  nan  geug, 
*'  Cbum  molaidb  glèusaibh  binn  ur  càil. 

"  Le  maise  sàsuichibh  bhur  sùil, 
"  Is  oirbh  fo  sgàil  cha  drùigh  an  teas. 
"  'O  a  duilleach  cùraidh  òluibh  slàint; 
"  Is  bithibh  neo-bhasmhor  le  'a  meas. 

*'  Gach  uile  mheas  tha'm  Phàrras  De, 
*'  Ta  nis  gu  lèir  neo-thoirmisgt'  dhuibh ; 
*'  Ithibh  gun  eagal  'o  gach  geig, 
"  A  nathair  nimh  dar  tèum  a  chaoidh. 

"  Is  uile  mhiann  ur  'n  anama  feìn, 
"  Lan-shàsuichibh  gu  lèir  an  Dia, 
"  Tobar  na  firinn,  iochdi  is  griiidh, 
*<  A  mhaireas  làn  gu  cian  na  'n  cian. 

"  Mor-innleachd  iongantach  na  slàint, 
"  Sior  rannsuichibh  air  àird  *s  air  leud, 
«<  *S  feadh  oibriche  mo  rioghachd  mhòir, 
*<  Bhur  n  eòlas  miannach  cuiribh  'meud. 

*'  Bhur  n  aoibhneas,  mais  ur  tuigs*,  *s  ur  gradh 
*♦  Bitheadh  gu  siorruidh  fàs  ni  's  mò: 
'*  'S  ni  'n  coinnich  sibh  aon  ni  gu  bràth, 
*'  Bheir  air  bhur  n  anam  cràdh  na  leòn. 

**  Cha'n  fhacadh  sùil,  's  cho  chualadh  cluas, 
"  Na  thaisg  mi  suas  do  shonas  dhuibb: 
*'  Imichibh,  's  biodh  bhur  dearbheachd  fein, 
**  Sior-innseadh  sgeul  duibh  air  a  chaoidh." 


205 


77.  Criosd  na  Bhàs  d  cur  svm  a  Rioghachd  Spioradail^ 
air  nach  d'thig  crìoch. 

Bi  so  an  ualr  a  chuir  ar  Tighearna  suas  a  rioghachd 
spioradail  air  nach  d'  thig  crìoch.  Cia  diomhain 
comhairlean  agus  oirpean  dhaoine.  Cia  faoin  seolt- 
achd  an  aingidh  !  Cia  gearr  an  toilinntinn  !  Bha 
naimhdean  Chriosd  san  uair  so  'an  làn-bharail  gun 
do  shoirbhich  leo  'na  leir-sgtios.  Chreid  iad  gun 
do  agap  iad  gu  tur  o  cheile,  a  chuideachd  bheag  a 
bhaga  leantuinn;  agus  gun  do  chuir  iad  as  da  ainm 
agus  da  chliu  gu  siorruidh.  Mar  thàir  air,  dh' 
fhàilitich  iad  e  mar  Righ.  Sgeudaich  iad  e  le  trusg- 
an  crò-dhearg,  chrùn  iad  e  le  coron  sgithich;  chuir 
iad  cuilc  'na  laimh  ;  agus  le  fanoid  sgallaisich,  lùb 
iad  an  glùn  'na  làthair.  Bu  dail  agus  mi-dhiadh- 
aidh  na  daoin  iad.  Cia  beag  a  bha  fios  aca  gun 
robh  'n  t-Uile-chumhachdach  sa  cheart  àm  sin  "  ga 
chuir  suas  mar  Righ  air  tulaich  Shioin,  a'  toirt  da 
nan  Cinneach  mar  oighreachd,  agus  criochan  iom- 
allach  na  talmhuinn  mar  sheilbh."  'S  beag  a  bha 
fios  aca  gun  robh  na  suaicheantais  fhanoideach 
rioghail,  a  bha  iadsan  a'  toirt  da,  anns  a  cheart  àm 
sin  air  an  daighneachadh  dhà  mar  chomharradh  air 
làn-uachdranachd;  agus  nan  inneii  air  cumhachd  do- 
cheannsachaidh  !  A  chuilc  a  chuir  iad  'na  laimh, 
dh'  f  hàs  i  na  slaìt  iaruinn,  leis  an  robh  e  r'a  naimh- 
dihh  a  mhion-phronnadh ;  'na  slait-rioghail  leis  an 
robh  e  ris  an  t-saoghal  a  riaghladh  ann  an  ionracas. 
An  crann-ceusaidh,  a  shaoil  leo  a  bhi  na  thàir,  agus 
na  mhasladh  dha,  san  a  bha  e  dha  na  shuaicheantas 
air  mòr  mheas  agus  urram.  An  àit'  a  bbi  na  bhall- 
maslaidh  ga  luchd-leanmhuinn,  sann  a  bha  e  ri  bhi 
dhoibh  na  uaill  agus  na  mbòr-chliu.  Bha'n  crann- 
ceusaidh  ri  dealradh  air  Lùth-chuirtibh  agus  air 
Eagluisibh  feadh  an  t-SaoghaiI.  Bha  e  ri  bhi  na 
shuaicheantas  aig  na  righribh  bu  chumhachdaìche ; 
S 


206 

agus  ri  dealradh  air  brataichibh  an  fheachd  ba 
bhuadhaire,  an  uair  a  bha  guidheachain  agus  mall- 
achdan  ri  bhi  'n  cuideaciida  cuimhneachain  Heroid, 
agus  Philait;  an  uair  a  bhiodh  lerusalem  na  thòrr 
luaithre:  aous  na  h-Iudhaich  nam  fògarraich  air 
feadh  t-saoghail. 

B'  iad  sin  na  buaìdhean  a  thòisich  aig  an  uair  so. 
Chunnaic  ar  Tighearn  iad  cheana  'n  an  ceud-fhàs; 
chunnaic  e  saothair  anama^  agus  hha  e  toilichte.  Chun- 
raic  e  focal  De  a'  dol  amach,  a'  toirt  buaidh  agusgu 
buadhachadh:  a'  loirtorrasan  aig  an  robh  an  saogh- 
al  fo  chìs  strìochda  da  lagh-san;  a'  giulain  solais  do 
ionadaibh  an  dorchadais,  agus  caomh-lhlus  chàirdeil 
do  ionadaibh  còmhnuidh  na  h-an-iochd-  Chunnaic 
e  na  Cinnich  a'  feitheamh  fo'n  chrann  gus  an  Soisg- 
eul  fhaghail.  *«  Chunnaic  e  Etiopia  agus  na  h- 
"  eileanan  a'  sìneadh  a  mach  an  làmh  ri  Dia;  am 
"  fàsach  a'  teanna  ri  gàirdeachas  a  dheanamh,  agus 
"  ri  teachd  fo  bhlàih  mar  ròs;  agus  solas  an  Tigh- 
*'  earn  a'  lionadh  an  domhain  mar  tha  na  h-uisgeach- 
"  an  a'  comhdachadh  na  fairge."  Bha  e  làn-lhoilichte 
'nuair  a  thubhairt  e,  "  Tha  e  criochnaichte."  Mar 
ghaisgeach  thàr  e  o'n  àr-fhaich,  a'  dearcadh  air  a 
bhuaidh:  "  Chrom  e  cheann,  agus  thug  e  suas  an 
deo." — O'n  àra  sin  cha  robh  Criosd  ni  b'  fhaide  na 
dhuine  bàsmhor,  ach  na  «'  Cheannard  ih'  air  gach 
ni  do'n  Eagluis:"  Righ  àghmhor  dhaoine  agus  ain- 
gle,  nach  d'thig  crioch  air  uachdranachd.  Bithidh  a 
bhuaidh  a'  sior-mheudachadh.  *'  Mairidh  ainm  gu 
"  bith-bhuan ;  bithidh  e  co  maireannach  ris  a  ghrèin, 
'•  beannuichear  gach  daoineannsan,  agus  beannuich- 
*•  idh  gach  uile  chinneach  e  fein." 


207 


78.  Riarachd-inntinn. 

"  Ni  bheil  ncach  o  thrioblaid  saor, 
*'  Am  measg  a  chinneadh  daonn  air  fad  : 
"  'S  co  honmhur  osna  aig  an  Righ, 
"  Is  aig  au  neach  is  ìsle  staid. 

"  Ta  smùdan  fein  os  ceann  gach  fòid, 
*'  Is  doruinn  ceangailt'  ris  gach  maith, 
•*  Tha  'n  ròs  a  fas  air  drisibh  geur, 
"  'S  an  taic'  a  cheil  tha  mhil  san  gath. 

**  Ged  fhaic  thu  neach  ann  saibhreas  mòr 
"  Na  meas  a  shòias  bhi  thair  cbach  : 
'*  An  tobav  's  gloine  chi  do  shùil, 
"  Tha  ghrùid  na  iochdar  gabhail  tàmh. 

*'  'S  mu  chuireas  d'  anail  e  na  ghluais, 
"  Le  tarruing  chabhaig  suas  a'  d'  bheul, 
<'  Duisgidh  'n  ruaghan  dearg  a  nios, 
•'  'S  le  gaineamh  lionadh  e  do  dheud. 

"  *S  ged  f  haic  thu  neach  ann  inbhe  ard, 
"  Tha  e  mar  nead  am  barr  na  craoibh: 
"  Gach  stoirm  a  bragadh  thilgeadh  nuas, 
*'  Is  e  air  luasgadh  leis  gach  gaoith. 

«  An  neach  is  fearr  tha'n  saogh'I  a  riar, 
"  Tha  fiaradh  eiginn  ann  na  staid, 
"  Nach  dean  a  sheoltachd  is  a  stri, 
"  Am  feast  a  dhireachadh  air  fad. 

"  Mar  bhata  fiar  an  aghaidh  chèil, 
"  Ata  'o  shuidheach'  fein  doth-chur; 
"  A  reir  uiar  dhireas  tu  a  bharr, 
"  'S  co-cinnteach  ni  thu  cam  a  bhun. 

S  2 


208 

*'  Ge  d*  cbarn  thu  òr  a  d'  shlige  suas 
*'  Fu  chomhair  f"à*uidh  *n  luaidh  da  reir, 
<'  Is  ge  do  chulr  thu  innte  riowh'chd, 
"  A  niheidh  cha  dirich  i  na  deigh. 

•'  Tha  cuibhrìnn  iomchuidh  aig  gach  neach^ 
*'  'S  0  ge  d*  tha  thu  meas  gur  tuille  b'fhearr; 
"  Cha  d'  ihoir  an  t-annaburra  tha'h  sud, 
"  Am  feasd  an  cudlhroni  as  a  chràdh. 

*'  O  iomluain  d'  inntinn  tha  do  pìiian  ; 
"  Ag  tliùltadh  'n  diu  na  dh'iarr  thu'n  de: 
"  Cha  chomasacii  an  saogh'i  do  riar, 
"  Le  d'  anamianna  'n  aghaidh  chèii. 

*'  Na  'm  faigheadh  toil  na  feol  a  rùn, 
"  Da  mianna  bruideil  dhiarradh  sàlh  j 
**  Flaitheas  a'  b'  aird  cha'n  iarradh  i, 
**  Na  innte  sud  bhi  siorruidh  snàmh. 

*'  Ach  ge  d'  a  b'  ionmhuinn  leis  an  fheòrl, 
*'  Air  talamh  còmhnuchadh  gach  re : 
*'  Bhiodh  dùraclid  t'  ardain  agus  t'  uaiH, 
*'  Co  arda  shuas  ri  Cathair  Dhe. 

*'  Ach  nam  b*  aill  leat  sonas  buan, 
"  Do  shiighe  tabhair  suas  do  Dhia, 
*'  Le  dùrachd,  creideamh,  agus  gràdb, 
*'  Is  sàsuichidh  e  t-uile  mhiann. 


79.  Mu  eadar-ghuìdhe  Chriosd. 

Chunnaic  feibh  a  nis  mar  tha'n   Spiorad   Naomh 
gar  còmhnadh  ann  an  urnuigh ;    *s  ann   a   tha   a 


209 

chòmhna-san,  agus  gabhail  gu  taitneach  r'ar  n- 
urnuighean,  a  mhàin  trid  eadar-ghuidhe  Chriosd. 
Eadar-ghuidhe  Chriosd,  na  ghuidhe  dùrachdach 
ri  Dia  as  leth  na  h-aitini  arson  a  bheil  e  ri  ùrnuigh: 
Chum  gur  fearr  a  thuigear  so;  thugaibh  fainear  aq 
dreuchd  a  th*  aige  mar  ar  n-àrd-Shagart. —  Bha  aig 
Ard-Shagart  nan  ludhach  ri  tùis  a  losgadh  san  ionad 
naomh  air  maduinn  agus  feasgar,  fad  na  bliadhna. 
Agus  bha  e  aon  uair  sa  bhliadhna  ri  e  fein  a  thais- 
beineadh,  na  aonar,  san  ionad  bu  ro-naomha,  chum 
fiiil  a  chralhadh  air,  agus  fa  chomhair,  ionad  na 
tròcair;  chum  rèite  dheanamh  air  a  shon  fein,  arson 
a  theaghlaich,  agus  arson  uiie  choilhional  Israeil. 
Tha'n  t-Abstol  a'  nochda  dhuinn  gun  robh  so  na 
shamhladh  air  losa  Criosd,  "  nach  deachaidh  a 
steach  do  na  h-ionadaibh  naomha  làmh  dheanta, 
nithe  a  ta  nan  samhlachas  air  an  fhior  ionad ;  ach 
do  neamh  fein,  chum  a  nis  e  fein  a  nochdadh  ann 
ara  fianuis  De  air  ar  soinne." 

Thugaibh  mar  an  ceudna  fainear  a  Shaorsadh, — 
Bha'n  duine  fad  as  o  Dhia,  agus  ciontach,  fo  bhinne 
na  breith  sin,  an  t-anam  a  pheacaicheas,  bàsaichidh 
e.  Cionnas  a  bha  tròcair  Dhe  ri  bhi  air  a  taisbein- 
eadh,  agus  a  cheartas  a  bhi  gun  tàmailte  ?  Tre 
bhàs  losa  Criosd  Mac  Dhe,  tha  cheartas  sàsaichte, 
agus  a  nis  air  crann  a  pheacaich,  ionnas  gum  faod  a 
throcair  sruthadh  chum  pheacach  ann  an  tuillibh 
roòr  gun  chasgadh.  'S  ann  an  so,  agus  an  so  amh- 
ain,  a  tha  fior  stèigh  ar  misnich  gu  teachd  le 
dànachd  chum  De  Naomha. 

Thugaibh  fainear  suidheachadh  an  Eadar-ghuidh- 
*ear.  Tha  e  aig  deas-laimh  Dhe.  Faodaidh  sinn  o 
sin  a  thuigsinn,  a  chumhachd,  urram,  a  naomhachd, 
'am  meas  a  th'  aig  Dia  air,  agus  gu  bheil  e  do  ghnà 
air  neamh  as  ar  leith-ne.  Tha  gach  cumhachd  air 
neamh  agus  talamk  air  a  thoirt  da.  Nach  ea-cèillidh 
gnàthachadh  na  muinntir  sin  aig  a  bheil  a  shamhuil 
S3 


210 

sin   de  Eadar-ghuidh'ear,   a  dh'  earbas  an   cùis  rì 
creutair  air  bith,  naomh,  no  aingeal. 

Thugaibh  a  C/iliu  fainear — "  Cha'n'eil  àrd-shag- 
art  againn  nach  'eil  comasach  air  co'-f  hulangas  a  bhi 
aige  r'ar  n-anmbuinneachdaibh;  ach  a  bhuaireadh 
sna  h-uile-niihibh  air  an  dòigh  cheudna  riunne,  ach 
as  eug'ais  peacaidh."  Is  aon  e  is  urrainn  truas  a 
ghabìiail  do'n  aineolach,  agus  dhoibhsan  a  tha  as  an 
t-slighe.  Air  dhuinn,  ma  ta  fhaicìnn  gu  bheil 
againn  Ard  Shogart  a  tha  co  mòr  agus  co  iochd- 
mhor,  a  chaidh  do  neamh,  losa  Mac  Dhe,— 
*'Thigeamaid  le  dànachd  gu  righ-chaithir  na'n  gràs, 
chum  gum  faigh  sinn  tròcair,  agus  gun  amais  sinn 
air  giàs  chum  cobhair  ann  an  àin  feuma." 

Tha  losa  Criosd  ag  eadar-ghuidhe  as  ar  leth  le  e 
fein  a  noclidadh  an  làihair  Dhe. — Tha  e  nis  air  neamh 
fein  ga  nochdadh  am  fianuis  De  air  ar  ion.  An  duine, 
an  dèigh  dha  aon  iobairt  a  thoirt  suas  arson  peacaidh, 
shuidh  e  a  chaoidh  tuille  air  deas  Ihimh  Dhe.  Tre 
Jhuil  fein  chaidh  e  stcach  aon  uair  ddn  ionad  naomh. 
Tha  èifeachd,  toilleannas  agus  cumhachd  na  fola  sin 
a'  sior  bhuanachadh.  Nach  cinnteach,  mata,  a  dh' 
fhaodas  sinn  a  bhith  gum  faigh  e  na  dh'  iarras  e, 
'nuair  a  thagras  e  gun  deachaidh  e  gu  bàs  chum 
fhaotainn. 

Tha  mar  an  ceudna  losa  Criosd  a'  taìrgse  suas  ar 
n-urnuighean.  B'e  dreuchd  Sagart  nan  ludhach 
urnuighean  chloinn  Israeil  a  thaisbeanadh  am  £an- 
uìs  Dhe,  's  an  àm  san  do  loisg  iad  tùis  an  làthair  an 
Tighearn  air  an  altair.  Agus  air  an  dòigh  so  tha  ar 
n-Ard-Shagart-ne  a'  fagail  air  n-osnaich  lag  agus 
neo-iomlan  buadhar  agus  èifeachdach  trid  eadar- 
ghuidhe  fein.  Thug  e  làn-chinnte  dhuinn,  Ge  Ve 
nithe  a  dh'  iarras  siùh  air  an  Athair  ann  am  ainmse 
gun  toir  e  dhuibh  iad :  iarraibh,  agus  gheibh  sihhj 
chum  gum  bi  ur  n-aoibhneas  làn. 

Is  taitneach  an  ni  a  thoirt  a  thuille  fainear»  gu 
bheil  eadar-ghuidhe  ar  Tigbearna  gu  h-iomlan  as  ar 


211 

leith-ne.  Tha  e  air  a  ràdh  mun  fhaidh  Elisa,  gun 
d'  rinn  Elias  eadar-ghiddhe  ri  Dia  an  aghaidh  chloinn 
Israeil.  Bha  e,  niar  tha  diadhair  àraidh  ag  ràdh, 
**  na  fiiàidh  cruaidh,  agus  gun  deachaidh  obair 
gheur-theann  a  thoirt  da  r'a  dheanamh:  ach  cha'n- 
'eil  ar  n-Ard-Shagart-ne  a'  deanamh  eadar-ghuidhe 
an  aghaidh  Israel  fein,  ach  gu  h-iomlan  air  ar  son." 
Anns  an  t-samhladh  air  na  tha  e  deanamh  (Eoin 
xvii.)  faodai  sinn  f  haicinn  nach'eil  e  'g  ainmeachadh 
aon  choire  na  dheisgiblibh,  ach  gu  bhcil  e  a'  tagh- 
adh  gach  ni  a  bha  taitneach  na'n  giuian,  agus  an  sin 
a'  tagradh  an  cùis.  Leis  a  so  faiceamaid  a  ghràdh  ; 
cuireamaid  ar  iàn  earbs'  ann. 

Is  gniomh  sior-bhuan  tròcair  eadar-ghuidhe 
Chriosd.  Cha'n  fhàillnich  a  ghiàs  no.a  ghràdh  am 
feasd.  Tha  e  air  a  ràdh,  Gu  bheil  e  sior-bheo  a 
dheanamh  eadar-ghuidhe.  Tha  e  san  àm  so  ag  asluch- 
adh  as  leth  Eagluis,  mar  rinn  e  am  feadh  a  bha  e 
san  fheoil. 

Is  eadar-ghuidhe  e  mar  an  ceudna  as  leth  pheac- 
ach. — Chaidh  a  roi'-innse  uime,  Gun  do  ghiulain  e 
pcacadh  mhòrain,  agus  rinn  e  eadar-ghuidhe  ar  son 
na'n  ciontach.  'Nuair  a  thug  iad  beum  dha,  is  a 
chàin  iad  e,  agus  a  thàirnich  iad  e  ris  a  chrann 
mhalluichte,  tha  e  sior  ghuidhe,  Alhair^  thoir 
dhoibh  maitheanas.  Agus  tha  ghuidhe  sonraichte 
arson  a  shluaigh,  a  dh'  fhaodas  mòr  mhisneach  a 
thoirt  do  na  h-ionracain.  Uaith  sin  tha  ar  Tighearn 
ag  ràdh,  Cha'n'eil  mi  'guidhe  arson  an  t-saoghail,  ach 
arson  na  muinntir  sin  a  thug  thu  dhomh,  oir  is  leatsa 
iad. 

Bu  chòir  eadar-ghuidhe  Chriosd  a  thoirt  faincar 
roi  urnuigh  mar  ar  n-aon  stèigh-dòchais  gu  dlùihacha 
ri  Dia.  Na  h-earbaibh  air  an  dara  laimh  ri  aon  ul- 
lachadh  a  rinn  sibh,  no  a  aon  rùin  a  chuir  sìbh 
romhaibh,  agus  air  an  laimh  eile,  ge  b'e  air  bith 
peacaidh  gan  robh  sibh  ciontach,  no  ar  n-aingidh- 
eachd  an-tromaichte,  no  molhachadh  air  ur  peac- 


212 

aidh  san  àm,  no  co  leisg  'sa  tha  sibh  air  teachd  a  dh' 
ionnsuidh  Dhe,  ihugaibh  do  ghnà  oirp  air  teachd 
gu  suilbhearra,  air  dhuibh  bhi  fiosrach  gu  bheil 
Jear-tagraidh  agaibh  maille  ris  an  Athair^  eadhoiii 
Criosd  amjirean.,  agus  is  esan  an  ìohairt-rèitich  arson 
ar  peacanna.  An  àm  na  h-urnuigh,  le  creidimh 
a  ghnàthachadh,  ga  b'e  co  lag  'so  bhios  e,  biodh 
dòchas  agad  gum  faigh  thu  as  a  lànachd-san,  gràs, 
freagarach  do  d'  fheum.  Ga  b'e  meud  an  ni  a  dh' 
iarras  tu,  ga  b'eco  liugha  ni  annad  fein  a  dh'  fhaodas 
mi-mhisneach  a  ihoirt  duit ;  tha  deagh  steigh  agad 
gu  chreidsinn  gu'n  gabhar  gu  taitneach  ri  d'  ùrnuigh 
tre  ainm  agus  eadar-mheadhonaireachd  losa  Criosd. 
Tha  eadar-ghuidhe  àghmhor  a'  buanacha  gun 
chaochladh.  Deanadh  do  chreidimh  a  toilltinneas 
Chriosd  t-inntinn  a  chiùineachadh,  agus  a  neartach- 
adh,  chum  gach  athchuinge  a  chuireas  tu  suas  fhàgail 
gu  muinghinneach  na  laimh. — An  deigh  dhuit 
urnuigh  a  dheanamh :  Ge  b'e  casaid  a  chuireas  do 
choguis  ort,  a  iomad  smuain  sheachranaich,  neo-iom- 
laineachd,  agus  buaireis,  noam  mi-fheum  a  rinneadh 
de  fhreagraidh  ur  urnuighean  roimhe  so,  a  mhain 
tagair  gun  gabhar  riut  le  taitneachd  air  an  stèigh  so. 
'Se  Criosd  t-Eadar-mheadhonair;  'sanntrid  Chriosd 
a  tha  fiuthair  agad  gu'n  gabhar  gu  taitneach  ri  d' 
urnuigh. 


80.  Laoidhf  mu  earbs'  a  Criosd. 

M'  ANAM  imich  thusa  sàmhach, 
fo  gach  àmhghar  agus  leatrom, 

'Se  do  ihruailleachd  a  thaobh  nàduir, 
aobhar  t-ànraidh,  mar  mo  bheachdsa. 


213 

Greas  is  amharc  cia  mar  tha  thu, 

soall  le  iiàire  ri  d'  chleachdadh ; 
'S  faic  an  sachd  iha  air  do  ghuaillnibh, 

le  do  ghluasad  bhi  gun  fliaicill. 

O'n  a  ruo^adh  ann  ad  thràill  thu, 

thaobh  do  phàirtidh  sa  cheud  seachranr 

lomchair  foighidneach  gach  dòruinn  ; 
's  biodh  do  bhròn  arson  do  pheacaidh. 

Tha  do  thoil  an  dèis  a  truailleadh, 

rag  ri  ghiasad  chum  do  leasa; 
Dh'  easbhuidh  cumhachd  a  bheir  buaidh  orr' 

gheibh  thu  'm  bàs  is  duais  do'n  pheacadb. 

Seall  a  nise  ciod  a  ni  thu, 

's  teich  le  dichioll  dh'  ionnsuidh  taice; 
Fàg  do  chudihrom  air  do  Ràlhan,* 

tha  e  ghnà  co  math  r'a  fhocall. 

Thig  le  ireaslachd  is  dòchas, 

dh'  iarruidh  còmhnadh  o'n  Aon  bheartach; 
Creid  air  tùs  gu  bheil  e  maoineach, 

's  iarr  do  dhaonnachd  rèir  a  phailteis. 

Thig  le  d*  dhoille,  cionl',  is  daorsa, 

fàg  na  aonar  air-san  'n  leatrom  ; 
Dh'  iarruidb  teagasg,   riaghladh,  'ssaoradh; 

tha  iad  Annsan  ri'n  toirt  seachad. 

Seall  le  muinghinn  an  àirde, 

chum  nam  beatin  d'a  bheil  do  tbaitneachd ; 
'Nuair  is  triobluidich  a  chual  duit, 

amhairc  suas  ri  Triath  nam  feartan. 

Càraich  t-eallach  air  a  Ghuaillnibh; 
oir  's  ann  uaithe  thig  do  neartsa: 

•  Urras. 


214 

'S  ge  nach  beaclidaich  thus'  a  ghluasad, 
creid  gu  luath  gu  bheil  e'm  faisg  ort. 

'S  feith  gu  foighidneach  r'a  thìorasan, 
's  imich  direach  rèir  a  reachda; 

Ruith  do  rèis  le  fair'  is  dichioll, 
's  ann  le  strìgh  a  ni  thu  streapadh. 

'Nuair  bhios  fiaradh  ann  ad  chrannchur, 
creid  gun  tionndaidh  e  gu  d'  tliaiineadh, 

Bheir  seillein  malh  o  lusaibh  searbha, 
niil  bhios  tarbhach,  brìgh'ar,  blasda. 

Ged  bhiodh  'm  Freasdal  dhuit  air  uairibh, 
tuilie  's  cruaidh  a  rèir  do  bheachdsa; 

Tuig  gur  gliocas  thug  m'an  cuairt  e. 

's  gheibh  thu  buannachd  as,  am  pailteas. 

Bi  thusa  furachair  m'a  àitheantaibh ; 

o  staid  nàduir  teich  na  thaic-se: 
*S  glac  aghealiadh  làn  de  shiochadli, 

ann  an  Criosd  a  dhìol  a  cheartais. 

Air  do  thuras  do  Chanaan, 

ged  robh  'm  fàsach  làn  de  chrosadb, 
'S  iomad  bruthadh  air  do  shàiltibh, 

leans  a  ghnà  ri  lorg  a  Ghaisgich. 

Thug  e  buaidh  os  ceann  do  naimhde, 
ìs  bheir  e  gràs  'an  àm  na  h-airce. 

Ruidh  da  ionnsuidh  le  fcin-àichcadh, 
's  dearbh  nach  fàillnich  do  Chùl-taiee. 


215 


81.  Mun  Chuan. 

CiA  oirdheircàillitlb,  agus  air  uairibh  cia  uabhasach 
ri  amharc  air  an  cuan  niòr!  Co  cihiubh  a  bheachd- 
aicheas  sinn  air  'nuair  a  tha  e  fo  bhruaillein  air  at  le 
doinionn  a  gheamhraidh,  na  marcaichean  sìanta 
mach  nan  uil'  uabhas,  a  sguaba  na  fairge  le  cathadh 
mara  tha  'g  èiridh  chum  nan  neul;  no  ma  bheachd- 
aicheas  sinn  air  ann  am  fiath  nan  eun  ann  am  feasg- 
ar  ciùin  samhruidh,  'nuair  nach  'eil  deo  a*  seideadh, 
is  gach  gaoth  nan  suain,  cha'n'eil  e  comasacb 
smaointeachadh  air  ni  is  cumhachdaiche  chum  ara 
mothachadh  is  àirde  thoirt  duinn,  air  cumhachd, 
agus  mòralachd  an  Ti  sin  a  chruthaich  an  Cuan, — 
a  tha  dol  amach  air  a  thonnaibh  uaibhreach,  's  is  ur- 
rainn  a  ràdh  riu,  an  fhad  so  thèid  sibh,  's  cha  d' 
thèid  ni's  faide.  Cha'n'eil  aon  ni  eile  a  dh'fhaodar 
a  choimeas  ris  a  Chuan  mhòr,  a  iha  le  uisgeachan 
a'  ruigheachd  air  cearnaibh  iomallach  an  t-saogh- 
ails',  's  ga  chuairteachadh  o  thaobh  gu  taobh.  Tha 
thri  urrad  de'n  t-saoghaì  so  fo'n  f  hairge  'sa  tha  fo 
thìr-mòr.  Cha'n  urrainnear  doimhncachd  a  chuain 
fhaotainn  gu  h-iomlan  a  mach.  'Se  da-cheud-deug 
aitheamh  an  doimhneachd  is  mò  air  an  d'rainig 
daoine,  gad  a  tha  iad  a'  barulachadh  gu  bheile  cuig 
no  sea  mile  an  iomad  àite.  Fhad  sa  fhuaradh  a 
mach  c,  tha  aigean  na  fairge,  cosmhuil  ri  tìr'- 
mòr,  le  bheanntaibh,  le  ghlinn,  le  chreagan  corrach 
agus  uadhan  dorcha.  Tha  tobraichean  fior-uisg, 
agus  uiUt  is  aibhnichean,  ag  eiridh  sa  chuan  an  iom- 
ad  àite.  'Se  ni  is  iongantaich  a  th'ann  an  salann, 
a  tha  cumail  an  uisge  do  ghna  fallain  ;  agus  ga 
f  hàgail  ni  's  truime,  agus  uaithe  sin  tha  e  ni  's  usa 
do  gach  ni  snàmh  air  uacbdar,  seach  air  an  fhìor- 
uisge.  Anns  na  h-uile  punnd  sàile  tha  dà  ùnsa 
shalainn.  Tha  gach  abhuinn  air  an  t-saoghal  a' 
sruthadh  a  stigh  do'n  chuan,   agus  a'  tarruing  leo 


216 

anabas  gach  baile  mhoir,  's  gach  ni  a  dhùìsgeadh 
euslainte  no  tinneis,  agus  e  sioladh  gu  iochdar  a 
Chuain.  Chum  uisgeachan  a  chuain  a  chumail  air 
ghluasad,  tha  sruihan  air  an  òrduchadh  le  Dia,  trid 
a'  bheil  an  Cuan  a'  trà^jhadh  's  a'  lionadh  dà  uair 
anns  na  ceithir  uaire  fìchead.  Cha'n'eil  teagamh 
nach  e  cumhachd  dlù-thàirneach  na  Gealaich  am 
meadhon  tre  bheil  na  srutha  feumail  so  air  an  toirt 
m'an  cuairt.  Tha  sruth  reothairt  ann  ri  mùghadh 
agus  àirde  na  gealaich,  agus  còntraigh  eadar  an  dà 
àm  sin.  Tha  aobhar  taing  aig  an  t-saoglial  gu  bheil 
iad  mar  so  air  an  riaghladh  agus  fo  smachd.  Anns 
a  Chuan  tha  saoghal  ùr  làn  iongantais  againn,  anns 
a'  bheil  anabharra  de  bheo  chreutairean  nach  ur- 
rainnear  àireamh;  agus  cuid  diiibh  co  mòr, 's  nach'eil 
air  tir-mòr  na  dh'fhaodar  a  choimeas  riu.  Tha  cuid 
de  mhuca  mara  a  tha  ceud  troigh  air  fad,  agus  their- 
ear  gum  mair  iad  beo  còrr  is  ceud  bliadhna:  Agus 
ma  chreidear  daoine  teisteil,  gu  bheil  beathaichean 
eile  ann  is  mò  gu  niòr  na  iad  sin.  Cha  bu  leabhar 
beagachumadh  ainm,  coslas,  agus  àireamh  na  tha 
aithnichte  dhiubh,  a  bhàrr  air  creutairean  ùra  tba 
iad  a'  faotainn  a  mach  o  àm  gu  h-am.  Cia  glor- 
mhor  cumhaciid  agus  gliocas  an  Dia  sin  a  chruih- 
aich  an  cuan  is  na  bheil  ann.  Is  mòr  ani  feum  a 
tha'n  Cuan  a*  deanamh  do'n  t-saoghal,  mar  bhith- 
eadli  e  cha  bhiodh  uisg  againn,  na  uillt  na  aibhnich- 
ean,  no  taisealdachd  no  drùchd,  no  fiunnachd.  'S 
ann  o'n  f  hairge  tha  gach  drùchd  uisg  ag  eiridh,  air 
a  dheothal  suas  do  na  neoil  le  teas  na  greine,  's  a 
braonadh  a  rìs  air  ais  air  an  talamh.  Nam  biodh 
an  Cuan  ni  bu  lugha  na  tha  e,  b'eiginn  gum  biodh 
barrachd  mòr  de'n  t-saoghal  na  fhàsach  aimrid  gun 
fhàs  gun  chinneas.  'S  ann  trid  farsuingeachd  a 
Chuain  a  tha  rioghachdan  iomallach  an  domhain  a 
cumail  suas  eolas  agus  malairt  ri  cheile.  Leis  a 
Chuan  tha  sinn  a'  dol  ni  's  faide  na  b'urrainn  do'n 
eun  is  laidire  sgiath  dol  air  iteig.    Tha  sinn  a'  faigh- 


21T 

jnn  eolais  air  na  h-Innseanaich  a  tha  ga'n  crion- 
losgaclii  i'a  dlìian-theas  na  oreine,  afrus  air  na  Lap- 
lanaich  a  tha  gani  nieiieachadh  le  fuachd,  gun  a  h- 
aogas  àghmhor  Ihaicinn  ieth  na  bliadhna.  'S  ann 
trid  a  Chuain  a  tha  malairt  a'  dol  air  aghaidh  eadar 
rioghaclidan,  leis  a  bheil  bathar  an  darna  dùthcha 
teachd  do'n  dùihaich  eile.  Mar  so  tha  sinn  air  ar 
n-èididh  san  t-samhradh  le  sioda  ajrus  rìomhadh  na 
h-àirde  deas ;  agus  air  ar  cluthachadh  gu  blàth  sa 
gheamhradh  le  bein  mholach  na  h-àirde  tuath.  Mar 
so  tha  saibhreas  nan  Innscan  a'  ruigheachd  ar  dùth- 
cha,  agus  tha  ar  luingeas  a'  seoladh  le'r  bathar  do 
dhùthaichibh  agus  eileanaibh  cèin;  agus  shghe  mar 
so  air  fhosgladh  gu  Soisgeul  ar-Sianuighear  a 
chraobh— gaoileadh,  air  feadh  gach  rioghachd  agus 
anns  gach  cànmhuin.  An  aon  fhocal,  's  ea-comas- 
ach  gach  sochair  ainmeachadh  a  tha  'g  èiridh  o'n 
Chuan  mliòr  so.  Nan  tòisicheamaid  ri  iomradh  air 
na  tha  de  theachdan-tir  dhaoine  a'  teachd  as,  agus 
an  t-anabarra  sluaigh  a  tha  faighinn  cosnadh  air 
uachdar,  cha  b'fhios  dhuinn  c'àit  an  stadamaid. 


82.  An  Cuan  ùmhal  do  Dhia. 

O  !  THUSA  chruthaich  an  cuan, 
'sa  luaisgeas  a  thonna  trom; 

'S  tu  chaisgeas  an  onfhadh  rìsi 
's  a  ni  iad  ciùin  mar  am  fonn. 

Mar  so,  anns  an  doimhne  mhoir, 

cliìtear  de  ghloir,  a  Dhe: 
Luchd  siubhail  a  chuain  cia  baoth, 
mur  d'thoir  iad  dhuit  aoradb,  's  gèilU 


218 

Cia  tric  a  shìn  thu  do  làmh. 

's  a  thug  thu  a'  gàbha  cruaidh, 
Dream  nach  loir  urram  no  gèill, 

'n  trà  chi  iad  am  fè  m'an  cuairtr 

Seadh  ga  d'  a  ghlacas  an  doinionn 
cuid  diu'  'na  tonnaibh  bàithte, 

Tha  fàis  na  mhaireas  gun  chiall, 
gun  urram  do  Thriaih  na  slainte. 

O  Dhia  !  thug  mis  as  gacli  gàbhadh, 
bheir  mi  gràdh  dhuit  fad  mo  rè; 

'S  am  bàs,  'n  tra  tha  e'n  dàn  domh, 
ceangluidh  mi  gu  bràih  riut  fein. 


83.  Mu  Reull-iùil  na  h-àirde-tuath. 

Tha'n  reull  so  furasd  a  chomharachadh,  a  thaobh 
nach  'eil  i  *g  atharrachadh  a  h-àit  anns  an  speur  ach 
ro-bheag.  Leis  mar  tha  do  i  ghnà  ri  faicinn  goirid 
o'n  aon  àite,  tha  i  na  reull-iùil  do'n  mharaiche,  gu 
h-àraidh  a  mach  air  a  Chuan.  Man  d'fhuaradh  a 
chòmbaist  a  mach,  cha  robh  riaghailt  stiùraidh  a 
b'  fhearr  aig  a  mharaiche  n'an  reull  so,  agus  eadh- 
on  san  àm  so,  'nuair  a  tha  na  speuran  soilleir,  faod- 
aidh  iad  ann  an  iomad  àite  barrachd  earbs'  a  dhean- 
amh  aisde  na  a  tarrang-art  na  combaiste.  Tha  so  gu 
nàdurra  gar  tarruing  gu  smaointeachadh  air  maith- 
eas  De,  a  tha  mar  so  le  suidheachadh  agus  gluasad 
nan  reull,  a'  toirt  fiosrachadh  do  dhaoinibh  air  am- 
annaibh  agus  air  ionadaibh.  Esan  a  tha  eolach  air 
gluasad  nan  reull,  innsidh  e  ann  an  dùthaich  anns 
nach  robh  e  riamh  roimhe,  a  cheart  àit  anns  a  bheil 
e.     Is  aithne  dha  am  mios,   an  latha  agus  an  t-àm 


219 

de'n  latha,  co  cinnteach  's  gad  a  bhiodh  an  t-uair* 
eadair  a  b'  f  hearr  aige.  Is  furasda  so  a  thuigsinn 
ma  bheachdaicheas  sinn  gu  blieil  na  reultan  a'  tigh- 
inn  na  h-uile  h-oidhche  ceiihir  mionaidean  ni  's 
luaithe  chum  an  àite  san  d-thainig  iad  an  raoir;  agus 
uaithe  sin  gu  bheil  iad  a'  teachd  da  uair  an  uairead- 
oir  an  comhair  a  mhios  ni  's  tràithe.  Mar  so  an 
rionnag  a  tha  sinn  a'faicinn  an  nochd  aigdeich  uair- 
ean,  ma  sheasas  sinn  san  àite  chcudna  niìos  o'n 
nochd  chi  sinn  a  cheart  reuli  sa  cheart  àite  sin  aig 
ochd  uairean;  agus  an  rionnag  a  tha  air  a  mheadhon 
oidhch'  an  nochd  calg  dhireach  os  cionn  do  chinn, 
bliadhna  o'n  nochd,  gheibh  thu  i  sa  cheart  àite.  An 
so  aidicheamaid  tròcair  chaomh  an  Tighearn  do'n  t- 
saoghal.  'Se  so  am  feum  is  suarraich  a  tha  na  reul- 
ta  a'  freagradh,  ann  an  cruthachadh  Dhe;  gidheadh 
tha  so  fein  na  aobhar  tainìieaiachd. 


84.  M"  an  tnmighe  a  tha  sruthadh  o  Mhi-chreidinth, 

Tha  mi-chreidimh  a'  cuideacha  gu  mòr  gu  cuir  aa 
d'  ar  sòiais.  Tha  e  cur  an  aghaidh  gach  firinn  a 
tha  gu  ro  eifeachdach  gar  cumail  suas,  's  a  toirt  mis- 
neach  dhuinn  fo  thruaigh  agus  fo  dhosguinn  ar 
crannchuir.  Ann  an  àm  soirbheachaidh,  tha  na 
teagasgan  a  tha  e  scoladh  dhuinn  cùl  a  chur  riu 
*nan  impidh  chum  ar  n-inntinn  a  thogail  agus  ar 
gairdeachas  a  mheudachadh.  Tha  sin  a'  gabhail  co'- 
roinn  de  shochairean  na  beatha  so  leis  an  taingeai- 
achd  agus  leis  an  tlachd  is  mò,  'nuaira  mheasas  sinn 
iad  air  am  buileachadh  oirn  le  laimh  f  hial  fhiugan- 
taich  an  De  uile  iomlan,  's  an  uair  is  ann  a  tha  sinn 
gam  faotuinn  tre  chaomh  thròcair  air  an  deanamh 
cinnteach  dhuinn  trid  eadar-mheadhonaireachd  a 
Mhic  fein  ;  's  an  uair  a  ghabhas  sinn  sàr-bheachd 
T  2 


220 

oirre  mar  earlais  agus  mar  roi-bhlas  air  an  Ihnachd 
aoibhneis  sin,  a  tha  l'eitheamh  oirn  aig  a  dheas  laimk 
ann  an  neamh.  Agus  's  eiginn  gum  measaran  ni  a 
a  bheir  uainn  an  sòlas  diadhaicih  so  ro-dhiùbhalach 
dhuinn,  mar  a'  cur  an  lu^had  ar  sonuis,  nach  'eil 
raar  is  trice  ach  neo-iomlan  agus  gearr.  Ach  's 
amlniil  toradh  na  mi-chreidimh  a  chuireas  as  de 
thlachtl  gach  sochair  shaoghalta,  a  tha  gan  co'- 
leagadh  ri  toiieacha  feolmhor,  agus  gar  iàgail  gu 
bhi  air  ar  cumail  suas  leo  mar  na  brùidean  a  tha  dol 
a  dhi,  gun  smuain  a  tha  'g  eiridh  os  ceann  an  dus- 
laich,  agus  gun  dòchas  ri  aon  ni  an  taobh  thail  do'n 
uaigh. 

Ach,  's  ann  am  raeasg  dheuchainnean  agus  au- 
shocair  a  tha  mi-chreidimh  ga  nochda  fèin  air  a 
mhodh  is  cothromaiche  agus  is  duaichnidh.  An 
uair  a  tha  sinn  air  ar  claoidh  le  triobluidibh  lion- 
mhor  na  beatha  so,  ciod  a  bheir  misneach  dhuinn 
fo'n  tròm  uallaich,  ach  na  folllsichean  agus  an  seal- 
ladh  a  tha  'n  Soisgeui  a'  toirt  duinn  ?  Ciod,  a  chum 
so  a  dheanamh,  a  dh'  fhaodar  a  choimeas  ri  chreid- 
sinn  gu  bheil  gach  ni  a  bhos  air  thalamh  fo  stiùradh 
gliocas  agus  maiiheas  nco-chriochnach  an  Uile- 
chumhachdaich,  agus  gu  bheii  neo-bhàsmhoireachd 
de  shonas  a'  leitheamh  oirn  ann  an  saoghal  eile? 

Ma  bheirear  am  niothachadh  so  air  falbh,  ciod 
air  an  socraich  sinn,  air  an  dean  an  inntinngu  foigh- 
idneach  tearuinte,  greim  le  lan-mhuinghinn  an  àm 
na  h-airce?  C'  àite  bheil  an  ìocshlaint  a  dh'fhaodas 
mi  a  cbàramh  gu  h  eiteachdach  ri  m'  chridhe  leointe, 
an  deigh  dhomh  cùl  a  chur  ri  Ard  Lèigh  an  anama? 
Cuir  mi  fo  na  cruaidh-chais  is  deacaire — na  dthoir 
dhomh  r'a  itheadb  ach  aran  a  bhròin — ihoir  uam  na 
cairdean  is  ionmhuinne  leam,  cuir  a  chòmhuidh  mi 
do  bhhothan  bochd  na  h-ainnis,  agus  air  leabuidh 
dhocair  na  h-easlainte — cuir  am  bàs  fa  m'  chomhair 
le  uile  uabhasan:  dean  an  t-iomlan  de  so — amh- 
àin  leig  leam  mo  dhòchas  a  chur  ann  am  Shlan- 


221 

uighear,  agus  socraich  mo  cheann  air  uchd  làigheil  an 
Uile-chumhachdaich,  agus  cha  bhi  eagal  uilc  orm  ; 
bheir  mi  buaidh  air  triobluid,  ni  mi  gairdeachas  ann 
am  àmhghar.  Ach  thigeadh  mi-chreidimh  a  steach 
eadar  Dia  agus  m'  anam,  agus  tùirneadh  e  a  sgàile 
dorcha  thairis  air  ath-bheatha,  agus  ceangladh  e  m' 
uile  earbsa  ris  a  bheatha  so  a  mhàin,  agus  m'  uile 
dhòchuis  ri  beagan  bhliadhnaichean,  a  tha  co  neo- 
chinnteach  'sa  tha  iad  gearr — agus  cionnas  is  comas- 
ach  dhomh  giuian  leis,  le  cruadal  na  le  suilbhear- 
rachd,  fo  uallach  a  chràidh  ?  no  c'àit  am  faigh  mi 
aon  bhraon  de  shòlas  chum  a  chur  anns  an  deoch 
sheirbh  so  a  thugadh  dhonih  r'a  h-òl?  Tha  mi 
beachdachadh  air  an  t-saoghal  so  sa  bheil  mo 
chòmhnuidh,  ach  cha'n  fhaic  mi  aon  challaid  chum 
mo  dhìon  o'n  doinionn,  .no  aon  chungaidh-leighis  do 
m'  anam,  no  idir  aon  deoch  de  uisge  fuar  chum  mo 
bheothachadh  o  m*  sgios  agus  o  m'  laigsinn  air  mo 
thuras.  O  !  cionnas  a  dh'  fhaodas  mi  a  bhi  ach  neo- 
shòlasach  agus  truagh,  an  uair  a  tha  mi  as  eug'ais 
Dhe,  agus  gun  dòchas  ! 


85.  Stèigh  ar  dòchais. 

O  Dhe  thug  riamh  dhuinn  còmhnadh  ! 

bun  ar  dòchais  as  so  suas! 
lonad  ar  dìdein  'nar  n-airc, 

's  ar  cobhair  'an  là  ar  cruais  ! 

Fo  sgàile  do  chrathair-righ 
o  deònaich  dhuinn  sìth  is  fois 

Am  feadh  tha  thusa  'g  ar  dion, 
mealaidh  sinn  gu  siorruidh  clos. 
T  3 


222 

M'  an  d-èirich  na  sleibhte  suas, 

m'  an  <J-fhuair  aii  talamh  a  dhreach, 

Biìa  thu;  is  bithidh  tu  Dhe, 
an  dèigh  dhoibh  uile  dol  seach, 

Tha  mìle  Hnn  ann  ad  hì'ir, 

mar  là  theid  seachad  gu  dian  ; 
Mar  fhaire  dhiombuan  de'n  oi'che, 

m'  an  soillsich  air  maduin   grian. 

Tha  fineacha  diomhaln  an  t-sluaigh 

gan  sguabadh  air  falbh  le  tuil, 
Gus  an  ddieid  iad,  ie'n  cùram  faoin, 

a  feìos  maraon  fo'n  t-sruth. 

'S  tus',  a  Dhe,  thug  riamh  dhuinn  còmhnadh, 

steigh  ar  dòchais  as  so  suas ; 
lonud  ar  didein  'n  ar  n-airc, 

's  ar  cobhair  an  lù  ar  cruais. 


86.  Duan. 

'Sluaineach  mo  chadal  an  nochd, 

Ge  beo  mi  fiiein,  cha  bheo  mo  thlachd; 

Mo  chridh  air  searg  ann  am  uchd, 

'S  trom  dubhach  m'  inntinn  gu  beachd. 

*S  anns  an  àraich  an  so  shios 

Tha  bhean  is  meachaire,  niliìn-ghil  cruth  ; 

Deud  air  dhreach  cailce  'na  beul, 

Bu  bhinne  na  tèud  chiùil  a  guth. 

Mar  chobhar  an  uisge  ghloin, 

Mar  shlios  eala  ri  uisge  niear; 

Glan  It'ug  mar  an  cathadh-cuir, 

Dh'fliàg  thu  mi  gun  chobhair  a'd'  dheigh. 

Slat  ùr  nam  fàinne  fionn, 

Bean  is  mine,  mhoghair  sùil ; 


223 

*S  a  gruaidh  mar  an  caorrann  dearg, 
Air  lasadh  mar  dhealbh  an  ròis. 
Meòir  fhionn  air  bhasaibh  bàna, 
Uchd  soluis  is  àillidh  sniiadh; 
An  gaol  a  thug  mi  dhi,  ra  luaidh 
Ochain  nan  och,  's  cruaidh  an  càs! 
Cha  dirich  mi  aonach,  rio  beinn, 
Mo  cheum  air  a  lagadh  gu  trom ; 
Aithear  cha  dthig  air  mo  ghnùis, 
Gus  an  dean  an  ùir  mi  slàn. 
Mar  ghrainne  mullaich  na  dèis, 
Mar  ghallan  san  òg-choille  fàs, 
Mar  ghrèin  ri  folach  nan  reull, 
Bu  tu  fein  am  measer  nam  mnà. 


87.  An  Garbh  mae  Staim. 

Dh'imich  Garbh  mar  Stairn  agus  Dual  a  dh'f  haie- 
inn  Fhinn  agus  a  threun  fheara  colgach,  iomraiteach 
ann  an  gniomharaibh  arm.  Bha  Fionn  san  àm  sin 
'na  thigheadas  samhraidh  am  Buchanti.  Nan  turus 
d'a  ionnsuidh,  ghabh  iad  beaclid  air  gach  gleann 
agus  faoin  mhonadh,  air  gach  allt  agus  caol  choir- 
ean.  Ghabh  iad  sgeul  de  gach  coisich  agus  gach  fear 
a  thachair  'nan  còir.  Ann  angleann  na'n  cuach  agus 
nan  lon,  chunnaic  iad  bùth  taobh  sruthain;  chaidh  a 
steach,  dh'iarr  deoch;  dh'èirich  ribhinn  a  b'àluinne 
snuadh  a  dh'fhàilteachadh  an  turuis  ìe  sìth.  Thug 
i  biadh  dhoibh  r'a  itheadh,  deoch  ri  h-òl ;  dh'iarr  an 
sgeul  le  cainnt  thlà.  Bhuail  gaol  o  a  suil  an  Garbh 
borb,  agus  dh'innis  cia  as  doibh.  "  Thainig  sinn  o 
thir  na'n  crann,  far  an  lionmhor  sonn — mac  righ 
Lòchlainn  mise — m'ainm  Garbh  nam  b'àill  leat — 
esan  Dual,  o  thìr  nam  beann,  a  thuinich  an  Albuinn 


o  thaath — a  ghabhail  cairdeis  gun  sgàth  o'n  àrd  righ 
Fionn,  sud  fath  ar  turuis  a  chiabh  na  maise — ciod 
am  bealach  am  buail  sinn  ?  seol  ar  cos  gu  teach 
Fhinn,  bi  dhuinn  mar  iùl,  is  gabh  duais.'^ — "  Duais 
cha  do  ghabh  mi  riamh,"  ars  an  nighean  bu  bhlàithe 
sùil,  's  bu  deirge  gruaidh ;  "  cha  b'e  sud  àbhuist 
Fheadhaich  nam  beann  eilde,  gam  bu  lionmhor 
daimhich  'na  thalla,  'g  am  bu  tric  tathaich  o  thuath 
— ni  mise  dhuibh  iùl." — Gu  gleann-skh  tharladh  na 
fir:  gleann  an  tric  guth  fèidh  is  loin;  gleann  nan 
carn  is  na'n  scor;  gleann  nan  sruth  ri  uisg  is  gaotb. 
Thachair  orra  buaghar  bhò,  is  rinn  dhoibh  iùl ; 
thug  dhoibh  sgeul  air  dùthaich  na'n  creag,  air  fir 
agus  mnaibh,  air  fàs  shliabh  agus  charn,  air  neart 
feachd,  air  rian  arm,  air  miann  sloigh,  agus  craobh- 
thuinidh  nam  Fiann. 


88.  Brìathran  Fhirm  ri  Oscar. 

A  Mhic  mo  mhici  'se  thuirt  an  righ ! 

Oscair,  a  righ  nan  òg  fhlath  ! 

Chunnaic  mi  dealradh  do  lainne,  's  b'e  m'uaiU 

Bhi  'gamharc  do  bhuaidh  sa  chath. 

Lean  gu  dlù  ri  cliù  do  shinnsreachd, 

'S  na  diobair  a  bhi  mar  bha  iadsan. 

'Nuair  bu  bheo  Treunmhor  nan  ratb, 

Is  TralhuU  athair  nan  treun-Iaoch, 

Chuir  iad  gach  cath  le  buaidh, 

Is  bhuannaich  iad  cliu  gach  teagmhail ; 

Is  mairidh  an  iomradh  san  dàn 

Air  chuimhn'  aig  na  Baird  an  dèigh  so. 

O!  Oscair,  claoidh  thus'  an  treun-armacb, 

'S  thoir  tearmunn  do'n  lag-làmhach  fheumach; 

Bi  mar  bhuinne-shruth  reothairt  gheamhruidb 


225 

Thoirt  gleachd  do  naimlidibh  na  Fèinne; 

Ach  mar  fhann-fjhaotli  shoimh  thlà  shàmhruidh, 

Bi  dhoibhsan  a  shireas  do  chohhair. — 

Mar  sin  bha  Treunmhor  nam  buadh, 

'S  bha  Trathull  nan  ruao-  'na  dheigh  ann  : 

Bha  Fionn  'na  thaice  do'n  f  hann, 

Ga  dhìon  o  ainneart  luchd  eacoir: 

'Na  aobhar  sliininn  mo  làmh, 

Le  fàiite  rachainn  'na  choinneamh; 

Is  g'heibheadh  e  fasgadh,  is  càird, 

Fo  sgàil'  dhriiinneach  mo  laiune. 


89.  Aisling  Mala-mhin. 

'Se  guth  anama  mo  rùin  a  t'  ann! 

O  's  ainmig  gu  aisling  Mala-mhin  thu! 

Fosglaibh  Talla  nan  spcur, 

Athair  O.-cair  na'n  cruaidh  bheum, 

Fosglaibh  dorsaibh  nan  nial, 

Tha  ceimne  Mala  mhin  gu  dian. 

Chualas  guth  ann  am  aisling  fcin, 

Tha  faruin  mo  chleibh  gu  h-àrd. 

C'uim  a  thainig  an  osag  'am  dhèigh, 

O  dhu-shiubhal  na  linnidh  ud  thall  ? 

Bha  do  sgiath  fhuaimneach  an  gallan  an  aonaich, 

Shiubhail  aisling  Mal-mhìne  gun  dian: 

Ach  chunnaic  i  a  rùn  ag  aomadh, 

'Sa  cheò-earradh  a'  taomadh  mu  chliabh  : 

Bha  dearsa  na  grèin  air  thaobh  ris, 

Co  boisgeil  ri  òr  nan  dàimh. 

Is  e  guth  anama  mo  rùin  a  t'  ann, 

O!  's  ainmig  gu  m' aisling  fein  thu! 


226 

Is  còmhnuìdh  dhuit  anam  Mal-mhine, 
A  mhic  Oisein  is  trèine  lamh  ; 
Eirigh  m'  osna  mar  ri  dearsa  o'n  Ear, 
Thaom  mo  dhòir  am  measg  shile  na  h-oidhche. 

Bu  ghallan  àluinn  ad  fhianuis  mi,  Oscair, 
Le  m'  uile  gheugail)h  uaine  m'  am  ihimchioll; 
Ach  thainig  do  bhàs-sa  mar  osaig 
O'n  fhàsach,  a's  dh'  aom  mi  sios: 
Thainig  earrach  le  sileadh  nan  speur, 
Ach  ni  'n  d-eirich  duill'  uaine  dhomh  fein. 

Chunnaic  òighe  mi  gu  sàmhach  san  talladh, 
Is  bhuail  iad  clàrsach  nam  fonn : 
Bha  deolr  a*  taomadb  le  gruaidhibh  Mala-mhìn, 
Chunnaic  òigh  mi  's  mo  thùrsa  gu  trom. 

C*  uim  a'  bheil  thu  co  tùrsach  a'  m'  fhianuis, 
A  chaomh  ainnir  aig  luath-àth  nan  sruth? 
An  robh  e  sgiamhach  mar  dhcarsa  na  grèine; 
Am  bu  co  tlachdmhor  a  shiubhal,  's  a  chruth? 

*S  laitneach  t-fhonn  'an  cluais  Oisein, 
A  nighean  Luath-àih  nan  sruth  dian; 
Thainig  guth  nam  bàrd  nach  beo 
Am  measg  t-aisling  air  aomadh  nan  sliabh  ; 
'Nuair  thuit  codal  air  do  shùilibh  soirbhe, 
Air  cluain  Mòr-shrulh  nan  ioma  fuaim. 
'Nuair  phill  thu  flathail  o'n  t-seilg, 
Is  grian  lò  a'  sgaradh  na  beinn, 
Chuala  tu  guth  nam  bàrd  nach  beo; 
Is  glan  faiteil  do  cheoil  fein. 

Is  caoin  faìteal  nam  fonn,  a  Mhala-mhìn, 
Ach  claoidhidh  iad  anam  gu  deoir: 
Tha  sòlas  ann  an  tuireadh  le  sith, 
'Nuair  dh'  aomas  cliabh  tuirse  gu  bròn. 


227 

Claoidhidh  fad  thùrsa  siol  dòruinn, 

A  tiilà  nighean  Thoscair  na'n  cruaidh  bheum. 

Is  ainmig  an  iaithe  o'n  neoil, 

Tuiticlh  iad  mar  chuiseig  fo 'n  ghrèin, 

'Nuair  shealias  i  sìos  na  soiilse, 

An  àèìgh  do'n  dubh  cheathach  siubhal   do'n 

bheinn, 
'Sa  throm-cheann  fo  shileadh  na  h-oidhche. 


90.  Dàn  mu  chonaltradh. 

'Ni;air  bha  Ghaeh'c  aig  na  h-eoin, 

'Sa  thuigeadh  iad  gloir  nan  dàn  ; 

Bu  tric  an  còmhradh  sa  choiil 

Air  ioma  ponc,  m'  as  fior  am  bàrd. 

Thainig  piaid  luath  na  gleadhraich, 

Shuidh  i  air  grod-mheur  còsach  fearna  j 

Bha  chomhachag  na  gurach  riabhach. 

Ma  coimibh  gu  ciallach,  samhach. 

Dh'  èirich  a  phiaid  gu  grad  S 

Thuirt  i,  's  i  stailccadh  a  bonn: 

"  An  dthusa  sin  a'  d'  mheall  air  stob? 

*'  An-uair  air  do  chiod-cheann  trom  ! 

"  'M  bi  do  thcanga  ghnà  fo  ghlais, 

**  'S  tu  gun  luaidh  air  neach  na  ni, 

"  Cha  dùinte  ri  sean-chloich  bhric? 

*'  A  spuch-shuileach  a  chnaip  gun  bhrigh  I" 

•'  Pìi-hu-hìi-u  !  tha  thu  faoin," 

Ars  eun  maol  a  mhothair  chòir, 

"  Os  mis  tha  fiosrach  sa  chùis, 

"  Fheudail !  's  beag  an  tùr  tha*  d'  ghlòir. 

"  Cha  bheus  liumsa  glige  ghlaige, 

"  Chaoidh  cha  ghabh  mi  tlachd  do'n  luath-bheul; 

"  Labhraidh  mi  'nuair  chi  mi  feum  air; 

*'  'S  cha  choisinn  mo  bheul  dhomh  bruaidlein. 


228 

"  Ach  's  tric  càch  ort  feiii  a'  magadh, 
"  'S  a  liuthad  glun;-mhearachd  bristcach, 
"  Thaomas  le  cladhaireachd  fhacal, 
*'  O  shìor-chlabar  guib  gun  tuigse." 

"  Bu  ghreis  doibh  mar  so  sa  chonnsbuid, 

"  A  gearr-bhearradh  gloir  a  chèile; 

Gus  an  do  leum  a  nuas  an  glas-eun, 

'S  rinn  esan  gach  beairt  a  rèiteach ; 

Air  gach  iauhh  'nuair  chual  e  chùis, 

Thuirt  e  riu  le  rùn  gun  chleth  : 

"  M'as  fiach  mo  bhriathran  èisteachd, 

**  'So  mar  dhearnainn  fein  duibh  breith, 

«  'S  ioma  bai-ail  a  mea«g  sìuiiigh; 

"  Is  toigh  le  cuid  ni  's  tuatli  le  càch 

"  Pairt  their  dìreach  na  ni  cùis, 

*'  'S  cuid  nach  dùraigsgur  gu  bràth. 

*«  Tha  àm  gu  labhairt,  's  àm  bhi  sàmhach, 

"  Am  gu  cràbhadh,  's  àm  gu  cleasachd, 

*'  Am  gu  bròn,  is  àm  gu  h-àbhachd; 

"  'Sonadh  'n  dream  a  thàras  ceart  iad. 

«  'S  lionmhcr  iad  da'n  aiiim  bhi  tuigseach, 

"  O'n  dihig  mìle  focal  ceaibach, 

«*  Còrr  uair  a  mheasa  tu  gorrach, 

**  Le  tuille  's  a  chòir  de  sheanachas; 

**  Neach  'g  am  bi  theanga  fo  smachd, 

*'  'S  ainmig  leis  gu'n  gluais  e  lochd  : 

**  'S  saoilear  gum  bi  'n  t-ùmaidh  glic, 

*'  Nam  b'eol  da  bhi  tiic  na  thosd." 


91.  Comhairlean  Easbuig  Carswell  da  Mhac,  1560. 

Latha  bha  sinn  gu  mear,  uaibhreach, 
A  mhacaidh  ud  is  guirme  siìil: 


229 

Aon  fliocal  air  leas  an  anama, 
Gur  seirbhe  bhlas  na  'm  fearn  ùr. 

laln  a  bhaile  so  shuas, 
Gur  tiuagh  nach  tuigeadh  tu  'm  bàs; 
Nach  faic  thu  fear  na  h-uaille  shios, 
Is  am  feur  uaine  trid  roi  fàs. 

Ge  mòr  leat  do  ghiudhrain  mhuc, 

'S  do  bhuaile  bhuar  bhallach,  bhreachd  ; 

Uibhr  an   nbhaill  ge  beag, 

Cha  dtlieid  do'n  uaigh  chumhang  leat. 

A  dhuine  thruaigh  !  nach  gabh  thu  eagal; 
'M  faic  thu  'n  t-eu<f  thugad  na  ruith ; 
lonanns'  bhi  air  bhòrd  na  h-uaighe, 
Ged  bu  tu  bu  bhuain'  air  bith. 

'Nuair  bheirear  uait  an  ceann-adhart, 
'Sa  thèid  air  fradharc  do  shùl ; 
Cuiridh  iad  thu  sinnt  air  mhaidibh, 
'S  cha'n  ann  air  leabaidh  de  'n  chiòith. 

Cuiridh  iad  thu  'n  cistidh  chumhaing, 
Aon  bhrat  lìn  do  bhi  mu  d'  chorp, 
Druim  do  thighe  ri  cuiniiein  do  shròine, 
'S  cumhang  an  teach  còmhnuidh  dhuit. 

Tri  slatan  de  anart  margaidh, 
Thèid  mu  d'  chorp,  's  gur  beag  a  phrìa; 
'S  bidh  do  chàirdean,  's  do  luchd-comuinn, 
Ga  ghearradh  mu  d'  bhonnaibh  shios. 

Togaidh  iad  ihu  'n  darna-mhàireach, 
Sluagh  m'  an  seach  a'  dol  fo  d'  chorp; 
'llle  ge  mòr  leat  do  mhire, 
Nìtear  cluich  na  Cille  ort. 
U 


230 

Carbad  beag  nach  bi  do  shàth 
Bheir  iad  leat  gu  beul  an  t-sluichd; 
Làmh  na  ti  bu  chaomh  air  uairibh, 
Uir  gu  tiugh  ga  sluaistreadh  ort. 

Bheir  iad  thu  gu  beul  na  h-uaighe 
Gun  neart,  gun  rhradharc,  gun  lùths; 
Do  chairdean  a  d'  dhèigh  gu  brònach, 
Is  fàgar  shìos  a'  d'  ònrachd  thu. 

A  diiuine  thruaigh  nach  fan  thu  d'  eaga), 
'M  faic  thu'n  t-eug  thugad  a  ruidh, 
lonanns'  bhi  air  bhòrd  na  h-uaighe, 
Ged  bu  tu  bu  bhuain  air  bith. 


92.  Mu  Sheann  Dàin  na  Gaeltachd. 

Fhad  'sa  chaidh  seanachas  a'  chinnidh  dhaonna  a 
rannsachadh,  fhuaras  gu'n  robh  ceud  fhiosrachadh 
gach  sluaigh  air  fhoillseachadh  ann  an  duanaibh 
Bhàrd.  Iha  an  Leabhar  Naomh  'na  dhearbhadh 
siorruidh  gu'n  robh  moladh  an  Uile-chumhachdaich, 
agus  dhaoine  deadli-thoillteannach  'ga  thaisbeineadh 
ann  an  rannaibh  o  ihùs  an  domliain.  'S  ann  a  h- 
òranaibh  nani  Filidii  a  cho'-dhealbh  gach  cinneach 
san  àirde  'n-ear  an  earrann  bu  mhò  's  bu  shine  d'an 
cuid  eachdruidh.  Clia'n'eil  fine  a  chraobh-sgaoil  air 
feadh  na  h-Eorpa,  nach  do  ghleidh  an  cleachdadh 
ceudna.  A  rèir  an  teisteannais  a  's  fearr  a  ta  againn 
a  thaobh  gnàthanna  agus  modhanna  ceud  luchd-àit- 
eachaidli  eileana  Bhreatainn  agus  na  h-Eirinn,  's 
ann  an  ranntachd  a  bha'n  t-iomlan  d'an  cuid  fògh- 
luim  air  a  dhealbh.  Anns  gach  ionad  'san  d'  rinn 
ìad  bàilteachas  'na  dhèigh  sin,  dhlùth-lean  ìad  ris 


231 

a  Bhàrdachd.  Taisbeinidh  sin  an  t-aobhar  mu'n 
robh  duain  cho  phailt  am  measg  ar  sinnsearadh ; 
agus' nochdaidh  e  ciod  an  seòl  air  an  d' f  hàs  a' 
Ghailig  cho  foirfe  's  gach  buaidh  a  bhuineas  do  cbàn- 
ain  dhiongmhalta.  Bha'n  fhilidheachd,  a  là  agus  a 
dh'oidhche,  am  beul  nan  òg  agus  nan  sean. 

Ge  b'e  ni  ris  an  cuireadh  e  a  làmh,  no  ris  an  leag- 
adh  eachridhe,  gheibheadh  an  Gàidheal  toilinntinn 
sa'  bhàrdachd,  agus  bhiodh  an  t-òran  dùthchais  a' 
cur  sunnt  air  'aigne.  B'e  gnìomh  nam  bard,  a  bhi 
'aeinn  cliù  ghaisgeach,  agus  a'  mosgladh  an  t-sluaigh 
gu  treubhantas;  agus  's  i  tàmailt  clio  mhòr  'sa  b'ur- 
rainn  an  Gàidheal  foghainteach  fhulang,  "gun  iom- 
radh  bhi  air  'ainm  san  dàn."  Dream  ma  ta  mar  na 
Bàird,  a  bha  co  feumail  am  measg  sluaigh  'gan  robh 
cridheachan  fosgailteach,  fialaidh,  fiuglìanta,  maille 
ris  gach  àrd  bheachd  a  bhuineadh  do  Chinneach 
mileanta  nach  do  strìochd  riamh  do  chuing  choig- 
ricb,  is  cohach  gu'm  faigheadh  iad  gach  oidhrip  air 
a  thaisbeineadh  gu'n  robh  iad  toiUteannach  air  a' 
mheas  so  o  uaislibh  agus  o  ìslibh  an  dùthcha.  Mar 
so  bha  àrd  chliu  agus  deadh  bheusan  a'  beothachadh 
agus  a'  brosnachadh  a  chèile  cho  mòr,  's  nach  iogh- 
nadh  idir  ge  do  bha  na  Gàidheil  co  dèigheil  air 
solus  an  dàin  a  chumail  suas  o  linn  gu  linn. 

Am  measg  nam  Bàrd  a  bha  ainmeil  o  shean  ann 
an  Gaeltachd  Alba,  b'e  Oisiangn  mòr  a  b'àirde  cliu, 
Bha  na  duain  a  rinn  e  coimhlionta  anns  gach  buaidh, 
leis  an  urrainn  teangaireachd  an  t-anam  a  rahosg- 
ladh  gu  h-ard  smaointean  agus  gu  mòr  ghniomhar- 
an,  Chlò-hhuaileadh  uime  sin  na  duain  a  rinn  e  air 
clàraibh  cridheachan  nan  Gaedheal.  Bha  iad  'gan 
sìor-aiseag  o'  Athair  gu  mac,  anns  gach  ionad  anns 
an  do  labhradh  Gailig,  rè  iomadh  linn.  B'i  rann- 
tachd  Oisian  toilinntinn  gach  cuirme  agus  gach 
còmhdhalach.  Anns  na  h-oidhchean  fada  geamh- 
raidh,  mu  chagailt  a'  ghealbhain  shuilbhearra,  agua 
mu  sholus  an  lòchrain  daraich  no  ghiubhais,  bhiodh 
U2 


232 

igeul  nan  euchd  a  rinn  Fionn,  Oscar,  CuchuUuinnjr 
Caoilte,  GoU  agus  Diarmad,  a'  fadadh  tein'  aoibh- 
inn  an  uchdaibh  na  h-òigridh,  agus  a'  toirt  nam 
bliadhnachan  a  dh'fhalbh,  le'n  uile  dhearsadh,  gu 
cuimhne  nan  aosmhor. 

Dlùth  air  ceud  bhadhna  roimhe  so,  thàinifr  mùth- 
adh  mòr  air  cleachadh  agus  modhaiinaibh  nan 
Gàidheal.  Bu  ghann  tcaghlach  Cinn-cinnidh,  aig  an 
robh  ni  's  f  haide  bàrii,  no  clàrsair,  no  seanachaidh, 
mar  a  b'  àbhaist  doibh  roimhe  sin.  Leigcadh  gu 
mòr  air  di-chuimhn  na  seann  dàin  bu  taitneach  le  'n 
fiinnsearraibh, 

Air  eagal,  an  ùine  ghearr,  gu'n  caillteadh  iad  gu 
tur,  air  iartus  agus  cosgaìs  dhaoin'  uaisle  foijhlumta 
ann  an  Dùn-èidin,  agus  sa'  choimhearsnachd,  thug 
Seumas  MacMhuirich,  a  Baideanach,  mu  chùig 
bliadhna  deug  an  dèigh  laiha  Chuil-fhodair,  dà 
chuairt  air  feadh  na  Gàeltachd,  cbum  gu'n  cruin- 
nicheadh  e  na  dh'  fhaodaJh  e  (le  dhànaibh  Oisein, 
Na  fhuair  e  dhiubh  thionndaidh  e,  air  bail,  gu 
beurla.  Bu  ghann  neach  nach  do  leugh,  agus  nach 
do  mhol,  a'  Shaolhair. — Sgaoil  i  air  feadh  na  iioinn- 
Eorpa  gu  lèir.  Chaidh  a  tionndadh  'sgach  cànain; 
air  doigh  's  gu'n  d'  fhuair  Oisein  ann  an  tiribh 
imchèin,  agus  an  caintibh  choigreach,  am  moladh 
agus  an  t-àrdachadh  sin  nach  d'  fhuair  e  roimhe 
riamh,  ach  ann  an  cànain,  agus  an  dùihaich  nam 
beann.  Air  imf.itlh  cuid  d'a  luchd-còlais  chuir 
Seumas  MacMhuirich  roimhe  na  dàin  ghaelach  a 
chruinnich  e  a  chlòbhualadh  mar  an  ceudna;  ach  a 
chionn  nach  d'thàinig  a  bheag  an  air  aghaidh  a  bha 
miannach  air  a'  ghniomh  a  chuideachadh,  b'èigin  da 
san  àm,  a  rùn  a  leigeadh  air  cùl. 

Chaidh  fios  so  gu  h-Innsibh  na  h-airde  'n-ear,  far 
an  robh  an  Ridir  lain  MacGregair  agus  moran  eije 
a  dh'uaislibh  na  h-Alba — Chrumnich  e  fein,  agus  a 
chairdean,  ar  ball,  airgiod  gu  leoir,  a  chuireadh  a 
dh'  ionnsuidh   Mhic  Mhuiricìt,  gus  an  gnothach  a 


233 

chur  air  aghaidh,  ach  fhuair  esan  bàs  gun  an  obair 
a  chuir  amach,  agus  chaidh  iomadh  dhe  na  dàin  air 
chall. 

Bhuiiicheadh  ochd  mile  deug  marg  do'n  airgiod 
so,  ann  an  clòdh-bhualadh  na  Gaelic  ann  an  Lunn- 
uin,  sa  bhliadhna  1807,  maille  ri  tionndadh  fìrin- 
neach,  focal  air  fhocal,  gu  Laidinn,  le  Roibeart 
MacPharlain. — Tha  'n  t-saothair  so  air  a  h-ath 
fhoiliseachadh,  as  eugmhais  na  Laidinn,  gu  leas 
coitchionn  nan  Gaidheal. 

A  CHLANNA  NAN  GAEL! 

Chuir  na  Laoich  o  na  ghineadh  sìbb,  le  taic  nam 
Beann,  le  misneach  an  Dàin,  's  le  faobhav  a  chlaidhe, 
na  Roimhich  o  shean,  air  ais  do'n  tìr  chein,  ge  d'  a 
cheannsaich  iad  earrann  mhòr  dhe  'n  Domhan.  Is 
anns  na  blàraibh  cian-iomraideach  a  thugadh  a 
nuadh,  air  feadh  na  h-Eorpa,  'nuair  a  bhagair  Ain- 
tighearna  na  Frainge,  gu  ladarna,  aon  tigh-daor- 
sainn  a  dheanamh  do'n  t-saoghal  gu  leir,  sheas  sibh- 
se,  mar  bu  dual,  ri  gualai  ur  Righ  dhùchasaich,  gu 
calma,  curannta,  cunbhalach;  bbur  n-anama  bras  sa 
chath,  le  meamna  Ghaisgeach  na  Feinne,  agus 
fhuair  sibh,  mar  iadsan,  moladh  an  dànabh  gach 
Dùthchadh,  nach  leigear  air  di-chuimhn  fhad  'sa 
rahaireas  eachdrui  na  rioghachd,  agus  an  sguir  na 
soluis  neamhaidh  a  thomhas  bhliadhnachan  agus 
linntinn. 

Chum  gu'n  deanta,  le  h-uirigleadh  taitneach  ur 
Baird  fein,  a  mòr  aigne  so  altrum,  abachadh,  agus 
a  shior-mhosgladh,  feadh  na  linntean  a  tha  ri  teachd, 
gus  an  eirich  e  gu  barr  mhullach  na  mòralachd,  tha 
na  dàin  a  dhealbh  Oisein  Mac  Fhinn  air  an  cuir  a 
mach,  a  nasgaidh,  ie  deadh  dhùrachd  dhaoin  uaisle 
àraid  a  bhuineas  dhuibh  fein. 

Gu  ma  fada  mhealas  sibh  an  cliu  sin  a  tha  cho 
dligheach  dhar  muinntir,  anns  gach  deadh  bheus 
U3 


2à4 

agusdeadh  ghniomh.  Lionmhor  bitheadh  'ursliochd 
mar  Reulta  nèimhe,  cruadalach  mar  an  Djrach  nach 
cìosnaich  sian  a  crheamhraidh  ;  's  gun  robh  saorsa, 
agus  sona?,  gu  biàlh,  ag  aiteachadh  lìr  na'm  Beunn, 
's  na  'n  Gieann,  's  na  'm  Breacan!!! 


93.  Amaideachd  a  bhifo  eagal  san  dorcha^ 

Tha  mòran  de  shluagh  òg  ealamb  a  bhi  fo  eagal  san 
dorcha,  agus  a  bhi  sgàihach  mu  thimchioll  ni-èigin 
aig  nach  'eil  hith  ach  'natii  barail  dhiomhain  fèin. 
Bu  chòir  do'n  dreani  so  smuaineachadh  air  amaid- 
eachd  agus  faoineachd  am  barailean,  sgus  a  thoirt 
fa'near  gu'n  robli  oidhche  air  a  h-orduchadh  le  Dia 
chum  foi.s  do  dhuine  agus  do  ainmhidh,  agus  cha'n 
ann  chum  cnmas  a  thoirt  do  spioradaibh  olc  falbh 
mu'n  cuairt  a  dheanamh  uilc,  agus  a  chur  eagail 
air  sluagh.— «Bha  òganach  beag  maille  ri  ban-seirbh- 
iseach  ag  imeaclid  dhachaidh  air  oidhche  ro-dhorch, 
agus  bha  coinncal  aca  air  a  lasadh  chum  an  t-slighe 
a  nochdadh  dhoibli.  Sheid  a'  ghaoth  ro  laidir  'nan 
aghaidh,  agus  chuir  i  as  a' choinneal.  Bha  a' bhan- 
seirbhiseach  an  sin  fo  gheilt  air  cagal  gu'n  tachair- 
eadh  ni-eigin  neo-tlialmhaidh  oirre;  ach  thubhairt 
an  t-òganach  rithe,  "  Na  biodh  cagal  ort,  oir  an  Ti 
a  ta  'gcir  freasdal  san  là,  tha  e  comasach  airar  freas- 
dal  san  oidiiche  mar  an  ceudna.  Cha  chom.hdaich 
an  dorchadas  o  a  shealladh-san,  agus  cha  tachair  ni 
air  bith  cHiuinn  ach  ni  a  ta  air  orduchadh  leis-san  ann 
an  gliocas,  a^us  ann  am  maitheas.  Air  an  aobhar 
sin  c'ar  son  a  bhitheamaid  fo  eagal  agus  fios  againn 
gu  bheil  sinn  ann  an  làmhaibh  an  Ti  sin  a's  urrainn 
ar  tearnadh  o  gach  gàbhadh  agus  cunnart." 

Nan  scalladh  clann  bheagair  freasdal  an  Tighearna 
sa'  bheachd  so;  nan  cuimhnicheadh  iad  gn  bheil  a 


235 

làthaireaclid  an  còmhnuidh  maille  riu;  gu'n  teasairg 
e  a  shlua<rh  fein  anns  gach  tcanntachd,  agus  gu'n  toir 
e  air  gach  ni  co'-oibreachadh  chum  maith  dhoibhsan 
a  chuireas  an  dociias  ann,  chitheadh  iad  aobhar  a 
ràdh  maille  ris  an  t-Salmadair, 

A'  ghrian  cha  bhuail  i  thu  san  là, 

No  ghealacli  fòs  san  oidhch', 
Ni  Dia  do  clioimhead  o  gach  oic; 

Ni  t'  aiiam  dhion  a  chaoidh. 

Do  dhol  a  mach,  's  do  theachd  a  steach 

Coimhididh  Dia  a  ghnàth; 
O'n  aim.sir  so  a  nis  a  t'ann, 

'S  o  iin  a  mach  gu  bràth. 


94.  Mu  mhaiiheas  De  d'ar  taobh. 

Thigibh,  rachamaid  do  dhubhar  an  doire,  oir  is  e 
teas  an  là  a  th'  aiin,  agus  tha  blàths  na  grèine  a'  cur 
mi-shuaimhncas  oirn. 

Tha 'n  duhhar  taitneach  agus  fiunnar;  tha  na 
geugan  a'  coiniieachadh  a  cheiìe  os  ar  cionn  a'  cum- 
ail  uainn  na  grèine  ie  gorm-bhrat  àluinn;  tha'n 
f  haiche  blà  ri  'r  cosaibh,  agus  tha'n  t-alltan  seimh  a 
ruidh  mu  biinn  na'n  craobh. 

Tha'n  t-àilein  boidheach  air  a  chòmhdachadh  le 
luidhibh  àluinn;  deanamaid  ar  sineadh  airj  aom- 
amaid  air  cuirp  air  an  fheur  mhaoth,  agus  caid- 
leamaid  gu  ciùin;  oir  tha  gach  ni  nau  tosd,  agus 
sinn  gu  tur  'nar  n-aonar. 

Faodaidh  am  buar  fois  a  ghabhail  san  dubhar 
fhionnar;  ach  tha  sinne  comasach  air  ni  is  taitnich 
a  dheanamh ;    faodai  sinn  cliu  a  thoirt  do'n  Dia 


236 

mhor  a  chruthaich  sinn.  'Se  rinn  a  ghrian  bhlà, 
agus  fionnachd  an  dubhair;  craobhan  àluinn  na 
coille,  agus  na  h-uiUt  a  tha  ruidh  gu  siubhlach  chum 
a  chuain.  Is  esan  a  rinn  gach  ni  a  tha  air  aghaidh 
na  cruinne. 

An  urrainn  duinn  ar  guth  a  thogail  os  cionn  na 
nèamha  ?  Am  faod  e  bith  gun  d'tlioir  sinn  airsan 
a  tha  os  na  reultan  ar  cluinntinn  ?  Cha'n  ion  duinn 
ar  guth  a  thogail  chum  nan  speur,  oir  cluinnidh 
Esan  a  chagraich  is  dìomhaire;  oir  tha'n  Ti  a  tha 
lionadh  nèamh  'nar  taic-ne  mar  an  ceudna. 

Am  faod  sinne  a  tha  co  òg  labhairt  ris-san  a  bh' 
ann  o  chian  ?  Am  faod  sinne  is  gann  a  thuigear  ar 
cainnt,  labhairt  ri  Dia  ?  Cha'n'eil  ach  goirid  o 
thugadh  sinne  a  tha  co  òg  chum  beatha;  uime  sin 
cha  chòir  dhuinn  an  làmh  fhial  a  dhealbh  sinn  a 
dhi-chuimhneachadh.  Is  iomchuidh  dhuinne  nach 
urrainn  labhairt  gu  soilleir,  cliu  fann  a  thoirt  dhasan 
a  sheol  duinn  labhairt,  agus  a  dh'  f  hosgail  ar  bile 
tosdach. 

M'an  robh  sinne  comasach  air  smaoineach  uime- 
san,  chuimhnich  esan  oirne;  m'am  b'urrainn  duinn 
asluchadh  air  ar  beannuchadh,  bhuiiich  e  iomad 
sochair  oirn. 

Dhealbh  e  ar  buill  mhaoth,  a'  toirt  oirre  fàs;  tha 
e  gar  deanamh  neartmhor,  àrd,  agus  teoma. 

Xha  sinn,  rè  seal,  ni's  beothaile  an  diugh  na  bha 
sinn  an  dè;  uime  sin  is  cubhaidh  dhuinn  am  bar- 
rachd  molaidh  a  thoirt  da  gach  là  mar  thig. 

Tha  na  gucagan  a'  sgaoile  nan  duilleach,  agustha 
na  blàithean  a'  fàs  nam  meas;  ach  cha 'n  aithne 
dhoibh  mar  tha  iad  a'  fàs,  no  cò  a  thug  orra  cinn- 
tinn  a  nìos  as  an  talamh.  Feòraich  dhiubb,  agus 
feuch  an  innis  iad  duit;  abair  riu  iad  a  sheinn  raol- 
aidh,  agus  luadh-ghair  ait  a  dheanamh. 

Tha  fàile  cùbhraidh  dhiubh;  tha  iad  maiseach; 
ach  tha  iad  tosdach;  cha  chluinnear  am  fuaim  anns 
an  doire;  no  borbhanaich  sa  mhachair  fhaoin. 


237 

Tha  na  luibhean  agus  na  craobhan  air  an  dealbh 
chum  toradh  a  thoirt  do'n  duine,  ach  tha'n  duineair 
a  dhealbh  chum  cliu  a  thoirt  do'n  Dia  a  rinn  e. 

Is  caomh  leinna  chliuthachadh,  a  chionn  gu  bheil 
e  gar  beannachadh;  tha  sinn  a'  toirt  da  taing  arson 
ar  beatha,  a  chionn  gur  taitneach  an  ni  a  bhi 
beo. 

Is  ionmhuinn  leinn  Dia,  a  chruthaich  na  h>uile 
nithe;  is  toigh  leinn  gach  dùil,  arson  gur  e  Dia  a 
chruthaich  iad. 

Cha'n  urrainn  duinne  math  a  dheanamh  do  gach 
neach,  marni  Dia;  ach  is  urrainn  duinne  gairdeach- 
as  a  dheanamh  a  chionn  gu  bheil  Dia  anns  gach 
ionad  gu  math  a  dhcanamh  dhoibh. 

Cuimhnicheadh  sinn  air  Dia  gach  aon  àm;  'nuair 
a  theid  sinn  a  mach,  's  an  uair  a  thig  sinn  a  steach ; 
*nar  codai,  agus  'n  ar  dùisg;  bithidh  a  mholadh  do 
ghnà  air  ar  bilibh. 


95.   Teaghlach  Dhe. 


Faic  far  a  bheil  botban  bochd  an  fhir-oibre,  air  s 
thuthadh  gu  blàlh  dionach;  tlia  bhean  a'  snìomh  aig 
an  dorus  ;  tha  chlann  bheag  a  mireag  m'an  cuairt  di 
air  an  àiiean ;  tha  iadsan  is  sineadh  a'  fòghium  obair 
a  dheanamh,  agus  tha  iad  freagarrach  ;  tha'n  t-alhair 
a'  saoithreachadli  arson  an  lòin  ;  tha  e'n  dara  cuid  a' 
treabhadh  an  fhuinn,  no  cròdhadh  an  arbhair,  no  a' 
crathadh  a  niheas  abuich  o'n  chraoibh;  tha  chròith- 
lein  maotli  a'  ruidh  na  choinneamh  le  fàilte  'nuair  a 
thig  e  dhachaidh;  agus  tha  bean  an  tighe  a'  cur  àird 
air  an  t-suipeir. 

Tha'n  t-athair,  a  mhàlhair,  agus  a  chlann  a'  dean- 
amh  suas  teaghluich;  's  e'n  t-athair   an  ceannard. 


238 

Ma  tha'n  teaghlach  dùmhail,  agus  am  fearann  far- 
suing,  feumaidh  seirbhisicii  a  bhi  ann  ani  còmhnadh 
chum  an  obair  a  dheanamh:  tha  iad  sin  uile  a 
thàmh  ann  an  aon  tigh ;  ag  itheadh  an  aon  arain; 
tha  iad  a'  lùbadh  an  glùin  le  cheile  chum  aoradh  a 
thoirt  do  Dhia  gach  maduinn  agus  feasgar ;  tha  iad 
ionmhuinn  mu  chàch  a  cheile.  Ma  thig  tinneas  air 
a  h-aon  diubh  bithidh  iad  fo  bhròn  ;  ma  bhios  aiteas 
air  neach  dhiubh,  ni  iad  uile  gairdeachas. 

Tha  ioma  tigh  air  an  togail  dlù  air  a  chèile;  ioma 
teaghlach  an  co'-chaidreamh;  coinnichidh  iad  a  cheile 
air  an  fhaiche,  agus  ann  an  sràidibh  taitncach,  a  reic 
agus  a  chcannach,  agus  ann  an  tigh  a  ml)òid  !  agus 
tha  beumadh  a  chluig  ga'n  gairm  cò'-ladh  chum 
tigh  Dhe.  Ma  tha  neacli  uireasbhui'each,  ni  a 
choimhearsnach  fòir  air;  ma  tha  mulad  air,  bheir  e 
co'-fhurtachd  dha.  'Se  so  baile;  faic  mar  tha  na 
craobhan  àluinn  ag  iathadh  uime.  Ma  tha  iomad- 
aidh  thighean  ann  theirear  baile  mòr  ris,  agus  tha  e 
air  a  riaghladh  le  uachdaran. 

Tha  ioma  baile  mòr,  agus  ranntachd  fharsuing 
de  thìr,  a'  deanamh  suas  rioghachd ;  tha  i  air  a' 
cuairteachadh  )e  beanntaibh;  air  a  roinn  le  aibhnich- 
ibh,  a  h-iomall  a'  ruigheachd  na  fairge;  is  muinntir  aon 
dùthchadh  an  luchd-àiteachaidh;  's  i'n  aon  chainat 
a  th'  aca;  tha  iad  a'  deanamh  sìth  no  cogaidh  ann 
an  cho'-bhoinn — 'Se  righ  is  riaghlair  orra. 

Tha  iomadai  rioghachdan  agus  dhùihachaibh  air 
an  làn  àiteachadh  a'  deanamh  suas  an  t-saoghail  so. 
Tha  Dia  ga  riaghladh.  Tha  daoine  a'  tiugh-thriall 
air  uachdar  mar  sheangain  m'  an  dùn;  tha  cuid 
diubh  dubh  le  teas  na  greine;  tha  cuid  diubh  ga'n 
cluthacha  fein  le  còmhdaichibh  blàtha  an  aghaidh 
an  fhuachd;  tha  cuid  diubh  ag  òl  de  thoradh  na 
fìonain;  cuid  de  stughaibh  riomhach  eile;  agus  tha 
dream  eile  a'  cosg  am  pathadh  le  uisge  glan  nam 
fuaran  fallain. 

'S  iad  sin  uile  teaghlach  Dhe ;  is  aithne  dha  gach 


239 

aon  fa  lelh  dhiu  ,  mar  dh'  aithnicheas  buachaille  a 
threud:  tlia  iad  a'  toirt  aoraidh  dha  na'n  caintibh  fa 
leth,  ach  tha  e  làn-thuigsinn  an  iomlain;  iha  e  gan 
èisdeachd  uile;  tha  e  gabhail  cùram  dhiu;  cha'n'eil 
a  h-aon  diu  co  mòr  's  nach  urrainn  e  an  smachdach- 
adh  ;  no  aon  neach  co  iosal  's  nach  urrainn  e  an 
dion. 

A  thràiil  bhochd,  a  tha  air  do  chlaoidh  ann  am 
bruid,  a'  sile  nan  deur  os  cionn  do  leinibh  an-shoc- 
raich,  ge  nach  'eil  neach  a'  toirt  aire  dhuit,  tha 
Dia  gad  fhaicinn;  ge  nach  'eil  neach  a'  gabhail  truas 
diot,  tha  Dia  ga  ghabhail :  tog  suas  do  ghearan, 
trèigte  agus  aonaranach 's  mar  tha  thu;  gairm  air 
am  meadhon  do  chruaidh-chais,  agus  gun  teagamh 
èisdidh  e  riut. 

Cuimhnicheadh  an  t-Iompaire  is  cumhachdaich  a 
tha  na  uachdaran  air  ioma  rioghachd,  a  tha  ghruaim 
co'-ionann  ri  bàs,  aig  a  bheil  fheachd  ro-honmhor, 
nach  ion  da  uaill  a  dheanamh  mar  nach  biodh  aon 
chumhachd  os  a  chionn :  Tha  Dia  thairis  air;  tha 
ghairdein  cumhachdach  os  a  chionn ;  agus  ma  ni  e 
gu  h-olc,  gu  deimhin  ni  e  peanas  air. 

A  rioghachdan  an  domhain,  biodh  eagal  De 
oirbh;  a  theaghluichean  dhaoine,  gairmibh  air  ainm 
ur  Tighearna. 

A' bheil  neach  ann  nach  e  Dia  a  chruthaich  e: 
ma  tha,  na  d'thugadh  e  aoradh  dha:  ma  tha  neach 
ann  nach  d'f  hiosraich  a  bheannuchadh  ?  na  d'thug- 
adh  e  moladh  dha. 

'Se  Dia  Uachdaran  an  righ ;  is  gathan  soluis  a 
chrùn,  agus  tha  a  chaithir^rioghail  a  measg  nan 
reult.  Is  esan  Righ  nan  righ,  agus  Tighearna  nan 
tighearnan:  ma  dh'àithneas  e  dhuinn  bhi  beo,  bi'dh 
sinn  ann;  agus  ma  dh'iarras  e  oirn  dol  eug,  bàsaich- 
idh  sinn.  ìha  uachdranachd  os  gach  saoghail,  agus 
tha  solus  a  ghnùis  air  oibribh  uile. 
'Se  Dia  ar  n-Aodhaire,  uime  sin  leanaidh  sinn  e; 


240 


*se  Dia  ar  n-Athair,  uime  sin  bheir  sinn  gràdh  dha 
*«e  Dia  ar  Righ,  agus  gèillidh  sinn  dà. 


96.  Fàilte  do  mhnaoi  òig  le  ceud  hhrèid. 

Mile  failte  dhuit  le  d'  bhreid, 
Fad  an  rè  gun  robh  ihu  slàn; 
Moran  laithcan  dhuita's  dth, 
Le  d'  mhaiiheas  a's  le  d'  ni  bhi  fàs. 

A  chulaidh  cheille-sa  chaidh  suas, 
'S  tric  a  tharruing  buaidh  air  mnaoi; 
Bith-sa  gu  subhailceach  ciallach, 
O  thionnsgainn  thu  fhein  san  treubh. 

An  tùs  do  chomh-ruidh  's  tu  og, 
An  tùs  gach  k')  iarr  Righ  na'n  dùl; 
Cha'n  eagal  nach  dean  c  gu  ceart, 
Gach  dearbh  bheachd  a  bhios  a  d'  rùn. 

Bith-sa  fìalaidh,  ach  bi  glic, 
Bith  misneachail,  ach  bi  stòld ; 
Na  bi  bruidhneach,  's  na  bi  balbh, 
Na  bi  mear,  no  marbh  's  tu  òg. 

Bi  gleidhteach  air  do  dheagh  rùn, 
Ach  na  bi  dùinte  's  na  bi  fuar; 
Na  labhair  air  neach  gu  h-olc, 
*S  ged  iabhrar  ort,  na  taisbein  fuatb. 

Na  bi  gearanach  fo  chroìs, 

Falbh  socrach  le  cupan  lan. 

A  chaoidh  do'n  olc  na  tabhair  spèis; 

Is  le  d'  bhrèid  ort  mile  fàilt. 


241 

97.  Mu  na  Sìothaichean. 

Rè  mòran  ùine,  bha'n  amaideachd  a  b'  fhaoine  air  a 
chreidsinn,  feadh  Galltachd  a^^us  Gaeltachd,  mu 
thimchioli  nan  daoine  Sìthe.  Do  reir  na  h-eachdrui 
thainig  a  nuas  d'ar  n-ionnsuidh,  anns  na  sgeulachd- 
an  spleadhach  a  bha  air  an  aithris  umpa  air  feadh 
na  Dùihcha,  bha  iad  na'n  creutairean  neo-shaogh- 
alta,  guanach,  eatrom,  do-leirsinn  do  shùilibh 
dhaoine,  ach  'nuair  bu  toil  leo  fein  e,  a'  sìor  ghluas- 
ad  air  an  ais  agus  air  an  aghaidh,  a  làthair  anns 
gach  cuideachdadh,  agus  a  mach  air  gach  cò'-dhail. 
Bha  aca  so,  ma  b'fhior,  an  còmhnuidh  ann  an  uadh- 
achaibh  fad  fo  thalamh,  ann  an  uaigneas  giileann, 
agus  fo  gach  lolman  uaine.  Cliuireadh  as  an  leith, 
gun  robh  iad  a'  sealbhachadh  àrd  shubhachas  nan 
tailachaibh  rìomhach  fo  thalamh;  gun  robh  aca 
cuirm  shuilbhearradh  air  àmaibh  àraidh,  le  ceol  bu 
bhinne,  na  aon  ni  chualas  air  thalamh ;  agus  gun 
robh  ani  maighdeanna  na  b'àillidh  na  uiie  òighean 
an  t-saoghaii  so,  iad  do  ghnà  ri  aighear  agus  ri 
dàmhsa,  gun  sgios  gun  airsneul;  ach  na  dheigh  so 
gu  leir,  sior-fharmad  aca  ri  muinntir  an  t-saoghail 
so ;  a  h-uile  togradh  aca  gu  brìgli  gach  sòlas  a 
dheothal  uatha,  agus  domblas  a  thilgeadh  anns  gach 
deoch  bu  mhillse.  Anns  na  linne  dorcha  chaidh 
seachad,  bha  gach  bàs  obann,  gach  sgiorradh,  agus 
dosguinn,  air  a  chur  as  an  leith;  goid  naoidheana, 
agus  gnàthachadh  ioma  druigheachd,  nach  fiach 
aithris.  Mar  bha  anns  gach  dùthaich  san  àm  sin 
daoine  cuilbheartach  seolta,  a  bha  mealladh  na 
muinntir  shocharach  le'n  gisgreagaibh  faoine,  sann, 
nia  b'  f  hior,  o'n  leannan  shithe  a  thàrmaich  iad  an 
teolas  a  bha  iad  a'  gabhail  os  laimh  a  bhi  aca. 

Gad  a  chaidh  an  saobh-chràbhadh  so,  agus  iomad 

amaideachd  eile  de'n   t-seortsa  so  air  chùl,   ann  an 

tomhas  mòr  feadh  na  Gaeltachd,  agus  gad  a  tha'n 

t-iarmad  de  a  tha  làthair,   a'  teicheadh  roi  gbathan 

X 


242 

dealrach  an  t-Soisgeil,  mar  a  sgaoileas  ceo  na  h- 
oidhche  roi  èiridh  na  greine,  is  iomchuidh  an  ni, 
gum  bi  fios  aig  daoine  cicnnas  a  thòisich  an 
fhaoineachd  amaideach  sin.  Chithear  so  ann  an 
Eachdruidh  na  Dùthcha. 

O  cheann  da-cheud-deug  bliadhn'  agus  còrr, 
chaidh  Creidimh  nan  Druidhneach  a  thilgeadh  gu 
tur  bun  os  cionn.  Bha  geur-Ieanmhuinn  ghuineach 
air  a  dheanamh  orrasan  a  ghnàthaich  e.  Bha  iad 
air  am  fògradh  o  ionadaibh  còmhnuidh  dhaoine; 
agus  air  an  co'-èigneachadh  gu  tearuinteachd  iar- 
ruidh  ann  an  glinn  uaigneach,  agus  ann  an  uadh- 
achan  ùdluidh  nan  creag,  far  am  faigheadh  iad  an 
creidimh  a  ghnàthachadh,  a'  feitheamh  gu  foighid- 
neach  ann  an  dòchas  gum  faigheadh  iad  saorsadh 
uair  no  uair-eiginn  o'n  chruaidh-chàs  o'n  robh  iad 
a'  fulang.  Bha  na  Lochlannaich  san  àm  sin,  ag  aid- 
mheil  creidimh  nan  Druidhnich,  agus  fhuair  mòran 
de  na  chaidh  f  hògradh  as  an  Dùthaich  so,  dìon  agus 
fasgadh  uatha.  Bhrosnuich  iad  so  na  Lochlannaich 
gu  eiridh  as  an  leith,  agus  tha  eachdruidh  na  Dùth- 
cha  'g  innse  dhuinn,  gur  iomad  oirp  a  thug  iad,  linn 
an  dèigh  linn  gu  aicheamhuil  a  thoirt  a  mach  as  an 
leith:  'S  ann  nan  aobhar-san  a  thainig  iad  'nan 
cabhluichean  a  thoirt  sgrios  le  teine  agus  claidheamh 
air  gach  àite  san  robh  eagluisean  an  t-Soisgeil  no 
tighean  Mhanach  air  an  suidheachadh.  Fad  na  linn 
sin,  bha  mòran  de  na  Sagairt  Dhruidhneach  san  tir 
so,  aig  an  robh  còmhnuidh,  mar  chaidh  a  ràdh,  anns 
gach  doire,  agus  anns  gach  fàsach  uaigneach.  Chum 
an  àireamh  a  chuniail  suas,  bu  ghnà  leo,  mnathan 
agus  clann  a  ghoid  air  falbh,  agus  gach  cothrom  a 
bha  'na  'n  comas  a  ghabhail  chum  an  uireasbhuidh 
a  dheanamh  suas  mar  a  b'  f  hearr  a  dh'  f  haodadh 
iad.  Bha  iad  innleachdach  seolta,  am  feadli  'sa  bha 
muinntir  na  dùthcha  aineolach  dall;  thug  iad  mar  so 
air  an  t-shiagh  a  chreidsinn  gun  robh  aca  fiosrach- 
adh  os  cionn   nàduir ;    asus  o'n  àm   sin,   thòisich 


243 

eachdrui  nan  daoine  sìth.  So  ainm  a  bhuineadh  gu 
h-àraidh  do  Shagartaibh  nan  Druidhneach.  B'e'n 
lìnothach-san  reachdan  a  shocrachadh,  agus  sìth  na 
Dùthcha  a  chumail  suas.  Chuni  iad  am  mòid  air 
tulchaibh  uaine,  air  cuirn  liatha,  agus  air  beanntaibh 
àrda ;  agus  an  lorg  so,  tha  mòran  de  na  h-àitibh  air 
an  ainmeachadh  gus  an  là'n  diugh,  Dùn-sìthe,  carn- 
sìthe,  sith-bhruth,  agus  iomad  ainm  eile  de'n  t-seòrsa 
sin. 

An  deigh  do  na  Druidhibh  so  bhi  air  an  cur 
fodha,  smaointich  daoin'  aineoiach,  o'n  eagal  a  bh' 
aca  rompa,  gun  robh  iad  fhathast  air  mhodh  neo- 
shaoghait  achòmhnuidh  sna  h-ionaid  sin.  M'as  e'n 
cumhachd  a  bh'  air  a  chur  as  leth  nan  daoine  sìth, 
bha  e  air  ainmeachadh  diùigheachd,  a'  dearbha 
dhuinn  gur  ann  mar  chaidh  a  ràdh,  a  thòisich  an 
cachdruidh  amaideach  sin.  Tha  e  gu  h-àraid  air 
innse  m'an  timchioll,  gun  robh  àmaibh  sònruicht 
ann,  anns  nach  robh  e  sonadh  teachd  an  gara  d'an 
sìth-bhruth,  gu  h-àraidh  oidhche  Shàmhnadh  agus 
Bhealtuinn.  'S  ann  gun  teagamh  o  chleachda  nan 
Druidhneach  a  thainig  so  a  nuas;  oir  b'iad  so  an  dà 
chuirm  mhòr  aca-san :  agus  's  dùgh  dhuinn  a  smaoin- 
eachadh  gun  .oirpicheadh  iad  daoin  a  chumail  air 
falbh  an  àm  na'n  cò'-dhailean  sin,  fhad  'sa  bha  iad 
fein  a  cleachda  nan  deas-ghnàth  sin.  Agus  o  nach  , 
b'urrainn  doibh  sin  a  dheanamh  as  eug'ais  teine,  'se 
so  thug  a  nuas  a  bharail  sin  gu  bheil  teine  r'a  fhaic- 
inn  air  na  Sìth-bhruthaibh  sin,  air  co'-ainm  nan  àm- 
anna  sin.  Mar  so  chitear  cionnas  a  thòisich  eachd- 
rui  nan  daoine  Sith,  d'an  robh  cho  liugha  aon  a* 
toirt  creideas,  gus  o  cheann  ghoirid  ann  an  iom- 
ad  cearna  de'n  rioghachd.  Chuala  sinn  seanachas 
air  duine  misneachail  tapuidh,  a  thainig  roi  ioma 
cruaidh-chas  sa  chogadh  fa  dheireadh,  nach  d'thug 
a  chùl  riamh  air  a  nàmhuid,  gidheadh  le  bhi  'g  èis- 
teachd  na  faoineachd  so  na  òige,  bha  'n  impis  fàiil- 
neachadh  le  eagal,  anns  a  bharail  f  haoin  gu'n  cual' 
X  2 


244 

e  ceol  nan  daoine  sitbe  air  oidhch'  àraielh  ;  agus  gcd 
is  culaidh-shùgraidh  e,  bheir  sinn  seachad  e  mar 
f  hnair  sinn  e,  a  chionn  gu  bheil  e  leige  ris  dninn  co 
faoin  an  ni  's  o'n  eirich  sgeulachdan  de'n  shne  so. 


98.  Sgeula  mu  Choire  na  Sìth. 

Thachair  dhomh,  (a  deir  fear  eolais  o'n  d'  fhuair 
sinn  an  sgenla,)  bhi  siubhal,  o  cheann  bheagan 
bhliadhnuichean,  roi  Gharbh-chriocha  na  Gaelt- 
achd,  roi  mhonachan  fiadhaich,  far  nach  robh  aon 
rathad,  'nuair  a  ihuit  domh  air  feasgar  sàmhruidh, 
bhi  air  mo  chuairteachadh  ann  an  ceo  dùmhail, 
*nuair  bha  mi  gabhail  athghoirid  thairis  air  guala 
beinne,  cho  àrd  'sa  bha  san  Dùthaich.  Mar  bha 
àgh  orm  bha  fear-cuairtich  na'n  criocha  farsuing  sin 
maiile  rium  san  àm,  a  thug  mi  leam  gam  sheoladh  gu 
bearradh  àrd,  as  am  faicinn  sealladh  air  a  Ghleann 
chum  an  robh  mi  dol.  Fada  m'  an  d'  rainig  sinn  am 
bearra  so,  thuit  an  ceo  co  dùmhail,  's  gum  b'  amaid- 
each  smaointeach  dol  ni  b'  fhaide  air  ar  n-aghaidh. 
Bha  Eachunn  ruagh,  saighdear  a  bha  maille  rium, 
na  dhuine  tuigscach,  bha  e  fada  san  arm,  chuir  e  suas 
an  còta  dearg  fo'n  Cheannard  urramach  sin  Ailean 
an  Earrachd.  Bha  e  maille  ris  ann  an  ioma  cath 
cruaidh,  agus  b'  fhiach  e  èisdeachd  gach  sgeul  a  bh' 
aìge  mu  gach  sealladh  dèistinneach  a  chunnaic  e. 
'Nuairathuig  e,  nach  robh  e  tearuinte  imeachd  ni  b' 
fhaide  air  bile  nan  sgcàirneach  a  bha  fothainn,  threòr- 
uich  e  mi  gu  bun  na  fridhe,  far  an  rohh  ionad  dìonach 
sam  faodamaid  fuireach  gu  madainn.  'Nuair  a  bha 
sinn  a'  tearnadh,  dh'  fheoraich  mi  dhelh  an  robh  na 
creagan  a  bha  na  bheachd  fada  uainn.  Tha  creag- 
an  ni  's  leoir  far  a  bheil  sinn,  agus  tha  uadha  fha«g- 


245 

ach  goirid  o'n  àite  so,  ars  esan;  ach  's  coma  leam  iad, 
tha  e  co  math  dhuinn  a  seachnadh.  'Se  so,  a  deir  esan, 
ann  an  guth  iosal,  mar  gurn  biodh  e  cagaraich  a'  m' 
chluais,  'se  so  Coire-iia  sìth;  agus  a  dh'  innse  na  fir- 
inn,  b'  fhearr  leam  bhi  fhuch  leis  a  cheo,  na  fasgadh 
iarruidh  anns  na  h-àiteachan  grannda.  Cha'n  fiiaod 
e  bith,  thuirt  mi  ris,  gu  bheil  thus  Eachuiim  a' 
creidsinn  a  leithid  sin  de  amaideachd;  Gun  teagamh 
cha'n'eil  thu  ach  ri  feala-dhà.  Feala-dhiì,  ann  no 
as,  deir  esan,  is  coma  leam  iad,  mar  thuirt  an 
seann  duine,  Fhad  'sa  dh'  fhuirgheas  an  t-olc  uainn 
fuirgheamaid  uaithe.  Thig  air  t-adhart,  tha  sinn 
dlù  do  Uadh-an-ochanaich^  ach  beannachd  nan 
siubhal,  's  nan  imeachd,  'si  'n  nochd  di-lhaoine,  's 
cha  cluinn  iad  sinn. 

Thug  mi  air  seasauih  c'  ar  tamuill,  is  thòisich  mi 
air  cuir  an  ceill  da  faoineachd  a  leithid  sin  de  smaoin- 
tean.  Chual'  e  mi  gu  deireadh,  gun  stad  a  chuir 
air  mo  sheanachas,  ach  a  socrachadh  a  bhreacain 
thair  a  ghualainn,  's  a'  toirt  sgrogadh  a  nuas  air  a 
bhoineid,  ghramaich  e  na  bu  tinne  am  bata  bha  na 
laimb,  agus  thug  e  ceuni  air  aghaidh,  ag  ràdh,  Bi 
bruidhinn  an  dràsta,  eisdidh  mi  riut  am  màireach, 
gabhamaid  seachad  air  an  àm,  cha'n  àite  so  gu  mòr- 
an  seaiiachais  a  labhuirt.  Dean  stad  Eachuinn, 
thuirt  mi  ris,  tha  mi  cuir  romham  an  oidhclie  chuir 
seachad  ann  an  Uadh-an-ochanaich,  fuirich  leam, 
's  na  fàg  mi.  Ach  ma  tha  eagal  ort — eagal,  ars' 
Eachunn,  'se  tionndadh  air  a  shàil,  bi  t'  earalas  a 
dhuine  chòir,  agus  tagh  do  chainnt;  ge  nach  d'  thig 
dhomhs  a  rndh,  'stu  fcin  a  cheud  fhear  a  chuir  eagal 
as  mo  leith.  Tha  mi  'g  iarruidh  maitheanais,  thuirt 
mi  ris,  thig  leam  do'n  Uadhaidh,  feuchaidh  sinn 
ciod  a  th'  agad  an  luib  do  bhreacain,  is  ni  sinn  rèite. 
Theid  mi  leat,  ars  an  Saighdear  còir,  agus  fuirgh- 
idh  mi  leat,  gad  a  bhiodh  e  làn  de  na  Frangaich, 
gun  tighinn  air  na  creutaircan  lebeadach,  faoin  sin, 
nach  'eil,  math  a  dh'  fhaoidte  ann  idir,  gad  tha 
X  3 


246 

leithìd  de  sheanachas  m'an  timchioll.  Bha  sinn  a 
a  nis  aig  beul  na  h-Uadhadh,  agus  sheas  Eachunn 
ruagh.  Sin  i  agad  a  nis,  a  deir  e,  Is  urram  na  h- 
uaisle  do'n  choigreach,  gabh  air  t-adhart.  Chaidh 
sin  a  stigh  fo  dhion,  agus  shuidh  sinn  air  a  cheud 
chloich  cholhromaich  a  fhuair  sinn  ;  cha  robh  mo 
chompanach  ro  dheonach  air  mòran  cainnte;  bha  e 
ggioblachadh  a  bhreacain,  'nuair  a  ghrad  thog  e 
cheann  mar  guni  buaileadli  peileir  e,  Ciod  e  so,  a 
deir  e,  'se  farcluais,  mar  creid  thu  mise,  creid  do 
chluasan  ?  Thainig  a  nuas  oirn  sa  cheart  àm  sin 
ceol  tionihr.iiih,  binn,  nach  d'f  hiosraich  mi  eisdeachd 
r'a  leiihid  riauih  roimhe;  agus  bha  dearbh  fhios  ag- 
am  nach  b'ann  o  aon  inneal  ciùil  a  b'aithne  dhomhs' 
a  thainig  e.  Cha'n  f  haoda  so  gun  mhòr  ìoghnadh 
a  chur  oirn  ;  blia'n  oidhche  dorcha,  bha'n  t  àite  ùd- 
laidli  uaigneach ;  bha  sinn  fad  o  tliigheadas  dhaoin-' 
ibh,  a  measg  garbhlach  chreag,  ann  an  coire  fiadh- 
aich.  Eagal  cha  robh  orm,  oir  bha  mi  làn  chinn- 
teach  gur  ceol  saoghalt  a  bh*  ann,  agus  chuir  mi 
romham,  nam  b'urrainn  dondi,  fhaotainn  a  mach  cia 
as  a  thainig  e.  An  d' theid  thu  suas  leam,  Each- 
uinn  ?  Theid  ars'  esan,  is  e  cuir  seachad  na  bha  e 
toirt  as  a  bhreacan;  's  minic  a  ihachair  e  mar  so 
fein,  eadar  am  liile  's  an  deoch.  Shaoilinn  gum 
biodh  e  co  math  fuireach  gu  maduinn;  ach  coma 
co  dhiu,  gabh  air  t-aghaidh,  Icanaidh  mis  thu  ;  ach 
cuimhnich  am  fcar  a  thcid  san  dris  gun  iomair  e 
tighinn  as  mar  dh'  f  haodas  e.  Ghabh  sinn  snas, — 
an  ceol  a  sior  fhàs  ni  bu  phòngaile  agus  ni  b'àirde: 
fa  dheireadh,  thainig  leus  soluis  oirn,  sheas  Eachann 
beagan  air  deireadli,  's  'nuair  a  chaidh  mi  timchioll 
stùchd  creige,  chunnaic  mi  sealladh  nach  d'theid  gu 
luath  as  m'aire.  Dh'  f  han  mo  chompanach  far  an 
robh  e,  theagamh  a  smaoineachadh  guni  faca  mi 
tuille  na  bu  mhiann  leam.  Bha  lasair  chridheil 
theine  aig  ceann  shuas  na  h-Uadhadh  o  ghiubhas 
seachdte  a  bha  pailt  ma'n  àite:   agus  na  shuidhe  aig 


24-7 

an  teine  bha  leth-sheann  duine   laidir  colgana,   cur- 
achd  drd  molach  air  a  cheann,  anns  an  robh  dos  de 
ibht  an  fhìrein,  agus  a  chom  uile  air  a  chòmhdach- 
adh    le  bèin  fhiagh    agus   earabaichean.     Bha   làn 
shealladh  aganis  air~san,  ga  nach  b'urra  dha-san  mis 
fhaicinn.     Bha  e  cluich  gu  sùrdail  air  dcà  thriumb 
mhòr  Abraich,  a  bha  air  an  deanamh  san  àm  sin  gu 
h-calanda  dlù  air  seana  Chaisteal   dubh  Inearioch- 
aidh.     An  crocha  ris  gach  meur  ga  lamhaibh,   bha 
clag  beag  airgid  a  rinn  fuaim  anabarrach  binn,  agus 
o'n  do  thàrmaich  a  cho'-sheirm  a  chuir  ormsa  na  h- 
urrad  iongantais,  agus  nam  faoidte  ràdh,  a  chuir  mo 
chompanach  fo  eagal  co   mor.     Thig  air  t-adhart, 
thuirt  mi  gu  Scàmhach  ri  Eachunn.     A'  bheil  iad  an 
sin,  thuirt  e?     A'  bheii  iad  a'  dannsa  san  t-solus,  no 
ri  fleadhachas  cuirme  ?   dldùthaich  e  gu  sgcìthach  ri 
m'  thaobh,   agus  air  dha  a  cheud  phladha  f  haicinn 
de'n  fhcar-chiuil,    ihug  e  sichde  seachad   orm,    a' 
glaodhaich  a   mach   lc   aighear  nach   b'urrainn   da 
cheannsachadh,   IaÌ7i  mhòir  na'n  creag^    a?i  d  tlius* 
t/ia'n  soP     Mo  bheannachd  air  do  cheann  molach, 
's  mi  tha  toilichte  t'  fhaicinn.    Dh'eirich  lain  bochd, 
is  chuir  e  tàilte  oirn,  a'  tilge  tuille  rahaidean   air  an 
teinc.     Shuidh  sinn  ma'n  cuairt  air  a  chaguilt,  agus 
dh'aidicJi  Eachunn  còir,  cir  ccalg  cha  rcbh  na  cbòm, 
nach  L'urrainn  da  gu  brcìth   a  bhi  co  taingeil  'sa 
bhuincadh  dha,  arson  nach  d'f  hunir  e  chead  tdleadh, 
mar  bha  rùn   air  'nuair  a  chual'  e'n  ceol.     Is  ioma 
pgeul,   thuirt  e,   a  chuala  mi  riamh  mu  Choire-nci- 
sìthe,   's  xìo.m  bithinn  a  nochd   air  tilleadh  gun   so 
fhaicJnn  bha  mo  sgeula  fein  chum   an  dearbhadh. 
Cha  d'thugadh  ani  Ministeir  fein  orm  a  chreidsinn 
nach  robh  na  daoine  beaga  ann  an  Uadha-nan-och- 
anach.     Dh'fheòraich  mi  dheth  an  robh  da  rireadh 
eagalair?     Eagal,  deir  esan,  'se  suathadh  air  faìbh 
am  fallas  fuar  a  bha  f  hathast  air  a  ghnùis, — air  ràile 
bha,  's  gu  leòir  dheth,  barrachd  'sa  bha  lianh  orm 


248 

a'  dol  sìos  do'n  bhlàr  le  Ailein  an  Earrachd :  ach 
ma  bha,  cha  bhi  tuille  ma'n  ghnothach  cheudna. 

Tha  so  a'  leige  ris  duinn  cia  co  faoin  an  ni  o'n 
èirich  seanachas  dùthcha  mu  ni  bha  iad  ghnàthaicht 
a  chreidsinn:  agus  nan  rannsuicheadh  daoine  gu 
niionaideach  mu  thimchioll,  thuigeadh  iad  gur  e  bh' 
ann,  an  àite  a  bhi  na  chùis  eagail  culaidh  àbhacuis 
agus  fearas-chuideachd. 

Fhuair  mi  mach  o  Eachunn  eachdruidh  an  duine 
bhochd  so  a  bha  san  Uadha.  Neo-dhuine  gun 
mhath  gun  mhiUeadh:  a  nuas  o  òige,  gad  a  bha  e 
gun  mhòran  toinisg  na  tuigse,  bha  e  na  sheol  fein  fo 
chaileiginn  de  mheas  san  dùthaich.  Bha  e  eolach 
air  aisrigh  chumhang  an  fheidh  's  na  h-earba,  's  b'e 
thoileachas  inntinn  an  fhaothaid  a  ieantuinn  le  òig- 
ridh  na  tìre.  Cha  robh  bearradh  na  bealach,  na 
aithghearra  roi  mhonadh,  na  beul-àth  air  abhuinn, 
na  carn  na  garaidh,  air  nach  robh  e  mion-eolach. 
Rè  an  t~sàmhruidh  bi  Uadha  na'n  creag  a  chòmh- 
nuidh,  ghluais  e  o  àiridh  gu  àiridh,  is  chadeachaidh 
e  riamh  air  falbh  falamh  o  a  h-aon  diubh.  Cha 
bhiodh  e  gun  lòn  fhad  *sa  bhiodh  dearc  air  tom, 
meas  no  cnothan  ann  an  coillidh;  cha  'n  fhàiUnich- 
eadh  a  leabadh,  am  feadh  'sa  gheibheadh  e  fraoch 
badanach  gorm,  a'  fàs  gu  dosrach  anns  gach  àite; 
agus  mar  thuirt  e  fein,  bha  a  chuid  tromb  soirbh 
r'an  gleusadh, — Bha  dhachaidh  anns  gach  àite  far 
an  luidheadh  a  ghrian  air,  agus  còmhladh  cha  do 
dhruideadh  riamh  air.  Cha  robh  mhàileid  doirbh 
r'a  ghiulan,  cha  robh  innte  ach  a  chlach  theine  agus 
am  fada-spuinge, — sgian  dubh  a  dh'  fhionna  nam 
fiadh, — rioba  a  ghlacadh  an  fhìreoin,  agus  cromag 
iaruinn  a  lùbadh  na 'n  geug.  Ach  ma  bha 'n  duine 
bochd  so  air  bheag  eolais,  bu  taitneach  ri  fhaicinn 
an  t-saothair  a  ghabh  a  phàrandan  air  ann  an  làith- 
ibh  òige.  Ghabh  e  dhuinn  mòran  de  laoidhean 
agus  de  dhàin  naomha,  rinn  e  so  le  urrad  chràbh- 
uidh,    agus  air  doigh  bu  stòlda  na   iomad  fear  a 


249 

b'fhaide  leugliadh.  Sheinn  e  iad  le  fonn  tìomhaidh 
muladach,  is  e  ri  turaman  air  ais  agus  air  aghaidh, 
n  rainig  mo  chridhe.  Ma'n  do  leag  e  a  thaobh  ri 
làr  dh'earb  ee  fein  ri  Dia.  Aliabanaich  bhochd! 
thuirt  mi  rium  fhin,  caidil  gu  tcaruinte,  gabhaidh 
Dia  cùram  dhiot.  Truagh  's  mar  tha  thu  ann  am 
beachd  an  t-saoghail,  tha  thu  co  prìseil  na  shealladh 
ris  an  righ  is  mò  air  thalamh.  Is  lionmhor  iad  a 
tha  air  an  oidhche  nochd  air  an  dìteadh  leat,  d'an 
d'thug  Dia  tuigse,  fìosrachadh  agus  foghlum,  a  tha 
luidhe  sios  air  an  leapuichibh  rìomhach,  gun  suim 
dhasan  a  tha  os  an  ceann,  agus  o  bheil  iad  a'  sealbh- 
achadh  gach  beannachd. 


99.  Miann  a  Bhaird  a  Jliuair  Aois, 

O'  Càiribh  mì  ri  taobh  na'n  allt, 

A  shiubhlas  mall  le  cèimibh  ciuin; 

Fuìdh  sgàil  a  bharaich  leag  mo  cheann 

'S  b'  tbusa,  a  Ghrian,  ro  chjìirdeil  rium. 

Gu  socair  sìn  san  fhèur  mo  thaobh, 

Air  bruaich  na'n  dìothain  's  na'n  gaoth  tlà; 

Mo  chos  ga  slìobadh  sa  bhraon  mhaoth, 

'Se  lubadh  thairis  caoin  tre'n  bhlàr. 

Biodh  sobhrach  hhàn  's  àilidh  snuagh 

Mu'n  cuairt  do  m'  thùlaich  's  uain'  fo  dhrùchd, 

'S  a  neonein  beag  's  mo  làmh  fo  chluain 

'S  an  ealabhuidh  ri  m'  chluais  gu  cur*. 

Innsibh,  o  thrèig  mo  shuil  a  ghaoth, 

C'àite  bheil  a  chuilc  aig  gabhail  tàmh, 

Le  glaoghain  broin,  's  na  bric  ri  taobh 

Le  sciath  gun  deo  aig  cumail  bJàir. 

Mu'n  cuairt  do  bhruachaibh  ài'd  mo  Ghlinn, 

Biodh  lùbadh  ghèug  a's  orra  blàth, 


250 

'S  clann  bheag  na  'm  preas  aig  tabhairt  seinn 

Air  creagabh  aosd'  le  h-orain  gràidh. 

Biodh  thusa  ri  dosan  na'n  Tom 

Le  cumha  do  ghaoil  ann  ad  Bheul, 

Eala;  a  thriall  o  thir  na'n  tonn, 

'S  tu  seinn  dhomh  ciùil  ann  àird  na'n  spèur. 

Briseadh  tre  chreig  na'n  eìthean  dlu, 

M'  fuaran  ùr  le  torraghan  trom, 

A's  freagradh  mac-talla  gach  ciùil, 

Ri  strann-fhuaim  srutha'  dlu  na'n  tonn. 

Freagradh  gach  cnuic  a's  gach  sliabh, 

Ri  binn-fhuaim  ghèur  na'n  aighean  mear  ; 

'N  sin  cluinnidh  mise  mile  gèum, 

A'  ruith  nm'n  cuairt  domh  'n'iar  san  ear. 

Sruthadh  air  sgeith  na  h-osaig  mhin, 

Glaoghan  mhaoth  na'n  Cro  gu  m'  chluais, 

'N    sin   freagraidh   a  mheanbh   sprèidh  'n  'a 

chluinn 
An  gineil  's  iad  a  ruith  a  nuas. 
Mu'n  cuairt  domh  biodh  luth-chleas  laoigh 
Ri  taobh  na'n  sruth  no  air  an  leirg, 
'S  am  minnein  beag  de'n  chòmhrag  sgith 
Am  achlais  a'  codal  gun  cheilg. 


100.  A  bhi  stTÌocMa  do  Dhia. 

An  uair  a  bha  'm  flath  ainmeil,  Diùchd  òg  Bhurg- 
andy,  fiùran  co  àillidh  dhreachmhor  'sa  chunnacas 
r'a  linn,  na  shìneadh  na  chiste  mhairbh,  agus 
Maithean  agus  Cùirtirean  a  rioghachd  mu  timchioll  fo 
bhròn  trom  a'  gul  agus  a'  caoidh;  thainig  Ard  Easp- 
uig  Fenelon  a  stigh  do'n  t-seòmar,  esan  aig  an  robh 
cùram  an  òganaich  oirdheirc  so  'an  àm  òige,  agus  a 
dh'  fhòghlum  e,  ghabh  e  nunn  gu  taobh  na  ciste, 


251 

agus  an  deigh  beachdaclia  car  tamuill  air  an  aogas 
mharbh,  labhair  e  mar  so. — Tha  e'n  sin  iia  shìneacih, 
prionnsa  mo  ghaoil,  gan  d'  thug  mi  gràclh  co  blàth 
theas-chridheach  'sa  thug  an  t-athair  bu  chaomhaile 
riamh  d'a  leanabh:  agus  cha  bu  ghaol  gun  chomain 
mo  ghràdh  dhà-san;  ghràdhaich  e  mi  le  toighe  agus 
dealas  mic.  Tha  e'n  sin  a  nis  'na  shìneadh — agus 
tha  m'uile  shòlais  shaoghalta  nan  sìncadh  maiUe  ris: 
Ach,  deir  esan,  Gad  a  bhiodh  e  comasach,  le  aon 
fhuiltein  a  spìonadh  o  m'  cheann,  a  ghairm  air  ais 
do  thìr  nam  beo,  's  mise  nach  gabhadh  deich  mìle 
saoghal,  agus  am  fuiltein  faoin  sin  a'  spìonadh  an 
aghaidh  toil  De. 


101.  A/i  oighreachd  is  luachmlwire. 

Bha  duin'  uasal  àraidh  a  bha  ro  uaibhreach  a  chuid 
fearainn.  Thachair  do  charaid  diadhuidh  a  bha  air 
aoidheachd  na  thigh,  a  bhi  mach  maille  ris,  air  mul- 
lach  ard,  o'n  robh  sealladh  math  aige  air  an  dùthaich 
m'  an  cuairt.  Thòisich  e,  air  farsuingeachd  na  h- 
oighreachd  a  leige  rls  da.  Sud,  deir  esan,  'se  sìn- 
eadh  a  mach  a  iàimh,  crìochan  mo  chuid  fearainn- 
sa;  agus  seall  chum  na  h-àird  ud  eile,  an  leur  dhuit 
na  tighean  ud,  is  leams'  am  baile  sin  mar  an  ceudna: 
agus  tionndai  do  shùil  chum  na  h-àirde  so,  innis 
domh  am  faic  thu'n  aitreabh  ur  ud  a  tha  iad  a'  tog- 
ail;  chi,  deir  am  fear  eile  gu  beachdaidh,  buinidh 
sin  don)hsa  cuideachd.  Amhairc  thus  a  nis,  thuirt 
a  charaid  ris,  mar  a  sdiùras  mise  do  shuilsa,  An 
leur  dhuit  am  bothan  beag  iosal  ud  aig  iomBÌl  a 
bhail'  ud  thall  ?  Is  leur  gu  soilleir,  Ciod  e  dheth 
sin  ?  Tha,  deir  a  charaid,  a  chionn  gu  bheil  boir- 
ionnach  bochd  anns  a  bhothan  ud,  is  urrainn  bar- 
rachd  a  ràdh  mu  saibhreas,  na  thuirt  thusa  fhathast. 


252 

An  ann  da  rìreadh  a  tha  thu,  thuirt  esan,  cionnas 
a  dh'  fhaodas  sin  a  bhith  ?  Tha,  chionn  gum  faod 
is'  a  ràdh,  Is  lcamsa  Criosd.  Thionndaidh  am  fear 
eile  air  falbh,  fo  nàire,  agus  cha  d'  thug  e  iomra 
tuille  air  farsuingeachd  oighreachd  am  fad  'sa  dh' 
fliuirich  a  charaid  maille  ris. 


102.  Sgcula  mu  Easpuìg  Butler  air  leabuidh  a  bhàis. 

An  uair  a  bha  'n  Diadhair  ainmcil  fòghluimte  so, 
dlù  da  chrìch,  dh'  iarr  e  ministeir  an  teaghluich  a 
chuir  a  stigh  a  chainnt  ris.  Tlia  niis,  ars  an  t-Eas- 
puig,  dlù  air  mo  chrìch,  agus  gad  a  dh'  oirpich  mi 
mar  a  b'  fhearr  a  b'  urrainn  domh,  gach  peacadh 
a  feheachnadh,  agus  toil  mo  Dhe  a  dheanamii,  gidh- 
eadh  tha  molhachadh  co  mòr  agam  air  mo  laigsinn, 
agus  air  gach  doigh  a  thainig  mi  air  deigh  Jaimhe, 
's  gu  bheil  eagal  mòr  fhalhast  orm  dol  gu  bàs. 
Easpuig  ghràdhaich,  thuirt  am  ministeir  ris,  'n  do 
dhi-chuimhnich  thu  gur  e  Criosd  am  Fear-saoruidh. 
Tha  sin,  a  deir  an  l-Easpuig,  fior,  'se  Criosd  am 
Fear-saoruidh  gu  dearbh,  ach  cionnas  a  thuigeas 
mise  gu  bheil  e  na  Fhear-saoruidh  dhomhsa  .?  Nach 
'eil  e  fein,  fhreagair  am  fear  eile,  ag  ràdh  na  fhocal, 
Esan  a  thig  do  ^m  ionnsuidh  cha  chuir  mi  air  chor  sam 
hith  ciil  ris.  An  dèigh  dha  bhi  na  thosd  rè  tamuil 
bhig,  thuirt  e,  Tha  na  briathran  a  labhair  thu  gu 
deaibh  sgriobhta,  agus  is  glormhor  an  fhirinn  a  iha 
fìUte  stcach  annta ;  ach  nach  iongantach  an  ni  gad  a 
leugh  mis  na  briathra  priseil  sin  mile  agus  mile  uair, 
nach  d'fhairich  mi  o  m'fhiosracha  fein  an  curahachd 
agus  an  èifeachd  gus  a  cheart  àm  so;  agus  a  nis,  a 
deiresan,  Taing  dhuitsa,  O!  mo  Dhia,  tha  mi  dol 
gu  bàs  a'  m'  dhuine  sonadh ! 


253 


103.  Mu  thimchioll  Dhe. 

Bha  duin'  àinmeil  d'  am  b'  ainm  Coilins,  ana-creid- 
each  a  biia  gu  seolta  siiglicacb,  a\<r  an  robh  niòran 
de  sgoiieireachd  shaoglialta,  agus  do  rèir  frach  cunn- 
tais,  a  rinn  fior  dhroch  flieum  dlieth.  Bha'n 
duinc  so  mach  mar  is  tric  le  slicòrs' a  bhith,  a'  gabh- 
ail  a  làn-aighcir  air  là  na  sàbaide,  gun  suim  de 
àithne  Dhe  no  de  leas  anama  fein.  Ihachair  e  air 
tuathanach  còir  a  bha  dol  do'n  eagluis,  agus  smaoin- 
ich  e  gum  faigheadh  e  r.obhar  ghàire  na  aghaidh, 
anns  a  bheachd  so  dh'  fheòraich  e  dheth,  C'àit  a 
bha  6  dol?  Fhreagair  e,  gun  robh  e  dol  do'n  eag- 
luis.  Ciod  ars  an  t-ana-creideach  a  tha  thu  dol 
a  dheanamh  do'n  àitc  sin  ?  Tha  mi,  a  deir  esan,  a' 
dol  a  thoirt  aoardh  do  m'  Dhia.  Innis  dhomh,  ars 
am  fear  eile,  le  suarrachas  aii-diadhuidh  na  chainnt, 
An  Dia  mòr  no'n  Dia  bcag  do  Diiia-sa.'  Tha  e'n 
da  chuid,  ars  an  tuathanach,  tha  e  mòr  agus  tha  e 
beag.  Cia  mar  is  urrainn  sin  a  bhiih?  Innseam  sin 
duit,  Tha  e  co  mòr  's  noch  urrainn  neamh  nan  neamh  a 
chumail,  agus  tha  e  san  àm  cheudna  co  beag  's  gu 
bheil  e  chònihnuidh  ann  an  chridhe-sa. 

Dh'  aidich  an  neo-chreideach  na  dhiaigh  sin,  gun 
do  dhrùigh  am  focal  a  labhair  an  duine  so  air  a 
chridlie,  agus  gun  do  dhùisg  e  gu  barrachd  smaoin- 
eachadli  e  na  na  h-uile  leabhar  tbghluimte  chaidh  a 
chur  a  mach  'na  aghaidh. 


104.  Sealladh  air  Baile  lerusalem  le  fear-turuis. 

Tha  e  'g  innse  dhuinn,  agus  gu  firinneach  tha  sinn 

a'  toirt  creideas  da,  nach  'eil  e  comasach  le  cainnt, 

beachd  sam  bith  a  thoirc  seachad,  'an  coimeas,  ris 

Y 


254 

na  smaointean  a  dhùisg  'na  inntinn  'nuair  a  thainig 
e  ann  am  fradharc  a  Bhaile  naomh,  le  thùir  àrd,  le 
theampuiU  Thurcach,  agus  gu  h-àraidh  'nuair  a 
bheachdaich  e  air  barr-mhullach  eagluis  na  h-uaighe 
naomha  a  dealradh  fo  ghathan  na  grèine  a  bhanisa' 
dol  Ibdha  na  làn  àilleachd.  'Nuair  a  shocraich  e  a 
shùii  air  a  cheart  àite  sin,  far  an  cualas  guth  an  Ti 
shiorruidh  fein,  far  an  do  thaisbein  am  Fear-saor- 
uidh  a  dhiadhachd,  far  an  do  dhòirt  e  fhuil  amach 
air  a  chrann-cheusaidh,  mar  iobairt  thoileach  shaor 
arson  pcacaidh  a  chitine-dhaonna,  trid  an  d'  rinn- 
eadh  reite  eadar  an  Cruihai'ear  agus  a  chreutoirean, 
agus  a  dhaighnich  e  sonas  a  phobuill  gu  siorruidh — 
*s  an  àm  so,  bha  mi  ars  esan,  air  mo  Jionadh  le 
6muaintibh  a  fhuair  làmh  an  uachdar  orm,  a  chuir 
mo  cbeann,  mar  gum  b'  ann  gu  tuainealaich  le 
uabhas  naomh  agus  le  subhachas  diadhuidh.  Bha 
mi  marcachd  san  àm,  ach  theiring  mi,  chuir  mi 
dhiom  mo  bhrògan,  agus  ga  m'  irisleachadh  fein  gu 
jar  dh'  fhàilltich  mi  an  talamh  air  an  robh  mi,  Ag 
èigheach  a  mach.  Gloir  do  Dhia  anns  na  h-àrduibh, 
Sìth  air  talamh,  agus  deadh-ghean  do  dhaoinibh. 


105.  Mu  chall  a  Bhàta,  da  'm  U  ainra  Mairi  o  lona,  a'  dol 
amach  leis  na  huanaichean  anns  a  bhliadhna,  1822. 

Cha'n  ann  chum  deur  a  tharruing  o'n  t-sùil,  no  osna 
bhròin  o'n  chridhe,  a  tha'n  eachdruidh  chianail  so 
air  a  sgriobhadh;  ach  ann  an  dòchas  gum  faod  i  bhi 
tarbhach  chum  lcas  spioradail  na  muinniir  a  leughas 
i  chuir  air  aghaidh,  le  iadsan  aomadh  gu  colas  tràth 
a  ghabhail  air  Dia,  mothachadh  ceart  a  bhi  aca  air 
bunluinncas  a  Fhreasdail,  truas  altrum  na'n  cridh- 
eachaibh  arson  fulangas  an  co'-chreutair,  agus  iad 
fein    a   bhrosnuchadh    cbum    uimeacha    tràthail    a 


255 

dheanamh  i'a  chomhair  uabhas  bàis  agus  breithean- 
ais  a  tha  feitheamh  oirn  air  fac),  's  nach  eil  niath  a 
dh'  fhaoidte  fad  air  falbh. 

Aun  am  fior  thoiseach  an  fhoghair,  dh'  fhàg  an 
soilheach  beag  so  a  Ghaelteachcl,  le  sea  's  dà  fhich- 
ead  pears'  air  bord,  agus  an  uair  a  bha  i  mar  uidh 
thri  no  ceilhir  de  mhìltean  do  Ghrianaig,  ceann 
crich  a  turuis,  tamuU  beag  roi  mheadhon  oidhche, 
thainig  a  h-aon  de  na  soitheachain  ùra  innleachdach 
sin  a  th'air  an  gluasad  le  neart  teine,  gun  suim  do 
ràimh  na  shiùil,  da'm  b'  ainm  an  Hercules,  a  nuas 
orra  na  lan  chumhachd,  agus  o  dhorchadas  na  h- 
oidhche,  leis  an  t=siubhal  mhòr  a  bha  roipe,  cha  do 
niholhaich  iad  ga  chèile,  gus  an  lobh  iad  co  dlù  's 
nach  robh  tilleadh  na  seol  seachnaidh  comasach. 
Cha  luaithe  bhuail  an  Herculcs  an  soitheach  beag 
eile  na  rinn  i  da  bhloidh  dhi.  Na  thachair  anns  an 
àm  so,  is  usa  gu  rnòr  a  smaoincacha,  na  chuir  sioa 
ann  am  briathraibh,  Glac  cuid  diubhsan  a  bha 
innte  greim  air  crann  agus  acfhuinn  a  bhàta,  fhad  's 
a  shnàmh  i,  ach  cha  robh  sin  fada,  oir  lion  i  gu 
luath,  agas  chaidh  i  fodha.  Thuitcuid  de  na  buan- 
achean  bochda  fo  chuibhlichean  cagallach  na  luinge 
a  chuir  as  doibh,  leis  an  robh  iad  air  an  liodairt  air 
an  doigh  bu  deistinnich  smaoineacb  air;  ach  a  chuid 
bu  mhc)  dhiubh,  gun  chomas  air  oirp  sam  bith  a 
thoirt,  chum  iad  fein  a  shàbhaladh,  chaidh  iad  gu 
grad  sios  an  coinneamh  a  bhàis  sin  a  thainig  orraair 
mhodh  couabhasach;  as  a  measg  air  fad  cha  do 
thearnadh  ach  cearthar,  da  fhirionnach  agus  da 
bhoirionnach,  agus  chaochail  a  h-aon  diu  sin  fein  ann 
an  ùine  ghearr.  Ma  bha  aon  ni  a  dh'  fhaodadh  an 
calldach  so  a  dheanamh  ni  bu  diùbhailich  na  chèile, 
's  e'n  dlù-dhuimh  san  robh  iad;  chaiU  a  h-aon  diubh- 
san  a  thuair  gu  tir  a  bhean,  a  mhàthair,  agus  a 
phiuthar  chèile;  chaiU  a  h-aon  eile  dhiu  a  mac  agus 
a  nighean,  's  an  treas  duin'  a  fhuair  gu  tir,  a 
bhràthair,  agus  a  phiuthar;  air  chor  's  gun  robh  fir- 
Y  2 


256 

phòsd  agus  am  mnathan,  pàrandan  agus  an  cuid 
cloinne,  bràthairean  agus  pealhraichean,  ann  so  a' 
dol  fodha  le  cheile  ann  an  glac  a  bhàis,  's  na  h-uisg- 
eachan  gu  là  bhràth  a'  dùnadh  thairis  orra. 

'S  e'n  ni  àraidh  a  bha  'm  beachd  nan  daoine  sin 
a'  fàgaii  an  dùthchadh  air  an  àm  so,  cosnadh  f  haot- 
aìnn  rè  an  fhogharadh  air  machraichibh  na'n  Gall. 
Bu  shunndach  a  bha  iadsan  ag  amharc  rompa  chum 
an  là  anns  am  pilleadh  iail  air  an  ais  a  cho'-pairt- 
eachadh  Je  comunn  an  gaoil  toradh  an  saoithreach; 
ach  so  cha  do  dheonaich  Dia;  dhoibhsan  chaidh 
am  foghara  gu  grad  seachad,  agus  blia'n  Scàmhra  gu 
h-obann  air  a  chric^chnochadh. — Chaidh  a  ghrian 
fodha  orra  gu  bràtli,  agus  ghearradh  air  falbh  iad 
ann  ani  mcadhon  an  dòchais.  Cia  anfhann  gearr- 
fhradharcacli  clann  nan  daoine!  's  beng  tha  fios  aca 
ciod  a  bheir  là  m'an  cuairt;  tha  ar  làithe,  gu  deimh- 
in,  mar  leud  boise ;  gu  firinneach  tha  mac  an  duine 
na  staid  is  fearr  na  dhiomhanas.  Tlia  e  teachd  a 
mach  mar  bhlath  agus  seargaidh  e,  teichidh  e  mar 
sgàile,  cha  bhi  e  ni's  faide  ri  fhaotainn. 


106.   Gliocas  air  a  tJiarruing  o  chall  Mairi  o  lona. 

Bu  neo-mothachail  sinn  gu  dearbh  mar  oirpicheam- 
aid  gliocas  a  tharruing  o'n  eachdruidh  mhuladach 
roi'-ainmichte.  Aireamh  co  mòr  d'ar  luchd-dùthcha 
fein,  a  bhi  air  an  gairm  co  grad  ann  an  làthair  Dhe 
air  dhòigh  co  eagallach.  C'uin  a  dhi-chuimiinich- 
ear  an  calldach  so  ann  an  Eilean  lona?  Ach  a' 
bheil  guth  lehobhah  ann  am  bàs  obann  nam  buan- 
aichean  bochda  sin  a'  labhairt  ri  neach  air  bith  ach 
riu-san  ?     B'e'n   amaideachd   dhuinn   so  a   siuaoin- 


257 

teachadh.  Tha  gliocas  ri  fhaotainn  uaithe,  leis  gach 
aon  a  dh'eisdeas  ris  an  sgeul  mar  bu  chòìr  dha.  O 
guni  biomaid  glic,  gun  tuigeamaid  so,  agus  gun 
d'thugamaid  ar  crioch  dheireannach  fainear  !  Bheil 
sinne  'giulan  do  ghnà  air  ar  cridhe  a  chuimhne 
f  heumail,  gur  creutairean  bochda  bàsmhor  sinn,  aig 
nach  'eil  aon  latha  barandas  air  bhi  beo  o  Dhia;  gu 
bheil  sinn  gach  uair  d'ar  n-aimsir  buailteach  do 
Dhia  arson  na  rinn  sinn  anns  a  cholainn.  A'  bheil 
thus  a  tha  ga  leughadh  so  ag  uimeachadh  fa  chomh- 
air  bàs  agus  siorruidheachd,  agus  do  ghnà  a'  dean- 
amh  faire  a  thaobh  's  nach'eil  fios  agad  ciod  an  t-àm 
a  là  no  dh'oidhche  is  toileach  leis-san  do  ghairm  air 
faibh.  Theagamh  gu  bheil  thu  òg  an  trèin  do  neart; 
agus  air  leat  mòran  de  bhliadhnaichean  fhathast 
romhad.  Ol  b'òg,  laidir  agus  fallain  mòran  diubh- 
san  air  a'  bheil  sinn  an  dràst  a'  labhairt,  ach  bu 
ghrad  gun  rabhadh  gun  bhàirlinn  a  dhùin  tonna  na 
tairge  thairis  orra,  'sa  bha'm  binn  gu  siorruidh  agus 
gu  neo-chaochlaideach  air  a  socrachadh,  ionnas  gun 
robh  gach  aon  de'n  dà-fhichead  pearsa  so  a  chaidh 
fodha  air  an  àm  so  ann  am  prioba  na  sùl  ann  an 
gloir  do-labhairt  maille  ri  Dia,  no  gu  siorruidh  air 
am  fògradh  as  f  hianuis.  B'ait  da  rìreadh  an  smaointe 
gun  deach  iad  so  uile  do  neamh  a  dheanamh  gaird- 
eachas  fa  chomhair  cathair  Dhe  agus  an  Uain ;  agus 
raa  bha  iad  na'n  creidich  dhileas  ann  an  Criosd,  'se 
so  gun  teagamh  an  cor.  Cha  b'  aithne  dhuinn  iad, 
is  gad  a  b'  ailhne  bu  dàna  dhuinn  breith  a  thoirt 
orra;  ach 's  i  cheist  a  thigeadh  dhuinne  a  chur  le 
cùram  agus  iomaguin,  cha  'n  e  bheil  no  nach  'eil 
gach  aon  diubhsan  sàbhailte,  ach  nam  b'e  toil  De 
sinne  a  ghairm  air  falbh  le  sanus  co  gearr,  a  bheil 
sinne  deas  agus  ullamh  ?  Cha'n  f  hiosrach  sinne  ciod 
a  ghne  bàis  a  tha  feitheamh  oirn,  tha  fios  cinnteach 
againn  gum  feum  sinn  falbh,  ach  c'uin,  no  c'àite,  no 
cionnas,  aig  Dia  a  mhàin  a  tha  bràth.  Cha'n'eil  bàs 
obann  a'  feitheamh  air  gach  aon  neacb,  tha  cuid  ann 
Y3 


258 

da  bheil  Dia  deonachadh  sanus  a  thoirt  fada  roi- 
laimh,  air  chor  's  gu  bheil  iad  gan  uimeachadh  fein 
arson  an  namhuid  deireannach,  an  f  headh  's  a  tha 
cuid  eile  air  an  gairni  air  falbh,  mar  bha  buanaich- 
ean  lona,  gu  grad  gun  fhaireachadh  sam  bilh.  A 
leughadoir,  bi  thusa  glic,  math  a  dh'  f  haoidte  nach 
'eil  a  ghairni  fada  uait. 

'S  ann  air  mheadhon  oidhclie  a  thachair  an  sgior- 
radhso;  gun  tcagamh  mheudaich  so  an  t-uabhas. 
Tha  ni  eiginn  ann  an  pàmhchair,  agus  ann  an  dorch- 
adas  a  mhtadhon  oidhche  nach  faod  gun  gach  aobh- 
ar  eagail  eile  antromachadh  gu  mòr.  Tha  iolach  a 
bhàis  cagallach  air  àm  sam  bith,  ach  sgread  oiliteil 
a  bhàis  air  mheadhon  oidhche  o  bhuillsgein  cuain, 
cha'n'cil  e  comasach  a  chluinntinn  gun  ghoirisinn 
agus  ball-chrith  ;  agus  gu  h-àraid  'nuair  tha  so  air  a 
thogail  le  aon  no  dha  d'ar  co'-chreutairean  ann  an 
gàbhadh  ;  ach  le  àireamh  mhòr  a'  dol  fodha  san  aon 
àm,  mar  thachair  ann  an  so.  Chualas  an  glaodh 
fad  o'n  àite  san  deachaidh  an  soitheach  fodha,  agua 
iadsan  a  chual'  e  tlia  iad  ag  ràdh  nach  deach  a 
ghaoir  mhuladach  sin  fad  iomad  là  agus  oidhche  as 
an  cluasaibh  ;  nach  cual  iad  riamh,  's  gu  bheil  dòchas 
aca  nach  cluinn,  iad  aon  ni  co  dèistinneach. 

O  choslas  na'n  corp  a  fhuaras,  agus  o  theist  nan 
daoin'  a  thearnadh,  cha'n'eil  teagamh  nach  robb 
mòran  diubhsan  a  chailleadh  'n  an  suain  'nuair 
chaidh  iad  fodha,  agus  is  dòcha  nach  do  mhosgail 
iad  gus  an  d'fhosgaii  iad  an  sùilean  ann  an  sior- 
ruidheachd.  'S  ann  an  so  a  bha  'n  caochladh  grad, 
agus  ma  f  huair  iad  bàs  ann  an  Criosd  bu  shòlasach 
an  t-atharrachadh ;  ach  dhoibhsan  nach  robh,  cia 
uabhasach  ?  Bithibhse,  uimè  sin  deas,  a  dcir  Criosd, 
oir  cha'n  aithne  dhuibh  an  t-àm  a  là  no  dh'oidliche, 
san  d'thig  Mac  an  duine.  Theagamh  gu  bheil  cuid 
agaibhse  a  leughas  so  fhathast  ann  an  suain  a  pheac- 
aidh  :  dùisg  thus'  a  tha  ad  chadal,  agus  gairm  air  do 
Dhia.     Dean  aithreachas,   gabh  ri  Criosd,  tha  là  na 


259 

tròcair  a'  dòl  gu  luath  seachad,  is  tha'ii  oidhche  tar- 
ruìng  dlù  anns  nacii  dean  aithreachas  feuni. 

'Nuair  a  rainig  an  sgeula  niuladach  so  eilein  I, 
sgaoil  e  gu  luatli  o  dhorus  gu  doru?,  cha  robh  tigh 
as  an  robh  smùid,  anns  nach  robh  gul  agus  bàs- 
bhualadh;  bu  deistinneach  r'a  chluinntinn  gaoir  nan 
daoine  boclida.  Bha'n  so  banntraichcan  a'  caoidh 
am  fir  phosda  ris  an  do  dhealaich  iad  o  chionn  là 
na  dha  anii  an  trein  an  neart,  bha  ceithir  pàranda 
fichead,  a'  caoidh  an  cuid  cloinne,  taic  an  làithean, 
agus  cas-sheasaniii  an  sean  aois.  Bha  seachd  agus 
dà  f  hichead  dìlleachdan  ag  ionndrain  an  athar  agus 
na  màthar  sin  nach  pilleadh  tuilie  d'an  ionnsuidh. 
Cruadalach  agus  fearail  mar  tha  luchd-àiteachaidh 
nan  Eileanan  ;  air  an  sàruchadli,  mar  is  tric  a  tha 
iad,  le  annradli  cuain,  air  an  claideart  air  tìr  le 
saothair  ghoirt,  ilja  acasan  na  cridheachan  is  caomh- 
aiie  agus  is  blàithe,  's  ni  bheil  air  aghaidh  an  t- 
saoghail  daoin  is  toighich  air  a  chèile  na  iad.  'S 
fhurasda  uaithe  so  a  thuigsinn  cor  truagh  muinntir 
I  Chalum  ChiIIe,  'nuair  a  chual'  iad  sgeul'  a  bhròin. 
Cha  b'ioghna  gad  a  bha  iomad  glaodh  tiomail  r'a 
èisdeachd  nam  measg. — Là  na  dhà  thairis  agus  's 
eiginn  duinn  air  fad  dealachadh,  fuasglar  gach  snuim 
— tha  àl  a'  tighinn  agus  àl  a'  falbh,  mar  bhuaileas 
tonn  an  deigh  tonn  air  tràigh.  Tha  gach  blàth  a' 
fosgladh,  ach  's  ann  chum  seargadh,  agus  bàsachadh 
— ciod  i  ar  beatha  ach  sgeula  goirid  gearr — mar 
bhoisge  grein  air  fàir,  na  mar  bhadan  ceo  air  gual- 
adh  beinne,  a  dh'  f  huadaichear  air  falbh  leis  aii 
oiteig  is  faoine. 


260 


107.  Laoidh. 

M'  athchuirìge  oirbh  a  chual'  an  sgeul, 
Mosglaibh  gun  dàil,  is  bithibh  deas; 
Co  bheir  buidheachas  san  uaigh 
'S  cha  d'thig  a  h-aon  de'n  t-sluagh  air  ais. 

Deatiaibh  obair  fad  an  là, 
Is  dorchadas  nan  tràth  d'ar  còir; 
M'am  fàs  an  teanga  gun  chli, 
Is  uinneagan  a  chinn  mar  cheo. 

Is  amhuil  mì  is  earb  am  preas, 
Gaodhair  ga  caol-ruidh  na  h-airc; 
'Nuair  thàrlas  i  ann  an  cluain, 
Cha  chuimhnich  i  ruaig  no  cath. 

Mar  luing  gun  seol  mi  ann  an  cuan, 
Doinionn  mhòr  ri  bord  a  strìgh  : 
Fhir  a  dh'  f  huasglas  air  gach  càs, 
Glac  an  stiùir  is  sàbbail  mi. 

Rèitich,  a  Shlanuighear  nam  buadh, 
Cala  seimh  do  m'  anam  sgith  ; 
O  's  tus'  a  cheannaich  mi  o'n  bhàs, 
A  Thriath  na'n  gràs  sàbhail  mi. 


108.  Ma  fharsuingeachd  Crutliachadh  Dhe. 

Cha'n'eil  ni  air  talamh  a  bhos  no  air  aghaidh  nan 
speur  shuas  o  nach  faod  duine  gliocas  fhoghlum, 
agus  eolais  a  ghabhail  air  cuiuhachd  agus  gloir  an 
Ti  àrd  agus  naomh  a  chruthaich  iad  gu,  leir.     Tha 


261 

uile  oibre  a  làmh  a'  taisbeanadh  a  bhuaidhcan  àrd^ 
ann  an  cainnt  a  tha  soirbh  r'a  thuigsinn  leo-san  a 
tha  gan  toirt  faincar  gu  ceart.  Tha  na  speuran,  gu 
h-àraidh,  a  ghrian,  aghealach,  agus  lionmhoireachd 
nan  rionnag  agus  nan  rcull,  a'  seinn  a  chh'u.  Tha 
na  neamh,  a  deir  an  Salmadair,  a'  foillseacha  do 
ghloir,  tha  na  speuran  a'  nochda  gniomharra  do 
làmh.  Cha'n'eil  e  comasach  do'n  duin'  is  aineolaich, 
agus  is  neo-fhoghluimte  beachdachadh  air  aghaidh  na 
h-iarmailte,  ann  an  oidhchc  shoilieir  gheamhruidh, 
gun  bhi  air  a  dhùsgadli  gu  smaointean,  agus  gu 
fheoraich  dhelh  fein,  Cò'n  làmh  a  chruthaich  na 
tha  mi  san  àm  so  a'  leirsinn?  Cò  chroch  na  loch- 
rain  àrd  os  mo  cheann  ?  Cò  tha  toirt  doibh  an  uJle 
àilleachd  agus  dhreach  ?  Cò  is  fear  iùil  doibh,  a' 
treorachadii  an  ceumaibh  àrd  ?  So  ceistean  a 
dhùisgeas  gu  nadurra  ann  an  cridhe  gach  aon  aig  a 
bhcil  tùr  no  toinisg  nàduir,  as  eug'ais  sgoileireachd 
na  foghlum.  Ach  mar  is  eolaiche  tha  daoine  aìr 
reuita  nan  èpeur,  agus  air  gach  ni  a  fhuaradh  a 
mach  ma'n  timchioli  anns  an  lìnn  ionnsaichte  so,  's 
ann  gun  teagamh  is  dùgh  dhoibh  am  barrachd  moth- 
achaidh  a  bhi  ac'  air  gliocas  agus  cumhachd  an  Ti 
sin  a  chruthaich  gach  solas  neamhuidh,  agus  a  tha 
freasdal  doibh  fa  leith.  Tha  fioscinnleach  againn  a 
nis  gur  gann  a  tha  aon  reuil  san  iarmailt  uile  co  beag 
ris  an  t-saoghal  so  air  a  bheil  ar  còmhnuidh.  Tha  e 
air  a  dheanamh  a  mach  gu  bcacliduidh  gu  bheil  na 
milltean  diubh  gu  mòr  ni  's  mò.  Trid  na  'n  gloin- 
eachan  innleachdach  a  tha  nis  aig  na  speuradairean, 
tha  nithe  ùr  agus  iongantach  air  am  faotainn  a  mach 
o  bhliadhna  gu  bliadhna  mu  thimchioll  nan  reul. 
Tha  cumhachd  na'n  gloineachan  sin  air  am  meud- 
achadh  o  àm  gu  h-àm,  agus  mar  tha'n  cumhachd  so 
a'  meudachadh,  tlia  iongantais  ùr  air  an  leige  ris,  air 
chor  's  gur  duilich  a  ràdh  c'àit  an  stad  an  t-eo!as  a 
tha  daoin'  a'  faoluinn,   ma  tiieid  iad  air  an  aghaidh 


262 

rè  mile    bliadhna  gu  teachd  niar  chaidh  iad  ann  an 
ceithir  fichead  bliadhna  de  na  chaidh  seachad. 

Ge  nach  biodh  eolas  againn  air  a  bheag  de  na 
reultan,  ach  na  tha  ann  an  cairdeas  ris  an  t-saoghal 
80,  agus  a  tha  dol  m'an  cuairt  air  an  aon  ghrèin 
ruinn  fein,  bheircadh,  eadhon,  :o  dhuinn  beachd 
àrd  air  moralachd  ai^us  farsuin.rre^chd  rioghathd  an 
Uile-chumhachdaich.  Tha  cuid  do  na  rculta  so  fein 
naoi  ceud  uairean  ni  's  mò  na  an  saoghal  so;  agus 
tha  a  h-aon  diubh,  nach  'eil  nar  beachd-ne,  ach  mar 
rionnaig  bhig  ruiteach,  os  ceann  ceithir-cheud-deug 
uair  ni's  mò  na'n  saoghal.  Ach  tha  a  ghriaii  againne, 
agusgach  reull  a  thagluasadniailleruinne  ma'n  cuairt 
di.  gun  ach  asdar  beao-  uainn,  ann  an  coimeas  ris  an 
asdar  do-thuigsinn,  tha  eadar  sinne  agus  na  reultan 
eile.  Tha  uidh  eadar  sinne  agus  na  reullan  suidhichte, 
a tha'n  taobh  a  muigh  de  chumhachd  na  grein'againne, 
a  ghabhadh  am  poileir  is  luaithe  a  thainig  riamh  a 
mach  a  beul  gunna  mhòir  deich  ceud  nàie  bliadhna 
ga  shiubhal.  Tha  daoine  foghluimte  am  barail,  gur 
grèin  dhealrach  a  tha  anns  narcultan  suidhichtesin, 
le'n  saoghail  fein  a'  gluasad  ma'n  cuairt  doibh,  a' 
tarruing  an  solais,  agus  am  blàths  uapa.  Faodar 
mu  mhìle  dhiu  so  fhaicinn  leis  an  t-*uil  ann  an  oidh- 
che  shoilleir  gheamhruidh,  ach  le  innleachd  ghloin- 
eachan  chithear  ceilhir  fichead  mìle  a  bharachd  air 
ni's  urrainn  an  t-sùil  a  thogail.  Tha'u  Speuradair 
ainaieil  sin  Herschel  ag  innsc  dhu'nn  ann  an  àite 
air  an  do  shocraich  e  a  ghloine,  giin  rohh  sèa  ceud 
reul  aige  san  amharc  cò  lath,  agus  gun  atharachadh 
as  an  àite  sin,  gun  deachaidh  ann  an  cairieal  na  h- 
uaire,  cùig  ceud  mile  reull  seachad  air.  Agus  an 
diaigh  so  ude  is  làn  chinnteach  sinn  nach  'eil  an  àir- 
earah  is  mò  air  am  faod  innleachd  dhaoine  ruigh- 
eachd,  aiin  nn  coimeas  ris  na  thafad  asan  t-sealladh, 
ach  mar  bhraon  drùchd  air  bhàrr  cuiseig,  ann  an 
coimeas  ris  gach  braon  uisge  ann  an  cuantaibh  mìle 
saoghal.  Tha  farsuingeachd  gun  chrioch  gun  tomh- 


263 

as  ann  an  oibribh  Dhe,  nach  unainn  do  inntinn 
chruthaichte  a  thuigsinn;  a<Tus  tha'n  fliarsuirigeachd 
6o,  agus  gach  saoglial  a  tha  air  fheadh,  agus  gach 
ni  anns  gach  saoghal  fa  icitii,  làn  de  mhaitheas  an 
aon  Dia  a  chruihaich  agus  a  dhealbh  iad  air  fad; 
agus  an  ann-dànachd  dhuinn  a  ràdii  gu  bheil  na 
h-uidheachan  mòra  sin  air  an  àiteacha  le  sluagh 
niar  tha'n  saoghal  so  ?  Gu  bheil  carlhannachd 
daimh  is  coimhearsnachd  air  an  tuigsinn  sna 
h-ionadaibh  sin ;  gu  bheil  moladh  air  a  thogail 
suas  do  Dhia,  gu  bheil  a  theampuill  agus  iobair- 
tean  aige,  anns  a  bheil  saibhreas  a  bhuaidhean 
àrd  air  an  sàr  thuigsinn  le  luchd-aoraidh  diadhaidh 
agusgeur-chuiseach.  Thathus',  O!  Dhe,  a' liònadh 
siorruidheachd:  Is  mòr  thus',  a  Thighearna,  agus 
's  mòr  do  chumhachd,  cò  is  urrainn  t-àrd  cheuma  a 
lorgachadh  ?  Cha  d'  fhuair  sinne  cainnt  no  coimeas 
chum  meud  oibre  Dhe  a  chur  'an  cèill;  ann  an 
smaointeachadh  air  so,  'si  cainnt  an  Scriobtuir  is 
fearr  a  fhreagras  duinn.  Is  leats,  O  Thighearn  an 
cumhachd,  a  ghloir,  agus  a  mhoraiachd  ;  oir  is  leatsa 
gach  ni  air  neamh  agus  air  talamh.  Cò  dh'fhaodar 
a  choìmcas  ruit,  O  Thighearna,  's  ni  bheil  oibre  ann 
cosmhuil  ri  d'  oibhribh-se. 


109.  Cliu  0  Oibrìbh  Dhe. 

Tha  feachda  flathail  nan  neamh 
a'  striochdadb,  a  Dhe,  a'  d'  là'ir; 

*S  do  mholadh  'nam  beul  'galuadh 
le  ceileiribh  buadhach  àrd. 

Ach  's  cian  ro-fhada  fo  d'  ghlòir 
mola  nan  slògh  gu  lèir; 


264 

Cia  gearr,  mata,  air  do  bhuaidhibh 
luadh  ihig  o  bhileachaibh  crè. 

Gidhcadh  am  fan  sinne  'nar  tosd, 
's  gach  dùil  a'  nochda  do  chliu; 

'S  co'-sheirm  aig  t-oibre  le  chèile, 
mar  theudaibh  deagh  inneil  chiùil. 

Tha  soiilse  dealrach  nan  speur, 
feadh  gach  ceum  d'an  astar  dian, 

Gu  balbh  binn  a'  cur  an  cèill 
do  ghloir  eag-samhuil,  a  Thriath! 

Tha  dealradh  na  maidne  moich 

air  nialaibh  soir  ag  innse' 
Gur  maisich  ihu  fein  gu  mòr, 

n'an  solus  a  dli'  òr  an  iormailt. 

Tha  anail  chubhraidh  nan  ròs, 
is  blàth  ro-bhoidheach  nan  lus, 

A'  taomadh  tùis  air  àile 

dhasan  a  dhùisg  iad  o'n  du9. 

Ceol  nan  ian,  is  fead  na  gaoith, 
is  torman  aomaidh  nan  sruth, 

Chluinn  mi  'g  adhart  da  chèile, 
ged  mholadh-sa,  Dhe,  le'n  guth. 

Mar  so  tha  t-uil'  oibre,  Dhe, 
a'  sior  chur  'an  ceill  do  chliu ; 

'S  ma  bhiomsa  'n  am  measg  am  thosd, 
biodh  mo  theanga  nochd  gun  lùgh. 


265 


110.  Mu  na  Laplannaich. 

Tha'n  Dùthaich  sa  bheil  ìad  so  a  chòmhnuidh  fo 
shneachda  agus  reodha  an  earrann  is  mò  de'n 
bhliadhna,  agus  cha'n  f' haodar  a  ràdh  gu  bheil  iad 
as  eug'ais  fad  an  t-samhruidh.  Rè  sèa  raiosan  de'n 
bhliadhna  cha'n'eil  a  ghrian  ri  faicinn,  agus  cha'n'eil 
a  bheag  r'a  chluinntinn  ach  fuaim  nadoinionn,  agus 
donnalaich  nam  madruidh-alluidh  an  tòir  air  an 
cobhartach.  Tha  gach  ni  air  aghaidh  na  tire  ann 
an  coslas  marbhantachd,  gun  lus,  gun  duilloach,  gun 
bhlàth  ri  fhaicinn.  Tha'n  àireamh  is  pailte  de  luchd- 
àiteachaidh  na  dùthcha  so  a'  gabhail  còmhnuidh  fo 
thalamh,  agus  anns  an  t-sàmhradh  'am  bùihaibh  a 
dh'  atharraicheas  iad  o  àite  gu  h-àite.  Tha  taobh  a' 
stigh  an  aitreabh  air  a  chuairteachadh  le  bèin  nam 
fiadh-bheathaichean  a  tha  iad  a'  marbhadh  arson 
lòin,  agus  na  h-ùrlair  air  a  bheil  iad  a  luidhe  air  an 
còmhdachadh  leis  an  ni  cheudna.  Ach  na  smaoin- 
icheamaid  gu  bheil  an  sluagh  so  neo-shonadh,  agus 
mi-thoilichte.  Tha  e  fior  gu  dearbh  gu  bheil  e  'g 
imeachd  gu  docrach  tre  gharbhlach  reasgach  na 
dùthacha  sin,  buailteach  a  ghnà  do  ghaillionn  agus 
do  fhuachd;  ach  tha  a  chorp  cruadalach  na  urrainn 
giulan  leisgach  allaban.  Tha'n  Laplannach  bochd  air 
aon  doigh  truagh,  ach  nach  mòr  am  beannacha  dha 
nach  'eil  e  mothachail  air  uireasbhuidh  nach  faod  e 
dheanamh  suas.  Tha  solus  na  grèine  rè  ioma  niìos 
a  dh'  easbhuidh  air,  ach  tha  a  ghealach  agus  na  fir- 
chlis  a'  soiUeireacha  na  h-iarmailt,  agus  cha'n  ur- 
rainear  smaointeachadh  air  aon  ni  is  àillidh  na  lann- 
air  nam  fir-chlis  sin  a'  dol  roi  'n  gluasad  siubhlach, 
aidhearach  le  mire-chatha,  air  aghaidh  nan  speur. 
Ma  tha  'm  fonn  neo-thorrach,  tha  tachdar  mara  aca 
na  làn  phailteas.  Tha  'm  fàsaichean  làn  de  f  hiadh 
bheathaichean,  agus  thugadh  innleachd  agus  teotn- 
achd  dhoibh  chum  an  glacadh.     Tha  mòran  fhiadh 


266 

aca,  agus  tha  iad  callda  feumail  doibh,  mar  chi  sinn 
an  diaigh  so.  Mar  so  chi  sinn  gu  bheil  aig  gach  tìr 
a  h-aobhair  shòìais  fein,  agus  aig  gach  sluagh  dearbh- 
adh  air  maitheas  De.  Nam  bitheadh  aig  na  daoine 
bociida  sin,  am  barrachd  fiosrachaidh  mu  Dhia, 
agus  mu  na  leagasgan  sòlasach  a  tha  air  am  foill- 
seacha  dhuinne  anns  an  t-Soisgeu!,  maille  ris  an  t- 
suidheachadh  inntinn  sin  a  tha  iad  a'  sealbhachadh, 
òha  ruigear  a  ieas  fheoraich  ciod  tuiile  bhiodh  a  dh' 
easbhuidh  orra  gun  deanamh  .sonadh. 


111.  Dàn  mdn  Gheamhradh. 


'S  o  thainig  an  Geamhradh  ma'n  cuairt, 
Gum  bi  fuaclid  ann  ma'm  pill  thu  air  t-ais: 
Bidh  gach  là  dol  'an  giorrad  gu  feum, 
'S  gach  oidhche  ga  reir  dol  am  fad : 
Sruthaidh  luibhean,  is  coill'  agus  feur, 
Na  fàis-bheo  crìon-eugaidh  iad  as; 
Teichidh  'n  snodhach  gu  freumhach  na'n  crann, 
Sùghaidh  'n  glaodhan  an  sùgh-bheatha  steach. 
Seachdai  geugan  glan  cùbhrai  na'n  crann, 
Bha  san  t-sàmhradh  trom-stràchta  le  meas; 
Gun  toirr-leum  an  toradh  gu  iàr, 
Gun  sgriosar  am  barr  bhar  gach  lios. 
Guilidh  feadain  is  creachainn  nam  beann, 
Sruthain  shoilleir  na'n  gleann  le  trom  sprochd, 
Caoi  na  fuarain  ri  raeacuinn  gu'n  cluinn ; 
Deach-shunnta  nam  maoisleach,  's  nam  boc. 
Luidhidh  bròn  air  an  talamli  gu  leir; 
Gun  aognaich  na  slèibhte,  's  na  cnoic, 
Grad  dhubhaidh  caoin-uachdar  nam  blar, 
Fàl-rùisgte,  's  iad  fàillinneach  bochd. 


267 

Na  h-eoin  bhuchallach,  bhreachd-iteach,  ghrinn, 
Sheinneadh  baisgeanta,  binn,  am  barr  dhos, 
Gun  d'thèid  a  ghlas-ghuib  air  am  beul, 
Gun  bhodha,  gun  teud,  's  iad  nan  tosd. 
Sguiridh  bùirdeisich  sgiathach  na'n  speur, 
Da'n  ceileiribh  grianach  car  greis, 
Cha  seinn  iad  am  maidnean  gu  h-àrd, 
No  *m  feasgaran-cràbhach  sa  phreas: 
Codal  clùthor  gun  dean  anns  gach  còs, 
Gabhail  fa«gaidh  am  frògaibh  na'n  creag; 
'S  iad  ri  iundrainn  na'n  gaihanna  tlàth, 
Bhiodh  ri  dealradh  o  sgàde  do  theas. 


112.  Mu  Fhiadh  nan  Laplannach. 

Tha'm  fiadh  so  na  ghnàsair  an  Dùthchaibh  fuara  na 
h-Airde-tuath,  far  an  d'òrduich  freasdal  glic  agus 
fiughantach  iad,  chum  goireas  agus  beo-shlainte 
muinntir  na  lìre,  a  mhothaicheadh  ro-chruaidh  tigh- 
inn  beo  as  an  eug'ais.  Aig  an  Laplannach  cha'n'eil 
each,  mart,  no  caora,  cha  f  hreagradh  iad  sin  san 
dùthaich  ;  ach  tha'm  fiadh  so  a'  seasamh  dhoibh  an 
àit  an  eich,  le'n  tarruing  air  sligheachan  air  am  b' 
eacomasach  do  eich  imeachd  ;  tha  e  deanamh  dhoibh 
an  àite  chruidh  le  bainne  bhuileachadh  orra  ;  agus 
no  caorach,  le'm  bèin  mholacha  bhlàtha.  Tha  'n 
sitheann  na  lòn  fallain  doibh  ;  tha  na  fèithean  a* 
deanamh  dhoibh  an  àite  snàlh  ;  agus  is  gann  a  tha 
aon  ni  a  bhuineas  do'n  ainmhidh  so  nach  'eil  a*  co'- 
f  hreagra  d'am  feumalachd.  Tha  'm  Fiadh  so  air 
oileanachadh  an  àm  òige  ri  tarruing  ann  an  càrn- 
slaoid,  inneal  iomchair  san  dùthaich  sin  a  tha  ro- 
f  heuraail  'an  àm  dùdlachd.  Tha  'n  neach  a  shuidh- 
Z  2 


268 

cas  sa  ghne  charbaid  so,  a'  sdiùradh  an  f  hèidh  le 
srian  ceangailte  r'a  chròic,  agus  ga  chuir  air  a^haidh 
le  bior-greasaidh.  Mar  so  giulainear  na  Laplan- 
naich  deich  niìle  fichead  san  là,  gun  ana-cothrom 
sam  bith.  Tha  'm  Fiadh  so  mu  cheithir  troighe  gu 
leth  air  àirdo ;  tha  e  ionann  ann  an  dath  agus  an 
cumadh  ris  an  Fhiadh  sa  Ghaeltachd  ;  ach  gu  bheil 
an  ladhar  anabarrach  mòr.  'He  biadh  an  Fhèidh  so 
seorsa  do  chrotal  no  de  liath-sgrath  a  tha  fàs  air 
leachdaibh  na  dùthacha  sin. 


113.  Bàn. 

'S  taitneach  leam  focail  nam  fonn, 
Thuirt  Cuchuluinn,  an  sonn  deas; 
*S  taitneach  sgeul  air  àm  a  dh'fhalbh, 
Caoin  mar  bhalbh-dhrùchd  maduinn  shèimh 
Air  dosan  is  tuim  nan   ruadhag; 
'Nuair  a  dh'cireas  a  ghrian  gu  mall 
Air  slios  sàmhach  nan  liath-bheann : 
Loch  gun  bhruaillein  fada  thall, 
Caoin  is  gorm  air  ùrlar  ghleann. 
A  Charuill,  tog  a  rìs  do  ghuth; 
Dh'  eirich  le  aoibhneas  san  talta, 
'Nuair  bha  Fionnghal  nam  ball-sgiath 
'Lasadh  niu  ghniomh  a  shìnnsre. 


114.   Sealladh  o  Mhullach  Beinne  an  Earra-Ghael  mu 
dhol  fodJia  na  Grèine. 

0*N  is  cuimhne  leam  beathach  na  duine,  b'e  mo 
thlachd  a  bhi  siubhal  nam  beann;  agus  is  minic  a 
ghabh  mi  sealgaireachd  mar  leith-sgeul,  chum  an 
srath  fhàgail,  agus  farsuingeachd  a  mhonaidh  a 
ghabhail  fb  m'  cheann.  Tha  toileachas-inntinn  ri 
fhaotainn  air  muliach  beinne  àird,  leis  an  t-sealladh 
f  harsuing  a  tha  uaithe  air  muir  agus  air  tir-mòr; 
nach  faod  gun  àrdachadh  inntinn  a  dhùsgadh  a  tha 
air  doigh  àraidh  taitneach  agus  tarbhach.  'S  ann 
uaith  so  tha  e  tachairt,  gu  bheil  spèis  mhor  aig  gach 
aon  de'n  bheinn  is  dlùiihe  do'n  àite  san  d'f  huair  e 
ùrach, — bàigh  a  leanas  ris  f  had  's  is  beo  e ;  agus 
thigeadh  e  dhachaidh  e  Innsibh  na  h-àird  an  ear 
no'n  iar,  cha  bhi  e  sa  choimhearsnachd  gun  togradh 
a  dh'ionnsuidh  an  àite  anns  an  d'f  huair  e,  air  leis,  a 
cheud  bheachd  air  farsuingeachd  an  t-saoghail;  agus 
bi'dh  e  dèigheil  mar  an  ceudna  air  eolas  ath-ùrach- 
adh  air  gach  glac  agus  coire,  a  b'abhuist  da  thagh- 
all  na  òige  'nuair  bu  lùlhmhor  mo  cheum,  agus  bu 
bheag  a  bha'n  saoghal  a  cur  air  mo  chridhe  de  chùr- 
am.  B'àluinn  an  là  ann  an  cèitein  an  t-samhruidh, 
'nuair  a  dh'f  halbh  mi  gun  duine  maille  rium,  le  rùn 
fior  mhullach  na  Beinne  a  ruigheachd,  agus  sealladh 
fhaotainn  air  dol  fodha  na  grèine.  Bha'n  là  san  àm 
sin  na  fhad  's  na  bhlàs,  bha  gach  eun  a  'seinn  aig 
beinn  's  aig  baile,  agus  obair  na  cruitheachd  fo  shòl- 
as.  Dhìrich  mi  o  ghuala  gu  guala,  o  choire  gu 
coire,  gus  an  d'rainig  mi  'n  an  t-àite  san  robh  'n  àir- 
idh  ri  m'  cheud  chuimhne,  bha  làraichean  nam 
bothan  fhathast  ri  fhaicinn,  bha  crò  nam  meann  na 
tholman  uaine,  an  sòbhrach  's  an  neònain  a'  fàs  air. 
B'aidhearach  an  sùgradh  a  b'àbhuist  a  bhi  'n  so 
moch-thra  agus  feasgar  an  àm  bleodhann  na  sprèidhe; 
bha  'n  t-alltan  beag  a'  siubhal  gu  sèimh  troi'n  àilein, 
Z  3 


270 

]e  tortnan  co  tùchanach  *s  bu  ghnà  lels.  Shuidh  mi 
c'ar  tamulll  air  a  bhruaich  ag  iarruidh  fionnachd  na 
bhraonaibh  tlàtha.  Cha  deach  mi  seachad  air  aon 
tobar  a  chaisg  ìota  m'  òige,  gun  fheuchainn,  na  air 
eas  na  leum-uisge  gun  seasamh  air  an  cùl  a  dh* 
fheuchainn  an  robh  co  liugha  bogha-frois  ri  fhaic- 
inn  'sa  b'àbhuist.  Mar  so  chaidh  mòran  de'n  latha 
seachad,  ach  rainig  mi  fa  dheireadh  mullach  na 
beinne.  Shuidh  mi  'm  fasgadh  an  liath-chuirn  a 
bh'air  a  mullach,  agus  dh'amhairc  mi  air  an  dùth- 
aich  ma'n  cuairt, 

B'àluinn  a  beinnean  'sa  srathan  ; 
B'èibhinn  dath  a  gleanntain 

Bha  tìr-mòr  na  Dùthcha  ri  m'  chùl,  ach  bha  mach 
calg-dhireach  m'am  choinneamh  a  chuid  bu  mhò  de 
Innse-gall,  an  cuan  mòr  le  chaoil  's  le  luingcas,  agus 
a  ghrian  ghlormhor  fein  a'  tearnadh  o  àirde  nan 
speur  ann  an  àilleachd  an  fiieasgair. 

Cha  robh  Eilean  eadar  Caol  Ila  mu  dheas  agus 
an  Caol  Sgialhanach  mu  thuath,  cha  robh  shabh 
eadar  Beinn  an  òir  an  Diùra  agus  a  Chullainn  ann 
an  Eilcan  a  Cheo  nach  robh  gu  soilleir  am  bheachd. 
Bha  Muile  dorcha  le  chaol  mara  mar  abhuinn  àl- 
uinn  ag  iathadh  ma'n  cuairt  dà,  dìreach  fo  m'  shùil, 
— Bha  I  nan  Deòraidh  le  làraichibh  briste,  ann  an 
uaigneas  sàmhach  r'a  thaic,  Staffa  ainmeil  le  Uadh 
nan  tonn  mar  dhùradaii  beag  a  mach  air  an  fhairge; 
Tiri  iseal  an  còrna — Cola  creagach — Eigg  le  sgùr 
ri  speur, — 's  an  t-Eilean  Sgiathanach  bann-righ  an 
iomlain,  agus  amach  air  an  cùl  gu  leir  an  iomall  na 
rioghachd,  an  t-Eilean  fada  mar  mhile  sgeir,  ageiridh 
air  agliaidli  a  chuain,  smùid  ghairdeachais  aig  eiridh 
o  gach  aon  diu,  'nuair  bha  ghrian  a'  siubhal  seachad 
os  an  ceann,  gam  fàgail  mìle  de  mhìlte  na  dèigh. 
Bu  diomhain  oirp  a  thoirt  air  a  choilion  smuain  a 
bha  taitneach,   agus  tba  dòchas  agam  a  bha  tarbh- 


271 

ach,  a  dhùisg  suas  leis  an  t-sealladh  so.  Air  a  leith- 
id  so  a  dh'àm  cha  ruif^ear  a  leas  an  inntinn  a  chum- 
ail  fo  smachd,  bu  shonadh  a  bhiodh  daoine  na'n 
giulaineadh  iad,  nicasg  ùinich  agus  othail  na  beatha 
so,  caileiginn  de'n  aigneadh  nihalh  sin,  a  tha  uaig- 
neas  agus  sàmhchair  a  shamhuil  so  de  àite  a'  tàrm- 
achadh.  Oir  gu  cinnteach  inar  is  mò  a  thàirneas 
sinn  air  falbh  o  iorghuiU  an  t-saoghaii  so,  *s  ann  is 
niò  a  ruigeas  sinn  air  an  fhonn  spioradaii  sin,  trid 
a'  bheil  an  t-anam  air  a  chur  aìr  ghleus  gu  co'-chom- 
unn  àrd  achumail  ri  'r  n-Athair  neamhuidh.  Nam 
bu  mhath  leinn  blasad  air  an  aoibhneas  so,  cha  bu 
neo-iomchuidh  dhuinn  air  uairibh  comunn  an  t- 
saoghail  so  f  hàgail,  agus  a  ràdh  ris  gach  imcheist 
bhuaireasach  a  bhuineas  dba,  mar  thuirt  Abraham 
r'a  òglaichibh,  Fuirghibhse  an  so,  agus  iheid  mise 
suas  a  thairgse  na  h-iobairt. 

Bha  ghrian  a'  tearnadh  gu  luath,  bha  dath  an  òir 
air  aghaidh  nan  speur;  bha  a  leadan  àillidh  cheana 
sa  chuan,  an  fhairge,  mar  gun  b'  ann  a'  dùnadh 
ma'n  cuairt  di.  Is  blasd  a  chainnt  a  chleachd 
Bàrd  na  Dùthcha  so  fein,  'nuair  bha'n  seallaso  aige, 
math,  a  dh'fhaoidte,  o'n  mhullach  cheudna,  mar  chi 
sibh  san  dàn  a  leanas.  Ach  bu  dall  sinne  niar 
gabhamaid  beachd  a  b'  àirde  air  an  t-sealladh  so 
na  dh'  fhaodadh  esan  fhoglum  o  thuigse  njìduir.  An 
ti  nach  mothaicheadh  o'n  t-sealladh  so,  gloir  an  Ti 
naomh  a  chruthaich  a  ghrian,  agus  a  sgeadaich  an 
saoghal  le  uile  àilleachd,  bu  bhochd  gu  dearbh  a 
chor,  agus  cha  chulaidh  fharmaid  a  chridhe;  oir  gu 
deimlìin  bu  ghlormhor  an  taisbean  a  bha'n  so,  air 
cumhachd  agus  maitheas  De.  Bhi  mothachadh 
do'n  ghairdein  thièin  sin  air  a  bheil  an  domhan 
crochta,  a'  fosgladh  air  an  dara  laimh  dhiom,  dorsa 
na  h-oidhche  do'n  grèin,  ga  cuir  a  raach  a  shoìllseach- 
adh  taobh  eil  an  t-saoghail,  's  a  dhùsgadh  na  mil- 
tean  as  an  suain:  's  a  bhi  faicinn  a  ghairdein  cheud- 
na  a'  togail  na  gealaich  dhuinne  na  h-àite,  an  robh 


272 

e  comasach  gun  èlgheach  a  mach,  Is  glormhor  thus, 
O  Dhe  uile-bheanuichte,  thaneamh  agus  talamh  làn 
de  d'  ghloir,  a  Thighearna  nam  feart,  tha  thu  toirt 
dhuinne  gach  beannachd  na  thrà,  agus  cha'n'eil  thu 
air  àm  sam  bith  gar  fàgail  fo  ann-dòchas  no  dì. 
Chaidh  a  ghrian  fodha  agus  shaoileadh  tu  gun  robh 
an  saoghal  a'  caoidh:  bha'n  drùchd  trom,  mar  dheoir 
iia  h-oidhche  na  deigh  a'  braonadh  gu  làr.  Dh' 
fhalbh  a  ghrian,  ach  bha  fhathast  àirde  nan  speur 
air  an  òradh  le  gathannaibh  àghmhor,  a'  lubadh  a 
nuas  gu  fann  fhalhast  air  an  t-saoghal,  's  ga  bhean- 
nachadh  le  eadar-sholas  an  anmoich.  Bha'n  ceo  a 
sgaoileadh  sios  air  an  leachduinn,  agus  bha  'n  t-àm 
dhomh  nis  am  monadh  fhàgail.  Bu  bheannuicht 
an  t-sàmhchair  a  bha  mach  air  feadh  an  domhain; 
bha  còrr  fhuaim  ann  ach  cha  bu  chulaidh  eagail  na 
uabhais.  Torman  nan  allt,  mar  bha  iad  a'  tuiteam 
leis  an  aoinidh  o  chreig  gu  creig, — sgriach  na  h-iol- 
aire,  'si  'g  iotailich  air  bile  na  creachainn,  ag  iar- 
uidh  a  h-àil  air  an  aisrigh  chorruich ;  an  fheudag 
ghuanach  o  thom  gu  tom,  gogail  a  choilich  ruaidh 
gam  dhoichioll  o'n  bheinn,  a  chearc  a'  gairm  a  h-àil 
fo  sgèith,  agus  miogadaich  nan  gabhar  ag  iarruidh 
nam  meann.  O  1  cia  lionmhor  mile  beo-chreutair 
air  feadh  an  t-saoghail,  smaointich  mi,  a  bha  sa 
cheart  àms'  a'  dol  gu  tamh  fo  shùl-choimhead  an 
Fhreasdail  sin  a  bha  faire  thairis  oirre,  agus  a  dh' 
uiraich  àite  taimh  do  gach  aon  aca  fa  leith.  Tha 
sùile  nan  uile  ort,  O  !  Dhe,  tha  thu  toirtdoibh  gach 
sochair  na  thrà.  Agus  ma  tha  Dia  mar  so  a'  buil- 
eachadh  orrasan  na  h-urrad  de  chùram,  an  dean  e 
dearmad  air  mac  an  duine?  Feuch,  a  deir  Criosd, 
euniaith  an  aidheir.  cha  chuir  iad,  agus  cha  bhuain 
iad,  agus  tha  Dia  gam  freasdal,  agus  nach  fearr 
sibhse  gu  mòr  na  iadsan?  Eisd  so,  O!  ihus,  air 
bheag  creidimh,  giulain  na  smuainte  so  leat  do  d' 
leabuidh,  earb  thu  fein  ri  Dia,  leis  an  dòchas  a  tha 
'g  èiridh  uatha,  is  bithidh  do  chadal  taitneach. 


273 


115.   Oisian  do'n  Ghrein  an  am  Luidhe. 

An  d'  fhag  thu  gorm  astar  nan  spèur 

A  mhic  gun  beucl  is  or-bhuiclh  ciabh  ? 

Tha  dorsa  na  h-oidhche  dhuit  fein, 

Agus  paiUuinn.do  chios  san  lar. 

Thig  na  tonna  m'  an  cuairt  gu  mall, 

Choitnhead  an  fhir  a's  gloine  gruaidh; 

A'  togail  fo  eagal  an  ceann, 

Ri  d'  fhaicinn  co  aiUidh  a'  d'  shuain; 

Theich  iadsan  gun  tuar  o'  d'  ihaobh: 

Gabhsa  codal  ann  a  d'  uaimh, 

A  ghrian,  is  pill  an  tus  le  h-aoibhneas; 

Mar  bhoisge  greine  sa  gheamhradh 

'Se  ruilh  na  dheann  le  raon  Lena, 

Is  amhuil  laithe  nam  Fiann. 

Mar  ghrian  eadar  frasaibh  a'  treigsinn. 

Dh'  aom  neoil  chiar-dhubh  nan  spèur, 

Is  bhuin  iad  'n  deo  aoibhinn  o'n  t-sealgair. 

Tha  lom  gheugan  na  coill  a'  caoidh  ; 

'S  maoth  lusrach  an  t-sleibhe  seargadh; 

Ach  pillidh  fathast  a'  ghrian, 

Ri  doire  sgiamhach  nan  geug  ùr, 

Is  ni  gach  crann  sa'  cheitean  gàire, 

Ag  amharc'n  àird  ri  mac  an  spèur. 


116.  Eachdrui  mu  Mhairi  Nighean  Ailein. 


'S  BEAG  fìos  a  th'  aig  an  darna  duine,  ciod  e  aon 
chuid,  suaimhneas  no  doilghidios  an  duin'  eile.  Gad 
a  chi  sinn  coslais  sòlais  o'n  leth  a  muigh,  is  aineol- 


274 

ach  sinn  air  gach  aobhar  mi  thoileachas  inntinn  a  th' 
anns  a  chridhe.  'S  lionmhor  iadsan  a  tha  giulan 
sgèimh  an  lathair  dhaoine,  aig  a*  bheil  an  cridhe 
dubhach,  's  an  inntinn  leointe,  arson  mearachdan 
an  òige.  Mearachdan,  math  a  dh' fhaoidte,  a  dhi- 
chuimhnicheadh  leis  an  t-saoghai,  ach  a  tha  sìor 
chràdh  anama  nan  daoine  a  tha  ciontach  dhiubh,  's  a' 
fàgail  am  beatha  mi-shonadh.  B'  ann  diubh  so 
sean  Mhairi  nighean  Ailein.  Eisdibh  a  sgeul  na 
briathraibh  fein.  'S  goirt  a  dh'  fhuiling  mi,  deir 
ise,  'si  tarruing  osna  throm,  *s  a'  tiormacha  suas  nan 
deur,  arson  mo  Cruthai'ear  a  dhi-chuimhneachadh 
ann  an  làithibh  m'  òige;  agus  is  beag  a  thuigeas 
neach  eile  na  chrean  mi  air  a  shon.  Bha  mo  chionta 
follaiseach  do'n  t-saoghal,  ach  co  a  dh'  fhidireadh 
am  mulad  agus  an  tàir  a  thainig  orm  na  lorg.  Cha 
robh  de  chioinn  aig  mo  mhuinntir  ach  mis'  agus 
nighean  eile;  bha  iadsan,  mar  theirear,  na'n  cuid- 
eachda  chòir  shuilbheara,  fo  dheagh  mheas  san 
dùthaich.  Bha  eolas  aca,  a  rèir  a  chothrom  a  bh'  ann 
r'an  linn,  ach  cha  robh  an  cothrom  san  àm  sin  mar 
tha  e'n  diugh.  Na  bh'aca  fein  bhuilich  iad  ormsa; 
ach  mar  tbachair  do  iomad  aon,  bha  'm  beusan  os 
ceann  an  eolais;  agus  an  togradh  gu  bhi  dleas- 
nach  os  ceann  am  fiosrachadh.  ladsan,  deanadach, 
neo-cheaigach  iad  fein,  aineolach  air  cuilbheartaibh 
an  t-saogliail,  agus  fuathach  air  an  oic,  bha  iad  am 
barail  gun  robh  muinntir  eile  firinneach  mar  bha  iad 
fein;  agus  na  lorg  so  cha  do  chleachd  iad  an  t- 
saothair  a  bha  iomchuidh  chum  mis  a  chuir  air  m' 
fhaicill  an  aghaidh  cuir  agus  cealgoireachd  dhaoin' 
òga;  agus  na  mearachdan  lionmhor  sin  gan  robh 
mo  leithid  buailteach.  Arson  aon  eolas  a  bh'  agam 
air  siè'ìgh  agus  firinnibh  a  chreidimh  anns  an  deach- 
aidh  m'  àrach,  cha  b'  eolas  e  a  rinn  feum  dhomh. 
Cha'n  ann  o  eagal  no  o  ghaol  do  m'  Chruthai'ear  a 
bha  aon  chuid  mo  dheagh  bheusan  a'  srulhadh,  no 
mo  sheachnadh  air  an  olc  a'  teachd ;  ach  a  chionn 


275 

's  nach  robh  mi  gabhaìl  tlachd  ann  am  mi-bheu?,  no 
gun  robh  eagal  nàracha  saoghalta  gani'  chumail  air 
m'  ais.  Cha  robli  mi  aon  chuid  comharaichte  arson 
giulan  suidhichte,  no  air  mo  siiònrachadh  aison  eat- 
romais.  Far  an  cruinnicheadh  an  òigridh,  b'e  mo 
thlachd  a  bhith;  aig  an  tìgh  no  uaithe,  air  là  sàbaide 
no  seachduin;  agus  feumaidh  mi  aideachadh  nach 
robh  mi  co  (aici)leach  air  na  h-àmaibh  sin  'sa  thige 
dhomh,  gu  h-àraid  ann  an  taghadh  mo  chuideachd- 
a;  ni  a  bha  na  aobhar  air  a  cheann  fa  dheireadb, 
mis  a  tharruing  gu  masiladh  agus  mi-chliu;  agus  a 
rinn  gus  an  là'n  diugh  mo  bheatha  searbh. 

Bha  mac  Coimhearsnaich  san  aon  bhaile  rium, 
m'am  aois  fhein,  fleasgach  tlachdmhor,  a  bha  tagh- 
all  mo  chuideachd  o  chionn  bliadhna  no  dhà.  Cha 
robh  teagamh  agam  na  ghaol, — a  bha  e  dearbhadh 
le  ghiulan  siobhailte  agus  le  shaor  ghealiaine. 
Anns  gach  seadh  bha  sinn  'nar  làn  choimpirean, 
agus  o'n  a  bha  tlachd  againn  de  chàch  a  chèile,  cha 
robh  aon  neach  aig  an  robh  toil  cuir  eadaruinn. 
Lan  shonadh  annainn  fhin,  bha  gu  mi-shealbhar, 
dàil  ga  chuir  o  àm  gu  h-àm,  ann  an  là  ar  pòsaidh  gun 
fhios  c'arson;  ach  '&  e  thainig  as  gach  dàil  agus  geal- 
ladh  gun  deuchaidh  mis  a  mheailadh,  agus  an  sin 
mo  thrèigsinn.  Sibhs'  a  mhain  a  bh'  air  cho- 
shuidheacha  riumsa,  a  làn-thuigeas  mo  dhosguinn, 
ri  linn  mo  nàire  dheanamh  follaiseach  's  mo  leannan 
ga  m'  fhàgail.  Bha  mo  phàrandan  fo  dhuilichinn 
mi  dhol  am  mearachd;  mi  mhilleadh  m'  fhortain, 
agus  mi  chall  mo  mheas;  ach  cha  robh  iad  a'  toirt 
fainear  do'n  acaid  a  chaidh  ann  am  chridhe-se  o'n 
)à  a'  ghèill  mido'n  bhuaireadh,  nach  deachaidh  agus 
nach  d'  theid  as.  Dh'  fhalbh  mo  thlachd  agus  mo 
thoileachas  inntinn,  gun  fhois  gun  tcàmh  a  là  na  dh' 
oidhche,  a'  cur  ionichuir  air  mo  shochair  fein 
agus  gu  sonraichte  air  a  chealgoir  a  mhasluich, 
agus  a  dh'  fhàg  mi  air  faondra.  Bha  m'  fhuil  air 
ghoii  le  an-teas  cràidh,  bha  mo  chridhe  briste   le 


276 

nàire,  fhuair  peacadh  ìàmh  'n  uachdar  orm  co  mòr 
's  gun  d'  fhàs  mo  bheatha  na  h-eallaich  dhomh. 
Bha  m'  inntinn  air  a  tuairgneadh  le  smaointibh  an- 
diadhuidh  eagallach ;  ann  an  teum  buairidh  chuir 
mi  nithe  romham  a  tha  toirt  goirisinn  orm,  ach  cha 
do  leig  an  t-Athair  Naomh  co  fad  air  m'  aghaidh  mi. 
Tha  agam  ri  thoirt  fainear  fad  na  h-ùine  so,  gad  a 
thruaill  mi  mo  choluinn,  gad  a  thug  mi  tàmailt  air 
m'  aidmheil,  gad  a  bhristmi  àitheanta  an  Tighearna, 
gidheadh  's  mò  bha  mi  faireachduin  masladh  an  t- 
saoghail  na  iad  sin  uile.  'Se  so  a  rinn  mo  chor  cho 
fhior  mhuladach,  nach  robh  tuigse  sam  bith  agam 
air  truaillieachd  a  pheacaidh  na  dhuaichneachd  nà- 
duna,  mar  an  dochoir  bu  mò  an  aghaidh  Dhe, 
agus  an  t-Slanuighear,  agus  a  mhi-thaingeileachd 
bu  ghràineile  an  aghaidh  na  tròcair  agusa  ghràis  sin 
a  thug  esan  a  dh'  ionnsuidh  an  t-saoghail  a  dh'fhul- 
ang  arson  pheacach.  Dhlùthaich  orm  m'  ùine— 
chaochail  an  leanamh  na  òige,  agus  aon  fhocal  cha 
d'  fhiosraich  athair  ma  thimchioll,  Na  dh'  fhuihng 
mis  air  an  àm  sin,  o  gheur-agartas  coguis,  p  nàir 
agus  cràdh  cridhe;  aineolach  air  mo  Dhia,  ach  mar 
bha  e  na  Dhia  dioghaltach  ann  an  corruich  'am 
aghaidh,  agus  gu  h-  iomlan  aineolach  air  an  doìgh 
gu  pilleadh  air  m'  ais  ris  ann  an  Criosd,  nach  b'  aith- 
ne  dhomh  ach  air  ainm,  cha  ruig  mi  leas  air  an  àm 
aithris,  agus  gu  dearbh  cha  bu  chomasach  a  dhean- 
amh.  Gloir  da  aium  nach  do  ghearr  as  mo  bhcatha 
san  àm  sin. 


211 


117.— EARRANN  II. 


O'n  a  chaill  mi  mo  mheas  am  dhùthaich,  chuir  mi 
romham  dol  do'n  Galltachd  a  dh'  iarruidh  cosnaidh. 
An  diaigh  ioma  cruadal  agus  trom  sheirbhis,  dh' 
amuisorm  fa  dheireadh  deagh  thigh  cosnaidh  annsan 
do  thuinich  mi.  Ann  an  ceann  ùine  bheag  bha  tois- 
€ach  aig  m'  inntinn  air  socrachadh,  agus  mulad  mo 
chridhe  bhi  air  eatromachadh,  ach  socair  na  sìth 
iomlan  cha  robh  a'  feitheamh  ormsa  o  mhaduinn  an 
aon  là.  'Se  Dia  na  fhreasdal  a  sdiùir  mi  do'n 
teaghlach  so,  's  ann  ann  a  fhuair  mi  cheud  eolas 
tarbhach  air  firinnibh  an  t-Soisgeil;  ach  do  rèir  col- 
tais  cha  robh  mi  fhathast  air  mo  làn  irisleachadh. 
Ann  an  ceann  beagan  ùine  thainig  seirbhiseach 
gae'lach  a  dh'  ionnsuidh  an  tighe,  òganach  suairce, 
ceanalta,  glic  na  ghiulan  agus  a'  teachd  beo  ann  aa 
eagal  De.  Le  sinn  a  bhi  le  cheile  'nar  Gaedhil 
thàlaidh  sinn  an  toiseach  gu  caoimhneas,  agus  o  sin, 
mar  is  tric  a  thachras,  ri  ùine,  gu  trom  ghaol  taobh 
air  thaobh.  Bha  gne  fhaicill  agam  air  mo  cridhe, 
ann  an  earalas  nach  rachadh  mo  mhealladh  an  darna 
h-uair;  ach  so  cha  ruiginn  a  leas,  oir  cha  robh  na 
bheachd  ach  firinn  agus  onoir.  Thainig  a  chùis  so 
co  fad  air  a  h-aghaidh  sgun  do  shuidhich  sinn  latha 
chura  pòsaidh.  'S  ioma  cath  cruaidh  a  bh'  agam  a' 
m'  inntinn  fein  san  àm  sin.  Bha  esan  fathast  aineol- 
ach  air  mo  mhi-shealbh ;  cha  robh  do  mhisnich  agam 
na  dh'  innseadh  e,  is  cha  dùraiginn  dol  air  m'  agh- 
aidh  'sa  chleth.  Bha  so  ga  m'  leon,  ach  nach  e  tor- 
adh  a  pheacaidh  gu  bheil  a  thruaighe  na  lorg  fad 
uile  làithe  ar  beatha. — Bha'n  là  a  dlùthachadh  sam 
b'  eiglnn  an  dara  cuid  a  dheanamh,  fios  a  thoirt 
dhasan  air  sgeul  mo  nàire,  no  gabhuil  air  adhart  le 
foill.  Tha  dòchas  agam  gun  robh  mi  nis  ni  b'  eol- 
A  a 


278 

aich  air  mo  dhjeasnas  do  m'  Dhia,  no  gun  rachainn 
air  m'  aghaidh  le  ceilg.  Faodai  mi  a  ràdh  gun  d* 
iarr  mì  sdiùradh  Dhe,  agus  's  ni  a  tliachair  nach 
robh  mi  ni  b'  fhaide  san  ionichomhairle.  Agus  chuir 
mi  romham,  ga  b'e  air  bith  athachradh,  gun  innsinn 
an  fhirinn  a  cheud  chothrom  a  gheibhinn ;  ach  chuir 
mi  dàil  ann  an  so  tuille  's  fada.  Thachair  dhàsan 
dol  o'n  bhaile,  far  an  d*  amuis  fear  eolais  air  a  dh' 
innis  da  mar  bha.  A  cheud  shealladh  a  fhuair  mi 
dheth  thuig  mi  mar  thachair  ;  dh'  fhalbh  a  shuiibh- 
earachd,  's  bha  ghnùis  fo  smal.  Dh'  innis  e  dhomh 
gu'n  cual  e  sgeul  m'  am  thimchioil  a  chuir  doilgheas 
agus  briste  cridhe  air;  nam  bithinn  air  leige  m'  inn- 
tinn  ris,  gun  a  bheag  a  chleth,  nach  robh  fhios  aige 
ciod  a  dh'fhaòdadh  tachairt;  ach  ciaairbith  cogoirt 
a  nis  sa  bha  chridhe,  nach  dùraigeadh  e  tuille  com- 
uinn  a  bhi  aige  ri  aon  a  thug  oirp  air  a  ghlacadh  le 
foill.  Cha  robh  e  m'  chomas  cur  an  aghaidh  na 
thuirt  e.  Thrèig  e  mi  's  cha  b'  urrainn  domh  coire 
chur  air:  Ach  chuir  so  mise  gu  dubhachas,  a 
tharruing  mo  cholainn  gu  euslainte  agus  m'  inntinn 
gu  liunn-dubh  agus  bròn.  Dh'  fhaillnich  mo 
shlainte,  air  chor  's  gum  b'  eiginn  dornh  mo  dheagh 
sheirbhis  fhàgail,  agus  tille  dhachaidh  gu  h-airtneul- 
ach  trom  do'n  dùlhaich.  Fhuair  mi  mo  shean 
phàrandan  beo,  ach  air  fàs  gu  lag  anfhann;  ghabh 
iad  rium  le  caomhalachd  agus  carthannachd;  ach 
bha  mise  car  bliadhna  no  dha  a'  seargadh  as,  a  dh' 
aindeoin  gach  caoimhneas  a  ghnàthaich  iad.  An 
fhad  so  fhathast  'se  masladh  an  t-saoghail  agus  am 
bristeadh  a  thug  mi  air  m'  fhortan  is  mò  a  bha  cur 
orm.  Bha  mi  gun  amharus  fo  gheur-agartas  coguis, 
cha  robh  aon  ghath  sòlais  a'  dealradh  air  mo  chridhe, 
agus  cha  robh  aon  steigh  dòchais  agam  air  an  socraich- 
inn  m'  inntinn  thruagh  arson  an  t-sìth  agus  maithean- 
as  peacaidh  a  bha  co  mòr  a  dhi  orm.  Ach  bha  Dia 
tròcaireach,  agus  chunnaic  e  mo  staid.  Sheol  e  mi 
far  an  cuala  mi  focal  na  slainte,  far  an  do  sparradh 


279 

orm  creldsinn  ann  an  Criosd  a  dh'  fhaighinn  maith- 
eanas  peacaidh,  a  chaidh  a  cheannach  gu  daor,  ach 
a  bha  nis  gu  saor  ann  am  thairgse.  Thuig  nii  gun 
robh  gràdh  neo-chriochnach  ann  an  Criosd;  chaidh 
mo  thoirt  gu  bun  a  chroinn  a  cheusaidh;  thug  an 
Spiorad  Naomh  comas  domh  amharc  air-san  a  lot  mi 
le  m'  pheacaibh ;  agus  's  ann  an  sin  a  rinn  mi  bròn, 
'nuair  a  leagh  a  ghràdh  fein  mo  chridhe,  's  a  thainig 
aìtibh  chum  aithreachais  air  m'  anam,  'S  ann  an 
sin  a  mhothaich  mi  gun  robh  mo  bheatha  gu  leir 
peacach.  Chunnaic  mi  mo  mhearachd  gu  soiUeir, 
ann  an  cuir  suas  eagal  dhaoine  peacach  mar  mi  fein, 
an  àite  eagal  an  Ti  naomh  sin,  leis  an  gràineil  gach 
lochd  agus  truaill'eachd;  agus  mo  ghòruich  ann  an 
oirpeachadh  sith  agus  sonas  a  ghlacadh  o  nithibh 
siubhlach,  carach  na  beatha  so,  'nuair  bha  mi  guii 
mhothachadh  air  mo  pheacadh,  na  gun  iompachadh 
chum  Dhe.  Roimhe  so  cha  robh  smaointeach  agam 
ach  air  an  aon  pheacadh,  agus  am  masladh  san  truaigh 
bha  na  lorgj  ach  a  nis  fhuair  mi  mothachadh  spior- 
adail  air  mo  pheacaidh  dhìomhair,  air  m'  ana-creid- 
imh,  mo  mhi-thaingea!achd  do  m'  Shlanuighear,  an 
tàir  a  rinn  mi  air  a  spiorad  le  dearmad  air  a  chO)mh- 
nadh  asluchadh;  air  a  shon  so  uile  bha  mi  air  m'  ir- 
isleachadh,  agus  fhuair  mi  gràs  gu  dlùthacha  ris  le 
creidimh  seasmhach,  slainteil  a  dh'  aisig  dhomhsa 
sìth  nach  comasach  aon  chuid  do'n  t-saoghal  a 
bhuileacbadh  no  thoirt  air  falbh. 

B'fhearrgun  tuigeadh  iadsan  nach  do  thuit  fhath- 
ast  mar  rinn  mise,  an  sonas  a  tha  iad  a'  sealbhach- 
adh,  agus  gu'n  creideadh  iad  uamsa  gach  tàir,  tàm- 
ailte,  agus  beum  a  tha  tighinn  an  lorg  a  pheacaidh 
so;  tha  iad  a'  cali  am  meas  aig  a  bhail  agus  uaithe; 
a'  fulang  dimeas  an  cairdean,  agartas  an  coguis,  agus 
amharc  sios  an  t-sluaigh.  Gad  is  mòr  a  dh'fhuiling 
mise,  'se  mo  chulaidh-bhròin  an  àireamh  lionmhor  a 
tha  anns  gach  dùthaich  a  ihuit  sa  chionta  cheudna, 
ach  nach  d'thug  riamh  fainear  ann  an  seadh  ceart 
Aa  2 


28a 

gralneileachd  a  pheacaidh  ann  an  sealladh  Dhe. 
Faodaidh  iad  so  miann  an  cridhe  fhaotainn,  agus  a 
bhi  gu  socair  aig  deagh  f  hear  pòsda,  ach  ga  b'e  co 
caoimhneil  'sa  bhitheas  e,  thig  air  uairibh  nithe 
eatorra  chum  an  sgainnil  so  a  thilge  suas  doibh ;  agus 
cha  bhi  gu  là  bhràth  an  t-aon  mheas  oirre  's  a  bhios 
air  boirionnach  a  ghleidh  a  teisteas  agus  a  deagh 
chiiu. 

'Se  mo  ghuidhe  dùrachdach  gu'n  gabhadh  gach 
aon  a  chluinneas  mo  sgeul  rabhadh  o  m' f  hulangais, 
agus  mar  is  miannach  ieo  beatha  shona,  agus  bith- 
bhuantachd  shòlasach  a  mhealtuinn,  gun  cuimhnich- 
eadh  iad  an  Cruithi'ear  an  làithibh  an  òige,  agus 
gun  seachainn  iad  ani  peacadh  sin  a  dh'fhàg  mo 
bheathasa  searbh,  agus  a  choisinn  domii  a  choilion 
osna  agus  deoir. 


118.   Co-fhurtachd  ann  an  Criosd. 

Do  neach  fo  smuairean,  le  Dia  bbi'n  gruaim  ris, 

'Sa  lochdan  uabharr  ga  chuairteach  dlù; 

Gun  fhios  nach  àite  dha  ifrinn  chràiteach, 

Man  tig  am  maireach,  'sam  bàs  'na  shùii. 

Do  neach  a  dh'  fhoghlum  o'n  Spiorad  Naomha, 

Gur  sonas  baoth  bheir  an  saogh'i  so  uaitli  ; 

Nacii'eil  ann  ach  sgàil  dheth  san  àm  tha  làihair, 

'S  gum  bac  am  bàs  e  nach  fàs  e  buan. 

B'e  sgeul  an  àigli  e  air  beath'  is  slainte, 

O  losa  bhàsaicli  'na  ghràdh  do  dhaoin: 

'Si  fhuil  an  t-slaint  anns  a  bheil  an  tàbhachd. 

'Nuair  theid  a  càramh  gu  bàigheil  caoin, 

Ri  cridhe  leòinte,  gun  ghean  gun  sòlas, 

Ach  doilich,  brònach,  gun  seol  air  sith; 


281 

Le  Spiorad  uasal  nam  fearta  buadhar, 

'Nuair  thig  e  nuas  air  le  gluasad  mìn. 

A  Dhe  na  sìothchainnt,  craobh-sgaoil  an  fhirinn, 

'Measg  slòigh  nan  tìrean,  's  nan  innsean  cian; 

Mar  dhaoin  air  chall,  ann  an  ceo  nam  beann  iad, 

An  oidhche  teann  orr*,  iad  fann  gun  bhiadh. 

Thoir  solas  gle  ghlan,  thoir  rathad  rè  dhoibb, 

Is  cridhe  gleusd  a  thoirt  gèiU  do'n  Uan; 

Thoir  sgeul   do   shlainte,    thoir   fios    do   ghràidh 

dhoibh; 
Cur  feart  do  ghràsan  'nan  dàll  le  buaidh. 


119.  Mubhmidh  Chriosd. 


'Nuair  bhuidhinn  mo  Righ  a  bhuaidh, 
'Sa  thug  e  suas  mar  iobairt  fhuii ; 
Chriothnaich  an  talamh  fo  blionn, 
'S  air  a  ghrèin  bu  trom  an  smal. 
Dh'  èirich  na  mairbh  as  an  uaigh, 
Sgoilt  an  teampull  le  fuaim  ghrad  ; 
Crith-thalmhuinn,  's  dealanach  gheur, 
Chaill  na  speuran  fein  an  dreach. 
Bu  bheag  an  t-ìoghnadh  uabhas  borb, 
Thighinn  le  stoirm  air  feadh  an  t-sluaigh ; 
'Nuair  a  dh'  àicheadh  iad  aon  Mhac  Dhe; 
'S  ann  a  cheus  iad  e  gu  h-uaigh. 
B'  èibhinn  èisteachd  guth  nan  naomh, 
A'  sèinn  ciùil  air  teuda  deich  ; 
Ag  altuchadh  a  bheatha  fòs, 
'Sa  toirt  gloir  d'a  threòir,  's  d'a  neart; 
A  thug  buaidh  air  uaigh,  's  air  bàs, 
A  sgrios  a  naimhdean  as  a  chùirt, 
A  a  3 


282 

A'  cur  oifigean  fein  an  gniomh, 

'S  ag  uUachadh  na  rioghachd  dhuinn. 

Gloir  do'n  Athair,  's  gloir  do'n  Mhac, 

Is  gloir  do'n  Spiorad  neartmhor  naomh 

Na  trì  pearsa,  's  an  aon  Dia, 

Sud  e'n  Triath  sa'  bheil  mo  dhùil, 


120.  Mcìn  dòigh  san  do  chaochail  larla  Earraghael  a 
chuireadh  gu  bàs  anns  a  hhliadhna  1685  air  an  treas- 
là-deug  de  Mhios  meadhoin  an  t-Samhruidh. 


Cha'n'eil  fhios  gun  do  thaisbeanadh  riamh  am 
barrachd  suidheachadh,  agus  moralachd  inntinn  na 
nochda  leis  an  duine  mhòr  so  an  àm  dha  dol  gu  bàs. 
Ma'n  d'f  hàg  e  Caisteil  Dhuneidin  air  an  ià  an  do 
chuireadh  gu  bàs  e,  ghabh  e  dhinneir  aig  uair 
ghnàthaichte,  le  buidheann  d'a  luchd-eolais,  co  neo- 
smuaireanach  's  a  b'àbhaist  da.  A  rèir  a  ghnà 
chaidh  e  luidhe,  agus  choidil  e  gu  soisneach  mu 
thimchioU  leth-uair.  Am  feadh  a  bha  e  na  luidhe, 
thainig  aon  de'n  Chomhairle  aig  an  robh  toii  guth 
fhaotainn  de'n  larla,  ris  an  dubhradh,  nach  faodadh 
e  fhaicinn  a  chionn  gun  robh  e  na  luidhe,  agus  gun 
d'àithn  e  gun  dragh  a  chuir  air.  Smaointich  an 
duine  nach  robh  'n  so  ach  leith-sgeul,  agus  thuirt  e 
le  tinneanas  gum  b'eiginn  da  fhaicinn.  Dh'f  hosgail 
iad  dorus  an  t-seomair,  agus  chunnaic  e  an  t-Iarla 
na  chodal  co  ciùin  shàmhach  's  a  chunnaic  e  aon 
duine  riamh,  gad  a  bha  e  dol  gu  bàs  an  ceann  beag- 
an  uairean.  Air  dha  bhi  air  a  ghlacadh  Je  uabhas 
le  ghnàthacha  fein,  agus  achuid  eile  de'n  chomhairl'. 


283 

a  dhit  an  t-Iarla  gu  bàs,  ruidh  e  mach  as  a  Chais- 
teal,  gu  tigh  caraid  a  bha  dlù  dha,  agus  thilg  e  e 
i'ein,  ann  an  cruaidh-ghleachd  eagallach  anama,  na 
shìneadh  air  leabuidh.  Thug  a  charaid  gloin  fhìona 
d'a  ionnsuidh,  a'  smaointeacha  gun  d'thainig  laigsinn 
air  le  tinneas.  Dhiult  e  i,  ag  ràdh,  Uam  e,  Uam  e, 
Cha  dean  sin  bonn  stà  dhomh ;  chunnaic  mi  air  a 
cheart  àm  so  an  t-Iarl'  aodhrach,  ann  an  trom 
shuain,  a  tha  mar  uair  no  dha  do  shiorruidheachd. 
Acli  air  mo  shonsa — dh'fhartluich  air  tuille  ràdh. 
Beagan  an  diaigh  so  dh'f  hàg  an  t-Iarla  'n  Caisteal, 
agua  chaidh  e  sios  do  thigh  a  Mhòid  far  am  bu  ghnà 
do  luchd  na  Comhairle  cruinneachadh ;  agus  uaithe 
sin  chum  an  àite  san  robh  e  ri  fulang.  'Nuair  a 
dhìrich  e  suas  air,  bha  beagan  cainnt  eadar  e  fein 
agus  dà  Mhinisteir  a  bha  fritheala  dha.  Rinn  iad 
le  chèile  urnuigh  air  a  shon,  agus  cho'-aontaich  e 
fein  le  mòr  dhùrachd  le'n  guidhe.  Rinn  e  fein  an 
sin  ùrnuigh.  Na  chainnt  do'n  cho'-chruinneachaidh 
shluaigh  a  bha  làthair,  thuirt  e  nach  bu  chòir  dhuinn 
tàir  a  dheanamh  air  ar  deuchainnibh,  na  fannachadh 
todhpa  'nuair  a  thigeadh  iad.  Agus  nach  bu  chòir 
dhuinn  labhairt  gu  garg  an  aghaidh  luchd  ar  dian- 
ruagaidh,  no  le  sodul  cealgach  oilbheum  a  thoirt 
d'ar  coguis  fein.  Chuir  e  suas  urnuigh  as  leth 
Albuinn  agus  Eirinn,  a'g  guidhe  grad  chrioch  a 
thighinn  air  an  àmhghar  a  bha  iad  a'  fulang.  Le  so 
chuireadh  e  crioch  air  na  bha  e  dol  a  ràdh ;  ach 
chuireadh  na  chuimhne,  nach  d'thug  e  iomradh  air 
an  teaghlach  Rioghail;  thuirt  e  gun  do  labhair  e 
uime  sin  an  hì  a  chaidh  a  dh'fheuchainn;  's  nach 
robh  nis  aig  ach  a  ràdh,  gum  b'e  dùrachd  anama 
gun  seasadh  iad  ris  a  chreidimh  Ath-leasaichte.  Na 
dhiaigh  sin  thionndaidh  e  riusan  a  bha  ma'n  cuairt 
da,  agus  thuirt  e,  "  Tha  dòchas  agam  nach  toir  sibh 
barail  mhearachdach  air  mo  ghiulan  an  diugh;  mar 
tha  fiuthair  agam  fhìn  ri  maitheanas,  tha  mi  gu  saor 
a'  toirt  maitheanais  seachad."     An  sin  ghlaodh  aon 


284. 

de  na  ministlrean  le  guth  àrd,  "  Tha  'm  flath  treun 
so  a'  dol  gu  bàs  sa  Chreidimh  ath-leasaichte ;"  Cha 
robh  ni  's  leoir  leis  an  larla  an  sin,  ach  ghlaodh  e  fein 
a  mach  "  nach  e  mhàin  gun  robh  e  deanamh  sin,  ach 
gun  robh  mòr  fhuath  aige  air  Pàpanachd,  air  an 
Eagluis-Shasunnaich,  agus  air  gach  gne  shaobh- 
chrabhadh,  Ghabh  e'n  sin  a  chead  d'a  chairdibh, 
agus  thug  e  càileiginn  de  chuimhneachan  bàis  ga 
chliamhuinn,  am  Mor-ear  Maitland,  a  gheibheadh 
a  nighean  agus  a  clann.  An  dèigh  dha  urnuigh 
ghearr  a  chur  suas,  thug  e  'n  sanus  air  an  do  shoc- 
raich  iad  seachad  do'n  fhear  aig  an  robh  'n  tuadh-mhii- 
lidh  na  laimh,  agus  le  aon  bhuille  bhuin  e  'n  ceann 
deth.  B'  amhuiì  so  crioch  dheireannach  an  duin' 
ainmeil  so.  Gun  robh  an  suidheacha  sonadh  ceud- 
na  aig  inntinn  gach  aon  a  chàirear  ann  an  aon  linn 
na  dùthaich,  gu  fulang  le  geur-Ieanmhuinn  ann  an 
cor  co  uabhasach  agus  co  glormhor  ! 


121.   Cumha  ddn  larla  cheudrui. 


Tha  sgeul  agam  dhuibh  ra  innse, 

'S  cha  chùis  ghaire, 
Gu'n  d'  chuireadh  ceann  taice  na'n  Gàidheal, 

An  staid  iosail. 


Co  chumas  còir  ris  an  anfhann, 
'S  e  na  chruadhaig, 

No  chumas  casg  air  gach  anag-na, 
Tha  teachd  nuadh  oirn. 


285 

Co  chumas  còir  ris  an  Eaglais, 

Dh'fhàs  i  dorcha, 
No  chumas  a  suas  luchd-teagaisg, 

Ris  na  borbaibh. 

Co  chumas  an  creideamh  cathara, 

Suas  gu  treorach, 
'S  nach  d'fhuair  Giileuspaig  ceud  èisteachd, 

An  taic  còrach. 


Co  chumas  taigheadas  greadhnach, 

Gu  buan  faoilidh, 
'S  nach  taghail  an  t-Iarla  Duibhneach, 

'S  an  dùn-aorach. 

Roghain  na'n  Albanach  uile, 

De'n  àrd  fhine, 
A  dhaoine  na'm  biodh  spèis  do  dhuine, 

Bu  bheud  a  mhiUeadh. 

larla  duais-mhor  Earraghaidheal, 

Garg  an  Leoghan, 
Ba  mhòr  an  cridhe  dh'fhearaibh  Albann, 

Fhuil  a  dhòrtadh. 

Dhaoine  ge  do  fhuair  sibh  àite, 

Os  ceann  Cùirte, 
'S  olc  a  chuir  sibh  gliocas  Alba, 

Gu  sùrd  mhillte. 

Ge  do  strachd  sibh  còir  gun  cheartas, 
'N  taichd  bhur  mio~rùin, 

Theaga  gun  tig  là  nach  fhasadh, 
Dhuibh  da  dhìoladh. 


286 


122.  3Iu  Imrich  nan  Eun. 


•*  Seadh,  is  aithne  do'n  chorra-bhàin  anns  an  athar 
a  h-àm  fein,  agus  is  aithne  do'n  choluman,  agus  do'n 
chorra-mhonaidh,  agus  do'n  ghobhlan-ghaoithe  àm 
an  teachd ;"  leremiali. 

Cha'n'eil  e  comasach  smaoineachadh  air  an  tuigse 
nàduir  a  bhuihch  Dia  air  na  h-eunlaith,  gun  bhi  air 
ar  Uonadh  le  iongantas,  agus  de  gach  tuigse  iha  aca, 
cha'n'eil  ni  is  aithrigh  air  beachd,  na  mar  theid  cuid 
diubh  o  thìr  gu  tìr  air  àmaibh  sonraichte.  Gad  a 
tha  iomaduidh  seòrs'  againn  san  t-sàmhruidh  cha 
mhòr  a  dh'  fhuirgheas  againn  fad  a  gheamhruidh. 
Cha  luaithe  a  thòisicheas  am  fuachd  ri  teachd  na 
dh'fhalbhas  a  Chuag,  an  Gòlan-gaoithe,  an  Liath- 
truisg,  a  Chorra-riathach,  agus  iomad  seòrs'  eile. 
Itealaichidh  iad  air  falbh  do  dhùthchaibh  ìs  fearr  a 
f  hreagras  doibh ;  agus  anns  an  am  cheudna  thig  eoin 
eile  oirn  o  rioghachdan  is  faide  mu  thuath  n'an  dùth- 
aich  againne. 

Tha  da  ni  ro-chomharaichte  san  imrich  so.  'Se 
cheud  ni  gun  tuigeadh  na  creutairean  sin  an  t-àm  is 
freagaraiche  dhoibh  gu  falbh  agus  gu  tighinn ;  agus 
'se  'n  ni  eile,  Gum  biodh  fhios  aca  c'àite  'm  bu  chòir 
dhoibh  dol,  agus  ciod  an  t-siighe  bu  chòir  dhoibh  a 
ghabhail.  Tha  e  air  a  thuigsinn  gu  bheil  aig  eoin 
na  h-imrich  so  sgiathan,  agus  cumadh  a  tha  gu  h- 
àraidh  freagarach  arson  dol  air  asdar  fada.  Agus 
tha  e  ro-shonraichte  gu  bheil  iad  air  na  h-àmaibh  so 
a'  ieige  ris  gliocas  agus  riaghailt  a  tha  cur  mòr  ìogh- 
nadh  oirn.  Mhothaicheadh  ann  an  cuid  de  Dhùth- 
chaibh  gu'n  cruinnich  iad  nan  sgaoithibh  lionmhor, 
as  gach  cearnaidh  de'n  tìr,  ann  an  àiteachaibh  fa 
leth  a  rèir  an  gne,  beagan  ùine  ma'n  gabh  iad  an 
turus,  mar  gum  biodh  iad  a'  deanamh  suas  ri  cheile 
ma'n  àite  chum  an  robh  iad  a'  dol  j   agus  falbhaidh 


287 

iaH  an  sin  le  aon  fheachd,  agus  gun  stliùir  gun 
chòmbaist  san  oidhche  dhall  dhorch,  ihairis  air 
chuantaibh,  agus  rioghachdaibh,  do  na  dùchaibh  is 
iomallaiche.  Tha  turus  na'n  Giadh  agus  nan  Tun- 
naga  fiadhaich,  aithrigh  air  beachd  sonruichte. 
Falbhaidh  iad  nan  dà  shreith  a'  coinneachadh  air  an 
toiseach,  mar  gum  biodh  geinn  ann.  Tha'n  t-aon  is 
toisiche  a 'gearradh  an  àile  do  chàch;  's  an  uair  a 
bhios  esan  agus  an  dithis  a  tha  na  dhiaigh  sgìih,  theid 
iad  a  chum  an  deiridh,  agus  gabhaidh  triùir  eile  an 
àite.  Tha  e  air  a  mheas  gu  bheii  cuid  diubh  so  a 
ni  dà  cheud  mìle  an  aon  là,  's  gun  a  bhi  air  iteig 
ach  sèa  uairean. 

Anns  an  imrich  so  tha  maitheas  agus  freasdal  De 
ro-shoiUeir.  Nach  furasd  f  haicinn  a  chaomh  thròc- 
air  dhoibh  ann  an  solar  iòin,  air  an  son  agus  gan 
sdiùradh  far  a  bheil  so  ri  fhaotainn,  'nuair  tha  e  faill- 
neachadh  orra  an  àite  eile.  Tuigeamaid  uaithe  so 
gu  bheil  gach  ni  ann  an  rioghachd  an  Uile'chumh- 
achdaich  air  a  shocrachadh  le  gliocas  neo-mhear- 
achdach,  agus  maitheas  neo-chriochnach.  Tha'n  t- 
eun  is  faoine  san  eaituinn  fo  chùram  Dhe.  Smaoin- 
ticheamaid  air  a  so,  agus  gabhamaid  nàire  arson  ar 
n-an-earbsa,  ar  teagamh,  agus  ar  n-iomaguin.  Eas- 
an  a  tha  seoladh  a  mach  slighe  do  na  h-eoin,  nach 
mòr  is  mò  na  sin  a  ni  e  dhuitse,  O!  dhuine,  air 
bheaof  Creidimh  ? 


123.  Mu  philleadh  an  t-Sàmhruidh. 

BiTHi'  greann  dubh  air  cuid  mhòr  do'n  Roinn-eorp, 

O  lagaich  sgiamh  òrdha  do  theas, 

Do  shòlus  bu  shòlas  ro  mhòr, 

Air  iradharc  air  lòchrann  geal  deas; 


288 

Ach  'nuair  thig  e  go  geinmni  a  ris, 
S  a  lainnir  's  gach  rioghachd  gu'n  cuir, 
'S  buidhe  soilsein  na'n  coirein  's  na  meall, 
*S  riochdail  fiamh  na'n  òr  mheall  air  a  mhuir. 
'S  theid  gach  sàlmadoir  ball-mhaiseach  ùr, 
Ancrannaig  chubhrai  chraobh-dhlù-dhuilleach  chas, 
Le'n  seol  fein  a  sheinn  laoidh  's  a  thoirt  cliu, 
Chionn  an  sàmhradh  a  philleadh  air  ais: 
Gu'm  bi  coisir  air  leith  anns  gach  gèig, 
An  stacaibh  èibhinn  air  reidh-shlios  na'n  slat, 
A  toirt  lag  iobairt  le'n  ceilir'  d'  an  triath, 
Air  chaol  chorraibh  an  sgiath  anns  gach  glaic. 
Cha  bhi  creatair  fo  chupan  nan  spèir, 
'N  sin  nach  tiunntaidh  ri  speurad  's  rì  'n  dreach, 
'S  gu'n  toir  Phèbus  le  buaghan  a  bhlàis, 
Anam-fàs  doibh  is  càileachdaìn  ceart; 
'S  ni  iad  aiseiridh  choitcheann  o  'n  uaigh, 
Far  na  mhiotach  am  fuachd  iad  a  steach, 
'S  deir  iad  (le  ceileiribh  binn, 
Dh'  f  halbh  an  geamhradh  's  tha  'n  sàmhradh  aìr 
teachd.) 


124.  lain  Gilpin. 

Iain  Gilpin  bha  'na  bhùirdeasach, 

Bu  mhòr  a  chliu  'sa  ni ; 
Gun  robh  e  uair  na  cheannard-ceud, 

Am  baile  mòr  an  righ. 


Thuirt  bean  lain  Gilpin  là  ri  gràdh, 
M'  aighear  thu  's  mo  chiall, 


289 

Ged  tha  sinn  fìchead  bliadhna  pòsd, 
Cha  do  ghabh  sinn  là  feill. 

'Se  raàireach  ià  co'-ainm  ar  bainns' 
Theid  sinn  gu  sùgradh  mach, 

Sios  gus  an  ruig  sinn  Edmonton, 
'An  carbad  an  dà  eich. 


Mo  phiuthar  is  a  leanamh  mic, 
Mi  fhìn  's  mo  thriuir  le  chèil, 

'Sa  charbad  theid,  is  leanuidh  tus 
A'  marcachd  as  ar  dèigh. 

A  bhean  mo  ghaoil,  gun  fhreagair  e, 
Dhuit  fein  gun  d'thug  mi  gràdh, 

Os  cionn  gach  te  a  ta  fo'n  ghrèin, 
Is  gheibh  thu  mar  is  àiU. 

Tha  mis  am  mharsonda  gu  beachd, 
Mar  is  aithne  do  gach  neach ; 

'S  mo  charaid  math  Tom  Callander 
Bheir  iasad  dhomh  d'a  each. 


Piseach  ort,  ars  is\  a  ghràidh, 

Is  o'n  tha'm  fion  co  daor, 
Gun  d'thoir  mi  leam  mo  shearrag  fein, 

0  tha  e  math,  a's  saor. 

Thug  lain  sgailce  pòìge  dh'  i 
Mar  b'  àbhuist  leis  gu  tric; 
Oir  bha  e  subhach  toilichte, 

1  bhi  co  crionna  ghlic. 

Thainig  an  carbad  'nuas  gu  moch, 
'Sa  mhaduinn  mar  a  gheall; 
Cc 


290 

'S  air  falbh  na  dheann-riuth  ghabh  e  leo, 
Roi  eabar,  is  roi  phoU. 

Bu  shiubhlach  luath  na  cuibhleachan, 
'Sa  chuip  mu  chluas  nan  each, 

Le  gleadhraich  shaoileadh  tu  gun  robh, 
An  causair  as  a  bheachd. 

Sheas  lain  Gilpin  taobh  an  eich, 

Is  ghlac  e  mhuing  gu  deas; 
Ach  's  gann  a  fhuair  e  suas  gu  h-àrd, 

'Nuair  b'  eiginn  teachd  air  ais. 

Cha  luaithe  ràin'  e'n  diollaid  shuas, 

Le  thulchainn  air  an  each, 
Na  chunnaic  e  triùir  cheannaichean, 

D'a  bhùth  a'  dol  a  steach. 

Theirinn  e  's  cha  b'ann  ga  dheoin, 

Oir  bha  e  dian  gu  falbh  ; 
Ach  cha  dùraigeadh  e  le  sannt 

An  sgillinn  ruadh  a  chall. 

Bu  nihàidheanach  na  ceannaichean, 
Bha  treis  m'an  robh  iad  rèidh, 

'N  9Ìn  Beati  ghlaodh  i  mach  gu  h-àrd 
Dh'  fhàgadh  am  fìon  'n  ar  deigh. 

A  nall  e,  ars'  lain,  's  math  an  t-àm, 
Thoir  dhomh  a  nuas  mo  chrios, 

Crios  leathrich  mo  chlaidheamb  ghèir, 
'Nuair  bha  mi  m'  shaighdeir  deas 

Bha  aig  a  mhnaoi,  bean  mo  ghaoil ! 

Da  shearrag,  laidir  ghlas, 
'S  am  b'àbhuist  di  an  deoch  a  b'  fhearr 

A  chumail  teann  fo  ghlais. 


291 

Bha  aig  gach  searrag  dhiu  fa  leth, 
Da  chluais  tre'n  deach  an  crios; 

Chroch  e  iad  mar  sin  ri  thaobh, 
Fear  dhiu  air  gacli  leis. 

Na  dhiaigh  sin  a  chum  's  biodh 

E  sgeadaichte  le  sgoinn, 
A  chleoca  maiseach  sgarlaid  ghabh, 

Is  thilg  e  air  a  dhruim. 

Faic  e  nis  na  dhiollaid  shuas, 
Air  muin  an  steud-eich  dhuinn, 

Ag  imeachd  air  a  chausair  chruaidh 
Gu  socrach,  is  gu  ciùin. 

Ach  'nualr  a  fhuair  e'n  t-slighe  rèidh 
Fo  bhrogaibh  cruidheach  cruaidh, 

Le  sitrich  dh'  fhalbh  gu  trotan  garbh 
A  rùisg  màsan  lain  thruaigh. 

Gu  rèidh,  ars  laÌTti  deas  dè  eich  dhuinn 

Ach  labhair  e  gun  fheum, 
O  throtan  chaidh  gu  dian-ruith  luath, 

Gun  suim  do  mhuiseal  srèin. 

Chrom  e  sios  mar  dh'  imearas  iad 

Nach  urrainn  suidh  suas; 
Ghlac  e  muing  an  eich  gu  teann, 

'Se  dol  a  nis  na  kias. 

Air  falbh  chaidh  lain  na  shrada  dearg, 
Air  falbh  chaidh  'n  ad  's  a  ghruag  ; 

Is  beag  a  shaoil  an  duine  còir 
A  dhol  air  leithid  de  ruaig. 

An  t-each  a  mhothaich  air  a  dhruim, 
Uallach  co  deacair  ùr, 
Cc  2 


292 

Theich  e  le  ojeilt,  's  mar  theich  e  dh'fhàg 
E'n  saoghal  air  a  chùl. 

Chaidh  coin  gu  tathunn,  's  clann  gu  scriach 

Bha  cinn  a  mach  nan  ceud, 
Is  ghlaodh  gach  aon  a  chladhaire, 

Is  tu  fein  an  giUe  steud. 

Air  falbh  chaidh  lain,  cò  ach  e  ? 

Na  mìltean  air  a  thòir, 
"  Is  reis  tha'n  so!  's  cha  lugha  'n  geall, — 

Na  niìle  bonn  de  'n  òr." 

'S  a  nis  'nuair  dhluthaich  e  gu  dian, 

Air  luchd  na  cìse  cruaidh, 
An  tiota  thilg  iad  fosgailte 

A  chachaileadh  gu  luath, 

'Nuair  chrom  e  sios  os  ceann  an  eich 

Le  cheann  na  smùidibh  teith, 
Bhuail  an  dà  shearraig  air  a  chùl, 

Is  spealg  nam  mìle  bloidh. 

Bu  mhuladach  an  sealladh  so, 

Am  fion  dearg  mar  dhòirt, 
Thuo  smùid  a  cliathaich  an  eich  dhuinn, 

Mar  cheithreamh  muilt-fheoil  ròist. 

Gidheadh  bha  e  mar  mharcaiche, 

A  ruidh  na  reis  le  cbrios, 
Is  amhach  an  da  shearraig  ghlais, 

Ag  udal  air  a  leis. 

Mar  so  roi  bhaile  Islington, 

Faic  e  le  mire  triall, 
Is  fòs  a  suas  roi  Edmonton, 

'Sa  stìgh  feadh  lub  nan  giadh. 


293 

'S  ann  an  sin  bha  phlubardaich, 

'S  an  t-each  a'  diulta  smachd, 
Mar  sgaoth  de  gheòidh  no  thunnagan 

Gan  lubradh  fein  le  tlachd. 

Aig  uinneig  ann  an  Edmonton, 

Gun  sheas  a  bhean  a  suas, 
Is  chunnaic  i  dol  seachad  e 

Le  iongantas  r'a  luaths'. 

"  Stad,  stad,  lain  Ghilpin,  so  an  tigh  ! 

Gun  d'  ghlaodh  iad  uile  ris, 
Tha'n  dinneir  rèidh,  's  tha  sinne  sgith," 

Cha  lùgh,  ars  lain,  tha  mis  ! 

Ach  's  beag  an  t-suim  a  ghabh  an  t-each, 

Do  ghlaodh  nam  ban  gu  leir, 
Bha  prasach  rahalh  a  mhaighstir 

Deich  mil'  air  falbh  aig  Ware. 

Mar  shaighead  luath  o  lamh  an  treoir 

O'n  iughar  righinn  chrom, 
Gun  theich  an  t-each,  'sa  so  ga  m'  thoirt 

Gu  darna  leth  mo  dhuain. 

Air  falbh  chaidh  lain  le  sèideadh  àrd 
'S  gu  dearbh  cha  b'  ann  ga  dheoin, 

'S  aig  dorus  tighe  Thom  Callander, 
Gun  sheas  an  t-each  fa'dheoidh. 

'Nuair  chunnaic  esan  e  mar  so, 

A'  teachd  gun  ad  no  gruag, 
Thilg  e  phiob  thombac  air  falbh, 

Is  ruidh  e  mach  gu  luath. 

"  Do  sgeul,  do  sgeul  I — thoir  domh  do  sgeul' 
Do  naigheachd  innis  domh, 
Cc  3 


294 

C'arson  a  tha  thu  ceann«ruisgte? 
C'arson  a  tha  thu'n  so  ?" 

Bha  lain  làn  de  f  heala-dhà, 

De  shùgradh  beag,  's  do  chleas, 

'S  mar  so  ri  Tom  Callander, 
Gun  fhreagair  e  gu  deas. 

"  Tha  mis  an  so,  oir  thigeadh  t-each, 
'S  mar  'eil  mi'm  fhàidhe  brèig, 

Bi'dh  m'  ad  's  mo  ghruag'an  so  gun  dàil; 
Oir  tha  iad  as  mo  dhèigh." 

Bha  sòlas  air  Tom  Callander, 

A  charaid  bhi  co  ait, 
'S  cha  dubhairt  e  tuiile  ris  san  àm, 

Ach  thill  e  stigh  gu  grad. 

Is  amach  gun  dthug  e  ad  is  gruag, 
Gruag  mhòr  nan  dualan  cruinn, 

Is  ad  is  gann  a  chuir  e  riamh 
Seachd  uairean  air  a  cheann. 

Chuni  e  suasiad  is  thuirt  e 

Le  fealla-dhà  na  chainnt, 
Is  mò  mo  cheann  da  uair  na  d'  cheanns 

Is  theid  iad  ort  gun  taing. 

Leig  dhomh  an  t-eabar  sin  sam  poU 

A  ghlanadh  bhàr  do  ghnùis; 
Fuirich  ri  biadh,   oir  's  cinnteach  mi 

Gu  bheil  thu  cali  do  lùis. 


'Se  so,  ars'  lain,  co'-Ià  mo  bhainns* 

'S  bu  sgeigeil  e  ri  ràdh 
Gun  itheadh  mo  bhean  aig  Edmonton 

Is  mis  'an  so  fo  phramh. 


295 

An  sin  labhair  lain  ris  an  each 
Tha  cabhag  orm  gii  m'  bhiadh; 

Air  t-àilleas  thainig  mis  'an  so, 
Is  theid  thus'  air  t-ais  ga  m'  riar. 

O !  Bòsd  an  tubaist  a  bha'n  so 
Mar  dh'  fhiosrach  e  gun  dài), 

Oir  asail  fhad-chluasach  bha  dlù 
Thug  raoichdil  choimheach  àrd. 

Le  srann  gun  thog  an  t-each  a  cheann, 
Ceart  mar  roi  leomhann  garg; 

'S  air  falbh  le  uile  lùs  a  rìs, 
Theich  e  na  shradaibh  dearg. 

Air  falbh  chaidh  Gilpin — is  air  falbh 
Chaidh  ad  's  a  ghruag  nan  deann ; 

An  tiota  thuit  iad  chionn  gun  i'obh, 
lad  raugha  is  mòr  da  cheann. 

'Nuair  chunnaic  bean  lain  Gilpin  e 

A  marcachd  nuas  co  bras, 
Tharraing  i'n  sporan  sìod  a  mach 

Is  bonn  leth-chruin  thug  i  as. 

'N  sin  thuirt  i  ris  a  charbadair 

'Sa  cridhe  le  iomaguin  làn, 
Gur  leatsa  so  mo  ghiUe  gleust, 

Is  thoir  air  ais  e  slan. 

Dh'  fhalbh  e  's  choinnich  iad  gun  dail, 
Is  dh'  fhiach  e  'n  t-each  a  stad, 

Ach  'se  an  oireap  so  a  chuir, 
An  rosad  air  air  fad. 


'Nuair  dh'  fhartluich  air  na  bha  na  bheachd 
A  chuir  a  nis  an  gniomh  ; 


296 

Gun  chllsg  an  t-each,  's  aìr  falbh  gun  d-theìch 
Ni  's  luaith  na  rinn  e  riamh, 

Air  falbh  chaidh  Gilpin,  isair  falbh 

An  carabadair  co  bras, 
Gun  straoilich  chiubhlichean  na  dhèigh, 

Gu  meamnach  a'  dol  as. 


Bha  seisear  uaislean,  'chunnaic  e 

A'  teicheadh  air  an  each  ; 
'S  an  gille  carbaid  air  a  thòir 

Gun  ghlaodh  iad  uile  mach, 

Mearlach,  mearlach,  glacaibh  e, 
Gun  ghlaodhiad  dh'  iarruidh  fòir; 

Is  dh'  fhalbh  iad  fein  's  na  chunnaic  e 
Nan  teann-ruith  air  a  thòir. 

'Sa  rithist  dh'  fhosgladh  dha  gu  luath 

Cachaileadh  mhòr  na  cis, 
Oir  shaoil  na  daoine,  mar  air  tùs 

Gun  robh  e  ruidh  na  rèis. 

Bha  e  mar  sin,  is  choisinn  e 
Oir  fhuair  e  buaidh  le  luas, 

Stad  cha  d'rinn  gus  'n  d-rainig  e 
An  t-àit  an  deach  e  suas. 

Nis  seinneamaid  fad  shaoghal  do'n  righ 
'S  air  Gilpin  gun  robh  àgh; 

'San  ath-uair  theid  e  mach  chur  rèis, 
Bu  mhath  leam  bhi  san  làith'r. 


FOCLAIR   GEARR, 

A  MHINICHEAS  NA  FOCAIL  IS  DEACAIRE 
SAN  LEABHAR  SO. 


Abhall-ghort,  orc/iard 
Acain,  sighiny  or  sobhing 
Achmhasanach,  reproaching 
Adhartach,  diligent 
Agair,  accuse 
Agh,  prospeì'ity 
Aiiean,  a  small  greenjield 
Airc,  want,  distress 
Aisrith,  a  mmmtain  pass 
Amaladh,  entwining 
Anabas,  Jilth  or  off-scouring 
Ana-gnà,  trouble 
Aodhrach,  off",  or  belonging 

to  Inverary 
Ascain,  reverse 

B 

Bàbisgeadh,   glancing 
Beithir  theinnteach,  forked 

lightning 
Beumadh,  striking  or  tolling 
Binnein,  top 
Bladh,  substance 
Braon,  a  drop 
Brèid,  a  kerchief 
Breitlmeacha,  meditating  or 

mvsing 
Buillsgein,  ìniddle 
Buitseachas,  witchcraft. 


Cagailte,  hearth 
Camhanaich,  daim 
Canach,         1   moiintain 
Caineachain,  \      down 
Cailleacha-dubha,  Nuns 
Caisil-chrò,  ancient  name  of 

a  coffin 
Caitein,  a  dark  ripple  on  the 

sea 
Callaid,  ?ioise:  fence,  Sfc. 
Caochan,  a  small  rivulei 
Ceileirean,  melody 
Ceudfaithean,  affections 
Clos,  rest  or  sleep 
Ciuthachadh,  clothing 
Co'ghàir,  ajointsound 
Ca'-sheirm,  harmony 
Còinneag,  a  natural  bee-hive 
Cona-ghàir,  hurry,  hubbub 
Còisrìdh-cheòimhor,    sweet 

soìigsters 
Cranntachd,    cold  or   hoar- 

frost 
Craobh-thuine,  genealogical 

tree 
Creachainn,   top  of  a  high 

rock 
Cròchd,  Ajntkr 


298 


Cròichd,  froih 
Cròilein,  a  young  family 
Crom-leachd,  a  heathen  altar 
Crùisle,  a  covered  tomb 
Curach,    a  boat  of  wicker, 

covered  ivith  hides 
Curanda,  heroie 

D 

Dadum,  something;  a  mote; 

any-thing 
Daonndachail,  humane^  af- 

fectionate 
Deargadh,  impressed 
Dearnadaireachd,    fortune- 

telling  hy  the  palm  of  the 

hand 
Dhearnadh,  made 
DiuUannach,  ayouth 
Dòineach,  mournful 
Dòirneagan,    round  small 

stones 
Dòlas,  sorrow 
Dosgainn,  loss,  accident 
Dreos,    bright  Jiatne,  Jiam- 

heait 
Drileannach,  sparkling 
Druidheachd,    necromancy, 

enchantment 
Dubh-aigean,  a  dark  gulph, 

abyss 
Dùil,  an  element 
D  ùile,  a  poor  down-cast  crea- 

ture 


Ealabhuidh,  St.  Johns  wort 
Ealanda,  artificial,  ingenious 
Ealdhain,  art  or  science 
Earr,  wane,  end 
Earradh,  apparel,  dress 


Eignidh,  precise,  correct,  dis- 

tinct 
Eilthireach,    emigrant,    pil- 

grim 
Euchdach,  brave,  magnani- 

mous 
Euladb,  moving  sloivly,  stalk- 

ing 


Fada-spuinge,  titider 
Faiche,  ajield,  lawn 
Fasgnadh,  winnowing,  clean- 

ing 
Feallsanachd,  philosophy 
Feallsair,  a  philosopher 
Fidirich,  to  experience 
Fiosachd,  sorceì-y,  occidt  sci- 

ence 
Fios-fithicb,   instinct  know- 

ledge  ofbirds 
Fòd,  art,  skill,  science 
Frith-rathad,  a  bye-patk 

G 

Gallan,  a  young  tree,  a  youth 
Gaoid,  «  blemish 
Geimni,  mild,  favourable 
Gisreagan,     superstitious 

charms 
Glaistig,  a  supematural  spirit 
Glaodhan,  murmur;  heartof 

a  iree,  Sfc. 
Gnàsair,  a  native 
Grabadh,  hinderance,  impe- 

diment 
Greadhnachas,  joy,  mirth 
Grinneal,  bottom 

I 
lall-chadha,  a  door-lcUch 


299 


largalta,  inhospitahle,  chur- 

Ush 
larraad,  a  remainder,  frag- 

ment 
lorghuill,  bustle,  trouble 


Leachd-lighe,  a  grave-stmie 
Leachduinn,  face  of  a  hill 
Leadan,   musical  notes,  hair 

ofthe  liead 
Leug,  a  gem 

Liodairt,  wounding,  maiming 
Lurach,  pretty,  beaviiful 

M 

Macantas,  meekness 
Manach,  a  Monk 
Maoim-slèibhe,  a  mountain 

torrent 
Meacann,  a  root 
Meachainn,  good-vnll 
Meachair,  beautiful 
Meadhail,  company 
Meamna,  fancy 
Measarachd,  temperance 
Meatachadh,    intimidating, 

weakening 
Meìth-chridheach,  faint- 


Miagh,  an  high  degree  ofre- 

spect 
Mìuthar,    niggardly,    low, 

mean 
Modhar,  a  heavy  melodùms 

sound 
Mòdhar,   affectionaie,   mild, 

kind 

O 

Oigheara,  a  book 


Oil-tigh,  a  Colkge 
Onfhadb,    strength,    rage, 

noise 
Othail,  bustle,  stir,  racket 


Pong,  sound 

Purp,  sense,  intelligence 

R 
Ranntachd,  extent  ofland 
Reasgach,  coarse,  sfubbom 
Riasladh,  torn  asunder 
Ribheid,  a  reed,  a  pipe 
Riochdail,    most  like,    most 
certain 


Seachdta,  withered,  decayed 
Seadhar,  signifìcant 
Sgioba,  a  crew 
Sì-bhruth,  supposed  abode  of 

fairies 
Snasmhor,  elegant 
Soire,  a  small  vessel,phial 
Speal,  a  scytlie 
Speuradair,  astronomer 
Spleadhach,  fabulous,   ver- 

bose;  gaudy,  pompous 
Steallan,  spout 
Stòlda,  sedate;  solemn 


Tàbhachd,  efficacy 
Tàibhsireachd,  second-sight 
Tailrarich,  noise 
Tannasg,  a  ghost 
Teinnteach,  belonging  tojire 
Teoraachd,  bravery,  expert- 

ness 
Teugbhail,  strife,  contention 


300 


Tireil,  inland,  sheltered 
Tìtheach,  given  to,  fond  of 
Tnù,  envi/ 
Toic,  toealth 

Toireannach,  noisy,  rapid 
Tolgach,  capricious,  umteady 
Tomad,  bidk 

Torraan,  murmuring  sound 
Torran,  thunder 
Tuairgneadh,    disturb;    dis- 
tress 


Tuineachadh,  dwelling,  rest- 

ing 
Tuireasg,  a  saw 

U 

Udlaidh,  dark,  frightful 
Ulfhairtich,  fiowling 
Urraisg,  a  supernatural  spi- 

rit,    supposed    to   inhabit 

rocks,  Sfc. 


CRIOCH. 


A.  YOUNG,   PRINTER.